[234]

RUAIS.

THAINIG an luiriste thruagh sin, Iain a’ Mhuilleir, a stigh an la-roimhe, ’s mach o nach do chuir e as mo chiall mi le a sheanachas ruaimleach gun bhun, gun bharr! An déigh dha tighn a stigh, thug e greisna sheasamh air meadhon an urlair aspleuchdadh air a bhrogan, direach mar gum biodh iongantas air iad a bhi air a chasan. Thug mise suil an rathad a bha eg amharc, ’s gu dearbh cha be mioghnadh fhein dad a bu lughanuair a thug mi fainear meud nam brog. Bha h-uile dhiu acomhdach leac den urlar; ach bha fhios agam nach bann a leigeil fhaicinn domh tomhas a choise a thainig Iain bochd thun an tighe, ’s dhiarr mi air suidhe dheanamh. Rinn e sin, ach an àita ghnothach a chur an céill, ’s ann a thoisich e air spliugails air séideadh a shroine ann an leob de neapaicinn-pòca a bha cho lachdunns ged a bhiodh e air a thumadh an sùgh cartach. “Ciod, a laochain, a tha cearr?” arsa mise, ’s mi cur mo laimh air a shlinnean. Thuirt e, ’s guileag mhuladachna mhuineal, “mo mhathair-chéile.” Dhfheith mi greis a thoirt uine dha ciuineachadh air chors gu rachadh aigair innseadh ciod an sgiorradh a thachair da mhathair-chéile; ach a reir coltais cha robh smid tuillidh dol a thighn as a bheul. Chuir mi mo lamhsabhudhailts thug mi mach soire beag anns


[235]

an robh deuran de dhuisge-beatha Cheann-locha, ’s thuirt mi ris: “so, Iain, fliuch do bheul leis a sin, ’s fheairrd thu e ann ad thrioblaid.” Rinn Iain mar a dhiarr mi, ’s tha mi meas, ged nach annga mhaoidheadh air a tha mi, gu bheil beul Iain cho farsuinn ra bhroig, leis na ghabhas e de dhuisge-beatha ga fhliuchadh. An deigh dhan deur dibhe chur thar cioch a mhuineil, rinn e gnùsd no dhàs thuirt e, “ ’S aithne dhuit mo mo mhathair-chéile, Dhòmhuill?” “ ’S aithne gu maith,” arsa mise; “boirionnach còir, ceanalta.” “Boirionnach stéidheil,” arsIain; “boirionnach air a bheil eagalbu! hu! hu-u- u!” Theabs nach rachadh aig Iain air innseadh ciod a chuir eagal air a mhathair-chéile; ach an déigh dha greis a thoirt air burralaich mar sin, thuit e mach gur e eagal an Tighearna bha toil aige radh; ni a bha ceart gu leòir.

Tha mi smaointeachadh gur e uisge-beatha Cheann-locha dhfhuasgail teangIain, ’s a thug air gabhail air aghairt a dhinnseadh dhomh cho dreachmhors a bha mhathair-chéilenuair a bha ina h-ighinn òig; nach robh cho eireachdail rithe dol a stigh air dorus eaglais Chill-a- chlamhainna latha fhein. “Ach ma thug thun aire, Dhòmhuill,” arsesan, “tha ceum beag crùbaichna coiseachd; seorsa de cheum gu leth, mar gum beadh; tubaist a dheirich dhis ina caileig bhig adol le biadh a h-athar don achadh-bhuana, ’s a thachair an tarbh buidhe aig Còirneal Seumas oirre. Theich ise le a beathas thàr abhrùid iargaltsinna déigh, ’s leis an eagals gun i ro-fhaicilleach ma ceum, thuit i ann an talamh-tolls chaidh i á alt achruachain; ’s sin agad na fhuair ise air tàillibh an tairbh bhuidhe, mac an fhir ud.


[236]

Ach cha dfhuair mi riamh a mach, ’s tha e cur iongantais orm ciod an seun a chuir Eoghan aGhlinne oirre, nighean a bha cho dreachmhor, stuama rithe, ’nuair a tharruing i suas ris. Tha fhios agad, a Dhòmhuill, gur e duinaotrom, fiadhaich a bhann an Eoghan, ’s nach e sin a ghiorraich a bheatha fhein mu dheireadh, e shuidhe air an each chuthaich sin air nach do shuidh duine riamh roimhe, ’s an t-each sin a dhfhalbh leis mar eun air ite trasd na sgire gus an drainig iad mullach Chreag-na-meann, —creag, mar a tha fhios agad a tha còrr is ceithir cheud troidh air airde, ’s direach far a bheil am frith-rathad ag iadhadh mun cuairt air fior bhearradh na creige, ciod sam bith a baobhar, chaneil fhios, ach thar bearradh na creige ghabh an t-each gun chiall sin, le Eoghan air a dhruim. Fhuaradh iad ann an glomhas aig bonn na creiges iad air an spuacadhna chéile air chors nach burrainnear a radh co en t-each no co e Eoghan, ’s cha robh dhaibh ach na shaoil iad a bhuineadh do Eoghan a thoirt leos a chur don chill. Achs maith a tha fhios agams’, a Dhòmhuill, gur iomadh lathana dhéigh sin a bha ena shac gle throm air cridhe na baintrich nach robh i cinnteach na bhaice de dhEoghans achill. Be duine gle dheas air a chasan a bhan Eoghan, ’s nan dfhan e air a chasan fhein dhfhaodadh e bhi beo gus an latha diugh; agus neo-ar-thaing mur an robh e deas leis na duirn. Nach do ghabh e air Ailein an Torr-mhóir latha faidhir na Lùnasdaidh, gus an dfhag e ceann an duine cho mor ri buideal, is aisnean air an cur troimhe chéile air chors gun dthug e leòir ra dheanamh don Doctair MacCalman an cur air an aissan ordughsan dfhag am Freasdal iad, agus be duine gle


[237]

sgileil a bhanns an doctair; gu dearbh, nan creideamaid na chluinneamaid, bha cuid de sgil an doctair nach robh a thaobh an t-saoghail so? Nach do chuir e ubagan no rud-eigin -chneasda ann am poit thearra bha Torcull MacRuaraidh abruich air son a cur air abhàta, ’s nach do leum peileir den tèarr ghoilich as aphoit, ’s nach do ruaig am peileir teinnteach sin Torcuill bochd ceithir thimchioll na lèana air an robh e, gus an do theab en deo a chall leis an eagal? Mu dheireadh, thug e ionnsaidh air lamh throm a leagail air an doctair, ach, fhir mo chridhe! cha robh sealladh aige ra fhaicinn den doctair; cha robh aiteal dheth, ged nach robh uidhir agus toman dris anns am burrainn da e fhein fhalach an taobh a stigh de mhìle dhastar. Ach gu a bha sin a Dhòmhuill ach an sgoil-dubh? Obair Shàtain! Thuirt Torcull rium, ’s tha miga lan chreidsinn, oirs e duine foghainteach a bhan Torcull; bha e còrr is troidhean air airde, ’s cho leathann trasd an t-slinnean ri dorus-a- chadha,” — “An gabh thu mo leisgeul, Iain,” arsa mise, “tha coinneamh agam ri ghleidheadh, agus is eigin domh falbh, ach chi mi thu rithist, Iain, ma bhios an t-slaintagam; slan leat.” Chunnaic mi gu soilleir nach robh ceann no crioch air an sgeul a bha Iain atoirt seachad, ’s gu robh mi cho fhad o fhios fhaotainn air fàth a thrioblaids a bha mi mun dfhosgail e bheul. Ach ciod a bu chòir dhomh dheanamh, cha robh fhios agam. Smaointich mi gum bu chòir dhomh dol thun an tighe dhfhaicinn air mo shon fhein ciamar a bha cùisean; ach bha mi lan chinnteach leis an spliugail a bhair Iain gu robh am boirionnachna corp, ’s nan rachainn-sa thun an tighes gun tigeadh i fein thun an doruis


[238]

leis acheum gu leth sin air an drinn Iain iomradh, leumadh mo chridhe-sa as a chochull. Ciod am buaireass an t-seamasanachd a bhair aire bhlaomastair uilc nach dinnis a muighs a mach, co-dhiù bham boirionnach beo no marbh, no ciod an truaighe a thachair. An en sac a dhfhag aghne bhàis a fhuair Eoghan air a cridhe bha air fàs do-ghiulan, non en iomcheist a bha e cur oirre co-dhiù a chaidh roinn chothromach a dheanamh eadar Eoghans an t-each, no am ben cruachan a chuir i as an alt a teicheadh roimhn tarbh bhuidhe a bha air bristeadh a mach an aiteile? No ciod idir an seadh a ghabhadh toirt as an dreamsgal sgeoil a fhuair mi on chreutair spadchasach? Ciod a bfheaird mise fios fhaotainn air mar a ghiorraich am burraidh sin, Eoghan, a bheatha, le suidhe air an each fhiadhta sin, no carson a shuidh e air? Mur ann adolga mharcachd a bha e, nach robh cho maith dha suidhe air sorchan iomchaidh eile? No ciod idir an gnothach a bhagamsa ri aisnean fear an Torr-mhóir? Gabhadh, no na gabhadh iad reiteach, co nacheil coma, ’s shaoilinn gu faodadh an doctair a sgil a chur gu buil a bfhiachala na bhi ruagadh le peileirean tearra duine cho ionraic, onarach, ri Torcull MacRuaraidh. Tha mig radh ribh nach deisd mi ra leithid de ruais on is cuimhne leam, ’s leis a sin, chuir mi romham nach rachainn ceum thun an tighe aca gus an cuireadh iad fios gam ionnsaidh le urra phoncail, co-dhiù a bha iad beo no marbh. ’S coma leam fhein daoine gun toinnisg.

titleRuais
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page