[239]

SPIORAD NAN TIMEANNAN A TH’ ANN.

Chaneil fhios agam fein ciod as ciall don t-saoghal a thann; tha h-uile ni air atharrachadh cho mor on is cuimhne leam. Nuair a bha mi òg bha ghrian ag eirighs amhaduinns alaidhes an fheasgar mar a bha e nadurra dhi dheanamh; achs ann a their iad rium a nis nacheil aghrian aona chuid ag eirigh no laidhe anns achuan Shiar direach mar rinn i ri linn Oisein. Air amhodh cheudna bha an talamh, ri mcheud chuimhne, air acrachadh gu daingean am buillsgean na doimhne moire, cho suidhichtes cho buan-sheasmhach ris achòrr de dhobair a chruthachaidh. Ach ma chreideas mi na daoine glice than ar measg, ’s ann a than talamh cho gogaideachs ged a bhiodh seilleanna chluais; ’s an àite bhina shuidhe gu socair, ciallach, mar a bha e ri linn Iob, ’s ann a tha e nis acur char dheth mar gum biodh ega aoirneagan fein, agus aig acheart àm, aruideis am measg nan reul mar gum biodh iad le chéile adannsadh Ruidhle Thullachain. Ma chreideas mise so, feumaidh mi chreidsinn gu bheil mi fein acaitheamh dara leth muine le mladhran os mo chionn. ’s mo shron fodham.

Tha so dona gu leòir, achs e chuid as miosa dheth cho beag earbsas a tha ri chur anns na faireachdainnean anns


[240]

am bàbhaist lan earbsa bhi againn. Bha uairs bhiodh duine gle chinnteach as an ni a chitheadh e le shuilean fein, no a laimhsicheadh e le lamhan; ach, fhir mo chridhe! dhfhalbh an latha sin. Chaneil a nis ann ni as motha mheallas tu no do dhà ghlog-shuil fhein. Ma chi thu roth mun ghealaich, mar theireamaid o shean, bi cinnteach nach ann mun ghealaich idir a than roth sin, ach mu dshuilean fein. Tha gach ni eile air acheart doigh. Chan e mhain gu bheil do shuilgad mhealladh, tha tfhaireachdainnean uilen comhbhannn a taghaidh, air chors gu bheil e eu-comasach dhuit a radh aig àm sam bith, co-dhiù tha thun ad sheasamh air do cheann no air do chasan, nas lughana tha aon de na daoine glice sinn a lathair a dhinnseadh dhuit acheart suidheachadhs a bheil thu.

S ann de na daoine glice so am-Maighstir-sgoil againne. ’S e, gun teagamh, duine fior fhiosrach a thann; ach thug mi fainear gu bheil cuid de dhaoine fhuair deagh oilean, ’s aig a bheil an cinn lan de nithe cudthromach an lagha, gle aineolach air ni no dhà air a bheil daoine cumanta eolach gu leòir. ’S ann mar sin a dheirich don Mhaighstir-sgoil; ach tha e cho dannarana bheachd fein, ceart no cearr gam bi e, ’s nacheil feum curna aghaidh.

Bha seanachas beag eadaruinn an la-roimhe; ’s ged nach fhiach an seanachas sin a bhiga aithris, theagamh gun dean e beagan nas soilleire an ni air a bheil mig iomradh. Bha mi gearan ris nach robh mo ghoile deanamh a dhleasnais mar bu chòir dha; nach mor nach robh cho maith dhomh a bhi as eugmhais uile gu leir; ’s gu robh sin adeanamh neo-dhuine dhiom; ach bhon a bha esan eolach air uile


[241]

dhiomhaireachd an domhain, theagamh gu rachadh aige air leigheas a thoirt domh.

A bheil,” arsa mise, “ni sam bith as fhios duibh a chuidicheadh leam mo chìr a chnàmh?”

Cha bhi cnàmh an cìr ach na brùidean,” ars esan, “ach ma tha do ghoile cur dragh ort, chaneil dhuit ach nas lugha de threamsgal a chur ann, ’s theagamh gun cuidich sin leis a ghnothach a dheanamh nas fearr.”

Ma chuireas mise nas lugha fodair ann,” arsa mise, “cha bhi rèamhadh an rathaid agam; cha bhi sgrid annam an taobh a stigh de mhìos a dhuine.”

Sin agad,” ars esan, “leisgeul gach geocaires an duthaich, ’s tha iad feinga chreidsinn; ach nach seall thu brùidean na machrach cho beag draghs a than goile cur orra, direach a chionn nacheil iadgan luchdachadh, ged tha cothrom gu leòir acair sin a dheanamh?”

Tha amharus agam,” arsa mise, “nacheil sibh cho fiosrach anns na gnothaichean sins a tha sibh ann an sgoilearachd eile. Bha mart maol, odhar aig caraid dhomhsa, ’s thachair, latha de na laithean, gun dfhuair i stigh do phàirc chlóbhair a bha goireasach; ’s thaitinn an clóbhar rithe cho maiths gun dith i dheth gus an do sgàin i.”

Am faca tusa sin le dshuilean fhein?” ars esan.

Chan fhaca,” arsa mise, “ach bha e air innseadh dhomh leis an duine chòir a chaill am mart; duine cha firinneach, ’s cho creideasachs a thas an sgireachd.”

Faodaidh sin a bhith,” ars esan, “ach ma gheibh thusa duine sam bith aig a bheil a bheag no mhor de thoinnisg a chreideas sin uait, tha mise fadair mo mhealladh.”


[242]

Cha ruig sibh a leas,” arsa mise, “bhi cur amharuiss an ni; chunnaic mise creutairean as suaraiche na mart maol, odhar, ag itheadh tuillidhs na bha maith dhaibh.”

Co iadsan?” ars esan.

Is iomadh sin,” arsa mise; “chunnaic mi beachann ag itheadh de dhubhall ghrod a bha taobh an rathaid gus nach burrainn da eirigh air a sgiathan, ’s am beigin da snàg a stigh fon fheurga fhalach gus an do thraoigh a mheud-bhronn.”

Tha sin,” ars esan, “direach mar a bha am mart a sgàin leis achlóbhar; an creid thu nach dith am beachann am mìr a bu lugha den ubhall sin? Cha robh e ach adeoghal an t-sùigh aisde; agus leis an ubhall a bhi air brachadh, bha tomhas beag den t-sùgh sin air tionndadh gu spiorad, no mar their an Chemist, “Alcohol, ”aguss e sin a chuir tuaineal beagna cheann, ’s cha ben t-seid a ghabh e mar a shaoil thusa.”

Seid ann no as,” arsa mise, “no co-dhiù a dhith no dhòl e den mheas thoirmisgte, bha ghiulan ana-measarra. Baithne dhomh seana chrùban aig an robh fhaiche fo chloichs an tràigh, ’s mur am bu gheocair esan chan aithne dhomhsa ciall an fhacail.”

Seadh,” ars esan. “Ciamar a dhearbh an crùban duit gum bu gheocair e?”

“ ’S ann nuair a bha mim bhalach òg a thachair dhomh eolas a chur air achrùban,” arsa mise; “bha mis an àm sin fior dhéigheil air a bhi seabhdaireachd feadh achladaich, gu sonruichte ri àm na reothairt. Bha gach poll a dhfhagadh an lanna dhéigh am measg nan sgeirean cho pailt


[243]

ann an nithean annasachs nach robh e soirbh dhomhsa fanachd uatha. ’S an àm sin bhatar agleidheadh na Sàbaidna latha foise: ’s e sin ri radh, bhatar agabhail fois o gach saothair a bha ceadaichtair laithean eile, ’s acur seachad na h-uine an sior dhiomhanas, saor o mheuds a bha feumail a chaitheadh ann an oibribh na h-eigin agus na trocair. Sàbaid àraidh; latha boidheach, grianach; na h-eoin bheaga cur dhiubh air iomadh gleus; breac-an-t- sìl, aig an robh a nead an aodann na creige cùl an tighe, agearan air rud-eigin a bha cur dragh air; aphigheid atrod ri cuideigin, a h-anailna h-uchds ruithna teangaidh, ’s aileag a cléibh atoirt gearradh an fhacail uaipe. Bha mise cluinntinn, ’s am inntinn fein afaicinn gach ni dheth so; ach aon fhacal beag de na bhas an leabhar a bhanam laimh cha robh mi leirsinn. Thug mi suil a mach air an uinneig, ’s chunnaic mi gun robh an tràigh gu maith ìseal; na sgeire dubha tioram; an duileasgs an fheamuinn chireanach asgreathadh ris aghrein, ’s fhios agam gu robh gach poll an sin acur thairis leis gach ni a bu mhiorbhuiliche na chéile. Mu dheireadh, dhruid min leabhars chaidh mi sios do cheann eilen tighe. Air abhord bha ceann muilt a dheasaich mo mhàthair Di-Sathuirne an ceanna-coinneamh ris an Domhnach. Ghearr mi sgonn bharr teanga amhuilt; cheangail mi gu teann, greimeil e air ceann sreinge, ’s ghabh mi sios thun achladaich, ’s mi cur mar fhiachaibh orm fhein gum bann do dhobair na trocair a bhuineadh an ni a bha mi mu thimchioll; agus be sin adol a dhfhaicinn ciod am beo a bhair an t-seana chrùban, ’s a thoirt greim lòin ga ionnsaidh, ’s mi cinnteach nach robh a theachd-an-tir ach


[244]

taosgach. ’Nuair a rainig min cladach cha robh an tràigh cho ìseals a shaoil mi; ’s bha mar sin faiche mo charaid fon uisge; ach chunnaic mi gu robh e fein aig an tigh. Leig mi sios teanga amhuilt goirid uaith, ’s thuirt mi ris e dhitheadh a leòir, ach gun e phòcachadh mìr. Thug e gurradh air a thighinn a mach, ach bhuail amharus e gu robh an t-olcs achàball, ’s dhfhan e mar a bhaige. Thug e greis mar sin asmaointeachadh tuillidh na bha eg radh, gus am fac e sgimilear de phartan fad-chasach ag èaladh mun cuairt; dhuisg so fhearg, ’s a mach a ghabh e a chur cainnt air an t-sèabhaltaiche so. Cha dfhan am partan ri bheag de chonaltradh a dheanamh ris; bha cabhag air a dhol taobh-eigin eile; ach cha do bhac sin don t-sean-fhear dol ceum an rathad leis, direach a thoirt coimhideachd dha. ’Nuair a thill e bho ruagadh aphartain, sheall e air an toitean fheola dhfheuch an tuigeadh e ciod aghne bhiadhtachd a bhann, no car son a leigeadh a nuas e air ceann ròpa. Ged a bha an ni cho goireasach, agus a bharrachd air sin cho taitneach don t-suil, beigin da dol mun cuairt air gu faicilleach agus sealltainn air o gach taobh mun do chuir e fiacail air; achnuair a bhlais e air, cha robh, a reir coltais, coire aige ra fhaotainn da. Dhith is dhith e, ’s dheirich en dràsds a rithist air a chorra-beaga a dhinneadh sios na dhith e, gus mu dheireadh nach tiochdadh aona phioc tuillidhna chom. Smaointich e gun tugadh e leis an còrr don fhaiche, ach cha leigeadh an teadhair leis sin a dheanamh. Bha en droch-chàs; cha robh fhios aige ciod a dheanadh e ris an fhuigheall a dhfhag e; ach cha robh e fadan imcheist; thog eshuilean ris na


[245]

neoil; dhfhosgail e ghiallan, ’s bhruchd e nios á iochdar a chuim na dhith e. Thug sin sgaoth de dhiasga beaga mun cuairt nach robh am shealladh roimhe. Cia as a thainig iad, no ciamar a fhuair iad fios cho ealamh mun chuirm a dheasaich an crùban fan comhair, chan fhios domh. Cha bu luaithe fhuair esan cuidhtes an luchd a bhair a ghiulan na thòisich e air e fein ath-luchdachadh. A dheanamh mo sgeoil nas giorra; dhìobhair an creutair mosach sin tri uairean mun do chuir e crioch air teanga amhuilt. A nis, saoilidh mi nacheil moran teagamh ra chur an geòcaireachd an fhleasgaich sin; ach ma theid agaibhsair car a chur an adharc an daimh, bu ghle thoigh leam a chluinntinn ciamar.”

Cha ruig mi leas,” ars esan, “car no car; foghnaidh an car a tha innte. Bha thusa eas-umhal do dphàrantannuair a shnàg thu mach gun an cead iarraidh, ’s a rinn thu dearmad air an dleasnas a dhàithneadh dhuit. Dhfhag thun tigh le dùiseannan dubha ann ad chridhe, ’snuair a rainig thun cladach thachair spiorad breige ort a chuir sgleo air do shuileans mearachd ad bheachd; ’s mar a thachair do na faidhean o shean, tha thu nis ag aithris na breige a chuir spiorad na ceannairc ad bheul. Nan dfhan thusaig an tigh aleughadh Facal na Firinn, ’s ameorachadh air, cha bhiodh tu nis adol mun cuairt le a leithid sin de bhathar baoghaltair do ghiulan.”

Matà,” arsa mise, “bhon a thuit dhuibh iomradh a thoirt air, chaneil fhios agam nacheil mi cheart cho eolach air mo Bhìobulls a tha sibh fein, ged is pears-eaglais sibh; agus air son meorachadh air, rinn mi sin gus an


[246]

dfhuair mi ann ni no dhà air nach do smaointich mo luchd-teagaisg. Tha, maith a dhfhaoidte, acheart uidhir meas agam air an leabhar sins a tha aig iomadh aon a tha deanamh tuillidh aidmheil mu dhéidhinn. Chan ann an aghaidh an Leabhair no an aghaidh Sàbaid a tha mi labhairt, ach an aghaidh na doigh mhì-riasanta air an robh iad air an sparradh air amhuinntir òigs an àm air a bheil mig iomradh; doigh a bha gle bhuailteach air gràin a thoirt daibh don nian Leabhar agus an t-Sàbaid.”

Ciamar sin?” ars esan.

Cha ruig sibh a leas sin fharraid.” arsa mise; “is leòir na thuirt mi cheana leigeil ris ciod a tha mi ciallachadh; ach a dheanamh an ni nas soilleire, faodaidh mi innseadh dhuibh mu mhi-fhortan faoin a thachair dhomhs mim bhalach beag.”

Buaidh ùr-sgeoil dhuit!” ars esan.

Ùr-sgeul, no seann-sgeul,” arsa mise, “ ’s in fhirinn a thann. Cha robh an sgoil goireasach oirnn anns aghleanns an robh mo phàrantan a chomhnaidh; ’s air an aobhar sin chaidh mise chur chum mo sheanar air son a bhi na bfhaisg air an t-seorsa sgoile bhann. Bu duine firinneach, onarach, agus ro chràbhach a bhanam sheanair, ach mar thuirt an t-Ollamh Rainy mu mhuinntir eile, bhan duine còir, a reir mo bheachd-sa, adeanamhFetishden Bhìobull. Chan fhaoidteadh an leabhar sin eadhoin a laimhseachadh mar leabhar eile; ’s mar sin bha curam sonruichtega ghabhail dheth. Bha daonnan tri no ceithir de choin chaorach timchioll an tighe, agus mar bu bhitheanta dhà no tri chuileinean. ’S an àm air a bheil mi labhairt, cha robh ach


[247]

aona chuileans an tigh; chaidh an còrr den chuain dan robh e a bhàthadh mun dfhosgail iad an suilean air an t-saoghal aingidh so. Bhan t-aon a chaidh a ghleidheadh afaotainn h-uile boinne de bhainne na màthar, ’s leis a sin bha e cho reamhar ri ròns cho mears a bha e comasach do chreutair cho reamhar ris a bhith. Cha robh agamsa de chompanach-cluiche ach e; ’s bha sinn mar sin daonnan còmhla, co-dhiù a bann ri maith no ri cron.

Latha de na laithean, ’s an cuileans mi fein an àird ar lan-aighir, thuit leabhar bharr abhuirds mun dthug mise fainear ciod a thachair, fhuair esan greim air an leabhar agus stròic e lan a chraois de dhuilleagan as. ’Nuair a thug mi uaithe an leabhars a chunnaic gum bem Bìobull a bhann, ged a thuiteadh cabar-droma an tighe air mullach mo chinn cha burrainn da tuillidh pairilis a chur orm. ’Nuair a fhuair mi lùth na teanga, dhinnis mi do msheanamhair ciod a thachair; cha burrainn dise bheag de chomfhurtachd a thoirt domh, ’snuair thainig mo sheanair dhachaidhs a fhuair e dhinneir, chaidh innseadh dha mun mhi-fhortan a thachair. Chaidh binn achuilein a thoirt a mach air ball, ’s be sin, a bhàthadh gun mhionaid dàlach; ’s air son mo chodach-sa den ghnothach, ’s ann orm a thainig abhinn sinn a thoirt gu buil; ’s e sin ri radh, ’s ann domh a beigin mo chompanach beag boidheach a chur gu bàs. Thog mi leam e ann am bhroilleach, ’s mo chridhen impis sgàineadh, ’s on a bhan t-uisge a sileadh gu trom chomhdaich mi e le sgiath mo pheiteig ga chumail tioram. ’Nuair a rainig min linne dhubhs am biodh iad abàthadh chon is chat, bha ig amharc cho dorcha, dhuaichnidh, ’s


[248]

nach robh de chruas-cridhe agam na leigeadh dhomh a thilgeil innte. Thill mi ceum air mais o bhruaich na h-aibhnes chaidh mi stigh fo phreas beag seilich, ’s chrùbain min sin gus an robh mi cho fliuchs ged a bhithinn air mo thumadhs an abhainn. Cia fhad a dhfhanainn mar sin na maireadh solus latha, chan fhios domh; ach bha e nis afas dorcha, ’s an t-àm adluthachadh anns am biodh taibhsean ag èaladh mun cuairt. Bha bòcain, buidsichean, sithichean, ’s gach ni den t-seorsair an cuala mi riamh iomradh atighinn am chuimhne, ’s mi lan chinnteach nach bfhada gus am biodh iad ann am shealladh. Fliuch gus an craicionn, air chrith leis an fhuachd, ’s ach beag as mo chiall leis an eagal, leum mi air mo bhonn, ’s ghabh mi roid chum bruach na h-aibhnes thilg min dùile bheags an linne. Thug e aon sgal asnuair a thilg mi e; cha deisd mi tuillidh; ghlaodh is chaoin mi, ’s theich mi cho luaths a bheireadh mo chasan mi.

Nuair a rainig min tigh chaidh mi direach don chùileig sheomairs an robh mi cadal; thilg mi dhiom maodachs leum mi do mleabaidh. Chaoin mi an sin gus an robh mi acall mo chli. Cha bu luaithe thigeadh neul cadail orm, na bha sgal dheireannach achuilein atighinnnam chluais, ’s bha mis a mhionaid am lan fhaireachadh. Mhair an gnothach mar sin fad finn foinneach na h-oidhche. ’S amhaduinn bha mise cho tinns nach burrainn domh mo cheann a thogail bharr an adhairt. Thòisich mo sheanamhair chaomh air mo dhoctaireachd. Cha dthuirt i facal mun chuilean, ach tha mi lan chinntea chgu robh fhios aice ciod a bha cearr. Bha dithiss an tigh an latha sin aig an robh


[249]

ionndrainn gle ghoirt. Biad sin màthair agus companach achuilein, ’s bha iomadh lathana dhéigh sin mun deachaidh sgal achreutair bhig á mchluais.

Be buil aghnothaich mhi-shealbhaich so ormsa, gun do ghabh mi anntlachd don Bhìobull nach robh idir a reir na h-àithne; ’s bha mi mothachail air spiorad eas-umhlachd a bhi nis air mo ghiulan nach robh ann roimhe sin. Theagamh gun abair sibhse nach robh an so ach gnothach faoin, ’s nach bfhiach en uine thug misega innseadh a chaitheamh ris; ach feumaidh sibh aideachadh gur ann agamsas fhearr a tha fhios air an drughadh a rinn e orm aig an àm; drughadh a chum an ni ùrail air clàr na cuimhne gus an lathan diugh.”

Tha thu air sin,” ars esan, “direach mar a bha thu air achòrr. Thug thun seadh cearr as an ni; ’s tha thu nis astri ri thu fein fhirinneachadh, ’s achoire chur air muinntir eile air son spiorad na ceannairc sin air a bheil thu labhairt; spiorad, ma chreideas tu mise, nach do chuireadh annad le aona chuid no cat, ach a thainig leat chum an t-saoghail, ’s a tha so-leirsinn annad mar earrann den chaileachd a rugadh leat. Tha thu mar sin agabhail do leisgeil feins a coireachadh dhaoineile air son do chionta. Feumaidh tu aideachadh nach ni ro fhiachail sin, ach chaneil thusa mar sin ach mar than còrr den chinne-dhaonna. Bhon a dhith ar ceud phàrantan den mheas thoirmisgte, than duine ghnath astri ri e fein fhirinneachadh le bhi càradh uallach a chionta fein air guaillean eile, s gus an lathan diugh agnathachadh acheart leisgeil a ghnathaich en Gàradh Edein,— “Abhean so a thug thu


[250]

gu bhi maille rium, thug ise dhomh den chraoibh agus dhith mi” —no, mar a tha thusag radh; “an duine so a thug thu gu bhi na sheanair dhomh, thug esan orm beatha cuilein a ghiorrachadhs chruadhaich sin mo chridhe”; sin agad suim do sgeoil, ’s chaneil e feumail tuillidh a radh mu dhéidhinn. Than t-àm dhomh bhi falbh air eagals gun tòisich thu air -sgeul eile. Slan leat.”

Sin agaibh a nis mar a gheibhear iada h-uile fear cho bearraideachs nach toir gearr earball as air. Chaneil fhios agam co-dhiù a tha mise nas breugaiche, no daoineile nas tiolpaiche na babhaist; ach tha mi toirt fainear gu bheil e nas doirbhe dhomh creideas fhaotainn don ni a their mi nis na bha e ri linn mòige. Ma dhinnseas mi nis do charaid aon de na sgeulachdan beaga, neo-lochdach sin nacheil a chum maith no cron, biodh i fior no breugach, feumaidh an caraid sin mo cheasnachadh is math-cheasnachadh air a h-uile lides puinc den sgeul gus am bi mi cho searbh den ghnothachs a bhan losgann den chleith-chliata. Theagamh gur e so, mar a theirear, spiorad nan timeannan a thann, ’s nach ceadaich an spiorad sin do spiorad breige sam bith ach e fein a bheul fhosgladh. Tha e mar sin gu buileach feumail do dhuine mu fosgail e bheul, gum bi ena chomas gach facal a tha mhiann air a labhairt a dheanamh seasmhach am beul dithis no triuir de dhfhianuisean, biodh teisteas nam fianuisean sin mar a dhfhaodas e, tha dearbh-chinnt gur es fearr na tfhacal fein. Ach an déigh sins air fad, ma than spiorad so ag radh nach do sgàin mart mo charaid leis na dhith i den chlóbhar; agus nach dith an crùban tuillidhs na bha feumail dha;


[251]

agus nach dthugadh ormsa gu h-an-iochdmhor an cuilean a bhàthadh, tha ceud teum atighn fodham a radh ri spiorad nan timeannan a thann gu bheil e breugach.

titleSpiorad nan Timeannan a th’ ann
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page