ATH-LEASACHADH.
Bho chionn beagan bhliadhnachan thainig mi trasd air Eachdraidh an Ath-leasachaidh mhoir sin a rinneadh air an Eaglais, mu thuaiream dluth air tri cheud gu leth bliadhna roimh so. Rinn an leabhar drughadh anabarrach orm. Bha’n t-ughdar cho deas-bhriathrach ’s cho soilleir ’na chunntas air gach ceum anns an ùspairn chruaidh a bha ’n sin ’s nach b ’urrainn domh gun aontachadh leis gach facal. Rinn e na daoine ghabh pairt air taobh an Ath-leasachaidh cho mor agus fiachail, ’s gu robh mi ann am inntinn fhein ’g am faicinn mar “chraobhan ag imeachd”; ’s a’ mhuinntir olc agus rag-mhuinealach a bha seasamh ’n an aghaidh, cho suarach agus cho dimeasach ’s gu’n duraichdinn an saltairt fo m’ chasan. Mu’n do chuir mi crioch air leughadh an leabhair, bha m’ fhuil air ghoil am chuislean; m’ fhaireachduinnean air an luasgadh air chor ’s nach b’ urrainn domh an ceannsachadh. Bhreab mi ’n cù, ’s thilg mi ’n cat a mach air an uinneig, ’s na’m biodh a chridh’ agam, bheirinn achmhasan garbh do bhean-an-tighe, co-dhiù a bha no nach robh i ’g a thoilltinn. Dhuisg, mar so, dealas mor annam, a chum gach ni a bha cearr a chur ceart, is aimheal nach bu bheag orm nach robh mi lathair ’nuair a bha obair an ath-leasachaidh mhoir so a’ dol air a h-aghairt, air chor ’s gu’m biodh cothrom agam air pairt a ghabhail innte. Ghabh mi comfhurtachd o’n smuain, gu faod ni
no dhà bhi air aghaidh na talmhainn fhathast nach bu mhisde beagan ath-leasachaidh a dheanamh orra, ’s gu ’m b’e mo ghnothach-sa sealltainn a mach ’s an ni a bha cearr a chur ceart. Dh’innis mi do bhean-an-tighe an ni a bha ruith am bheachd. Thuirt i rium, gu’m b’ fhearr dhomh ’n toiseach mo dhroch chleachdainnean fhein ath-leasachadh.
“Mo dhroch chleachdainnean fhein!” arsa mise, ’s mi ’g am thachdadh leis an ardan.
“Seadh,” ars ise, “na’n sguireadh tu de dheoghal na pioba sin nach teid as do phluic o’n a dh’eireas gus an laidh thu, dheanadh tu tòiseachadh maith le t’ ath-leasachadh.”
“Dad eile?” arsa mise, ’s mi mothachail air an droch shàthadh a fhuair mi.
“Tha ni no dhà eile cho mì-chiatach ris a’ phiob,” ars’ ise. “ ’Nuair a theid thu dh’ iarraidh coingheall leabhraichean air a’ Chaimbeulach, cha ruig thu leas tigh’n dachaidh le fèath-ghàir air t’ fhiacail; ’s ’nuair a theid thu dh’ fhaicinn Mhic-Fhionghain, cha ruig thu leas fanachd leis gu dà uair ’s a’ mhadainn.”
Cha robh idir crioch aic’ air a’ chuis-dhitìdh, ’nuair thainig steall de dh’ uisge goileach mu’m ladhran-sa a coire bha ise toirt bharr na teine. Thug sin orm leum gu beothail gu taobh eil’ an tighe. Thilg mi dhiom mo chaiseart, ’s chunnaic mi ’s a’ mhionaid gu robh mi air mo dhroch sgàladh. Shuath mi ola ri m’ chois ’s shìn mi uam air sorchan i, ’s mi ’g am phianadh leis an dòruinn. Chual an cù bochd mo ghearan, ’s e fhein ’s an cat a’ cumail cuideachd r’a chéile ’s a’ ghàrradh, far an robh iad a’ gabhail didein o stoirm an ath-leasachaidh ris an do chuir mise mo lamh. Thainig e ’na
ruith, ’s e tuigsinn gu robh rud-eigin cearr. Leig mi fhaicinn da mo chas, ’s thòisich a’ bhrùid bhochd air a h-imlich, ’s thug sin faochadh dhomh. ’Nuair a fhuair mi m’ anail, thug mi achmhasan garbh do bhean-an-tighe air son cho beag suim ’s a bh’ aice mu’m dhéighinn. ’S ann a rinn i glag gàire, ’g radh gu’m b’e sud a’ cheud uair a chual i iomradh air duine bhi air a sgàladh le uisge fuar. “Fuar!” arsa mise, “bha e dearg ghoileach!”
“Bha e,” ars’ ise, “cho fuar ’s a thainig e as an spùt, ’s ann ’ga chur air an teine g’a theasachadh a bha mi ’nuair chaidh an dileag sin mu d’ chasan.”
Sheall mi na bu dluithe air an lot, ’s ged bu duilich leam aideachadh, chunnaic mi nach robh an sgiorradh uile gu léir cho docharach ’s a shaoil mi, ach chuir an ni a leithid de dh’ antlachd orm ’s gu’n tug mi mi fhein as an rathad.
Latha no dha ’na dheigh sin, thug mi fainear gu robh saod anabarrach math air bean-an-tighe. Cha b’ urrainn domh thuigsinn ciod a bha cearr; oir faodaidh sibh a bhi cinnteach, ’nuair a bhios aoibh air bean-an-tighe, gu bheil gabhdan beaga thaobh-eigin ’na h-aire. Mu dheireadh, thuirt i, is sin air dhoigh cho caoin-shuarach ’s ged nach biodh ni fo’n ghrein aic’ air a chùl, gu fac’ i Mr. Morrison, a bhean ’s a chlann, a’ fagail an tighe ’s a’ mhadainn, ann an carbad-dà-each; ’s gu fac’ i Mr. Munro ’s a theaghlach a’ falbh an la-roimhe. “C’ àit,” arsa mise, “robh iad a’ dol?”
“Nach robh thun an t-sàile?” ars’ ise.
Thuig mi ’s a’ mhionaid ciod bu chiall do’n t-sìd fhèathail a bh’ againn. Chuir mi mo lamh am phòca ’s gun mi mothachail air ciod a bha mi deanamh; ach cha ruiginn a
leas, cha robh an sin na bheireadh ach astar gle ghoirid o’n bhaile sinn, ged ghabhamaid giulan cho iomchuidh ri bara-roth, gun ghuth air carbad-dà-each. Bha fhios agam aig a’ cheart àm nach leigeadh ise dhith an ni a bha na beachd, agus b’e sin dol thun an t-sàile, ciod sam bith a chosdadh e. Thuirt mi fhein, nach bu léir dhomh aobhar air dol thun an t-sàile ’m bliadhna bho nach robh dad cearr air a’ chloinn. “Nach ’eil?” ars’ ise, “na’m biodh tu ’g an eiridinn mar tha mise, bhiodh fhios agad air sin. Dh’ fhaodadh tu fhaicinn nach ’eil Deorsa ’g itheadh na chumadh an deo am breac-an-t- sìl, ’s nach do chinn Domhnull aon oirleach o chionn dà bhliadhna, ’s tha casan Raibeart a’ fas cho brabhdach ’s gur gann a theid aig’ air coiseachd, ’s Catrìona—”
“O, stad, stad, air ghaol an Fhreasdail,” arsa mise, “ma tha uidhir sin de thrioblaid ’n am measg, nach ann a bu chòir dhuinn dol do’n Fhraing leo?”
Ghabh sinn tigh shios aig taobh an t-sàile, ’s cha b’e sin an salann saor. ’Nuair a shuidhich sinn sinn fein an sin, thòisich mis’ air cumail mo shuil ri fuaradh, dh’ fheuch am faighinn ni sam bith am feum ath-leasachaidh. Cha b’ fhad’ ach gus an d’ fhuair mi sin. Bha tigh eile ri ceann an tighe ’s an robh sinne, ’s bha’n roinn-bhalla eadar na tighean cho tana ’s gu’n cluinnte ’s an darna tigh a’ mhor-chuid de na theirte ’s an tigh eile. ’S e duine gle riasgail a bha ’n ar coimhearsnach, ’s co-dhiù bha no nach robh an t-ablach mnatha aige ’ga thoilltinn, bhiodh e toirt ruith mharbhaidh oirre ’n dràst ’s a rithist. Latha de na laithean, chuala mi iorguill ’s an ath thigh, is smaointich mi gu ’m b’e so mo chothrom air son an duine sin ath-leasachadh. Ghrad leum
mi stigh far an robh e, direach mar a bha esan air pailleart a thoirt seachad a chuir an creutair truagh mnatha sin cho cruinn ri ceairsle ann an cuil-na-mòna.
“A dhuine gun chiall!” arsa mise, “Ciod a tha thu ris?” Dh’ amhairc e orm mar nach biodh e gu ro mhaith ’g am thuigsinn. “Nach eil fhios agad,” arsa mise, —ach cha d’fhuair mi dol na b’fhaide, ’nuair a chuir e thairis an dorn orm ann an cuinnein na sroine, agus sin le a leithid de dheagh ghean, ’s gu faca mise dealanach ’s gu’n cuala mi tairneanach nach fhaca ’s nach cuala mi roimhe an leithid; ’s leis a phlathadh a chuir sin orm, chaidh mi ’s shuidh mi ann am poit ghuirmein a bha taobh na teine. Cha robh fhios agam aig an àm ciod a bha ’s a’ phoit, ach fhuair mi a mach e ’n deigh-laimh. ’Nuair a thill mo leirsinn ’s mo chlaisteachd rium, ’s gun m’ aite-suidhe bhi ro shocrach, leum mi air mo bhonn ’s thòisich mi air an duin’ aingidh sin ath-leasachadh ann am fior dha-rireadh—
“Bhuail sinn air a chéile chnagadh;
Leig sinn air a chéile shadadh;”
’s tha mi smaointeachadh gu ’n soirbhicheadh leam impidh a chur air na leigeadh a bhean leam; ach ise, ’n creutair fachanta, an àit i bhi taingeil dhomh air son tigh’n g’a teasragainn, ’s ann a bha i gabhail gach cothrom air stràc a thoirt domh le cas na sguabaich. Chuir so a leithid de ghràin orm ris a’ phaidhir ’s gu’n d’ fhag mi ’n sud iad a reiteach a’ ghnothaich mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad; ’s ged a dh’itheadh iad a chéile, so am fear nach teid ’s an eadragainn a rithist.
’Nuair thainig mi dhachaidh cha do dh’ aithnich mo bhean fhein mi. Bha mo shron air a leudachadh comhnard ri m’ ghruaidh; aon de m’ shuilean cho dubh ri màs na poite-ghuirmein, ’s a h-uile meall air mo cheann, air taillibh cas na sguabaich, cho mor ri ubh circe. Thainig an doctair, ’s thòisich e air mo chur an eagaibh a chéile. Dh’ fharraid e de’n mhnaoi, ciod a ghne shroine bh’ ann mu’n deach a h-ath-leasachadh? “Sron gle eireachdail,” ars’ ise, “de’n t-seorsa ris an abair iad Roman Nose. ”Dh’fheuch e mar sud i, ’s dh’ fheuch e mar so i, ach Roman Nose cha ghabhadh deanamh dhith. Dh’ fhag e mi, mu dheireadh, le plasda de shlan-lus ri m’ shroin; staoig de fheoil amh ri m’ shuil, ’s fuarlait ri m’ cheann, ’s thug mise fad mhìos anns a’ cheanna-bheairt sin. Bha mi, mu dheireadh, uidh air n-uidh, a’ tigh’n gu’m chruth fein, ’s ged a bha fhathast striam de bhogha-frois mu m’ shuil, ’s ged nach robh mo shron, uile gu léir, cho Roman ’s a bha i, bha mi air chomas dol mu’n cuairt. Thill sinn do’n bhaile mhor, ’s gu dearbh cha robh duilichinn orm muinntir an t-sàile fhagail ’nar deigh.
Feumaidh mi aideachadh nach robh mi cho dian ann an cùis an ath-leasachaidh an deigh dhomh tigh’n dachaidh ’s a bha mi mu’n d’fhag mi ’m baile. Cha’n ann a a mhain a thaobh na giollachd a fhuair mi; ach a thuillidh air sin, am feadh ’s a bha mo cheann ’s an fhuarlait, bha uin’ agam air a’ ghnothach a rannsachadh na bu mhionaidiche, ’s thainig mi, mu dheireadh, gus a’ cho-dhunadh nach robh e daonnan iomchuidh, ma bha e idir ceart, a bhi’n comhnuidh a’ sparradh ar barail fein air daoin’ eile, olc air mhath leo e. Co againn as urrainn a radh le cinnt gur e bharail fhein is fhearr na
barail a choimhearsnaich? Ciod a’ chinnt a th’ agamsa nach robh an duine coirbte sin ag imeachd ann an slighe a dhleasnais, ’nuair a bha e smachdachadh a mhnatha ’s a theann mise ri grabadh a chur air. Tha mi nis lan-dhearbhte gu robh an creutair grànnda mnatha sin feumail air a h-ath-leasachadh.
’S ann mar so a bha mi meorachadh air a’ chùis, ’nuair a thainig mi air poinneach balaich ’s e leadairt caileag bhoidheach, cho neo-lochdach coltas ’s a b’ urrainn duin’ fhaicinn. Rug mi air chluais air ’s labhair mi gu sgraingeil ris, ’s dh’ innis mi dha an t-àit air an robh e stiuradh mur deanadh e a bheusan ath-leasachadh. Sheall e orm car tiota, mar nach biodh e cinnteach ciod a bu chòir dha radh no dheanamh. Mu dheireadh, glaodh is chaoin e cho cruaidh ’s a b’ aithne dha. Air ball, leum duine dorcha, geinneach, a mach a bùth goirid uainn. Bha e gun chota, gun bhoineid, ach le aparan leathraich a’ comhdach a thaobh-beoil, o mhuineal gu aobrainn. Dh’ fharraid e gu feargach, ciod a rinn mi air a’ bhalach, no ciod an gnothach a bh’ agam ris. Dh’ fharraid mise, ciod an gnothach a bh’ aige-san ris a’ chaileig neo-lochdaich a bha e cnapadh ’s ’a ciamhadh cho an-iochdmhor. Gun fhacal tuillidh air no dheth, chuir e smugaid thombaca ’na laimh; sgailc e bhasan ri chéile; dhruid e dhuirn, ’s thug e cuireadh dhomh tigh’n air m’ aghairt. Bho nach do ghabh mis’ an cuireadh ’s a’ mhionaid, thog e seorsa de dh’ iolach, no brosnacha-catha, ’s leum is dhamhais e mu’n cuairt orm cho luath ri gille-mirein, gus an do chuir e mo cheann ’s an tuainealaich a bhi strì ri suil a chumail air. ’Nuair a thog e an iolach a dh’ ainmich mi, mu ’n abradh tu
“bo thugad!” bha sinn air ar cuartachadh le graisg a’ bhaile; mnathan is clann; garlaich bhalach, ’s pràbar mar sin, ’s a h-uile sgornan an sin fosgailte am aghaidh fhein, ’s gun fhios, gun fharraid aig a h-aon diubh ciod a bha cearr. Mu dheireadh, fhuair mi cothrom air bristeadh a mach á measg na cuideachd neo-chubhraidh so, ’s theich mi le m’ bheatha; ach ma theich, cha robh iadsan idir sgìth de m’ chuideachd-sa, ’s lean iad mi. Chuir mi ’s na buinn cho maith ’s a rachadh agam air; ach air fheobhas gu’n cluichinn-sa na pleadhain, bha slapail an aparain leathraich am chluasan. Shìn sinn as, a suas aon sràid, ’s a sios sràid eile; ’s cha robh cu-fuadain no balach mìomhail a thachair oirnn, nach do thionndaidh leinn gu sunndach a ghabhail pairt anns an ruaig. Chaill mise mo bhoineid, ’s bha na riobagan fuilt a lean ri m’ cheann a’ feadalaich ’s a’ ghaoith, ach cha robh uine r ’a sheachnadh a dh’ amharc air son broige no boineid. Bha m’anail am uchd, ’s mo ghluinean a’ failneachadh, ach chuimhnich mi air na daoin’ o’n d’ thainig mi, ’s mar a b’ abhaist domh cumail a suas ri faghaid an fhéidh air aisridhean corrach na Beinne-brice, ’s thug mi aon oidheirp eile a chur leud nam bonn eadar mi ’s mo luchd-leanmhuinn.
Bha mi nis a’ tigh’n faisg air an tigh, ach leis an ulfhartaich oillteil a bh’ aig mo luchd coimhideachd, bha na coimhearsnaich, beag is mor, sean is òg, a mach gu’m meadhon air na h-uinneagan; gach suil is beul fosgailte; deas gu beannachadh no mallachadh, direach, mar chitheadh iad freagarrach; ’s ged nach robh fios fo’n ghrein aca ciod a thachair, thainig iad gun dàil, gun teagamh, gas a’ cho-
dhunadh, gu ’n d’ rinn mise ni-eigin fior olc; mort, air a’ chuid bu lugha.
Fhuair mi, mu dheireadh, a’ chòmhla chur eadar mi ’s fear an aparain leathraich, ach gu firinneach b’ aimhealach an gnothach dhomh a bhi air mo ruagadh dhachaidh troimh shràidean follaiseach Dhunéideann, le coin is geòcaich a’ bhaile mhoir as mo dheigh. B’e iarrtas mo chridhe aig an àm: O, air son claidheamh geur dà fhaobhair; claidheamh a sgathadh cinn o cholanna ’s a ruigeadh gu eadar-sgaradh nan alt ’s nan smear: na robh sin agam, bheirinn-sa aichmheil a mach air a’ ghraisg sin air son na tamailt a chuir iad orm!
’Nuair a fhuair mi m’ fhuil is m’ fheoil a chiuineachadh, thug mi bòid air feusag a’ chait, ged a chithinn-sa pràbar a’ bhaile so dol an comhair mhullach an cinn do dh’ àit as teotha na Innsean an Ear no’n Iar, gur e so am fear nach togadh lamh no cas g’ an cumail air an ais. Ciod e mo ghnothach-sa riutha? Nach ’eil a’ Chleir an sin a dh’amharc ’nan deigh; ach tha Chleir cho bith-dheanadach ag ath-leasachadh an Aidmheilean, ’s nach ’eil uin’ ac’ air na ceart aidmheilean sin a chur an gniomh. ’S i mo bharail-sa gu bheil tuillidh eifeachd ann an cuaille maith bata chum dream àraid ath-leasachadh, na tha ann an lan sgireachd de dh’ aidmheilean, air cho diongmhalta ’s gu’m bi iad air an tarruing suas. Biodh na nithe sin mar a dh’ fhaodas iad, fhuair mise na dh’ fhoghnas dhomh de dh’ obair an Ath-leasachaidh.
title | Ath-leasachadh |
internal date | 1907.5 |
display date | a1908 |
publication date | 1910 |
level | |
reference template | MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p |
parent text | Òraidean is sgeulachdan |