[164]

CARMINA GADELICA.*

’S e tha mhiann orm an nochd beagan iomraidh a dheanamh ribh air leabhar comharraichta chuireadh a mach o chionn còrr is bliadhna le Maighstir Alastair Mac Gillemhìcheil ann an Dunéideann.

S eCarmina Gadelica,’ is ainm don leabhar so, ’s tha e air a dheanamh suas de sheann ranntachd de gach seorsa, ’s de sheana chleachdainnean a bha cumanta measg nan Gaidheal gus o chionn beagan uine. Tha laoidhean ann air son gach staid; urnuighean air son gach ama; beannachadh air son gach obair a rachte mu thimchioll; eolais air son gach tinneis da bheil an fheoil buailteach, ’s air son gach sgiorradh a dhfhaodas tachairt do bheathach no do dhuine; guidheachan maith is dona; geasan is ubagans gnothaichean -chneasda mar sin. A bharrachd air sin, tha Mr. Mac Gillemhìcheil atoirt seachad mion chunntas air seana chleachdainnean agus seana bheachdan a bha cumanta measg ar n-athraicheans na linntean a dhfhalbh; cleachdainnean agus beachdan a tha nis air dol air chùl, agus moran dhiubh air dol tur air dhi-chuimhn’.

S e leabhar ro-chomharraichta than so, ’s theagamh gu bheil e dàna dhomhsa lamh neo-airidh a chur air, oir thigeadh do dhuine bhi air a dheagh uidheamachadh le eolas farsuinn air nithe seann-aimsireil mun gabhadh e os laimh beachd cothromach a thoirt air a leithid so a dhobair. Bha

* Read before the Jura Association, Glasgow.


[165]

cuid de na cleachdainnean sin, a tha nis air call an seadh dhuinne, aon uair adeanamh pairt ann an aoradhs ann an creideamh an t-sluaigh; ’s ged tha e soirbh gu leòir na nithe sin aithris mar sheann sgeulachd, chaneil e idir cho soirbh amhathair-aobhair on dthainig iad a chomharrachadh a mach. Aig an àm so chaneil a mhiann orm oidheirp a thoirt air a bheag de mhìneachadh a dheanamh orra, ach a mhain cuid de nas annasaiche dhiubh a chur far comhair, agus ma thuiteas dhomh mo bheachd fein a thoirt seachad air ni sam bith, tha fhios agaibh nacheil e mar fhiachaibh oirbh am beachd sin a ghabhail mureil e taitinn ribh. Tha ena aobhar uaill dhuinn an t-saorsa tha sinn amealtainn fo laghannan cothromach ar duthcha, leis a bheil e ceadaichte don aon as suaraichen ar measg, a bharail fein a bhi aige air aon ni dhfhaodas tighn fa chomhair; agus glic no amaideachs gum bi barail duine, feumaidh sinn a thoirt fainear, gur i bharail fein aphriomh chairt-iuil air a bheil gach aon againn astiuradh a chursa fein.

Ghabh Mr. Mac Gillemhìcheil saothair mhor, ’s chaith e uine nach bu bheag, ationals adeasachadh nan nithe sin. Thug e corr is fhichead bliadhnag imeachd sios is suas air an talamh, gu sonraichte measg Eileanan na h-aird-an-iar, asireadh ciod a dhfhaodadh e churna mhaileid, ann an riochd seann dàn, no seann sgeul, no ni sam bith eile bhiodh sean gu leòir air son a ghnothaich. Chaneil cearn den Ghaidhealtachd nach do rannsaich e gu dluth air son na criche sin. Cha chluinneadh e iomradh air seana chaillich aig an robh sreang de dhubagan no lan goid de ghuidheachan nach robh e air ball air a thurus ga faicinn. ’S iomadh


[166]

achadhs an do bhuain e dias, ’s cha bin dias anabaich a dhfhoghnadh leis, ’s ged a bham foghar anmoch, ’s ged nach robh aige dheth ach an dioghlum, thug e barr nach suarach don iodhlainn. Thionndaidh e gu beurla na sholair e air an doigh so, ’s cha be sin gnothach a bfhasa dha, thaobh na bheil de dhfhacail air an gnathachadhs an t-seann ranntachd sin nacheil a nisg an cleachdadh againns nach faighearn ar Foclairean. Ach faodaidh sibh a bhi cinnteach, am fear a ghabh a leithid de shaothair ri cruinneachadh abharra nach do dhearmad e dheasachadh gu cubhaidh air son amhargaidh. Faodaidh mi innseadh dhuibh, eadaruinn fhein, gun deach e uair o Dhunéideann gu Uist, a dhaona ghnothach air son aon fhacal a bha dhìth air. Tha shaothair a nis fa chomhair an t-saoghail; saothair a tha fior chliuiteach dha fhein; a chuir clach ro luachmhor an carn ar litreachais, ’s a tha cur comain ro mhor air na Gaidheil.

Ann a bhi feoraich ciod a than leabhar so ateagasg dhuinn, chaneil e soirbh dhomhsa no do neach eile chur ann am beagan bhriathran suim an teagaisg a dhfhaodar fhaotainnna leithid so de leabhar. Tha e na ni comharraichte gu leòir an t-eadar-dhealachadh mor a tha eadar aon duine agus duineile thaobh na brigh a bheir iad as an aona chuspair. An ni a tha lan brigh don dara aon faodaidh e bhi gle shuarach aig an aon eile; ’s e mar tha,

Nach fhaic an t-suil anns achuspair,
Ach ni don tuigse as léir.

Tha ni no dhà an leabhar Mhic Ghillemhìcheil, mar a tha eolais, ubagan, is seana chleachdainnean, nithean anns nacheil sinne creidsinns nacheil sinn a nis agnathachadh, a dh


[167]

fhaodas a bhi gle fhaoin le cuid, ach mas miannach leinn eolas ceart fhaotainn air cor an t-sluaighs na h-amannan a dhfhalbh, —ciod a ghne chaithe-beatha bhaca, ciamar a bha iad ag amharc air an t-saoghal, no ciod a bha iad atuigsinn mu dhéighinn, —tha na nithe faoine sin a dhainmich mi cheart cho feumail a chum sealladh soilleir a thoirt dhuinn air dreach nan amannan sin, ’s a tha na cunntais a tha luchd-eachdraidh atoirt dhuinn air na blair a chuireadh, am marbhadh a rinneadh, an spuinneadhs an creachadh a bha ghnath dol air aghaidh.

Ann a bhi leughadh eachdraidh an t-saoghail cuiridh e farran nach beag orm a bhi faicinn na h-uidhir mu dheanadas righreans dhaoine mora, ’s cho fior-bheag mu dheanadas no mu chor an duine bhochd. Gheibhear iomradh gu leòir air luchd-orduchaidh chatha, ach fior-bheagan air luchd-bhualadh nam buillean. So mar a thà, mar a bhà, ’s a reir coltais, mar a bhitheas eachdraidh air a sgrìobhadh. Tha bheachd fein aig an eachdraiche ciod as airidh air àit fhaotainnna eachdraidh, ’s gun teagamh, chaneil e comasach dha a h-uile ni ghabhail a steach innte, ach saoilidh mi air uairean, gu bheil ni no dhà a tha e fagail a muigh a cheart cho airidh air àite ri nithean a tha e gabhail a steach. Tha e mar sinn feumail dhuinn dol do stòr-thigh eile bharr air stòr-thigh na h-eachdraidh mas miann leinn beachd earbsach a bhi againn air cor an t-sluaigh anns na linntean a chaidh seachad. Feumaidh sinn am bardachd, an ceol, am beul-aithris, an sgeulachdan, ’s aghne chreidimh a bha dol nam measg a rannsachadh, oirs ann annta sin a gheibh sinn aghne theagaisg a bhaig sluagh aig nach robh cothrom air teagasg


[168]

eile fhaotainn, ’s leis an robh an t-iomlan dan lòn spioradail air a dheanamh suas: lòn cho feumails na linntean sins a tha enar linn fein, oir tha e fior anns gach linn den t-saoghal, ‘nach ann le h-aran a mhain a bheathaichear duine.’ A nis, so agaibh a reir mo bheachd-sa, far a bheil luach an leabhair so air a bheil mig iomradh a co-sheasamh, ’s an taobh on airidh e air geur-bheachdachadh air. Mar thuirt mi cheana, faodaidh cuid de na nithe sin a bhi gle fhaoin le muinntir leis nach fhiach sealltainn air an ais air an t-slighe air an dthainig iad, ach aig acheart àm, a bhi lan brigh dhasan a tha meorachadh air nithe seann-aimsireil. Tha iad gu sonraichte feumail air son solus a thilgeadh air cuid de na ceuman air an deirich an duine o bheachd gu beachd mu thimchioll a shuidheachadh feins an t-saoghal, ’s an daimhs a bheil e seasamh a thaobh nan cuspairean naduir leis a bheil e air a chuartachadh. Ach a bharr air so uile, ma chreideas sibh mise, chaneil ni faoin no suarach idir ann. Chaneil ni a thachras atachairt gun aobhar, agus air cho faoins gum meas sinnen t-aobhar sin, is tinne e anns an t-slabhraidh neo-bhristeach, ioma-sgaoilteach sin a tha ceangal aobhar ri buil, agus buil ri aobhar o thùs na cruitheachd, ’s ris a bheil gach ni a thig gu crich an crochadh.

Tuigibh sibh uaithe so, an taobh den chùis air a bheil mi gabhail beachd; ’s e sin, gu sonraichte, luach an leabhair so air son solus a thilgeil air cors air modh smuainteachaidh ar n-athraichean anns na h-amannan trioblaideach a chaidh seachad, ’s ged a tha eachdraidh nan amannan sin air a deanamh suas, anns a mhor-chuid, le cunntais air cogaidhean


[169]

s air gach gne fhoirneirt, tha e soilleir a reir nan urnuigheans nan laoidhean a bha cumanta measg an t-sluaigh, nach ann idir -dhiadhaidh a bha iad. Cha bu daoine -dhiadhaidh nach rachadh an ceann gnothaich gun bheannachadh iarraidh air an saothair; bho smàladh an teines an oidhche gu dol air turus cuain, bha urnuigh fhreagarrach aca air son gach cùis. Is duilich leam nach urrainn domh uidhir a thoirt duibh as an leabhar sos a bu mhiann leam, ach tha fhios agaibh a nis far am faigh sibh an t-iomlan airur son fein. So agaibh rann áOra nam buadh,’ ’s thugaibh fainear cho fhad air falbhs a than smuain, ’s cho ao-coltach ri aon ni a chluinneas sibh air sràidean abhaile so.

Ionnlaime do bhasa
Ann am frasa fiona,
Ann an liu nan lasa,
Ann an seachda siona,
Ann am bainne meala,
Us cuiream na naoi buaidhean glana caoine
An do ghruaidhean caomha geala.

Buaidh cruth,
Buaidh guth,
Buaidh rath,
Buaidh maith,
Buaidh chnoc,
Buaidh bhochd,
Buaidh na rogha finne,
Buaidh an fhior eireachdais,
Buaidh an deagh labhraidh,” etc.


[170]

Tha na briathran so cho caomh ri morbhan braoin air duille, ’s cho tlath ri maoth-ghaoth chéit; ach cha cheadaich uine dhomh a thoirt duibh as an leabhar ach an sop as lugha as an t-seid as goireasaiche, agus sin a mhain a shoilleireachadh an ni air a bheil mig iomradh. Tha cuid de na laoidhean ann am briathran cho grinns as aithne dhomh idir, ged tha e gle choltach nach robh iad uile air an tairgsen tùs do na naoimh a tha nis air an ainmeachadh annta, ach do chuspairean eile anns an robh an sluagh acreidsinn aig an àm. Gabhaibh an rann so mar eisimpleir.

A rìgh na gile,
A rìgh na gréine,
A rìgh na rinne,
A rìgh na reula,
A rìgh na cruinne,
A rìgh na speura,
Is àluinn do ghnuis,
A lùb eibhinn.
lùb shioda
Shios ri dleasraidh
Mhinich, chraicich,
Usgannan buidhe,
Agus dolach
As gach sath dhiubh.”

Chaneil e soilleir co-dhiùs i ghrian no ghealach as cuspair dha so. Tha fhios againn gu robh iad le chéile, aig aon àm no àm eile, ’nan cuspairean aoraidh aig gach cinneach air thalamh; ’s tha e gle iongantach a bhi toirt fainear ann an aoradh ar latha fein, deas-ghnathan agus modh-labhairt a bha air an gnathachadh ann an aoradh-greine


[171]

linntean mun do rugadh Maois. Ann an urnuigh a thainig a nuas gur n-ionnsaidh, a chuireadh suas don ghrein le Nofer-i- thi, ban-righ a bhair an Eiphit, tha na briathran so atachairt: “A dhé nan uile bheò; chaneil dia eilann ach thu. Cruithear nan uile nithe. Tha thu dol suas air cuairt speur; ’s o àirde nan neamh tha thu buileachadh beatha air na chruthaich thu; air duines air ainmhidh; air euns air gach gne chreutair snàgach a shnàgas air an talamh.”

Bhàtar ag aoradh don ghrein fo iomadh ainm, ach a reir coltais, ’s e Bel, Beal, no Baal, an t-ainm a thug na Ceiltich leo as an àirde- ’n-ear, ’s ris an do lean na Gaidheil. Bha latha-féillen sog a ghleidheadhn ar measg fein gus o chionn fior bheagan uine. Dhinnis seana bheans an eilein Arannach do Mhr. Mac Gillemhìcheil an doigh air an robhn latha so air a ghleidheadh ri linn a h-athar. Air a cheud den Chéitein, bha h-uile teines an àiteg a chur as, agus tein’ -éiging a lasadh air achnoc ghnathaichte. Bhan teine sog a roinn na dhà earrainn, ’snuair a bha e aig àirde theas, bhan sluagh, beag is mor, aruithe troimhn fhosgladh eadar an theine. Bha iad an sin acur an cuid spréidh troimhe air an doigh cheudna. Bha so aciallachadh glanadh agus dion, ’s e sin ri radh glanadh o thruailleachd, agus dion on olc; no mar thuirt abhean chòir air a bheil mig iomradh; “gan dion o gach ealtraidh agus dosgaidh, ’s on bhana-bhuidsich mhoir, Nic Creafain.” Bha iad aco-dhunadh na seirbhis so le bhi seinn, “Am beannachadh Bealltuinn.” So agaibh rann dheth.

A Mhoire, a mhathair nan naomh,
Beannaich an t-àls an crodh-laoigh;


[172]

Na leig fuath no foirnn ar gaoith;
Fuadaich oirnne doigh nan daoi;
Cum do shuil gach Luan is Mart,
Air crodh-laoighs air aighean dair;
Iomchair leinn o bheinn gu sàl,
Tionail fein an treuds an t-àl,” &c .

So rann eile.

Crois Chriosd a bhi dar dion a nuas,
Crois Chriosd a bhi dar dion a suas,
Crois Chriosd a bhi dar dion mun cuairt,
Agabhail beannachd Bealltainn uainn.”

Bheir sibh fainear ged is ann uile gu léir paganach a tha na deas-ghnathan sin, gur ann air Moires air Criosd a tha iad ag aslachadh beannachaidh. Faodaidh sibh leis sin a bhi lan-chinnteach nach ann riusan a bhan t-iarrtas air a dheanamh an tùs, ach ri Bel agus ma dhfhaoidte ri Ceres nan Gaidheal, ciod air bith ainm fon robh i doln am measg aig an àm.

Bhan teine do luchd aoradh-greine, ’na shamhladh air aghrein, ach a reir coltais, bha iad afaicinn buadhans an teine nach robh iad afaotainns aghrein. Biad sin na buadhan a dhainmich mi; ach chi sibh gu bheil na ceart bhuadhan sin air an cur as leth na teine anns na Sgriobturan. Tham fàidh Sechariah ag radh: “bheir misen treas trian dhiubh troimhn teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t-airgiod, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t-òr.” Ann an earrainn eile, tham fàidh ag radh: “bidh mise ann am bhalla teine dhi mun cuairt.” ’S e sin ri ràdh, am bhalla diona, no am dhidein dhi.


[173]

Far a bheil gach ni ionmholta, tha e duilich roghainn a dheanamh, ach so agaibh latha-féille eile air an fhiach dhuinn amharc. Bha -féill-Moireg a ghleidheadh air a choigeamh-la-deug de cheud mhìos an Fhoghair. Air madainn an sin, bhàtar adol don achadhs a spìonadh diasan den bharr ùr a dheanamh amhoilein Mhoire. Bhàtar acaoineachadh nan dias sin ris aghrein. ’Nuair a bha iad caoin, bha fear-an-tigheg an sgioladh eadar a bhasan. Bha en sin agréidheadh aghràn le fasgnaig; ’g a bhleith leis abhràth, ’s amhinga fuineadh air craicionn caorach, agus bonnachga dheanamh dhith. Be sin ammoilean Moire.’ Bham bonnach singa bhruich ri teine de chonnadh caorainn. ’Nuair a bham bonnach deas, bha fear-an-tighega roinn air a theaghlach, atoiseachadh aig bean-an-tighes aleantuinn mun cuairt air achloinn on aon bu shine gus an t-aon a boige. Bha iad an sin atogail iolachMhoire Mhathar, a gheall an dion, a rinn an dion, ’s a ni an dion gu latham bàis.” Am feadh a bha iad aseinn na h-iolaich so bha iad adol deiseal mun teine, fear-an-tighe air an toiseach, bean-an-tighega leantuinn, ’s a chlannn an deigh a reir an aoise. An deigh dhaibh dol mar so mun cuairt an teine, bheireadh fear-an-tighe àithinn no dhà bharr an teines chuireadh e iad ann am poit mar-ri criomagan iaruinn. Ghiulaineadh e sin mun cuairt an tighe air an taobh a muigh; a theaghlachga leantuinn anns an ordugh a dhainmich mi. Air uairean rachadh iad mun cuairt an t-sabhail, an stàbuill, na bàthaich, ’s na spréidh, a bhiodh air an tional air son aghnothaich, ’s na h-uine iad aseinn moladhMhoire Mhathar.’ So agaibh rann den mholadh so.


[174]

-féill-Moire cùbhr,
Mathair buachaille nan treud,
Bhuain mi beum dhen toradh ùr,
Chruadhaich mi e caoin ri grein,
Shuath mi e gu geur dhen rusg
Le mo bhasa fein.
Mheil mi e air bràth Di-aoine;
Dhfhuin mi e air cra na caoire;
Bhruich mi e ri àine caorainn;
S phairtich mi en dàil mo dhaoine.
Chaidh mi deiseil mfhardach,
An ainm Mhoire Mhathar,
A gheall mo ghleidheadh,
A rinn mo ghleidheadh,
A ni mo ghleidheadh,
Ann an sith,
Ann an ni,
Ann am fireantas crì,” &c .

Tha e gle choltach gur ann do dhia àitich a bhan fhéill soga gleidheadh an tùs. Chan fhios domh ciod an dàimh a bhaig Muire ri aona chuid buar no barr, no gu sonraichte, ri teine chaorainns ri criomagan iaruinn. Tha fhios againn gu robh an caorann air a mheasna fhiodh naomh am measg nan Gaidheal, ’s gu robh an t-iarunn eifeachdach an aghaidh chuilbheartan nam buidseachs nan sìthichean. Tha phoit is na bha inntacurn ar cuimhne coire Cheridwen anns an robh na h-uidhir de dhiomhaireachd na Druidheachd, ’s air a bheil na baird Chuimreach adeanamh na h uidhir a dhiomradh. Ach theagamh nach robh a dhfheum oirres aghnothach so ach a ghiulan na


[175]

teine, a chur a chearcaill dhiona mun tigh, mun spréidhs gu léir—“ ’g an dion,” mar a thuirt am boirionnach Arannach. “o ealtraidhs o dhosgaidh.” Than cearcall teine so atachairt oirnn ann am moran chleachduinnean is sgeulachdan an t-saoghail. Anns an sgeulachd Ghermailteach—‘Niebelungen-lied’— ’nuair a chuir Odin seun cadail air Brynhild, chuir e cearcall teine mun cuairt di, ’s cha ghabhadh i dusgadh ach leis achuraidh a burrainn dol troimhn teine ga h-ionnsaidh. Ann anGaisgeach na Sgeithe Deirge’, ’nuair a rainig an Iubhrach Bhallachan t-eilean a bu bhoidhche chunnacas o thùs an domhain gu deireadh na dilinn,” bha cearcall teine mun eilean; ’s mar sin le moran eile.

Tha e coltach, anns achruths an dfhuair Mr. Mac Gillemhìcheil an deas-ghnath so, gur en cearcall teine no diona bha air a chiallachadh leis, ach tha amharus agam gur ann an coire Cheridwen a tha ceud aobhar an ni ra fhaotainn. Bha na Druidhean, tha fhios agaibh, ag aoradh do dhia no dhà, ach gu sonraichte, don ghrein, don ghealaich, ’s don phriomh-athair, Noah, agus sin fo iomadh ainm, direach a reir na buaidh den chuspair aoraidh ris an robh iad ag amharc aig an àm. A reir coltais, bha coire Cheridwen asamhlachadh na h-àirce sin a bhana meadhon air beatha chaomhnadh air an talamh, agus an diomhaireachd a bhan coire cleith aciallachadh, maith a dhfhaoidht’, an diomhaireachd do-rannsachadh leis a bheil beatha ghnath air a cuartachadh. A bharr air so, chan fhios domh gu robh creideamh riamh air thalamh aig nach robh diomhaireachd a thaobh-eigin a bhan sagart afaicinn iomchaidh a chumail


[176]

on t-sluagh. A nis bi Ceridwen spiorad na h-àirce, a reir creidimh nan Druidhean, ’s cha be mhain gu robh an àircna meadhon air beatha chreutair a choimhead; bha i, mar an ceudna, ’na meadhon air sìol de gach por a shabhaladh o bhi caillte don duine. Bhàtar mar sin asealltainn air Ceridwen mar bhan-dia an àitich, —Ceres nam Breatunnach. Air an aobhar sin, tha amharus agam gu robh tuillidhs na criomagan iaruinn agus anàine chaorainn,’ anns aphoit aig Mr. Mac Gillemhìcheil, ach tha mi lan-chinnteach gun dthug esan dhuinn i mar a fhuair e i, ’s tha e soirbh gu leoir a thuigsinn mar a dhfhaodadh cuid den diomhaireachd dol air seacharan air an turus a nuas troimh na linntean. Faodaidh mi thoirt fainear, gu bheil am facal, ‘àine,’ noàithinn,’ mar tha e air a sgriobhadhs na Sgriobturan, cho dluth air an ainm a thaig an Hindu air dia na teine,— ‘Agni,’ — ’s gu bheil e coltach gur ann on aon fhreumh a thainig iad.

Tha Mr. Mac Gillemhìcheil atoirt cunntais dhuinn mar a bha latha-féille eile air a ghleidheadh gus o chionn beagain uine, —-féill-Mìcheil, —ach than cunntas sin cho mionaideachs nach ceadaich uine dhomh a thoirt duibh aig an àm, ach mholainn duibh a leughadh air bhur son fein; ’s chan e mhain a leughadh, ach na bheil de bhrigh ann a sgrùdadh as.

Bho nacheil uine ri sheachnadh air son -féill-Mìcheil, faodaidh mi earrann bheag eile thoirt duibhna àite. Earrann a tha fior ghrinn, ach tha i ann an cruth cho neo-chumantas gu bheil i cur iongantais orm. Tha amharus agam gu bheil tuillidh innte na tha ra fhaicinn an clàr a h-aodainn, ach bitheadh no na bitheadh, cha dean e cron


[177]

amharc oirres barail a thilgeil mu tuaiream. Mar a thuirt mi cheana, tha e ceadaichte dhuinn ar beachd fein a bhi againn air aon ni dhfhaodas tighn far comhair, faoin no glic gam bi i.

Thuirt mi ribh cheana gu robh ar n-athraichean cràbhachn an doigh fein, ach gu robh moran paganachd measgten an creideamh. Thuirt mi aig acheart àm, gu robh e soilleir o leabhar Mhic Ghillemhìcheil, nach robh gnothach a rachadh iad mu thimchioll nach robh urnuigh fhreagarrach acair a shon, no beannachadhga iarraidh air an saothair. Bhan urnuighs am beannachadh air an ullachadh roimh-laimh, ’s a reir coltais, leis an Eaglais. So agaibh beannachadh bàta, no urnuigh mhara, —an earrann air an robh mig iomradh.

Tha Mr. MacGillemhìcheil ag radh mum fagadh iad tir a dhol air turus-mara, gu robh iad ag iarraidh beannachaidh air abhàta, ’s aguidhe air Dia nan Dùl soirbheachadh leo air an turus. So mar bha iad adeanamh an iarrtais. Sheasadh iad mun cuairt abhàtas labhradh fear-na-stiùrach, ’s fhreagradh an sgioba e mar so.

Stiùradair.
Beannaichtan long.

Sgioba.
Beannaicheadh Dia an t-Athair i.


Stiùr.
Beannaichtan long.

Sgioba.
Beannaicheadh Dia am Mac i.


Stiùr.
Beannaichtan long.

Sgioba.
Beannaicheadh Dia an Spiorad i.


[178]

Uile.
Dia an t-Athair,
Dia am Mac,
Dia an Spiorad,
Beannaich an long.


Stiùr.
Ciod as eagal duibh
Is Dia an t-Athair leibh?

Sgioba.
Chan eagal duinn ni.


Stiùr.
Ciod as eagal duibh
Is Dia am Mac leibh?

Sgioba.
Chan eagal duinn ni.


Stiùr.
Ciod as eagal duibh
Is Dia an Spiorad leibh?

Sgioba.
Chan eagal duinn ni.


Uile.
Dia an t-Athair,
Dia am Mac,
Dia an Spiorad
Leinn gu sìor.


Stiùr.
Ciod e fàth bhur cùram
Is nan Dùl os bhur cinn?

Sgioba.
Cha chùram dhuinn ni.


Stiùr.
Ciod is fàth bhur cùram
Is Rìgh nan Dùl os bhur cinn?

Sgioba.
Cha chùram dhuinn ni.


Stiùr.
Ciod e fàth bhur cùram
Is Spiorad nan Dùl os bhur cinn?

Sgioba.
Cha chùram dhuinn ni.


[179]

Uile.
nan Dùl,
Rìgh nan Dùl
Spiorad nan Dùl,
Dlùth os ar cinn,
Suthainn sìor.”

Faodaidh e bhith gu robh soga ghnathachadh gu cumanta measg an t-sluaigh, ach feumar aideachadh nacheil e idir coltach. Cha robh a leithid so de riaghailt-chràbhaidh goireasach air son dhaoine bhan comhnuidh air an aiss air an aghaidh a measg nan eileanan, ’s mar a bu bhitheanta, ann an deifir a cheapadh an t-siuil-mhara. Theid agam air a radh o mfhein-fhiosrachadh nach feitheadh sruth Choire-bhreacain air a bheag no mhor den t-siabhaireachd so.

A bharr air sin, than rian suidhichtes a bheil an ni, ’ga dheanamh, ann am bheachd-sa, nas coltaiche ri deas-ghnath a bhiodhga chleachdadh ann an aoradh paganach. Thuirt mi cheana gum be Noah aon de na cuspairean aoraidh aig na Druidhean, ’s tha sinn atuigsinn o na baird Chuimreach gu robh e dol fo iomadh ainm, direach mar bhan t-iomlan de dhiathan nan cinneach, ach gum be an t-ainm fom bu trice bha e aithnichte. Bha na h-ionadan aoraidh a bha air an coisrigeadh dha, am bitheantas, air eileanan an lochan uisge, no air eileanan dluth air tir-mor. Tha e coltach gum be aon de na h-eileanan sin, ’s gu robh e air ainmeachadh air aphriomh-athair, Eilean , no mar their sinn ris a nis, I-Chaluim-Chille. Tha na baird ag radh gu robh tri fichead eilean ann an Loch-loimeanns gu robh nead iolair air gach aon diubh; ’s e sin ri ràdh, cill-aoraidh druidh air gach eilean. Tha mi tighn


[180]

thairis air na nithean sin a leigeil ris duibh an dluth-cheangal a bha eadar aghne aoraidh sin agus na cuspairean naduir air a bheil mig iomradh. Bha mar so an loch asamhlachadh na dìle, agus an t-eilean, na h-àirce; agus far nach robh eilean goireasach, bhàtar ag acrachadh àirc, no slaod uisge air an loch air son ionad aoraidh. Faodaidh sibh, leis a sin, a bhi cinnteach gu robh am bàta non long aseasamh a mach gu soilleir anns an dealbh-riochdachaidh a bha dolnam measg. Chan ann a mhain aig na Druidhean a bha so mar so. Ann an iomadh creideamh eile, bhan longna samhladh comharraichte. Am moran de na seann sgeulachdan a thainig a nuas gar n-ionnsaidh, than long, an iubhrach, ’s an curach afaotainn àite; agus ni as iongantaiche, tha mhor-chuid diubh air an gibhteadh le tuigse. Bha long nan Argonaut atoirt rabhaidh seachad roimh theachd cunnairt, ’s bhan curachan air an do thill Gaisgeach na Sgéithe Deirge dhachaidh cho tuigseachs nach robh dha ach a toiseach a thoirt do mhuirs a deireadh do thirs dheanadh i fein an còrr. Tha coimeas eile eadar an da eathair so a dhfhaodas mi ainmeachadh. Bha Orpheus le chruit-chiuil air bord na h-Argo, acumail ciuil ris na cinn-fheadhna a bha sireadh an òr-rusg iomraitich, ’s bha aig aGhaisgeach air a thurus na tri calmain sin a thug a chomhaltan dha, ’s a sheinn dha an aona cheol a bu bhinne chual e riamh. Theagamh nach robh so aciallachadh ach ceol na gaoithe ann am beairteachadh na luinge. Biodh an ceol mar a dhfhaodas e, tha sinn afaicinn gu robh an longna comharra sonraichte, cha bann a mhain ann an aoradh nan Druidhean, ach anns amhor-chuid de gach creideamh paganach air a


[181]

bheil cunntas earbsach againn, ’s mar sinna cuspair beannachaidh, iomadh linn mun deach an creideamh Criosdail a shuidheachadhn ar measg. ’S e sin an t-aobhar a tha togail mamharuis gun drinn am beannachadh-bàta so deas-ghnath ann an creideamh no dhà mun do chuir an Eaglais Chriosdail a dreach fein air.

Tha aon ni eile bu mhiann leam iomradh dheanamh air, ged nacheil uinair abheag a radh mu dhéighinn. Tha Mr. Mac Gillemhìcheil atoirt duinnna leabhar aireamh de rannan mu thimchioll luibheans an robh an sluagh acreidsinn, cha bann a mhain air son an eifeachd mar chungaidh-leighis, ach mar an ceudna air son feartan àraid a bhàtar acur as an leth: mar eisimpleir,

Eala-bhì, Eala-bhì; mo niarach neach aig am .
Buaineam thu le mo laimh dheas; teasdam thu le mo laimh chlì;
Ge be co a gheibh thun cró an àil, cha bhi e gu bràth gun .”

Bha amannan àraid, ’s doighean àraid ran coimhead am buain nan luibhean, ’s bha rannan àraid rin aithris an àm an cur gu feum. Bhan duine anns gach linn den t-saoghal, cho fads as fhios duinn, astri ri cungaidh-leighis a thoirt as na luibhean. Cha chuir e iongantas oirnn mar sin gu robh na h-uidhir de mheas aig ar n-athraichean air cuid de luibhean na machrach, ’s cho fhads a dhfhan iad air a bhig an gnathachadh mar chungaidh-leighis bhan gnothach ceart gu leòir, achnuair a tha iad abuileachadh buadhan freasdail orra, tha amharus againn gu bheil iad aa dol nas fhaide na tha barantas acair a shon. Tha fhios againn gu robh amhor-chuid de shluagh an t-saoghail, aig aon àm no àm eile,


[182]

toirt onair do luibh, flùr, no fiodh a thaobh-eigin. Bhan lotus, an lilis an crann pailmn an comharran aithnichte an iomadh creideamh, ’s thainig fuigheall den t-saobh-chràbhadh so nuass an Eaglais Chriosdail gus an latha-diugh. Bha aireamh luibhean aig Ceridwens achoire shonraichta dhainmich mi, ’s an deigh don choimeasgadh a bhann a bhi air a bhruich fad lathas bliadhna, bhan togail cho laidirs gun drinn tri boinnean deth fàidh, sagart, agus bard den fhear a bhlais e. Bfhearr sin na uisge-beatha nan Eileana-Caola!

Thugadh mar so cungaidhean-leighis as na luibhean, mas fior an sgeul, cho eifeachdachs gun tugadh iad beo on bhàs. Chaneil e soirbh a thuigsinn ciamar a bha daoine cho faoins gun creideadh iads na buadhan mìorbhuileach sin; achnuair a rannsaicheas sinn na sgeulachdan samhlachail a bha doln am measg, ’s a thuigeas sinn, gur ann air cuspairean naduir, mar tha grian is gealach, talamh is adhar, gaoth is uisge, sneachd is reothadh, a bha iad air an deanamh suas, agus buadhan nan cuspairean sin air an samhlachadh a mach an cruthan corporra, chi sinn nas soilleire ciod a thair a chiallachadh leis na nithean aibhiseach a tha sinn afaotainns na sgeoil. ’Nuair a leughas sinn gun do mharbhs gun dith Bel a pharantan, cuiridh e grain oirnn, achnuair thuigeas sinn gur e Bel an teine, agus a pharantan an connadh a bhaga chumail beo, chi sinn gu bheil an ni nadurra gu leòir. Air acheart doigh, ’nuair a leughas sinn gun do ghoid Hermes, ’s gun e ach tri uairean a dhaois, crodh a choimhearsnaich, Apollo, chan urrainn duinn sin a chreidsinn air duine talmhaidh; achnuair a dhinnsear dhuinn


[183]

gum be Hermes aghaoth, ’s gum biad crodh Apollo na neoil a bha snamh air aghaidh na speur, chi sinn gu bheil an ni freagarrach gu leòir. A nis, ’s ann mar sin a dheirich sgeulachdan air buadhan mìorbhuileach an luibh, abheathaich, ’s an duineam bard acur nam buadhan sin an riochd achuspair as freagarraiche da sgeul, ’s mar sin adeanamh suas nan sgeul a thagainn air famhairean, beithirean sgiathach, gaisgich nach robhn coimpirean riamh air thalamh, ’s daoine laidir mar a bha Samson, Hercules, Achilles, ’s an leithidean sin. Ach gu robh moran de na nithe sin air an gabhail leis an t-sluagh mar dhearbh fhirinn, tha e soilleir gu leòir. Chaill iad sealladh air an t-seadh a bhaig an ni an tùs, agus troimh aineolas, ghabh iad ris an fhaileas an àit achuspair a bhaga thilgeadh. Chaneil so gun a theagasg fein dhuinne, ma sheallas sinn air. Tha e teagasgail gu sonraichtan comharrachadh a mach dhuinn an t-slighe air an dthainig cuid dar beachdan fein a nuas gar n-ionnsaidh; beachdan, maith a dhfhaoidht’, a tha sinn agabhail a steach mar fhirinn shuidhichte, ach nach bu mhisde, aig acheart àm, a bhi air an rannsachadh beagan nas curamaiche, agus an seadh air a dheanamh beagan nas soilleire.

Tha e soilleir nach ceadaich uine dhomh dol nas fhaide, ach mun criochnaich mi faodaidh mi thoirt fainear cho duilichs a tha e dhuinn a nis cuid de na nithean sin a thuigsinn. Chaill sinn, ann am mor-thomhas, greim air an fhreumh on do chinn iad, ’s chaneil sinn a nis achg am meorachadh anns an dorcha.

Rinn an Eaglais spairn mhor a chum gach ni a mheas ise mar chogul a spionadh á bun, achs duilich leam a radh


[184]

gun do spion i aig acheart àm moran a mheasamaid an diugh mar chruithneachd. Cha robh na Gaidheil fein saor o choires an dearmad a rinneadh air an ionmhas sgeoil agus chiuil a bha aon uairn ar measg. Bha, gun teagamh, gne leisgeil acair a shon. Bha teagasg Chalvin, co-dhiù mar thugadh dhuinne, cho dearg theth an aghaidh gach ni dhe sins nach robh chridhaig duine a bheul fhosgladh air seann dàn no seann sgeul, ’s iadsan aig an robh bathar cunnartach den t-seorsa sin, béigin daibh a ghleidheadh gle uaigneach. Chaidh gach ribheid chiuiln ar measg a thachdadh mar ni toirmisgte, direach mar nach buineadh ceol de dhobair a Chruitheir idir. Tha e duilich a chreidsinn gu robh ar luchd-teagaisg air cho beag toinnisg. Nacheil e soilleir, nas lugha na tha duine cho bodhar ri cloich, nacheil e comasach dha ceol a dhruideadh a mach?

Ceolna chridhe, ceolna chluasan,
Fad a chuairt o bhreith gu bhàs.

Don chluais a tha air a gleusadh a chum ciuil, tha nadur uile ceolmhor, ach a reir an teagaisg so, am fear aig a bheil cluas-chiuil, sparradh e chorrag innte, ’s am fear air an do bhuilicheadh guth mar ghuth aingil, cuireadh e glocna bheuls na canadh e dùrd; ’s e so an lagh.

Tha gleann domhain caol ann as aithne dhomh; allt aruith troimh ghrunnd aghlinne; àrd leum-uisgair an allt; coille air gach taobh dheth; beinn àrd chorrach trasd air ceann aghlinne, ’s amhuir fharsuinn aig a bhun. ’Nuair a bhiodh gaoth laidir on mhuir aséideadh suas troimhn ghleann sin, ’s tric a shuidh mi air leth-taobh abhruthaich


[185]

ag eisdeachd ris acheol a dheireadh as; —trom thoirm na gaoithe ri aodann na beinne; torman an eas ag eirighs atuiteam air aghaoith; morbhan an uillt an grunnd aghlinne; àrd-cheol fonnmhor, ioma-ghuthach na coille, ’s gaoir chaochlaideach na mara cur co-sheirm ris an iomlan: an t-iomlan sin adeanamh suas ciuil nach cualas riamh a leithid anns an teampull as greadhnaiche thogadh riamh le lamhaibh; ceol airidh air cluais an àrd-fhir-chiuil. Bha gach ni am eisdeachd agabhail pairts acheol sin, mar gum biodh gach biths an domhan atoirt molaidh reir a ghne, ’s cha be sin a mhain, bha gach ni a burrainn gluasad adannsadh ris, ’s direach mar a dhaithris an sgeulaiche, iadsan a bha dannsadh ris acheol, cha burrainn daibh stad cho fhads a leanadh Orpheus air seinn. Theagamh gu robh so uile gu leir peacach, ’s gu robh e aingidh dhomhseisdeachd ris, no tlachd a ghabhail ann, ’s theagamh gun do thoill an gleann sin a bhi air a lom sgrios, ’s a bhi air fhagail cho fas ri Sodoms ri Gomorah: chan urrainn domh a radh; aig aChléir a mhain a tha fhios.

A nis rinn mi mar a gheall mi, thug mi dhuibh an sop as suaraiche as an t-seid a bu ghoireasaiche, achs leòir na thug mi seachad a leigeil ris duibh nach em beagan uine a thagainn ra sheachnadh aig an àm a dhfhoghnadh air son an iomlain a chur far comhair. Gu mi-fhortanach cha do sgriobhadhmythologynan Gaidheal fathast cho fads as fios domh; chaneil so cliuiteach dhuinn, ach co sam bith a ghabhas os laimh ar nithe seann-aimsireil a sgriobhadh, —na seann sgeulachdan sin, a tha, reir coltais, cho sean ri imrich nan Ceilteach as an Aird-an-ear; na seana chleachdainnean


[186]

s na deas-ghnathan a thainig a nuas gar n-ionnsaidh troimh na linntean, ’s a ghabh freumh anns gach aites an do thuinich ar sluagh, —tha mig radh, co sam bith a ghabhas os laimh na nithe seann-aimsireil sin a thoirt gu riaghailt thuigsich, gu faigh e tomhas nach beag den chungaidh, deas ga laimh, ann an stòr-thigh Mhic Ghillemhìcheil; ann anCarmina Gadelica.’

titleCarmina Gadelica
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page