[187]

COMHRADH.

EOGHAN OG AGUS EACHANN RUADH, A’ COINNEACHADH AIR AN T-SRAID.

EOGH. —How do you do, Hector? Glad to see you! And how are you?

EACH. —An eatorras, gu robh maith agad Eoghain; ciamar a tha thu fein? Ach an do chaill thu do Ghaidhlig?

EOGH. —Cha do chaill, ’s cha chaill gus an caill min deo; ach shaoil leam thusa bhi cho fadas abhaile-mhor gum bi Bheurla bu deise leat.

EACH. —Chan i; chaneil annamsach duine maol-theangach, ’s chaneil de dheanchainn agam nas urrainn greim a dheanamh air cànain choigreach; ach foghnaidh dhomhsa an a dheoghail mi stigh le bainne na cìche.

EOGH. —Tha thu cur iongantais orm, Eachainn; shaoilinn-sa gum bfhasa dhuit achànain a thann ad chluasan a h-uile latha ghabhail a stigh, na greim a chumail air an nacheil thu cluinntinn ach fior ainneamh.

EACH. —Chan e an ni tha daonnans achluais a tha daonnans achridhe, Eoghain, agus is anns achridhe tha sinn, am bitheantas, atasgadh nan cuimhneachan air am motha meas againn, bitheadh no na bitheadh iad fiachail


[188]

annta fein; chan e nach dfheuch mi ris aBheurla, ach dhfhairtlich i orm.

EOGH. —Tut! chaneil an gnothach cho doirbhs a tha thu smaointeachadh. Thoir fainear mar a tha daoineilega labhairt. Leugh leabhraicheans achànain sin. Gleidh Faclair maith Gaidhlig lamh riut, ’s theid misen urras nach bi thu fadag ionnsachadh na Beurla.

EACH. —Mar thuirt an t-oganach o shean, “choimhead mi iad sin uilo moige;” ’s ged a choimhead, tha mise fathast gun Bheurla. Ach a bhig iomradh air an Fhaclair: chan e sin ach an gnothach ciogailteach a bhi smeachranachd air na Faclairean.

EOGH. —Ciamar sin, Eachainn?

EACH. —Matà bhon as tu am fear a thann, faodaidh mi innseadh dhuit mar a rinn am Faclair orm. Bha mi o chionn ghoirid ationndadh suas fhacal anns an Fhaclair Ghaidhlig, ’s thainig mi trasd air an fhacal, ‘gaothar’, ’s gu abheurla bhaigair achflatulent? ’Bha iongantas orm nach cuala mim facal soga chleachdadh aig muinntir na Beurla, ’s ghléidh mi cuimhnair— ’s tha mi coma ged nach do ghléidhach aig an àm shaoil mi gu robh e gle fhreagarrach air son na gaoithe cruaidhe, feanndaidh bhios, air uairean, asianail troimh chaol-shràidean abhaile so, le fead cho cruaidh ri fead-ghlaice.

EOGH. —Seadh, Eachainn, ach ciod a bha cearr air an fhacal? Ciamar a chaidh an gnothach air aimhreidh?

EACH. —Chaidh mar so: bha mi atoirt sràid don chuilein mhadaidh agam, ’nuair a thachair aon de dhaoine mora bhaile orm, ’s bhon a thuit e mach gu robh a


[189]

ghaoth car àrd, chuir mi failt air an duin’ -uasal le, “flatulent morning, Sir.

EOGH. —Ho! Ho! Ho! Ha! Ha! thubhairt e?

EACH. —Rinn e snodha gàire, ’s thuirt e, —agus sin ann an Gaidhlig cho maith ri mGhaidhlig-sa,— “Ciod, a dhuine bhochd aghaoth tha cur dragh ort?” ‘Tha ler cead,’ arsa mise, ‘an aona ghaoth as fhiosrach mise thighn riamh rathad abhaile so, —aghaoth- ’n-ear.’ “Nach cuimhne leat,” arsesan, “mar a thuirt a charaid ri Iob; an lion an duine glic a chliabh leis aghaoth- ’n-ear?”

EOGH. —So; nach e bha bearraideach. Thachair do sheise riut, Eachainn.

EACH.— ‘Anns abhaile so,’ arsa mise, ‘biodh daoine glic no amaideach, chaneil atharrach gaoth ann leis an lion iad am builg, gabhadh iad caol no reamhar i.’

EOGH. —Mo ghille geal!

EACH.— “Innsidh mise dhuit,” arsesan, “Ciod as còir dhuit-sa dheanamh; ’s ma ghabhas tu mo chomhairle, cha chuir gaoth an ear non iar dragh ort; cum do bheul duinte. Madainn mhaith leat.”

EOGH.— ’S dhfhag en sud thu?

EACH. —Dhfhag en sud mi; am sheasamh ann am chnap-starra air an t-sràid, ag amharc as a dheigh, ’s mi faicinn gu soilleir air a shlinneanan gu robh es na crithean agaireachdaich.

EOGH. —Fhuair e chuid a bfhearr dhiot, Eachainn. Nach iongantach leamsa thusa bhi cho maol-cheannach an deigh a bhi leithid a dhuines abhaile-mhor.


[190]

EACH. —Cion na Beurla, Eoghain; cion na Beurla. Bha Ghaidhlig so againne tuillidh is uasalna gne. Chan fhiach leatha iasad a ghabhail bho chànainean eile. Chan fhiach leatha a ceann a chromadh air aon doigh no doigh eile, ’s tha singa fagail air dheireadh.

EOGH. —Tha mi creidsinn nacheil thu fada cearr. Ach ciod a rinn thu an deigh don duin’ -uasal dealachadh riut?

EACH. —Cha do rinn dad as fhiach ainmeachadh. Thug mi suil air achù, ’s thug an suil ormsa, ’s thug sinn le chéile suil an deigh an fhir a bha nis adol as an t-sealladh aig oisinn na sràide, ach cha dthuirt sinn smid. Thionndaidh sinn air ball ar sron an aghaidh na gaoith- ’n-ears shèap sinn dachaidh.

EOGH. —An dinnis thu don mhnaoi mar thachair?

EACH. —Chaneil e soirbh diùrais a chumail o na mnathan. An deigh dhomh mo phiob a lasadh, thug mi fainear gun do thachair a leithid so a dhuin’ -uasal orm air an t-sràid. “An do thachair,” arsise, “Ciod a bha eg radh?” A nis, gu mi-fhortanach, cha robh breug deas agam, ’s cha robh uinagam air a dheanamh, ’s e bhann gun dthainig an fhirinn a mach, eadar mo lamhs mo thaobh.

EOGH. —Seadh, ’s gu thuirt i ri dBheurla?

EACH. —Cha dthubhairt an aon fhacal beag. ’Nuair a chual i an fhailte chuir mi air an duin’ -uasal, thog i a laimh mhìn-gheal, bhoidheach os cionn a curraichd; thionndaidh i gealagan a sul ris a chabar-dhroma; ’s an deigh dhi ruith chunntais a thoirt air cabair an fharaidh, chrom iceann


[191]

s thòisich i air figheadh na stocaidh a bhana h-uchd, mar gum be am meur a bu mhoille am meur a bu diombaiche.

EOGH. —Gabh mo chomhairle, Eachainn, agus loisg am Faclair sin.

EACH. —Tha miga dheanamh sin, Eoghainn; tha mi toirt stròic as an dràsds a rithist a chur teine ris aphiob an àite na h-eibhleig a babhaist domh chur innte.

EOGH. —Latha maith leat Eachainn; chi mi fathast thu mum fag mim baile.

EACH. —Latha maith leat fein, Eoghainn, ’s bi cinnteach gun tadhail thu mum fag thum baile, ach na abair smid mun bheurla mhoir agamsa. Latha maith leat.

titleComhradh
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page