OMAR KHAYYAM.
Am bard Persianach.
Mu’n àm ’s an robh Macbheath, —mu’n d’rinn Shakespeare an dan-cluiche a tha dol fo ’n ainm sin, —a’ gleachd air son a chinn ’s a chrùin an aghaidh feachd Chaluim-a- Chinn-Mhoir, thainig an duin’ ainmeil so, Omar Khayyám, thun an t-saoghail. Agus mu ’n àm ’s an robh Mànus Casruisgte, Righ Norway, a’ tarruing a luinge trasd an fhearainn aig an Tairbeart Cheinntrich, air chor ’s gu rachadh aig’ air a radh gu ’m b’ eilean Cinntìre, fhuair Omar bàs. Tha e, mar sin, mu thuaiream ochd ceud bliadhna bho ’n a chuir Omar r’a chéile na rannan sin a dh’ fhag e ’n a dheigh fo ’n ainm air a bheil iad air an cur a mach,— “An Rubáiyat aig Omar Khayyám.”
Cha ’n ’eil cinnt air a’ cheart bhliadhna ’s an d’ rugadh e, ach tha fhios gur ann am baile beag dluth air Naishapùr, ann an roinn Chorassain de rioghachd Phersia a thachair dha bhi air a bhreith.
Feumar a radh ged a bha ’n duine so ainmeil ’na latha ’s na linn fein, nach d’ thainig ach fior bheagan de mhion-chunntas mu bheatha nuas g’ar n-ionnsuidh. Tha e coltach gu robh a pharantan an staid chothromaich, oir fhuair Omar an t-ionnsachadh a b’ fhearr a bha dol aig an àm. ’S
ann an Ard-oil-thigh Naishapùir a fhuair e fhoghlum, ’s a reir coltais, rinn e deagh bhuil de ’n teagasg a fhuair e. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu dhéighinn so:
“Luchd foghluim theagaisg dhomh gach ni fo ’n ghrein,
’S thug mi, gun teagamh, leam na b’ eol daibh fein;
Ach brigh an iomlain dhomh, de’n eolas bhaoth,—
Mar uisge thàinig mi is théid mar ghaoth.”
Aig an Oil-thigh, chuir e eolas air dà ghill’ òg, comh-aoisean dha fein, d’ am b’ ainm Abdul-Khassan agus Hassan Sabbah. Is ann bho aon dhiubhsan, Abdul-Khassan, a fhuaradh a’ mhor-chuid de na ’s aithne dhuinn mu dhéighinn Omair. Mu ’n d’ fhag an triuir ghillean òga so an t-Oil-thigh rinn iad co-chordadh eatarra fein, gu ’m biodh iad cuimhneach mu chàch a chéile, agus co air bith dhiubh a thigeadh gu inbhe ard ’s an t-saoghal, no a dheanadh saoibhreas, gu’n cuimhneachadh e air càch. Fhuair Abdul-Khassan air aghaidh gus an robh e, mu dheireadh, ’na Ard-riaghlair air an rioghachd, fo Alp Arslan, a bu righ air Persia aig an àm. Chum Abdul r’a ghealladh; thug e àit ard do Hassan Sabbah an cùirt an righ, agus thairg e leithid eile do dh’ Omar; ach chuir esan cùl ris an tairgse so, ag radh gu ’m b’ fhearr leis a bhi air a dhoigh fein, gun suim, gun churam, ag òl fiona ’s a’ deanamh rann; no mar thuirt e fein ann an té de na rannan sin:
“Thoir crioman arain dhomh is searrag fhion’,
Leabhar rannan, mar-ri caraid mìn,
Is craobh an fhasaich deanamh sgàil o ’n ghrein;
O, bhiodh am fasach dhomh mar Phàras fein!”
’Nuair a chunnaic Abdul-Khassan so, agus speis mhor a bhi aige de dh’ Omar, thug e dha còir, ann an saor dhuais, air roinn mhaith de theachd-a- stigh a’ bhaile-mhoir, Naishapùr, anns an robh Omar a’ gabhail comhnuidh. Beagan bhliadhnachan ’na dheigh sin, thug e dha lan ughdarras thairis air Ard-Observatory na rioghachd. Tha e againn air ughdarras Tarik-ul-Hukama, gu ’m b’ e Omar duine a b’ fhoghluimte ’s an rioghachd, cha b’ ann a mhain anns gach foghlum a bha cumant’ am Persia, ach gu robh e fiosrach ann an litreachas na Gréige. A bharr air so, chaith e cuid d’a uine a’ geur-bheachdachadh air oibrichean Naduir, ’s air na laghanna nadurra bha riaghladh gach ni cho fhad ’s a bu chomasach dha sin fhaotainn a mach. Chaith e earrann eile d’a uine ri speuradaireachd. Cha chuir e, mar sin, iongantas oirnn gu robh an Observatory air a cur fo churam; ach chuireadh e iongantas gu leòir oirnn na’n creideamaid an teisteas a bha e toirt air fein, ’s e sin nach robh ann ach am misgear. Tha e ’g innseadh dhuinn mar so.
“Anns an tigh-òsda rinn mi m’ fhail ’s an smùr,
Is dhealaich mi ri m’ chòmhdach ann ’s ri m’ thùr;
Gun dùil, gun dochas, is gun eagal Dé,
A’ snamh gu ceolar ann an gloir gun stéidh.”
Co as urrainn so a chreidsinn air duine bha cho foghluimte ’s a bha ’n duine so a reir teisteas a chomh-aoisean fein, ’s a bha am mor urram aig uachdarain na rioghachd, ’s a dh’ ath-leasaich Mìosachan Phersia, gus an d’ fhag e cho neo-mhearachdach e ’s a tha am Mìosachan againne air an latha-diugh?
Tha Abulfeda, an t-eachdraiche, a’ daingneachadh ughdarrais eile thaobh foghluim agus farsuinneachd eolais Omair, ach tha e cur ris na dh’ fhoghluim sinn bho chàch, gu robh Omar toigheach air bardachd ’s air fearas-chuideachd, ’s nach robh e cur moran luach air fhoghlum fein, no air na nithe sin a rinn e choimhlionadh. Tha e fein ag innseadh dhuinn mu thiomchioll a’ Mhìosachain, nach do rinn e de dh’ ath-leasachadh air ach an la-dé a chaidh seachad a dhubhadh a mach, ’s gun suim a ghabhail de ’n la-màireach nach d’ thainig fathast. Tha so a’ toirt ’n ar cuimhne briathran Fear-teagaisg a b’ àirde na Omar: “No biodh ro-churam oirbh mu thiomchoil an la-màireach; is leòir do ’n latha olc fein.” Tha Omar, mar so, gu minic, a’ cur firinnean cudthromach an ceill, ach air mhodh cho caoin-shuarach ’s gu faodar, gu tric, gabhail thairis orra gun mhoran suim a thoirt d’ am brigh. Aig a’ cheart àm, tha e soilleir gu leòir nach robh e fein idir cho suarach mu na nithe sin ’s a bha e gabhail air. Gheur bheachdaich e air laghanna suidhichte naduir, ’s thug e fainear grian is gealach, reult is talamh, cho cinnteach, neo-mhearachdach, a’ gleidheadh, le chéile, an cùrsa suidhichte chaidh orduchadh dhaibh o thùs. Gach creutair a reir a’ ghne a’ coimhlionadh na criche chum an do chruthaicheadh e. An duine mhain, a reir coltais, air a thilgeadh air an t-saoghal, gun stiuir, gun chompaist, gun chairt-iuil air an seol e, agus buailteach gu bhi air a thilgeadh thuig’ agus uaithe leis gach gaoth a shéideas. Is ann mar so, a reir coltais, a thaisbean na nithe sin iad fein d’a inntinn. Chaidh e cho fhad ’s a bheireadh solus is eolas naduir e ’na oidheirp a dh’ fhaotainn freagairt do ’n cheisd chudthromaich sin, ciod e do ghnothach-s’ an so, Omair? Tha e fein ag radh,
“O mheadhon talmhainn dh’ eirich mi gu seimh,
Gu cathair Shatuirn anns an t-seachdamh neamh
’S ged dh’ fhuasgail mi ’s an t-slighe iomadh dul,
Cruaidh-shnaim ar crannchuir dh’ fhairtlich orm gu tur
Ann an àit eile, tha e ’g radh mu ’n ni cheudna,
“An so tha sinn air chuairt fad là no dhà,
Air bheagan buannachd dhuinn ach péin is cràdh;
’S a’ fagail ceisd ar bith gun fhuasgladh réidh,
An rathad gabhaidh sinn gun suil ’n ar déigh.”
Cha ’n ann idir troimh aineolas air teagasg Eaglais a dhuthcha a bha inntinn Omair ’s an t-suidheachadh so, ach a chionn nach b’ urrainn da moran de ’n teagasg sin a chreidsinn. Bha lan-fhios aige gu robh cheart uidhir fiosrachaidh aige fein mu na nithe sin ’s a bha acasan a bha gabhail os laimh a theagasg. Bha ’n Eaglais laidir aig an àm; ’s e sin ri radh, bha Chléir lionmhor, agus a’ gnathachadh cumhachd mor thar an t-sluaigh; ach bha iad fein saoghalta agus cealgach. Cha b’ urrainn, mar sin, gu ’m biodh mor-bhàigh aig Omar ris a’ Chléir, ’s cha mhò a b’ urrainn gu ’m biodh spéis aig a Chléir de dh’ Omar. ’S e mar bha, na’m bu duine cumant’ e, nach robh bheatha tearuinte ’n am measg; ach bha meas mor aig an righ air Omar, agus b’e ard-fhear-riaghlaidh na rioghachd a shar-chompanach. Cha robh e, mar sin, soirbh do ’n Chléir am mì-run ’na aghaidh a thoirt gu buil. Chaidh, gun teagamh, casaid no dhà chur ’na aghaidh air son a mhì-chreidimh, ach bha Omar cho eolach ’s a’ Chóran (leabhar naomh luchd-leanmhuinn Mhohammed), ’s a bha iad fein, ’s bha e daonnan deas a dhearbhadh gur ann aige-san a bha an creideamh fior, ’s gu robh a luchd-casaid tur am mearachd.
Cha robh aca, mar sin, ach cur suas le Omar mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad, ach bha e fein ’s a rannan “mar sgolbaibh ’n an taobhan.”
Bha gnothaichean a’ dol air an aghaidh mar so, Abdul Kassan a’ riaghladh na rioghachd gu sicir, teòma; Omar, a reir a chunntais fein, ag òl fiona ’s a’ deanamh rann, ach, aig a’ cheart àm, a’ toirt fainear gu robh a’ ghrian ’s a’ ghealach ag eirigh ’s a’ laidhe aig na h-amannan suidhichte; agus a’ Chléir, faodaidh sibh a bhi cinnteach, a’ gleidheadh suil bhiorach air giulan Omair.
Bha aon eile de ’n triuir chompanach a rinn an co-chordadh a dh’ ainmich mi; b’e sin, Hassan Sabbah, esan d’ an d’ thug Abdul Khassan an t-àite ’n cùirt an righ. Bu duine comasach Hassan air doigh no dhà, ach an daor-shlaightire ’na dheigh sin. Aig an àm so, bha e strì, gu cealgach, ris an fhear a bhuilich an t-àit air a chur as a riaghlaireachd, agus e fein a chur ’na àite. Cha do shoirbhich sin leis; chaidh a chuilbheartan a dheanamh follaiseach ’s chaidh fhogradh a mach as an duthaich fo throm mhasladh.
Cha ruigeamaid a leas tuillidh gnothaich a ghabhail ri Hassan, ach gu ’n do thachair, gu mi-fhortanach, gu ’n d’thug e aon ni gu crich a bhean gu dluth ri leas Omair. ’Nuair a dh’ fhag Hassan cùirt an righ, thug e cearn iomallach de ’n duthaich air, far an do chruinnich e mu ’n cuairt air buidheann de dhaoine coirbte mar e fein. Shuidhich iad iad fein am measg bheanntan iomallach an àite sin, leis an run shuidhichte gu ’n cuireadh iad gu bàs gach aon de dhaoine-mora na rioghachd, an aghaidh an robh gamhlas aca. Air
son na criche so, chuir iad a mach teachdairean diomhair am fad ’s am fagus, agus troimh ’n cuilbheartan chaill iomadh duine fiachail a bheatha, agus am measg chàich Ard-riaghlair na rioghachd, Abdul Khassan.
Bha so ’na bhuille gle throm do dh’ Omar, ’s bha e air a leantainn le buill’ eile, neo-air-thaing cho trom, ann am bàs an righ, Malik Shah, aig an robh mor spéis do dh’ Omar. Thainig am bàs car obann air an righ, ’s cha b’ ann gun amharus a bhi air an droch dhuine so, Hassan, gu robh lamh aig’ ann.
Tha e car iongantach gu ’n d’ fhuaradh iomradh ’s na cearnan so air Hassan iomadh linn mu ’n d’ thainig cliu a chompanach fhiachail gu ’r n-ionnsuidh. Thàtar ag radh gu ’n d’ thainig na Crusaders trasd air ’s an Airde-n- ear, ’s gur e droch chliu an t-saoghail a bha ac’ air. Tha e air a radh, mar an ceudna, gur ann bho ainm an duine so a thainig am facal a tha againn ’s a’ bheurla a’ ciallachadh mortair, ’s e sin assassin, ach biodh so mar a dh’ fhaodas e, cha bhi tuillidh gnothaich againn ri Hassan Sabbah.
Ann am bàs an righ agus an ard-riaghlair, chaill Omar an cul-taice cumhachdach a bh’ aige ’s na daoine sin. Bha e nis soilleir dha gu feumadh e tuillidh faicill a ghnathachadh a thaobh na Cléire. À chum na criche so, rinn e’n turus sin a tha mar fhiachaibh air gach deagh Mhohammedanach a dheanamh, ’s e sin, an turus gu Mecca, far a bheil Ard-theampull an Fhàidh aca. Tha ’n teampull so do na Mohammedanaich, mar a bha teampull Ierusaleim do na h-Iudhaich. An deigh so cha do chuir a’ Chléir uidhir dragh air Omar; cha ’n e gu ’n do leig e dheth a bhi deanamh
rann ’s ag òl fiona; ach, maith dh’ fhaoidhte, nach robh iad cinnteach dé cho fhad’ ’s a bha e glic dhaibh dol an aghaidh duine cho comasach air e fein a dhion ’s a bha Omar.
Bha, a reir coltais, meas mor aig a’ ghineal òg a bha faighinn am foghluim aig an Oil-thigh air Omar. Bha e cleachduinn a bhi labhairt gu follaiseach riu mu nithe bhuineadh do theagasg, gu sonraichte mu fheallsanachd. Thainig aon de’n òigridh sin a thachair a bhi dol air thurus a dh’ fhaicinn Omair, ’s a dh’ fhagail beannachd aige mu ’n trialladh e air a thurus. Bha Omar a nis ’na sheann duine, ’s ’nuair a bha e dealachadh r’a charaid òg, dh’ fheoraich e dheth, cuin a bha fiughair aige bhi air ais? Dh’ innis a charaid sin da. “Mata,” ars’ Omar, “cha bhi mise romhad ’nuair a thilleas tu, ach gheibh thu m’ uaigh far an comhdaichear i gach bliadhna le blàth an ùr-chéitein.” Chuir so iongantas air an òganach, oir tha e ionann ’s air a thoirmeasg anns a’ Chóran do neach sam bith a radh c’ àit am bi e air adhlac. ’Nuair a thill an gill’ òg so bharr a thuruis, dh’ fharraid e air son Omair, ’s chaidh innseadh dha nach bu bheo e. Chaidh e air ball a shealltainn air son uaigh an duine chòir, ’s fhuair e i dluth air lios mheasan, agus an leac-lighe comhdaichte leis na blàthan a bha tuiteam bharr nan craobh.
“Co-dhiù aig Babilon, no Ispahán;
Co dhiù tha’ n cup de mhil no dhomblas lan,
Tha fion na beatha sruthadh, braon air bhraon;
Tha chraobh a’ call a duille, aon air h-aon.”
So mar bheachdaich Omar fein air laithean an duine, ’s faodaidh sinn a thoirt fainear nach ’eil a bhriathran eu-
cosmhuil ris na briathran a chuireadh am beul Iob air an ni cheudna:
“Amhluidh mar shruth a ruitheas bras,
’S nach pill air ais r’a shliabh;
Tha latha ’s bliadhna ’s linn dol seach,
’S cha phill ri neach an triall.”
’S e bha mhiann orm ’s an àite so, an deigh cunntas aithghearr a thoirt dhuibh air beatha ’n duine so, dol air m’ aghaidh a labhairt air a’ ghne bhardachd a dh’ fhag e ’na dheigh; agus a chur fa ’r comhair an t-eadar-dhealachadh a tha eadar inntinn Omair, mar tha i air a foillseachadh dhuinn ’na bhardachd, agus inntinn nan daoine air a bheil sinn eolach ann am bardachd ar duthcha fein. A chum na criche so, thionndaidh mi cuid de rannan Omair gu Gaidhlig, air son an cur taobh ri taobh ri cuid de rannan nam bard againn fein, a leigeil ris dhuibh an t-eadar-dhealachadh a tha am bheachd; ach tha e soilleir nach ceadaich an uine dhuinn dol cho domhain ’s a’ chùis aig an àm. Faodaidh mi, air a shon sin, a chomharrachadh a mach dhuibh, ann am beagan fhacal, far a bheil am bard Persianach agus a’ mhor-chuid de na baird Ghaidhealach a’ dealachadh gu tur.
Tha, mar is trice, na baird Ghaidhealach, a’ sealltuinn air aghaidh Naduir, le suil gheur, shoilleir, ’s a’ cur an céill ann an cainnt phoncail, dhealbhaich, an ni mar a tha e ’ga thaisbeanadh fein do ’n t-suil, ach is ainneamh leo Nadur a cheasnachadh, —ciamar tha sud mar sud, no c’arson a tha so mar so. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil am bard, air uairean, a’ cur tuillidh dreach air an ni na tha barantas aig’ o’n t-suil air a shon. ’Nuair a tha Alastair Mac Mhaighstir
Alastair, a’ comhdachadh bruachan Allt-an-t- siùcair le lusan a bha eu-comasach a bhi lathair do ’n t-suil, —ma bha iad idir ’s a’ choimhearsnachd, —air a’ ‘mhaduinn chubhraidh chéit,’ air a bheil e seinn; ’s an uair a tha Donnachadh Bàn ag ainmeachadh “fàileadh nan su-craobh is nan ròsan” am measg nan nithean taitneach a bha ri ’m faotainn air Beinn-Dòrain, tha amharus againn gur ann a mhain an suil na h-inntinn a bha na nithe sin, ’s nach robh iad a lathair do ’n t-suil chorporra. Ach biodh sin mar a dh’ fhaodas e, ’s e tha mi ciallachadh gur e mhain aghaidh naduir a tha iad a’ toirt dhuinn, agus nach ’eil iad ach fior ainneamh a’ dol na ’s doimhne. Tha Omar, air an laimh eile, daonnan mothachail nach ’eil ’s an t-suil ach an sgàthan air a bheil faileas an ni air a thilgeadh, ’s gur ann ’s an inntinn a gheibhear brigh an ni, ma tha e idir r’a fhaotainn. Tha e sealltainn air aghaidh naduir le suil thlusail, bhàigheil, ’s a’ toirt fainear a’ Chéitein,
“Le lamh gheal Mhaois a’ comhdach’ gheug le blàth,
Is anail chubhraidh Chriosd toirt beatha ’s fàis.”
Ach tha e ghnath a’ strì ris a’ chùirtein a thogail bharr aghaidh naduir, ’s tha e diombach a chionn gu ’n do dhiult nadur an diomhaireachd fhoillseachadh dha.
“A ghaoil, na’m b’ urrainn dhuinne ris-san strì,
’S tuigs’ fhaotainn air stiédh shuidhichte an ni,
Nach brisdeamaid ’na bhloighdean e, ’s a rìs
Ath-dhealbh na ’s dluithe do lan run ar crì’ .”
Ach tha daonnan an roinn-bhrat dorcha sin eadar e fein agus am fiosrachadh a b’ àill leis fhaotainn. Tha e ghnath, aghaidh ri aghaidh, ris an dorus ghlaiste sin air son nach d’fhuair
e ’n iuchair. Tha mar so na baird againne a’ sealltainn air nadur o’n taobh a muigh. Tha iad a’ gabhail ri ordugh na cruinne mar a tha sin ’ga thaisbeanadh fein dhaibh, ’s mar a tha iad fein ’ga thuigsinn. Ach calg-dhireach an aghaidh sin a bha an spiorad ’s an robh Omar a’ sealltainn air an t-saoghal. An àite gabhail ri suidheachadh na cruinne mar a tha sin ’ga fhiosrachadh fein dhuinn, ’s ann a bha esan a’ cruaidh-ghleachd an aghaidh nan cuibhreach leis an robh an suidheachadh sin ’ga chumail ceangailte; cuibhrichean, a reir a bheachd-san, nach robh idir cothromach, ’s an aghaidh an robh e ghnath a’ cruaidh-ghearan, —mar eisimpleir,
“Ri m’ ghearan eisd-sa anns na neamhan shuas;
Cuir saor o m’ chuibhrichean mi, ’s gabh dhiom truas;
Ma ’s ann do ’n phràbar a tha ’m fàbhar tric,
Seall air mo chàs-sa, cha ’n ’eil mi ro ghlic.
Thuirt mi gu ’n do ghabh na baird againne ri ordugh na cruinne mar bha iad fein a’ tuigsinn sin. Maith dh’fhaoidte gu ’m biodh e na bu dluithe do ’n fhirinn na’n abrainn gu’n do ghabh iad ri teagasg na h-Eaglais air a’ chùis, agus sin gun bhi air an gluasad a nunn no nall le teagamh, no le spiorad neo-chinnt sam bith. Theagamh gur e so an t-aobhar nach ’eil iad a’ gabhail tuillidh gnothaich ri taobh spioradail na cùise. Co-dhiù, tha sinn ag ionndrainn, anns a’ mhor-chuid de bhardachd ar duthcha, na sula tha sealltainn troimh nadur a mheorachadh air a’ chumhachd a tha air a cùl. Chuir Omar, air an laimh eile, cùl ri teagasg Eaglais a dhuthcha fein, a chionn nach b’ urrainn da mhor-chuid de ’n teagasg sin a chreidsinn. Chaidh inntinn dhomhain, gheur, a bhuileachadh air gu nadurra, ’s bha ’n inntinn sin air a neartachadh
’s air a h-uidheamachadh gu fialaidh leis a’ ghne oilein a fhuair i. Cha robh e comasach d’a leithid sin de dh’ inntinn a bhi sasaichte le faoin sgeul, no baoth-mhìneachadh air ni sam bith leis am bu mhaith leatha eolas cinnteach fhaotainn. Bha Omar, mar so, a reir earail an Abstoil, a’ strì ris na h-uile nithe dhearbhadh, ach cha robh e furasda dha dearbhadh a riarachadh inntinn fein fhaotainn air ni sam bith. Bha e, gu sonraichte, neo-thoilichte le cho beag soilleireachaidh ’s a fhuair an duine air ciall a thuruis fein troimh ’n t-saoghal so; a chor truagh ré a thuruis, agus cho neo-dhaingnichte ’s a tha bunait a dhochais air son saoghal as fearr. Faodaidh sibh a bhi cinnteach nach robh e taitneach do ’n Chléir an leithide so de cheistean cruaidh a bhi air an cur cho fosgailte le a leithid so de dhuine. Duine bha ’g òl fiona gu follaiseach; ni a tha air a thoirmeasg ’s a’ Chóran; agus a’ deanamh rann anns an robh buaidhean an fhiona sin air an àrd-mholadh. A thuillidh air sin, duine bha cur teagamh anns an neamh a bha iadsan a’ teagasg a bha air ullachadh fa ’n comhair-san a bha dileas do ’n chreideamh air thalamh; neamh anns a bheil òighean maiseach a’ frithealadh orrasan a tha troimh chreideamh air an deanamh iomlan. Cha b’e sin a’ ghne neimh a shasaicheadh Omar, no a bha idir ’na bheachd; tha e fein ag radh,
“Ri neamh ’s ri ifrionn sheall mi suas ’s a sios;
Troimh chuairt na siorruidheachd ’s air m’ ais a rìs;
Thuirt Aosd nan Laithean rium gu robh o chein,
Mo neamh is m’ ifrionn ann am anam fein.”
Tha na cùisean a bhi mar so eadar Omar ’s a’ Chléir, agus an staid neo-chinnt ’s an robh e mu thimchioll nithe spioradail,
a’ mìneachadh, ann am mor thomhas, a’ bhlais ghairg a tha air cuid d’a rannan:
“Do mheas na cinnt cha spion thu dearc no dias;
An ceum do ’n fhion-lios sin cha d’ fhuair thu riamh.”
Mar so, ’nuair chunnaic Omar nach b’ urrainn da na b’ fhearr a dheanamh dheth, shuidh e sios, ma ’s fhior e fein, a dh’ òl fiona ’s a sgriobhadh rann, a’ dubhadh a mach an la-dé chaidh seachad, ’s a’ cumail inntinn saor bho iomaguin mu ’n la-màireach nach d’ thainig fhathast,
“A! lion an cupan, ciod am feum bhi ghnath,
A’ caoidh na h-aimsir a chaidh seach cho tràth;
An dé chaidh seach, ’s am màireach co a chì,
Ma tha ’n diugh taitneach, meal e reir do chrì’ .”
Bu choma leis daoine a bhi ghnath fo ro-churam mu thiomchioll nithe an la-màireach; dhaibh-san thug e chosmhalachd so:
“Thuirt breac ri tunnaig, ‘teicheamaid gu luath,
Mu ’n tràigh an linne gus an grinneal cruaidh’.
Ars’ ise: ’nuair bhios mise spìonte ’s ròist’,
Ged thràigheadh an cuan tioram, dé sin domhs’ ?”
Fo chleoc a’ mhi-churam leis an robh Omar ’g a chomhdachadh fein, bha cridhe suairce, bàigheil, truacanta. Tha e rìs agus a rìs ’g ar n-earalachadh an aghaidh a bhi neo-fhulangach a thaobh muinntir eile:
“Do d’ charaid, seadh, ’s do d’ namhaid, caoimhneas nochd;
Cha dealbh an cridhe bàigheil ceilg no lochd;
Ni mì-run namhaid dhuit á caraid gràidh,
’S ni caoimhneas caraid dhuit á broilleach nàimh.”
’S a rithist:
“Ach thar gach ni, do bhràthair bochd na claoidh,
’S na buair gu h-aimhreiteach a chlos a chaoidh;
Ma ’s àill leat sonas siorruidh bhlasad tràth,
Pian t’ anam fein, ach caomhain péin do chàch.”
Tha fhaireachduinnean fein a’ dol a mach thun gach creutair; thun luibhean na machrach, —eadhoin an dus fo bhonnaibh a chas a’ faighinn cuid d’a aire, ’nuair a tha e ’g iarraidh air a charaid,
“Gu h-aotrom saltair air an dus fo d’ bhuinn,
’S gu’m b’ aon-uair blàth-shuil e na h-àilleig dhuinn.”
Na linntean do-aireamh a chaidh seachad bho ’n a thainig an duin’ air thùs a dh’ àiteach na talmhainn; na muillionan thar chunntais do shluagh a thainig ’s a dh’ fhalbh ré nan linntean sin; gach aon neach fa leth dhiubh, a’ cur seachad a latha ghoirid, thrioblaidich fein, ’s an sin, a’ snàg air ais thun an duslaich as an d’ thainig e. ’S e, gun teagamh, a leithid so de smuain a bhrosnaich an inntinn Omair an earail d’a charaid,
“Gu h-aotrom saltair air an dus fo d’ bhuinn.”
So agaibh a rìs a’ cheart smuain air dhoigh eile,
“Chunnaic mi creadhadair a’ fuineadh crèadh,
’Nuair rinn i labhairt ris gu soitheamh, sèimh;
‘Gu réidh, a charaid; guidheam ort, gu réidh;
Ceart mar tha thusa ’n diugh, bha mise ’n dé!”
Cha ’n e mhain an duslach a bha co-cheangailte r’ar daonnachd a tha tighinn g’ar n-ionnsaidh a rìs ann an cùrsa
naduir; ach aig a’ cheart àm, fathunn mu dhéighinn a’ sruthadh thugainn troimh na linntean a chaidh seachad:
“Nach d’ thainig sgeul oirnn troimh na linntean céin,
A cheart co-ionann ris an ni so fein;
Mu ’n cheud chlod ùrach sin an tùs an ré,
D’ an d’ rinneadh duine, ann an cruth a Dhé.”
An duine sin a dhealbhadh ann an cruth a Dhé, ’s air an do bhuilicheadh anam mar shrad neamhaidh, do-mhuchte, comasach air nithean àrda ghabhail a steach, ’s an rannsachadh; ach do nach do cheadaicheadh uile dhiomhaireachd na beatha so fhaotainn a mach. An duslach ’s an do ghabh an spiorad so comhnuidh ré seal, a nis ’ga luasgadh le gaoth an fhàsaich, ’s air a shaltairt fo bhonnaibh chas, a’ dusgadh ann an Omar smuain mu chor an duine ’s an t-saoghal, ’s a’ geurachadh inntinn gu bhi meorachadh air eachdraidh ’s air crannchur ar daonnachd bho ’n
“Cheud chlod ùrach sin an tùs an ré,”
gu
“Ard ghairm na druma, ’s crìoch a’ chruinne ché.”
Sin agaibh, mata, an gleus air an robh Omar a’ seinn; gleus, maith dh’ fhaoidte, nach taitinn ri cluasan a tha cleachdte ri ceol as binne. Tha gleus no dhà ann air a faodar ceol a sheinn, ach cha ’n ’eil aona ghleus ann a fhreagras do na h-uile ceol.
Bho na h-eiseimpleirean a thug mi dhuibh, bheir sibh fein fainear an t-eadar-dhealachadh mor a tha eadar bardachd an duine so agus bardachd nan daoin’ againne. Tha, gun teagamh sam bith, eadar-dhealachadh mor eadar an dà
dhuthaich, —duthaich na h-àirde-n- ear, agus duthaich na h-àirde-n- iar, —agus tha fhios agaibh gu bheil buaidh àraidh aig a’ choimhearsnachd ’s a bheil duin’ air a thogail, air an taobh a dh’ ionnsaidh an aom a chàil. A dheanamh so na ’s soilleire dhuibh: ’nuair a tha Donnachadh Bàn a’ taomadh a mach a chridhe fein a’ moladh nam beann ’s nan gleann am measg an robh e air àrach, ’s d’ an d’ thug e a leithid de spéis, tha sinne mothachail air ar cridhe fein a bhi mosgladh an co-fhulangas ri faireachduinnean a’ bhaird, direach a chionn gu bheil a bhriathran a’ toirt fa chomhair ar n-inntinn gach àit’ is cuspair taitneach, am measg an robh sinn fein air ar n-àrach, ’s a dhruigh cho domhain ’n ar nadur:
“B’e sin an sealladh éibhinn,
Bhi ’g imeachd air na sléibhtean,
’Nuair bhiodh a’ ghrian ag éirigh,
’S a bhiodh na féidh a’ langanaich.”
’S e so guth na h-àirde-n- iar. Cha ’n ’eil guth na h-àirde-n- ear uile gu leir cho binn. A reir coltais, cha do dhruigh aghaidh a dhuthcha fein cho domhain an cridhe Omair; ach so agaibh facal d’a ghuth cho fad ’s a tha sin a’beantainn ri aghaidh a dhùthcha. Tha e cuireadh a charaid thun
“Na stiallaig lombair air nach crom an spréidh,
Eadar am fàsach is an t-àiteach réidh;
Is far nach luaidhear ainm an rìgh no ’n deòir’:
O, sìth do Mhamud air a chathair òir.”
Cha ghluais so cridhe aon againne; “ ’S e farsuinneachd an t-sleibh” a b’ fhearr a thigeadh ruinne na “an stiallag
lombair air nach crom an spréidh.” Ach cha ’n ’eil uin’ air dol na ’s fhaide. Dh’ fheuch mi ri seorsa beachd a thoirt duibh air Omar Khayyám, mar as aithne dhomhs’ e. Chuir mi eisimpleir no dhà d’a rannan fa ’r comhair, sgeadaichte ann an deise Ghaidhealaich; ach faodaidh mi innseadh dhuibh, nach ’eil e idir soirbh na rannan aig Omar a thionndadh gu Gaidhlig. Tha iad air an cur r’a cheile cho teann, chruaidh, sgaiteach, ’s nach ’eil e furasda doigh labhairt fhaotainn ’s a’ chànain againne freagarrach air an son. Cha d’ fheuch mi uime sin, ris an litir a leanachd, ach a mhain brìgh an ni a thoirt duibh cho dluth ’s a b’urrainn domh sin a dheanamh. Is airidh bardachd Omair, mar bhardachd, air a’ chliu as àirde, a reir mo bheachd-sa, ach tha mi creidsinn nach taitinn i ris a h-uile h-aon; ach co d’ an urrainn a h-uile h-aon a thoileachadh?
title | Omar Khayyám |
internal date | 1907.5 |
display date | a1908 |
publication date | 1910 |
level | |
reference template | MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p |
parent text | Òraidean is sgeulachdan |