[5]

A’ Chaora Dhubh

’S e Tòmas an aon chroitear as aithne dhomh a dh’èirich gu inbhe taidhcùn. Rinn e sin tro dhìcheall, obair chruaidh agus tàlant malairt a bha neo-ghnàthach. An-diugh tha iomadh companaidh na ainm air feadh na Gàidhealtachd. Bha seachdnar de theaghlach aige, ceathrar mhac agus triùir nighean, agus bha a h-uile fear is anns a’ mhalairt ach Rob.

B’ e Rob a b’ òige agus lean e an sgoil. Nuair a ràinig e an t-oilthigh bha càch airson gun ionnsaicheadh e cunntasachd, a bhiodh feumail anns a’ mhalairt, ach ’s ann a bha ùidh-san ann an ealain. Dh’fhàg e an t-oilthigh agus chaidh e do sgoil ealain. Bha cuibhreann aige bho athair a bha tuilleadh ’s gu leòr airson fheumalachd ged a bha e dèidheil air a’ bhotal, agus cha robh e a’ dèanamh spàirn sam bith airson faighinn air adhart san t-saoghal. Bhiodh e a’ dèanamh sgrùdadh ealain do phàipear-naidheachd agus corra dhealbh, ach bha a chaitheamh-beatha glè fhada bho ùpraid muinntir Thòmais, no ‘mafia’ Thòmais, mar a chanadh e fhèin. Nuair a dh’innis e gu robh e air nighean a thoirt a dh’fhuireach còmhla ris, thuirt Tòmas ri càch, “Tha Rob againne ron ghaoith, agus millidh aon othaisg chleimheachd an treud.” Chuir e fios air a’ mhinistear agus thuirt e ris a dhol an sàs ann an Rob nuair a thigeadh e dhachaigh as t-samhradh.

’S ann an taigh Aonghais a’ Bhàillidh - caraid a bha còmhla ris san sgoil - a bhiodh Rob a’ fuireach nuair a bhiodh e aig an taigh. Bha muinntir Thòmais air an clachan fhàgail o chionn fhada. B’ fheudar do Aonghas an t-oilthigh fhàgail leis a’ chaitheamh - tinneas a bha


[6] cumanta aig an àm. Cha robh e a-nise comasach air obair a dhèanamh, agus seach gu robh a leithid a dh’eagal aig daoine ron tinneas a bha air, bha e glè aonaranach. Mar a bha nàdarrach, cha robh muinntir Thòmais airson gum biodh Rob a’ dol faisg air an euslainteach, gun luaidh air a bhith a’ cadal san aon taigh ris. Ach chan èisteadh Rob riutha, agus ’s ann an taigh Aonghais a chaidh an t-Urramach a bhruidhinn ris.

Loisg e a’ chiad urchair anns a’ bhad. “A bheil thu a’ tuigsinn gu bheil thu dol a’ bhàsachadh?” ars esan.

Tha gu dearbh,” arsa Rob, le gàire, “ach ’s e an rud mu dheireadh a tha dùil a’m a dhèanamh.”

Cha robh fiù fiamh a’ ghàire air aghaidh mhòir, bhrògaich an Urramaich. Cha robh e cleachdte ri còmhradh faoin. Thòisich e a’ faighneachd an robh fios aig Rob gu robh siud is seo anns a’ Bhìoball, agus thòisich Rob ag innse dha rudan eile a tha anns a’ Bhìoball. “Nach tuirt Dia ris an nathair, ‘Air do bhroinn imichidh tu’. mar a bha i ag imeachd roimhe? Na leugh thu Lebhiticus XX:21 agus Deuteronomi XXV:5? Nach eil iad calg-dhìreach an aghaidh a chèile? Na mhothaich thu gu bheil naoi dhe na h-àithntean àicheanach? Chan eil iad ag iarraidh ort càil fialaidh no feumail a dhèanamh. Tha thusa a’ taghadh a h-uile ceann-teagaisg a tha toirt taic dhan t-saobh-chràbhadh agad fhèin.”

Tha argamaid dhen t-seòrsa seo a’ dèanamh gu leòr de theas ach glè bheag de sholas, agus mu dheireadh dh’èirich am ministear, aghaidh dearg feargach, agus chrath e a làmhan. “Imich air mo chùlaibh, a Shàtain,” ars esan.

Bha Rob a’ gàireachdainn, agus dh’èigh e às a dhèidh: “Leugh na Britheamhan 1-19.”


[7]

Nuair a dh’fhalbh am ministear thug Aonghas a-mach am botal. “Faodaidh sinn comanachadh a-nis,” ars esan.

Chaidh am ministear gu oifis Thòmais anns a’ bhaile mhòr agus thuirt e gu robh Rob caillte.

Tha thu a’ toirt cuibhreann do neo-dhiadhaire,” ars esan, “agus nan sguireadh tu a phàigheadh sin, thigeadh e gu chiall.”

No chailleadh e am beagan a tha aige,” arsa Tòmas. “Nach fhaodadh e a dhol na thramp. Tha e na mhasladh gu leòr dhuinn mar a tha.”

Bha Tòmas na èildear ann an Eaglais Shaor Alba agus bha e duilich dha leithid Roib a thuigsinn.

’S ann air ealain a bha Rob agus Aonghas a’ bruidhinn. ’S e fear-ealain a bh’ ann an Aonghas, agus o chionn fhada a-nis bha Rob a’ reic a h-uile dealbh a dhèanadh e. Thàinig piseach air a shlàinte bho dh’fhàs e sealbhach agus o chionn ghoirid bha e air obair fhaighinn ann an oifis fir-lagha anns a’ bhaile mhòr. ’S ann airson seo a bha an charaid cho subhach.

Nuair a chaidh Rob a chèilidh air an teaghlach bha iad mar a b’ àbhaist ag innse dha cho amaideach ’s a bha a chaitheamh-beatha, ach bha a pheathraichean airson cluinntinn mu dheidhinn na h-ìghne a bha a’ fuireach còmhla ris.

Nuair a sheall e a dealbh dhaibh, thuirt : “Dhia beannaich mi, ’s e Sìonach a tha seo.”

Thuirt eile: “Tha i brèagha ach tha i a’ dèanamh?”

Nuair a dh’innis e gur e sgalag ann an taigh-òsta a bha innte, thuirt an treas : “ ’S cinnteach nach eil thu dol a phòsadh a’ chreutair.”

Carson?” arsa Rob. “Nach e sgalag a bha nam mhàthair mus do phòs i?”


[8]

Cha do dh’fhaighnich a phàrantan mu deidhinn idir, ach gheàrr iad a chuibhreann agus cha b’ fhada gus an robh e bochd. Anns a’ gheamhradh bhris a shlàinte, ach lean e air a’ reic dealbhan Aonghais gus an deach a thoirt dhan ospadal. Nuair a thàinig fios bhon nighinn a bha còmhla ris gun bhàsaich e, cha b’ urrainn duine de mhuinntir Thòmais am malairt fhàgail, agus dh’iarr iad ormsa a dhol a Lunnainn a choimhead às dèidh ghnothaichean.

Bha lobht aig Rob faisg air Sloan Square, agus sin far na choinnich mi ri nighean Roib - Lai Po Kan. Sheall i dhomh clòsaid mhòr làn de dheilbh: na deilbh a rinn Aonghas.

Bha fios aig Rob,” ars ise, “nach eil tàlant ealain idir aig a charaid, ach cha robh e airson a ghoirteachadh.”

’S ann dhan chladh againn fhìn a chuir sinn Rob, agus aig an adhlacadh dh’innis mi do Aonghas gu faca mi mòran dhen obair aige ann an lobhta Roib.

Bha amharas agam air sin,” ars esan. “Fhuair e na deilbh sin gu ìre bhig an-asgaidh agus bha e gan tasgadh an sin airson fortan a dhèanamh asta. Bha e dìreach mar càch. Cha robh càil air aire duine aca a-riamh ach airgead.”

Nuair a bha sinn a’ dealachadh dh’fhaighnich Aonghas: “ thug bàs dha?”

A’ chaitheamh,” arsa mise, agus smaoinich mi air earrann a tha sa Bhìoball a tha ag ràdh rudeigin marGràdh as na seo chan eil aig neach air bith’ - ach cha tuirt mi lide.

titleA’ Chaora Dhubh
internal date2000.5
display datea2001
publication date2001
level
reference template

Dòmhnallach Sgeulachdan %p

parent textSgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page