[9]

A’ Chiad Rong san Fhàradh

’S e taigh beag a bha aig Pòl MacRath, le rùm agus clòsaid agus teàrr anairt air a mhullach. Cha robh croit aige, ach bhiodh e a’ cur cliabh buntàta ann an croit a nàbaidh. ’S e duine beag, lag agus caran uireasbhach a bh’ ann. Cha dèanadh e iasgach no seòladh, oir cha robh am muir a’ tighinn air. Cha robh a shlàinte ach meadhanach, agus dh’fhàg sin e ceum nas bochda na a’ mhòr-chuid sa bhaile, ach bha e glè mhùirneach aig Eilidh, a bhean, agus aig Seòras a mhac. Cha robh e ag iarraidh san t-saoghal ach rud: obair aotrom agus cead suidhe aig Bòrd an Tighearna.

Bha Seòras còig bliadhna deug a dh’aois, agus ged a bha e a’ dèanamh glè mhath san sgoil, thàinig air a fàgail, oir bha an àrd-sgoil sa bhaile mhòr agus bha an t-airgead gann. Rinn e gàrradh beag air beulaibh an taighe, rud glè annasach sa bhaile bheag againne aig an àm. Bhiodh e a’ dol air thuarastal a ghearradh mhònach ’s a spealadh arbhair, ach bha fios aige nach robh adhartas an sin idir. Dh’fheumadh e faighinn air a’ chiad rong de dh’fhàradh obair bhuan.

Chaidh Pòl uair is uair gu àitichean san robh obair air tòiseachadh, ach bha am -fhortan ga leantainn gus na thòisich companaidh a’ cur phìoban tron mhòintich airson uisge a’ bhaile mhòir. Choisich Pòl seachd mìle dhan mhonadh agus lorg e maor na h-obrach ann an seada faisg air an rathad. Dh’aithnich an duine sin e, oir bha e air fhaicinn aig àitichean eile a’ lorg car obrach. “Tha an obair seo fada ro throm air do shon,” ars esan. Bha Pòl air seo a chluinntinn tric, agus rinn e airson falbh, ach stad am maor e. Rinn e sgrìobhadh air pìos pàipeir agus


[10] thug e do Phòl e. “Theirig gu talla a’ bhaile mhòir,” ars esan, “agus faic an duine sin. ’S e mo bhràthair a th’ ann agus tha e a’ lorg luchd-obrach an-dràsta.”

Lorg Pòl an duine agus dh’innis e fàth a thurais. “ ’N urrainn dhut tòiseachadh a-màireach?” ars an duine. ’S e ceòl binn a bha seo ann an cluasan Phòil. Chaidh fear a chur còmhla ris a shealltainn dha far an robh an obair, agus thàinig e dhachaigh cho aoibhneach ’s gu robh càch a’ smaoineachadh gur e an deoch a ghabh e. “ an seòrsa obair a th’ ann?” dh’fhaighnich iad le chèile.

Gàirnealaireachd dhan Chomhairle,” ars esan. “Priogadh is gearradh an fheòir.” Thug Eilidh a-mach botal agus ghabh iad drama. ’S fhada bho nach robh iad cho sona.

O chionn fhada bha Pòl a’ bruidhinn air a dhol air adhart, mar a chanadh iad nuair a bhiodh duine a’ smaoineachadh air comanachadh, ach bha eagal air sin a dhèanamh. Cha robh Eilidh idir cho fada air ais ri Pòl. “Chan eil agad ach iarraidh,” ars ise.

’S e ceum cudromach a th’ ann suidhe aig Bòrd an Tighearna,” ars esan.

Mas e, is iomadh gaoithean a tha suidhe aige,” ars ise.

Mu dheireadh phut i Pòl gu bruidhinn ris an èildear. Gu -fortanach, b’ e seo am posta. “Tha mi coimhead gu bheil thu a’ dèanamh nam pools,” ars esan. “Dh’fheumainn sin innse dhan mhinistear.”

Cha do choisinn mi càil a-riamh,” arsa Pòl.

Chan eil gnothaich aig sin ris a’ chùis. Feumaidh tu a h-uile gòraich a leigeil seachad agus a h-uile litir a thig bho na pools a thoirt dhòmhsa gus an loisg mi iad.”

Bha Pòl deònach seo a dhèanamh, agus fhuair e gu Bòrd an Tighearna, ach lean Eilidh oirre a’ dèanamh nam pools, agus nuair a mhothaich am posta dha thubhairt i


[11] ris nach b’ e càil dhe ghnothaich e. Ged nach robh e nise ceadaichte do Phòl beul a chur air deoch làidir, thug Eilidh a-mach am botal agus ghabh iad drama. Bha iad cho sona ri dithis a bha san sgìre.

Am feasgar an dèidh do Phòl comanachadh, chunnaic Eilidh luch a’ ruith gu cùl an dreasair agus thòisich i air sgreuchail. Cha robh Seòras a-staigh agus thòisich Pòl a’ feuchainn ris an dreasair a ghluasad a-mach bhon bhalla. Thàinig grèim-cridhe air, agus bha e marbh nuair a ràinig e an t-ospadal.

Nuair a thill Eilidh leis an dust, dh’fhaighnich cuideigin bha Pòl a’ dèanamh nuair a thàinig an grèim-cridhe air agus thuirt i gur ann ag ùrnaigh a bha e. Sheall Seòras ri mhàthair agus mhothaich i dhan cheist a bha na shùilean. Nuair a bha iad nan aonar thuirt i ris, “Tha uairean, a ghràidh, is ’s i òinseach a dh’innseadh an fhìrinn. chanadh am baile nan cluinneadh iad gu robh d’ athair a’ ruagadh luch an dèidh dha comanachadh, agus sin air na Sàbaid.” Thàinig fiamh a’ ghàire air aghaidh a’ bhalaich agus cha do chuir e coire idir air a mhàthair. Bha e a’ saoilsinn mòran dhe mhàthair, ach bha gaol aige air athair.

An ceann sreath thàinig litir bhon Chomhairle ag iarraidh air Eilidh a thighinn a dh’iarraidh nan gnothaichean pearsanta a dh’fhàg Pòl aig àite-obrach, agus chuir i Seòras a dhèanamh sin. Lorg e an duine a bha dèiligeadh ris a’ chùis, agus anns an dealachadh thuirt am balach, “An dùil am faighinn-sa an car obrach a bha aig m’ athair?”

Sheall an duine ris le uabhas. “Cha bhiodh sin freagarrach idir do bhalach cho òg,” ars esan.

Nach ann a’ gàirnealaireachd a bha e?”

Cha b’ ann. ’S ann a bha d’ athair a’ glanadh nan


[12] taighean-beaga.”

Thionndaidh Seòras air falbh, ach chunnaic an duine am pian a bha na shùilean agus thuirt e, “A bheil ùidh agad ann an gàirnealaireachd?”

Tha,” ars am balach, a’ feuchainn ris an gal a chumail às a ghuth. “Tha gàrradh beag againn.”

Uill, bruidhinn ri do mhàthair, agus ma tha i deònach, faodaidh tu tòiseachadh a-màireach. Bidh tu a’ cuideachadh a’ ghàirnealair.”

Bha Eilidh glè dheònach. “Seo a’ chiad rong air an fhàradh,” ars ise. “Tha mi cinnteach, a ghràidh, gun dìrich thu.” Agus bha i ceart. Tha Seòras an-diugh na phrìomh ghàirnealair aig diùc ainmeil ann an Sasainn.

titleA’ Chiad Rong san Fhàradh
internal date2000.5
display datea2001
publication date2001
level
reference template

Dòmhnallach Sgeulachdan %p

parent textSgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page