[13]

Am Preas Aodaich

Dh’fhaodadh an aimlisg a tha anns an eachdraidh seo tachairt do dhuine sam bith. Cha b’ e nach robh mi faiceallach bu choireach gun thachair e idir, ach nach robh mi amharasach gu leòr. Nan robh mi air aon cheum eile a dhèanamh a bharrachd air na rinn mi - ach mus cuir sibh cus coire orm, beachdaichibh an robh sibh air an ceum sin a dhèanamh.

Tha an taigh againne agus taigh Eilidh, nighean mo pheathar, ri taobh a chèile. Tha Murchadh, an duine aig Eilidh, na mhanaidsear air companaidh a tha a’ dèanamh choimpiutairean agus tha iad gu math nas beartaiche na a’ mhòr-chuid a tha sa choimhearsnachd. Tha taigh mòr aca agus tha e làn dhe gach uidheam as fheàrr.

A h-uile samhradh tha iad a’ dol air làithean-saora, agus am bliadhna ’s ann dhan Spàinn a chaidh iad. Mar as àbhaist, dh’fhàg iad iuchar an taighe agamsa, agus mar as àbhaist bha mi a’ coimhead às dèidh an àite a cheart cho cùramach ’s a sheallainn às dèidh mo dhachaigh fhìn.

Seachdain an dèidh dhaibh falbh thàinig bhan mhòr chun an taighe againn, agus ainm bùth àirneis ainmeil air a cliathaich. Thàinig gille mòr, tapaidh, modhail chun an dorais.

Tha mi duilich dragh a chur oirbh,” ars esan. “Tha mi a’ coimhead gu bheil mi aig an taigh cheàrr. ’S e àireamh dhà air fhichead a tha mi a’ lorg.”

An ath dhoras,” arsa mise, “ach tha iad air falbh an-dràsta air làithean-saora.”

Cha do dh’innis iad dhuinn gu robh iad a’ falbh,” ars esan. “Tha preas aodaich agam sa bhan ...”

Tha an iuchar agam fhìn,” arsa mise, “agus fosglaidh


[14] mi an doras dhut.”

Chaidh mi còmhla ris a’ ghille agus cha robh e fhèin agus fear a bha ga chuideachadh fada a’ cur a-steach preas aodaich mòr brèagha. Cha robh fios agam càit an robh Eilidh ag iarraidh a chur, agus thuirt mi ri na balaich fhàgail anns an talla, agus a thighinn a-steach dhan chidsin airson cofaidh. Ghlas mi an doras às mo dhèidh agus cha tug mi smaoin tuilleadh air a’ ghnothaich.

Mu dhà uair a thìde an dèidh sin thàinig an gille air ais, làn leisgeulan airson dragh a chur orm a-rithist.

’S ann dhan taigh cheàrr a chuir sinn am preas aodaich,” ars esan. “Thug iad dhomh an seòladh ceàrr anns a’ bhùth. Tha an àireamh ceart ach ’s e an t-sràid cheàrr a th’ ann. An dùil am b’ urrainn dhuibh ...?”

Cùm thusa ort mionaid,” arsa mise, agus chaidh mi a dh’iarraidh iuchar taigh Eilidh. Cha robh na balaich fada a’ falbh leis an àirneis agus ghlas mi an doras ’s chaidh mi dhachaigh. Cha robh guth agam air a’ chùis gus an d’ fhuair mi fios gu robh Eilidh is Murchadh a’ tighinn, agus chaidh mi chun a’ phuirt-adhair nan coinneimh. Ach mo chreach-sa thàinig: nuair a chaidh sinn a-steach dhan taigh chunna mi an t-uamhann ann an aghaidh Eilidh. Bha a h-uile càil luachmhor a bha am broinn an taigh air a ghoid: thelebhisean, bhidio, rèidio, reacòrdair, seudan, camanan goilf agus fiù an cleoc mòr a bha anns an talla.

Chaidh sinn timcheall an taighe a shealltainn an robh doras no uinneag fosgailte, ach cha robh. “Robh sibh còmhla ri na daoine fad na tìde?” ars Eilidh.

Cha do leig mi aon mhionaid às mo shealladh iad,” arsa mise.

Cha b’ fhada gus an tàinig lorg-phoileas agus abair


[15] gun rinn iad sgrùdadh ormsa. Bha amharas aca gu robh gnothaich air choreigin agam ris an eucoir. Ach nuair a chuala iad mo sgeulachd, mhothaich mi gun tug iad sùil air a chèile. Thuirt an dara fear rium: “Cha leig thu leas a bhith gad àrach fhèin. Tha an dearbh rud air tachairt sa bhaile thuras an t-seachdain seo.”

mar a fhuair iad a-steach?” dh’fhaighnich Murchadh. “Chan eil comharradh sam bith gun bhris iad a-steach.”

Cha do bhris iad a-steach idir,” ars am poileasman. “Tha iad nas teòma na sin. Tha sinne cinnteach mar a tha iad ga dhèanamh. Nuair a thig iad leis an àirneis, bidh duine beag aca na bhroinn. Mus till iad ga iarraidh bidh esan air am preas aodaich a lìonadh, agus bidh e fhèin còmhla ris an stuth nuair a dh’fhalbhas an dithis eile leis a’ phreas aodaich.”

Nuair a bha iad a’ falbh, dh’fhaighnich fear aca dhomh na mhothaich mi an robh miotagan air na daoine, agus thuirt mi gu robh. “Cha tug iad dhiubh idir iad?” ars esan.

Chuimhnich mi an uair sin air a’ chofaidh a thug mi dhaibh, agus gun teagamh thug iad dhiubh na miotagan fhad ’s a bha iad ga òl. Bha na mugaichean sa chidsin far na dh’fhàg mi iad gun an nighe, oir cha robh mi airson na daoine a leigeil às mo shealladh. ’S ann mar sin a chaidh na h-eucoraich a dhìteadh. Bha làraich am meuran air an mhuga. Ach beachdaichibh a-nise: an robh sibhse air am preas aodaich ud fhosgladh?

titleAm Preas Aodaich
internal date2000.5
display datea2001
publication date2001
level
reference template

Dòmhnallach Sgeulachdan %p

parent textSgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page