[32]

Aonghas Thuilm

’S e Aonghas Thuilm a’ chiad charaid a bha agam. Bha mi mu cheithir bliadhna a dh’aois agus esan mu cheithir fichead. Bha e a’ fuireach san taigh a b’ fhaisg’ òirnn còmhla ri Màiri, bean a mhic. Bha a mhac agus m’ athair ag iasgach an sgadain an Ceann Phàdraig. Nuair a bhiodh mo mhàthair a’ dol gu mòine no talamh, chuireadh i a-steach gu Aonghas mi agus glè thric cha bhiodh duine ann ach e fhèin ’s mi fhìn, oir bha Màiri a’ dèanamh mòine agus talamh cuideachd.

’S e duine àrd, maol a bh’ ann an Aonghas, le aodach dubh, mar a bhiodh air a h-uile duine an uair ud. Bha spotan fuaraich air a cheann ach bha aghaidh suilbhir agus a ghnè ciùin, coibhneil. Bha -chaorach mòr, dubh aige air an robh Brus, le calg fada, agus cha leigeadh e coigreach faisg orm, ’s chan iarradh e ach a bhith cluiche còmhla rium. ’S e taigh-tughaidh a bh’ aig Aonghas le teine am meadhan an làir agus being fhada an cliathaich an ruma.

Aon mhadainn bha mi ri taobh Aonghais air a’ bheing nuair a dh’fhalbh mo mhàthair agus Màiri dhan mhòine. Chuir Aonghas a mheur air a bheul, a’ comharrachadh gu robh e dol a shealltainn dhomh rud dìomhair. Chaidh e dhan chùlaist agus thill e le bobhla beag anns an robh min-choirce aige. Bha sinn ag ithe seo le ar meuran nuair a chuala sinn fuaim aig an doras. Gu h-obann chuir Aonghas am bobhla fon bheing agus ghlan e a mheuran fhèin agus m’ fheadhainn-sa. Thog e catalog agus thòisich e a’ leigeil air gur ann a’ coimhead ris a bha sinn. ’S i Màiri a bh’ aig an doras, ’s i air dìochuimhneachadh a dronnaig.


[33] ’S ann fada an dèidh seo a thuig mi gu robh Aonghas air iuchar na ciste san robh a’ mhin a lorg, agus nach robh e airson gum biodh fios aig Màiri air sin. Bha a h-uile càil prìseil a bha aig daoine san ud ann an seotal na ciste.

’S e taigh Aonghais an sgoil-àraich a bha agamsa. Bha mòran bàrdachd agus rabhdan aige agus tha cuimhne agam air feadhainn dhiubh fhathast. Ruitheadh e air mo mheuran ag ràdh: ‘An òrdag, an sgealbag, an gunna fada, Nic an Abaich ’s òrdag bheag air airgid’; noSiud an a leag an sabhal, siud an a dh’òl am bàrr, siud an a’ ruith a-mach cùl a’ bhaile, siud an a dh’inns e, siud an a dhìol air, a dhìol air, a dhìol air.’ Bhiodh pìosan bàrdachd aige a tha mi cinnteach a rinn e fhèin mar: ‘Dol ibal, abal luairean tro acras is cruadal, dol ibal abal luairean tro èiginn, dol ibal abal luairean tro obair agus uallach - ’s ioma rud nach d’ fhuair mi a dh’fheumainn’.

Nuair a bhiodh blàth ann bhiodh sinn a-muigh san iodhlainn agus shealladh e dhomh mar a dhèanainn fuaim binn le bileag feòir, no dhèanadh e feadag le gas lus àraidh a bha falamh. Dh’innseadh e dhomh ainm a h-uile sìthean agus eun, ’s lorgadh e curranan fiadhaich a bha math rin ithe. ’S e fìor ghaisgeach a bha ann an Aonghas nam shùilean.

’S e candaidh a’ chlobha an rud a b’ fheàrr leam a bhiodh sinn a’ dèanamh. Sgaoileadh Aonghas pàipear air a’ bheing agus chuireadh e làn a chròig de shiùcar air. Bhiodh spògan a’ chlobha aige san teine. Bha chlàr air na spògan mu mheud seann sgillinn, agus nuair a bhiodh iad dearg bhruthadh Aonghas iad air muin an t-siùcair. Dh’èireadh ceò chùbhraidh suas ann an tiota agus bhiodh an siùcar na lic dhuirch. Cha d’ fhuair mi candaidh a-riamh cho milis ris.

Nam biodh an freagarrach, dhèanadh Aonghas


[34] eathraichean pàipeir le duilleagan catalog. Bhiodh seòl pàipeir orra agus gainmheach nam broinn airson balaiste. Sheòladh sinn iad air lochan a bha faisg air a’ chlachan. Dheigheadh Brus gan coinneachadh air taobh thall an locha agus thigeadh e leotha na bheul. Nam biodh fuachd ann, dh’fhuiricheadh sinn ris an teine agus dh’ionnsaicheadh Aonghas dhomh an aibidil a sgrìobhadh. Airson mo chuimhne a chuideachadh chanadh e: “Tha C mar chearcall le glaim air a thoirt às a mhionach, tha D mar leth-chearcall, agus Q mar chearcall le earball.”

Glè thric bhiodh sinn a’ lorg uighean san iodhlainn. Bha basgaidean sa bhàthaich anns am biodh a’ mhòr-chuid dhe na cearcan a’ breith, ach cha chuireadh Aonghas dragh air an fheadhainn sin. Thuig mi nach robh a mhac no bean a mhic cho math dhan bhodach ’s a dh’fhaodadh iad. ’S e a bhiodh sinne a’ lorg na nid a bhiodh dhà no thrì de chearcan a’ dèanamh san iodhlainn, agus glè thric gheibheadh sinn uighean an sin. Bha bùth bheag aig nighean a bha càirdeach dhan bhodach am meadhan a’ chlachain, agus cheannaicheadh sinn tombaca agus siùcaran an sin. Chuireadh sinn seo air falach ann an toll a bha aig Aonghas air ullachadh am balla a-muigh an t-sabhail. ’S e am Banca Dìomhair a bhiodh againn air.

Ceann sreath chaidh mi tron sgoil agus dhan àrd-sgoil sa bhaile mhòr, ach cha do thrèig mi Aonghas idir. Nuair a gheibhinn a dhà no thrì sgillinnean cheannaichinn unnsa tombaca agus chuirinn e dhan Bhanca Dhìomhair. Nuair a dheighinn a chèilidh air Aonghas, dh’innseadh e dhomh mu dheidhinn a bheatha san arm agus anns na bàtaichean-siùil.

Thàinig mi dhachaigh aon deireadh seachdanach agus


[35] cha robh sgeul air mo charaid. Bha iad air a chur a Thaigh nam Bochd anns a’ bhaile mhòr. Bha Màiri air leanabh fhaighinn agus bha an duine aice air tòiseachadh a’ togail taigh-geal. Cha bhiodh àite dhan bhodach san t-saoghal spaideil acasan. Chaidh mi gu Taigh nam Bochd cho luath ’s a b’ urrainn dhomh - àite aognaidh, gruamach san ud - agus ged a bha Aonghas cho suilbhir ’s a b’ àbhaist, chunna mi nach robh e gu math idir.

Bha dòchas agam gun tigeadh tu,” ars esan. “Tha iad siud a’ togail taigh-geal agus leagaidh iad an sabhal. Ma thèid thu chun Bhanca Dhìomhair, gheibh thu rud beag an sin a shàbhail mi dhut ge b’ oil leotha. Bha e aca glaiste ann an seotal na ciste. Tiodhlac bheag a th’ ann mar chuimhneachan orm.” Bha fios agam gu bh’ ann an ath-uair a chaidh mi dhachaigh. Dh’innis mo mhàthair dhomh gu robh Màiri feargach. “Dh’fhalbh e leis an uaireadair a bh’ aige an seotal na ciste,” ars ise. “B’ fheàrr leis a shadadh às na fhàgail againne.”

’S e uaireadair prìseil a th’ ann, le cèis agus slabhraidh òir, ach nuair a chaidh mi a shealltainn dha mo charaid gu robh e agam cha robh Aonghas ann. Bhàsaich e na chadal aig aois ceithir fichead is trì bliadhna deug.

titleAonghas Thuilm
internal date2000.5
display datea2001
publication date2001
level
reference template

Dòmhnallach Sgeulachdan %p

parent textSgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page