A’ GHAIDHLIG ANNS AN EILEAN SGITHEANACH.
Plana Leasachaidh Deich Bliadhna
1. ROIMH-RADH
A-mach as a’ chorr is aon-mhile-deug neach a tha fuireach anns an Eilean Sgitheanach ’s Loch-Aillse, tha Gaidhlig aig corr math ’s an leth-chuid dhiubh. Tha buaidh aig an earrann seo de ar cultur air an doigh-beatha anns an Eilean Sgitheanach ’s air an leasachadh eaconomach agus soisealta a bhios a dol air adhart ann.
Tha colaisde Foghlaim agus Malairt steidhte ann an Sleite ann an ceann-a- deas an Eilein, far am bheil na cursachan air an teagasg troimh mheadhon na Gaidhlig. ’Se seo an aon cholaisde den t-seorsa seo ann an Alba ’s tha i na eisimpleir air a’ cheangal laidir tha eadar dusgadh eaconomach agus ath-bheothachadh canan ’s cultur.
Tha ochd croileagain Ghaidhlig agus tri sgoiltean Ghaidhlig an-drasda anns an Eilean Sgitheanach ’s Loch-Aillse: bha iad air an steidheachadh an deidh iarrtas bho pharantan a bha airson gum biodh a’ chlann aca a’ fas suas a’ bruidhinn Gaidhlig.
Tha moran dhaoine san Eilean - co-dhiu a tha Gaidhlig aca fhein neo nach eil - leis am bu mhiann Gaidhlig fhaicinn air a bruidhinn anns na bliadhnachan a tha romhainn. Tha sinn an dochas gun cuidich am plana-leasachaidh seo le lorg dhoighean anns an gabh seo a thoirt gu buil.
2. INBHE A’ PHLANA.
Tha am plana-leasachaidh seo air a steidheachadh air molaidhean a dh’eirich a-mach as Co-Labhairt a chum CNAG ann an Talla Stafainn anns an t-Sultain 1986. Bha riochdairean bho iomadh buidheann is seirbheis an lathair aig a’ Cho-Labhairt. Thagh CNAG Buidheann-Obrach a dheasaicheadh plana airson na Gaidhlig a leasachadh san Eilean thairis air deich bliadhna, steidhte air na molaidhean a dh’eirich as a’ cho-labhairt.
’Se na daoine a bh’air a’ bhuidheann-obrach:
Tha am plana-leasachaidh seo air fhaicinn mar bhunait airson comhradh ri buidhnean anns an Eilean Sgitheanach.
3. AM PRIONNSAPAL.
’Se am priomh phrionnsapal a tha air culaibh a’ phlana-leasachaidh seo, gum biodh an cothrom aig a h-uile duine san Eilean a’ Ghaidhlig a chleachdadh anns gach suidheachadh far am bu mhiann leotha.
Airson an amas seo a ruighinn tha am buidheann-obrach a’ cur air adhart na molaidhean a leanas airson an deasbad agus an cur-an-gniomh leis na buidhnean fa leth.
4. FOGHLAM
Feumaidh poileasaidh airson foghlaim Gaidhlig a bhith air fhaicinn ann an seadh gu math farsaing. Ged a chuidicheas an sgoil le daoine a tha airson na Gaidhlig ionnsachadh, feumaidh a’ choimhearsnachd gu leir taic agus cuideachadh a chumail rithe, airson a cumail beo is fallainn.
4.1 Foghlaim tro mheadhon na Gaidhlig.
Tha am buidheann-obrach ag aontachadh air cho cudthromach ’s a tha foghlam troimh mheadhon na Gaidhlig aig gach ire, agus tha iad a’ moladh na leanas:
4.1.1 Gum bheil aite sonraichte aig buidhnean mathair-is-paisde agus croileagain Ghaidhlig ann a bhith a’ brosnachadh na Gaidhlig agus ann am foghlam na cloinne, agus mar sin gum bu choir taic agus misneachd a thoirt dhaibh.
4.1.2 Gum bu choir sgoil-araich Ghaidhlig a bhith an luib a h-uile sgoil Ghaidhlig airson ullachadh math a thoirt do chloinn aois ceithir gu coig bliadhna a dh’aois.
4.1.3 Gum bu choir An Roinn cumail ris an taic laidir a tha iad air sealltainn do fhoghlam Gaidhlig chun a seo agus gum bu choir dhaibh leantainn oirre a’ cur air bhonn sgoiltean Gaidhlig far an eirich iarrtas bho pharantan.
4.1.4 Gum bu choir coimhead an-drasda air doighean air clann oideachadh troimh mheadhon na Gaidhlig anns an ardsgoil, airson a bhith deiseil nuair a bhitheas a’ chlann a’ toiseachadh a’ gluasad bho bhunsgoil Ghaidhlig chun an ardsgoil ann an coig bliadhna.
4.1.5 Gum bheil Sabhal Mor Ostaig air feum mhor a dheanamh mar an aon cholaisde a tha teagasg tro mheadhon na Gaidhlig ann an Alba, agus an aon cholaisde de sheorsa sam bith san Eilean Sgitheanach; ’s gum bu choir taic agus airgead a chumail rithe airson deanamh cinnteach gum mair i agus gun tig aice na cursachan a’ leudachadh.
4.1.6 Gum bu choir gach buidheann a tha an sas ann am foghlam co-obrachadh ri cheile airson a dheanamh cinnteach gu bheil foghlam Gaidhlig a’ tighinn air adhart gu reidh cothromach agus gu bheil leantanas ann, bhon toiseach, aig ire na cloinne bige, troimhe gu ire nan inbheach; gum bu choir rannsachadh a dheanamh air feumalachd thidsearan ann am foghlam tron Gaidhlig agus gum bu choir gach taic agus stiuireadh a thoirt dhaibh.
4.2 Foghlam Da-Chananach.
Bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gun robh aite sonraichte aig foghlam da-chananach - ’se sin foghlam troimh mheadhon na Gaidhlig agus troimh mheadhon na Beurla - anns an Eilean Sgitheanach a dh’aindeoin mar a sgaoileas na sgoiltean Gaidhlig. Bha e air a mholadh gum bu choir do na sgoiltean uile san Eilean Sgitheanach a bhith air an ainmeachadh ’nan sgoiltean da-chananach mar a tha iad an-drasda, gum bu choir do thidsearan da-chananach a bhith annta, agus gum bu choir taic a thoirt dhaibh airson an cuideachadh gu bhith da-chananach a cheart dha rireabh.
Ged a rinn am Proiseact Da-Chananach torr feum anns a’ cheud dhol-a- mach, chaidh a leudachadh airson a h-uile bun-sgoil san Eilean a thoirt a-steach fo sgeith, gun luchd-obrach a bharrachd fhasdadh, agus gun taic gu leor; bha a’ bhuidheann-obrach mothachail gun robh seo air bacadh a chur air soirbheachadh a’ phroiseact.
Bha am buidheann-obrach a’ moladh gum bu choir Roinn an Fhoghlaim coimhead a-rithist air suidheachadh a’ Phroiseact Dha-Chananach san Eilean, leis an ruin gum bitheadh gach leanabh anns an Eilean Sgitheanach da-chananach aig am a bhith a’ fagail na bunsgoil.
4.3 Gaidhlig mar an darna canan.
Thathar a’ moladh gum biodh an cothrom ann do chloinn ’s do inbhich ionnsachadh Gaidhlig mar an dara canan, mar eisimpleir cothrom a h-ionnsachadh sa’ bhun-sgoil, clasaichean do luchd-ionnsachaidh san ard-sgoil, cursachan sonraichte (mar eisimpleir do pharantan ’s buidhnean profeiseanta) agus misneachd ’s cuideachadh do an iomadh inbheach san Eilean aig a bheil tuigse air a’ chanan ach aig nach eil gu leor misneachd airson a bruidhinn. Bha e gu h-araidh air a mholadh gum bitheadh e comasach do sgoilearan anns an ardsgoil an da chuid Gaidhlig agus Frangais ionnsachadh.
4.4 Comas ann an Gaidhlig.
Bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gun cuireadh barrachd dhaoine Gaidhlig gu feum ann an suidheachadh proifeasanta nam biodh treanadh aca anns an doigh labhairt iomchaidh. Tha e mar sin air a mholadh gum bi cursaichean sonraichte air a chur air doigh do na buidhnean seo, mar eisimpleir le Sabhal Mor Ostaig.
4.5 Fiosrachadh air Gaidhlig.
Bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gun robh e cudthromach gum biodh an cothrom aig daoine a tha fuireach san Eilean Sgitheanach, co-dhiu a chaidh an togail ann neo nach deachaidh, ionnsachadh mu dheidhinn an aite shonraichte a tha aig Gaidhlig ann an eachdraidh ’s gne an Eilein Sgitheanaich. Tha e air a mholadh gum faodadh seo a dheanamh le: [a] proiseactan sonraichte airson rannsachadh air Gaidhlig anns a’ bhun-sgoil agus an ard-sgoil; [b] le bhith a’ toirt a-steach tuigse air a’ chanan ’s a’ chultur ann an cuspairean sgoile freagarrach eile; [c] tron obair aig Seirbheis Foghlaim na Coimhearsnachd agus Seirbheis I.F. E; [d] tro cho-obrachadh air fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a’ cur feum air na meadhanan follaiseachd, mar eisimpleir am buidheann “Iomhaigh”; [e] tro an t-seirbheis-tasgaidh.
4.6 Seirbheisean Taic
Airson taic is cuideachadh a chumail ris an leasachadh ann an foghlam a tha air a mholadh gu h-ard, bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gum biodh e feumail: nam biodh treanadh freagarrach ann do thidsearan - ro-sheirbheis agus in-sheirbheis; gum biodh gu leor stuth air ullachadh do thidsearan agus gu leor airgead airson an stuth ullachadh agus a cheannach; fiosrachadh ’s taic tro Seirbheis Foghlam na Coimhearsnachd, mar eisimpleir tadhal air taighean agus Ionad Stuth is Leabhraichean Gaidhlig ann am Portrigh.
4.7 Obair Oigridh.
Bha am buidheann-obrach a’ creidsinn nuair a tha oigridh a’ deanamh taghadh eadar na canain a tha fosgailte dhaibh, gum bheil iad a’ deanamh seo air sgath na curseachadan a tha ri fhaotainn anns na cananan, airson eisimpleir, ma tha an croileagan, an sgoil, telebhisean, leabhraichean is clubaichean mar as trice ri faotainn troimh mheadhon na Beurla, tionndaidhidh clann chun na Beurla. ’Se co-dhunadh na buidheann-obrach gum b’e an aon doigh air uidh oigridh a thogail ann an Gaidhlig na curseachadan a leanas a thoirt dhaibh tro mheadhon na Gaidhlig:
4.7.1 Clubaichean airson clann bho aois coig gu deich bliadhna a dh’aois (Sradagan);
4.7.2 Curseachadan ’s campaichean do dh’oigridh nas sine na sin;
4.7.3 Taghadh de rudan a dheanadh iad airson an t-side chur seachad;
4.7.4 Barrachd phrograman air an telebhisean is an reidio, agus barrachd leabhraichean freagarrach ann an Gaidhlig.
5. NA H-EALDHAIN
Bha am buidheann-obrach mothachail gun robh ceangal eadar leasachaidh canain agus dusgadh cultar. Cha ghabh an dara cuid a dheanamh le brigh gun chuideachadh bhon fhear eile. Airson taic a chumail ris na tha air a dheanamh gus na Gaidhlig a bheothachadh san Eilean Sgitheanach, feumar dualchas an Eilein chumail beo: a-measg sin tha piobaireachd Clann MhicCruimein, orain Mairi Mhor, bardachd Shomhairle MhicGilleathain agus an ceol aig Run-Rig.
5.1 Sgilean.
Tha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gum feum sgilean mar drama, ceol, orain agus dannsa an teagasg don oigridh airson leasachadh sam bith tachairt anns na h-Ealdhain. Tha e aontaichte gum bheil feum sonraichte air tidsear ciuil anns na bunsgoiltean. Faodaidh Seirbheis Foghlaim na Coimhearsnachd agus buidhnean saor-thoileach cuideachadh anns an obair seo.
5.2 Feisean.
Bha an buidheann-obrach mothachail air an obair a rinn am Mod Ionadail ’s am Mod Naiseanta troimh na bliadhnachan airson uidh a thogail ann an orain Ghaidhlig agus ann an teagasg sgilean. Ach, airson sin, bha feisean chloinne coltach ri Feis Bharraidh agus Feis Taobh Siar Rois air am faicinn mar adhartas ur agus mholadh gum bu choir coimhead riutha. Bha e gu h-araidh air ainmeachadh gum biodh brosnachadh air a thoirt do Fheis Throtarnais cumail a’ dol agus a’ fas.
5.3 Taic.
Bha an buidheann-obrach a’ cur failte air an Oifigeach Leasachaidh Ealdhain a bha An Comunn Gaidhealach agus Comhairle nan Ealdhain a’ cur ann an dreuchd ’s bha iad an dochas gun cuidicheadh e neo i le bhith toirt nan ealdhain Ghaidhlig air adhart san Eilein. Bhathar mothachail, ge ta, gum feum buidhnean coimhearsnachd taic a chumail ris an oifigeach airson piseach a thoirt air obair nan Ealdhain. Bha e air fhaicinn iomchaidh gum bitheadh Comhairle an Eilein Sgitheanaich ’s Loch-Aillse co-obrachadh le meadhonan leithid Bord Leasachaidh na Gaidhealtachd, Comhairle nan Ealdhain, ’s buidhnean eile airson co-rian a chuir air obair nan Ealdhain san Eilean.
5.4 Goireasan.
Bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gun robh an t-am ann Ionad-Obrach a chur air chois airson nan Ealdhain Ghaidhlig. Bha iad cuideachd a’ gearainn nach robh buth leabhraichean ann aig am bheil stoc math de leabhraichean Gaidhlig.
5.5 Fiosrachadh air cultur na Gaidhlig
Tha e iomchaidh gum bitheadh na meadhonan-fradharcach a’ cuideachadh le bhith toirt fiosrachadh air dualchas na Gaidhlig gu aire a’ mhorshluagh, agus mar sin bha am buidheann-obrach a’ cur failte air an naidheachd gur docha gum bi Ionad Film is Bhideo a dh’aithghearr air a steidheachadh san Eilean.
Bha e cuideachd air a mholadh gum bu choir Sabhal Mor Ostaig coimhead air Dealbhaiche a bhith aca mar a tha Sgriobhaiche air a bhith aca chun a seo.
5.6 Na Meadhonan.
Bha am buidheann-obrach den bheachd gum bheil aite sonraichte aig na meadhonan ann a bhith a cur air adhart na Gaidhlig. Tha an telebhisean air fhaicinn mar mheadhon air leth cudthromach - chan ann a-mhain air a shon fhein ach cuideachd airson cuisean a ghluasad ann an raointean eile - ach tha iomadh doigh ann a dh’fhaodadh an reidio cuideachadh cuideachd. Bha am buidheann-obrach a cur failte air Guth na h-Oige, air an adhbhar sin, gu h-araidh airson gum bi e a’ toirt barrachd cothrom don t-sluagh pairt a ghabhail ann an programan. Faodaidh na paipearan-naidheachd cuideachadh le bhith a’ toirt dealbh bhrosnachail air a’ Ghaidhlig agus le bhith ga cleachdadh.
6. NA SEIRBHEISEAN.
Bu choir daimh dhluth a bhith eadar buill nan Seirbheisean Pearsanta agus an sluagh. Bu choir seo a bhith a’ gabhail a-steach canan agus cultur Gaidhlig an Eilein. Chaidh aontachadh gum bu choir na daoine aig am bheil Gaidhlig, agus a tha ga cleachdadh gu cunbhalach, cothrom a bhith aca seirbhisean fhaighinn tro mheadhon a’ chanain.
6.1 Caidreamh.
A’ gabhail ris, airson soirbheachadh ann an Obair Shoisealta, gum feum caidreamh a bhith eadar luchd-seirbheis agus an sluagh, bha am buidheann-obrach airson gun gabhadh na Seirbheisean ris cho cudthromach ’s a tha e gum biodh co-dhiu tuigse aig an luchd-obrach aca air doigh-beatha an Eilein, agus, na b’fhearr buileach, gum b’urrainn dhaibh comhradh ris an t-sluagh anns a’ chanan aca fhein.
Air sgath seo, bha iad a’ faireachdainn gum bu choir buidhnean mar Obair Shoisealta, Bord na Slainte agus an DHSS poileasaidh laidir a bhith aca airson na Gaidhlig agus cuideachd, nam b’urrainn dhaibh, luchd-obrach a bhith aca aig am bheil Gaidhlig, cursaichean a ruith don luchd-obrach aca ann an Gaidhlig airson na daoine aig nach eil Gaidhlig, agus oideachadh a thoirt do dhaoine ann a bhith a’ cur am feum na Gaidhlig ann an sgriobhadh ’s comhradh ann an suidhichidhean proifeasanta.
6.2 Na h-Eaglaisean.
Bha e air aontachadh gun robh na h-Eaglaisean air taic mhath a chumail ris a’ Ghaidhlig. Bha duilgheadasan ann a bhith faighinn ministeirean aig am bheil Gaidhlig, agus bha e cuideachd air fhaicinn mar dhuilgheadas, airson an oigridh gu h-araidh, cho duilich ’s a bha Gaidhlig na h-Eaglais ri tuigsinn. Ach, airson sin, bha aite aig Gaidhlig fhathast ann an obair a chreidimh san Eilein Sgitheanach.
7. LEASACHADH.
Tha e cinnteach gu bheil ceangal mor eadar leasachadh soisealta ’s culturach agus leasachadh eaconomach. Tha seo ri fhaicinn anns a’ Chuimrigh agus an Eirinn, ach gu sonraichte anns na h-Eileanan Farach. Ann am Faro tha adhartas mor air tighinn air a’ chanain aca agus leasachadh eaconomach ’na chois.
Bha am buidheann-obrach a’ faireachdainn gum bheil spiorad leasachadh-eaconomach laidir san Eilean a-measg an t-sluagh aig a cheart am seo, agus gum bheil daoine mothachail air an ceangal a tha eadar seo agus dusgadh culturach.
7.1 Bord Leasachaidh na Gaidhealtachd.
Bha am buidheann-obrach a’ gabhail ris gun robh Bord Leasachaidh na Gaidhealtachd air moran a dheanamh ann a bhith a cur phroiseactan Gaidhlig air bhonn, ach bhathar a’ faireachdainn gum bu choir don Bhord na polasaidhean Gaidhlig agus na poileasaidhean leasachaidh aca a tharraing ri cheile. Chaidh a mholadh, mar eisimpleir, gum faodadh Am Bord cuideachadh le taic airgid a thoirt do bhuidhnean a bha airson polasaidh dha-chananach a bhith aca, mar a thathar a’ deanamh an Eirinn. Chaidh failte a chur air a’ phroiseact turasachd Gaidhlig a tha am Bord air a chur air bhonn san Eilean airson an t-samhraidh seo.
7.2 Companaidhean Priobhaideach agus Buidhnean Poblach.
Chaidh a mholadh gum bu choir a bhith a’ brosnachadh bhuidhnean phoblach gu bhith cur feum air Gaidhlig air an cinn-paipear agus eile: bha seo air fhaicinn mar chuideachadh anns an t-seasamh a bhiodh aig Gaidhlig ann an suilean a’ mhor-shluaigh.
7.3 Taic Airgid.
Bu choir barrachd airgid tighinn bho ghniomhachas airson taic a chumail ri Gaidhlig ’s gu h-araidh ris na h-ealdhain Ghaidhlig, ’s chaidh a mholadh gum bu choir Comhairle nan Ealdhain, ’s buidhnean eile tha sas ann an Gaidhlig, tighinn cruinn comhla a bhruidhinn air a seo.
7.4 Gniomhachas Duthchasach.
Ged a bu choir feuchainn ris a’ Ghaidhlig a ghluasad a-steach air obraichean ura ar latha, ’sann air croiteireachd - obair na talmhainn ’s na mara - a bha cultur na Gaidhlig steidhichte agus mar sin tha cuideachadh don dara cuid a’ toirt taic don chuid eile.
7.5 Turasachd.
Tha dualchas Gaidhlig an Eilein air cuideachadh gus an t-Eilean a dheanamh eadar-dhealaichte agus, mar sin, air turasachd a bhrosnachadh. Chaidh a mholadh gum bu choir am Bord Turasachd agus Bord Leasachaidh na Gaidhealtachd comhradh ri cheile air doighean air barrachd feum a dheanamh den Ghaidhlig mar mheadhon air luchd-turais a thaladh don eilean.
8. POILEASAIDH A THOIRT GU BUIL.
Theid Comunn na Gaidhlig agus riochdairean den Bhuidheann-Obrach gu daoine sonraichte leis a’ phlana-leasachaidh seo airson am beachd air mar as urrainnear a chur an gniomh.
title | A’ Ghaidhlig anns an Eilean Sgitheanach |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | A’Ghaidhlig anns an Eilean Sgitheanach %p |