[11]

1

Sin an t-adhbhar gu robh Dòmhnall an sin, air a’ mhuir. A’ mhuir air gach taobh dheth. Aon mhionaid bha e air a bhith ag ith pìos bradain blasta à Nirribhidh. Sin an rud bu mhotha a bha acòrdadh ris, am biadh. Dhfhuilingeadh e na h-uiread air na rigichean nam biodh am biadh math.

An ath mhionaid bha an talamh acritheadaich man cèidse pioghaid. An uair sin tuiteam bhon adhar, sleamhainn mar chloich. Agus pìosan atighinn bhon rig, atuiteam bucas meccano man crann Nollaig agus am bòrd alùbadh mar nèapraig, agus tha am bradan asnàmh timcheall air. Tha e asmaoineachadh air rudan neònach ... seall air dìnean, a dhuine, tha thìde agad an gearradh. Tha e asmaoineachadh mu dheidhinn a stocainnean. Am biodh iad tioram fhathast. Agus an uair sin tha e asealltainn mun cuairt air, adèanamh a shlighe mar speuradair timcheall an rùm, agus tha e smaoineachadh, A dhuine bhochd, tha mi air oilrig a tha dol na theine.


[12]

Tha rudan atachairt, chan eil tìdaige smaoineachadh. Tha e afaighinn a-mach air dòigh air choreigin. A-mach às achrann-ola car amhuiltein.

An ath mhionaid tha daoine ag èigheachd ris leum. Bha timcheall air ceud meatair bhon àrd-ùrlar sìos chun na mara. Bha e coltach ri concrait nach robh buileach air cruadhachadh fhathast, bhriseadh do chnàmhan agus bhiodh acòirdion bheag do chuirp na sgàrd, atuiteam nas fhaides nas fhaide fo na suailichean dubha.

S e oidhche dhiabhalt a bhann. Carson nach robh an aimsir nas fheàrr? Bhiodh sin air cuideachadh, ’s mathaid, smaoinich Dòmhnall.

Sheas e air oir an iarainn. Dhfhairich e an teas brùideil air a chùlaibh. Bha rudan aleaghadh. Bha e afaireachdainn buinn a bhrògan air an leaghadh agus iad steigeach, mar gum biodh e air seasamh air ice-cream. Dhfhairich e feagal na bhroinn mar nach do dhfhairich e a-riamh, aslugadh a h-uile càil às. Cha robh gluasad air fhàgail ann. an seòrsa roghainn a tha seo? The Devil and the deep blue sea.

Albatross bhon chliathaich. Tha e an dòchas nach buail e pìos iarainn air an t-slighe sìos. Agus cho luaths a thòisich e aleum tha e seachad, tha e seachad. Tha e fon bhùrn, fada fon bhùrn. Tha e afaireachdainn rudan atachairt timcheall air, doile bheag a thann, tha bhalbhaichean afosgladh agus alìonadh le èadhar agus an uair sin tha e dol suas mar àrc. Aslugadh èadhair, èadhar peatrail dorchachs e èadhar a thann. Casan briste. Àdhamh às aonais asnaichean. Tha e air a chòmhdachadh le peatrail. Tha e asgreuchail.

Tha e asmaoineachadh, Mo mhàthair bhochd. Na rudan a


[13]

thaice ri fhulang. Chan eil cho fada bho bhàsaich Dad. Abair thusa icing on the cake.

Tha an t-uisge làn speuradairean orains, gach duine anns an t-survival suit bheag aca. Tha gu leòr dhiubh nach eil a’ gluasad. Cà’il am bàta? tha e smaoineachadh. Tha fios gu bheil bàta ann airson ar togail. Chan fhàg iad an seo sinn. Chan urrainn dha càil a dhèanamh anns an èideadh aige. Tha an survival suit acumail a chinn os cionn abhùirn. Tha a dhruim chun nan suailichean. Chì e aon dha na casan biastail air a bheulaibh, tha e atòiseachadh abreabadh a chasan. Afeuchainn ri snàmh air falbh bhon einnsean nimheil seo. Tha e air a shuathadh seachad air agus a-mach an taobh eile. Tha e cho dorch air falbh bho roman candle an rig.

Tha e ationndaidh mu dheireadh thall agus chan urrainn dha a shùilean a chreids. Coltach ri sparkler, tha an rig na theine. Tha na casan aige daddy-long-legs lùbte. Tha esan na laighe mar fhaoileag air an uisge fadair falbh bho shaoghal dearg Piper Alpha. thachair ris? Smaoinich e air aphìos bradain nach dfhuair e air ithe. Daingit. Tha e asmaoineachadh.

Man bucas orainsearan a thuit air a chliathaich, thathas a’ togail nan daoine. Tha mòran dhiubh marbh, tòrr dhiubh bhon fhuachd. Bhon teas. Chan eil e na dhùisg nuair a thogas iad e. Tha an rig fhathast na theine, gu leòr air fhàgail a chumadh adol treis mhath e. An MSV Stadive, brùideil, sia-chasach, le na canain mhòra làn uisge adrùdhadh air na thair fhàgail.

Tha Dòmhnall afaireachdainn fuaim an Chinook fhads a tha e adèanamh a shlighe air ais gu Obar-Dheathain. Tha e air an t-astar seo a shiubhal gu leòr thursan roimhe seo, ach cha robh e càil coltach ri seo. Tha e afaireachdainn an rèisg thiugh


[14]

air aghaidh, pìoban apumpadh rudan a-machs a-steach à oilrig beag a chuirp. Tha e afanntaigeadh leis aphian ged a tha e làn moirphin.

Agus an uair sin, aon latha ciùin, tha e air ais aig an taigh. Cluasagan fionnar. Remote controls. Bobhlaichean mòra brot. Beò anns achiùb bheag gheal seo. Amiannachadh gun tigeadh cuideigin a-staigh nach robh adèanamh fuaim cho truagh. Tha mi duilich.

Air muin na h-ìre cuimhne seo nach eil e ag iarraidh a chuimhneachadh, tha tèile aige a-nis. Na h-ìomhaighean bhon telebhisean, tha iad cho measgaichte leis an fheadhainn aige fhèin a-nis is nach eil fhios aige an ann dha-rìribh leis-san a tha iad. An uair a bha e làn dhrogaichean mar phiopaid acoimhead tro uinneag chruinn an Chinook, an do rinn iad slighe leth-gealaich timcheall air an fhrèam loibht cheòthach, neo an ann air na Naidheachdan air aBhBC a bha e?

Tha e asmaoineachadh air Dan Fionnlastan, trì dorsan sìos, a bha còir aige a dhol a-mach abhòn-, ach nach dfhuair air sin a dhèanamh. Cha do dhfhàg am plèana airson a dhol a dhObar-Dheathain. Carson a tha rudan atachairt mar seo? tha ataghadh nan ròidean seo dhut? An ciont nach do bhàsaich e mar clach na stamaig.

An dèidh treis ann an Intensive Care chaidh e chun an ospadail a bfhaisge air abhaile, agus an uair sin dhachaigh. A mhàthair agus a bhean acoimhead às a dhèidh fhads a dhfhàs prìnean lùbte a chnàmhan air ais ri chèile. Tha a mhàthair adèanamh abhìdh as fheàrr leis. Brot. Bread and butter pudding. Ròst. Rinn i bradan dha aon uair, ach cha burrainn dha srucadh ann.


[15]

A bhean afeuchainn ris an teaghlach a chumail bho sgàineadh. A chlann afaighneachd tha ceàrr air Dad. Chan e duine furasta a thann coimhead às a dhèidh. Tha e ag iarraidh an t-solais air tron oidhche agus uaireannan tha e duilich an telebhisean a chur air, gun fhios nach bi iad air an sadail air ais a-steach dhan t-saoghal ud.

An-còmhnaidh, clach throm a chionta còmhla ris. Barrachd air cheud dhiubh, na caraidean aige, daoine a bha ag obair còmhla ris, ag ith còmhla ris, beò leis. Uaireannan bidh e asmaoineachadh nach bu chòir dha a bhith air leum. Bhiodh e air a bhith na bfhasa. Chan urrainn dha smaoineachadh air compensation. Mu dheidhinn inquests agus investigations. Bha fios aige a-riamh nach robh sàbhailteachd cho math air feadhainn dha na rigichean. Bha feum aige air an airgead aige nach eil.

Tha a bhràthair Iain atilleadh às an Oilthigh. Chan eil mòran airgid aca. Air a shocair, gu slaodach, tha Dòmhnall adèanamh a shlighe air ais bhon chliathaich ud air an robh e na sheasamh an oidhchud. Gu slaodach. Tha e afeuchainn ri rudan a dhèanamh a chuidicheas e gus dìochuimhneachadh. Tha e afeuchainn ri bhith beò. Acluich leis an fheadhainn bheag. Tha e acuimhneachadh air a bhith toirt pòg dha bhean. Tha e airson a bhith beò a-rithist. Ach cionnas? Cionnas? One day at a time, sweet Jesus.

Agus sin an t-adhbhar gu robh e an seo. Plangaid ghorm na mara. Suailichean tana, dath abhàta mar sgàthan air an uisge. An Dawn Rose. Loidhne uaine ghorm. Latha ciùin.


[16]

Làmhan Dhòmhnaill air an còmhdachadh le ola.

Thoir dhomh rud beag cuideachaidh, a phiatain.

mu dheidhinn bròg suas an tòin?

Bha a bhràthair Iain air a bhith adèiligeadh ri seo fad na maidne. Bha a mhàthair an-còmhnaidh ag ràdh ri Dòmhnall sùil a chumail air. Bha i an-còmhnaidh rudeigin iomagaineach mu dheidhinn Iain nuair a dheigheadh e a-mach air abhàta. Cha robh sin fèar, bha e asmaoineachadh, gu h-àraidh nuair as e Dòmhnall a dhfheumadh sùil a chumail air.

Thoir dhomh hand leis amhotair. Tha e gu bhith done, tha mi smaoineachadh. Seo, steig sin na do bheul.

An e seo aon dha na jokes agad?

Scout’s honour.

Thòisich Iain aslugadh air aphìob, blas diesel bhuaipe. Durghail neònach. Pressure tana.

Bha dùil agam gu robh thu adol a chur seo ceart mun tàinig sinn a-mach? dhfhaighnich Iain.

Tha mi ga chur ceart a-nis, nach eil? Ahà!

Shad e smugaid agus brùchd agus siud an diesel a-rithist. Am motair air a-rithist.

Seo a-nis. Dìreach air-block. Tha sin airidh air siogarait, tha mi smaoineachadh. An roilig thu dhomh? Tha mo làmhan manky.

All right.

Bha dùil agam airson mionaid an siud gum biodh againn ri snàmh. Mura biodh rocket scientist air a bhith agad air bòrd ...

Bhiodh tu aglanadh heileacoptairean.

fios a thagads! Chan eil biot! Func!

Chaidh Iain a-steach dhan chèabain airson an tiona tombaca fhaighinn.


[17]

Dòmhnall ag èigheachd.

Bheil gu leòr air fhàgail airson rolly?

Tha.

Dèan a dhà dhomh, ma-thà.

Tha a cheann asealltainn a-mach bho chùl an doraisDìreach atarraing asad, Tonto. Gabh ma tha thu ag iarraidh.

Aidh, very good.

Tha Dòmhnall ga choimhead.

? thuirt Iain.

Cuir ann an gìor i, ma-thà. Tha rudan agam ri dhèanamh a-nochd, cuimhnich.

Fuaim tiugh an einnsein. Dòmhnall air deic aglanadh a làmhan ann am bucaid le Fairy Liquid.

Bha naoi mìosan ann bho thill Dòmhnall air ais dhachaigh, agus bha Iain air mothachadh gu robh e air atharrachadh. Bhiodh daoine ag ràdh cho maths a bha e adèanamh, cho duilichs a bha iad. Agus bhiodh Dòmhnall adèanamh cinnteach nach biodh iad afaireachdainn dona, adèanamh aodann beag, ga chrathadh dheth. An dèidh na thachair air an rig, cha burrainn dha Dòmhnall a dhol air ais dhan Chuan a Tuath a-rithist. Cha robh e acòrdadh ris a bhith ann an rumannan beaga. Bha e ag iarraidh a bhith air falbh bho dhaoine. Chaidh e air ais a dhiasgach.

Cha mhòr nach do reic am màthair am bàta, le aon mhac anns an Oilthigh agus am fear eile air na rigichean. Uiread atachairt ann am bliadhna. Bha Dòmhnall air tilleadh dhachaigh. Dhfhàg Iain an t-Oilthigh. Cha robh a mhàthair cho toilichte mu dheidhinn sin.


[18]

Agus Dòmhnall atoirt a chreids, an seann Dhòmhnall a sheall e dhan t-saoghal. Ach bha e eadar-dhealaichte; uaireannan cha robh fhios aige cuin a stadadh e. Cha do dhaidich e faireachdainnean sam bith a bhaige, uaireannan bheireadh e ùine mhòr mum freagradh e ceist. Freagairtean slow motion. Uaireannan eile bha e abuiceil timcheall coltach ri gobhar. Bha e asmocadh tòrr marijuana airson a chumail fhèin adol. Dhòladh e cus. Ro luath. Dhòl e tòrr.

Uaireannan cha burrainn dha gluasad, oir bha uiread cionta ga bhruthadh sìos. Carson nach do bhàsaich esan? Carson nach deach a charaidean a shàbhaladh na àite?

S mathaid gu robh e airidh air a dhol iomrall beagan.

Ghabh Iain drag eile. Cha robh e a-riamh asmocadh ach nuair a bhiodh e ag iasgach. Cha do shruc e ann an càil san Oilthigh. Siogaraits neo eile. Drogaichean. Nam beireadh cuideigin air adèanamh sin ... an dèidh na rinn e a dhobair, nam biodh e air a shadail bhon chùrsa ... bhiodh sin cus. Airson rudeigin cho beag ri sin. Mearachd bheag. Rudeigin ironic, smaoinich Iain barrachd air aon thuras. Gu robh e dìreach air coiseachd a-mach aon latha.

Am bàta aplubadaich a-mach gu far an robh an t-iasgach.

Bha ùine mhòr mun do dhfhàg iad na Klondykers air an cùlaibh. Bha iad air an ceangal ann an loidhnichean mòra fada anns abhàgh. Na bàtaichean cannery mòra Ruiseanach. Àrd-chliathaichean, bàtaichean a dhfhuiricheadh aig muir airson sheachdainean.

Seall cho mòrs a tha iad ... chan fhaigh mi seachad air, a h-uile turas a tha mi gam faicinn, thuirt Iain.

cho fad’ ’s a tha sin a-nisdeich ...

Ceithir bliadhna deug.


[19]

Ceithir bliadhna deug. Tha iad an seo gu aBhreitheanais, tha mi smaoineachadh. Smaoinich air an airgead a tha iad atoirt a-steach. Mas e seo Socialism, tha e acòrdadh rium.

Iad faisg air na cliathaichean àrd iarainn a-nis.

tha leigeil dhaibh a bhith an seo co-dhiù? Bha dùil agam nach fhaodadh na Ruiseanaich fàgail an dùthaich neo rudeigin mar sin.

Airgead, thuirt Dòmhnall.

mu dheidhinn?

Chan eil iad an seo gun adhbhar. Tha iad apàigheadh tòrr airson iasgach an seo. Big money. Na Ruiseanaich a tha cumail aghnìomhachais adol san dùthaich seo an-dràst. ’S e racket a thann.

Am bàta beag aca gu tur ann am faileas aon dhiubh airson mionaid.

Chan eil fhios agam am falbh iad a-chaoidh, thuirt Iain.

Tha fhios gu falbh. Cha sheas e.

Chan eil an coltas orra gu falbh.

Uill, cùm thusort ag iasgachs ag iasgachs ag iasgach, agus faodaidh tu bhith cinnteach aon latha nach bi càil air fhàgail. n teans a thaig an iasg bhochdseall air na rudan sin.

Cha mhothaicheadh iad nam beireadh iad oirnne anns an lìon aca, thuirt Iain.

Chan fhaigheadh iad mòran ortsa, ceart gu leòr. Ach mise ... hundred percent Beluga caviar, sin mise. O, aidh, chòrdadh e rium aon neo dhà dhan chlann-nighean Ruiseanach tha siud a chur air an toast agam ceart gu leòr ...

Tha iad snog, feadhainn dhiubh, all right.

Snog! Beauties a thannta! ’S mathaid gu bheil na làmhan aca rud beag curs, fàileadh èisg, ach uaireannan chan e rud dona


[20]

tha sin. Nach tuirt mi riut, firecrackers ... feadhainn dhiubh. Hoigh, cùm sùil air far a bheil thu adol!

Bha e acur na cais air Iain nuair a chanadh Dòmhnall rudan mar seo.

Tha mi acoimhead.

Chan eil thu air achùrsa cheart.

Chan eil càil ceàrr air achùrsa seo.

Tha thu astiùireadh abhàta man boireannach.

Tha thusa gam bhidsigeadh man boireannach.

Ghabh an dithis aca drag bho na fags. Dòmhnall achiad duine a bhruidhinn.

Chan e rud fortanach a thann a bhith bruidhinn mu bhoireannaich ann am bàta.

Thusa thòisich.

Boireannaich agus ... eala bhàn cuideachd. Sin an t-adhbhar nach bi mi asmocadh nan Swan Vestas. Chan e rud math a thann a bharrachd ma choisicheas boireannach seachad air an lìon agad. Gu h-àraidh boireannaich le falt ruadh! Cùm air falbh bhuapa. Aig muir neo air tìr. Deagh chomhairle tha sin. Bheil thug èisteachd? Na teirg a-mach le boireannach beag. Ach mura bheil cìochan mòra oirre. Casan beaga agus cìochan mòra. Sin na requirements. Agus gu h-àraidh na teirg a-mach le ruadh. Redheads na mallachd. Gu h-àraidh mas e ... Tam an t-ainm a thoirre. Neo Ruairidh.

Fuaim bhon àite-cadail shìos. Durghail agus spògan hungover agluasad gu slaodach.

Abruidhinn air -fhortan. Tha thu an sin, a Làsarais.

Ceann stràbh bàn anochdadh anns ahatchway. John D. Chan eil e acoimhead cho math.


[21]

Bheil sinn ann fhathast?

Chan eil. Seall ort fhein: staid an diabhail.

An urrainn dhuibh dìreach stad ... o bhith adèanamh uiread fuaim. Tha sibh man rhino.

Dhìochuimhnich mi gur e hotel a bhann. Feuchaidh sinn a bhith sàmhach an ath thuras a tha sinn adèanamh airgid dhut fhads a chaidleas tu.

John D agoradaireachd a-mach ahatchway, aghrian ro làidir dha.

An diabhal, chan eil sinn fiùs a-mach às abhàgh fhathast!

John, nach teirg thu a chadal airson treis eile, eh? Sleep it off.Dùisgidh sinn thu nuair a tha feum ort.

Aidh, ann an deich bliadhna eile, ’s mathaid, thuirt Iain.

Èigh orm, ma-thà, nuair a tha thu gam iarraidh.

John D na sheasamh asmaoineachadh airson mionaidTha mi air a bhith smaoineachadh.

O, aidh, thuirt Dòmhnall.

Bha mi smaoineachadh a-raoir. Bidh tòrr ideas mhath agam an dèidh neo dhà. Bha mi smaoineachadh, seo sinn air ar cuairteachadh ceithir-thimcheall le iasg. Tha iad sa h-uile àite. Ach fhathast, chan fhaigh duine fish supper ceart a-staigh sa bhaile. Bha mi smaoineachadh mu dheidhinn sin nuair a bha mi ag ith fish supper a-raoir.

Sheall Dòmhnall agus Iain air. — Tha sin fìor ceart gu leòr.

Bha coltas gu math dòigheil air John D. — Bha sin rudeigin cliobhar dhomh, smaoineachadh air a sin, eh?

Duine mothachail dha-rìribh, thuirt Dòmhnall. An aon rud, John, ’s e kebab a bhagad a-raoir.

An e?


[22]

— ’S e.

Stad John D airson mionaid.

Uill ... dìreach èigh, ma-thà. Tha balgam beag teatha gu math snog nuair a dhùisgeas duine.

Rud sam bith a tha thu ag iarraidh, agus dìreach èigh nuair a tha thu ag iarraidh abhlow-job ud. Hoigh, agus na teirg faisg air an leabaidh agam. Cleachd bunk eile.

Ceann John abuiceil suas a-rithist. Ostraits hungover.

Feagal ort gu faigh mi aon dha na boireannaich agad innte?

Hoigh. Loose lips sink ships,thuirt Dòmhnall.

Bha Iain ga choimhead.

tha thu adèanamh a-nis? dhfhaighnich Iain.

Chan eil càil.

John D agoradaireachd a-rithist. Bha an seòrsa rud seo acòrdadh ris.

Anna an t-ainm a thoirre. Neo rudeigin mar sin. Sin an t-ainm a thair aon dhiubh co-dhiù. Pìos math, a Dhòmhnaill.

Le breab bheag dhùin Dòmhnall ahaids air John D. Chualiad guidheachdainn, a chasan air an làr adèanamh gu taingeil air bunk. Chan eil Iain cinnteach chanas e.

Feumaidh tu bhith faiceallach nach fhaigh Leanne a-mach.

Chan fhaigh i a-mach.

Cha ghabh i ris an t-seòrsa carry-on sin.

Iain, cùm do shròin a-mach às.

Tha mi dìreach ag ràdh.

Uill, cùm thusa do shùil air an stiùir.

Tha iad sàmhach airson ùine mhòir. Adèanamh an cuid


[23]

slighe a-mach gu far a bheil an t-iasgach. Peilearan fada caol airgid. Rionnaich. Seo a tha iad ag iarraidh. Thèid an t-iasg bòidheach seo timcheall an t-saoghail far am pàigh daoine yen agus kroner agus roubles air a shon.

Ach tha Dòmhnall asmaoineachadh air an oidhche tha roimhe nuair a gheibh iad air ais gu tìr. Tha e airson an t-iasgach fhaighinn a-mach às an rathad. Tha e ag iarraidh deoch neo dhà agus tha e ag iarraidh bruidhinn ri boireannach brèagha. Chan eil e airson a bhith asmaoineachadh.

title1
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacLeòid Na Klondykers %p

parent textNa Klondykers
<< please select a word
<< please select a page