Cailean Mi Fhìn
“Dè thachair an uair sin?” arsa Tormod.
“Dè thachair,” ars a sheanmhair, “ach gun chùm e a’ dol.”
’S e bh’ air a dhòigh nach robh duin’ ann a bhiodh a’ cur cheistean air. Choisich e mìltean air mhìltean gus na shìolaidh e. An ath thaigh a ghlac aire, ’s e fear a bha na sheasamh leis fhèin shuas air cnoc agus na h-uinneagan aige ri glacadh gathan na grèine ’s gan tilgeil a-steach na do shùilean. Ars esan ris fhèin, “Tha brod na dachaigh aig cuideigin ann an siud.” Smèid dithis air an Sgeilbheag bho taobh a-staigh a’ gheat’.
“Trobhad a-steach còmhla rinn. Tha e fhèin aig an taigh an-diugh. Gheibh thu do dheagh fhàilteachadh. Thèid frithealadh ort le biadh is deoch. Ann an ceithir ranna ruadha an domhain chan eil duine cho fialaidh is cho faoilidh ri Cailean.” An teis-meadhan na cuideachd chunnaic an Sgeilbheag duine mòr, eireachdail, agus bha e dìreach an uair sin fhèin a’ crìochnachadh seanchas a bha gu math èibhinn.
“ ‘O, bhoill’ ,” arsa mise ris an uair sin, ars esan riumsa,” arsa Cailean. “Ars ise.”
Agus thòisich a h-uile duine a bha staigh, ’s cha bu bheag sin, a’ lachanaich ’s a’ gàireachdainn. Bha iad gu sracadh. Agus cò bha seo ach ‘Cailean Cò Th’ ann Ach Mi’.
“Thigibh a-steach, a bhalachaibh!” dh’èigh e. “Cuimhnichibh, chan ann an taigh an duine bhochd a tha sibh! Dè ghabhas tu?”
ars esan ris an Sgeilbheag, agus lìon e glainne mhòr uisge-beatha dha.
“O, tha taighean gu leòr timcheall an seo, ’s abair thusa gast, ach cha toir iad dhut uiread ’s a dheigheadh fo do shùil, de rud sam bith. Ach chan e sin dhuinn’ e. Bha m’ athair na dhuin’ aoigheil, agus athair roimhe.
“A bhean, leasaich an stòp dhuinn,” dh’èigh Cailean, “is lìon an cupan le sòlas.”
“Càit an cuala mise siud?” ars an Sgeilbheag ris fhèin.
Thall am measg nan ceatharnach chunnaic e boillsgeadh de bhoireannach brèagha, bàn, is cuairtean fo na sùilean aic’, ’s a h-uile colas oirr’ gu robh i gus a beul a bhualadh fòidhp’ leis an sgìths.
Chunnaic an Sgeilbheag gu robh na fir òga air am beò-ghlacadh le Cailean. Agus gu robh cuid aca ri còmhradh ’s ri coiseachd dìreach mar a bha esan. Bha dùil aige gun innseadh e dhaibh mu Chathach nan Cath. ’S dòch’ gun cuireadh e tòimhseachan no dhà orr’.
“Ciamar a tha leabaidh an leisgein ro fhada dha?”
“O, chan eil fhios, tha cho math dhut innse dhuinn – siuthad, a-mach leis, a bhalaich!”
Agus chanadh e fhèin, “Seach gu robh e ro fhad’ innt’ .”
Neo chuireadh e seo orr’:
“Chan eil e muigh,
Chan eil e staigh,
’S cha dachaigh i às aonais.”
“Tiud! Chan eil sinne a’ dèanamh bun no bàrr dheth, tha
a cheart cho math dhut innse dhuinn. Seadh, doras, arsa tus’ – nach tu tha èibhinn, ’s cò leis thu co-dhiù, ’s càit a bheil dùil riut?”
Ach cha d’ fhuair e mòran teans’ air càil a ràdh.
Bha Cailean a’ seinn amhran gaoil. Agus nuair a sguir e, thuirt fear dhe na balaich, “A, nach ann agad a tha an guth.”
“O, bha guth gu math càilear aig do mhàthair fhèin,” arsa Cailean, “ged nach robh ’n ceòl ’s an cumhachd na guth a bh’ ann an guth mo mhàthar-sa.”
Thall air cùlaibh Chailein chunnaic an Sgeilbheag gu robh a bhean a’ togail a sùilean suas a chum nam beann.
“Co-dhiù,” arsa Cailean, “fhuair mi ’n ceòl bho mo mhàthair ’s a’ bhàrdachd bho m’ athair còir nach maireann.”
“Am bi sibh ri bàrdachd?” ars an Sgeilbheag.
“Bithidh, a bhalaich, nuair a leigeas an drip dhomh,” arsa Cailean. “Bàrd ainmeil a bha nam athair, ’s thèid duine ri dhualchas seachd uairean san latha, gun fhiosta dha fhèin.”
“An dùil a. .. dè mu dheidhinn nan gabhadh tu fear ac’ – fear dhe na dàin a rinn d’ athair. . .”
“O, chan eil fhios a’m, ” arsa Cailean, ’s chuir e a làmh suas is thòisich e a’ slìobadh fhuilt air ais.
“Siuthad, a Chailein!”
“All right, a-rèist,” ars esan. “Seo fear a rinn e ’s e air tilleadh leis an acras às dèidh dha bhith cuairt cladaich.”
“Siuthad, dall air, a Chailein!”
“Na rinn sibh buntàta pronn, buntàta pronn,
na rinn sibh buntàta pronn,
an rud as fheàrr leam a th’ ann?
Cha do rinn an-diugh,
cha do rinn an-diugh,
ach gheibh thusa dà ugh.
Is bonnach coirc a dh’fhuin mi fhìn,
bonnach coirc a dh’fhuin mi fhìn,
’s na thogras tu de dh’ìm.
“ ’S e seòrsa de dh’fhiosaich’ a bha nam athair-s’ ,” arsa Cailean. “Seo luinneag eile a rinn e goirid mus do bhàsaich mo mhàthair.”
“Siuthad, a-nis, a Chailein.”
“Tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
cha deach i dhan a’ mhòine.
Tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt,
tha casan Ciorstaidh goirt an-diugh,
cha tèid i mach a chèilidh.”
Chrìochnaich Cailean is chrom e a cheann.
“O, bhoill, ’s e bàrd a bha nad athair, dha-rìribh,” ars an Sgeilbheag.
“ ’S e bàrd dha-rìribh a bha nam athair,” arsa Cailean. “Nach e sin a bu chòir dhut a ghradha?”
“ ’S e sin a bha dùil a’m a chantainn,” ars an Sgeilbheag. “Agus dè mu dheidhinn do bhàrdachd fhèin?”
“O,” arsa Cailean, “tha a’ bhàrdachd ag èirigh às na daoine againne mar a thig bùrn-èirigh gu ’n uachdar. Rinn mise bàrdachd – ‘Òran a’ Gheamhraidh’ – agus ged as e mi fhìn a tha ga ghradha, ’s iongantach g’ eil a leithid ann.”
“Siuthad, ma-tha.”
Chuir Cailean a làmh suas air a lethcheann agus ars esan, “O, chan eil fhios a’m. ”
“Siuthad, a-nis,” arsa càch.
“Ceart gu leòr,” ars esan, “seach gun tug sibh orm. .. ‘Òran a’ Gheamhraidh’ ,” ars esan, ann an guth ìosal.
“Mun àm sa bhliadhn’
tha a’ghrian air teiche gu deas,
tha i dìreadh air èiginn os cionn na beinne
’s a cromadh sìos às.
An loch cho caol ri sgithinn
eadar a bruaich,
solas fuar a’ gheamhraidh
a’ deàlradh bhuaip’.
An tunnag bhochd, nach mairg dhi
latha nan seachd sian,
mis’ is tus’ le dachaigh bhlàth,
’s an cat ’s an cù fo dhìon.”
Chrom Cailean a cheann is bhris air. “Gabhaibh mo leisgeul. .. tha e a’ buntainn rium. .. tha e cho domhainn. ..
“Gun fhasgadh air domhain ac’
a Shàboind neo sheachdain,
ach a’ crùbadh còmhla
gus fuachd bàis a sheachnadh.
Na rionnagan a’ priobadaich gu h-àrd,
lanntairean beaga fuara
gorm-lasrach, dearg-bristeach, geal-daoimean
nach stad fad diog na h-uarach.
Ach reult an fheasgair fhèin a-mhàin,
a tha cho soilleir rèidh:
glan geal, sìobhalt i na h-aimsir
seach gach tè.
Mun àm sa thig gaoth gheàrrt’ o tuath,
tha cabhadh is flin an dàn dhuinn;
m’ athair leis an tùchadh, bròinean,
oir a bheòil air sgàineadh.”
“Eich, eich, eich,” arsa Cailean, agus thiormaich e a shùilean le nèapaigear sìoda.
“Cùm ort, cùm ort.”
“Mo thruaighe gill’ òg mòintich
air am beir cabhadh
astar mhìltean a-muigh,
aimsir mheallt’ air a charadh.
Tha canach an t-slèibhe glè gheal,
cop na fairge tuilleadh nas gile,
ach cha mhòr nach dall ùr-chòmhdach sneachd thu
le fhìor ghilead.”
Ach nach ann a stad e an uair sin agus dh’èigh e ri bhean, “Tha mise gad fhaicinn. .. na bi smaoineachadh nach eil. .. a’ roiligeadh do shùilean. .. a gheal-shùileach bhochd gun chonn. . .”
O, bhruidhinn e rithe gu math nasty, ann am fianais a h-uile duine, ’s chuir e cho suarach i ri tràill agus ri sgalag, ann an sin, na dachaigh fhèin.
“O, bhoill,” ars an Sgeilbheag ris na brògan, “ ’s math g’ eil a’ bhrolais ud seachad.”
“Come on now, ”arsa na brògan donna, “give the man his due – bha pàirtean dheth glè mhath!”
“Ma bha, a-rèist,” ars an Sgeilbheag. “B’ fheàrr leamsa fada a’ bhàrdachd ud a rinn athair, leanabaidh ’s mar a bha i.”
“O, bhoill. . .” arsa na brògan.
“Teich leis,” ars an Sgeilbheag, “bha a’ bhàrdachd aige mar e fhèin: làn gaoith.”
Greiseag an dèidh seo, thug Cailean a-mach iad ach am faiceadh iad am pìos a chuir e ris an taigh.
“A bhalachaibh,” ars esan, “cuin a chunna sibh clachaireachd mar sin?” Shuath e a làmh air a’ bhalla. “Seall mar a tha na clachan sin agam air an teum ri chèile ’s air an leigeadh a-steach na chèile. Chan urra mise cus uaill a dhèanamh às a sin – ’s e th’ ann ach tàlant a thug mi às a’ bhroinn.”
“O, ’s e clachaireachd ghrinn a tha sin, a Chailein,” arsa fear dhe na balaich.
“Agus seo a’ chlach mhòr, air cùl an taighe ann an seo, a thog m’ athair. Mi fhìn ’s e fhèin, sin uireas a thog a-riamh i bhon talamh. Agus seo an lèana far am biodh sinn a’ cur na dòrnaig, ’s far am biodh sinn a’ feuchainn air a’ mhaide-leisg.”
“Chleachd iad a bhith cantainn riumsa nach robh mi fhìn dona air sadadh na dòrnaig,” ars an Sgeilbheag.
“Thusa?” arsa Cailean.
“Seadh. Agus chan eil mi ’g ràdh nach dèanainn glè mhath air a’ mhaide-leisg cuideachd.”
“O, bu chaol do rathad ris, a mhaothain balaich,” arsa Cailean. “Ma thèid thu dh’fheuchainn annamsa, creanaidh tu air mar a chrean iomadach amadan romhad. Cnuasaich air leud mo dhroma, air doimhne mo bhroillich, agus air an dà ghàirdean fhèitheach, fhionnach sin.”
Ach bha an Sgeilbheag air a dhol tro iomadh gàbhadh. Bha àird air a thighinn ann. Bha e air cuideam a chur air. Bha aodann is amhaich dorch aig a’ ghrèin. Às dèidh na bha e air fhulang, bha e ga fhaighinn fhèin cho làidir ri each beag màsach, molach, muingeach.
Shuidh iad air a’ ghlasaich mu choinneamh a chèile. Chuir an Sgeilbheag a bhonnan ri bonnan Chailein. Agus thòisich iad a’ dràghadh ’s a’ tarraing. Ach brògan donna ann neo às, agus each molach, muingeach, màsach ann neo às, rinn Cailean a’ chùis air trì turais, ’s cha robh sin ro dhuilich dha.
“O, feumaidh tu bonnach no dhà ithe fhathast, a bhalaich,” arsa Cailean, agus chuir e falt na Sgeilbheig troimh-a- chèile le a làimh. “Seall fhèin air na crògan sin,” ars esan ris an Sgeilbheag, “leis am faodainn d’ fhàsgadh nam b’ e sin mo thoil.”
Bha aodann na Sgeilbheig air a dhol cho dearg, leis an nàire. Chaidh e sàmhach, ’s cha bhruidhneadh e ri duine.
“Bhon a bha e cho làn dheth fhèin, bha dùil agad nach robh dad a dh’fheum ann,” arsa na brògan. “Ach bha thu air do mhealladh. Tha thu nis air do thàmailteachadh. Bho nach deach leat, tha thu nis cho dùdach is cho dùr ri sean nighean nach d’ fhuair a slìobadh no a gioradh.” O, cha do sheachain na brògan e. Cha do shèam iad e.
“Cha robh siud glè ghlic dhomh,” ars an Sgeilbheag.
“Dh’fhaodadh tu fhèin a ghradha,” ars iadsan, a dh’aon ghuth.
Chaidh a h-uile duine steach an taigh a-rithist, agus lìon Cailean ghlainne mhòr ’s chuir e sìos i air beulaibh na Sgeilbheig.
“Seo, a bhalaich – chan fhaigh thu leithid an stuth sa ach ann an taigh Chailein.”
“Na òl ach an tè s’ ,” arsa na brògan ris. “Bidh tu fann claoidhte gu leòr mus fhaigh thu à seo, gar am biodh ceann goirt is aithreachas ort.”
“Feuch a-nis ma bhios tu ’n taobh s’ ,” arsa Cailean, “gun tig thu steach ach an gabh mi do naidheachd. . .”
“Thig,” ars an Sgeilbheag. Ach ris fhèin ’s e thuirt e, “Cha tig, cha chreid mi gun tig. . .”
Às dèidh dha beannachd a leigeil le Cailean, ghabh e air a shlighe.
Thug e dhà na thrì lathaichean ga dhìteadh fhèin chionn ’s nach robh cus feum ann air dòigh air domhan.
Chaidil e latha ’s oidhche gun smuaisleachadh. Ars esan ris na brògan, “Carson co-dhiù a bha mi cho buileach claoidht’ ?”
Fhreagair na brògan donna. Ars iadsan ris, “Chaith thu leth latha còmhla ri ‘Cailean Cò Th’ ann Ach Mi’, agus, a Sgeilbheag, sin agad carson.”
title | Cailean Mi Fhìn |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |