[106]

ATilleadh

An uair nach robh an Sgeilbheag abrath air a thighinn mar a gheall, agus is bliadhnair gabhail seachad, agus ciaradh an fheasgair ann, thuit dorchadas mòr air an rìgh. Thug e dheth a chrùn òir. Chuir e luath air a cheann. Shuidh e sìos san ùir. Ann am fìor shìoladh an latha, ge-, is rionnag an fheasgair rèidh na h-àite, nach do dhèigh fear-faire a-nuas gu robh cuideigin atighinn air fàire.

Leum an rìgh air muin eichs a-mach leis aig peilear a bheath’. Nuair a chunnaic e an Sgeilbheag, a bha acoiseachd cho cuagach na sheann bhrògan donna, bhrod en t-each is rinn e air. Rug e air san dol-seachad is tharraing e suas e air a bheulaibh air muin an eich mhòir, ’s cha be stararaich gu siud e, aig crùidhean an eich ud abragail a-steach seachad thar uachdar na drochaid daraich. ’S cha be greadhnachas is toileachas e gu siud ann am pàileas an rìgh, is uile mun cuairt dheth a-mach gu crìochan iomallach na rìoghachd.

Ghairmeadh cuirm a leanadh fad ceala-deug, ’s chaidh cuireadh fialaidh a-mach gu ìslean is uaislean far-aon. Chruinnich iad ann às gach bad is oisean is oir.

Chraobh-sgaoil an naidheachd is shruth iad ann o na ceithir àirdean. Amarcachd gu stàiteil a chum na pàileis, thàinig corra thighearna àrd-urramach is dos de dhitean acrathadh ann am bàrr a chlogaid. Le a chuid eachraidh is le a chuid laochraidh, foirm na shiubhal is smàb na ghnùis.


[107]

Dànairean is duanairean thàinig ann, cruitearan is clàr-sairean, seinneadairean is dannsairean, sàr-bhàird is rabhdairean, is leumadairean a leumadh tro chearcaill is clagan beaga ceangailt rin adhbrannan is ri caol an dùirn. Mèirlich is misgearan, breugadairean gun cùl, a h-uile mac màthar ac’, cam no dìreach an ceum. Cuid aca reiceadh an seanmhair air gròt. Flioncaidhean dhen a h-uile gnàth is gnè, agus floozies dhen a h-uile seòrs’ – nochd iad ann an siud nan caochladh staid. Chruinnich iad ann, sean is òg, slàn is euslan, ’s cha drinneadh dìmeas orra, no leth-bhreith, aon seach aon. Dhèalaidh iad an slighann, nam burrainn idir, muinntir na h-eucail is muinntir na h-earracais.

Thàinig iad ann mar a bfheàrr a burrainn, creuchdaich is leòntaich is claonairean cama, daoine beag bragail le searragan fada, daoine mòr solt le ceumannan beaga, daoine meadhanach le casan dabhdach, crioplaich air dhroch dhòigh, craidhnich air dhroch dhreach, buaireadairean is buamastairean, taistealaich bhochda gun cheann-uidhe, dìlleachdain neo-chùbhraidh nach fhaca dachaigh, bodaich throma nan dithiseans nan triùirean, ramalairean riasach na sitige farsaing, coin allabain nach dfhuair slìobadh. Agus mnathan bòidheach nach ceannaicheadh an t-òr, agus laoich a dhannsadh leotha bho mhoch gu dubhs fad is oidhchgus an gairmeadh coileachthàinig iad uile is shuidh iad mu bhòrd.

Chaidh casgradh de laoighs de mhuilts de mhucan na bha na sgrios, ’s de chearcans de choilichs de thunnagans de gheòidh, ’s cha robh cùmhnadh air beòir làidir is fìon dearg ri òl.

Chan fhacas a leithid bho nach robh fhios cuin, cha chualas a leithid bho nach robh crìoch an cuin, agus cha mhòr nach e sin crìoch an t-seanchais.


[108]

Ach a-mhàin seo, mus tèid na cait a dhanns agus sinne mu thàmh: gun do ionndrain an Sgeilbheag na brògan donna, ann am meadhan na cuirm.

Cha robh for air na seann bhrògan donna thall no bhos, gu h-àrd no gu h-iarach.

Iadsan a bhair fàs beagan ro bheag dha.

A bha gus tolladh, a bha robach, a bha salach, a ghiùlains a stiùir e tro iomadach gàbhadhghoid iad air falbh ann an glasadh na maidne nuair a bha daoine nan slèibhtrich is srann aca, is aislingean trioblaideach abuaireadh an spioraids acur car nan aodann.

S chan fhacan Sgeilbheag iad a-chaoidh tuilleadh. Agus sin agad a bhonns a bhàrr.

titleA’ Tilleadh
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page