[109]

Turas Thormoid a Sgoil Steòrnabhaigh

Cha robh Tormod agus sgoil Steòrnabhaigh adol a thighinn air a chèile co-dhiù. Bha fios air a sin.

Bha fios aig a h-uile duinair aig an robh làmh sa ghnothaich. ’S an dèidh sin, chaidh e innt’. Bha fios aig Coinneach bràthair-athar gum biodh ceannach acair. Bha a sheanair dhen aon bheachd. Bha Sport deimhinntnach robh feum sam bith dha a dhol innt’. Agus bha làn-fhios aig amha’ -sgoile bhochd air a sin cuideachd, ann an smior a chnàmhan.

Fàth na duilichinn, ’s e gun tàinig litir thuige à Dingwall. Cha robh sin na annas, ach cho luaths a dhfhosgail en sa. .. O. .. dhaithnich e nach robh i seo gu bhanais.

Oh, dear me. .. , ”ars esan, agusDaingead air a h-uile mac màthar agaibh.”


Dear Mr Morrison,ars iadsan ris,

We have received several letters from the Ness area, some signed and some not, apprising us of Norman MacLeods protracted absence from both home and school.

If this be true, we need hardly remind you that it is in breach of clear undertakings given by yourself and by the boys family, and contrary to binding agreements entered into in respect of the boys schooling and tutoring.


[110]

We, for our part, were we to stand idly by, would be delinquent in our duties under the law.

We therefore require you, at your very earliest convenience, to give us fresh assurances regarding this very serious matter.

Otherwise, further action will have to be contemplated.

Yours faithfully,
Robert Colquhoun


O mo chreach-s’ .”

Mhill seo amhadainn air. Bha e greannach ris na tidsearan. Agus mu mheadhan-latha bha a cheann cho goirt ri goirt, dìreach gus sgàineadh. Dhfhalbh e dha chois, a-mach gu taighAin Tuirc, cho luaths a sgaoil an sgoil.

Càit a bheil e?” ars esan.

Tha ann an Èirinn,” arsa seanair abhalaich, bho chùl cunntair na bùth. “Fhuair mi litir bhuaithen-à County Clare. Sgrìobh e tèile gu sheanmhair.”

Seadh, ma-tha,” arsa Morrison, “fhuair mise litir mi fhìn an-diugh, à Dingwall.” Agus shìn e null i chon abhodaich.

Chan eil fhios s fheàrr a dhèanamh,” ars Iain Tuirc, ’s e atoirt dheth a speuclairean, ’s e air an litir a leughadh.

Tha gu feum e thighinn dhachaigh,” arsa Morrison.

Easier said than done,” ars am fear eile.

Càit a bheil an litir aige?” ars am ma’ -sgoile. “ ’Eil address oirr’ ?”

Tha address oirr’ ,” ars Iain Tuirc, “tha i agam ann an seo.”

Thòisich am ma’ -sgoile ga leughadh.


[111]

My dear grandfather,arsa Tormod,

The weather here is as broken as it is at home, but what of that. The singing, the fiddle-playing and the piping in these parts are out of this world. Ive already made several changes to my bowing and fingering.

I wish you could hear Willie Clancy playing the Irish pipes. Ive invited him up but hell never come.

Seamus Ennis was here for all of two weeks. We were sorry to see him go. Weve been up till all hours every night. Youve never heard the like: the rafters themselvesyes, and the slateswere jigging and lifting.

With a bit of give-and-take the small divide between our two languages is easily bridged.

Can ri Coinneach gu bheil mi duilich nach dfhuair mi air a chuideachadh leis amhòine, ach gun cuir mi às mo dhèidh uiread ri dithis mhath sam bith nuair a thig sinn gu togail abhuntàt’.

Nach math gu bheil an teine- air sìoladh sìos. Tha thu air do chasan fadan latha. Rinn mi stòl àrd dhuts chan eil thu ga chleachdadh.

Please write to this address with all the news. I look forward to that.

Your loving grandson,
Norman


Thats all very fine and good, ”ars am ma’ -sgoile, “but were in a pickle here.”

I know that, ”arsa fear na bùtha, “its no joke. ”


[112]

Bliadhna gu leth eiles bidh e mach à sgoil,” arsa Morrison. “Bidh e far mo làmhan. Sin an latha a dhannsas misagus a ruidhleas mi.”

Sgrìobhaidh mi thuige a-nochd,” ars Iain Tuirc.

Sgrìobh thusa thuige nuair a thogras tu fhèin sin, and at your leisure,” arsa Morrison, “achs e tha dol thuigen-diugh ach teileagram.”

“ ’S e sin a biomchaidh’ ,” ars Iain.

Bho dhfhalbh Ailig John an Rudain a-null a Ruisia chan eil lorg agamsair duinann an seo a bheir sgoil dha.”

O, rinn Ailig John glè mhath ris,” ars Iain.

Tha mise sgìth, Iain. Tha mo cheann cho goirt. Dheoc e asamsa bho chionn fhada na bhagam ri thoirt dha.”

Chan eil aon choire ri fhaighinn dhut,” ars Iain. “Chan aithne dhuinne duineile bhiodh air giùlain leis.”

“ ’S ann tha mise smaoineachadh gum biodh e na bfheàrr dheth a dhol a sgoil Steòrnabhaigh greiseag,” arsa Morrison. “Bruidhnidh mi fhìn riutha.”

O, bhoill. .. chan eil fhios againne. . .” ars Iain.

“ ’Eil thu faicinn an rud a thagam. Greiseag bheag ann an Steòrnabhagh, ’s dhfhaodadh e togail na siùil às le làn a dhùirn a Highers.”


Bejasus, if there isnt a telegram for you, ”arsa Willie Clancy ri Tormod. “I didnt want to be the one to tell you. ”

Leugh Tormod a-mach i: “Come home. Things critical with Dingwall. A. Morrison. ”

Nuair a bhuannaich Tormod dhachaigh, thuirt e riutha gum feuchadh e sgoil Steòrnabhaigh airson seachdain.


[113]

Airson seachdain!” ars Eirig, a bha pòstaig Coinneach bràthair-athar.

Seadh,” arsa Tormod.

Bha e aloidseadh còmhla ri Mairead Uilleim air Keith Street, an teis-meadhan abhaile. Bha Mairead Uilleim acumail chearcans acur bhuntàtann an sin, air cùl an taigh’.

Bha bùithtean beaga sgapte suas tron bhaile an uair ud. Gheibheadh e ri cheannachd ann am bùth bheag, tràth dhen amhadainn, lofaichean is rolaichean ùra, cùbhraidhson a bhracaist.

Air Keith Street, agus mun cuairt dhith, bha fàileadh aghuail agus fàileadh na mònach aige còmhla na chuinnleanan. Bha fàileadh na mara atighinn a-steach na sheòmar-cadail.

Bha Angaidh Bramaidh fhathast afalbh le làraidh bheag, ’s ag èigheachd air feadh abhaile.

Cha robh TocasaidAin Tuirc glè fhada ann an sgoil Steòrnabhaigh nuair a thug en aire gu robh corra shean chrabhcan ateagasg innta bhair a bhith san eilean bho linn crochadh nan con. Thug en aire gu robh cuid dhe na sean laoich sin adèanamh bloighean millidh air balaichs air clann-nighean. Cha be tàir is èigheachd a-mhàin, agus stràiceadh le cuip leathair, ach brùidealachd samhail droch chrathadh, tarraing air falt is sgal mun aodann. Leithid na conbhaireachd sa cha robh e air fhaicinn.

Shìos am baile, air Disathairn’, chìte fear dhe na fir sin, every inch the Highland gentleman, atogail ad ri boireannaich san dol seachad. Air madainn Didòmhnaich, chìte fear eile dhiubh, sgeadaichtann am feobhladh, afàilteachadh dhaoine ann an lobaidh St Columba.


[114]

Bha e acur iongantas mòr nan iongantas air TocasaidAin Tuirc gu robh balaich thapaidh à Leòdhas afuireach nan suidhe agus sean bhlaigeard ag èigheachd os an cionn is roill ri bhus.

Fad nan trì latha a chaith Tormod ann an sgoil Steòrnabhaigh cha robh ach aon mhadainn a chòrd ris. Chaith e amhadainn sin còmhla ris an fhear a bhair ceann na sgoileAddison an t-ainm a bhairagus iad ageop ri chèile ann an Laideanns ann an Greugais, agus a-mach air Gottfried Wilhelm Leibniz agus air an differential calculus.

Aon ghreiseag a thug Tormod sa chlas Ghàidhlig. Agus be sin greiseag na mallachd. Thàinig a chèilidh ann an Sgoil mhòrIcNeacail gu ceann.

Dhfhalbh an ceatharnach braisicha-mach. Dhfhàg e iad aleughadhDuatharachd na Mara’, rud nach eil furasta leughadh. Seòrsa de shearmon. Ruith Tormod air bho cheann gu ceann. Ruith e troimhe, a dhuine, mar a thèid cnap bùirn tro shaidhbhear.

Thòisich e an uair sin acòmhradhs adibhearsain ris an nighean a bhair a chùlaibh. A bha mar an t-òr, mas urrainnear sin a ràdh mu dheidhinn air an robh falt cho dubh.

Dhfhairbhein Tormod an clas adol sàmhach. Thionndaidh e.

Bhan tidsear air tilleadh, ’s e dèanamh air, adol ga bhualadh mu thaobh achinn.

Leag Tormod a shùil air. Chaidh e air a chasan.

A Mhòr-Thìrich uasail,” arsa TocasaidAin Tuirc, “cuir làmh annams’, agus tomhaisidh tu fad do dhroma air an làr.”

Chaidh an duine sin às aGheàrrloch, ma-tha, cho bàn ris achailc air an robh e eòlach. Chan fhaigheadh e air còmhradh.


[115]

Bha e aspleuchdadh ann an sin air beulaibh Thormoid gus mu dheireadh na dhfhalbh e mach.

A rèirs mar a chuala Dòmhnall Iain, nochd e an uair sin san staff-room agus cha robh càil dhe na bha e ag ràdh adèanamh cus cèill.

Nuair a thill e air ais, ge-, bha e loma-làn feirg agus taosgach de theine lasrach. “Get out! ”dhèigh e ri Tormod. “Get out of my class and get out of my school!”

Yes, but not yet, ”arsa Tormod, agus lìbhrig e pìos bàrdachd. “Thu fhèins do shean rosg,” ars esan, “cha mhò leinn e na sean trosg.

A shean bhodaich-truisg,
cha shnàmh thu tron uisg’.

Cha shnàmh thu null dhachaigh,
chan fhalbh thu, cha rach thu.

Bidh tu seo anns an eilean s’,
gar cur-ne fo pheanas.

S mòr am peacadh a rinn sinn
mus deach do chorraich gu nàimhdeas.

Ach fòghnaidh na dhfhòghnas
dhe do chabs dhe do chòmhradh.

Fhuair thu daoireadh an-diugh,
s fhuair thu fhèin do latha-dubh.”


[116]

Air a leithid a lùth-chleas cha robh iad air turchairt.

Dhfhalbh an duine sin a-mach a-rithist, a dhiarraidh cuideachaidh.

Thòisich dhen achlann-nighean arànail, ’s cha sguireadh i. Mary Margaret MacAulaya bha rudeigin diadhaidh. “You shouldnt have done that, ”thòisich i ag ràdh. “That was very wrong, very, very wrong. ”

Nise, mar bu tric’, ’s e a bhann an Tormod ach balach sìtheil. Cha baon uair a chunnacas e astrìochdadhs ateiches acoiseachd air falbh.

Ach cha be sin a rinn e dhen turas sa.

Leig e beannachd le Mairead Uilleim, ’s chaidh e null dhachaigh a Nis air bus nan seachd.

Chan eil droch fheum ort,” arsa Coinneach ris, “than t-uabhas ri dhèanamh.”

titleTuras Thormoid a Sgoil Steòrnabhaigh
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page