An Tocasaid
Cha robh Tormod a-riamh ag iarraidh na bha sin de chadal. Cha b’ e fear-leap’ a bh’ ann a-riamh, co-dhiù san t-seagh sin.
Bhiodh e a’ tionndadh aist’ ann an càinealachadh an latha. Mus robh a’ chiad choileach a’ reubadh brat na h-oidhch’ às a chèile le dalmachd guth, bhiodh Tormod air boiseag a chur air aodann. Trì uairean a thìd’ a chadal, no ceithir – dh’fhòghnadh sin dha. Tha daoine ann mar sin. Agus ciamar eile co-dhiù a bha Tormod air cur às a dhèidh na chuir e às a dhèidh?
Nuair a sgrìobh e a chiad leabhar, The Social Life of the Starling, ’s e mu dhusan bliadhna dh’aois, cha do dhùin a shùil, a rèir Choinnich, fad trì oidhch’. Chaidh an leabhar a leughadh air an Third Programme, ’s abair thus’ gu robh fèill air ann an Sasainn.
Sin an t-airgead leis na thog e ’n taigh.
“Sin a’ mhocheirigh anns nach eil feum dhòmhsa,” ars am ma’ -sgoile ri ’Ain Tuirc. Bha an rud a bh’ ann gu math ironical leis a’ mha’ -sgoile, nuair a chuimhnicheadh e gur e seo an dearbh Thormod a chleachd a bhith air bhoil ag iarraidh dhan sgoil ’s gun e ach trì bliadhna dùint’. ’S a bha ’n uair sin a-rithist cho dearmadach, seachranach, clì. Dhòigh ’s gu robh Coinneach bràthair-athar, agus Eirig a bh’ aige pòst’, agus Morrison am ma’ -sgoile agus Doileag a’ Phluic a bha ’n ceann na clainne bige – gus an robh na daoine sin air am feuchainn aige gu iomall an crithnich and a shade beyond.
Cha robh e na iongnadh gu robh iad troimh-a- chèile, ’s gu robh na facail a’ dol ceàrr orra. Gu robh iad bàn leis an sgìths, geal leis an ainmein agus sàmhach gun dùrd.
Ach fhuair iad seachad air tro thìd’, gu ìre mhòir. Mar a ghabh na mìosan seachad, ’s na bliadhnachan le ceum na b’ aithghearra na sin, thuig iad cò bh’ ac’. Dhrùidh e orra gur e a bh’ ann an Tormod ach phenomenon. Balach a rugadh san fhraoch ghorm chùbhraidh a-muigh gu fada am meadhan mòinteach Nis. Mu àird a’ mheadhain-latha, air fear dhe na lathaichean a b’ fhaide dhen bhliadhna.
Balach a bh’ air a shloinneadh air iomadach dòigh na èirigh suas, agus air an deach èigheachd a h-uile seòrsa rud na shiubhal. Tormod Beag, Tormod Beag againn fhìn, Tormod Noraidh, Norman MacLeod One, in contradistinction to Norman MacLeod Two, alias Tormod Nell, mac Thormoid ’Ain Tuirc, an donas beag ud, am bastard na bids’ ud, am balach gòrach, an dòlas duin’ ud, a bhlaigeird air do chasan, a mhic an uilc, a mhic an diabhail, m’ eudail-s’ air a mhullach, the man himself, College Boy, Guga, a Thormoid a luaidh, a Leòdhasaich na galla, yon big teuchter, Desperate Dan, Plum MacDuff, that Scotch git, you great big fucking Paddy, my own dear darling, the Body, the Brain, sweetie-pie, Prof, Dead-Eye Dick, honey, Leg-over Len, Mac, wherefore art thou Romeo, Come-again Charlie – agus a bhàrr orra sin uile, quintessentially and perennially,an Tocasaid, agus Tocasaid ’Ain Tuirc.
Nuair a bha e na roiligean beag, nach ann a ghabh e fancy dhan tocasaid mhòr a bha buailte ri cùl taigh an Sport. Bha bloigh de dh’àradh ri cruach ann am broinn iodhlann nan daoine sin, ’s bhiodh e ga dhraghadh leis. Dheigheadh e an uair
sin na mhullach, ’s bhiodh e a’ goradaireachd ’s a’ gocamanachd os cionn na tocasaid, a bhiodh uaireannan letheach mu letheach le bùrn agus uaireannan eile taosgach.
Nise, ’s e fìor dhroch àradh flagach a bha seo. Àradh critheanach a bha a’ dèanamh a’ chùis na sheasamh ’s a thaca ri cruach choirc. Ach a dhol ga chur suas ri beul tocasaid, a bha cho cam ’s cho cruinn ’s cho cruaidh ’s cho sleamhainn, ’s e bha sin ach rud eile.
Shealladh e sìos a bhroinn na tocasaid, ’s mura druideadh e ’n solas air fhèin, chitheadh e mìr dhen adhar, agus na sgòthan a’ gabhail romhpa.
Chitheadh e na rionnagan gan cluiche fhèin shìos anns a’ bharaille mhòr. Dhùisgeadh e Mac-Talla. Esan aig nach eil mòran ri chantainn rinn ach mar a bheir sinn dha.
Bhiodh Tormod a’ frithealadh na tocasaid, ’s a’ turraban ’s a’ turrabanaich os a cionn. ’S ag èigheachd sìos innte, ’s a’ diobadh a chinn ach dè chitheadh e. Fhad ’s a bha a chomhaoisean a’ deocadh na h-òrdaig ’s a’ tarraing air aparan am màthar.
Eadar dà fhras ruitheadh e mach is dhìreadh e suas chon na spiris sa. Bheireadh e ’n aire dhan uisg’ a’ dòrtadh às a’ phìob ’s a’ tormanaich shìos sa bharaille. Ghabhadh e ealla ris a’ bhoinneig mar a dhealaicheadh i bho bheilleag na pìob. Ris mar a bhuaileadh i shìos am broinn na tocasaid le fuaim binn. Dh’fhalbh an t-àradh leis. Fhuair e sgleog mun pheirceall, ’s thug e ’m plum am broinn na tocasaid.
Mìorbhail nach deach a bhàthadh. Bha Sport a’ dol tarsainn eadar a’ bheart ’s an taigh. Chual’ e ’n uspartaich.
“Gu sealladh mathas air mo chorp!” dh’èigh e.
Thog e ’m balach às a’ bharaill’. Steall às, crith air, ’s e cho fliuch ’s cho slìom ri cù eunadair.
“Ta, cha sguir thu, cha ghabh thu robhainn. . .” Bha e ga fhàsgadh ’s ga altram ’s ga phògadh ’s e na ruith leis a-steach a bhroinn an taigh’.
“Càit a bheil fear na tocasaid?” dh’fhaighnicheadh daoine.
Ghreimich an t-ainm sin ris a’ bhalach, ’s am balach ris an ainm, gus nach robh eadar-dhealachadh eatarr’. Ghreimich an t-ainm ris mar a thèid searcan an sàs ann an clòimh na caorach.
Torc a shinn-seanair. ’Ain Tuirc a sheanair. Noraidh ’Ain Tuirc athair. A chailleadh sa chogadh. H.M. S. Forfar. A-muigh sa chuan mhòr, seachad air Rockall. Torpedo. Torpedo eile. Thàinig cuid aist’. Cha tàinig esan.
Mu euchdan na Tocasaid tha ’n tuilleadh ri inns’. Fhad ’s a bhios daoin’ air a’ chothrom ’s an còmhradh a’ dol, bidh iomradh air.
An Nis, far na rugadh ’s na thogadh e, bidh cuimhn’ air fhad ’s a bhios stiùir ann an coileach, is gog is cìrean.
title | An Tocasaid |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |