A’ Chliutag
Cha robh a’ Chliutag sa chogadh idir, cha ghabhadh iad e.
Cha chuala Dòmhnall Iain cus bruidhinn a-riamh air carson. Ri chiad chuimhne bhiodh a’ Chliutag a’ falbh chun obair-là, ach an uair sin sguir e.
Thill e turas ’s gun dùil ris. Chunnaic Dòmhnall Iain a’ tighinn e, a-steach mun bhuaile, le ceas, agus ruith e na choinneimh.
Dheàlraich aodann na Cliutaig mar a b’ àbhaist, agus rug e air làimh air Dòmhnall Iain, rud nach biodh duine a’ dèanamh ach e fhèin. Làmh chruaidh làidir. Ach a rèir colais cha robh an làmh chlì faisg cho math. Dh’fhàsadh i sgìth ’s cha dùineadh i ceart mu chas na spaid.
Bha a’ Chliutag air a dhol gu fhois shìorraidh bho chionn iomadach bliadhna mus do thuig Dòmhnall Iain mar a bha e ga ionndrain. Bhon a bhiodh e ’n taigh a sheanar gun fhalbh às, agus seach gu robh e fhèin is Doilidh Beag mu na comhaoisean, bha e eòlach san taigh ac’.
An toiseach, b’ ann aigesan a bha làmh-an-uachdair, ach goirid an dèidh dhaibh a dhol dhan sgoil, dh’atharraich sin. Gheibheadh Doilidh Beag an t-uabhas leis, am broinn an taigh’ agus a-muigh timcheall. Taigh-dubh a bh’ aig muinntir na Cliutaig, a bha leantainn an leothaid, an cùl na h-Àirde.
Latha brèagha samhraidh, ’s iad a’ cluich a-muigh, ’s iad fhathast gun a dhol dhan sgoil, ghabh Doilidh Beag gu mùn air an uinneig.
“Feuch an sguir thu,” dh’èigh a’ Chliutag bho staigh, ach cha do charaich e mach. ’S cha do sguir Doilidh Beag gus nach robh dileag air fhàgail aige.
Mu dheireadh b’ i a mhàthair a bu dòcha seasamh aige, is dèiseag a thoirt dha mun tòin.
Bha bràthair-athar aig a’ Chliutaig a phòs tè à Grangemouth, ’s a rinn a dhachaigh ann an sin. Cha robh Nollaig nach tigeadh preusantan bho Jessie Dhòmhnaill.
Gu h-àraid sa gheamhradh, bha e math a bhith na do shuidhe uaireachan mòr a thìd’ ann an taigh na Cliutaig, agus earball na gaoith a’ siabadh mun doras, agus craos mòr fosgailt na mara a’ bagairt air tìr is fearann. Bha Chrissie Ann bliadhna na bu shine na Doilidh Beag.
“Dè tha thu leughadh an sin?” ars a h-athair rithe.
“The Invincible Trio, ”arsa Chrissie Ann. Thuirt Dòmhnall Iain gur h-e bu chòir dhi bhith air a chantainn ach“The Invisible Trio. ”
Thubhairt ’s Doilidh Beag. ’S cha tuirt a’ Chliutag dùrd, ach na shuidhe air an t-seat a’ smocaigeadh na pìob.
Ach nach ann a sheall Chrissie Ann cobhar an leabhair dhaibh, agus chunnaic iad gur h-i bha ceart, ’s chaidh iad sàmhach.
Bha nàir’ air Dòmhnall Iain nach robh fios aige air an fhacal. ’S chan fhaighnicheadh e dè bha e ciallachadh, leis na bh’ air de thàmailt.
Cha robh e cho nàr leis, ge-tà, neo faisg, ris mar a thachair dha an clas Miss MacLeod. Air Clas Two. Far na dh’ionnsaich iad sgrìobhadh is tables is vulgar fractions. Agus far an robh agad ri leughadh às an leabhar, ’s tu na do sheasamh.
“One moonlit night the dog met his cousin the wolf, ”leugh Dòmhnall Iain, ’s chaidh leis glè mhath.
Ach là eile, ’s e na sheasamh, thàinig e tarsainn air ‘demon’.
Cha do chuir sin grabadh sam bith air. Thuirt e ‘demon’ an aon dòigh ’s a chanadh e ‘lemon’. Cha robh teagamh sam bith aige nach e sin a bha ceart.
Thòisich an clas a’ gàireachdainn. Cha do chaisg Miss MacLeod iad. Bha gàire beag air a h-aodann fhèin. ’S bha i ’g obair air a grìogagan, mar a b’ àbhaist, ’s air cùl a fuilt. Chunnaic Dòmhnall Iain gun chòrd e rithe gu robh e air a dhol ceàrr. Thuirt i fhèin ri Doileag a’ Phluic, tidsear na clainne bige, gu robh dhà na thrì a lìogairean air a’ chlas aices’, ’s gur esan aon dhiubh.
Chuir i a rànail e latha eile agus cuistean air failleachadh air. Thug i ’m pointer dha mu chaol an dùirn.
Mus tàinig a’ gheur-leanmhainn sin air – O, fada roimhe, ’s dòcha bliadhna – thàinig Doilidh Beag air a thòir, ’s thuirt e ris gun d’ fhuair esan orainsearan is ùbhlan is cnothan na stocainn.
Air orainsearan bha Dòmhnall Iain eòlach, air ùbhlan cuideachd. Nuair a chual’ e ‘cnothan’, dè a chunnaic e shìos am broinn stocainn Dhoilidh Bhig ach crodhanan bà.
Ach dè bha roimhe, an taigh na Cliutaig, ach orainsearan is ùbhlan agus. .. cnothan. Cha robh e riamh air am faicinn: gall-chnothan liorcach agus cnothan cruinne calltainn.
Bhris iad na cnothan leis a’ chlobh’, air an leac air beulaibh an teine. Is bhlais iad orra. Cha robh oisean dhiubh nach do sgrùd sùil is corrag.
Air lathaichean neo-charthannach, neo-chaomh, ma-tha, ’s a’ ghaoth a’ sgiùrsadh na glasaich, is corra chù a’ leantainn ràtar fiar, ’s ga chall, ’s ga lorg a-rithist, dhèanadh Dòmhnall Iain e fhèin aig an taigh ann an taigh na Cliutaig.
’S air lathaichean geamhraidh eile, ’s am muir a’ leum geal far na creige cho àrd ri taigh, is sneachd air stad ann an slagan an tughaidh, ’s na churrac geal air bàrr nam post-feans, ’s na starragan nam fògarraich a-mach os cionn cuithe rèidh, len guthan garbha ròcanach, dheigheadh Dòmhnall Iain a thaigh na Cliutaig.
A bhiodh a’ slìobadh mullach a chinn fhad ’s a bhiodh e ris an altachadh – uaireannan ’s dòcha trì mionaidean, ceithir, còig. ’S na bh’ aige ri ràdh ris a’ Chruithear na shanais nach cluinneadh tu buileach, ’s a thug buaidh air a’ bhalach a bha feitheamh gus am faodadh e làmh a shìneadh gu buntàt’ is sgadan, no gu cudaigean is aran-coirc.
A’ Chliutag nach cual’ e riamh a’ càineadh duine, nach nàraicheadh balach, ’s nach tigeadh trom air, nach robh a-riamh ach gast, nach biodh a’ bruidhinn air fhèin, ’s a bha sìtheil ri bhean.
An tac an teine bhiodh e fhèin is Doilidh Beag a’ dèanamh smoc le calcas is stiallag de phàipear-naidheachd.
Neo a’ tarraing buntàta ròst às a’ ghrìosaich.
Neo a’ cur nam beillean ’s a’ brùchdail.
“Istibh. Istibh a-nis,” chanadh esan, ’s e leughadh a’ phàipeir.
Ma thug e ’n aire dha fhèin ’s dha Doilidh Beag a’ tarraing nan sgiathan às na cuileagan a bha taobh-staigh na h-uinneige, cha tuirt e dùrd.
’S iongantach gun mhothaich e, oir bha ’n t-uabhas a’ dol seachad air.
Bha a’ Chliutag aig an obair-latha faisg air a’ Ghearastan. Ron chogadh. Cha b’ e fhèin a dh’innis seo ach fear à Dail a bha còmhla ris.
Bha gafair ac’ a bha salach air a bheul, agus tàireil leis. Bhiodh e ’g iomchar air balaich na Gàidhlig. Mar gum biodh bith aige dhaibh.
Co-dhiù, thuirt e rudeigin, agus leig Iain às a’ phioc. “A ghrìochaire ghuirm. . .” chuala fear Dhail a’ Chliutag ag ràdh.
’S chaidh e null ’s tharraing e air i. Chuir e na phliac an duine sin. Thug e greis mus do dh’èirich e. Na laighe air an rathad a bha iad ag obair a’ càradh.
Fhuair e mhothachadh mu dheireadh.
Dh’iarr a’ Chliutag mathanas air. “I haven’t hit anybody since I was a boy, ”ars esan ris.
Ach fhuair e a leabhraichean co-dhiù, ’s b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh.
Thug Mèireag a bhean greis mhath air mhuinntireas ann an Lunnainn. Dh’innis i seanchas dhaibh, ’s iad beag, a lean ri Dòmhnall Iain mar a leanas lèig ri bonn bròig.
“Thàinig boireannach le flèide dhubh a shealltainn air tè dhen chlann-nighinn Ghalld’. Agus,” ars ise, “ged nach fhaca mise seo le mo shùilean fhìn, ’s e aodann muic a bh’ oirre. Cha robh i toirt dhith na flèide sin uair sam bith.”
Thog e bho Mhèireag gur e breitheanas a thàinig air a’ bhoireannach sa, ’s air a pàrantan.
“An dùil dè rinn iad?” ars esan ri Doilidh Beag.
Ach cha robh duine dhen dithis aca ro gheallmhor air faighinn a-mach.
title | A’ Chliutag |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |