Am Bromaire Mòr
’S nàr leam aideachadh nach eil fhios a’m dè an aois a bhaTormodnuair a bhruadair e bruadar a’ bhromaire mhòir. ’S dòch’ gu robh e trì bliadhn’ deug. Neo beagan na bu shine. Cha robh ann co-dhiù ach an giullan maoth. Bho thoiseach na h-aisling bha e mu thràth air an t-slighe, a cheann-uidhe fa chomhair inntinn, ’s e dol ’s a’ dol. Bha e dol ’s gun fhiaradh air, fad trì latha, a latha ’s a dh’oidhch’, tro choilltean uaigneach is tro gharbhlaich. ’S e dèanamh air bodach a bha fuireach leis fhèin, deagh phìos às. Agus rud aige a bha Tormod ag iarraidh.
Cha b’ ann ag iarraidh ach a’ fìor lùigeachdainn. Cha b’ ann a’ fìor lùigeachdainn ach a’ sìor mhiannachadh le uile chridhe, ’s a’ dleasadh dha fhèin le uile neart gu sìorraidh buan.
Choisich e casruisgt tro abhainn fhuar, air an robh cabhaig eadar bruaichean farsaing. Lùthmhor a bras-shruth cuaileanach, cuisleach, sgeireach, brist’. Agus ro eu-domhainn airson a snàmh. Cha mhòr nach tug i a chasan bhuaithe. Thàinig luairean air a-muigh na meadhan, far am bu duirch’ i, far am b’ astaraich’. ’S i ri snìomh ’s a’ toinneamh a slighe sìos roimhp’ mar ròpa dubh. Nan tuiteadh e, dh’fhalbhadh i leis agus gheibheadh e sgailceadh mu na sgeirean.
Stad e. Stòlaig e e fhèin le buille dhe shùil a-null tarsainn, agus cumhachd na h-aibhne na ghobhal ’s a’ sàthadh air ploc na tòine. Bha clachan corrach, biorach na bonn a gheàrr ’s a sgiol e. Agus olbhagan cnapach cruinn a bha cho sleamhainn ri botal. ’S na
bha sìos eatarra de thuill ’s de chòsan grànda, cama, cumhang, a’ glacadh ’s a’ glasadh caol na cois, ’s ga tionndadh, ’s ga sgochadh, ’s ga leòn gu goirt. ’S ma fhuair e null, cha b’ ann gun fhios aig’ air, ’s ma bhuannaich e tarsainn, cha b’ ann gun dochann.
An dèidh na spàirn sa leig e anail a-staigh air cùl easa.
Staigh ann an sin san eadar-sholas, far nach leagte sùil air, bha dreathan-donn ga nighe fhèin ann an slaig bhig nach bu mhotha na copan. A’ tomadh ’s a’ bocadh ceann is com a h-uile ceann tiotadh, ’s a’ crathadh a sgiathan.
Ann an sgoltadh nan creag bha raineach ùr a’ fàs na spreodan fada fallain gorm. A bha dùint’ gus bho chionn ghoirid, agus paisgt’ air fhèin na chuibhleachan teanna, ’s a bha nis air a sgaoileadh fhèin a-mach. Ach cha do rinn Tormod dàil. Ghreas e a cheum, ’s cha b’ fhada gus nach robh seirm is faram nan uisgeachan tuilleadh na chluais.
Dh’èirich falt a chinn a’ chiad oidhch’ a chual’ e bùireil is burralaich nam madadh-allaidh, ’s iad ag adhradh do sheann bhloigh dhen ghealaich. ’S a-rithist nuair a thug e fa-near iad a’ togail na fuinn, na sròinean aca togte suas, cuid dhiubh bus ri bus, an sùilean dùint’, is càirdeas sìorraidh ac’ ga chumail.
Mu dheireadh thall, air latha dorch, thàinig e gu oir coille agus chunnaic e taigh gun cheò gun sholas. Chluinneadh e èigheachd nan creach agus sgiamhail bho staigh. A’ dol na b’fhaisg’, chunnaic e gu robh na dorsan far am banntaichean. ’S nuair a bha a chas air taobh-a- staigh na starsaich, ’s a chleachd a shùil air dubh is duibhre, rinn e mach duine mòr, cnàmhach, a bha greis latha, na sheasamh am meadhan an làir agus sgèan na shùilean.
Bha mucan is uirceanan a’ ruitheadaich a-mach ’s a-steach ’s a h-uile taobh.
“Siuthad! Siuthad!” dh’èigh am bodach gruamach sa ri Tormod. Fàilteachadh cha d’ fhuair e ach sin.
Thuig Tormod gu robh am bodach ag iarraidh air na beathaichean fhuadach chun na sitig. Ach bha na dorsan brist. Bha ’n fhàrdaich s’ na bu shalaiche na bàthach a chunnaic Tormod na bheath’, agus fàileadh innt’ a leagadh tu às do sheasamh.
Bhuail e a bhoisean na chèile, agus ruith iad is sgap iad, ach cha b’ fhada gus na thill iad.
Mu amhaich a’ bhodaich, air iall caol, salach leathair, chunnaic Tormod clach bheag gheal is toll troimhp’. “Tha mi ’g iarraidh na claich’ ,” arsa Tormod ris.
Leig am bodach braidhm. Agus chunnaic Tormod gur e bha seo ach cùis-thruais ’s nach b’ e cùis-eagail, le fhalt caraigeach nach fhaca cìr, ’s a chuid aodaich cho grod. Aodach às nach robh e air a thighinn, a latha no dh’oidhch’, seachdainean fada gun Shàboind air sreath.
Cha robh dad a chuimhn’ aig a’ bhodach gu robh a’ chlach mu amhaich.
“Dè bheir mi dhut oirr’ ?” arsa Tormod, ach cha robh seo gu feum sam bith dha. Bha ’m Bromaire Mòr a’ cuachaill timcheall, ’s a’ toirt riag a-mach, ’s a’ stad, ’s ag èigheachd, ’s a’ còmhradh ris fhèin gu dian, ’s bho àm gu àm a’ leigeil às plath gaoithe.
Bha de sgreamh is de dh’oillt air Tormod na dh’fhòghnadh do thriùir, ach cha robh a chridhe falamh de dh’iochd.
Bha ’m bodach a’ toirt a-steach bràthair-athar air. Coinneach mùdach, dùdach, frionasach, an-amharasach na h-an-aimsir. A bhiodh uaireannan ga chall fhèin leis an droch nàdar timcheall a’ chruidh. A bhiodh a’ guidheachan dha na daimh, ’s a’ siamaich dha na gamhna, nuair nach gabhadh iad a chomhairl’ ’s a ruitheadh
iad air, an àite dhol tron a’ gheat’. Ruitheadh iadsan an uair sin a-rithist, air lost mar a bha esan, a’ sadadh an casan-deiridh gu deas is gu tuath, ’s a’ toirt dùbhlan dha ann an ciaradh an fheasgair, ’s gun an còrr ac’ ri dhèanamh.
Ged a bha ’m bodach sa na dhuine gun shoisgeul, gun sholas, agus broinn na dachaigh aige na fìor mò-rà is na muic-maic, uaireigin, ’s dòcha, bha bean aige, is teaghlach, is tuigs’ is toinisg gu leòr. Air an robh nise dìochuimhn’. A bh’ air ithe beò le iormaidh agus air a chlàbhadh le mucan crosta.
Ciamar a gheibheadh Tormod a’ chlach cha robh fios aige. Bha bàrdachd is ceòl, fiosachd is gliocas, co-cheangailte rithe. Duine a chuireadh a shùil ri toll na claiche, le cogais ghlan is cridhe gun fhoill, gheibheadh e sealladh air mòran. Chaidh Tormod a-null far an robh am bodach agus thuirt e ris, “Nach toir sibh dhomh a’ chlach a th’ agaibh mur n-amhaich, agus gabhaidh mi fhìn a cùram.”
Gun fhacal, agus cho solt ri uan, thug am bodach a’ chlach bho amhaich agus shìn e mach a làmh leatha, agus ghabh Tormod i.
“Tapadh leibhse,” arsa Tormod, a bha riamh còir agus fialaidh. Ach an dèidh sin, a rèir colais, cha robh e ullamh is deiseil airson a gabhail. Cha leigeadh a’ mhì-chàil leis a’ chlach a chur mu amhaich fhèin far am biodh i air a bhith sàbhailt. An àite sin, bhris e iall salach leathair an t-seana bhodaich bhochd agus shad e gu làr i. Agus ghlèidh e clach gheal na sùla gu tèarainte, na bheachd fhèin, ann an glaic a làimhe.
Agus b’ e sin car a’ mhì-sheilbh.
Thàinig air an uair sin torc dubh. Thàinig air mar a’ ghaoth biast de thorc dubh. Dà sgor-fhiacail ag èirigh às a charbard. Fiaclan fada fiara. Fada, cama, gus rùsladh. Garbh gus rèiteach
is cumail rian. A fhuair an geurachadh air rùsg nan craobh. Bàrr-chaol gus a dhol domhainn. Crom-fhiaclan a’ chiùrraidh. Fada, puinnseanta, buidhe, nach tionndaidheadh air falbh ach a leònadh ’s a shadadh a dh’aon ionnsaigh.
Thàinig air gun fhiosta bho chùlaibh an torc mòr cumhachdach. Thàinig e air mar ioma-ghaoith, cullach na coille, cabhagach, cunnartach, dearg-shùileach, ’s cha robh fòir air. Cullach neo-athach nan dealg ’s nan calg ’s nam bior.
À deireadh a shùl mhothaich Tormod dha. Shìos na bhonnan dh’fhairbhein e foirm is faram. Thionndaidh e ’s chuir e aghaidh air. Ach chaidh aig a’ bheathach air a ghearradh san t-sliasaid san dol-seachad, agus chaidh riaghan fala sìos mu iosgaid is mu chalp, agus sìos a bhroinn a bhròig.
Rug e air cabar maide a bha uaireigin na ursainn, leum e às an rathad airsan a bha rithist a’ dèanamh air a bheath’, agus thug e dha e mar a laigheadh e air, mu bhun a chlaiginn.
Cha do stad am beathach. Chùm e dol. A-mach dhan dubhar às an tàinig e. ’S cha do thill.
Am measg na h-ùpraid chaill Tormod a’ chlach. Thòisich e a’ sporghail air a son am measg na bh’ air an làr de shalchar. Gun e fhèin a ghànrachadh, droch theans gu lorgt’ i. Ach sìos gun deach e air a chorra-biod co-dhiù, agus sin far an robh e, a’ spògail ’s a’ sporghail ’s a’ caogadh, nuair a dhùisg e na leabaidh fhèin, agus ùilleag fallais air a mhaol, mar as dèidh daoraich.
Chan eil fhios againne dè ciall na h-aisling sa, no fiù ’s a bheil ciall aic’. Faodar a ràdh le cinnt gur e Torc am far-ainm a bh’ air a shinn-seanair. Ach càit an tèid thu à sin? Cha bhiodh tu ach a’ togail buatham na bochdainn air a’ ghnothaich sa gu lèir. Dh’fheumadh Iòsaph a choreigin a thighinn nar measg agus, air dha cnuasachadh, breithneachadh a dhèanamh.
title | Am Bromaire Mòr |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |