[44]

Sport

S ann asnaidhm clò a bha Sport. Mar sin, bha abheart na tosd. Cha chuir mise ceart ann an seo an seòrsa clò a bha e cur innt’. An e clò plèana glas a bhann, no clò srianagach ceithir-spàil. No an robh aige ri atharrachadh na tappets. Co-dhiù, bha an clò a thàinig aistaige fhèins aig Tormod air a phasgadh. Bhiodh e shuas air mullach pilear agheatsa mhadainn, mus tigeadh làraidh Tod, no làraidh Newall, no làraidh MacKenzie no làraidh Choinnich Rod.

Bha Tormod air a tharraing gu bhith ann an cuideachd an Sport le bannan gràidh, ’s carson a bhiodh sinn diùid ga aideachadh.

Chan eil fhios am, ” ars Eirig, a bha pòstaig Coinneach bràthair-athar. “Chan eil fhios am n dunmhaireachd a thort sìos ann an sin,” ars ise ris abhalach aon latha agus eudachd ga brodadh.

Bhoill, cha robh a fhreagairt a-riamh glè fhada bho Tormod, aguss e a thuirt e rithe san fhalbh, “Chan eil na agams’, ach tillidh mis innsidh mi dhut, ma gheibh mi mach.”

Co-dhiù, cha leigeadh Tormod beul às an Sport gus an innseadh e sgeulachd dha. Sgeulachd cheart. A bheireadh caogadh air sùil, a chuireadh aigne air ghleus, ’s a chuireadh disearachd fhuar sìos cnàimh a dhroma.

Ma lìonas tu dhòmhsa de dhiteachanan na chumas adol mi gus an tig thu às an sgoil a-màireach. . .”


[45]

Chan eil fhios fhathast an tèid mi dhan sgoil. . .”

Tha cabhaig air achlò s’, ’ille,” arsa Sport, “agus innsidh mise rudeigin dhut ma lìonas tum bucas ud gu bheul.”

Chan erudeiginidir,” arsa Tormod. “Taigh na croich air a sin.”

Bha Sport sàmhach, ’s a cheann a-steach a chùl na beairt, ’s e dèanamh snaidhm an dèidh snaidhm.

All right,” arsa Sport mu dheireadh, agus rinn iad bargan. Shuidh Tormod air an dìollaid chlò air am biodh Sport asuidhe chon na beairt.

Chùm esan air asnaimeadh. “Bha fear ann an seo uaireigin, ’s chan eil cho buileach fada sin bhuaithe, air an robh DòmhnallAinIc Dhòmhnaill, a bhan càirdeas dha mo sheanmhair Chrois, san linn a dhfhalbh. Bham bodach a bha seo afuireach leis fhèin. Cha do phòs e. Mar a chuala mis’, bha e asuirghe air na òige. Thàinig an eitig inntagus bhàsaich i. Cha robh i ach fichead bliadhna, ma bha i sin fhèin.

An oidhche bha seo bham bodach atilleadh bho chèilidh. Bhan oidhche air fàs fada, ’s cha robhn èis dhen ghealaich ach leus beag bochd.

Chunna tu crùisgeanbhoill, bha aghealach colach ri coinneal no ri crùisgean a bhair bàsachadh sìos agus a bha gus a dhol às. ’S a bhios asadadh a-mach guailnean grànda dorchadais mun cuairt. Sin an seòrsoidhcha bhann, oidhchair an robh droch colas.

Nuair a ràinig e dhachaigh, ’s a chaidh e seachad air an uinneig aige fhèin, uinneag bheag am bun an tughaidh, nach ann a chunnaic e gu robh solas air a-staigh. Chan urra dhòmhsa bhith cinnteach an seòrsa lamp a bhaig abhodach – ’s


[46]

dòchgu robh làmpa mhòr glob aige, le shiobhaig, bhon be a bhann dheth ach fear a bha geallmhor air a bhith leughadh na Fìrinn, aguss iongantach leamsa mura biodh lampa mhath aige.

“ ’S e bhann ach bodach speiseant, co-dhiù, agus tuigidh tu sin. Na daoine bhon tàine mis’, ’s e bhanntach sàr dhaoine, ach dìreach Uilleam fhèin air nach dèan sinn ach iomradh san dol seachad.

Nuair a chaidh e seachad air an uinneig aige fhèin,” ars an snaidhmiche, “nach ann a dhfhidir e gu robh solas air, rud nach bu chòir. Nise, a bharrachd air nach bu chòir dha a bhith, cha ghabhadh e bhith, oir bhan t-sreang ceangailtmun tarrag, agus an cnot oirre mar a dhfhàg e fhèin i.

Thàinig bualadh làidir air a chridhe. Chluinneadh e a chridhe na chluasan, apumpadh na fala.

Thug e greis aig an doras na sheasamh mus do mheantraig e dhol a-steach, asuathadh aodainn agus amiannachadh gu robh cuideigin còmhla ris.

Bhan coileachs na cearcan sàmhach a-staigh air an spiris. Cha robh diurra-bhig ac’. Ach ann an taigh beag an eich bhan laochan sin an-fhoiseil. Chluinneadh e a chasan aclampadaichs ag obair, agus sèideadh air anail.

Thug e greis ann an sin, mar a tha mi cantainn riut. . .”

Sheas an Sport agus rinn e a dhruim dìreach, agus thuirt e, “Agus. .. agus. .. ”, agus choisich e timcheall.

Thug e greis ann an sin asuathadh aodainn agus amiannachadh gu faodadh e tilleadh far an tàinig e, ach am biodh cuideachd aige. Ach bhiodh na daoine sin mar-tha air an t-adhradh a chuartachadh agus bhiodh iad nan suidhe còmhla


[47]

le bobhlan duine de bhainne goirt agus mìr eòrna. Chuireadh e neònachas orra nan tilleadh e.

“ ’S e bhann ach duine riogalair, òrdail, a bhag iarraidh a h-uile càil na àitmar bu chòir is mar bu nòs, sradag dhearg ron an spaid, sradag ghorm ron agheamhlaig, ’s a h-uile aleantainn a chùrsnàdarraich. Cha robhn t-each air a dhòigh, mar a thubhairt mibfhada bhuaitheagus thuirt am bodach air a shocair, ‘Dìon mi o gach olc, a Thighearna mo Dhia,’ agus na bhair de luaths-analach abuntainn ri chòmhradh.

Dhfhuasgail en t-sreang, chrom e a cheann agus shàth en doras roimhe.

Dhfhosgail en doras a bha dol suas, doras abhùird-isein, agus chunnaic e duine na shuidhe ann an sin air an t-seat, ga amharc, ’s gun aon stiall aodaich air ach luirmeach mar a rugadh e.

Cha robh e ògs cha robh e aost. Cha robh e beags cha robh e mòr.

Bu mhath do Dhòmhnall gu robh grèim aigair aphìob, agus theannaich a dhà làimh uimpe an uair sin, tuigidh tu fhèin.

“ ‘A chiall,’ ars esan mu dheireadh. ‘A shaoghail,’ ars esan, agus a chuid còmhraidh atighinn na chnapan. ‘Gu tha. .. gu tha seo!’

“ ‘Feasgar math,’ deir an duine, gun èirigh, ann an guth cleachdte. Guth anns an robh ùghdarras, colach ri guth ministeir, no guth fir-lagha.

Dèan mar a their mis’ ,’ ars an duine, anns aghuth ghleust a bha seo, ‘ ’s cha bhi feagal dhut.’

“ ‘A, mise sin,’ ars am bodach, ‘ mise sin, mura -thoilich e Ìosa Crìosd anns a bheil mo dhòchas.’


[48]

“ ‘Seadh, seadh,’ ars am fear eile. ‘Nise, faigh dhòmhsa aodach mar a thort fhèin.’

“ ‘Gheibh thu sin,’ ars am bodach. Chaidh e chun na cistagus lorg e gach ball-aodaich, eadar siomad is drabhars-fhada, oir bha fuachd air a thighinn dhan bhliadhna, lèine, briogaiss a h-uile , fiùs stocainnean is bonaid.

Aon dìth a bhair fhathast – ’s e sin brògan, oir bham bodach air aon phaidhir bhròg aig an àm, ach gu robh sean fheadhainn aige a bhiodh air acartadh easar na , ’s acur a-mach an todhair. Sean rabhlagan cama. Sheas an duinann an sin, ’s e cho dalmas a thogras tu, ’s chuir e uime. Cha do rinn e fiùs a chùlaibh a thionndadh, ’s mar a chitheadh duine cha robh nàire na ghnè.

Mu dheireadh, ma-tha, chuir e air am bonaid, agus ars esan, ‘Brògan a-nis, ’s faodaidh mi gabhail romham suas an sgìre.’

“ ‘A, ’ ars am bodach, “chan eil agamsach na brògan a tha thu faicinn mu mo chasan.’

“ ‘ iad sin achùis, dìreach glan,’ ars am fear-cèilidh.

Shaoil am bodach seo car neònach. Cha chanadh duinà Nis siud, no duinà Leòdhas. ‘Glè mhath’, ’s dòch’, noCiatach’, noBidh sin cho maths a ghabhas’.

“ ‘Saoilidh mise,’ ars am bodach, ’s e dol na shuidhair abheing a thoirt dheth a bhrògan, ‘saoilidh mise geil mi gur n-aithneachadhco dha bhuineas sibh?’

Ach freagairt cha dfhuair e dha cheist. Cheangail an duine na barrallan, sheas e, stamp e a chasan, adearbhadh nam bròg a thaobh cuimsis cofhurt. Air dha sin a dhèanamh, agus a bhonaid a chur rudeigin air siobhadh, gu math spaideil, thionndaidh e air a shàil, aguss e brag a chois a-mach an staran na bhaig abhodach bhochd dheth.


[49]

Thug en oidhche sin ag ùrnaigh. Cha do dhùin a shùil ach sin. Cha robh guth air cadal.

Ach, rud a bu neònaiche dheth, thuirt e rithist nach robh fiamh no feagal air gun tilleadh am fear ud a-chaoidh tuilleadh, agus cha do thill e sin.”

Bha Tormod sàmhach. Lìon e na h-iteachanan mar a gheall e.

Thòisich Sport agabhail an aithreachais. “Cha bu chòir dhòmhsa bhith air a siud innse dha. Tha e ro òg. ’S ann gus feagal aChruitheir a chur annam a chaidh innse dhomh fhìn. Rinn mi ceàrr.”

Ach, a rèir colais, cha bu mhistam balach an sgeulachd. ’S e nach robh buileach air a dhòigh an duine a dhinnis i.

Sheall Sport ri Tormod is fhuair e coire dha. One way or another, nan deigheadh tu a ghaoth abhalaich sa, bha thu dualtach rud a thighinn ort nach robh dùil agad ris. “Tud, co- dhiù. . .” ars esan ris fhèin, ’s thug e brag no dhà air achlò ùr mus deach e steach gu theatha.

title‘Sport’
internal date2004.0
display date2004
publication date2004
level
reference template

MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p

parent textTocasaid ’Ain Tuirc
<< please select a word
<< please select a page