Cock of the Walk
Bha e nàdarrach gum biodh feadhainn a’ tighinn a dh’fheuchainn ann an Tormod. Feadhainn à sgìre Nis fhèin agus feadhainn à badan eile dhen eilean.
Bha sin an dàn dha. Bha ainm ’s a chliù air a dhol fad’ is farsaing mus robh e ach glè òg. Nochd balach aig sean sgoil Lìonail an latha bha seo às dèidh na diathad, ’s a’ chlann a-muigh a’ cluich. Agus cò bha seo ach am Pluicean. Murdaigean Dhoilidh Dhòmhnaill à ceann shuas na sgìre.
Nis, ma bha duine air a’ cheann shuas na bu treise na Doilidh Dhòmhnaill, chan aithne dhuinn e. ’S ma bha balach air a’ cheann shuas na bu treise na Murdaigean Dhoilidh Dhòmhnaill, tha mis’ air mo mhòr-mhealladh.
Nach robh Doilidh Dhòmhnaill na bhogsair san Arm. “ ’S iomadh balach tapaidh a sheas air mo bheulaibh-s’ ,” ars an doctair ris, nuair a fhuair e call-up, “ ’s chan fhaca mi duine cho dèante riut.” Dh’fhaighnich e de Dhoilidh am biodh e togail rudan ’s ga dhèanamh fhèin làidir.
“Tha mi eòlach air obair bhom òige,” arsa Doilidh Dhòmhnaill ris. “Chleachd sinn a bhith cur na dòrnaig, ’s bha sinn a’ streap anns na creagan.”
Bhoill, bhiodh Doilidh Dhòmhnaill fhèin air cluinntinn gu leòr is cus mu dheidhinn na Tocasaid, ’s tha mi creids’ gun tuirt e ris fhèin, “Tiud! Muinntir ’Ain Tuirc! ’S iongantach gu seasadh e plug ri Murdaigean againne.”
Cha b’ annas an uair ud daoine bhith staigeadh dà chù mhath na chèile, ach am faicte cò b’ fheàrr. Neo dà rùda, ach an dearbht’ a’ chùis.
Sheas Murdaigean ’s a ghualainn ri gàrradh-claich na sgoile, ’s thug e greis mhòr a’ seanchas ri na balaich. Balach brèagh’ a bh’ ann, mu dhusan bliadhna dh’aois. Ceàrnag thapaidh de bhalach, le gruaidhean dearg is sùilean gorm. Na bhodhaig gu lèir bha e eireachdail, calma, stampail.
Nis, bha cuid de bhalaich Thàboist a dh’aithnicheadh e, ach cha robh ’n còrr ac’ air fhaicinn a-riamh. Bha dithis no triùir dhe na balaich sin na b’ àirde na e, ach cha robh sin a’ cunntadh mòran. Bha rudeigin cruaidh na aodann, timcheall a’ bheòil, agus bha na balaich gu nàdarrach ag iarraidh a thoileachadh. Air a leithid sin bha e cleachdt’. Le aon buille dhe shùil dh’aithnicheadh e an robh duine ann a sheasadh ris, agus ma bha, dè ’n dòigh a ghabhadh iad an ceannsachadh.
Leigeadh e dha na balaich ùmhlachd a dhèanamh dha, rudan innse dha, agus gheibheadh iad an duais mar a chitheadh esan iomchaidh.
Fiamh gàire beag teann, ’s dòcha. Boillsgeadh beag de ghreadhnachas. Bha brod na bathais air, co-dhiù, nuair a ghabh e air a thighinn sìos tro na bailtean air latha sgoile, agus seasamh aig sean sgoil Lìonail a’ faighneachd cheistean. Ma chual’ e riamh an seanfhacal ‘A h-uile cù air a’ chù choimheach’, leig e mach air a’ chluais eil’ e. Chunnaic Dòmhnall Iain e, a bha rithist ag obair aig North Star Providential, ’s thug e ’n aire sa bhad cho cruaidh ’s a bha e, ’s cho cunnartach. Bha dìoghaltas a-staigh an leagas a’ Phluicein.
Am fear a b’ òige de bhalaich na Cràic, a bha ’n ìre mhath
ceannairceach, bha e umhail dha. Thuig e. Thàinig triùir dhen a’ chlann-nighean faisg, a’ falbh air gàirdeanan a chèile, is sheall iad ris. Cha do leig am Pluicean air gu robh iad ann. Co-dhiù, uair dhe na h-uairean, dh’fhaighnich e càit an robh Tormod Noraidh.
“Cha bhi e ’n seo uair sam bith,” arsa fear dhe na balaich. “ ’S dòch’ g’ eil e staigh còmhla ris a’ mha’ -sgoile.” Bha sin leth-mhìle staigh an rathad, faisg air na Còig Peighinnean.
“Faca sibh e gabhail a-steach?” ars am Pluicean.
“Chan fhac’. Chan fhaca sinn e bho chionn ùineachan.”
Fhuair e mach an uair sin gum biodh Tormod na mìosan mòra gun a thighinn dhan sgoil. Gum biodh e uaireannan no shuidhe leis fhèin ann an oifis a’ mha’ -sgoile, ’s gum biodh e uaireannan eile a’ faighinn leasanan ann an Sgiogarstaidh bho Ailig John an Rudain.
Nothing daunted, chùm e air a-steach.
Bha balaich mhòra à Suaineabost, ’s à Cros, ’s às na Dailean, a-staigh anns an sgoil sin – bha agus à Gabhsann. ’S chaidh e nan còmhradh, ’s beag a chuir sin air – bha feadhainn ac’ a bha eòlach air, ’s fhuair e fàilt’ is furan.
“A mhic na bids, dè tha thu dèanamh shìos an seo?” thuirt Ailean a’ Chodaidh ris, a bha fuireach ri thaobh.
Co dhiù, cha robh ’n droch nearbh ann a thighinn sìos tro na bailtean, far nach robh e idir eòlach. Tha ’n t-uabhas bhailtean air a’ cheann shìos, eadar Eòrapaidh ’s na Còig Peighinnean, ’s an Cnoc Àrd, ’s am Port, is Lìonal is Adabroc is Eòradal is Sgiogarstaidh. ’S cha bu bheag na bha sin de dhaoine, gun iomradh a thoirt air cùl na sgìre. Far an robh taigh na Tocasaid. Cha robh mòran aig a’ Phluicean airson a thurais. Cha robh
sgeul air Tormod. A h-uile turas a chitheadh e Tormod shuas aig an stòr, ann an Cros, cha robh e faighinn teans air. Bhiodh e lodaigeadh na làraidh, còmhla ri Coinneach mùdach, dùdach na beag moit.
Bha Tormod, a rèir cholais, an còmhnaidh an sàs ann an rudeigin, no còmhla ri cuideigin.
Phriob Tormod air san dol seachad, latha fuar fiadhaich, le gluasad beag clisg dhe cheann, rud a bha riamh cumant’. Ach ’s e a chuir air a’ Phluicean gun leum Tormod gu cùl cuibhle na làraidh ’s gun tug e steach i na b’ fhaisg’ air dorsan an stòir. ’S am Pluicean fhèin air a’ bhaidhc, ’s e air a thighinn mun cuairt air a’ mhorghan, ’s air sgapadh a dhèanamh leis a’ chuibhle-deiridh.
Sheall e na shùil nuair a chrom an Tocasaid. Mhothaich e dha fhèin a’ dol dearg. Bha e mothaichteil air fhèin air a’ bhaidhsagal, agus aodann air a dhol dearg.
Agus Tormod air a ghabhail a-steach gu sìmplidh.
Chual’ e gum facas Tormod leis an làraidh, agus Coinneach ri thaobh, a’ dol tro mhòinteach Bharabhais. ’S ann mun àm sa a bha Fun-Fair air machair Lìonail, faisg air an Tràigh Bhàn. Rud nach do thachair a-riamh roimhe neo às a dhèidh.
Cha robh balach no braisich nach deach ann. Thàinig muinntir an Taoibh Siar ann nan ceudan. Chruinnich sluagh ann latha ’n dèidh latha. Fhuair balaich a’ chinn shìos sealladh air balaich Dhail bho Dheas – terra incognita. Cha robh fhios ac’ co leis a bha iad, no dè chante riutha, ach gu robh iad eadar-dhealaicht’ nan còmhradh.
Nise, bha Freddie a’ Fun-Fair air clas Dhòmhnaill Iain. Bha Freddie làidir, agus làn spionnaidh. Cha robh ’m Pluicean air faighinn gu Tocasaid ’Ain Tuirc, ach fhuair e gu Freddie. ’S math an cudaig nuair nach tig an saoithean.
Choinnich iad. Chaidh iad ceàrr air a chèile, ’s cha robh sin fada.
Ach mus do sheall e ris fhèin bha Murdaigean Dhoilidh air a dhruim air a’ mhachair chruaidh thioram agus glùinean Freddie air a bhroilleach. Dh’fhèin-fhiosraich am Pluicean tàmailt is laigs’ is feagal is tachdadh is nàire is cachdan is bròn is braon-fallais is deòir theth na h-ainmein, ’s e glaist airson a’ chiad uair na bheath’, agus sin aig balgaire de Ghall.
Nuair a smaoinich e air athair, a chuir iomadach Sasannach fuar fo laige leis an làimh chlì, gun luaidh air an làimh dheis, bha a chridhe gu briseadh. Chunnaic e athair a’ tionndadh air falbh, ’s a mhac air a mhaslachadh. Bha Freddie a cheart cho làidir ris fhèin, ’s a thuilleadh ’s a bharrachd air a sin bha e eòlach, eòlach air bogsaigeadh ’s air car-gleac.
Thug Freddie a’ ghrian ’s an t-adhar bhuaithe, ’s a bhonn ’s a mhisneachd. Chuir e mach smugaid nuair a leig Freddie dha èirigh, ’s bha fuil innte. Bha Freddie air ditheadh air amhaich.
An ath shùil dhan tug e, cò chunnaic e tighinn faisg ach Tocasaid ’Ain Tuirc, agus duine còmhla ris nach robh e ’g aithneachadh. Bha glainneachan air an duine s’ a bha cho tiugh ri bonn sileagain.
“Dè tha ceàrr ort?” arsa Tormod ris, gu fialaidh.
“Chan eil càil,” arsa Murdaigean Dhoilidh Dhòmhnaill.
“Tha ’n fhuil riut, ’ille,” arsa Tormod.
“An e tuiteam a rinn thu?” dh’fhaighnich Ailig John an Rudain. Oir b’ e seo fear na cion-lèirse.
“Cò leis thu?” dh’fhaighnich mac an Rudain.
“Tha le Doilidh Dhòmhnaill.”
“O, aidh – tha thu rèist a’ dol a sgoil Chrois.”
“Tha,” ars am Pluicean.
An ath rud a thachair, ’s e gun deach Freddie seachad orra, agus aitheamh no dhà de ròp aige na chuibhleachan air a ghàirdean. Agus anns an dol seachad, nach ann a bhrùth e seachad air Tormod.
“Watch it, ”arsa Tormod.
“Watch what? ”arsa Freddie.
“Look where you’re going, ”arsa balach Adabroc air a shocair, “and go where you’re looking. ”Agus bha e dol ga fhàgail aig a sin.
“Very funny, ”arsa Freddie.
“Only mildly amusing, ”ars Ailig John an Rudain, a bh’ air a speuclairean a thoirt dheth, ’s a bha gan glanadh le tè de phòcaidean a bhriogais, a bha e air a tharraing a-machfor that very purpose.Bha e cho dall ri mòil gus an d’ fhuair e air a-rithist iad, na sheasamh am meadhan gleadhraich a’ Fun-Fair, a’ priobadh a shùilean bochd’, lag’, a bha rudeigin pinc. Agus na h-einnseanan bugaideil, brùideil a’ brunndail ’s a’ togail an guth, ’s iad a’ cumail na cùis a’ dol ’s na solais dhathach thuige.
Dè thachair an uair sin ach gun leig Freddie an ròp gu talamh, agus rinn e air beatha Thormoid.
Cha mhòr gun creideadh am Pluicean an rud a ghabh àit’.
Ruith Tormod air ais an comhair a chùil.
Ruith e ’n uair sin air adhart, leum e ’s chuir e car a’ mhuiltein mus tàinig a chasan gu talamh. Chuir e car mar chuibhle-cairt, agus leum e feir a làmhan glan seachad air Freddie. An ath shùil dhan tug am Pluicean, bha Freddie aige ceangailt’, leis an ròp aige fhèin, ceangailt’ ri tè de theantaichean mòra, garbha canabhais athar.
Cheangail Tormod e le snaimeannan nach gèilleadh.
Agus an ceangal a rinn e air, tha ainm air. ’S e sin ‘ceangal nan trì chaoil’.
Dh’fhàg iad e na shuidhe ann an siud, ’s gun aon facal a’ tighinn às a cheann. Dh’fhalbh an triùir Niseach, ’s dh’èalaidh iad a-null ach am faiceadh iad dè bha dol. Stad iad far an robhas a’ caitheamh bhàllaichean aotrom air sreath de chanastairean falamh. Against all expectations, bhuannaich am Pluicean coconut.
Seo an fhionnaraidh a choisinn Seonaidh Beag a’ Chnuic Àird half tea-set ag amaiseadh air targaid le gunna.
title | Cock of the Walk |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |