Na Brògan Donna
’S iomadh sgeulachd a dh’innis a sheanmhair dhan Tocasaid, ’s iomadh seanchas a chual’ e aice nach cual’ e aig duine riamh ach aice fhèin. Seanchasan a bh’ air an deagh lìbhrigeadh, a h-uile tè ’s a toiseach a’ cuimseachadh air a deireadh, agus i cho beòthail mu meadhan ’s a lùigeadh tu, ’s cho brìoghmhor ri cnò challtainn.
An seòrsa boireannaich a bh’ innt’, cha robh i taobhadh cus ri eaglais, ’s cha robh aon feagal aice ro mhinistear, ’s ma bha feagal aice ro ifrinn phàiteach na dòrainn, cha chualas gu robh neo nach robh, taobh seach taobh.
“Dè thachair an uair sin?” chanadh Tormod ri sheanmhair ann am meadhan na h-aithris, nuair a thigeadh abhsadh.
“Mo chreach-s’ , a bhròinein, dè ’m math dhut a bhith faighneachd dhìoms’ .”
Agus chumadh bean Iain Tuirc oirre leis an sgeulachd, a guth a’ dol na bu cheòlmhora na b’ àbhaist agus a corp na h-uiread air thurraban.
Bha prionns’ ann an siud uaireigin air an robh Sgeilbheag mar ainm, agus dè thachair an latha s’ ach gun d’ fhuair e paidhir bhròg ùr – brògan donna nach robh a’ tighinn mòran suas mu chaol a chois. À oir a shùil, aon latha, dè chunnaic e ach na brògan donna a’ danns leotha fhèin. Nuair a sheall e, bha iad air sgur. Ach bha e cuideachd air an cluinntinn le brag a’ danns air an ùrlar, agus ars esan riutha, “Siuthadaibh, dannsaibh.”
“O, cha danns sinne dhut mura togair sinn fhìn,” arsa na brògan.
“Cha chuala mis’ a-riamh brògan a’ còmhradh,” ars an Sgeilbheag, “gus an là an-diugh.”
“Ach thug thu fa-near gu bheil teanganan annainn?” arsa na brògan.
“Bhoill. .. thug. . .” ars am prionnsa.
“Chan eil fhios fhathast am freagair sinn fhìn ’s tu fhèin a chèile,” arsa na brògan donna, agus choisich iad timcheall air agus stad iad air a bheulaibh.
“Tha sibh ga mo fhreagairt-sa cho math ri math,” ars an Sgeilbheag.
“So far, so good,” arsa na brògan.
“Tiugainn a-steach gu m’ athair,” ars an Sgeilbheag, “ach an seall mise dha na brògan mìorbhaileach a th’ agamsa.”
“Theirig a-steach gu d’ athair mas e sin do thoil, ach chan fhaic e sinne a’ danns a-chaoidh. ’S cha ruith ’s cha leum sinn ach mar a thoilicheas sinn fhìn.”
“Carson?”
“Airson siud fhèin.”
“Tà,” ars an Sgeilbheag, “ ’s e th’ annams’ ach prionns’ – chan eil aig m’ athair ach mi fhìn – agus mas e sin mo thoil, sadaidh mi às sibh. Gheibh mi brògan eile, ’s cha bhi sin fada – brògan mòra, brògan àrda, brògan dubha, brògan tacaideach, brògan gun thacaidean.”
“Dèan do thoil,” arsa na brògan, agus chaidh iad balbh sàmhach. Cha do ghluais iad ’s cha do charaich.
Thòisich an Sgeilbheag ag èigheach ’s a’ glaodhaich, ’s mu dheireadh shad e na brògan donna mun a’ bhalla leis an droch
nàdar, bho nach robh iad ga fhreagairt, ach aon phioc feum cha do rinn sin dha ach call, oir cha do bheothaich na brògan fad trì latha is oidhch’.
Dheigheadh e thuc’ is chanadh e, “Siuthadaibh, bruidhnibh; siuthadaibh, gluaisibh; siuthadaibh, freagraibh.”
Las corraich mu dheireadh ann an cridhe a’ phrionnsa, agus dh’fhalbh e le na brògan, a’ dol gan sadadh a mhullach an teine. Shad e a mhullach an tein’ iad ann an sin, ghabh e ’n grad-aithreachas agus tharraing e mach iad chun na cagailt leis a’ clobha ’s na sradagan a-mach mu bhus.
“O, sad gu deas sinn is sad gu tuath sinn, ach cha dèan sinne toil duine ach ar toil fhìn,” arsa na brògan donna às a’ ghuth-shàmh. “Mill sinn no meal sinn, ach cha ghabh sinne do chomhairle aon uair. Sgar sinn is cuir ceud car dhinn, ach cha ghèill sinn dhut fhèin no dhan an rìgh. ’S ged a dh’èigheadh tu àird do chinn, ’s ged a rànadh tu ’m baile, ’s ged a leigeadh tu fead a dhùisgeadh Mac-Talla a tha na chadal sa chreig, agus ged a dhèanadh tu bantrach dhinn dà thuras dùbailt, cha tèid sinne aon ceum far ar slighe dhut.”
Nuair a chual’ an Sgeilbheag na geallaidhean ’s na rabhaidhean, O, a ghràidh ort, dh’aithnich e. .. O, dh’aithnich e nach robh math dha. .. agus bhuail an sgìths e agus shuidh e sìos air an làr ann an sin far an robh e, agus cha robh dùrd aige.
“Tha dùil againne togail oirnn a-mach à seo an t-seachdain sa tighinn,” arsa na brògan donna, “agus bu mhath leinn nan tigeadh tu nar cois.”
“Bha dùil agam gur h-ann leams’ a bha sibh,” ars am prionnsa.
“ ’S ann, ’s chan ann,” ars iadsan.
“Chan eil mòran miann agamsa a dhol à seo,” ars am balach, “agus co-dhiù, cha leigeadh m’ athair sin dhomh.”
“O, bhoill. . .” arsa na brògan ris.
“Agus bhriseadh e cridhe mo mhàthar.”
“Chan eil teagamh,” ars iadsan, agus an ceann greis dh’fhalbh iad leotha fhèin. Choisich iad a-mach tro gheata mòr a’ chaisteil agus an Sgeilbheag na throtan às an dèidh.
O, cha robh an Sgeilbheag airson falbh idir. Nach robh a h-uile càil aige ann an siud fhèin far an robh e: eich air an uidheamachadh le òr is airgead, spòrs is fealla-dhà am measg na h-òigridh agus daoine ionnsaicht’ a bha athair air a lorg dha bhom faigheadh e deagh fhoghlam.
Ach a-nis, nuair a shealladh e gu deas, bha e airson falbh mar a bha na h-eòin, agus tilleadh nuair bu mhithich.
“Cha tèid, do chas,” ars an rìgh, nuair a dh’fhiosraich e rùn a chridhe. “Agus ma thèid thu air turas goirid, bheir thu leat saighdear no dhà a chuireas dìon ort ’s a bheir sàbhailt dhachaigh thu.”
“Cha fhreagradh sin,” ars am prionnsa, ’s e ri cuimhneachadh air na brògan donna, nach ceadaicheadh do dhuine ach dhàsan faighinn cus a-steach orra.
“Tà, bheir thu leat an t-each.”
“Cha fhreagradh sin,” ars am prionnsa. “Falbhaidh mi leam fhìn agus tillidh mi bliadhna bhon earar, ’s chan eil math dhut mo bhacadh – tha mi dol a dh’fhalbh a dheòin no dh’aindeoin.” Thug e dheth an cearcall caol òir a bhiodh uaireannan mu cheann.
“Mas ann mar sin a tha,” ars an rìgh, “tha m’ uile bheannachd agad. Bidh tu nam ùrnaigh-sa gus an till thu.” Chuir an rìgh trì
buinn òir na bhois, agus dh’fhàg an Sgeilbheag an caisteal air chùl.
Cha robh iad glè fhada air an t-slighe nuair a chunnaic iad am fear a bha seo a’ tighinn na dheann-ruith far an robh iad.
“Dè ’n t-ainm a th’ ort?” ars an Sgeilbheag ris.
“Tha,” ars an duine, “Cho Luath ris a’ Ghaoith, ’s chan e fuireachd ach falbh a dh’fheumas mi.”
“Tha mi creids’ nach eil mòran feum dhòmhs’ a dhol a dh’fheuchainn annad, ach tha mise mi fhìn glè mhath air ruith,” ars an Sgeilbheag.
“Cuiridh sinn dà char dheug air fhichead mun bheinn ud thall agus tillidh sinn ann an seo,” ars am fear eile.
“Siuthad a-nis, a bhalaich,” arsa na brògan donna, a bh’ aige ann am broinn poc air a dhruim, “cuir dhìot na rudan gun fheum sin leis na bucaill òir.”
’S chuir am prionns air na brògan donna.
“Mach leinn, ma-tha,” arsa Cho Luath ris a’ Ghaoith, agus a-mach leotha. Bha an Sgeilbheag a’ cumail air a chùlaibh fad an t-siubhail. Bha neart na chasan a bha mìorbhaileach. Ach a h-uile turas a ghearradh e ron fhear eile, bha Cho Luath ris a’ Ghaoith a’ dol na bu luaithe buileach.
“O, ’s math an anail a th’ annad,” ars esan ris an Sgeilbheag, “agus nì thu feum fhathast.” Bhoill, phiobraich sin am prionnsa agus rinn e roimhe man geàrr, ach rinn am fear eile roimhesan man cù glas seilge. Chuir iad dà char dheug mun bheinn ’s iad gualainn ri gualainn.
“ ’S math an dà sgamhan a th’ annad,” arsa Cho Luath ris a’ Ghaoith, “agus cò aig’ tha fhios latheigin nach dèan thu feum.”
Ghon seo an Sgeilbheag agus gheàrr e a shlighe roimhe mar
chù seang seilge, ach rinn am fear eile roimhe mar eun air iteig.
“Bha mise riamh cho luath ri luath,” arsa Cho Luath ris a’ Ghaoith, “agus ’s dìomhain dhut leantainn ort.”
Ach bha na brògan donna mu chasan na Sgeilbheig, ’s bha spionnadh na dhà chalp’ a bha annasach fhèin.
“Cha robh do dhà shamhail an seo bho bha Caoilte no Fèinne,” arsa Cho Luath ris a’ Ghaoith ris, ’s iad air a’ bheinn a chuartachadh aon fichead uair.
“Bha mise riamh cho luath ri na luin,” ars esan, “ ’s tha cho math dhut stad.”
’S ged a bha an Sgeilbheag cho luath ri sparaig mu ghualainn is mu bhuilg na beinne, bha am fear eile mar sheabhag às a dhèidh ’s os a chionn is roimhe mar a thogradh e fhèin. Dh’fheuch an Sgeilbheag na bha na chorp, gus an robh pian na bhroilleach is gath na thaobh is snaidhm cruaidh a’ ceangal a mhoilean ri chèile. Ach air a’ cheann thall, brògan donna ann neo às, bha Cho Luath ris a’ Ghaoith na sheasamh ga fheitheamh, is gàir’ air aodann. Leig an Sgeilbheag dha fhèin tuiteam gu talamh, is anail na uchd, ’s mus robh math a’ chòmhraidh ann a-rithist, bha am fear eile air falbh mar a thàinig e, ’s cha robh ’n còrr aige dheth.
Thug an Sgeilbheag ùine na laighe mar eun air a leòn.
“O, cha deach leam idir,” ars esan an uair sin, “chan eil mòran feum annam, ’s cha robh a-riamh.”
“O, tà, b’ e bh’ agad an siud ach Cho Luath ris a’ Ghaoith,” arsa na brògan donna, “agus chan eil duine air uachdar na talmhainn a nì a’ chùis air, ged a chuireadh e mach a ghoile, agus adha còmhla ris. ’S ann a rinn thu glè mhath.”
“O, cha do rinn,” ars an Sgeilbheag, ’s e na laighe na chlod.
“O, rinn gu dearbh,” arsa na brògan.
“Cha do rinn mi,” ars an Sgeilbheag, ’s thug iad greis a’ dearbhadh mar sin gus na dh’fhàs iad sgìth dheth.
“Fòghnaidh siud an-diugh,” arsa na brògan donna ris.
“O, bhoill,” ars an Sgeilbheag, “ ’s mi fhìn tha toilicht’ sin a chluinntinn.”
Cha robh iad glè fhad’ air an t-slighe an làrna-mhàireach nuair a chunnaic iad cailleach chrotach a’ tighinn nan coinneamh.
“Nis,” arsa na brògan a bha mu chasan, “eadar gu bheil thu gad fhaighinn fhèin fann neo fearail, mol an latha dhi agus can seo: ‘Nach ann ann a tha ’n latha, a bhoireannaich chòir. ’”
’S e a bha seo ach a’ Chailleach Chrìon.
Mar a bha iad a’ dlùthachadh oirre, chitheadh an Sgeilbheag gu robh ’n t-aodach aic’ na ragaichean ’s na riobagan, ’s gu robh ’n fheòil fhèin a’ tuiteam bho na cnàmhan aice na chluigeanan ’s na chnapan. Cha robh ach fiacail no dhà na ceann. Chuir e iongantas air a’ phrionnsa gu robh a ceum cho cinnteach. Bha i ga chaol-choimhead. Cha do leag i sùil dheth. Bha greann air a h-aodann. Thàinig crith na dhà iosgaid, bha buille a chridhe ag innse dha gu robh e ’n cunnart a bheath’.
“Lean ort,” arsa na brògan ris. “Na fanntaig ’s na fannaich ’s na flagaich do cheum.”
Ghairisich am prionnsa. Bha feagal air gun tuiteadh e às a sheasamh.
“Ma thuiteas tu,” arsa na brògan ris, “marbhaidh i thu le biodag mheirgeach a th’ aice a-staigh fo a cleòc.”
“O, nach mise bh’ air fuireach far an robh mi,” ars an Sgeilbheag.
“Tha e cho math dhut dìreach craiceann a’ bhuinn a chur air
a’ bhathais ann an seo, a bhalaich,” arsa na brògan ris, “agus an latha a mholadh dhi mar a dh’àithn sinn dhut.”
Sheall am prionns’ a-steach na h-aodann san dol seachad, agus chaidh aig’ air na facail a chantainn a bha diùltadh a thighinn gu bun a shlugain. “Nach ann ann a tha ’n latha, a bhoireannaich chòir,” ars esan rithe.
Nuair a fhuair e seachad oirr’ ’s a thionndaidh e ’s a sheall e às a dèidh, nach ann a bheothaich sradag bheag de bhlàths na chridhe dhi, doicheallach, dochannach, daobhaidh ’s mar a bha a dreach.
“Dh’fhaodainn tabhachd oirr’ an aon rud luachmhor a th’ agam,” ars esan ris fhèin, ’s e a’ sporghail sa phoca gus an do lorg e na trì buinn òir. “Gar am biodh ann ach gun ceannaicheadh e dhi biadh is deoch agus aodach is brògan is bat’ .”
“Seadh,” arsa na brògan, “agus aitheamh no dhà de dh’anart ùr a thèid fhilleadh uimp’, agus leòb de thalamh coisrigte far an càirear fon ùir i.”
“Nach stad sibh,” ars an Sgeilbheag, “agus rud agam dhuibh.”
Thionndaidh a’ Chailleach Chrìon agus sheas i ann am meadhan rathad an rìgh.
“O,” ars ise, “mo bheannachd aig a’ bhalach nach deach ceum far a shlighe bhuam, mo ghràdh air a’ mhullach a lorg gràdh na chridhe dhomh.” Air na buinn òir cha tug i sùil. Ach spìon i biodag dheàlrach a-mach às a cleòc agus chàir i sin ann an làimh na Sgeilbheig. Gun fhacal ach sin, chùm i oirr’ gus an robh i cho beag ri cuileag, ’s cha robh ’n còrr aige dhith.
“Cha dìochuimhnich mis’ na rinn sibh dhomh,” ars am balach ri na brògan.
“Fòghnaidh siud an-diugh,” arsa na brògan donna ris.
“O, bhoill,” ars an Sgeilbheag, “ ’s mi fhìn a tha toilicht’ sin a chluinntinn.”
“Dè thachair an dèidh sin?” arsa Tormod Noraidh ri sheanmhair.
“O, bhoill,” ars a sheanmhair, “tha thu faighneachd dhìoms’ .”
Sgioblaich i na bioran-fuilt na ceann, chuir i ’n cròchan às a h-amhaich le casd, agus chùm i oirre.
Bha an rathad a’ dol na bu chaoile, ’s thàinig an Sgeilbheag gu pìos de choille. Chunnaic e duine aotrom a’ leum ’s a’ danns ’s a’ seinn leis fhèin am measg nan craobhan. Bha e rudeigin robach ’s bha cruit bheag bhrist’ aige fo achlais, agus cò bha seo ach Leumachan nan Leum a’ mire ri fhaileas.
“Dè chanas iad riut?” ars an Sgeilbheag.
“Is mise Leumachan nan Leum,
mo chruit nam chois a h-uile ceum,
Leumachan nam brèid ’s nan toll
a bhios a’ coiseachd tron a’ pholl;
às aonais mo chruit cha dèan mi ceum,
cha dèan mi ceum ’s cha dèan mi feum:
mise Leumachan nan Leum,
nam piollag ’s nan ciollag
’s nan luinneag samhraidh.
“Leumachan nan Leum,” ars an duine, ’s e ri falbh an taobh ud ’s an taobh ud eile, “nan iollag ’s nam piollag ’s nam brèid. .. Leumachan uiseagach cuiseagach breac a’ mhuiltein samhraidh. .. agus ma bha duine ann a leumadh na b’ fhaide is na b’ àirde na mise, cha tàinig e riamh an taobh s’ .”
“Bhoill,” ars am prionnsa, “chleachd iad a bhith ’g ràdh riumsa gu robh mi fhìn math air leum. Ach ’s iongantach g’ eil math dhomh a dhol a dh’fheuchainn na do leithid-sa.”
“O, tà, ’s i seo a’ cheist,” arsa Leumachan. “A bheil mo leithid ann? Cha b’ e ruith ach leum leamsa riamh,” ars esan, “agus ma ghabhas tu orm, mo mhionnan gu sgailc mi mo chruit mu stoc craoibhe, ’s nach seinn mi ach na sheinn.”
“Cha bu mhath leam gun dèanadh tu sin,” ars an Sgeilbheag, “ach cha tig às dhomh gun feuchainn annad agus sinn air turchairt air a chèile mar seo.”
“Thu fhèin ’s do bhrògan donna,” arsa Leumachan, air nach robh bròg no eile, “ ’s beag a nì iad dhut.” Agus leum e às a sheasamh, chuir e car a’ mhuiltein agus thàinig e sìos air aon chois.
“Feuchaidh sinn cruinn-bhuic,” arsa Leumachan. Chroch e a’ chruit air geug. Sheas e gun ghluasad, agus leum e aon deich troighean co-dhiù. Sheas an Sgeilbheag san aon àit’ agus leum e dà throigh dheug co-dhiù, le na brògan donna.
“Feuchaidh sinn leth-chois, sìnteag, cruinn-bhuic,” arsa Leumachan.
“A Sgeilbheag,” arsa na brògan, “chan eil math dhut leum nas fhaide na e – brisidh tu a chridhe.”
“Tha mise dol a leum cho fad ’s as urra mi,” ars an Sgeilbheag.
“Do thoil fhèin,” arsa na brògan. “Cha bhi a bheag a phrothaid agad às.”
Sheas Leumachan air leth-chois ’s thug e brod an leum às, agus gun stad rinn e sìnteag a shìn fada, agus gun bhriseadh air a cheum thug e buic às a bha cumhachdach. ’S iongantach co-dhiù mura robh còig troighean fichead anns na leumannan sin
air fad. Sheas Leumachan nam brèid ’s nan toll ann an sin agus toileachas na aodann. Lean an Sgeilbheag e. Agus leis na brògan donna air a chasan shaoileadh e gu robh e ri sgèith, agus leum e co-dhiù aon troigh na b’fhaide na ’m fear eile.
Nuair a chunnaic Leumachan nan Leum mar a bh’ air tachairt, shìn e a làmh chon na cruit agus bhris e i mu stoc craoibhe. Sgèith pìosan dhith a h-uile taobh. Shuidh e sìos air an talamh is ràn e gu goirt. Ràn e gu goirt agus dh’èigh e, “Cha seinn mi ach na sheinn gu sìorraidh buan.”
Chunnaic an Sgeilbheag gu robh a chridhe brist’, ’s nach robh fiù ’s ainm fhèin air fhàgail aige. Cha ghabhadh sìtheachadh air a-muigh no mach.
“Ma dh’èisteas tu, bheir mise dhut na trì buinn òir a th’ agam ann an seo,” ars an Sgeilbheag.
“Cha ghabh mi iad,” arsa Leumachan. “Chan eil mi gan iarraidh.”
“Cuir thus’ ort na brògan sa,” ars an Sgeilbheag, “agus feuchaidh sinn aon uair eile.”
“Cha chuir.”
Fhuair e air innse dha mu dheireadh nach robh esan air a’ chùis a dhèanamh air a-chaoidh às aonais nam brògan donna. Agus gu cinnteach is gu fìor gur h-esan Leumachan nan Leum. Ach cha deigheadh na brògan uime. Bha iad ro bheag dha, ’s cha robh e riamh cleachdte ri bròig co-dhiù, neo comasach air leum leotha.
“Na bi ga do chur fhèin mun cuairt air mo lost-s’ ,” arsa Leumachan. “Mo choire fhìn a bh’ ann. Bha mi smaoineachadh gur mi a b’ fheàrr a bh’ ann.”
“ ’S tu as fheàrr a th’ ann fhathast,” ars an Sgeilbheag. Ach
nuair a dhealaich iad, cha robh iad buileach cinnteach neo buileach dòigheil.
“An dèan siud a’ chùis an-diugh?” arsa na brògan.
“Nì,” ars an Sgeilbheag, “agus a-màireach.”
“Seadh,” arsa Tormod, “ ’s dè thachair an uair sin?”
“Thachair iomadach rud sin,” ars a sheanmhair. “Ach fòghnaidh siud a-nochd.”
“ ’S mi fhìn nach eil glè thoilicht’ ,” arsa Tormod.
“O, tha thus’ rudeigin mar a bha d’ athair fhèin – cha ghabh riarachadh ort,” ars a sheanmhair. “ ’S iomadh cunnart tron deach an Sgeilbheag, agus ’s iomadh caol-theàrnadh a chaidh air fad nan ceithir ràith seo,” arsa bean Iain Tuirc. “ ’S mura tèid sinn ceàrr air a chèile ron ath-oidhch’, cluinnidh tu ’n tuilleadh an uair sin.”
Bha an Sgeilbheag air triall fada bho taigh athar, ’s e dol tro gharbhlaich ’s tro choilltean dorcha, ’s e gu mòr air aineol. Am feasgar a bha seo, labhair na brògan ris, an dèidh dhaibh a bhith sàmhach deagh ghreis, agus thuirt iad, “ ’Ille, bi air d’ fhaiceall, oir tha thu nis air còraichean an fhir mharbhtaich ud, Cathach nan Cath. Duine sam bith air am beir e ann an seo, tha e marbh.”
“Bhoill,” ars an Sgeilbheag, a bh’ air fàs rudeigin bragail, “chan eil mise son a dhol air chùl chnocan ro dhuine sam bith. Cha tèid mi aon ceum far mo shlighe do dhuine dubh no geal.”
“O,” arsa na brògan, “tha Cathach nan Cath a’ tighinn, agus ’s fheàrr dhut ruith air neo thu fhèin fhalach – chan eil agad ach ùine glè bheag.”
Ach cha robh an Sgeilbheag a’ toirt mòran gèill dhaibh.
“O, a Sgeilbheag,” arsa na brògan, “a mhic d’ athar fhèin, a tha na rìgh air rìoghachd, ’s aig a bheil caisteal a tha binneagach beàrnagach shuas gu h-àrd, is bonnant’ mu mheadhan ’s mu bhonn, seo tha sinne ’g àithneadh dhut: dèan às an aon là an-diugh mar a nì do chasan dhut, air neo crùb sìos gu h-ìosal am measg an t-seileastair. Geàrr sràbh à àiteigin agus leig thu fhèin sìos dhan bhreun-loch fhuar dhorch sin a chì thu à seo. Oir tha Cathach a’ tighinn. A-màireach, tionndaidh ’s cuir aghaidh air an duine a thogras tu; an-earar, cuir do bhonnan an tac ’s na teich ro dhuine chunna tu riamh; ach an aon là an-diugh, ruith mar do bheath’ air neo falaich thu fhèin.”
“Bhoill,” ars an Sgeilbheag, “nuair nach do theich mise ron a’ Chaillich. . .”
“Do thoil fhèin,” arsa na brògan, “ach ’s e seo an rud: am b’ fheàrr leat a bhith beò no marbh?”
“Beò,” ars an Sgeilbheag.
“Seadh, ma-tha,” ars iadsan, agus ruith an Sgeilbheag ’s chaidh e air fàlach air cùl an t-seileastair. Gheàrr e dà shràbh dha fhèin le biodag na Caillich Crìon.
Air an fhionnaraidh, mus deach ciaradh gu dubhar, chual’ iad a’ tighinn e. Mus do dh’fhalaich an Sgeilbheag e fhèin fon uisg’, fhuair e a’ chiad sealladh ’s an sealladh mu dheireadh air Cathach nan Cath – duine caol àrd cumhachdach agus teine a’ lasradh na shùil. Aodann gun iochd gun thruas gun phàis. Sròin chrom. Beul mar lot air dhroch shlànachadh. Mu a mheadhan bha ròpa garbh, agus a’ slaodadh ris bha sreath de chlaiginn, ’s iad a’ bragail na chèile a h-uile ceum a bheireadh e. Agus claidheamh fada, a bhiodh a’ teasachadh ’s a’ fuarachadh. Nuair a b’ fhuair’ e, bha e dorch is ceò dheth, agus nuair a bu teoth’ e, bhiodh e aige
na làimh ’s an lann aige dearg air fad agus a’ lasradh ’s a’ gabhail. A-steach tro fhalt os cionn na cluais bha trì bioran caola fada, agus sin a dh’adhbhraich gun tugadh air Cathach nan Dealg ’s nan Calg.
Spìonadh e fear dhiubh sin a-mach à fhalt agus leigeadh e às e, ’s gar bith dè an cruth air an cuireadh tu thu fhèin, lorgadh e thu. Cha deigheadh e an ear dhìot, cha deigheadh e an iar dhìot, an gath grad guineach, mì-thruacant’, do-sheachant’, ’s cha deigheadh e ort seachad, ach ruigeadh e thu. ’S nam faiceadh e thu na do leth-ruith, ’s tu air do leòn, leigeadh e às an dàrna bior caol fada. ’S nam faiceadh e thu ag èirigh ’s a’ tuiteam, leigeadh e às an treas fear. ’S ged a bhiodh tu nad thosd, ’s ged a bhiodh tu air phlosg, sgathadh e ’n ceann dhìot co-dhiù.
An aon bhoillsgeadh a fhuair Sgeilbheag air aodann ’s air a chruth ’s air a thruis, thòisich a chridhe ri bualadh mar òrd a-staigh na chliabh. Thòisich na brògan donna a’ cunntadh nan claigeann“ . .. dithis fhireannach, triùir bhoireannach, dà leanabh-cìch, triùir phàistean, dà mhadadh-allaidh, còig radain. . .”
Agus leig an Sgeilbheag e fhèin sìos dhan uisg’, ’s e cho fuar, ’s e deoghal tro shràbh de dh’anail na ghleidheadh an deò ann, ’s e slugadh ’s a’ tachdadh, ’s a chridhe a’ bualadh mu asnaichean mar dòrn air doras.
“Na caraich gu ’n gabh e seachad,” arsa na brògan. “Cùm do cheann fodha.”
Agus an dèidh ùine, thug iad cead dha a cheann a chur air uachdar. “Ach na caraich às far a bheil thu – ’s dòch’ gun till e ’s a chluasan bioraicht’ .”
Mu dheireadh thug iad dha cead a thighinn às an uisg’. Bha am fuachd air a dhol domhainn ann. Thug e ùine a’ feuchainn
suas chon na glasaich air a spògan, ’s e cho lag ri cuileag geamhraidh a dh’èireas far a druim ’s a thuiteas sa bhad an comhair a cliathaich. Laigh e san dorchadas ’s e leth-mharbh. Mus tàinig a’ mhadainn dh’èalaidh e air falbh air fhaiceall. ’S ro mheadhan-latha bha e air astar math a chur às a dhèidh. Chaidil e ann an cùil dhorch fad là is oidhch’, agus cha b’ urra dha gluasad ceart fad seachdain. Agus a-rithist, sàbhailt ann an taigh athar, nuair a chual’ e fear a’ cantainn ri fear eile, “Chan eil gu math dhut a bhith breabadh an aghaidh nan dealg,” chuimhnich e air na bioran fada caola, ’s air Cathach nan Cath a bha cho osgarra, cosgarra, cèin. ’S air na claiginn, ’s air uisge dorch, fuar na breun-luich. ’S air na beanntan ’s air na coilltean a bha ugalaidh, cugalaidh, ciar. Is dh’fhairich e disear, fuar bho a mhullach gu a dhà shàil.
title | Na Brògan Donna |
internal date | 2004.0 |
display date | 2004 |
publication date | 2004 |
level | |
reference template | MacGilliosa Tocasaid ’Ain Tuirc %p |
parent text | Tocasaid ’Ain Tuirc |