Briseadh Cridhe
“THA e marbh ceart gu leòr,” ars am polas.
Seach gun aithnicheadh duine sam bith sin, cha do fhreagair mi e. Bha an corp ’na laighe air an làr. Air a ghàirdean bha uaireadair briste air stad aig ceithir uairean. Shaoil mi gu robh boinneagan uisge no fallais air a’ ghloine. Ri thaobh bha a’ chathair air a tionndadh bun os cionn. Ri cliathaich na cathrach bha pìob letheach-làn de thombaca. Bha aon mhaids ’na laighe air an làr. Cha dèanadh Aonghas car tuilleadh, bha sin cinnteach. Thug mi sùil air, mise shuas ’s esan shìos. Cha b’ann mar sin a chleachd e bhith: b’esan a’ b’àbhaist a bhith shuas, ’s mise shìos. Shaoileadh tu gu robh e na bu lugha na bha e nuair a bha e beò. Bha’n fheusag bheag liath ’na tàmh. Bha seacaid ghlan air muin na léine. Dh’aithnicheadh tu gu robh gàirdeanan na seacaid ro bheag dha. Bha’n corp air ceann a dhà stocainn.
“Càit a bheil Tormod?” arsa mise, ’s mi toirt sùil air an uaireadair. Bha e cóig uairean.
“Còmhla ri Seonag,” ars am polas. Rinn e mion-sgrùdadh orm. Bha fhios aig a h-uile duine gu robh mi falbh le Seonaig. Bha fhios aige-san air cuideachd ged nach robh e air a bhith fada anns a’ bhaile. Thug mi sùil eile air. B’e fear mór tiugh a bh’ann, dìreach mar cheudan pholas eile ann am fiamh. Bha putanan a dheise deàrrsadh. Shaoil mi gum biodh a bhrògan deàrrsach cuideachd gus na chuimhnich mi gu robh meall uisge air a bhith ann aig leth-uair an déidh trì. Bha ’m meall cho dona ’s gu robh bùrn air a thighinn a steach air dorus mór fosgailte an tighe-sa fhéin. Eadar seòmar-cadail Aonghais — b’e sin an sèomar as an tàinig e — ’s an seòmar san robh sinn an dràsda, an cidsin, bha rud math bùirn air an làr.
Feumaidh mi bruidhinn riutsa,” ars am polas. “Cha bhi ’n dotair fada tuilleadh ’s bu chaomh leam an ceasnachadh mus tig e.”
Chaidh e suas ’s ghnog e air dorus seòmar-cadail Aonghais. Mhothaich mi rithist cho doilleir ’s a bha na brògan aige aig an uisge. Smaoinich mi mar a thàinig mi do’n tigh o chionn leth-uair a thìde ’s a fhuair mi Aonghas ’na laighe marbh air an làr. Bha e fortanach nach robh am polas fad as, chan e gu robh càil seach-an-rathad ann, ach gun téid daoine aig amannan mar so gu a leithid. Thug mi sùil eile air a’ chorp ’na laighe air an làr. Bha rudeigin ceàrr ged nach robh mi a’ greimeachadh air. Thainig am polas a nuas le Tormod ’s mi a’ cruaidh smaoineachadh. Ghabh mi iongantas nuair a chunna mi gu robh leabhar beag aige mar gum biodh e dol a sgrìobhadh na freagairtean a gheibheadh e. Bha aodann tiugh dearg ’s shaoileadh tu gu robh e dùsgadh á cadal trom. Ri thaobh bha Tormod a’ coimhead truagh meata ach bha fhios agam fhìn gu robh e cho làidir ris an each. Rinn mi oidhirp air a dhol do’n rùm anns an robh Seonag ach chuir e stad orm. Sheas mi ’s mo dhruim ris a’ bhalla. Shuidh am polas, ach stad Tormod ’na sheasamh. Chitheadh tu na h-òrdagan aige a’ slaodadh a chéile. Bha e mar leanabh air beulaibh maighstir sgoile. Fhreagair e na ceistean mar gum biodh eagal air, ’s cha robh sin ceart, oir cha b’e Tormod fear air an cuireadh móran eagal. Dh’aithnichinn anns a’ chogadh e. Bha e ’na léine ghuirm. Air an léine bha fallas no uisge: dh’fhaodadh gu robh an dà chuid ann.
“Tha ceist no dhà agam dhut,” ars am polas. “Gabh do thìde. Chan eil cabhag oirnn,” — ’s a’ coimhead a’ pholais ’na shuidhe anns a’ chathair dh’ aithnicheadh tu gur e ’n fhìrinn a bh’aige, nach cuireadh nì cabhag air.
“Bha t’athair tinn o chionn ùine?” ars esan.
“Bhà,” fhreagair Tormod.
“Dé bha tighinn ris?”
“Thubhairt an dotair gur e chridhe.”
“Có an t-oighre th’air a’ chroit?”
“Tha mise.”
“An robh thu fhéin is d’athair réidh?”
An ceann ùine thubhairt e: “Bhà.”
Cha b’urrainn dhomh cumail orm.
“Tha sin ceàrr. Cha robh beatha aige le athair. Bha e ’g iarraidh a’ chroit a’ stiùradh e fhéin, ’s cha leigeadh athair dhà. Bha e ’g iarraidh an talamh a leigeil suas is crodh-bainne a cheannachd. Tha fhios aig a h-uile duine air a sin.”
Stad mi cho luath ’s a thòisich mi. Cha robh fhios agam carson a bhrùchd sud bhuam. Thug am polas sùil orm.
“Eil sud ceart, a Thormoid?” ars esan.
“Thà.”
“Dé tha thu smaoineachadh a thachair?”
“Tha e follaiseach. Dh’éirich m’athair as a leabaidh. Thainig e sìos air ceann a dhà stocainn. Shuidh e anns a’ chathair ’s e dol a thoirt toit ás a’ phìob. Bhuail an tinneas-cridhe e ’s thuit e air an làr ’s a’ phìob còmhla ris.”
“Aon cheist eile. Càit an robh thu fhéin is Seonag eadar trì uairean is leth-uair an déidh ceithir?”
“Bha mise spealadh. Bha Seonag a’ céilidh an tigh Ruairidh. Nach eil fhios agaibh fhéin càit’ an robh sinn? Nach e sibh fhéin a chuir g’ar n-iarraidh?”
“Seadh, seadh, mata. Tapadh leibh. An téid thu nis a dh’iarraidh Seonaig?” ars esan rium-sa. Ghnog mi air an dorus, ’s dh’éigh mi rithe. Nuair a chaidh mi steach, bha i ’na suidhe air a’ chathair ris an uinneig. Dh’innis mi dhi gu robh am polas ’ga h-iarraidh. Cha dubhairt i smid rium anns an dol seachad ach shaoil mi gun tug i sùil iongantach orm. Chuimhnich mi rithist air a h-athair. Smaoinich mi air an fheusaig bhioraich ’s mar a bhiodh i dol sìos is suas nuair a bhiodh fearg air. Dh’aithnich mi gu robh mi toilicht gun bhàsaich e, no co-dhiùbh nach do chuir a bhàs móran dragh orm. Thug mi sùil timcheall an t-seòmair ás na dh’éirich e airson an turuis dheireannaich. Bha an leabaidh ’na h-ùpraid mar gu faiceadh tu leabaidh duine nach robh a’ faighinn móran cadail. Cha robh bròg ri faicinn anns an t-seòmar. Cha robh tombaca slàn ann, ’s cha robh còrr tombaca anns an t-soitheach air a’ bhòrd bheag ri taobh na leapa. Bha am polas a’ ceasnachadh Seonaig nuair a thill mi.
“Bha thu ’n tigh Ruairidh bho thrì uairean gu leth-uair an déidh ceithir?”
“Bhà.”
“An robh fhios aig d’athair dé bha tighinn ris? Na dh’innis an dotair dha?”
“Dh’innis.”
“An robh thu air do chumail trang a’ frithealadh d’athar?”
“Trang gu leòr.”
“Na ghabh e eagal nuair a fhuair e mach dé bha tighinn ris?”
“Ghabh. Bha eagal air gum bàsaicheadh e.”
Thug mi sùil eile air an aodann dhùint. Chreidinn gur ann dìreach mar sin a thachradh. Ach bha nì-eigin a’ cur dragh orm. Theich mi bho’n bhalla. Bha beagan aoil air mo sheacaid ùir ghuirm. Sheall mi ris a’ pholas ach chan aithnicheadh duine càil bho ghnùis-san. Bha Tormod a’ toirt an aire do a phiuthar mar gum biodh eagal air gun cuireadh i i fhéin ann an lìon.
“An e duine foighidneach a bha ’nad athair, a Sheonag?”
“Cha b’è. ”
“Ciamar a bha cùisean eadar e fhéin is Tormod?”
“Cha robh e glé mhath do Thormod. Ged a tha e marbh, feumar sin a ràdh. Nuair a thainig Tormod ás a’ chogadh, bha e airson a’ chroit atharrachadh ’s bha m’ athair a’ gealltainn sud ’s a’ gealltainn so, ach cha tàinig càil as.”
“Eil thu smaoineachadh gum marbhadh duine d’ athair?” Thug i ’n t-sùil iongantach ud orm a rithist.
“Marbhadh?” ars ise. “Có bha dol ’ga mharbhadh?”
Cha robh mi airson na sùla ud idir. Chunna mi gun mhothaich am polas dhi ged nach dubhairt e càil.
“Tapadh leat, a Sheonag,” ars esan. Bha ’m polas-sa a’ cur eagal orm ’s e ’na shuidhe an sud cho reamhar ’s cho dearg — a’ deoghal suas gach nì a thigeadh thuige.
“ ’S a nis thusa, a Choinnich,” ars esan.
Dh’fhuirich mi.
“Eil thu dol a phòsadh Seonag?” ars esan anns an aon ghuth.
“Ma phòsas i mì,” fhreagair mi.
“Dé bha thu dèanamh an so an diugh?”
“Thàinig mi shealltainn air Seonaig.”
“Ach cha robh i stigh?”
“Cha robh.”
“Cuin a thàinig thu?”
“Dh’innis mi dhut. Aig leth-uair an déidh ceithir.”
“ ’S bha Aonghas marbh an uair sin?”
“Bhà.”
“Na chuir e eagal ort ’ga fhaicinn marbh air an làr?”
“Cha do chuir.
“Chunna mi cuirp gu leòr anns a’ chogadh.”
“Càit an robh thu aig ceithir uairean an diugh?”
“Bha mi bruidhinn ri Bean Choinnich air an t-slighe nuas.”
“Càit an robh thu eadar trì ’s a ceithir?”
“Bha mi ’g obair anns an tigh bho thrì gu cairteal gu ceithir. Bho chairteil gu ceithir gu ceithir bha mi air mo shlighe bho’n tigh againn fhìn chun an tighe-sa. Aig ceithir choinnich mi . . .”
“Eil fhios aig duine càit an robh thu eadar trì uairean is cairteal gu ceithir?”
“Chan eil.”
“Carson a chaidh thu dh’iarraidh polais nuair a fhuair thu marbh e? Carson nach do chuir thu fios air an dotair?”
“Chan eil fhios agam. Co-dhiùbh chuir mi dh’iarraidh dotair an déidh dhomh thu fhéin fhaicinn.”
“An robh Aonghas airson gum pòsadh tu fhéin is Seonag?”
“Cha robh.”
“Carson nach robh?”
“Bha e airson gum bitheadh Seonag ’ga fhrithealadh. Bha e ’n còmhnaidh ag ràdh gum básaicheadh e nam fàgadh Seonag e.”
“Ach cha dèanadh tusa chùis as aonais Seonag?”
Cha dubhairt mi smid.
“Ciamar a tha thu smaoineachadh a chaidh a mharbhadh? An robh thu fhéin air a mharbhadh?”
Stad mi rithist. B’iomadh oidhche smaoinich mi air, ged nach robh mi dol a dh’innse sin dhà-san.
“Fiach na stocainnean aige. Siuthad, fiach iad le do làmhan.”
Dh’fhiach mi iad.
“Eil iad tioram?” ars esan.
“Thà,” arsa mise.
Cha dubhairt e ’n còrr. Thionndaidh e rithist ri Tormod.
“Cuin a bha’n dotair an so mu dheireadh?”
“Chan eil . . .”
“Bha an dé,” arsa Seonag.
“Dé thubhairt e mu dheidhinn d’athair?”
“Cha b’ann rium-sa bha e bruidhinn. ’S ann a bha e bruidhinn ri Tormod.”
“Dé thubhairt e riut, a Thormoid?”
“Thubhairt e gu robh e anns an aon dòigh.”
“Có tha thu smaoineachadh a mharbh d’athair, a Thormoid?”
“A mharbh m’athair?”
“Seadh. Chaidh a mharbhadh, a Thormoid.”
“Cia . . . mar a tha fhios agaibh?” arsa mise.
“Innsidh mi sin dhut, oir dh’fhaodadh gur e thu fhéin is Seonag a rinn so eadar an dithis agaibh. Bha fhios aig Seonag gu robh thu dol ’ga dhèanamh ’s dh’fhàg i ’n tigh. Carson, ma bha i cho trang, a b’urainn dhi a bhith air chéilidh airson uair a thìde gu leth?” Chuala mi Tormod a’ tachdadh facail. “Thàinig thu steach an so ’nad aonar. Chaidh thu suas gu Aonghas. Thòisich thu fhéin ’s e fhéin a’ trod air sgàth Seonag. Thug thu dhà buille anns a’ chridhe ’s thuit e marbh. Gus nach biodh amharus aig duine, thug thu nuas chun an teine e air ceann a dhà stocainn — cha robh brògan anns an t-seòmar cadail — leag thu e fhéin ’s a’ chathair air an làr ’s shad thu phìob ’s an tombaca faisg air.”
“Abair amaideas,” ars mise, ged a bha eagal orm.
“Seall ri Seonag,” ars esan. Thug mi sùil oirre. Bha’n t-aodann aice geal.
“Dé chunna tu?” ars esan rithe. Cha do sheall i rium.
“Feumaidh tu innse,” ars esan. “Ach cha leig thu leas. Chunna tu mach air uinneig tigh Ruairidh duine
“Cóig mionaidean gu ceithir,” ars ise ann an guth ìosal.
“Freagraidh mi nis do cheist-sa,” ars am polas. “Tha fhios againn gun deach a mharbhadh ceart gu leòr. Anns a’ cheud àite, chan éireadh e idir leis fhéin. Dh’innis Seonag dhuinn gu robh eagal bàis air. An éireadh duine mar sin chun an teine le tinneas cridhe?
“Anns an dara h-àite, eil thu smaoineachadh gur ann air pìob a thòisicheadh e nuair a gheibheadh e chun an teine? Cha robh mìr tombac’ anns an t-seomar cadail aige.
“Anns an trìtheamh àite, bha’n t-uaireadair aige air stad aig ceithir uairean.”
“Ach dh’fhaodadh sin a bhith ceàrr,” arsa mise. “Co-dhiùbh . . .”
“Cha chreid mi gu robh. Bha meall mór ann aig leth-uair an deidh trì. Nuair a thug am muirtear an corp do’n rùm-sa, bha na gàirdeanan a’ slaodadh ris. Bhuail an t-uaireadair anns an làr ’s bhrist a’ ghloine. ’S bha an làr làn bùirn. Tha bùrn air an uaireadair. Bha stocainnean Aonghais tioram seach gur e chasan a bha ’n àirde. Aig ceithir bha thusa . . .”
“Bha mi bruidhinn ri . . .”
“ ’S bha Seonag an tigh Ruairidh. Chan eil duin’ ann a dhèanadh e ach Tormod. Tha léine ghorm air Tormod faisg air dath do sheacaid. B’e Tormod a chunnaic a phiuthar. Dh’innis an dotair dhà ’n dé (cha bhi sinn fada ’ga fhaighinn a mach gum biodh athair beò bliadhnachan fhathast. Thormoid, feumaidh mi do thoirt . . .”
title | Briseadh Cridhe |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p |
parent text | Sgeulachdan |