[32]

Bùrn

STAD Iain ’s an Gearmailteach ’s iad a’ coimhead a chéile. Bhan gunna aig Iain dìreach air an targaidbroilleach aGhearmailtich. Cha dubhairt duine aca smid, mar dhithis ann an dealbh, ach dhfhairich Iain fallas air a làmhans cha robh an gunna cho direachs bu mhath leis. Bha aodann aGhearmailtich geal le eagal is sgìths, mar gum biodh e air a chòmhdachadh le flùr. Mhothaich Iain gu robh a bhonaid air ceàrr agus chuimhnich e air fear as abhaile aige fhéin abhiodh acaitheamh a bhonaid anns an dearbh dhòigh. Bhan Gearmailteach timcheall air deich bliadhna fichead a dhaois: bha Iain dhà ar fhichead. Mun cuairt orranan dithis bha bùrach achogaidh: salchair na talmhainn làn bùirns agluasad mar beò. Bha gunnana laighe fichead slat bhuapa, agus mu thrì fichead slat air falbh bha aodach saighdeir. An robh duinena bhroinn? An robh duine air a bhith uairna bhroinn? Canastairean an suds an so: clach no dhà air an seasadh duine. Fon t-salchair ud bha iomadh duinena laighe acaitheamh air falbh anns aphuinnsean. Chuimhnich Iain mar a dhfhaodadh tu dhol fodha anns an talamh ud làn bùirn is crèadhadh mar shoitheach mara adol fodha. Bhan gunna air chrithna làimh: bha a làmhan salach. Mìle mìle air falbh chunnaic e tigh beag Frangach mar leug earraich ann an rìoghachd leis fhéins ceò ag éirigh ás a shimileirean. Ben t-earrach a bhann ach càit an robh na sìtheanan? Bha an Gearmailteach air chrith cuideachd. Mhothaich Iain anns amhionaid ud mar a bha aodach aGhearmailtich an ìre mhath grinn taca ri a aodach fhéin. Bha beagan deàlraidh atighinn ás a bhonaid. Mhothaich e gu robh seòrsa de neapraigear apriobadh a mach air oir pòcaid a sheacaid mar ghob isein. Bha na làmhan aige air chriths a shùilean, ’s e asealltainn ri Iain. Cha do dhfhosgail e a bheul mar gum biodh eagal air gun dùisgeadh e Iain


[33] á smuain, ’s gum buaileadh òrdag air a’ . . . Thug Iain sùil air aghunna. Bha e air chrith fad na tìde. Thug e sùil eile air mar nach robh e atuigsinn ghnothaich a bhaige ris aghunna. Bhan Gearmailteach asealltainn ris mar chù ri a mhaighstir. Shuath Iain a làmh cheàrr ri bhriogaiss dhfhairich e aphacaid thoiteanna phòcaid. Chuale isean aseinn dlùth ris. Bhan cogadh so làn de dhiseanan, le guthan mar bhùirn, is air cùlaibh gach , casd thinn nan gunnachan. Bha a chasan a nis air chrith. Smaoinich e nach robh e air móran cadail fhaighinn airson latha is oidhche, agus smaoinich e gum biodh an Gearmailteach anns an aon dòigh. Chuir e sìos an gunna. Dhfhalbh sgàil bho aodann aGhearmailtich. Shuidh Iain air cloich ann am meadhon an fhàsaich: shuidh an Gearmailteach air cloich mu a choinneamh. Shaoileadh tu gu robh sreang eatorra. Chaidh làmh aGhearmailtich gu pòcaid a bhroillich. Lean Iain a làmh le a shùilean. Bha an lámh salach air a cùlaibh: bha fàinne air aon de na meuran. Bha Iain gu tuiteamna chadal. Thainig an làmh a mach le pacaid bheag. Dhfhosgail an Gearmailteach aphacaid, ’sna broinn bha pìos càis. Chuimhnich Iain air na radains air na luchainn afalbh air feadh nan treinnsichean. Thainig làmh aGhearmailtich na bfhaisge. Chaidh a làmh fhéin a mach mar bheathachs dhaithnich e gu robh an t-acras air a chorp. Dhith en càiss bha e math. Thug e mach na toiteanans shad e aon chun aGhearmailtich. Thug e mach maids’ ’s las en toitean aige fhéin. Chunnaic en Gearmailteach atoirt sùil airs shad em bocsa thuige. Cha mhór gu faigheadh e air a shùilean a chumail fosgailte. Bha achlach mar bhàta ann am muir trom. Smaoinich eChrath e cheann mar chù atighinn a mach á bùrns sheall e rithist ris aGhearmailteach. Bhan Gearmailteachga choimhead gun stad. Shaoil e gu robh a shùilean air aghunnas chuir ena sheasamh air an talamh es a ghàirdeanan timcheall air. Be latha ciùin a bhann. An dràsdas a rithist chluinneadh tu brags dhaithnicheadh tu guth aghunna.

Lean a shùilean ceò an toitein adìreadh. Trì bliadhna, trì bliadhna de a spiorad anns achogadh so. Thainig deàrrsadh air aodann. Thug an Gearmailteach sùil air, ’s dhéirich an t-eagalna shùilean mar iasg ann an loch. Chuir e a làmh gu a cheanns thug e dheth a bhonaid. Cha robh fhios aig Iain carson a rinn e so. An ann ro theth a bha e? Bha gach mar bhruadar. Cha


[34] mhór nach robh an Gearmailteach maol mar achlach air an robh ena shuidhe. Chuir so iongnadh is seòrsa de thruas air Iain. Nam biodh cànan aca! Nam burrainn dhaibh bruidhinn ri chéile! Bha e acreidsinn gun tàinig an aon smuain chun aGhearmailtich. An truaghan bochd! ’S math dhfhaoidte gu robh bean is teaghlach aige. Dhfheumadh esan a thighinn don chogadh cuideachd. An robh e fìor gum biodh iad amurts amarbhadh phrìosanach? Agearradh an teangannan ás am beòil? An robh e fìor? n latha bhann co-dhiùbh? Smaoinich e gu dian, ’s mu dheireadh thàinig e chun achomh-dhùnadh gur e Di-haoine bhann. Bha aghrian làidirs bham pathadh air.

Di-haoine,” ars esan.

Englander,” ars an Gearmailteach.

Englander,” ars an Gearmailteach a rithist mar chù air beulaibh a mhaighstirs e sealltainn cho ealantas a tha e.

Englander!” ars Iain ris fhéin. bha e dèanamh anns an fhàsach ud co-dhiùbh, am measg nan corp alobhadh timcheall air? Smaoinich e air Màiri, ’s bha a corp alobhadh air a bheulaibh gus nach fhaiceadh e ach na cnàmhan a shadadh tu gu . Chaidh a chorp air chrith a rithist.

Englander!” ars an Gearmailteach.

Ach, dùin do . . .” ars Iain, is stad e. Chaidh a theanga timcheall a bhilean leis aphathadh. Nach robh cho math dhà fuireach far an robh e? Bhan cogadh-sa gun chrìch, gun chàil ach marbhadh. chuireadh crìoch air? chuireadh crìoch air? Daoinegan sadail mar pheilearan an aghaidh a chéile. Bùrach de dhfheòil: ’s aig an tighs air cùl nan treinnsichean na comanndairean am meadhon phàipearan le criosan deàlrach timcheall orras rionnagan air am broillichean. Agus bùrn: bùrn: bùrn glan. Chaidh a theanga timcheall air a bhilean gun fhios dha. Bha sùilean aGhearmailtichga leantainn mar luch aleantainn cait. Ghluais Iain air achloich. Bha aghrian air cùl amhaichga ghearradh mar mhìle sgian. Thàinig òrain as an adhar. “n cànan a thaig na h-eòin?” smaoinich e, ’s bhruadraich e: “ air a tha iad asmaoineachadh?” Chuala e fuaim itealain anns an adhar. Air amannan chitheadh tu na fir-stiùraidh cho brèagha ri càil. Cha robh aigenan aghaidh-san. ’S ann a bha iad acur iongnadh air mar gu faiceadh tu seòrsa de


[35] dhainglean anns an adhar. Chuir an Gearmailteach ás an toitean, agleidheil aphìos a bhair fhàgail.

Tigh na galla!” ars Iain, ’s rinn e gàire.

Ha! ha! ha! ars an gàire.

Sheall an Gearmailteach ris airson tiotadh, ’s thòisich e fhéin agàireachdainn, an toiseach mar dhuine adèanamh a dhleasdanais ach a rithist mar fhear acur fàilt air a bheatha.

Choisich an ghàire còmhla tarsainn air an talamh aosda ud, ach stad iad mu dheireadh an coinneamh a chéilenan suidhe air na clachan.

air a tha e smaoineachadh?” ars Iain ris fhéin. Chuir e a làmhan gu a shùileans thubhairt e:

Than cadal orm”.

Chuale an Gearmailteach afiachainn ri: “Than cadal orma radh.

Chuir so truas air Iain, gu feumadh duine e fhéin a chumail beò anns an dòigh ud. Smaoinich e ciamar a bhiodh e fhéin nam biodh e ann an àite aGhearmailtich. Theab e an gunna a thoirt dha gu faiceadh e thachradh. Am biodh esan cuideachd mar chù air beulaibh a mhaighstir? Smaoinich e air achù a bhaca aig an tigh, ’na laighe anns abhlàths. Bha caoraich a muigh air amhòintich ach bhan aois atighinn air a nis, ’s cha dèanadh e càil ach laighe, abàsachadh anns aghréin. Chaidh a theanga thairis air a bhilean a rithist. Smaoinich e air an t-sruth a bha làimh ris an tigh, ’s chunnaic e na boireannaich astampadh nam plaidichean as t-earrachs aghaoth adol thairis orra. Bha sgìths adòrtadh troimh a chnàmhan. Chuir e roimhe an dachaidh a thoirt air ann an còig mionaidean. An dachaidh!

Bha làmhan aGhearmailtichnan laighe air a ghlùinean mar làmhan boireannaich. Bha a bhrògan adìosgail an dràsdas a rithist anns abhùrn.

Englander!

ghnothaich a bhaige-san ri Englander?

Carson a bha e acogadh?

Cha robh càil ann a nis ach cluiche chairtean gun sgur, gun sgur, anns na rumannan beag ìosal ud mar bhocsaichean, gun fhios cuin a bhuaileadh am peilear.

Chuimhnich e mar a bhuail peilear balla, ’s mar a chaidh e troimh Ruairidh mar chéise-ball. Smaoinich


[36] e air achlann asadail céise-ball mar bhogha-frois ri balla.

Chaidh a theanga tarsainn air a bhilean a rithist. Bhan cadal atighinn trom air. Chunnaic e mar gum bann am bruadar làmh aGhearmailtich agluasad gu pòcaid-cùil a bhriogais, agus ann am bruadair dhaithnich e gu robh rudeigin anns aphòcaid, rudeigin an ìre mhath mór, mar ghunna, seòrsa de dhaga. Bhan Gearmailteach mar gum biodh e agàireachdainn mar gum faiceadh tu fear-bùtha afiachainn ri rud a reic riut, ’s fhios agad-sa is aige-san nach biodh abhùth ann ann a seachdain eile.

Bha làmh aGhearmailtich agluasad timcheall gun stad mar gum biodh a làmh ann an saoghal leatha fhéin, gun eanchainnga spròtadh. Chaidh a làmh sìos don phòcaids thainig i nall an coinneamh brag aghunna. Dhéirich e bhon chloichs chaidh e null. Bha toll dìreach am meadhon broilleach aGhearmailtich os cionn putain. Chaidh a làmh fhéin sìos chun na talmhainn gus na ràinig i air an a bha an Gearmailteach atoirt ás a phòcaid. Be botal airson bùrn a bhana làmhan. Bha an ceann air a thighinn as abhotals bha am bùrn adòrtadh air falbh. Chuir e a ghunnana laighe air an talamhs a shùilean air abhùrn asruthadh gun sgur, beagan is beagan. An dràsdas a rithist chaidh a theanga tarsainn air a bhilean ach cha do dhòl e drùdhag dheth.

titleBùrn
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p

parent textSgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page