Clachan Chalanais
BHA clachan Chalanais ’nan seasamh ri aghaidh an adhair. Timcheall orra bha solus a’ gheamhraidh cho buidhe ’s cho searbh ri leamon.
Ruith am balach dhachaidh ’s ghnog e air an dorus mar pholas.
“Mhàthair, a mhàthair,” dh’éigh e. Bha a chorp air chrith. An ceann ùine thàinig a mhàthair chun an doruis. Bha a h-aodann buidhe leis an t-solus.
“Dé tha tighinn riut?” ars ise. Bha i air a bhith fuine. Shaoil e gu robh sgian ’na guth.
“Chunna mi iad a’ gluasad” ars esan, “chunna mi iad a’ gluasad. Chunna mi . . .” Chaisg i e le a ceist.
“Na clachan,” ars esan, “chunna mi iad a’ gluasad.”
Thug i steach e ris an teine, ach shaoil e gun tàinig atharrachadh air a gnùis. An robh eagal oirre-se? Bha aran-flùir air a’ bhòrd. Cuideachd air a’ bhòrd bha sgian mhór ’na laighe, a’ deàrrsadh ann an solus na làmpa.
“Bha iad dìreach mar gum biodh iad a’ falbh mar armailt,” ars esan.
Cha dubhairt i smid.
“Bha iad cho dorch,” ars esan, “cho dorch.” Lean i oirre a’ deasachadh an arain. Thog e pìos arain ’s thòisich e ’ga ithe. Bha na cùirteirean air an tarraing tarsainn air an uinneig san dorchadas. Bha ’n coire feadalaich air an teine mar bhalach shamhraidh.
“Innis dhomh mu’n deidhinn,” ars esan.
“Mu dheidhinn có?” ars a mhàthair.
“Mu dheidhinn nan clachan,” ars esan.
“Mu dheidhinn nan druidhean,” ars esan.
“Tha iad ag ràdh” ars a mhàthair, “gur ann airson adhradh a chaidh na clachan a thogail. Bha iad a’ dèanamh adhradh do’n ghréin.”
“Do’n ghréin?” ars esan.
“Seadh,” ars ise, ’s a guth a’ dol air falbh. Bhiodh a’ ghrian ag éirigh anns a’ mhadainn, ’s thigeadh iad a mach, na druidhean ’nan gùintean geala, ’s na sgeanan aca.” Thug e sùil air an sgithinn a bh’air a’ bhòrd.
“ ’S an cnoc,” ars ise, “an cnoc a chì thu an sud, ’s e chanas iad ris Cnoc Caoineadh nam Ban a chionn ’s gum biodh na màthraichean a’ caoineadh an sin, ’s an clann ’gan ìobairt aig na sagairtean.” Bha a guth na b’fhaide air falbh.
“ ’S bhiodh iad a’ cur a’ chlann ’nan laighe ann an sloc, mar chreathall, ’s nuair a dheàrrsadh a’ ghrian mar . . .
Stad i.
“Mar?” ars esan.
“Mar aingeal,” ars ise, “no mar fhuil, thigeadh . . .”
“Cha dubhairt i an còrr.
“Cuin a thig m’athair dhachaidh?” ars esan.
“Trì mìosan,” ars a mhàthair.
“Tha e aonaranach an so,” ars esan. Cha dubhairt a mhàthair smid.
“Cha bhiodh e dona a bhith sealg nam mucan-mara,” ars esan, “an sgian a’ dol sìos . . .”
“Isd,” ars ise.
“Na cheannaich thu càil dhomh, a mhàthair?” ars esan. B’e oidhche na Nollaig a bh’ann. Ach an dùil dé bh’anns a stocainn, smaoinich e leis fhéin?
“An dùil an tig Tormod a mach?” ars esan. B’e Tormod bràthair athar.
“Chan eil fhios,” ars ise. “Carson a tha thu a’ faighneachd?”
“Na cheannaich thu ubhal dhomh?” ars esan.
An ceann ùine thubhairt e.
“Chunna mi iad a’ gluasad.” ’Na mhac-meanmna chuala e na clachan a’ bualadh timcheall an tighe.
Thug e sùil air a mhàthair. Bha a gàirdeanan làn flùir. Bha a h-aodann buidhe ann an solus na làmpa. Bhuail an t-uaireadair naoi uairean.
“Chan eil srannag gaoithe oirre,” ars ise.
“Tha e dorch,” ars esan ’s e togail oir a’ chùirteir.
Thug e sùil eile air a mhàthair. Bha i ’na leth- chrùban tarsainn air a’ bhòrd anns an t-solus
uabhasach ud. Ri taobh a làimhe bha an sgian ’na laighe. Co air a bha i a’ smaoineachadh?
“Feumaidh e,” ars ise, “airgead a dheanamh airson triùir a nis.” Thubhairt i sud ris uair ’s e air faighneachd dé bu choireach gu robh athair air falbh cho fada.
Shaoil e gu robh nimh ’na sùilean mar gum biodh i a’ cur a’ choire air-san. Bha a gàirdeanan rùisgte, cho làidir ri gàirdeanan fir. Bha aparan geal a’ tuiteam mar eas air a beulaibh.
“An e mis as coireach?” ars esan. Thug i sùil iongantach air.
“B’fheàrr leam gun sguireadh tu chur a mach,” ars ise.
Chaidh e null chun a’ bhùird.
“Dé tha thu a’ dèanamh?” ars esan.
“Nach eil thu coimhead,” ars ise, “dé tha mi dèanamh?”
“Am bi thu fada?” ars esan.
“Greiseag fhathast,” ars ise, ach cha robh i ’g éisdeachd ris.
Bha cuimhne aig air oidhche cuideachd, ’s e ag éisdeachd ri athair ’s a mhàthair a’ trod, dìreach mus do dh’fhalbh athair.
“Tha fhios agad deamhnaidh math gu feum mi falbh,” ars athair ’s e ’na shuidhe anns a’ chathair ris an teine. Chan fhaiceadh e ach cùl a chinn ’s am falt dubh a’ streap ris.
“Carson a dh’fheumas tu?” ars a mhàthair.
Bha a h-aodann geal anns an t-solus.
“Airson obair,” ars esan. “Càit a bheil obair an so?”
“Nach fhaigheadh tu . . . ?” ars a mhàthair.
“Chan fhaigheadh,” ars esan, ’s e a’ seasamh. Bha athair gu math na b’àirde na a mhàthair.
“Agus cuideachd,” ars esan, “so an obair as aithne dhomh.”
Smaoinich Iain air a’ mhuc-mhara mhór a’ bàsachadh anns a’ bhùrn ’s an sgian ’na h-amhaich. Bha am bùrn geal le cop.
Thubhairt a mhàthair an uair sin iomadh nì nach robh e a’ tuigsinn, ach bha athair ’na sheasamh mar
“Co-dhiùbh,” ars athair mu dheireadh,” tha triùir againn ann, ’s chan e dithis. Bu chòir dhut smaoineachadh air a sin.”
Thionndaidh athair anns an t-solus, ’s fhalt dubh a’ deàrrsadh mar gum b’ann le sàl.
“Deanadh sud a’ chùis,” ars esan.
Cha dubhairt a mhàthair smid, ach bha i ’na seasamh mu choinneamh an teine, àrd is geal.
Thug e sùil air a’ chraoibh a bha crochte anns an t-seòmar. Cha robh càil air a’ chraoibh ach cha bhiodh i a’ crochadh nan gibhtean gum biodh e faisg air dà-uair-dheug. B’e so an aon oidhche anns a’ bhliadhna a dh’fhaodadh e bhith air a chasan cho anmoch.
Bhuail an t-uaireadair deich uairean.
An e esan bu choireach?
“Chan eil mi ’g iarraidh càil,” ars esan, “chan eil mi ’g iarraidh càil airson na Nollaige.”
Cha do leig i oirre gun cual’ i e.
“Chan eil mi ’g iarraidh càil,” ars esan. Thug i ’n t-sùil ud air a rithist. Bha an sgian ’na làimh dheis ’s i a’ gearradh an arain. Thog i a sùil airson tiotadh mar dhealanaich ’s shaoil e gu robh an nimh innte a rithist.
“Chan eil mi ag iarraidh càil,” ars esan.
“Dùin do bheul,” ars ise. “B’fheàrr leam gun dùineadh tu do bheul airson mionaid.” Cha mhór nach robh i a’ sgriachail. “Chan eil fois agam leat,” ars ise. “Mionaid fois ach nuair a bhios tu anns an sgoil.” Bha an sgian ’na làimh.
“Bha iad a’ gluasad,” ars esan. “Bha iad a’ gluasad ’s na sgeanan aca.” Bha e air chrith. Carson nach robh i a’ tuigsinn? Bha an solus a’ dòrtadh air a’ bhòrd. Bha an làmpa mar ghréin ag éirigh anns an adhar. Bha an sgian ’na laighe fo’n làmpa. ’Na inntinn chunnaic e fear le gùn geal a’ tighinn thuige le leabhar.
“Leugh sud,” ars esan. Chan fhaigheadh e air a leughadh. Bha a theanga a’ fàs tiugh ’na bheul. Bha e fiachainn ri ruith, ach, air a chùlaibh, chluinneadh e gun sgur na ceumannan slaodach clachach ud anns an t-solus gheur.
Chaidh a mhàthair do’n chùlaist. Bha am bòrd falamh, ’s gach nì ’na àite.
Shuidh e air cathair mar fhaochaig air creig.
Bha solus na làmpa a’ deàrrsadh anns an t-seòmar.
Bha an t-uaireadair a’ diogadh air a’ bhalla. Chaidh e null chun na craoibhe. Nach robh rudeigin co-cheangailte ris a’ chraoibh cuideachd? Dh’fhiach e ri cuimhneachadh ach chan fhaigheadh e. Thug e sùil air an dreasair, ’s chunnaic e litir ’na laighe air. Bha i ann an làmh-sgrìobhaidh athar. Nach iongantach nach do dh’innis a mhàthair dha gu robh litir air a thighinn? Dh’fhosgail e mach i, ’s i a’ dìosgail ’na làimh. Rinn i fuaim mar chlach-mheallain. Càit an robh a mhàthair? Leugh e pìos dhith:” “I am very sorry that I won’t be home in three months after all.”
Dhùin e ’n litir ’s chuir e air ais air an dreasair i. Thàinig a mhàthair a nuas as a’ chùlaist ’s i còmhdaichte ann an geal.
“Dé th’agad an sin?” ars ise.
Cha dubhairt e càil. Bha e mar chloich air chrith.
“Dé bha thu a’ dèanamh?” ars ise.
Chan fhaigheadh e air nì a ràdh. Bha a guth mar sgithinn.
“ ’S mis’ as coireach,” ars esan, “mis’ as coireach.” Dh’éigh e na facail. Stad i ’ga choimhead.
Bha dà rud aice ’na làmhan ’s paipear donn timcheall orra. Chaidh i null chun na craoibh ’s chroch i iad.
“Chan fhada gus am bi e aon-uair-deug,” ars ise. “Na fosgail iad gus an tig an t-àm ceart,” ars ise. Shaoil e gu robh cruas ’na h-aodann ’s i ’gan crochadh.
Bha iad crochte air a’ chraoibh mar gum biodh iad a’ dèanamh breith air.
Shaoil e gun cluinneadh e fuaim chas suas an rathad chun an tighe, casan móra troma. Bha iad mar cheumannan nan tursachan, iad a’ giùlan sgeanan mar ghealaich. Air taobh muigh an tighe bha an dorchadas ’s air an taobh stigh bha an solus uabhasach ud. Bha a mhàthair a’ cur bìdh air a’ bhòrd. Bha a h-ìnean mar sgeanan.
“Chan eil mi ag iarraidh càil,” ars esan. “Chan eil mi ag iarraidh càil.” Thòisich e sgriachail. Thionndaidh e ri a h-aodann buidhe. Ruith e a mach as an t-seòmar, a chasan a’ bualadh air an làr. Bha iad mar chlachan a bha e a’ slaodadh as a dhéidh. Dh’fhosgail
“Chan eil mi a’ tuigsinn dé a thachair,” ars a mhàthair ri Tormod. “Bha e fortanach gun tàinig thu.”
“Bithidh e ceart gu leòr,” arsa Tormod, “Cha do dh’éirich beud dha.”
Chuala e na guthan a’ teich air falbh.
“An d’fhuair thu guth an diugh?” arsa Tormod rithe.
“Cha d’fhuair,” ars a mhàthair, “ach cha bhi e fada tuilleadh. A dh’aindeoin sin, eil fhios agad dé bha mi a’ dèanamh?”
“Dé?” arsa Tormod.
“Nach robh a’ leughadh a chuid litrichean o chionn bhliadhnachan. Tha mi gleidheil a h-uile gin aca.”
Thòisich an dithis aca a’ gàireachdainn anns an t-solus bhuidhe, is esan ’na laighe crùbte anns an leabaidh.
title | Clachan Chalanais |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p |
parent text | Sgeulachdan |