An Duine Dubh
DH’FHOSGAIL an duine dubh a’ mhàileid mhór air an làr. Bha a’ chailleach ’na suidhe air a’ chathair a’ coimhead am broinn na màileide.
“Jumpers, ”ars an duine dubh. ’S bha iad brèagha cuideachd, feadhainn dearg mar fhìon, feadhainn ghlas mar mhuir, feadhainn uaine mar thalamh, feadhainn bhuidhe mar ghealaich. Cha dubhairt i smid. Bha leabhar aig an duine dhubh a dh’fhàg e ri thaobh air an làr. Cha deanadh i mach facal dheth. ’S ann a bha an sgrìobhadh coltach ri algebra no ri rionnagan geamhraidh. Dh’fheumadh tu a leughadh bho’n deireadh chun an toisich. Shuidh a’ chailleach air a’ chathair, ’s i aosd, a ceann mar chlogaid sneachda.
“Gowns, ”ars an duine dubh. Bha iad a’ dòrtadh ás a làmhan mar bhùrn no bogha-frois. Co mheud làmh céin a bha air a bhith ’g obair air na gùintean ud? Smaoinich i air a’ cheud dannsa aig an robh i, trì fichead bliadhna air ais, ’s thug i sùil air an duine dhubh. Am biodh esan a’ dol gu dannsan? Bha aodann tana, geal mar rathad céin. Sheall i air falbh. Dhòirt na gùintean ás a làmhan. Co-dhiùbh chuiread e seachad beagan de’n tìde dhi a bhith ’gan coimhead. Chuir e na gùintean ’nan laighe air muin a chéile.
“Stockings”ars esan, ’s e toirt a mach stocainnean naidhlean. Cha do chaill a casan an aois a’ coimhead riutha. Cha do dh’fhosgail aon dorus. Laigh a làmhan le coibhneas air na stocainnean. Smaoinich i air a h-athair a’ slìobadh an eich a bh’aca uair. Chaidh i dh’iarraidh deoch bhùrn do’n duine dhubh oir bha an latha blàth: dh’òl e e mar a dh’òlas lit bainne.
Airgead? Có aige bha airgead? Cha robh ann ach an aonaranachd, a h-aonaranachd-se ’s aonaranachd an duine dhuibh. Co ás a thàinig e? Dà shaoghal a’ coinneachadh a chéile anns an dorchadas. Thug e sùil timcheall an t-seòmair, an sgàthan mòr maol, am Bìobull
“Silk underwear, ”ars esan. Thog i a sùilean air falbh mar gum biodh e air rudeigin uabhasach a ràdh. Bha solus a’ dòrtadh troimh ’n uinneig a’ fighe a h-aodainn. Sia bliadhna — ’s math dh’fhaoidte, ’s bhiodh e air ais ’na rìoghachd fhéin. Cha b’e so a rìoghachd-san. Ach dh’fheumadh e airgead a dhèanamh. Bha an sìoda a’ lasadh fo a làmhan. Thug i sùil air ais chun an t-sìoda mar gum b’e bratach a bha i a’ coimhead.
“Eighteen shilling, ”ars esan. Bha làmhan na caillich ’nan laighe gu sàmhach air a’ chathair.
“Eighteen shilling, ”ars esan a rithist. Rinn i gàire. Bha a gàire mar earrach fo’n chlogaid shneachd. Dh’fhairich e sgìths ’na dhruim. Cha robh e furasd’ a bhith slaodadh màileid throm troimh na sràidean.
“Seventeen shilling, ”ars esan. Rinn i gàire eile. Cha robh e tuigsinn có air a bha i a’ smaoineachadh. Air aon bhalla bha dealbh balaich ann an deise seòladair.
Cha robh càil tuilleadh anns a’ mhàileid. Chrom e a cheann ’s e dol a chur an aodaich air ais do’n mhàileid.
“Silk underwear, ”ars esan a rithist, ris fhéin, ’s e dol ’ga thogail.
Stad i e.
Chaidh i chun an dreasair ’s thug i mach sporan. Chunnt i mach ochd tasdain deug dha. Cha robh móran tuilleadh air fhàgail anns an sporan. Rinn i gàire an uair a thug i dha an t-airgead. Rinn esan gàire cuideachd leis an toileachas. Thug e dhi an t-aodach.
“Ah hà,” ars esan ris fhéin, “chan eil làithean do dhannsaidh seachad fhathast.”
Chuir e gach nì air ais do’n mhàileid, aodach flùireanach fuar sìoda ann an teas an t-samhraidh.
Dhùin e a’ mhàileid ’s dh’éirich e.
Ghlais i an dorus air a’ chùlaibh.
Nuair a bha e a’ coiseachd sìos an rathad thog i a làmh ris mar dhuilleag foghair. Lean a sùilean e gus na dh’fhalbh e dhachaidh. Bha na busaichean móra a’ dol seachad air an t-sràid. Bha ise ’na coigreach cuideachd.
Thog i an t-aodach sìoda ’s leig i leis ruith troimh a làmhan mar airgead. An déidh sin, chuir i do’n dreasair e, ’s shuidh i rithist aig an uinneig, a’ coimhead na sràid.
title | An Duine Dubh |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn Bùrn is Aran %p |
parent text | Sgeulachdan |