[83]

AN DUBH IS AN GORM

(1)

THA mi a’ cur na litreach so thugaibh cho luath ’s as urrainn dhomh. Tha mi air baile A—— — —— a ruighinn, ’s tha min dràsdana mo shuidhe ris an teine-dealain asgrìobhadh. Thug an trèana seachd uairean a thìde air an t-slighe, ’s am bàta ceithir. Be oidhche chiùin a bhanns bha minam leabaidhmar a dhòrdaich sibh. Troimhn oidhche chuala mi òrain. Tha mi smaoineachadh gur e na sgoilearan a bhann. Nuair a dhùisg mi anns amhadainn chunna mi an t-eilean Sgitheanachs aghrian ag éirigh ás acheò: bha i uabhasach bòidheach, mar bhratach.

Aig cóig uairean samhadainn chaidh sinn air tìr anns aChaol. Cha robh càil ri fhaicinn ach portairean. Bha na faoileagannan dùisgs asgriachail. ’S an trèana cho fada! ’S beagan ceò ag éirigh aisd. Bha triùir còmhla rium anns an trèanatriùir sgoilearanRuaraidh is Tormod is Seòras. Bha a h-uile duinaca-san air a bhith anns an oilthigh roimhe. Tha iad làn de fhealla-dhà. Chan eil iad atuigsinn na chaidh a dhèanamh dhaibh. Bha iad asealltainn ri mo mhàileid ùir: an a cheannaich sibh fhéin dhomh. ’S maodach cuideachd ùr. Is suaicheantas an oilthigh. Chuir e iongantas orra mar a bha mi leughadh Homers iad fhéin aleughadh Agatha Christie. Co-dhiù, chan e droch bhalaich a thannta ged a tha iad aotrom. Bha iad ag obair fad na làithean-saorsafear aca aig aHydro Electric.

Leis an fhìrinn innse tha Seòras gu bhith afuireachd anns an aon tigh rium. Tha e naoi bliadhna deug, tapaidh, mear. ’Sann ás aChaol fhéin a tha e. ’Se iasgair a thana athair. Bha esan ag iasgach fad na làithean-saorsa. Chan eil mi smaoineachadh gu bheil fhios aig air móran mu dheidhinn Homer. Ach tha mi den bheachd gu bheil ceann math air. ’Se Haggis an t-ainm a tha aige air fear den luchd-teagaisg.

Tha an t-sràid agoil le soluis. Chunna mi déirceach air an t-sràid. Bha ena shuidhe ri balla, ’s abhonaid ri thaobh. Bha e


[84]

dall. Ach thubhairt Seòras nach robh e dall idir. A dhaindeoin sin thug e tasdan dha: chuir so iongantas orm. Co-dhiù, chuir e dragh orman duinud anns an t-solus a bha adòrtadh sìos air an t-sràid. Tha am baile so cho mór. Bfheàrr leam gu mór gum bithinn aig an tigh: ach feumaidh mi mo dhìcheall a dhèanamh.

Tha an tigh comhfhurtail, ach tha bean-an-tighe, tha mi smaoineachadh, déidheil air airgead. Than duine aice ag obair air na busaichean, ’s leanabh aca. Chan e nach eil i gasda gu leòr.

A-nochd chuala mi cuideigin afeadalaich air an t-sràid. Tha mi smaoineachadh gur e amhran Gàidhlig a bhaige ach chan eil mi cinnteach.

Chì mi an luchd-teagaisg am màireach.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(2)

Tha mi toilichtur litir fhaighinn cho luath. Tha sibh afaighneachd dhomh mu Sheòras. Leis an fhìrinn innse, chan eil mi afaicinn móran dheth, tha mi cho trang aig na leabhraichean. Cha robh mi muigh oidhche bho thàinig mi. Tha fhios agam glé mhath carson a tha mi anns an oilthigh, tha fhios agam nach robh e furasd dhuibhse.

Bithidh Seòras atighinn a-steach an dràsdas a rithist a chòmhradh rium. Bha mi ag innse dha mur deidhinns mu dheidhinn nam bliadhnachan a chaith mi anns an sgoil, ’s mu dheidhinn Homer. Bha e asealltainn ris aBhìobull a thug sibh dhomh an oidhche dhfhàg mi an tigh. Tha e fhéin ag ionnsachadh na dotaireachd. Bithidh e dol gu dannsan glé thric, ach chan eil e cur móran dragh orm. Bithidh e uairean abruidhinn mu chor an t-saoghails mu dheidhinn an t-seòrsa saoghail a tha tighinn. Chan eil mise ag aontachadh leis idir anns an dealbh a tha e dèanamh. Ma chreideas sinn ann an Dia cha ghéill sinn don t-saoghal. Ach tha e làn fealla-dhà. ’S tha


[85]

e cho gasdana dhòighean: tha e dìreach mar gum biodh e dèanamh bràthar dhìom.

Ach a thaobh an oilthigh. Tha ena shuidhe a-measg chraobhan pìos a-mach ás abhaile. Bithidh mi fàgail an tighe aig leth-uair an déidh ochds agabhail an tram. Chunna mi fear-teagaisg na Greugais an , duine beag be speuclairean. ’Sann a bha e abruidhinn air Aeschylus, ’s mar a thòisich deilbh-chluich an toiseach. Bha leth-cheud duine anns an rùm, ’s aghrian blàth, is duilleagan nan craobh air taobh a-muigh na h-uinneig. Tha mi smaoineachadh gun còrd aGhreugais rium, ged a tha am fear-teagaisg car neònach. Tha na sgoilearan modhail gu leòr ach . . . . Bha dithis no thriùir afaighneachd cheistean dheth. Bithidh e toirt dheth a speuclairean mus freagair es gan glanadh gun sgur. Cha do shaoil mi gu robh eg éisdeachd ris na ceistean.

Tha timcheall air ceud anns an rùm aig Laideann. Tha am fear-teagaisg soNapierabruidhinn cho luath( ’Se Black ainm an fhir-Ghreugais) ’s gu bheil e duilich gach facal a sgrìobhadh ach tha mi fiachainn. Thòisich sinn air Catullus an .

Cha leig sibh a leas an stoc a chur thugam idir. Tha e blàth gu leòr an so an dràsda. ’S tha sibh ag iarraidh orm a bhith sgrìobhadh nas trice. Leis an fhìrinn innse, chan eil e furasda ach fiachaidh mi.

Tha min dòchas nach eil am fuachd a tha agaibh dona. Tha mi fhìn glé fhallain an dràsda.

Chan eil bean an tighe cho cruaidhs a bha dùil agam. Thug i mi fhìn is Seòras a-steach a dhfhaicinn an TV an raoir. Chuir e iongantas oirre nach robh mi air an TV fhaicinn gu sud fhéin.

Aon rud cinnteach, fiachaidh mi bhith cho dìcheallachs as urrainn dhomh. Tha móran obrach orm ach tha deagh chuimhne agam nach eil agaibh ach mi fhìn. Mar a thubhairt mi, cha robh mi muigh o chionn seachdain.

So a nis Seòras atighinn a-steach. Tha e aon uair deugs tha thìd agam mobair a chrìochnachadh. Chan eil fhios càit an robh a-nochd.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


[86]

(3)

Tapadh leibh airson na stoic.

Ach tha na làithean an so cho blàth. Tha mi faireachdainn an ìre mhath. Eil cuimhnagaibh na seachdainean a bhithinn air an leabaidh leis achuing?

Tha cuimhn’ agam a bhith ag ithe oraindsear ’s a’ cur mo làimhe air an tallan: bha e blàth leis a’ ghréin. B’ ann san Og-mhìos a bha sin.

Tha nis trì seachdainean o thàinig mi an sos cha robh mi muigh ach Latha-na-Sàbaid. Chan eil móran atadhal na h-eaglais an so. Tha am ministear uabhasach aosd. Chan eil mi smaoineachadh gu robh barrachd air dusan innte. Dhiarr e orm a dhol a-mach chun an tighe, ach chan eil fhios agam cuin a théid mi suas.

Se balach uabhasach snog a thann an Seòras. Tha e air trompaid fhaighinns bithidh e ga cluich an dràsds a rithist: ’s bithidh sinn acòmhradh gun sgur. Tha e falbh le nighean ás abhaile so fhéin. Tha mi smaoineachadh gu bheil e dol ga toirt gu a dìnneir an so latha-eigin. Tha e airson gun coinnich mi i.

Se mac iasgair a thann mar a thubhairt mi. Chan eil a mhàthair beòs tha dithis pheathraichean aige. Bha eg innse dhomh mu dheidhinn an iasgaichafàgail ports aghealach ris, acur anns an t-sàmhachd, ’s atilleadh anns achamhanaich— ’s na h-òrain a bhiodh iad aseinn, ’s aghrian ag éirigh. Tha eg ràdh gum bu chòir ar beatha a bhith mar bheatha iasgair, acur gun fhios thig. Nuair a chì duine seòrsachan thinneasan, no corp duine, tha e ag ràdh gun atharraich e inntinn fir. Cha chreid mi gu bheil fhios aige air móran mun Bhìoball ach Solomon!

Tha sinn a nis acnuasachd air Sophocles, ’s e acòrdadh rium glé mhath. Anns an Laideann thòisich sinn air Vergil. Tha mi smaoineachadh gum bi airgead gu leòr agamco-dhiù tha min dòchas gun dèan mi achùis.

Tha Seòras ag iarraidh orm a dhol dhachaidh còmhla ris airson seachdain aig na làithean-saorsa. tha sibh asmaoineachadh?

Chaidh mi fhìns e fhéin cuairt an . Leis an fhìrinn innse bha mo cheann goirt. (Tha Seòras asmaoineachadh nach eil e ro-mhath


[87]

a bhith an còmhnaidh aig an teine-dealain.) Ghabh sinn sìos an t-sràid mhór. Be latha grianach a bhann alasadh air clachan nan tighean. Bha na bùthan dùinte. Ghabh sinn sìos sràid fhada eiles mu dheireadh thàinig sinn chun na pàirc-sa ri taobh aibhne. Chan fhaca sibh a leithid de shìtheanan a riamh, gorm is uaine is deargs iad air an cur an òrdugh ag ràdh WELCOME. Laigh mi sìos anns aphàirc acoimhead nan sgòthan beaga geala agabhail seachad air aghorm. ’S fhada bho nach do dhfhairich mi cho ciùin. Cheannaich sinn ice-cream. An déidh sin, choisich sinn ri bruaich na h-aibhne. Tha i nas motha na an abhainn a thaig an tigh. Chan fhaca mi breac idir. Air latha mar so tha an t-àite so glé bhòidheach.

Chaidil mi tòrr na bfheàrr an raoir. Tha mi duilich cluinntinn nach eil cùisean cho math anns an eaglais. Bu chòir daoine bhith na bu dàimheil ri chéile na tha iad.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(4)

Tha sibh afaighneachd an ann air Latha na Sàbaid a ghabh mi achuairt.

Sann.

Leis an fhìrinn innse, tha e duilich dhomh a dhol a-mach uair sam bith eile. Tha mig obair troimhn t-seachdain: ’s bha mi faireachdainn sgìth. Bha mi anns an eaglais anns amhadainn. Ach ma rinn e dragh dhuibh, théid mi mach uaireigin eile. Cha leig sibh a leas a bhith smaoineachadh gu bheil mi fàgail mobair air chùl. Tha mi dèanamh adhartas math, tha min dùil. Cha robh mi tadhal air amhinistear fhathast. ’Se Wood is ainm dha. Chan eil fhios agam co ás a tha e.

Bha Fionnghal a-stigh Di-sathairn atadhal air Seòras. ’Sann a A—— —— fhéin a tha i. Tha i timcheall air ochd bliadhna deug.


[88]

Bha an triùir againn acòmhradh. Chan eil móran agam mu deidhinn. Bha mi smaoineachadh nach do chòrd so ri Seòras, ach cha dubhairt e smid. Tha i anns an oilthigh cuideachd, ach chan eil i fuireachd còmhla ri a pàrantan. Chan fhaca mi nighean a riamh coltach rithe. Tha i uabhasach geur is tuigseach is an còmhnaidh afaighneachd cheistean. Bha i ag ràdh gun cuala i bho Sheòras gu robh mi uabhasach ealanta ach chan eil fhios agam air a sin! Bha sinn abruidhinn mu dheidhinn aHydrogen Bomb. Tha i fhéin is Seòras airson gun tréig Breatainn am boma, ach chan eil mis airson sin idir. chaisgeadh na Ruiseanaich an uair sin? Ach tha i uabhasach gu deasbaid is làn-chridheilna dòighean: feumaidh mi sin aideachadh. “Tha làithean Homer seachad,” ars ise. Rinn mi gàire. Bha Seòras ga coimhead ach cha robh eg ràdh móran. Aon rud a thubhairt e a ghléidh minam chuimhne: “Eil thu smaoineachadh gur e aHydrogen Bomb an ifrinn air an robh na fàithean abruidhinn?” . . Bha mi smaoineachadh air sinnam leabaidhs daoine dol seachad air an t-sràid.

Chan fhaca mi nighean fhathast coltach ri Fionnghal. Tha i bruidhinn mar fhireannach. Tha i cur iongnaidh orm. Ach tha mi smaoineachadh nach eil i uabhasach coltach ri Seòras. Tha e fhathast acluich air an trompaid. Ach tha e faighinn air adhart glé mhath anns an oilthigh cuideachd. Tha e cho éibhinn. An cheannaich e trompaid bheag do leanabh bean-an-tighes bithidh e acluich leis achloinn.

Bu chòir saoghal saor a bhith aca,” bithidh e ag ràdh. Bha eg innse dhomh cuideachd mu dheidhinn corp a fhuair iad anns an abhainnbalach òg mu fhichead bliadhna. Cha robh fios carson a bhàth e e fhéin. Bha e fuireachd ann an tigh maths athair gu math dha. Fhuair iad e anns amhadainn. ’Na phòcaid bha litir nach robh crìochnaichte atòiseachadh:

Tha mi sgìth de dhaoine a tha ag òl mo chuid fala.” Cha robh móran anns alitir ach sin fhéin.

Tha clàir chiùil aig Seòras ris am bi sinn ag éisdeachdan ceòl ris an can iad jazz.

Tha mi smaoineachadh ann an dòigh nach eil e eu-coltach ris aGhàidhlig.


[89]

Tha am baile-sa glé bhòidheach mun àm so den bhliadhna, le craobhan is soillseachd. Tha mi nas fhallaine na bha mi riamh. An diugh shaoil mi gu robh na faileasan adanns’.

Tha mi coimhead nach eil sibh airson gun téid mi gu tigh Sheòrais. Chan eil difeir ann co-dhiùs mar a tha sibh ag ràdh cha bhi agam ach na ceithir latha deug.

Tha mi coimhead nach robh sibh a-muigh móran bhon dhfhàg min tigh. Chan eil sin gu math.

Tha mi tighinn air adhart glé mhath le Vergil is Sophocles ach tha mi leughadh T. S. Eliot an dràsda. ’Se bàrd mór a thann. Cha do leugh mi bàrdachd a riamh coltach rithe.

Tha an saoghal cho farsaing. Ach a dhaindeoin sin, feumar a bhithg obair, ’s tha mi dèanamh sin.

Mar a thubhairt mi, tha mi smaoineachadh gu bheil suim aca dhìom. Dhiarr Maighstir Black orm tadhal air a dhaithghearr. Cha chreid mi nach téid mi ga fhaicinn oidhche Chiadain.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(5)

Bha mi afaicinn Maighstir Black an raoir. Ràinig mi an tigh aige mu sheachd uairean. Chan eil e fada bhon Oilthigh ach tha sin mhìle on tigh anns a bheil mi fhìn afuireachd.

Bha glag air an dorus ach chan eil mi smaoineachadh gu robh eg obair oir bfheudar dhomh achòmhla a bhualadh le mo dhòrn. Mu dheireadh thàinig e chun an doruis. Bha mi smaoineachadh an toiseach gun dhìochuimhnich e gun robh mi atighinn ach cha robh sin ceart. Thug e steach mi do rùm làn leabhraichean. Bha teine-dealain air, ’s na cùirtearan dùinte. Bha làmpa-dhealain thuige cuideachd, ’s pàipear dearg timcheall oirre. ’Se duine beag a tha ann le speuclairean. Bithidh a bheul afosgladh mar bheul éisg: tha mi den bheachd nach eil a chridhe làidir.


[90]

Shuidh mi sìos mu choinneamh air cathair shocair. Cha robh fhios agam chanainn, ’s cha robh fhios aige fhéin. Mu dheireadh thug e mach pacaid thoiteans e dol a thoirt dhomh . Thubhairt mi ris nach robh mi riuthas chuir e air aisna phòcaid iad a rithist. (Chan eil mi creidsinn nach ann dhomh fhìn a cheannaich e iad!)

Mu dheireadh thòisich e abruidhinn air Sophocles. “Duine mór,” ars esan, “bha e anns na cogaidheanna shaighdear, ’s bha e air comhairlichean Athens. Nach eil sin iongantach? Agus seall air na deilbh-chluich a sgrìobh e. Ach smaoinich, bha ena shaighdear cuideachd.” Sheas es chaidh e null chun nan leabhraichean: “So pìos a sgrìobh mi mu dheidhinn Oedipus Rex”. Leugh mi e. Bha e sealltainn rium fad na tìdes a bheul fosgailte. Dhfhaodadh tu iasg a shadail ann. Thubhairt mi ris gu robh e glé mhath. Bhuail e glags thàinig seana-bhoireannach a-steach le sgàl.

Cha dubhairt e càil fhads a bha eg ithe.

Cha robh fhios agam-sa theirinn na bu mhotha.

Nuair a chaidh an tea a thoirt air falbh thòisich e bruidhinn air Gilbert Murray:

Dhaithnichinn ears esan, “cha do shaoil mi móran den eadar-theangachadh aige. ’S bha e air an League of Nations cuideachd. n tìde bhaige? Rinn mi fhìn eadar-theangachadh de Oedipus Rex ach cha do chuir mi ann an clò e riamh.” Sguab e pronnagan arain bho a ghlùinean.

Tha thu fhéin adèanamh obair mhath,” thubhairt e. “Obair mhath.” Is a rithist, “Chan eil thu mar sgoilearan eile idir. Chan eil càil air an aire ach deoch is boireannaich— ’sen fhìrinn a thagam. Ach Sophocleschan eil aon deoch an sin. Na Greugaich! Smaoinich a bhithna shaighdear cuideachd! Nuair a thig iad air ais an diugh ás an arm cluinnear mu dheidhinn ach chan eil facal aig Sophocles ri ràdh mu dheidhinn.”

Tha iad ag ràdh gum bi e dol do na tighean-dhealbh aon oidhche san t-seachdainchan eil difeir cuspair an deilbh.

Well, aig naoi uairean dhfhàg mi e. Bha ena sheasamh aig an dorus ag ràdh, “Smaoinichbha ena shaighdear cuideachd.” Thug mi taing dhas ghabh mi sìos an rathad.


[91]

Thachair boireannach aosda riums i ag iarraidh tasdan. Bhan deoch oirres i aseinn. Bha i uabhasach reamhars a h-ad mu a sùilean. Thug mi dhi an tasdan. Tha iad an còmhnaidh atighinn thugam-sa.

Cha robh mi an àit an t-seachdain-sa ach an sud fhéin. Chan fhaca mi Fionnghal no móran de Sheòras. Tha sibh afaighneachd dhomh mu dheidhinn Fhionnghail. Cho fads as aithne dhomh chan eil i ris an deoch. Chan eil mi tuigsinn chuir sinnur ceann. ’S airson Sheòrais tha e cho gasd. Carson a chumainn air falbh uaithe? Chan aithnich mi an còrr an so.

Cha bu chòir dhuibh a bhithg ràdh ri daoine cho maths a tha mi dèanamh. Chan eil fhios dhfhaodadh tachairt.

An tadhal ud a rinn mi air Maighstir Blacktha rudeigin neònach mu dheidhinn, e fhéin is Sophocles. Tha e iongantach. Chan eil fhios agam an téid mi ann tuilleadh.

Tha an tìde fhathast gu math. Gleidhidh mi an stoc airson agheamhraidh ach chan eil mi ga chleachdadh an dràsda.

Ma tha càil a dhìth oirbh an so, cuiribh ga iarraidh.

Tha mobair adol an ìre mhath.

Bidh Seòras uaireannan acluich air céise-balls adanns’. Tha mi duilich nach do dhionnsaich mi iad: ach tha Sophocles acòrdadh rium. Tha mi dèanamh tòrr leughaidh. Tha uimhir ann nach do leugh mi.

Bu chòir dhuinn a bhith toilichte.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(6)

Chan eil móran agam ri ràdh anns an litir so. Tha mi duilich cluinntinn mu bhàs Ruairidh. ’Se duine math a bhann. Tha cuimhne agam na sgeulachdan a dhinnseadh e dhomhs e acromadh tarsainn air abhata.


[92]

Tha na làithean bòidheach an so fhathast. Fhuair mi mo bhrògan air ais bhon ghriasaiche an . Chan eil iad dona.

Bha fear-an-tighe tinn o chionn seachdainchan eil fhios aca tha tighinn ris, ach tha mi smaoineachadh gur e chridhe. Tha mi creidsinn gur e a bhean as coireach ri sin.

Eil sibh ag iarraidh càil a chur thugaibh? Dhfhaodainn pàipearan an àite so a chur air aphost.

Chan eil an còrr agam de naidheachd.

Oidhche mhath leibh.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(7)

Chan eil càil atighinn rium! Bfheàrr leam gun sguireadh sibh a bhruidhinn mar sin air tinneasan. Chan e balachan a thannam a nis. Tha fhios agam gu robh an litir goirid ach cha robh cothrom air. O chionn seachdain chaidh mi steach do chafé air Sràid H—— — —, ’s bha sin ach Fionnghal. Dhòl sinn cupan cofaidh, ’s bha sinn abruidhinn. Chan eil i idir cho iongantachs a bha dùil agam: tha ig obair glé chruaidh. Bha i faighneachd mu ur deidhinn. Chan eil fhios agam carson a dhfhàg i an tigh, ach cha chaomh leatha a h-athair, no rudeigin mar sin. Tha i uabhasach ealanta: chan eil fhios fhathast a tha i dol a dhèanamh. Bithidh i abruidhinn aig deasbaidean. Chan eil i eu-coltach ruibh fhéinna dòighean. Tha i làidirna h-inntinn. Tha i beagan is cóig troighean, le falt dubh, is aodann geal, gun mhóran dearg ann. Tha a sùilean uabhasach lasrach, ’s bithidh i bruidhinn, ma tha sibh atuigsinn, le a gàirdeanan. Tha mi smaoineachadh gun còrdadh i ruibh.

Cha chreid mi gu bheil i fhéin is Seòras afaighinn air adhart glé mhath. Chan eil fhios agam carson.

Bha coinneamh ann mu dheidhinn aBhoma. Chaidh sinn thuice. Bha i abruidhinn. Chuir e iongnadh orm cho daingeanns a bha i.


[93]

S aithne dhi faireachdainnean dhaoin eile: ’se rud neònach a tha sin. Cha ghabh i tea idir, ach cofaidh. Tha i fuireachd còmhla ri nighean eile, cho fads as aithne dhomh. ’Se Beurla a tha i ag ionnsachadh anns an oilthigh.

Bha ig ràdh rium mu dheidhinn Sheòrais nach robh faireachdainnean làidir aigidir. “Tha e a-measg chuirp ro thric.” Tha i ann an saoghal eile bhuam-sa. Tha i air uimhir a leughadh. Thug i thugam an Observer, paipear nach do chleachd sinne a bhith faighinn. Cha chreid mi gur ann le daoine beartach a tha i.

Ach na faiceadh sibh i. Cho dìorraiseachs a tha i airson achinne-daonda. Cha robh dùil agam gu robh a leithid ri am faighinn.

Cha chanainn gu bheil i bòidheach, ach, tha lasair . . . .

Bfheàrr leam gun coinnicheadh sibh i. Tha mi leughadh Frangach an dràsdaCamusach tha i ag ràdh gun deach i seachad airno rudeigin.

Cha do chòrd achoinneamh mu dheidhinn abhoma rium idir. Cus dhaoine le feusagan. Ach tha mi smaoineachadh gu faca mi dithis no thriùir le spiorad ghlan. ’S cha bhiodh e ceart an saoghal a dhol suasna smàl.

Tha mig obair cho cruaidhs a bha mi riamh. Ach bithidh mi smaoineachadh uaireannan: “ dhèanadh Sophocles an diugh?” Tha mi dol don eaglais, ach chan eil móran agam mu dheidhinn amhinisteir. ’Se duine math a thann ach chan eil móran aige ri ràdh.

Bu chaomh leam gun coinnicheadh sibh Fionnghal. Tha mi smaoineachadh gun còrdadh i ruibh.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(8)

Bha mi smaoineachadh a-nochd air an t-saoghal anns a bheil sinn beò, ’s mi sealltainn a-mach air an uinneig air làmpaichean na


[94]

sràide. Aig an tigh chan eil làmpaichean aca. Nuair a théid duine mach air an oidhche chì e aghealach cho boillsgeach air an talamh.

Ach a-muigh an so tha na làmpaichean mar eanchainnean dhaoine, asmaoineachadh mar fhir-teagaisg, ’s iad fada bho chéile, a h-uile fearna inntinn fhéin.

Tha mi aleughadhs ag ionnsachadh gun sgur, ach tha mi duilich aig amannan nach leugh sibh-se na tha mi leughadh. Tha e duilich dhomh innse dhuibhged a dhfhiachainn.

Bha sibh abruidhinn air an eaglais, ’s na buairidhean a bhagaibh. Tha e duilich a ràdh, ach tha iad afàs cho fad air falbh. O na bithibh asmaoineachadh nach eil fhios agam na rinn sibh dhomh. Tha cuimhnagam air mo bhaile fhìn cuideachd. Ach tha mi coimhead saoghal ùr abristeadhchan urrainn dhomh a leasachadh. Tha minntinn ga mo ghluasad air adhart. Aig amannan chì mi ciùineachd do-ainmichtes aig amannan eile borbachd do-ainmichte. Tha am baile againn mar leug anns an dorchadass aig amannan eile mar bhruadar.

Tha mi airson gun tuig sibh so. Tha mi airson gun tuig sinn a chéile.

Tha misegur tuigsinn-se cho maths as urrainn dhomh. Tha fhios agam air ur gaol, ach bithidh mi uaireannan asmaoineachadh gum bu chòir dhuibh a bhith a-measg dhaoine nas trice. Tha mi atuigsinn mar a dhatharraicheas an saoghal ann an oidhche. Cho bòidheachs a tha es cho eagalach.

Tha e duilich innse dhuibh mar a tha mi faireachdainn. Tha mi atuigsinn nach do bhruidhinn sinn ri chéile a riamh.

S a nis, tha daoine dol seachad air an t-sràid. Tha solus na làmpa air mo pheann. Chan eil duine anns an rùm ach mi fhìns mo leabhraichean. Tha Seòras a-muigh. Tha greiseag o nach fhaca mi e.

Bha mi anns an eaglais latha na Sàbaid ach chan eil feum air bith ann am Maighstir Wood. Chan eil fhios aige.

Tha mi cur na litreach so ged nach tàinig freagairt na mu dheireadh.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


[95]

(9)

Tha mi duilich nach do fhreagair mi an litir agaibh gu so. Ach leis an fhìrinn innse bha mi tinn fad na seachdain. Tha mi ceart gu leòr a nis. Fuachd . . . . .

Na mo leabaidh bha mi smaoineachadh air an litir agaibh. Cha robh mi ga tuigsinn. thagaibh an aghaidh Fionnghail? Chan fhaca sibh a riamh i, ’s chan eil i idir mar a tha sibh ag ràdh. Chunnaic mi uair i bho sgrìobh mi thugaibh: tha mi sgrìobhadh pìos mu dheidhinn abhomaseach gu bheil fhios agam air ifrinn cho math.”

Na mo leabaidh bha minam aonars mi smaoineachadh cho fads a tha mi air a bhithnam aonar. Nuair a bha sibh fhéin òg bha sibh aig an iasgach aig sia-deug. O cha robh e furasd, tha fhios agam air a sin. ’S bha e fuar is -chomhfhurtail. Ach a dhaindeoin sinse seòrsa beatha a bhann.

Chan eil sibh afiachainn ri mo thuigsinn idir. Chan eil càil anns alitir ach mu dheidhinn Fionnghail nach fhaca sibh a riamh. ’S bha min dòchas gun coinnicheadh sibh a chéile. Tha sibh ag ràdh nach eil còir aig clann-nighean gnothach a ghabhail ri na nithean sin, ach chan eil sin ceart. Feumaidh a h-uile duine gnothach a ghabhail riutha. Ged a tha i làidirna h-inntinn tha i truasailna cridhe. Tha mi smaoineachadh aig amannan nach eil an eaglais againne sin.

Co-dhiù, anns an leabaidh bha mi smaoineachadh. ’Se làithean briagha a bhann mar na làithean a bhann uair. Bha aghrian air abhalla. Cha tigeadh bean an tighe steach ach aig amannan bìdh, ’s bha sin ceart. Bha mi saorcha robh duine timcheall orm. Bhitheadh Seòras atighinn a-steach an dràsdas a rithist. Tha e falbh le nighean eile a nis. Achse balach ro-ghasd a thann. Shuidheadh e uaireannan gun smid a ràdh. Cha robh mi fhìn ag ràdh smid: ’sann a bha mi smaoineachadh.

Bha mi smaoineachadh air a so (is duilleagan nan craobh air taobh a-muigh na h-uinneig is fàile cùbhraidh ag éirigh ás an lios). Bha mi smaoineachadh gu bheil beatha adol air adhart anns an t-saoghal, ’s bha mi smaoineachadh nach eil sin ceàrr, ’s bha mi smaoineachadh nach eil tinneas gu math. Chan eil mi ag iarraidh a bhith tinn tuill-


[96]

adh. Carson a bha mi tinn cho tric nuair a bha mi òg? Tha ee acur iongantas orm.

thagaibh an aghaidh Sheòrais is Fionnghail? ’S as coireach gu bheil sibh cho dìleas do fhacail nan daoine aosda aig an tigh, ’s do ur ministear? Tha mig innse dhuibh gu bheil an cuid làithean seachad. Cha robh iad air taobh na beatha. Dhfhaodadh gu robh iad asmaoineachadh gu robh, ach tha mise cinnteach nach robh.

ghnothaich a thagaibh bruidhinn mu dheidhinn Sheòrais is Fionnghail anns an dòigh ud? Cha do rinn iad cron air bith oirbh-se.

Tha mise fiachainn ri ur tuigsinn-se ach chan eil sibh-se fiachainn rino thuigsinn-sa.

Bu chòir dannsa bhith anns an t-saoghal. Tha sin ceart, nach eil?

Bu chòir gorm a bhith anns an t-saoghal, ged a tha an dubh ann cuideachd.

Bu chòir samhradh a bhith anns an t-saoghal a chùl air agheamhradh.

Tha miseg obair gu math cruaidh aig na leabhraichean, ach chan eil e nàdurrach mi fhìn a mharbhadh leotha. Tha cus ciont air minntinn. ’S co ás a thàinig e? Tha cus de na mairbh timcheall orm.


(10)

Chan eil mi coimhead aobhar carson nach fhaic mi Fionnghal. thaig Wood ri ràdh rium-sa? Co è? rinn e? Tha a fhacail cho aosda ris fhéin.

Na bithibh asmaoineachadh idir gu fàgainn sibh-se air chùl. Ach feumaidh sibh an oidhirp a dheanamh misa thuigsinn cuideachd. Tha smaointean agam-sa cuideachd. Bha sibh fhéin òg uair.

Na sgeulachdan a dhinnis sibh dhomh, tha mi gan coimhead an diugh ann an doigh ùr. Chan eil cothrom agam air. Bithidh duine mar a bhitheas e. Chan eil còir aige a nàdur fhéin a mharbhadh.

Tha sibh abruidhinn air gaol agus tha mise asmaoineachadh gur e gaol ris an can duine gaol, an duine fhàgail airson a rathad fhéin a lorg. Dhfhaodadh gun tig e air ais aig an deireadh.


[97]

Cha robh gnothach agaibh bruidhinn mar sud mu dheidhinn Fionnghail is Sheòrais. Tha mi tuigsinn gur e saoghal ùr dhuibh-se a tha so cuideachd, ach cha robh gnothach agaibh sud a ràdh.

Air taobh a-muigh na h-uinneig, tha grian an t-samhraidh adeàrrsadh. Nuair a dhéirich mi ás an leabaidh thubhairt mi rium fhìn nach laighinn oirre ann an tinneas tuilleadh.

Tha mi dol asgrìobhadh am pìos ud mu dheidhinn abhoma. Chan eil mi ag iarraidh a bhith smaoineachadh air ifrinn tuilleadh.

Ann an dòighse sibh fhéin a rinn làidir mi, ’nam aonranachd.

Ach bithidh mig obair a cheart cho cruaidh.

Chan eil mig iarraidh càil ach gu fiach sibh ri mise thuigsinn mar a dhfhiach mise ri sibh-se thuigsinn. Tha sin mór ach chan eil e do-dhèante.

Agus cuideachd gu sguireadh sibh a bhruidhinn mu dheidhinn Fionnghail is Sheòrais anns an dòigh ud. Tha mise làidirnam dhòigheans chan eil fhios nach caill mi an dithis aca. Ach a dhaindeoin sin tha iad ceart. Tha iad air taobh na beatha.

Tha an samhradh anns an t-adhar gorm. Chan eil an saoghal dubh an còmhnaidh. Cha bhiodh e nàdurrach.

Bithidh mi feitheamh ri ur litir. Chan eil mi ag iarraidh ur call, ach fiachaibh ri mo thuigsinn. Air mo shon-sa tha mi dèanamh seòrsa de dhùrnuigh.

Ur mac dìleas,

COINNEACH.


(11)

Well, so mise air ais an so a rithist! Ach chòrd an sheachdain aig an tigh rium. Atadhal air na càirdeans ag éisdeachd ri sgeulachdan Thormoid anns abhaile mhór. Chan eil mi smaoineachadh gun còrd iad cho math rium tuilleadh.

Chunna mi Fionnghal bho thàinig mi. Bha ig innse dhomh mu dheidhinn a pàrantan. Tha a màthair marbh o chionn dha-na-tri bhliadhnachans bha i afuireachd còmhla ri a h-athair. Bha i ag


[98]

ràdh gum biodh an deoch air glé thrictha mi smaoineachadh gur e fear-lagha a thann. Co-dhiù dhfhàg in tigh. Chan eil càil ach math aice ri ràdh mu dheidhinn a màtharach airson a h-athar! Cha chreid mi nach robh e glé chruaidh oirre. Chan eil fhios agam an téid i dhachaidh: cha chuireadh an tigh dragh sam bith oirre. Cha chuireadh i càil a dhumhail. Carson a chuireadh?

Tha e duilich innse n tarraing a thinnte, ach tha i cho onorach, mar choinneal alosgadh gun sgur. Chan eil móran airgid aices bha a h-athair ag iarraidh oirre tilleadh dhachaidh ach cha dèanadh i sin.

Bha sinn ag argumaid mu dheidhinn abhoma a rithist. Dheigheadh i don phrìosan nam biodh e feumail. (Chan eil fhios nach e a h-athair a bhiodh ga dìon!)

Tha daoine ann a tha ag iarraidh an saoghal a dholna smàlbha i ag ràdh. “Chan aidicheadh iad sin, achse sin a tha iad ag iarraidh.” Bann an uair sin a dhinnis i dhomh mu dheidhinn a h-athar. “Tha iad an dòchas gun téid ena smàl.” Bha ina suidhe aig bòrd achafes cupan air a beulaibh. “Ach chan eil thusa mar sin, a bheil?”

Agus stad mi. Bha mi dìreach acur achupain gu mo bheuls bhuail e agam anns amhionaid ud fhéin nach robh fhios nach robh i ceàrr mu mo dheidhinn.

S thubhairt mi rithe: “Cha robh beatha thoilichtagad-sa. n difeir a dheanadh e dhut nan deigheadh ena smàl?”

Chan eil thu atuigsinn,” ars ise, ’s a sùilean alasadh, “Chan eil thu atuigsinn idir. ’Se daoine mar sin a chumas an saoghal slàn.”

Ach cha robh mi ga tuigsinn.

S a dhaindeoin sin chan eil mi cinnteach nach eil daoine mar sin aig an tigh cuideachd. Bha mi bruidhinn ri Tormod Mór ach cha chanadh e càil ach: “Mas e rùn Dhé e.” Rùn Dhé! An saoghal a churna smàl!

Dhfhaighnich mi dhith carson a bha dragh aice. Cha do fhreagair i mi an toiseach ach bha i mar gum biodh i asmaoineachadh, ’s i coimhead nan daoine agabhail seachad.


[99]

Tha cuimhnagam,” ars ise, “oidhches mathair air tighinn dhachaidh leis an deoch. Bha mo mhàthair adèanamh cupan cofaidh-dubh, ’s ga chur air a bheulaibh. Gun aobhar sam biths gun smid a ràdh bhuail e i anns an aodann. ’S cha do dhatharraich aodann ann an dòigh sam bith, ’s lean i oirre acur achofaidh anns achupan.”

Chan eil mi tuigsinn tha i acoimhead annam-sa. Leis an fhìrinn innse tha sinn cho fada bho chéileann an dòigh. Nuair a thubhairt mi sin rithesann a thòisich i agàireachdainn, ach cha do fhreagair i mi.

An ath-oidhch’, tha sinn adol gu coinneamh eiles cha chreid mi nach eil iad adol a’ “shuidhe sìosair beulaibh oifisean na Comhairle ge be air bith feum a ni sin.

Nuair a bhruidhneas mi rithe tha mi gam fhaireachdainn fhìn ag atharrachadh. Tha i abruidhinn air saoghal air a bheil gaol agam, ged nach fhaca mi e a riamh, ’s bithidh i aig amannan asealltainn rium mar gum biodh i atuigsinn sin. Aig amannan mar sin cuideachd bithidh sinn abruidhinn oirbh-se. Aon rud mu deidhinnse, cha bhiodh i tinn nuair a bha i òg! ’Se saoghal a thann gun cheanglaicheangun ifrinn, gun teine. Aig amannan, tha mi ga fhaireachdainnna mo chnàmhan, ach tha beagan dorchadais annam fhathast.

Tha mi cinnteach gu bheil i ceart.

Nuair a bha mi aig an tigh, bha mi cluinntinn daoine abruidhinn mu chàch a chéileanns abhuaireadh timcheall na h-eaglaisle bith is aimhreit. Chuir e iongnadh is eagal orm.

Tha solus abristeadh orm ach chan eil mi ga fhaicinn ceart. Tha am boma alasradh sìos troimh an dorchadas, ’s tha mi faicinn gur e so ceartas ar tìm.

Sann a tha mi bruidhinn mar mhinistear ann an dòigh.

Tha mi faicinn carson a tha Fionnghal gam iarraidh. Thuig i gum faca mi am boma o chionn fhada, ’s gu bheil fhios agam mu dheidhinnna mo chnàmhan. ’Se sin as coireach gun rinn i gàire nuair a dhfhaighnich mi dhith.

Tha eagal orm aig amannan gu bheil mi fhìn ag iarraidh abhoma spreadhadh air feadh an t-saoghail.

Ach chan eil. A dhaindeoin a h-uile càil chan eil.


[100]

Tha saoghal cruaidh air thoiseach oirnn. Ach dhàraich sibh mi airson an seòrsa saoghal so a bhacadh. Tha mi nas treise na bha dùil agam.

Se a tha dhìth orm beagan den ghaol a thaice-se.

Sin an aon rud a tha dhìth orm.

Ach chan eil fhios nach fhaodadh an gràs sin a thighinn thugam.

Ur mac dìleas,

COINNEACH


(12)

Cha robh gnothach aca a dhèanamh. So mar a thachair. Chaidh sinn chun na coinneimh air beulaibh nan oifisean. ’Se latha bòidheach a bhann: chitheadh duine a h-uile càil cho briagha, na clachans na daoinefeadhainn le stocan fada orra.

S shuidh iad sìosa h-uile duine acamar gum bann ag ùrnuigh a bhiodh iad. Bha timcheall air ceud duinann. Cha robh achlach fuar idir. An toiseach bha sinn glé shàmhach, ag òl cofaidhs ag ithe. Bha mi fhìn is Fionnghal abruidhinn ri chéilenar suidhe air achloich, ’s gu leòr coltach ruinn ann, ’s am biadh cho maths cho blasda anns aghréin. Bha dithis no thriùir ann, agiùlain sanasan-follaiseach. Shuidh sinn sìos aig uair dheug. Chuala mi an t-uaireadair abualadh mar òrd.

Mu thrì uairean bhan tuilleadh dhaoine air tighinns alìonadh na sràid. Cha mhór gum faigheadh na carbaidean air gluasad. Aon rud a mhothaich micha robh duine ann a bha acoimhead beartach, ’s bha achuid bu mhotha òg.

Mu dheireadh chuala mi còmhstri. Seach gu robh minam shuidhe chan fhaca mi bha ceàrr an toiseach. Dhéirich mis rinn mi mo shlighe sìos. Bha polas ag iarraidh air fear den chòmhlan againn gluasad air falbh bhon rathad.

Feumaidh mi so innse ceart. ’S an toiseach mu dheidhinn apholais. Cha mhothaich duine dhaibh glé thric( ’se sin mur a bi iad air eich). Tha iad cho slaodachs cho sòluimte acoiseachd, mar


[101]

thighean agluasad. Cha sheall duine glé thric ri an aodannan, ’s chan fhaic e ach am faileas air an t-sràid.

Bha clogaid air apholas so, ’s chunna mi anns amhionaid mar gum bann ann an dealanaich olc ann an aodann duine. Chunna mi an t-aodann ag atharrachadh. Bha ar companach ag argumaid riss cha robh sin ceart. Ach nuair a sheall mi an sùilean apholaissann a chunna mi annta teine marbhtach. Bha a fhaileas air achabhsair, dubh. Chunna mi daoine agluasad an coinneamh na dithiss an ath-mhionaid chunna mi gàirdean apholais ag éirighs an duinena laighe air an rathad. Thug am polas feadag ás a phòcaids thòisich e ga séideadhs an duine air achloichs beagan fola asruthadh sìos air aodann. Bha am polas mu ar coinneamh asealltainn ruinn. Bha e ag ràdh rudeigin ach cha robh mi ga chluinntinn leis an fhuaim. Achairson aodann! Bha bith aige dhuinnbith gun ainm. Shaoileadh tu gun còrdadh e ris a h-uile duine againn a mharbhadh. Tha e duilich so innse mar a chì duine fòirneartchan fhaca mi e riamh gu sud. Bha mi asmaoineachadh gur ann a bhiodh e tachairt ann an saoghal eile no ann an leabhraicheanach bha e anns aghréin mu mo choinneamh, air an t-sràid ud fhéin.

Dhfhairich mi gluasad ri mo thaobhs mus do sheall mi rium fhìn bha Fionnghal air ruith a-null far an robh an duinena laighe air an rathad. Tha mi cinnteach nach do stad i airson smaoineachadh. Aon mhionaid bha i ri mo thaobhs an ath-mhionaid bha i air a glùinean asuathadh bréid ris an fhuil. ’Se bréid geal a bhann: ’sann a shaoil mi gur ann a bha e coimhead neochiontach, ise air a glùinean, ’s an fhuil ga suathadh air falbh anns aghréin ud. Bha i mar bhanaltrum mhór an t-saoghail, ’s os a cionn bha am polas leis achlogaid.

Rinn mi airson a dhol far an robh i ach cha do charaich mi. Cha be eagal a chaisg mi. Cha robh eagal orm roimhn bhata, tha mi cinnteach á sin. (Tha e dorch an dràsds bha mina mo shuidhe aig an uinneig fad na h-oidhche asmaoineachadh.)

Ach tha fhios agam a nis a chaisg mi: bha eagal orm a dhol don phrìosan. Bha eagal orm chanadh daoine aig an tigh.

Agus dhfhàg mi ann an sud i. Thug iad air falbh i, còmhla ris an duine a chaidh a bhualadh.


[102]

Dhùin dorus acharbaid le garbh-bhuille. Bha an carbad dubh mar gum biodh iad ga chur ann am bocsa. Cha do sheall i null far an robh mi. ’S dhfhalbh an carbaddubh, dubh. ’Sann a bha e mar charbad-mharbh, afalbh sìos na sràideans na duilleagan os a chionn air gach taobh.

Bha minam sheasamh an sin. Achsann a thòisich mi coiseachd. Choisich mi fad cheithir uairean a thìde. Chaidh mi sìos sràid an déidh sràide gus an tàinig na soluis air. Bha am baile ag atharrachadh fo mo shùilean. Anns na faileasan chunna mi daoine le biodagans bha na coin na bu mhotha na chleachd iad. Bha coille timcheall orms an dràsdas a rithist chunna mi soluis. Bha eagal orm a dhol sìos na sràidean. Cha do thachair so dhomh a riamh roimhe.

An dràsda bha mi smaoineachadh cho gòrachs a bha mi. Bha eagal orm chanadh daoine mu mo dheidhinn— ’s an saoghal adolna smàl. burrainn a bhith na bu ghòraiche na sin? burrainn?

Tha mo pheann ag ithe aphàipeirs tha mfhaileas mar fhaileas apholais.

Ach tha mi toilichte: airson aobhar a choreigin tha mi toilichte. Tha bùrn abriseadh annam, adòrtadh tromham. Co ás a tha e atighinn? Tha mi fàs sìmplidh mar bhùrn. Tha earrach adùsgadh annams mo bhroilleach làn de dhuilleagan. Tha an saoghal afàs sìmplidh.

Tha fhios agam tha mi dol a dhèanamh. Tha mar gum biodh ur saoghal a dolna smàl, ach chan eil bith agam dhuibh. Cha robh cothrom agaibh air.

Bha i air a glùinean ri thaobhs an fhuil air aghaidhs an clogaid os a cionn. Tha an dealbh sin sìmplidh, nach eil?

Chan eil eagal orm.

Chan eil.

Tha an tinneas gam fhàgail. Tha mi mar leanabh air a bhreith á fuil.

Oidhche mhath leibh,

Ur mac,

COINNEACH.


[103]

(13)

Sheas sinn nuair a thàinig am britheamh a-steach. Bha e aosd is bodhar le beart-chlaisneachd air achluais cheàrr. Air mo chùlaibh bha aghrian làidir, mar iarunn teth. Shuidh am britheamh anns achathair mhóir leis achrùn, ’s sheall mi ris. Bha mo cheann goirt le dìth achadail a dhaindeoin nan Codeins. Bha mo làmhan teann air abheing, mar gum bithinn air soithich. Air mo chùlaibh, bha aghrian cho teth.

Thàinig an dithis a-steach, Fionnghals an duine a bha i ateàrnadh. Chunnaic i mis rinn i gàireseòrsa de ghàire. Cha robh fuil air aodann an duine idir. Bha e beag is reamhar le speuclairean. Cha do shaoil mi gur e siad a bhann: ’sann a bha aodach salachs dhaithnicheadh duine gu robh eagal air bha dol a thachairt. Eil fhios an en deoch a bhair nuair a bha eg argumaid ris apholas? Cha robh fhios agam bha Fionnghal asmaoineachadh.

Tha iad ag ràdh gur e fear-lagha a tha nad athair,” ars am britheamh, “ ’s gu bheil e airson do dhion. Eil sin ceart?”

Rinn i gàire.

Thafhreagair i.

“ ’S cha robh thu airson sin a dhèanamh?”

Cha robh.”

Thug e sùil oirre. Bha e cho aosds ise cho òg. ’S air mo chùlaibh bha aghrian adòrtadh. Las i air speuclairean abhrithimhs thionndaidh e a shùilean air falbh.

Dhéirich am polas an déidh òrdugh fhaighinns chuir e a làmh air aBhìobull, ’s fhreagair e na ceistean.

Cha mhór gu robh mig éisdeachd ris. Bha mi sealltainn ri Fionnghal.

Mu dheireadh chuala mi eg ràdh gun fhreagair i air ais e, ’s gu robh i duilich a ceannsachadh. Bha e ag innse na bréige, ’s shaoileadh duine gur e an fhìrinn a bhaige. Bha na facail cho ciùins cho slaodachs a làmhannan laighe air an fhiodhchan fhaiceadh duine bith no aimhreitna aodann.

Dhfhiach Fionnghal ri bruidhinn ach chaisg iad i. Bha ina h-aonar anns achùirts an truaghan reamhar ud ri taobh, asealltainn


[104]

sìos ris an làr. Bha iuchraicheanna làimh: thug e ás a phòcaid iad. Tha mi creidsinn gur e iuchraichean a thighe a bhann.

Bha i ag éigheachd nach robh gnothach agam an duine chur an gréim.” ’S mo cheann cho goirt mar gum biodh e air ghoil. Chunna mi aodann abhrithimh ag atharrachadh. ’Sann a bha e mar maodann fhìns a rithist mar ur n-aodann-se. Cha robh Fionnghal asealltainn rium. A-mach ás an teine dhéigh mi:

Chan eil aig ach abhreug, cha dubhairt i smid ris.” Sheall am britheamh rium.

Chan eil dragh agam, chan eil dragh agam,” dhéigh mi. “Chan eil dragh agam de ur leabhraichean. ’Se abhreug a thaige. Falbhaibh leam don phrìosan. Cha bhi duine saor an diugh ach ann am prìosan.”

Bha mo cheann air ghoil.

Mu ma choinneamh bha aodann Fionnghail cuideachd ag atharrachadh. Chunna mi ur n-aodann-se innte, ’s a h-aodann fhéin. Ach mu dheireadh chunna mi a h-aodann fhéin atilleadh.

n dragh a thagam-sa de Homer, ’s an saoghal làn de bhreugan? Tha fhios agaibh air—”

— ’s mi asealltainn ris abhrithimh

Tha fhios agaibh air.”

Bha an t-aodann aosd asealltainn rium. Chan eil fhios agam an cual e mi, ach co-dhiù bha e asealltainn. Bhiodh e neònach mura cual e mi . . . .

Chan eil dragh agam,” dhéigh mi.

Bha aghrianna mo cheann mar am boma abristeadh ann an dearg is gorm. Chunna mi daoine beaga dubhanan ruiths an làmhan mu an cluasan.

Cha robh gnothach aige abhreug innse.”

S am polas asealltainn rium, cho neochiontach, mar dhealbh ann an leabhar.

Cuiribh don phrìosan mi. Chan eil dragh agam.”

Anns amhionaid sin, sheall mi ri Fionnghals bha i asealltainn rium-sa.


[105]

S dhfhairich mi airson achiad uairna mo bheatha mar a bha i gun dìon. Chunna mi a h-athair ga bualadh. Chunna mi a gàire threun alasadh a-mach ás an laige.

Bha mi airson gun dìonainn i. Cha robh duinann a riamh a dhìonainn. Bha mi airson nach éireadh droch-rud sam bith dhis i cho meata, ann an dòigh, mar bhréid ann an gaoith mhóir.

Dhéirich mis bha mi dol a-null far an robh is aghrian adòrtadh troimh an uinneigs mo cheann agoil mar choire. Chunna mi daoine atighinn thugam. Bha iad dubh. Bha mi snàmh ann an teine, ’s abriseadh mar gum briseadh ugh (mar a chunnaic sibh ugh na h-uiseig abriseadh anns an t-samhradh, cho teth, cho teth).

Os mo chionn chunna mi aodann abhrithimh. Cha robh fhios agam an cual e càil a thubhairt mi, ach airson diog chunna mina shùilean mar gum be gàire— ’s e cho aosd.

S thuit mi sìos troimh an teine, alosgadh.

A nis, tha mi aig an uinneig asgrìobhadh. Tha Fionnghal ri mo thaobh. Tha an t-adhar gorm afàs dearg, ’s tha sinn saor. An e bruadar a bhann? An teine ud?

Tha dubh anns aghorm.

Ach tha mi saor.

Ann an dòigh.

Chuir Fionnghal a làmh air mo ghàirdean an dràsd, ’s shlaod mi air falbh i, gun smaoineachdadh. Chuir mi mo ghàirdean air ais, ach thug i sùil orm.

Chaidh mi sìos don teine, ’s thainig mi nuas. Chan eil fhios thachrasan cuir iad don phrìosan ise no mise, no an dithis againn. Ach, aon rudbhruidhinn mi. Dhfhaodadh iad mo chur ann am prìosan, ach nach eil a h-uile duine againn ann am prìosan o latha ar breith?

Cha do thuig mi sin.

Bha na tighean mar uaighean.

Se am boma am prìosan mu dheireadh a rugadhnar n-eanchainnean.

Chan eil fhios nach cual am britheamh miged a bha e aosd.

Chan eil fhios nach cuala sibh-se mi ged a tha sibh aosd.


[106]

Tha cuimhnagam air an uaireadair mhór a thanns achùlaisd. Cha do chuir sibh a riamh air adhart e. Tha thìd agaibha bhith beò, beò, chun an deiridh.”

Tha fhios agam gun cuala Fionnghal mi. Ann an aodann abhrithimh chunnaic i a h-athair— ’s bha esan ann am prìosan cuideachd.

Feumaidh sinn am prìosan a bhriseadh, ’s chan eil fhios nach fheum sinn a dhol don phrìosan airson sin a dhèanamh.

Chan eil mi airson gun éirich càil do dhFhionnghal. Tha i beò.

Tha balla an déidh balla abriseadhs tha an saoghal mar an cuan, ’s minntinn afalbh air fheadh mar dhealanaich.

Dhfhalbh ifrinn ar daoine.

Tha sinn an so ùr, mar litrichean gun deireadh is gun toiseach. ’S ma tha britheamh ann, tha beart-chlaisneachd air.

Tha an litir so atighinn thugaibh o Fhionnghal is bhuam fhìn.

Chan ann bho Homer no bho mhinistear ach bhuam fhìn is bho Fhionnghalan litir so.

Bithibh beò, bithibh beò, chun an fhìor-dheiridh.

Ur mac gaolach,

COINNEACH.

titleAn Dubh is an Gorm
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An Dubh is an Gorm %p

parent textAn Dubh is an Gorm
<< please select a word
<< please select a page