[3]

POEMS 19321938

[Beurla]


[4]

*3 Cumha Ruaraidh Mhòir

[Beurla]


[5]

[Beurla]

*5 Aisling

Gàir nan tonn an-raoir am chluasan,
leamsas truagh mo dhùsgadh maidne,
mi nam shuain air taobh Loch Fìne,
na mo dhùisg an tìr na machrach. 4

Bha min-raoir, a Dhia, am bhruadar
air achruaich os cionn Glac Calltainn,
air achruaich os cionn na tràghad,
cnocan fàsail, fàsgach, crannach. 8

Chunna min-sin an glasadh,
grian alasadh air Loch Fìne;
chuala mi – ’s bu bhinn am fonn e
nuall nan tonn ri taobh na tìre. 12

Nuall nan tonn ri tràighnan leumnaich,
tighinnnan treud o Chaolas Bhreanain,
s ghabh i seachad, seud nam bàta
be sin thug bàrr air gach aisling. 16

[Beurla]


[6]

Be sin thug bàrr air gach aisling,
an darach cridhetighinnna cabhaig;
sloistreadh stuadh fo cheann mo ghaoil-sa,
fuaim nan seòl sa ghaoith ri crathadh. 20

Fuaim nan seòl sa ghaoith ri crathadh,
bid a h-aisnean, ’s i fo shiùbhal;
crònan sunndach aig mo ghràdh-sa
bhàrr gach bàirlinngeàrradh shùrdag. 24

Crònan sunndach aig mo ghràdh-sa
bhàrr gach bàirlinngeàrradh shùrdag;
òran sùgraidh aig mo leannan,
s ina deann adèanamh ùspairn. 28

Dèanamh ùspairn ris na tonntan,
bualadh trom le guala làidir,
socrach, eutrom anns na gleanntan,
air gach beann gu beòthail dàna. 32

Air gach beann gu beothail dàna,
s gaoth le ràncur luathsna casan
och, chan ionnan sins an saoghal
thaig na daoine seo sa mhachair. 36

Dhè, chan ionnan sins an saoghal
thaig na daoine seo sa mhachair:
gàir nan tonn an-raoir am chluasan,
leamsas truagh mo dhùsgadh maidne. 40

[Beurla]


[7]

6 Na Geamairean

[incomplete text]

Mi sgìth asiubhal garbhlaich
s na frasan na mo shùilean,
earb no boc chan fhaca mi,
ge fada mi am shiùbhal; 4
nach olc an obair sealgaireachd,
air leacainn lom le gunna,
air allaban on mhadainn seo
gun srad a thoirt le mfhùdar. 8

Ghabh mi sìos don Lagan sin,
s tric tathaich nam fear ruadh ann,
be sin an ceum an-asgaidh dhomh,
oir earba fhèin cha dfhuair mi; 12
chuartaich mi gach bealach
is gach glac, le sùil thar gualainn,
mun tigeadh orm na geamairean
sa cheathaichsin bu chruaidh leam. 16

O o na geamairean,
mo sheanmhair, gum bfheàrr i,
ri siubhal slèibh is leacainnean,
ri faire air an fhàsaich; 20
air leam gur sibhsna cailleachan,
chan ainmig rinn mi làmhach,
a-mach gu moch sa chamhanaich,
is sibhsnur cadal sàmhach. 24

[Beurla]


[8]

Bidh cromag acis gunnaichean,
is mòr busach grannda,
bidh prosbaig aig gach bùrraidh ac’,
s gun sùilean ac’ ’nan ceann-sa, 28
cho pròiseil iad ri Prionnsaichean
s iad siùbhal air achabhsair,
ach feuch a-nisad measg nan stùc,
gur crùbach iads gur mall iad. 32

*7 Siubhal aChoire

Thog sinn a-mach air amhachair uaine;
chuir sinn aGharbhaird ghailbheach, ghruamach,
leum on iardheas sìontan cruaidh oirnn. 3
Thog iceann ri ceann nam fuarthonn,
an dhubh chaol gaoirna gluasad;
thog iseinn is rinn i ruathar. 6

Shìn i a sgòd le cruas na cruadhach,
shìn itaobh ri taobh nan stuadhan,
shìn iceum a cheumadh chuantan. 9
Bhuail i beum lebeuls ituairgneadh,
thug i sad le sgar a guailne,
gheàrr i leòn lesròins iluasgan. 12

[Beurla]


[9]

Eilean Aoidhbu aoibh a nuallan;
Àird MhicLaomainna gaoir gum buaibhreach;
os cionn na h-Innse sheinn i duanag. 15
Cha robh nar sùilean ach smùid a stràcan,
cathadh is sìoban o chìr nam bàirlinn,
cha robh nar cluais ach fuaim a stàirneil. 18


*8 An Gleannan

Pàrrthas sìthan gleann suaimhneach
dìon a chranns a luachair lòin
gleann as sèimhe sruth fo bhruachaibh,
an gleann feurach, lusach, uaine; 4
uaina bharrachs a riasg ròmach,
cluain nam fiadhcòrr am fàrdach;
glasanach ciar binn an crònan,
bruidhinn am beòils aghrian air fàire. 8

Trì fuinn as gnàth sa ghleannan
gàir aig na tuinnteachd fann a-nìos,
toirm an uillt le slios nam beannaibh,
gaoth bheag shoirbh aseinn sna crannaibh. 12
Cromar cinn nan craobh le chèile
a dhèisteachd nam port faondrain aice.
Allt na leacainn, buan a labhairt
a-nuas sa ghlaic fo Chreag an Fhasgaidh. 16

[Beurla]


[10]

*9 Òran don Oighre

S ioma gleann a tha fod làimh-sa,
beanntan, ’s àilein rèidhnam bonn,
s ioma calamh seasgar, sìtheil,
s acarsaid gu dìdean long; 4
srathan ìosal, slèibhtean, ’s coilltean,
s coireachan an fhèidh san àird,
le cinnts le ceartas fhuair thu tfhearann
od shinnsir fhèin, ’s gum meal thu à. 8

Gum meal thu fhèin toighreachd fharsainn,
far nach faic thu fear atàmh,
gach tobhta falamh, ’s fàrdach fhuaraidh,
s goirtean luachrach gun fhàs; 12
seall a-mach, a thriath, ad uinneag,
air na bailtean cruinn sa ghleann,
far nach cluinnear guth no gàire,
na làraichean gun mhuinntear annt’. 16

Gum meal thu fhèin do chàss do chor-sa,
fearann falamh, sporan gann,
mheud a chosgas tu ga chumail,
s gun tuath chumas riut ann; 20
peacadhn athar air a chlann-sa,
s teann an lagh, ’s cha bhacar à;
s àrsaidh toighreachd sin, ’s cha ghann i,
s ioma gleann a tha fod làimh. 24

[Beurla]


[11]

[Beurla]

* 11 [An t- Sàbaid]

Mur cùm thu Sàbaid Dhè, a mhic,
chan èirich leat gu bràth.”
Mo thruaighe, bhris Clann Dòmhnaill i
aig Inbhir Lòchaidh . 4

[Beurla]


[12]

12 [Dùrachdan Nollaige, 1936]

Bhon tha Nollaig nar cois
bi gu sodalach èibhinn,
gabh do dheoch, seinn do phort, 3
gun sprochd is gun èislean,
s nuair a thig aBhliadhnÙr
gum bi sùlas gach ceum dhuit. 6


*13 Tìr Thàirngire

[Albais]

[Beurla]


[13]

[Albais]


[14]

[Albais]

*15 Luinneag

Hug ò hoireann ò,
gura fada, cian fada,
hug ò hoireann ò.

Be gairbhe na gaoithe
chùm an-raoir mi nam chaithris. 5

Gaoth à deas air Loch Fìne,
teachd gu fìochar le tartar.

Na tuinn chaoirgheal mun Gharbhail,
neart na fairges a faram.

Is ann an-raoir a bhan nuallan 10
na mo chluasans min Sasainn.

Gun tig fuaim an Uillt Bheithe
eadar mises mo chadal.

[Beurla]


[15]

Abhainn nan Gilleans a gaoir aic
bho Loch aChaorainnna cabhaig. 15

Lagan Ròaigs Tràigh na Lùibe
eadar mo shùileans mo leabhar.

Agus Rudha Clach an Tràghaidh
asnàmh air abhalla.


*16 FadaGeàrr

Bidh fear thalls a-bhos acumail a-mach nach eil feum dhuinn ann a bhithcur chomharraidhean air faidead agus air giorrad (no accents mar a ghoirear dhiubh sa Bheurla) os cionn nam facal. Ach ma ghabhas sinn an comhairle bithidh mòran troimhe-chèile agus dìth chinnte againn, nach bi? Feuch a-nis:

Bfheàrr leam gàd na gad, is clach ra dùsgadh,
cuir àit an àite ait, ’s is tearc gheibh tùr ann;
ma tha thu gàgach gagach, mabach ciùrrta,
mo chràdh do chàs, do chass do chab bhith brùite. 4
Mas càraid caraid, ’s dithist fear sa chunntas,
mas gàradh garadh, ’s lios gach creag san dùthaich,
mas còir an coireach, ’s carach am fear fiùghail,
s mas bòchdan bochdan, ’s tannasg fear gun iunntas. 8

[Beurla]


[16]

No mur tig thu às do bharail le sin, cluinn seo:

Mo thruaigh do cheann, ’s neo-Chriòstail thucharaid
mas ionnan leat sabaid is Sàbaid;
s mo thruaigh an Rìgh, ni e suidhe neo-thaitneach
mur toir sibh dha cathair ach càthair; 12
air mo shon dheth, nam bfheudar dhomh triall thar mara,
bebhochdainn leam bata airson bàta,
s an àm togail nan seòl, ’s a bhithfàgail achala,
s e bu ghoireas dhuinn rac, ’s cha bu ràc e. 16


17 AChas air Tìr

[Beurla]


[17]

*18 MiFàgail na Tìre

[Beurla]


19 Soraidh Slàn le Cinntìre

Soraidh slàn le Cinntìre
s le Loch Fìne mo ghràidh;
ceud soraidh leis na cuantan, 3
mo cheòl cluaisiad gach ;
slàn om chridhe leis an Tairbeirt
is le garbh thìr an àigh. 6

[Beurla]


[18]

Leam bu ro-luath am bàta
àrd a-mach air an loch,
nuair a ghabh i gu astar 9
anns amhadainn glè mhoch.
Chaill mi sealladh air Garbhail.
Thuit mo mheanmna gu sprochd. 12

Sin am fearann nach fuath leam
mo thìr chuanar bheag fhèin;
shìn itaobh ris na cuantan; 15
shìn icruachan gus an speur.
Gluaisidh stuadhan mun cuairt oirr
as nuallanach geum. 18

do sgeul, fhir a chunnaic
is a shiubhail an tìr
o shruth gàireach na Maoile 21
gu SliaGaoil an t-slios mhìn?
Bidh do bhruadar gach oidhche
air an loinn a bha innt’. 24

Bha mi uair is cha ghèillinn
gum feumadh mi fhèin
beannachd fhàgail aig mo dhùthaich, 27
ach cha tig mùthadh air feum
soraidh slàn le Cinntìre
s le Loch Fìne nam dhèidh. 30

[Beurla]


[19]

[Beurla]

*21 ’S Leam Fhèin an Gleann

An gleann sam biodh na smeòraichean
gun sòradhcur ri rainn,
an gleann sam faighte fialachd
is biatachd chnò bhàrr chrann, 4
chaidh bacadh air bhithtadhal ann
le maoidheadh mar ri sgraing,
tha faire ann aig forsairean
than coigreach sa ghleann. 8

[Beurla]


[20]

Bha òl a sruth gu farsaing ann
gun lacha bhith ga ghairm,
bhan t-euns an t-allt gun euradh ann,
s na smeuran crotach garbh; 12
gheibheadh fir an domhain ann
gach sochair bhana shealbh,
ach obaidh an troich gortach seo
cead coise ann gu falbh. 16

Obadh, euradh, sòradh e,
cha mhòr abhuannachd dhà,
oir bheir feart air abartachd
gach balaich thig don àit? 20
Air mfhallaing fhèin, ge miosa e
nadhriseag thana phàirc,
than gleann aigaoidheil sùlasach
s cha diùlt sinn gibht bholàimh. 24


*22 Do Bheithe Bòidheach

Neul asnàmh air an speur,
duilleach eadar ès mo shùil;
ùr bàrr-uaine gruag abheithe,
leug nan leitir cas mun Lùib 4

[Beurla]


[21]

Oiteagtighinn bhàrr an tuim,
atoirt fuinn às do dhos;
cruit na gaoithe do bhàrr teudach,
cuisleannan nan geug ri port. 8

Àilleagan nan glac seo shìos,
sìthbhrugh do na h-eòin do dhlùths,
thu gan tàladh às gach àirde,
iad ateàrnadh ort le sunnd. 12

Ceileireadhs e binn binn,
seirm is seinn air achnoc,
nuair a chromas na h-eòin Shamhraidh
air do mheanglains milnan gob. 16

Is fheàrr nan ceòl tfhaicinn fhèin
air bhogadan rèidh fon chnap,
seang bàrr-snìomhain amlach ùrar,
is dealtna chùirnein air gach slait. 20


*23 Cuimhne Nach Tèid Às

[Beurla]

[TD 22- 23]

[Beurla]


[24]

*26 Cinntìre

Sìth o Dhia air màthair maltraim,
le spreigeadh gràidh chan fhaigh mi clos;
sòlas duit Chinntìre is sonas
cuim nach molainn crìoch gun lochd? 4

Gnàthach sunnd is aobhachd inntinn
san dùthaich ghaoil a dhàraich mi;
gràin no gruaim cha tigna còir-se,
gàires ceòl as dual di. 8

Ghràdhaich mi do mhuirs do mhonadh,
lom do chnoc fo ghuirman speur,
drilseach grèinair an slios taobhgheal,
lios aostas milse gasta gnè. 12

Binn guth gaoithe air do chruachan,
ag èigheach air an guaillean àrd;
gur rìomhach do ghealchrios umad,
amhuir ateannadh gu tràigh. 16

Seann tìr ud air oir an aigeinn,
monmhar mara buan muMaoil,
còrr a slèibhtean os cionn sàile,
rèidh a tràigh, tonnbhàn a taobh. 20

[Beurla]


[25]

Tìr nan Òg nam fonn gun truimead,
iomadh tonn ga sgaradh ruinn;
Tìr fo Thuinn gun sgur air gàire
thugadh tìr as àillidh dhuinn. 24

Is daor a cheannaich mi mo bheòshlaint
mas e mo stòras fanachd uait,
crom gach os cionn mo leabhair
gun amharc ort, mo ghoirtein uain’! 28

A bhithfuaradh Àird MhicLaomainn,
longs a lorgna gaoir fodruim,
slèibhtean Ròaig romham asìneadh
togail cinn is cridhe siud. 32

Air ruigsinn domh à tìr aineoil
gu crìoch maithne o shiubhal thuinn,
cur mo choisair fòd na dùthcha
saoil nach pògainn ùir an fhuinn? 36

Breugadh sùla do na chì e,
sgeul an a chunnaic e
slios fadàillidh an fhuinn shona,
oighreachd àrsaidh sliochd nan treun. 40

Cinneadh Iain Mhòir, an curaidh,
Ìles Uladh acam bann,
cleas nan neul gun deach iad thairis
och, gun ach an sgeul orrann! 44

[Beurla]


[26]

Is domhain a chaidh freumh do sheanchais,
luingeas Lochlainn, airm is trod,
Clanna Lìr air Sruth na Maoile,
Calum Cille caomh nad phort. 48

Talla rìoghail cruadhlach taonach,
cluasag shìoda fraoch do chòs;
is mìlsan deoch e, deur od shruthain
na fìon tìr eile an cupan òir. 52

Leannan mo shùgraidh is mo shuirghe,
fearann mo rùin, crò nan sliabh,
leug is àilleagan gach tìre,
seunadh ort is sìth o Dhia. 56


*27 Ùrnaigh Oisein as Ùr

Oisein

Innis dhuinn, a Phàdraig,
air onair do lèighinn
a bheil nèamh gu h-àraid
aig Fionn is Fianna Èireann? 4

[Beurla]


[27]

Thug Pàdraig na speuclairean bhàrr a shròine, phaisg e Mìosachan na h-Eaglaise, is thubhairt e:

A Oisein, mhic an fhlatha,
seo mar rinneadh an t-òrdan
cha bhi nèamh aig na peacaich
a bhios ri feadail Di-Dòmhnaich. 8

Oisein

Bfheàrr feadail nan sealgair
air an leargaidh Di-Dòmhnaich,
na a bhithg èisteachd do shearmon
agus seirm do shailm còmhla. 12

Pàdraig

Ach ma thu fìor aidmheil,
agabhail aithreachais ìosail,
sa cheann thall bidh do dhùil-sa
ri Hallelùia nach crìochnaich. 16

Oisein

Nach mi a bhiodh falamh,
an dèidh na ghabh midhàin rìomhach,
a bhith aseinnThalla laoghaibh
air an aon teud gu sìorraidh, 20
is thuirt thu fhèin rium an duan ud
a bhith buan, gun sgur aca.
Chìthear fòs iad, ge àrd iad,
is an càrsan gan tachdadh. 24

[Beurla]


[28]

Pàdraig

Cha tig glochar air sgòrnan
an taigh glòrmhor mo Rìgh-sa,
is uisge beò annna ghalain
a chaisgeadh an ìota. 28
Chaoidh chan fhaicear ann pathadh,
ged nach fhaighear an Stuth ann,
oir tha ann is cofaidh,
a bhiosna dheoch aig na Turcaich. 32

Oisein

Mas e teaghlach -tòtail
a thann taigh glòrmhor do Rìgh-sa,
bfheàrr leam bàs san taigh òsta,
measg nan stòps mi làn fìona. 36
Bfheàrr aon sgailc às an fhuaran
ud shuas air Beinn Èadair,
na cairtidh na ciste
is do bhriosgaidean dèilidh. 40

Pàdraig

Cuist, a thrusdair na misge,
bus gun ghliocas, gun Sgrìobtair,
agus tathairs a shinnsreachd
cruinn ud shìos anns aghrìosaich. 44

Oisein

Is beag tha dheòlas nad spuaic-sa.
Is e uaimh fhuar reòta
a thann Ifrinn an dùbhraidh
is chan eil Fionn ann a chòmhnaidh. 48

[Beurla]


[29]

Toll làn snagardaich fhiaclan,
chan fhaic mFhiann-sa no Fionn e,
is e làn casadaichs lòinidh
is mìle sròn ann gan srùbadh. 52

Pàdraig

Nach do leugh thu Chriosostom?
Bid thost, a Anachriost dhearbhta,
oir tha an t-àitna loch lasrach,
mar bhios micanainn san t-searmoin. 56
Sin sloc teinteach nan coire,
nach fhaic solas na grèine,
is tha Fionns Tarbh Bhàsain
agus Bàl ann le chèile. 60

Oisein

Bfheàrr mo gharadh an Ifrinn
na blasad dibhe do Rìgh-sa,
mas E fhèin a chuir mathair
gu baile na grìosaich. 64
Cuir nam làimh claidhe sgaiteach,
biodag mhath no sgian luthaidh,
is do Rìghs a luchd cùirte,
chuirinn smùid asta uile. 68

Pàdraig (ris fhèin)

Cluinnibh sin! Claidhe sgaiteach,
is en ath-leanabasaoise
Fionns a mhusgaids a chlogaid,
agus Osgars a straoillean. 72

[Beurla]


[30]

(ri Oisein)

Ma thig Fionn an rùn catha
don chaisteal tha shuas ud,
bheir mo Rìgh staigh am fàradh
s edòrtadh teàrra muchluasan. 76

Oisein (abeucaich agusanailna uchd is e asmeurachadh mun chagailt)

Bheireadh Osgar cruinnleum às
a chur greim air abharran.
Bheireadh e maoim às na h-ainglean,
is e a-staigh acgun taing dhaibh. 80
A dhaindeoin Sheraphims aingeal
bhiodh do cheannard san daorsa
is a Phàdraig dhuibh stiallaich,
bfheàirrd thu sgian na do chaolan. 84

Pàdraig (le meud mòr is tarcais)

Sin thu fhèin ann, a Oisein.
Leig dhìot an clobhas cuir saod ort,
is tu làn aineolais pheacaich
is bfheàirrd thu ealtainn ri taodann. 88

Oisein

A Phàdraig naoimh, cha bu mhistthu
fhads a dhfhiosraich mi taogasg,
s mur deach mi ceàrr leis an doille
corra ghaoisid nad mhaol-chnap. 92

[Beurla]


[31]

Pàdraig (is an rudhadhna ghruaidh)

Ma leanas tu, mo ghaisgich,
gu stailceach sa cheum sin,
cha toir mi branndaidh no rùm dhuit,
no làn siùcair no dèilidh. 96

Oisein (ri miolaran)

Na bi gu dona nis, abstoil,
don t-seana dhallans e rùiste.
Bidh mi rèidh riut, Mhic Ailpein,
s gur ann agad an siùcar. 100


*28 Òran

Gràdh nan gruagach, on dhfhàs i fuar rium,
chan eil dol suas domh no suainna dèidh,
on chuir i suarach abhruidhinn chluaineis
s gach coinneamh uaigneach dhfhàg luath mo cheum. 4
Èiridhn latha is aghrian legathannaibh,
èiridhn ceathach rithon achadh rèidh,
èiridhn driùchda bhàrr fhlùr is gheugan
och, cùina dhèireas mo chridhe fhèin? 8

[Beurla]


[32]

Shiubhail mi anmoch fonn dall is garbhlach,
sìos leis aGharbh Allts mifalbh gu sgìth,
gus an dràinig min cnocan càrnach
os cionn na fàrdaich a bàras ; 12
an ciar amhochthraths an speur agormadh
chaidh an t-eun gu gairm ann a baile shìos,
chunnaic min smùidteachd o thaigh mo rùin-sa,
shil mo shùilean is thionndaidh mi. 16

Tha tasgaidh luachmhor am falt mo ghruagaich,
mar bheairteas uaisleanna chruachan ann,
òr nan cuailean os cionn a gruaidh-se,
am pailteas ruadh-òirna chuachan trom; 20
fìon dearg a beul is e ruiteach leusach,
s a muineal glègheal mar èiteag thonn,
mar aiteal grèine air chathadh bheucthonn,
no sneachd ga shèideadh air slèibhtean lom. 24

Nuair thig aghaoth bhàrr an àilein bhraonaich
bidh fàile mhaothluss e caoinna beul,
is cridheil faoilidh thig oiteag chaoilghlinn,
roid an aonaichs am fraochna sgèith; 28
mas gaoth à deas i a thig gar tatadh
o shliosan cadaltach blàth ri grèin,
thig smuain mo ghràidh leathis smuairean cràidhte,
aghaoth a thàinig o h-àite fhèin. 32

[Beurla]


[33]

*29 Lomsgrios na Tìre

[Albais]


[34]

30 [Rann Aoire air Bàta]

I gun ùrlar a bfhiù iomradh,
creagn àm iomraim, uaighn àm seòlaidh;
i cho stailceachs gun i socrach,
bensoraidh slànair cois air bòrd dhith. 4


31 Do na Daoine Muladach nach Gabh Òran ach Òran Gaoil, ’s e Fìor Bhrònach

Tha mìle Màiri Bhàn san dùthaich
is thrèig gach sgliùrach dhiubh a rùn;
tha mìle rìbhinn donn a bhàrr orr’,
s chan iad as fheàrr mas fìor bhur tùrs, 4
tha mìle nighean dubh làn chuireid,
s tha corra nighean bhuidhsa chùis;
ach bàn no buidhiad, breac no stiallach,
bidh creach is cianalasnan lùib. 8

[Beurla]


[35]

Och och, nach searbh e, cor fear Albann,
s gach ri gairms ri guls ri èigh,
acaoidh mar dhfhàg e fhèin a dhachaigh,
s mar dhfhàg a chaileag mhìn e fhèin. 12
Nach eil Cùil Fhodair fhèin gu leòir leibh?
Thoir beagan sgòid dhiths mùth bhur gleus.
Nach bfheàrr leibhFair a-nall am botal
na oiteag mhnà gun bhonn gun stèidh? 16


*32 An Sealgair agus an Aois

Cuing mo dhroma an aois a-nis,
ribmo choise, robach, liath;
fear thig eadar soillsis sùilean,
fear thig eadar rùn is gnìomh. 4

Fàgaidh e am faillean crotach,
fo gach doss e chuireas sgian;
is och, bem bàrr air gach miosgainn
thighinn eadar mis an sliabh. 8

[Beurla]


[36]

Thug e dhìom aChruach Chaorainn,
s an gunna caol san ealchainn shuas;
bhuin e dhìom mo neart, am meàirleach;
dhfhàg e mi gun làmh, gun luaths. 12

Nan robh aige corp a ghlacainn,
s nan tachrainn ris leis fhèin sa bheinn,
bhiodh saltairt ann is fraoch ga reubadh,
is fuil air feur mun sgaradh sinn. 16

[Beurla]

[TD 37- 38]

[Beurla]


[39]

*36 Tiomnadh

Ach a bheir gu beachdaidh dhuinn,
gun teagamh bhith san sgeul,
nuair thig dalladh air na sùilean, 3
dùnadh air abheul,
fios air an tìr aineoil ud,
s air rathad rùin ar ceum? 6

dhinnseas e mas cadal duinn
s e maireannach gun ,
smàladh dhuinn gun ùrachadh 9
is mùchadh gu bràth,
no an tadhail sinn tìr-èigin
sìor èibhinn thar gach àit? 12

Mas Tìr nan Òg no Abhalon
am fonn as lainnreach lìth;
mas Pàrrthas naomh na glaine e, 15
gun anuair ann ach sìth,
s e cliarach, seirmeil, seunta
O fèathail e, gun sìon! 18

An Tìr nan Òg bios ealtan
aseinn air frasan ciùil,
glòir nan dùl neo-lochdach 21
is slànadh lotna sunnd;
bios Tìr fo Thuinn, mar chualas e,
gun ghluasad ànraidh dhùir. 24

[Beurla]


[40]

Is gann a mhosglas cuiseag ann
no duilleag air aghèig;
is gann a lùbas luachair ann 27
air bruaich nan caochan slèibh;
bidh drillsein cois an t-sàile ann
de thràighean ris aghrèin. 30

Ciod e mur ruig an aois orra
a-chaoidh san t-samhradh bhuan?
Oir chluinninn coillan Lagain ann 33
ri latha sèididh chruaidh.
Sgeir Leathanns i ri beucaich,
bhreug i mo chridhe uam. 36

Dhiarrainn gaoth is sgairt aice
acur sgapadh fo na neòil,
ateachd à tuath bhàrr Chruachain 39
s an fhuachd an teum a beòil;
marcan sìne amàrsaladh
air clàr achuain le pròis. 42

Cur froise mar bhrat falaich
s efaicheachd thar nan stuadh;
an sìoban searbh, sgathach 45
mar ghathan neimhair gruaidh;
iomagain an stiùramaich,
be sin mionndrainn uam. 48

[Beurla]


[41]

Uainlios mhìn na meala,
bheil fois aig Breannan innt’?
A dheòraidh lèith achuraich, 51
nach miann leat lunn rishlinn,
s nach bfheàrr leat faire fhairge
na sailm an cùirt do Rìgh? 54

Thigeadh an eallach dhroma orm
is cromadh achinn lèith,
ma gheibh mi dhomh, mun druid sin orm, 57
mo chuid de ghaoiths de speur,
s mo laighe far am beòlach mi
cha mhòr mo ghuidh’, a Dhè. 60

Air Rudha Lagan Ròaig
biodh tòrramhs tional fhear,
is àras chlach ga chàrnadh 63
fo sgàirneach dubh nam preas;
is fàgaibh ann air muilinn mi
is uinneag ris an ear. 66

Chì mi na luing chaola
is caoirein diubhnan steud,
s mo chluas ri dùrd na gaoithe 69
is ri glaodh mo dhaoine fhèin.
Laighidh mi san ionad
far an tric a bhiodh mo cheum. 72

[Beurla]


[42]

*37 Brìodal Màthar

Mo luran thu,
mo dhuinein thu,
èh, multachan is meallach clèibh; 3
s tu luchd sàibhir
nan long Spàinteach,
sìodan-àird rius lìon fo ghrèis. 6

MOsgar mòr thu,
musgar òir thu,
mo mhogal chnò a chromas geug; 9
lìonadh cupain,
riarachguidhe,
crìoch mo shiubhail, freagairt mfheum. 12

Leabaidh èirigh
do mo ghrèin thu,
iùl mo cheum thu thar gach reul; 15
cuilean suairc thu,
faillean uainthu,
fearan cruaidh thig gu bhith treun. 18

title1932–1938
internal date1937.5
display date1932-8
publication date2003
level
parent textPoems and Songs of George Campbell Hay
<< please select a word
<< please select a page