[347]

POEMS 1978– 1979

*283 Do DhÙistean MacDhiarmaid

Domhan ann fhèin gach duine
ledhubhar is leleus.
Thug thu bàrr orruile
is tu an Cruinne . 4


*284 [Bigein is Aiteamh]

( rann an amhran)

Craobh earraich air chrith fon bhidein, is ceò sa bheinn.
Sna meangain mu nid tha driop aig seann smeòraichs greim.
Ged thigeadh uair sgrios air cinneadh gaoil Scòtas teinn,
tha bigein san nideins is fileanta fòs a sheinn. 4

Mo bharail cha cheil air na Ceiltichs an cuan rin cùl.
Sgaoil an eachdraidh a greim. Thà leinn. Cha suain ach dùisg.
Tha aiteamh sa bheinn. Tha teinndol mun cuairt gu sùrd.
Tha ar latha san ear is ar seasamh air uachdar cùirn. 8

[Beurla]


[348]

*285 Na Ràtaicheans aBhàrdachd

Cìsean is ràtaichean àrda,” orsesan rium.
ìocaibh, ’s pàighibh,” orsàair an teass na shluig.
Dìobair abhàrdachd od fhàrdaich, no creanaidh thu.”
Is sìorraidh na dàin, ged bhiodh ràtaicheanteachd gun sgur. 4

Prìsean gan àrdachadh àrd agus faradh nam bus
adìreadh gach ràith, gun sa bhànca ach tastan tur;
an TV is na pàisdean afàs is an cabannan sluic.
VATorsà. Dhùisg abhàrdachd is chaidil a ghuth. 8

Bheil e crìostails mo spàirn gach ri pathadhna mhuir,
ri ìota nach tràigh, nach sàsaichear aiteal liom,
is na prìseans na pàistean, ’s gach ràta ag ats gam ruith?
Ma bhìos tu ri bàrdachd gun stàth, gun can mi Fuich! 12

Deich p airson copan cofaidh is barrachd, fuich!
Trì p airson bocsa mosach leth-fhalamh spung.
Dol sìos air an nota, na rocaidean, ailse, an Ruis;
droch thìde, cion oibre, na robairean, stailceans muirt. 16

Aphrìs chuirear ort airson bothain mar fhail nam muc;
BP a tha coma, air a shocairs nach abair diog;
EEC is an liotars an kilo, ’s na Pakidhean tiugh;
Cìopras is Doire, an dolars an t-Amin ud. 20

[Beurla]


[349]

Brezhnev is Trotski is Moscos mo chasan fliuch;
na Sìnich is pop is porno is mad à cruth;
gach nìonag cho moiteils nach mothaich i aiteal dhuit;
gun dìth air ball coise, ’s na coin is na capaill aruith. 24

Tha aphinntdol an-àird aon , ged a tha i cus.
An ceann mìosa no dhàdol an-àird, ’s ina h-annas dhuinn.”
Chrìochnaich e, ’s dhfhàg e am bàr fo phathadhs fo chruit.
Rinn mi dìochuimhnair làn a thàsains na rainn seo dhuibh. 28


*286 Cùinneadh Samhraidh

Be siud an t-òr a bèirig anuair,
ga thoirt le stròdh, an t-òr ga sgapadh,
òr achonaisgs òr abheallaidh
air bruthach, an còs, air lòn, air leacainn
an t-òr dar n-airc ga thoirt seachad 5
madainns trath-nòin, is tlachd ga cheannach;
ceò teasas luin is bruthainn trasta
air gach cunntaidhs an t-òrna phailteas
air beallaidhs conasg, ’sna thoic ga faighinn
s ga cosg air soineanns turadh tairis. 10

Òr achonaisgs òr abheallaidh
far na reòdh an dùdlachd againn,
aceannach Iuchairs eòin dar n-ainnis,
afàs gun chosnadhs ga thoirt an-asgaidh
an glaic, air cnoc, ri oir nan achadh. 15
Òr achonaisgs òr abheallaidh
ateachd òirnn o dhuslachs talamh;
grian is eòin is ceòl gam fastadh
aig òr achonaisgs òr abheallaidh.

[Beurla]


[350]

An cùinneadh Lùnaist òrdha, maiseach 20
feadh phreasan conaisg, feadh dhùslaing beallaidh
ga thoirt gun toilleadh, toic is dathan,
na dhuais chiùil an cùirt nam meangan
à taigh stòir gun chrann, gun ghlasadh
a dhfhosgail grian fhial an earraich; 25
s cha druid achòmhla gu foghar abaich.
Òr achonaisgs òr abheallaidh.


*287 Na Gàidheil sna Bailtean

Na Gàidheil sna bailtean feadh bhalla is chabhsair is chàr,
s aGhaidhlig à sealladhs à claisteachd measg stamhnadh shràid,
an àiteachan aimhleathann taca ri beanntan àrd,
min tàladhs an tatadhs an taitinn le rann no dàn. 4


*288 Dreuchd an Fhilidh

Tha mi cinnteach an-còmhnaidh à còmhnadh on Naoinear bhinn
gu lìth chur air còmhradhs air òrainnan caochan still,
gu sìor chur ri ceòls gus na h-eòin thoirt à craobhan dìon.
àrd ìosal mo ghlòir, is mi beò, bidh mi chaoidhcur dhìom. 4

An fhìrinn gun sgleò, is an deò annam, gheobh sibh i.
A bhithstrì ris acheò, cha chòmhrag no cogadh fir.
Bìgeil nan eòinna sòlas, ’na sonas bidh,
s is sìorraidh an smeòrach le mòramhans pongan mion. 8

[Beurla]


[351]

*289 Guth Thairis

Chaidh guth thairis air cùisean ar dùthcha sa chathair mu dheas,
gun fhacal gun dùrds gach dùildol air ais sa ghreis.
Tha cabans iad dùinte is sùilean gun aithnair neach.
Bhith gan crathadhs gan dùsgadh on dùsal, be rathad ar leas. 4


*290 Mòr à Meud

Och, thà iad bòstails cho mòr à meud
le dàil is mòrchuis is sgleònam beul.
An nàisean òg seos e àrsaidh, mòrail
tàrraidh en t-òirleachs an còrr den rèis. 4


291 Bàr an Dùn Èideann

Am ball coises na h-eich gan deasbad, ’s na gill gan cur;
an deoch is abheans ifeitheamh, ’s tha prìsean cus;
an cosnadhs an sgeig, an dibhearsan mun tìde fhliuch,
an cogadh chaidh seachads na bleigeardan slìom san Ruis. 4

[Beurla]


[352]

An sogans an gean is am measgan àrd ìosal ghuth;
na gloineachan leitheach is leth an tìm air ruith;
an glocs e ga bhreithneachadhgreasad a shìor gun sguir;
na sporain gan creachadh, pinnt eile gun sìn mi dhuit. 8

Bheil an comann seom fearann na h-eachdraidh is sìol mear Scuit,
fonn Oisein, fonn Deirdre, fonn Henryson, tìr Iain Luim?
Throd an sean ri Eideard, is dhìon am fuil
na coin is na h-eich gan deasbad, ’s na gill gan cur. 12

Mochthrath no feasgar is deimhinns is cinnteach siud,
thig mosgladh air fear is fear, air mfhìrinn dhuibh;
thig smoisleachadh mear, ’s cha bhi meas a-rìst no guth
air na coin is na h-eich gan deasbad, ’s na gill gan cur. 16


*292 Stad aBhus

Nan tigeadh am buss mifuireach gu faighidneach ris,
le ticeideans le cuibhlicheans uinneagans staidhear air chrith;
fear iomainna shuidhe cùl cuibhles am faradhs an driop,
gun nichein ach furtachd is suidheachains stadan gu tric. 4

[Beurla]


[353]

An sileadh nan sguireadh gam sguitseadh, bu taitneach sin.
Nan tigeadhs nan ruigeadh am bus, gum baighearach mi,
le sitheadhs le udal air uidhes an lathach rishlios.
Fear iomain is cuibhlenan ruigeadh en stad seo nis! 8

Cha dioc nas fhuilear, ’s ar fuireachs ar faire gu mion
air ciontaich Lunnainn, ’s am bruidhinn ateachdna cioth.
Roimh an tighinn bidh furan is sulas is aiteas or sliochd
do na fir dar fuil o Lunnainn, gach math is mith. 12


293 An Cruinneachadh no an Tional

Tha rìl-ràl is hòro-gheallaidh
an cathair Lunnainn is beòil air chrith
mun Chruinneachadh tha gu bhith againn
gun chumhachd canton Eilbheis mion. 4


*294 Tìr-mòr

Fèidh is caoraich, is craobhan gan curs afàs;
na h-èisgs achearc fhraoich, is gun daoine gud fhuran ri làimh;
na slèibhteans am fraoch is aghaoth ri tuireadh gun stàth
an-s mi air aonach aonranach muladach àrd. 4

[Beurla]

[TD 354- 356]

[Eadailtis]

[Beurla]


[357]

*297 [Rann do Shomhairle]

A Shomhairle MhicIll-eathain thallad,
mo chomhairle dhuit, ’s is facal fìor:
crath do mhuing is bisitrich.
Is tu am filidhs cha bu mhì. 4


*298 Allaban Monaidh

Ris abhruthach, leis abhruthach,
s mi asiubhal feadh nan sliabh;
ris an leathad, leis an leathad,
cìob is creagan, fraoch is riasg; 4
ris amhonadh, leis amhonadh,
feadags crotag, fraoch is riasg;
fàrsan farsaing feadh amhonaidh,
fàileadh roide, gaoth is grian. 8


*299 Taigh nan Cumantan

Mañana non-earar, is feithibh ri ràdh a beòil;
domani non deireadh nan seachdain, ’s cha dàil ach deòin;
a-màireach nom-feasta, non teirinn an mhìlòirnn?
Pàrlamaid Bhreatainn nach deifireach àbhaist is dòigh. 4

[Beurla]


[358]

*300 Gum Chur an Aithne

Deòrsa Ciotach mac Iain Dheòrsa,
sin e mar as eòl dhaibh mi;
nam dhaltaig Gàidheils mi leth-Ghallda;
fuinn is rainn is dàin mo dhriop. 4

Bhà mim bhalach an Cinntìre
taobh Loch Fìne, ’s thà mi nis
an Dùn Èideann air mo chuairtean;
sèiseans duain, is buan mo smid. 8

Ma tha aon a tha san èisteachd
is e dèidheil air an diog
s air na ceathramhan gan cumadh,
gu deimhinn, chumainn ranntachd ris. 12

Tha aGhàidhlig rìomhach beairteach”,
às is às gun abair mi.
Air mo shlataig, sìon no soineann,
is bras mo bhìog mar lon an lios. 16

[Beurla]


[359]

*301 MOilein is MAltram

Ciothan is ceathach
air leathadan casa;
an roid is an luachair
is an cruadhlach fom chasan; 4
am fraoch is an sliabh,
an riasg is an raineach;
air feadh mara is monaidh
chaidh moilein is maltram. 8

Dhfhàg na tobhtachan làrach
dubh làrach nam anam;
air ruighe nan aonach
tosg aognaidh nam bailtean; 12
na dachaighean sgrioste
ri lideadhs ri facal;
na ballachan briste
is smid na cuimhnasta. 16

Na doireachans boladh
na roide sna glacan;
na leabhraichean, ’s eòlas
na Ròimhes nan Aitein; 20
aca fon ghrèin
bu mhò èifeachd air mealain,
no an loch is na slèibhtean,
no aGhreugaiss an Laideann. 24

[Beurla]


[360]

Am bideins am bruthach
is am mullach gun fhasgadh,
is bruidhinn gun sgur
aig na sruthain le gleannain, 28
no feallsanachd àrd
agus dràma nan Aitein,
as deise dom inntinn?
Chan eil cinnt am aca. 32

Gach cainnt is gach cultar
a chunnaics nach fhaca,
aiste is nobhail,
sonaid is saga, 36
ceòl stàtail na Gearmailt
is na dealbhan dathte
is cumhachdaichem monadh.
Is motha e agam. 40

[Beurla]


[361]

[Beurla]

[Albais]


[362]

[Albais]


[363]

[Albais]

306 ACheòlraidh
Beatha Bun-os-Cionn

Thug min oidhche caithriseach
gu camhanaich is fàire,
acumadh air an rannaghail
s an aicillteachds ga tàthadh 4
gun chlos on Cheòlraidh fhiadhaich
s an norran gnàthach cian uam
mar chomhachag no iasgair
no ialtag nan sgàile. 8

[Beurla]


[364]

*307 Airson na Cloinne
Fàiltair aMhadainn

Air achiad mhañana di domani ,
nuair a dhèireas grian os cionn nan càrn,
dùisgidh sinn san t-solas is èiridh sinn gu h-obann,
s bidh sinn air ar cois gu sgaradh nan tràth. 4


308 AChearc Gheal

[incomplete draft]

O seallaibh an tiugaidh. Tha uighean aic’.
Tha spàistearachds casan cama aic
s gach iteag is giles is gìobaiche.
Tha spìoladh aic’.
Tha spiris aic’. 5
Tha gràcans spàgan buidhe aic’.
Tha gogadh is gogail amhuineil aic
s ituireadh mu chuid aghuib a thoirr
mu dhoras abhothains ben uidhe leath’;
s isgrùdadh le sùil an-fhurasach 10
feuch duine bhithruigheachd nan uighean aic’.

[Beurla]


[365]

O seallaibh na Buill sna Cumantan
nan suidhe gu h-urramach, udalach.
Tha bruidhinn ac’, tha iorram ac
tha luinneag ac’ ’s is cumha i. 15
Tha bilean ac
tha spiris aic
tha gràcan aic
tha tàsan ac
paràda aic20
paràda ac
Tha gurraban actha gur aca
cha bhi iad buidheach bhith cuidhteas sinn
ach tachraidh sin uile, ’s cha bfhuilear sin.


309 An Nàiseantach ga Chomhairleachadh

[drafts]

Och, cuist a-nis. Bi glic. Nach eil
cuspair ar cinnidh tric fo sgeig?
Is cus leam sin gach lideadh dheth
s chan urra mi an tioma chleith. 4

*

Nach cuist thu nis? An tig am-feast
an rud a shireas sibhs an seas?
Tha cuid as sine dhlighes neart
aig mo chuideachd chridhe, ’s cridhe mear. 8

[Beurla]


[366]

310 [Falamh]

Agam, agad, againn gu lèir.
Thà mi falamh, I ’m skint the day,
roinn nan tastan is òl da rèir.
Sin an deachdadh againn fhèin,
leamsa, leatsa, leinn gu lèir. 5


311 Na Feansaichean

[editorial reconstruction]

Thug mi gaol dha, thug mi gràdh dha,
don fhearann riabhach fhiadhaich fhàsaich,
don t-sùil chruthaich, don chruaidh, don sgàirneach,
nach tug gin do nighean àlainn,
nach tug gin do bhean no mhàthair, 5
dhathair no phiuthar no bhràthair,
nach tug duine dhfhuil no chàirdean,
nach tugadh riamh eadar lànan,
nach tugadh riamh eadar càraid,
do leannan, do leanabh, do phàiste10

ach tha feansan fo gach ruighe
far an robh Clann Dòmhnaillfuireach.

Tha mo chas air rathad cumant’,
air rathad mòrs a Mhòrachd subhach.

[Beurla]


[367]

Cruach an t-Sorchains Cnoc na Mèine, 15
aChaolbheinns Cruach Doire Lèithe,
s fadon rathad, ’s fadon èigh iad.

A Dhia nam faicinn slios Allt Bheithe
cha bu mhìghean ach bu ghean e.

S binn achrotag os cionn garbhlaich 20
is geur air rathad fuaim acharbaid.

Far am bi am barrach boltrach
s ann a bhìos na caoraich mholach,
molt is reithes reic is lomadh
s cìobairs air sgùrrs air monadh. 25

Fàsaidh raineach, fàsaidh copag,
fàsaidh feur is fàsaidh croitean,
fàsaidh fraoch is fàsaidh fochann.

Bitear tilleadh chum nan làrach
s bidh na feansaichean air làr ac’. 30

Feansa orris caoraich bhàna,
geamair is cìobairs cìs is fàsach.
An-sin tha feansaichean is àithne.

Far am faicear taigheans àiteach
tha gaoth is fraoch is caoraich bhàna. 35
Far am bi fraghan, ’s taigheans àiteach
a-nis tha feansaichean mun àite.

[Beurla]

[TD 368- 369]

[Albais]

title1978–1979
internal date1978.5
display date1978-9
publication date2003
level
parent textPoems and Songs of George Campbell Hay
<< please select a word
<< please select a page