POEMS 1980– 1982
*317 Na h-Òrain a Bh’ann ’s a Th’ann
Na h-òrain a bh’ann ’s a th’ann, a ghràidh,
na h-òrain a bh’ann gach rann, a ghràidh,
na h-òrain a th’ann nach gann, a ghràidh. 3
Na h-òrain a bh’ann ’s gach gleann, a ghràidh,
na h-òrain a bh’ann gun pheann, a ghràidh,
na h-òrain a th’ann gu ceann, a ghràidh. 6
Na h-òrain a bh’ann ’s a th’ann, a ghràidh,
na h-òrain a bh’ann nach gann, a ghràidh,
na h-òrain a th’ann gach rann, a ghràidh. 9
*318 Muir is Tìr,
no Deireadh Oidhche ri Cladach
Eadar sgeir is sgeir,
eadar iar is ear,
is siud a’ ghrian an-ear. 3
[Beurla]
Eadar bogha ’s tràigh,
eadar cop is càrn,
is siud a’ ghrian ’s an là. 6
Eadar faoileag ’s lon,
eadar slios is loch,
is siud a’ ghrian, dèan boch. 9
eadar geansaidh ’s clò,
eadar iasg is feòil,
is siud a’ ghrian gun sgòth. 12
Eadar ùir is snàmh,
eadar bùrn is sàl,
is siud a’ ghrian tràth. 15
Eadar còinneach ’s ceilp,
eadar maois is peic,
is siud a’ ghrian a’ teachd. 18
Eadar bog is cruaidh,
eadar deas is tuath,
is siud a’ ghrian luath. 21
Eadar fairge ’s fonn,
eadar garbhlach ’s tonn,
is siud a’ ghrian air lom. 24
Eadar ceannair ’s làir,
eadar lannan ’s càth,
is siud a’ ghrian an-àird. 27
[Beurla]
Eadar lunn is feur,
eadar grunnd is speur,
is siud a’ ghrian ’na leus. 30
Eadar crann is craobh,
eadar gleann is caol,
is siud a’ ghrian ’na caoir. 33
Eadar mogall ’s dias,
eadar tobhta ’s cliath,
is siud a’ ghrian ’dol siar. 36
Eadar oidhche ’s là,
eadar àird is àird,
is siud a’ ghrian mar bhà. 39
Eadar duileasg ’s fraoch,
eadar murabhlach ’s naosg,
is siud a’ ghrian chaomh. 42
Eadar faitheam ’s sgar,
eadar còmhla ’s tac,
is siud a’ ghrian air ais. 45
Eadar treobhadh ’s cur,
eadar cathadh ’s dus,
is siud a’ ghrian bho thuim. 48
Eadar dubh is moch,
eadar tulach ’s loch,
is siud a’ ghrian dar toil. 51
[Beurla]
Eadar ringeadh ’s buain,
eadar linne ’s cruach,
is siud a’ ghrian, a luaidh. 54
Eadar putag ’s ceap,
eadar ulag ’s bleith,
is siud a’ ghrian ’s ar leas. 57
Eadar tobhta ’s being,
eadar cobhar ’s beinn,
is siud a’ ghrian, ar leinn. 60
Eadar aitheamh ’s sgòrr,
eadar tonn is fòd,
is siud a’ ghrian ’na dreòs. 63
Eadar ailm is beith,
eadar amhsan ’s cearc,
is siud a’ ghrian mhear. 66
Eadar stuadh is lòn,
eadar fuarthonn ’s crò,
is siud a’ ghrian òir. 69
Eadar each is seòl,
eadar peileag ’s bò,
is siud a’ ghrian chòir. 72
Eadar sionnach ’s ròn,
eadar tuinn is tòrr,
is siud a’ ghrian, ’s is leòir. 75
[Beurla]
*319 Hòro, Mhàiri Dhubh
(ath-dhèanamh air seann òran)
Cha dèan mi car feuma ma thrèigeas mo leannan mi,
hòro, Mhàiri Dhubh, tionndaidh rium,
bean a’ chùil dualaich ’s nan cuachagan camagach,
hòro, Mhàiri Dhubh, tionndaidh rium.
A Mhàiri, nan tigeadh tu, thaitneadh tu ruinn; 5
A Mhàiri, nan tigeadh tu, thaitneadh tu ruinn;
A Mhàiri, nan tigeadh tu, b’e do bheath againn thu;
hòro, Mhàiri Dhubh, tionndaidh rium.
Tha ’n latha ’dol seachad, ’s e fadalach, fadalach;
is tu bhith gam dhìth a dhìobair mo chadal bhuam. 10
Bu tu, a ghràidh, a thàladh mar leanabh mi,
bu tu sheinneadh ceòl mar smeòrach na camhanaich.
A Mhàiri, ’eudail, na trèig rim mhaireann mi.
A Mhàiri, a rùin ghil, tionndaidh an rathad seo.
[Beurla]
*320 Eich Mhic Nèill
(òran tàthaidh)
A bhradag dhubh, a hù o haoi o, bhrist na glasan, hù o èile,
cuiream ortsa an dubh chapall, hù o haoi o.
Cuiream ortsa, hù o haoi o, an dubh chapall, hù o èile,
Càit an d’fhàg thu Ruaraidh ’n Tartair? Hù o haoi o.
Càit an d’fhàg thu Niall a’ Chaisteil, 5
no Gill-eònain mòr an gaisgeach,
bheireadh am fìon do na h-eachaibh
chuireadh cruithneachd geal ’nam prasaich,
sgaoileadh am flùr air an dealt dhaibh,
chuireadh crùidhean òir fon casan, 10
chuireadh srian an airgid ghlais riu,
diallaidean sìoda sìnte thairis?
Chuireadh iad leus às an adhar,
chuireadh iad crith air an talamh,
sradagan gan cur à clachan. 15
Rèis is ruith is muing air chrathadh,
ruith is ceumadh, rèis is saltairt.
Na h-eich liatha, dhiana, bhrasa,
dh’fhalbhadh raointean, sgaoim cha ghabhadh,
nach iarradh cuip no spuir ach marcach. 20
[Beurla]
*321 Chailein Òig, an Stiùir Thu Mi?
(ath-dhèanamh air seann òran)
Chrom i ’ceann is rinn i gàire,
chailein òig, an stiùir thu mi?
nighean rìgh Èireann ’s i san àirigh.
Chailein òig, nighean rìgh Èireann,
chailein òig, an stiùir thu mi? 5
Nighean rìgh Èireann ’s i san àirigh,
giullan bochd is bothan fàsaich,
stairsneach chòinnich ’s balla fàil air,
’s e fad’ às, gun taigh air àrainn,
fad’ on bhaile, fad’ o àiteach, 10
air aonach fraoich am measg nan àirdean,
os cionn nan cnoc ’s thar chromadh fàire:
tughadh luachrach ’s leabaidh làir ann;
gun duine ’gluasad, gun sluagh a làthair;
’s e ris, gun fhasgadh on àileadh, 15
deò nam beann is allt ’s a chànain,
aonranach, uaigneach fon fhànas:
sùilean cruach is cruadhlach ’s càthar,
bearraidhean ’s creagan is càrnach;
slèibhtean ’s fraoch ’s a’ ghaoth air bhàinidh 20
a tuireadh ri tulaichean àrda,
sèideadh, caoidhrean, caoineadh ’s rànail
[Beurla]
’s fuaim an uillt ’na ghuth gun tàmh ann;
maighich ’s fèidh is sprèidh ga h-àrach.
Dh’aithnich mi gum b’i mo ghràdh-sa. 25
Thug mi dhi cuireadh ’s furan ’s fàilte,
’s ghabh mi null an taobh a bhà i.
Thug mi brèid dhi, thug mi bràiste,
thug mi làmhainnean da làmhan,
stìom is sgarfa sìoda bràghaid, 30
usgar daoimein ’s leugan ’s fàinne.
Shìn mi còrn an òir ’s e làn di.
Dh’òl i ’n còrn, a h-aon ’s a dhà dhiubh,
dh’òl a trì den fhìon bha càilear.
Dhìrich grìs ri gruaidh na mnà sin. 35
Lìon i ’n còrn is shìn e làn dhomh:
“Seo mo phòg is òl mo shlàinte.”
Fhuair mi pòg a beòil is mànran,
cion is gean on mheachair mhànla,
mionnan pòsaidh ’s còrdadh ’s càirdeas, 40
nighean rìgh Èireann ’na cèile mnà dhomh
’s Èirinn uile o dhruim gu sàile.
Fhuair mi lùchairtean is pàileas,
Teamhair ’s Àileach, faiche ’s pàileas,
Connachd, Mumhain ’s Ulaidh slàn leath’, 45
Bòinn is Sionann ’s Life làn leath’,
pèidse ’s pìosan, cìs is càin leath’,
cùirt is cùirtearan is tàintean,
nighean rìgh Èireann ’s i san àirigh.
[Beurla]
Ghleus mi ceòl di ’s òrain àrsaidh, 50
puirt làn chuir is ruithean dàna;
dh’òl mi fìon oirr’ ’na dheoch shlàinte,
fìon ’s e dearg ’na dhearbh dheoch phàite.
Dh’fhan i agam na trì ràithean.
Chaidh mi leatha air bòrd air bàrca 55
dhol gu Èirinn thar an t-sàile;
sgioba lìonmhor ’s trì chroinn àrda,
siùil gheala, mhìne de lìon an Fhlànrais,
buill is slatan, acair ’s càball,
staghan, siùil is stiùir ri ’sàil oirr’. 60
Thog sinn tìr le fortan ’s fàbhar.
Ghluais sinn suas o bhruach na tràghad
gu cùirt a h-athar, dùn an àrdrìgh.
Ghabh e rium mar oighre àraid
gus a bhith nam rìgh ’na àite, 65
’s a nighean bhith ’na cèile mnà dhomh.
Fhuair mi leatha comhairlichean stàtail,
ridirean, filidhean, bàird leath’,
caistealan, baidealan àrda,
tùir is turaidean ’nan àras; 70
Dùn nan Gall is Gailleamh ’s Àrann,
Èirinn fo bhuar le ’cluaintean àillidh;
boineidean a-nuas aig càch rium,
modhan ’s beiceadh ’s freastal m’àithntean,
[Beurla]
lùbadh ghlùn is dùil ri fàbhar; 75
ollamhan oilein ’s aos dàna,
rannan molaidh gun lochd nam làthair;
crùn is cathair, gaisgich ’s geàrd leath’,
fhuair mi sin, ’s gach gin fom làmhan.
Fleadh an-diugh is cuirm a-màireach, 80
fleadh is fèist is rèim is sàibhreas;
manaich ’s clèir is cèir is cràbhadh;
cruiteir, fìdhleir, pìobair, clàrsair,
cearraiche, seanachaidh ’s fear àbhachd,
sgeulaiche is lèigh ri slànadh, 85
cleasaiche ’s e clis san làthair,
maor is fiosaiche ri fàistneachd,
torman organ ’s còisir phàiste,
capaill rèis gu feum san stàball,
fèist is fialachd gu grian air fàire, 90
is mi nam shuidh’ an trusgan cràidhearg
taobh ri taobh ’s mo mhaothbhean ghràdhach.
Fhuair mi siud, is rud a b’fheàrr leam,
pòg a bilean, cion is tàladh
air cluasaig uaine nam shuain gu là leath’. 95
Chrom i ’ceann is rinn i gàire,
chailein òig, an stiùir thu mi?
nighean rìgh Èireann ’s i san àirigh.
Chailein òig, nighean rìgh Èireann,
chailein òig, an stiùir thu mi? 100
[Beurla]
*322 Cnoc an Àtha Dhuibh
(trì rainn is amhran)
Òr a’ chonaisg, feur mar shìoda;
mu ’bhun is binn an sruth:
tha craobhan cruinn ’nan geàrd ann
mu Chnoc an Àtha Dhuibh. 4
On lochan gus an Dìseart
tha sìth is gann gun tuig;
is buan Allt a’ Bhràghad
fo Chnoc an Àtha Dhuibh. 8
Tha feur tha mar an sìoda
is lìth a’ chonaisg tiugh.
Is sgeadaichte ’s is sàibhir
Cnoc an Àtha Dhuibh. 12
Ceangal
Feur mar an sìoda is lìth a’ chonaisg mar òr,
èideadh an rìgh ’s e rìomhach ’s a thoic ’s a stòr,
badain ga dhìon – is sìtheil cnocan an fheòir
eadar an Dìseart bìth ’s an lochan ’s na h-eòin. 16
[Beurla]
*323 Gile is Deirge nan Caorann
Thà na caorainn geal is bidh na caorainn dearg.
Tha ’m blas leamh is searbh, ’s is searbh an sgàrlaid leinn
mar èibhlean air slatagan is smuain dhiubh mu shneachd,
agus beachd bìth mu fhalbhan aig na h-eòin a tha ’seinn. 4
Caorainn gheala ’s caorainn dhearga, is eatarra bhon ùir
duilleach cùbhraidh Iuchair, ’s ’na dhlùths na h-eòin ’s na nid.
Sgàrlaid ’s chan ann milis. Tha ar latha ’s a dhruim
bho ghile gu deirge thruime air a’ chraoibh chaorainn sin. 8
*324 [Am Bàrd, an Deoch ’s am Monadh]
Am b’fheàrr a’ phinnt leanna
na Sliabh Allair fod chois leat?
Am b’fheàrr an juke-box ’s a cheòl
no puirt mhòra nan crotach? 4
[Beurla]
[TD 382- 386]
[Beurla , Albais]
[Albais]
332 Òran Tàlaidh
M’eudail, mo bhalachan, thig an crodh dhachaigh leat
thig an crodh dhachaigh leat trast air a’ mhòintich.
M’eudail, mo bhalachan, thig an crodh dhachaigh leat
thig an crodh dhachaigh leat trast air a’ mhòintich. 4
Thig an crodh dhachaigh leat, thig an crodh dhachaigh leat,
thig an crodh dhachaigh leat trast air a’ mhòintich.
Thig an crodh dhachaigh leat, thig an crodh dhachaigh leat,
thig an crodh dhachaigh leat trast air a’ mhòintich. 8
M’eudail ’s mo bhalachan, thig an crodh dhachaigh leat,
an crodh imeachd agad ’nam baidnein ’s tu mòr ast’.
M’eudail ’s mo bhalachan, thig an crodh dhachaigh leat,
an crodh imeachd agad is slat aig ur Mòrachd. 12
[Beurla]
Thig an crodh dhachaigh leat, thig an crodh dhachaigh leat,
thig iad air ais leat air aisridhean ceòthar.
Thig an crodh dhachaigh leat, thig an crodh dhachaigh leat,
thig iad air ais leat air aisridhean eòlach. 16
An norran beag cadail air sùil mo bhalachain,
an norran beag cadail air caitheadh don ghlòmainn;
An norran beag cadail air sùil mo bhalachain,
an norran beag cadail gu latha ’s na h-eòin ort. 20
An norran beag cadail, an norran beag cadail,
an norran beag cadail gu latha ’s na h-eòin ort.
An norran beag cadail, an norran beag cadail,
an norran beag cadail gu faireachadh deònach. 24
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
[Beurla]
335 Do Charaid Marbh
(do Chalum Mac Chaluim Mhic Iain)
[draft]
Ris is leis, b’e sin a lios.
An drochaidh, b’e sin a chabhsair.
Cathadh mara, sin a mheas.
E ’na mheite ’s e ’na mhaighstir,
air cuantan cogaidh chuir e fios, 5
cùrsa ’s còrsa ’s struthan meallta.
Ghabh e seachad air a’ Chrios,
ghabh [e] seachad air Albainn Nuaidh,
taighean solais, tuath is deas.
Siar is sear, mu dheas ’s mu thuath, 10
rèidio is radar is cairt iùil,
U-bàta is E-bàta luath.
Meite, maighstir, Gàidheal gu chùl.
U-bàta, E-bàta,
E-bàta ’s i luath; 15
sgiathalan ’nan dàil o fhàir’ a-nuas.
U-bàta, E-bàta,
E-bàta air chuairt.
U-bàta ’s i clìceach san t-sìorraidheachd chuain.
[Beurla]
A bhom, a ghunna crios no ’thoirpead, 20
las no bras, ’s tu sheas an drochaid.
Cha robh do [sgeul ach? ] gann,
is moch a sguir do rann
cho dearbh ris a’ Chrann.
Is searbh e na th’ann – 25
tha thu marbh san àm.
*336 [Geal]
’S geal canach an t-slèibhe ’s is glègheal sneachda nan càrn.
Tha lainnir na lèige de dh’èiteag na h-aibhne san àth.
’S geal anart na brèide is sèideadh a’ chathaidh san là.
’S geal, sneachdagheal m’eudail, an tè thais, chamagach, bhàn. 4
[Albais]
[Beurla]
*338 Innis Sgeul Dòchais
(trì rainn is amhran)
Innis sgeul dòchais dhomh;
gabh òran toileachais le sèis;
le fiamh a’ ghàire bi fial;
cuir a’ ghrian air àird an speur. 4
Innis sgeul dòchais dhomh;
dòirt sonas à copan làn;
solas aobhach gu h-obann las;
tairg faochadh is feobhas blàth. 8
Lean air còmhradh sèimh mu dhùil;
bi ri sunnd mar eun an dos;
teud binnis buail gu bras nam chòir;
innis sgeul dòchais dhomh. 12
Ceangal
Dòirt o do bhilean gach lideadh a choiticheas cluas;
gabh òran a-rithist ’s a-rithist mu shonas buan;
an dòlas seo iomain om chridhe le boch gu suairc;
sgeul dòchais dhomh innis is innis gu beothail, luath. 16
[Beurla]
*339 Fàire [Aig Tobar an Tighearna]
Bheum a’ ghrian slios nam beann,
corcar, cròdhearg ’s fàire ann,
’s an sgàile mu dheireadh ’trèigsinn
rèidhlean ùrlar nan gleann. 4
Làigh mo shùil air Slia’ cas,
’s e ’na bhaideal mu thuath.
Dhùisg cearc fhraoich is rinn i guileag
air Cruach Bhuidhe fada shuas. 8
Aig Tobar an Tighearna dhomh
’s an là a’ mosgladh gu mall,
driùchd air fraoch is dealt air roid,
’s càch ’nan clos ’s an fhàire ann. 12
Shoilleirich a bheag ’s a bheag
a’ chamhanaich air eagan shliabh.
Dùisgibh, is an leus air leathad!
Suas a’ bheatha, suas a’ ghrian! 16
[Beurla]
*340 Do Shomhairle MacGill-eain
Nuair bhìos an labharag ’na tost
ri latha fèatha ’s clos air Clàraich,
bidh do bhàrdachd, ’s i ’na caoir,
a’ toirt bàrr air maothan màbte. 4
Gach beàrn sa Chuilthionn ’na shuain,
’s gach boglach shìos ’na chluain àillidh;
slànadh agus faochadh tàimh
gach bioraidh bheò a thà nad dhàin-sa. 8
Nuair a chuisteas ri là luin
an cagaran ’s a dhuilleach àlainn,
gabh-sa fois is suaimhneas smaoin,
’s an sin cluinneadh gaoth a’ Bhràigh’ thu. 12
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
*342 An Lonan Iuchair
An cluinn thu feochan an fheòir ’s an t-achadh fon ghrèin?
An cluinn thu an smeòrach ri ’ceòl mear maidne air gèig?
Dè dhuinn latha sòlaimteachd reòta ’s an latha gun eun
’s an t-Iuchar is Ògmhìos nan ròs a’ leantainn a’ Chèit? 4
[Beurla]
*343 Ballade
Dictes moy ou, n’en quel pays
est Flora la belle Rommaine…
mais ou sont les neiges d’antan?
François Villon (rugadh 1431)
Innis dhòmhsa no cò ’n tìr
am bheil Deirdre mhìn. Bheil fhios?
Chaidh i às an t-saoghal a-mach.
Càit an deach i? Cà bheil i? 4
Na bàird a bh’ann – feith agus èist –
às am beul cha chluinnear smid.
Big a th’aig a’ Bhàs fo smachd.
Ach cà bheil sneachd an uiridh nis? 8
Ùistean dealanaich MacDhiarmaid còir,
filidh a bhà seachd mòr seach mi,
a-rithis chan fhaigh neach an còrr
’chainnt a bheòil is e fo lic. 12
Soutar agus Edwin Muir,
an ealain rinn den t-saoghal lios.
Cà bheil iad? Iarraibh an leac.
Ach cà bheil sneachd an uiridh nis? 16
Sidney Mac a’ Ghobhainn bàn,
cha chluinn thu ’ghàire blàth a-nis.
Ged a shirte siar is sear,
cha lorgar e le fear sam bith. 20
[Beurla]
Dh’oidhche ’s a là chan fhaicear e,
ged a chìte e gu tric.
Den Mhìle Rìoghail bhiodh a thlachd.
Ach cà bheil sneachd an uiridh nis? 24
Rìghrean, ridirean suaithneis, clèir,
feallsanaich gheur; am math ’s am mith,
ìslean ’nan ginealaich, beairteach ’s bochd
dh’fhalaich an sloc a tha fon lic. 28
Curaidhean, gealtairean, balbhain, bàird,
ìosal is àrd cha d’fhuair iochd.
Chaidh iad ris a’ Bhàs a ghleac.
Ach cà bheil sneachd an uiridh nis? 32
Envoi (Ceangal)
Bhà iad iomraiteach ’nan là.
Tha iomradh orra ’s cliù a-nis.
Cà bheil iad? No dè do bheachd?
Ach cà bheil sneachd an uiridh nis? 36
344 [Gile]
Cathadh làir, cathadh mara
gile chneas na mnatha sin;
èiteag aibhne, èiteag mhara,
sneachd air gèig a h-amhach ris. 4
[Beurla]
[Beurla]
*346 Ròsan an Lethbhaile
[ath -dhèanamh air òran le Eòghan MacColla, Bàrd Loch Fìne]
Air fail ithil ò ro, ho-rò, cuim an ceilinn e?
Air fail ithil ò ro, ho-rò, cuim an ceilinn e?
Gu bheil mo shaogh’l ’na bhruadar. Is dual dhomh bhith deireasach,
’s mo ghràdh air bheagan dòchais air Ròsan an Lethbhaile. 4
Air fail ithil ò ro, Ròsan an Lethbhaile,
Air fail ithil ò ro, Ròsan an Lethbhaile.
Gu bheil mo shaogh’l ’na bhruadar. Is dual dhomh bhith deireasach,
’s mo ghràdh air bheagan dòchais air Ròsan an Lethbhaile. 8
Chan e cruas na gaoithe an-raoir chùm nam chaithris mi,
is idir chan e fuachd chuir o ghluasad le fadal mi.
Gu bheil ceann fàth mo smuairein ’s mo smuaintean ’son fada nis
an riochd caileige tha bòidheach tha ’n Còmh’l nan slios badanach. 12
[Beurla]
Fhir thàinig thar Loch Fìne, nach inns thu dhomh, guidheam ort,
am faca tu ’n tè bhòidheach a leòn thun a’ chridhe mi?
Am faca tu ’n tè uasal, tè uallach, tè lurach i?
Am faca tu mo ghràdh-sa, ’s gur bàs dhomh mur faigh mi i. 16
Tha cuailean tha bòidheach air Ròsan an Lethbhaile.
Tha gruaidhean mar na ròsan air Ròsan an Lethbhaile.
Thà i uasal, còir agus thà i bòidheach, ceanalta.
Ghluaisinn leath’ gun stòras. ’S i Ròsan an Lethbhaile. 20
Is coibhneil, ciùin do dhòighean, Ròsan an Lethbhaile.
Is daoimean agus òr thu, Ròsan an Lethbhaile.
Is binne leam do chòmhradh na ’n smeòrach ’s i ri ceileireachd.
Is gile thu na ’n neòinean, a Ròsain an Lethbhaile. 24
Mo dhùrachd rid bheò dhuit, Ròsain an Lethbhaile.
Dhùraiginn do phòsadh, a Ròsain an Lethbhaile.
Tha mi sunndach, beòdha an-còmhnaidh ’s mi gun deireas orm,
is dùil agam ri pògan o Ròsan an Lethbhaile. 28
Is gnàth mi ’coimhead Chòmhail, Ròsain an Lethbhaile
on tha thu ann a chòmhnaidh, a Ròsain an Lethbhaile.
Tha bàt’ agam ga seòladh ’s cha mhòr an loch seo eadarainn,
’s gun dàil bidh mi ’s tu còmhla, Ròsain an Lethbhaile. 32
[Beurla]
*347 Mo Robairneach Gaolach
(òran tàthaidh)
Hò nan tigeadh mo Robairneach gaolach,
bìrlinn aig’ agus ceatharnaich dhaoine;
le bhàta ’s le sgioba ’s iad sgiobalta aotrom;
b’aighearach mise nan tilleadh a’ ghaoth e. 4
Tha do bhìrlinn a’ tighinn mun iomas seo ’n-dràsta,
timcheall an rubh’ agus buidheann mo ghràidh innt’.
’S tu leagadh a cùrsa air dùthaich nan àrdbheann;
’s tu b’urrainn a stiùireadh air cùl nan tonn àrda. 8
Mo chruit is mo chlàrsach, mo dhàn is mo dhuan thu;
m’fhaidhrean is m’fhaidhir is m’aighear is m’uaill thu
led sgiath ’s led chlaidheamh is dag air do chruachainn;
’s tu sheatadh, ’s tu leumadh, ’s tu cheumadh, ’s tu ghluaiseadh. 12
’S ann tha mo Robairneach soideanach, suairce,
leannan tè maisich cho math ’s a tha gluasad,
aotrom, aigeannach, aighearach, uallach;
dh’òlainnsa sgailc air an spailp de dhuin’ uasal. 16
[Beurla]
348 Is Trom Mi ’Siubhal Slèibhe
Is trom mi ’siubhal slèibhe
airm mo mhic na mo làimh ’s a sgiath nam làimh eile
Is trom mi ’siubhal slèibhe. 3
Is sgìos leam a’ ghrian ’s i ’g èirigh
airm mo mhic na mo làimh ’s a sgiath nam làimh eile
Is sgìos leam a’ ghrian ’s i ’g èirigh 6
Is bàs dhà, a Rìgh na Fèinne… 7
Leagadh am faillean bheuman… 10
Dh’fhàg mi fo lic nam dhèidh e… 13
Mi ’g amharc is e cha lèir dhomh… 16
An tuisleadh-s’ air sliabh rèisg dhomh… 19
Is crom mi ’siubhal slèibhe… 22
[Beurla]
*349 A Mhnathan a’ Bhaile Seo
A mhnathan a’ bhaile seo, bhaile seo, bhaile seo,
a mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh.
Dh’èirich mi mochthrath ’s dhìrich mi ’n cnocan,
is sheinn mi am port dhuibh gu brosnachadh èirigh.
A mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh. 5
Dh’èirich mi mochthrath ’s dhìrich mi ’n cnocan,
is sheirm mi am port dhuibh gu brosnachadh èirigh.
Tha deireadh na Dùbhlachd is toiseach Bliadhn’ Ùir’ againn.
’S moch rinn mi dùsgadh is sùrd orm èirigh.
A mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh. 10
Tha Oidhche na Callainn ’s a’ bhliadhn’ air dol tharainn.
A mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh.
Seo toiseach na bliadhna is dosan gan riaghladh,
is port feadain cianail, ’s gaoth dhian ga shèideadh.
A mhnathan a’ bhaile seo, bhaile seo, bhaile seo, 15
a mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh.
A mhnathan a’ bhaile seo, ’s mithich dhuibh èirigh.
[Beurla]
*350 Marbhrann dom Mhàthair
B’fhada i o Earra-Ghàidheal
nuair a rinn am bàs a tathaich;
b’fhad’ o ’càirdean i ’s o ’daoine
nuair a chaochail i air aineol. 4
Spiorad beò an colainn chràitich,
bana-Ghàidheal, bana-Cheathrach,
b’fhad’ o Ìle bhà Catrìona
’s o Loch Fìne. B’fhada, b’fhada. 8
’S fad a mhaireas beàrn nam chridhe,
’s bean na misniche ’na laighe.
O nach fhaic mi rìst a h-aghaidh,
bha i laghach. Sìth da h-anam. 12
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
[Albais]
*352 Cuideigin
(òran Gallda is cruth ùr Gàidhlig air a chur air)
Haoi, haoi, do chuideigin,
hò, hò, do chuideigin,
Shiùbhlainn oidhche gheamhraidh fhad’
ach am faicinn cuideigin. 4
Nan tigeadh cuideigin air sàil’,
nan tilleadh e o fhad’ o làimh,
’s na Stiùbhartaich air ais mar bhà,
dh’fhàiltichinn roimh chuideigin. 8
Nan tigeadh cuideigin gu tràigh
is clis a rachainnsa ’na dhàil.
Ged bhitheadh neimh sa chopan làn
dh’òlainn slàinte chuideigin. 12
[Beurla]
Thig e òirnne, thig an là,
air luing mhòir is gaoth mu ’sàil.
Bidh ’n geamhradh fuar ’na shamhradh blàth,
an là a thilleas cuideigin. 16
Bhà mi dubhach iomadh là
fo chuing Chuigse ’dol o stàth.
Bidh mi subhach beò gu bràth
an àiteigin le cuideigin. 20
Nan robh cuideigin ’na rìgh,
dhannsainn fhèin na casan dìom.
Bha guidh’ againn a bhà gar dìth
’s bidh sìth againn le cuideigin. 24
Thig na Gàidheil, thig na Goill
a leagail Ghearmailtich lem foill.
B’e ’m fradharc air ais do shùilean doill,
is cha bhi moill’ air cuideigin. 28
*353 Dh’Fhalbh Mo Leannan Fhèin
(mo dhòigh fhèin air òran èolach)
Dh’fhalbh mo leannan fhèin.
Dh’fhalbh mo chèile lurach.
Misneach mhath ’na dèidh;
dhomhsa b’fheudar fuireach.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 5
[Beurla]
Dh’fhalbh i bhuam an cèin;
chan eil feum san tuireadh.
Thog i oirre ’n-dè:
B’fhaid an-dè na ’n-uiridh.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 10
Osna ’s fada thèid;
faide na ’n èigh gun cluinnear;
osnaich na mo bheul;
’s fad’ an èigh nach ruig i.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 15
Mi air mullach slèibh,
’s mi leam fhèin ’s mi cruiteach,
sgìth gu grian o ghrèin,
’s chan eil èis air mulad.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 20
Sgìth ri gaoith ’s ri neul,
sgìth ri grèin ’s ri turadh:
cà bheil i a-rèist?
’S fhìor dhomh sèis na luinneig –
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 25
Misneach mhath ’na dèidh –
bheir mi ceum le bruthach.
Tillidh i o chèin:
’s ann is fheudar fuireach.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin. 30
Dh’fhalbh mo chèile lurach.
Misneach mhath ’na dèidh;
dhomhsa b’fheudar fuireach.
Dh’fhalbh mo leannan fhèin.
[Beurla]
*354 Nìonag a’ Chùil Duinn, Nach Fhan Thu?
(seann òran air ’ath-nuadhachadh)
Nìonag a’ chùil duinn, nach fhan thu?
Fhios as tìr gur tu mo leannan.
Nìonag a’ chùil duinn, nach fhan thu?
Thà mi cho deònach air do phògadh
’s tha na laoigh òg’ air deòl a’ bhainne. 5
Nuair a dhìreas mi a’ ghuala,
bidh mo ghruagach tigh’nn fom aire.
Nuair a theàrnas mi an gleannan,
bidh mo leannan dhomh nas fhaisge.
Gach aon cheum a bheir mi ’mhòintich, 10
bidh do phògan rium a’ fantail.
Nuair a ghoireas eòin a’ Chèitein,
bidh fonn do bheulain ann an caithream.
[Beurla]
*355 Cruinneag na Buaile
(Òran do Nic Fhraing an Gleann Comhann)
[ath -dhèanamh air seann òran]
O, chruinneag, è, chruinneag,
ò, chruinneag na buaile;
ò, chruinneag mo chridhe,
leat a ruithinn am fuadan. 4
Gur ann thall anns a’ Chàrnach,
an gleann àrd nan sruth fuara,
thà ’n rìbhinn as bòidhche
dh’fhàg fo leòn gu Là Luain mi. 8
Tha thu cumadail, fìnealt’,
’s tu cho dìreach ri luachair,
o do mhullach gud shàiltean,
gun chron, gun fhàilteam ri ’luaidh ort. 12
’S ann a ruithinn don Fhraing
le Nic Fhraing a’ chùil dualaich.
’S tu nach bitheadh fo mhìghean
’s ceòl na fìdhle nad chluasan. 16
[Beurla]
’S tu nach bitheadh fo mhìghean
’s ceòl na fìdhle nad chluasan.
Bheirinn ceòl dhuit is èibhneas;
bheirinn fìon dhuit an cuachan. 20
Bheirinn èibhneas dom chruinneig,
bheirinn luinneagan ’s duain dhi.
Bheirinn treiseag air fasgadh,
bheirinn tacan air fuaradh, 24
gus nach bitheadh fios aca
is sinn fada air fuadan.
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
357 [Dùrachdan Nollaige, 1982? ]
Nuair a thig oirbh an Nollaig
guma sona a bhìos sibh,
agus rè na Bliadhn’ Ùire
mòran sunnd is toil inntinn. 4
title | 1980–1982 |
internal date | 1981.5 |
display date | 1980-2 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |