POEMS 1983
*358 Dùrd a’ Ghlinne
Fonn ciùil bu bhinne dùrd a’ ghlinne,
e dùint’ an grinneas chraobh;
duilleach ’s feur is guth nan eun,
là buidhe grèine caomh. 4
*359 [Am Bàta Dubh]
(seann òran air a chur ris)
Chì mi bàta steach sa chaolas
ceathrar ga h-iomram ’s fear a’ taomadh.
Hò rò na haoi bhill ò.
Ceathrar ga h-iomram ’s fear a’ taomadh,
bean ’na toiseach a’ sìor chaoineadh. 5
Hò rò na haoi bhill ò.
Bean ’na toiseach a’ sìor chaoineadh,
bean ’na deireadh a’ sìor ghlaodhaich,
[Beurla]
beum air stiùir is sùrd air gaoir aic’,
is i crom fo throm na gaoithe, 10
falt a cinn a’ falbh le gaoith aic’,
gach aon atach ’s gach aon ghlaodh aic’,
èigh is gul is guth air faobhar.
Fliuch a h-èideadh, reubte h-aodach,
deòir le ’gruaidh ’s le fuachd a h-aodainn. 15
Dìosgan ràmh is sgreuchail fhaoileag,
dìcheall làmh san iomram daonnan.
Bàta dubh ga cur tron chaolas
fad’ a-mach o chladach fhaochag,
àrd a-mach o chlachan maoraich, 20
o mhol, o chreig, o sgeir, o mhaoil i,
fad’ o thràigh, ’s o bhàgh ’s o fhraoch i,
fad’ o thiùrr, o ùir ’s o raointean,
fad’ o shlèibhtean, feur is craobhan,
’s an caol fosgailte ’na raon di. 25
Buillean diana liaghan caola,
iomram gun fhiaradh, gun aomadh.
Bàrr nan tonn mar lomain chaorach
suas ri guaillean ’s air gach taobh dhi,
sèideadh fuar air uachdar caolais, 30
’s i ’triall gu fasgadh ’s caladh ’s caomhnadh.
C’às a tha a’ chuideachd fhaontra
a tha cuidhteas cuid is daoine?
C’às a thugadh leò, an saoil sibh,
an t-iomram teann an aghaidh gaoithe, 35
a’ farpais ann ri dùilean baoghail?
[Beurla]
An do chuir iad Sruth na Maoile
a dhol an caraibh Arainn gaothair
o Dhiùra ciar nam fiadh ’s nam fraochbheann?
An do theich o chreich ’s o fhaobhar, 40
o thughadh ’na lasair ’s falachd aosta?
Am fuigheal aisith ’s chlaidheamh caol iad?
An ann de Chloinn Dòmhnaill an fhraoich iad,
de Chloinn Nèill no ’threubh ’ic Mhaoilein,
an ann on Roinn de Chloinn Mhic Aoidh iad? 45
Am fàiltich càirdean ’s dàimh a-chaoidh iad?
Dh’fhaighnichdinn diubh sin, nam faodainn,
aig iomram ’s gul is guth na gaoir ac’;
a’ ghaoth ’na cuip ’s a’ mhuir ’na baoibh ac’,
caoineadh ’s glaodhaich, ràmhan ’s taoman, 50
madainn sgreunach mach sa chaolas,
a’ sealltainn dhòmhs’ o sgòrr an aonaich
bàta dubh is cumha ’s caoidh innt’,
ceathrar ga h-iomram ’s fear a’ taomadh.
*360 Mìos a’ Ghearrain
Is dian an latha railleach ’s a’ ghaoth ’na sùist,
ag iarraidh ar lathadh on earadheas aognaidh, dhùr.
Is fiar iad na frasan gan sgapadh o aonach ’s sgùrr.
Liath air gach dath. Chaidh guth thairis air faochadh dhùinn. 4
[Beurla]
Is fiadhaich an latha, is lasan na gaoithe dùisgt’
ag iarraidh gach fasgaidh ’s a’ crathadh nan craobhan rùisgt’,
a’ sianail feadh cathadh geur mara ’s ri aodann stùc,
a’ siabadh sneachda ’s a’ dalladh am faobhar shùl. 8
Is cianail an caithream tha ’m faram o ghaoith gun tùr,
dianshèideadh callain a’ casadh o chraos nan dùil;
is tiamhaidh an tabhann don chlaistneachd, ’s gach aon an cùil
’na ghiall aig a’ Ghearran, ’s an t-adhar ’na bhaoibh ’s ’na bhrùid. 12
B’e mo mhiann a bhith tamall taobh aibhne feadh raointean fhlùr,
’s a’ ghrian ’na lasair air latha bhiodh maoth, ’s e ciùin,
an ciarbhadan mheangan, ’s fonn tairis aig sgaoth a’ chiùil,
seach sgian an latha raillich is gaoth ’na sùist. 16
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
*362 Dùthaich nan Craobh
(mo dhòigh fhèin dheth)
A bhith ’fàgail na dùthcha,
’s a bhith ’càramh nan siùil rith’,
’s a bhith ’stiùireadh ar cùrsa
do dhùthaich nan craobh. 4
Rìgh, gur mi tha fo smuairein
is mi ’seòladh nan cuantan,
’s mi ag ionndrainn na gruagaich – ’s i mo luaidh, ’s i mo ghaol. 8
[Beurla]
Tha ’n cuan is e farsaing
eadar mise ’s mo leannan,
stiùir ruighinn, buill tharrainn,
siùil gheala is gaoth. 12
Thig t’ìomhaigh thar mhara,
t’ìomhaigh annamh, a leannain,
a dh’oidhche ’s a latha
tro lasan na gaoith. 16
Thig grian is thig latha,
thig reultan, thig gealach,
thig mise dhuit dhachaigh
le aiteas is faoilt’. 20
Ma phòsas tu, mun till mi,
fear as feàrr leat na mise,
na gabh pòitear no misgeir,
’s na gabh idir fear faoin. 24
[Beurla]
363 [Is Mear a Bhreabas i Sàil]
[unordered drafts]
Is mear a bhreabas i sàil,
’ruith leis air sàile gaothar,
na tuinn ’na dèidh fo chop
ri ’deireadh ’s an loch fo chaoraich 4
mheara luatha nan ceòs
’nan dreòs o fhuaradh ’s ’nan loman
a’ mèilich is [a ’ ] roid
air lèana ’n locha fon oiteig. 8
I ’ruith is clàr cha fhliuch
air àirde thuinn, ’s gach beic dhi
deas, tuath, iar is ear
ga feitheamh ’s an loch ga leadairt. 12
Cho beadaidh ris an làir
air là na rèis ’s i ’beiceadh.
A’ ruith ron ghaoith air sàil’
a sàil is mear a bhreabas. 16
[Beurla]
’S math an cuspair bàird
bàta dubh ga moladh.
Chan eil a leithid air muir
aig luaths, aig cumadh, ’s i socrach. 20
Ri brosnachadh chan fhèith
siùil gheala nuair a thogas
Stuadhan ’na dèidh ri sàil
ga leagail ’s an àird ga togail. 24
*
’Dol ris ’s a slinn fo chop
giùig oirre ri fuachd fhuaraidh,
is clis a bhreabas i sàil
ruith leis air sàile uaine. 28
Is mear a fhreagras i stiùir
is siùil air fairge ghleannaich
fo ghaoith a nì den t-sàil’
àrdain is gleannain [ ] 32
a’ coiseachd ann thar dhronn
nan tonn ’s gan cur ’nan ceathach,
is mear a bhreabas i ’sàil.
Cà bheil air sàile seis di? 36
*
[Beurla]
I ’ruith ’s na tuinn a shad
a’ falbh gu fasgadh bhuaipe,
am bàta dubh fo shiùil,
’na h-ioghnadh air muir uaine. 40
An loch gu lèir mu ’sàil
ruith leis air sàile ghleannaich,
on chùrsa cheart cha chrom
fo throm na gaoithe greannaich. 44
Leis is ris a lios
’s i clis gu fasgadh ’s fuaradh,
cathadh mara a mios
is tric a bhlais i cuach dheth. 48
364 I ’Ruith Leis
Is mear a bhreabas i sàil
’ruith leis air sàile gaothar.
Is mear a bhreabas i cop,
’s an loch ’na lomain chaorach. 4
[Beurla]
365 [Dùghall a’ Seòladh]
[drafts for “Mochtàr is Dùghall” ]
Dh’fhàg e còrsa ’s sheòl e siar uaith
gus an robh gach donn is liath dheth,
gach buidhe, uaine agus riabhach,
gach creag is craobh, gach fraoch is riasg dheth,
gach rèidhlean ’s bruthach, tulach ’s sliabh dheth 5
gorm am bun an speur is cian uaith,
gus an deach iad às fon iarmailt
’s a dh’fhosgail buaine a’ chuain siar dha.
Còmhla sheòl na luingeas liatha,
a’ gabhail air fhiaradh ’s air fhiaradh; 10
U-bàta ’s E-bàta gan iarraidh.
Thàinig orra, ’s iad san fhiaradh
trast an domhain an oidhche ’ciaradh
*
cùl fàire thall chailleadh a’ ghrian air
an dorcha aognaidh sgaoil a sgiathan 15
trast an domhain an oidhche ’ciaradh
a thug na dathan is an sgiamh dheth
thar na sàile aon sgàile a liath i
’s na reultan òir ’nan dreòs san iarmailt
a dh’oidhche is a là ’dol siar dhaibh 20
[Beurla]
’tionndadh deas is tuath, ’s mar fhianais
Dùghall ann ’na shaighdear rianail
sa chuan shìorraidh, ’s tìr air iarraidh
sgaoil na sgàilean air sàil’ an sgiathan
gach dath ga dhubhadh aig dubhar ’s ciaradh 25
*
Sheòl iad fàire ’s fàire ’s fàire
sheòl iad làithean agus là dhiubh
thionndaidh sear gu fearann ’s fàilte.
Lean iad sear aig briseadh latha
agus thog iad còrsa aineoil 30
còrsa allta thall na h-Aifric
agus caolas caol Ghiobraltair.
Bha Dùghall an-sin is e ’na òigear
ga thoirt gu h-èasgaidh gu beul a’ mhòrtair
ceann uidhe a shlighe ’s cha b’fhios ’s cha b’eòl da 35
fiosaiche ris cha robh còmhla.
’s e dearbh à saoghal am baoghal còmhraig.
Ghiorraich a bhàs air ged a b’òg e
is dùnadh shùl is e làn sòlais
a bheag ’s a bheag mar a sheòl i 40
dhùinte a là mar dhùinte còmhla
’s ceann uidh’ a rathaid faisge na ’n còrsa.
*
[Beurla]
Gealach cha d’èirich. Bha ’n speur ’na chriathar
mhìltean reul ’nan leus, ’s b’e ’n sgiamh e,
grian fodha mar nach robh i riamh ann. 45
Chaidil cuid ’s iad cuidhteas fiamh ann
’s na luingeas cogaidh bhith gan iadhadh.
Chaidh air tìr ’n Aildìr an Dùghall –
ghiorraich e rithist air ceann a chùrsa
am fearan sgìth, is sgrìobhadh dùnadh 50
air a rann am beanntan Thùnais.
’S ann a bha e taingeal sunndach
’s e ’teachd on mhuir gun d’ruigeadh ùir leis
am fiathachadh nach gabh diùltadh
don truagh, don t-sàr, don tràill, don phrionnsa, 55
a bheirear am bothan bochd ’s an lùchairt
air sàil, air tìr, do sgìos, do lùths ann,
cuireadh falbh, ge searbh, a-null e.
Bha ’n cuireadh deiridh feitheamh ri Dùghall
gach madainn is gach feasgar dhlùthaich 60
air, gun fheum an guidhe no ’n dùlan.
Bha ’n Gefreit fon adhar dhùmhail
’lìomhadh a’ mhortair gus am b’ùr e.
[Beurla]
366 [Och -òin mar a dh’Fhalbh Sinn]
[draft]
Och-òin mar a dh’fhalbh sinn
togail siùil ri croinn àrda.
’Dol sìos o Chluaidh ’s an speur fo ghruaim
’s a’ mhuir ri fuaim ghàbhaidh.
Och-òin mar a dh’fhalbh sinn. 5
Arainn ris is Manainn leis
’s mo chridhe deas gu sgàineadh.
Briosgaid chruaidh is tarrainn bhuan
’s am meata duairc gar smàladh.
Slat is seòl ’s a’ ghaoth mar cheòl 10
’s mo làmhan reòta, cràiteach.
Seòl is slat is ròpa chas
is driop gun stad is spàirn ann.
Cathadh mara ’s sneachd gar dalladh
’s an caiptean chaill na h-àirdean. 15
Roinn stalla ’s i dlùth ’s na h-àirdean dùint’,
neòil dhùmhail ’s gaillean làidir.
Gach cunnart cuain gu tiugh mun cuairt
’s gur fada bhuainn Astràilia.
Falbhaidh sprochd is nì mi boch 20
an latha thogas Àbhann.
[Beurla]
A’ ghaoth ’na smùid is dithist air stiùir
’s i ’ruith an cùrsa ceàrr oirnn.
Gun fhios gun eòl gun chinnt air chòir
an tog sinn còrsa sàbhailt’. 25
Tha ’ghaoth an ceann ’s an stiùir cho teann –
is seo mo rann sa Ghàidhlig.
Further couplets of undetermined position:
An cuan fo ’sròin gu fìor bhun-sgòth
’s i ’seòladh mach o Àbhann.
Fo chrannaibh loma, lùbte, nochda 30
’ruith chon na taoibh o thàinig.
Na tuinn ag èirigh gus an speur
aig dèine ’n doininn dhàna.
Is mion sa chuan am bàrca luath
ged bhiodh i uair glè stàtail. 35
Riofadh shiùil ge rag na dùirn
is neart is lùths air t’fhàgail.
Riofadh shiùil, buill tharraing ’s stiùir
is blàths is lùths air t’fhàgail.
Fàire, fàire, fàire, fàire, 40
fàire anns gach àird oirnn.
[Beurla]
[TD 426- 427]
[Beurla , Albais]
371 [Thèid na Fèilltean Seachad]
[unfinished draft]
Fèill Brìde is Fèill Eòin
Nollaig Mhòr ’s a’ Challainn
mar choin a’ ruith bhàrr èill
thèid na fèilltean seachad. 4
Là buidhe Bealtainn bric
an Inid is an Carghas
mar ruith le gleann aig fiadh
na bliadhnachan a’ falbh bhuainn. 8
Mar shèideag gaoithe làidir
na ràithean a’ dol tharainn.
An Lùnastal ’s an Dùlachd
ùine is uair ’dol às bhuainn. 12
An-dè ’s an-diugh ’s gach là
a-màireach is an-earar
gach là a’ falbh ’na leum
mar each rèis aig marcach, 16
Samhradh agus Geamhradh
Earrach air chall is Foghar
mar shruth ’na steall le eas
gach feasgar is madainn mhoch dhuinn. 20
[Beurla]
[TD 429- 431]
[Albais]
378 Cha Tig Mòr, mo Bhean, Dhachaigh
(ath-dhèanamh air seann òran)
Cha tig Mòr, mo bhean, dhachaigh,
cha tig Mòr, mo bhean ghaoil;
cha tig Mòr, mo bhean, dhachaigh
bho chlachan nan craobh. 4
Thig Màrt is thig Foghar,
thig todhar, thig buain,
ach cha ghluais mo bhean dhachaigh
bho chlachan nan stuadh. 8
Thig blàth air a’ ghiuthas,
cinnidh duilleach air gèig,
cinnidh gucag air luachair,
ach cha ghluais mo bhean fhèin. 12
Thig grian is thig gealach,
thig madainn le faoith’,
thig oidhche, thig latha,
ach cha charaich mo ghaol. 16
[Beurla]
Eiridh grian anns na speuran,
èiridh eòin bhàrr nan geug,
èiridh ceò bhàrr nan slèibhtean,
ach chan èirich i fhèin. 20
Laighidh grian, laighidh gealach,
laighidh balachan sgìth,
ach cha laigh i nam leabaidh,
’s i ’na laighe sa chill. 24
Fosglaidh Earrach na ràithean,
fosglaidh blàthan as ùr,
fosglaidh còmhla air doras,
ach chan fhosgail i sùil. 28
Bha mi uair agus shaoil mi
a saoghal bhith buan,
ach cha ghluais i dhomh dhachaigh
bho chlachan nan uaigh. 32
Thig Foghar, thig Earrach,
’s lom mo leac is gur fuar.
Cha dùisg caoineadh do mhàthair –
dèan ba-bà a-nis, uain. 36
[Beurla]
379 Is Fada Thà mi ’m Ònar
Hì hoireann ò, hi-rì ho-rò
is fada thà mi ’m ònar
hì hoireann ò, hi-rì ho-rò.
Nuair bhà mi leis na caileagan
gum feuchainn blas am pòige, 5
ach nise their iad uile rium,
“Sheann duine, ’s mòr do dhòchas”.
Hì hoireann ò, hi-rì ho-rò.
Nan tigeadh arm na Frainge oirnn,
cha bhithinn las ’nan còmhdhail – 10
ach ’s bòsta seann duin’ agam sin,
’s mi glagach, brùite, breòite.
Dh’fhalbhainn slèibhtean ’s mharbhainn fèidh
air garbhlach fèin ’s mi ’m òigear;
bhuailinn beum is ghearrainn leum 15
is dhèanainn feum an còmhrag.
Ach nise ’s seann fhear crùbain mi –
mo dhùrachd gun till òige –
is riumsa their na caileagan
“Bi ’fanachd bhuainn led bhòstan!” 20
[Beurla]
[Albais]
381 [Thàin ’ Trath- nòin]
[drafts]
Dè do bheachd air èirigh
lainnireach na grèine?
No dè do bharail air a laighe,
’s latha seachad ’s lèirsinn? 4
Is ann mar sin dhomh fhèin e
a-nis, bhon chiar mo speuran.
Mo ghrian bhoillsgeach theich ro oidhche,
’s oillt an deaghaidh èibhneis. 8
Rim mhadainn b’aotrom, mear i,
mo chas, air fraoch nan leathad.
Fàire òg mo là bu deònach.
Thàin’ trath-nòin ’s is sean mi. 12
O mhochthrath gu tràth feasgair
na cnocain is na creagan –
Slia’ mo luaidh cha tig a-nuas
’s cha tèid mi suas am-feasta. 16
Chan fhaic mi thu, a Chaolbheinn,
a-nis on dh’fhàs mi aosta.
An àite chnuic an tàmh ’s a’ chruit
’s ceum tuisleach chasan caola. 20
[Beurla]
382 Air Leathad Slèibhe
Air leathad slèibhe ’s an Cèitean ann,
’n àm dùsgadh eunlaith len èigheach fann,
a’ ghrian ag èirigh, ’s mo chridh’ ag èirigh,
’s an dealt ag èirigh bho fheur ’s bho chrann. 4
B’e ’n sòlas àraidh bhith ’n làthair shliabh
is dreòs na fàire an-àird a’ triall,
eòin an fhàsaich rin ceòl beag tràthail
air lòn ’s air àilean a-bhàn, ’s air riasg. 8
Tùis is boladh aig roid nan còs,
aig fraoch air cnocain mholach chòrr;
fonn ciùil aig osnaich chiùin na h-oiteig,
’s i ’dùsgadh mochthrath air monadh ’s sgòrr. 12
Guileag chrotaig, ’s i moch air sgèith
os cionn a’ mhonaidh, a’ dol na sèis;
cùirnein solais air chùirnein solais
an driùchd air fochann, air roid, air gèig. 16
Air leathad slèibhe ’s an Cèitean air,
’n àm dùsgadh eunlaith len èigheach mear;
driùchd air gèig ann, air flùr, air feur ann,
’na smùid ag èirigh ri grèin san ear. 20
[Beurla]
[TD 437- 439]
[Albais , Beurla]
386 Over the Isles to America
Null Thar nan Eileanan dh’Ameireaga
(ruidhle)
Null thar nan eileanan dh’Ameireaga gun tèid sinn.
Null thar nan eileanan dh’Ameireaga gun tèid sinn,
Null thar nan eileanan dh’Ameireaga gun tèid sinn;
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 4
Saoil thu ’n tèid mi leat thar a’ chuain bheucaich?
Saoil thu ’n tèid mi leat thar na mara cèine?
Ghaoil, gun tèid mi leat thar a’ chuain bheucaich,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 8
Null anns an eilthireachd dh’Ameireaga gun tèid sinn.
Null sinn nar n-eilthirich! Dh’Ameireaga gun tèid sinn.
Null anns an eilthireachd dh’Ameireaga gun tèid sinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 12
Saoil thu ’n tèid mi leat thar a’ chuain bheucaich?
Thèid mi cuide riut, ’s cha bu ruith ach leum sin.
Ghaolain, thèid mi leat fada gu tìr chèin ann,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 16
[Beurla]
Null anns an eilthireachd nar n-eilthirich gun tèid sinn.
Null sinn nar n-eilthirich! San eilthireachd gun tèid sinn.
Null anns an eilthireachd nar n-eilthirich gun tèid sinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 20
Togail bhailtean ann ’s gleann air ghleann ga lèirsgrios.
Far am biodh na laoich, caoraich ann a’ mèilich;
cìobairean is coin sa choirre bhiodh na fèidh ann –
Null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 24
An saoil thu fhèin an tèid mi leat thar a’ chuain bheucaich?
Saoil thu ’n tèid mi cuide riut air druim na mara èitigh?
Thèid mi leat. ’S tu leanas mi ged chreanadh mi gu geur air,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 28
Mo ghealladh seo, is bheir mi dhuit e – fuireach na do dhèidh ann
cha dèan mi. Thèid mi cuide riutsa, ’s chan e ruith ach leum sin.
Beannachd bhuam le tìr nan cnoc. Is soraidh e ’s cha trèigsinn;
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 32
Dùthaich chan eil againn san eilthireachd gun tèid sinn.
Null sinn, ged theirinn e! Dh’Ameireaga gun tèid sinn.
Dùthaich chan eil againn. Nar n-eilthirich gun tèid sinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 36
[Beurla]
Sgur air cur is buain, is buailtean gun sprèidh annt’;
Fògradh agus ruaig air tuath ’s màil gan èigheach;
thèid sinn bho na glinn gu Innseanaich an cèin ud,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann. 40
Null thar nan eileanan, etc.
387 Soraidh an Sgoileir
Seo slàn agus soraidh
le fàsach a’ mhonaidh;
Dhia, cha b’fheàrr leam mar shochar
na na cnocain fam chòir; 4
na tha de sgòrr is de dh’aonach
eadar òrdag ’s a’ Chaolbheinn,
a’ mhòinteach ’s am fraoch
air an aotrom a’ bhròg. 8
Mi ’dol bhuaith sin gu Sasainn,
’s chan ann luath a bhios m’astar,
gus na duain anns an Laideann
is gu eachdraidh na Ròimh, 12
is gu Hòmar ’s gu Greugais.
Seo mo shoraidh, a shlèibhtean.
Gus an till mi bho chèin ruibh
seo nam dhèidh “soraidh ò”. 16
title | 1983 |
internal date | 1983.0 |
display date | 1983 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |