POEMS 1938– 1940
[Beurla]
[TD 44- 45]
[Beurla]
[Beurla]
43 The Scottish Chelsea or“Ged as fad a-mach Barraigh ruigear e”
[Beurla]
[Beurla]
46 Tìr nan Òg
[Beurla]
[TD 48- 49]
[Beurla]
50 ’S Leam Fhèin an Gleann
[Beurla]
[Beurla]
52 Am Fiann air an Uilinn
[Beurla]
53 Is Coma Leam Cogadh no Sìth
[Beurla]
*55 [Banaltram nam Bàrd]
(trì rainn is amhran)
Banaltram nam bàrd mo rùn-sa,
’s a cuid stiùiridh domhain gu leòir.
Dh’ionnsaich mi le meud mo ghràidh dhi
c’as a thàinig Och och-òin. 4
Their mi gur feàrr na gach naomh i
gu saoghaltachd a chur fo chois.
On dh’iarr mi gràdh ’s a dhiùlt i gràdh dhomh,
thigeadh am bàs – is beag mo thoirt. 8
Chrath i ’ceann, is fhuair mi eòlas
air màthair-uisg’ a’ bhròin ’s nan deur.
Thug i cùl rium, ’s dh’fhàg i glic mi,
’s cha b’e ’n gliocas eutrom e. 12
Ceangal
A bhean lurach neo-chaomh, gad chaoineadh dh’ionnsaicheadh mì.
’S tu thug dhomh bhith naomh ’s an gaol air uirigh sa chill.
Sheall thu dhomh aobhar gach glaoidh a bhuidhneadh o chrì,
is nach cuir thu mi saoghalta, saobh, beò, sunndach a-rìst? 16
[Beurla]
*56 An Gaol a Bh’ann
Leigear an gaol an dìochuimhne,
is dìobrar leis na leannain e.
Nìthear cainnt is coinneamh leo
cleas choigrich fuar’ is aineolaich. 4
Is e ’n dìochuimhne as suaineadh dhaibh,
is e ’n suarachas as fasgadh dhaibh,
’s a’ ghrìosach fhuar gun chridhealas
sa chridh’ a-staigh ga saltairt leo. 8
[Beurla]
58 [Rann Comhairle]
Is olc do dhuine bhith ’na thost,
b’fheàrr an trod na bhith ad thàmh,
oir gheobh càch an cuid den chlos
nuair thuiteas iad ’nan tost gu bràth. 4
[Beurla]
*59 An Dèidh Tràghaidh Thig Lìonadh
[Beurla]
[Albais]
[Albais]
*62 Alba
[Beurla]
*63 An Gaol Cha d’Fhiosraich Mi
(trì rainn is amhran)
An gaol cha d’fhiosraich mi uair –
dè, cha chualas e bhith ann –
ach nise chuartaich e mì
eadar chas, mo dhìth, is cheann. 4
Bean ghuanach a thàlaidh mì;
a sheallas bìth ’s a ceann crom.
Tha ’cridhe corrach fada uam
mar ghaoth chruaidh a’ falbh nan tonn. 8
[Beurla]
Chan eil truas aice rium,
cha do chuir i suim nam chor,
ise ’càradh a cùil bhàin,
mise ’dol bàs air a son. 12
Ceangal
A nighean an sgàthain, is clàr do bhathais mar chèir,
a sheallas nam ghnùis is rùn do chridh’ agad fhèin,
ge tais orm do shùil, cha dlùth do smuaintean ’na dèidh –
cùm agad an t-amharc is aisig mo chridhe làn chreuchd. 16
*64 Is Duilich an t-Slighe
’S tiamhaidh dùsgadh a’ mhochthrath,
’s càch ’nan crùban gu socrach;
làn an dùirn seo a mhosgail ron ghrèin. 3
Dhaoine cridhe, aig ar gainne
chan eil ann duinn sa ghleac seo
ach gach fear a bhith fearail dha fhèin. 6
Chan eil buidheann nar deaghaidh
bhiodh gar stuigeadh air adhart
le moladh ’s le gleadhar ’s le eubh. 9
[Beurla]
Chan eil fodhainn de bhunait
ach dà chois aig gach duine,
b’fheàrr am forcadh is fulang gach beum. 12
Beum teanga ar dùthcha,
beum slat an fhir sgiùrsaidh,
bàs fuar anns na cùiltean gun sgeul. 15
Ghabh sinn toiseach an àtha,
nì na sheachain e gàir’ oirnn,
seal san t-sruth ’s bidh a ghàirich nar dèidh. 18
Och on dhiùlt mi an gàbhadh,
’s a rinn mi stad aig beul àtha,
tha mo chridhe ga chnàmh gu ro-gheur. 21
Ach a chuideachd na seasmhachd,
moladh beò cha do mheath sibh,
ged a choisinn mi masladh dhomh fhèin. 24
Nuair a ghlaodhas mi ’n ath-uair
le mòralachd fhacal,
bidh mo ghnìomhan, mo ghealladh, dan rèir. 27
Mo chompanaich ghaolach,
thuit iad bhuam air gach taobh dhiom,
is dh’fhàgadh ris mi sa chaonnaig leam fhèin. 30
[Beurla]
*65 Ceithir Gaothan na h-Albann
M’oiteag cheòlmhor chaoin ’teachd deiseil nam bheitheach Samhraidh i,
mo stoirm chuain le dìle ’cur still ’s gach alltan domh,
a’ ghaoth tuath le cathadh sneachda nì dreachmhor beanntan domh,
a’ ghaoth tha ’g iomain m’fhalaisg Earraich ri leathad ghleanntaichean.
Duilleach an t-Samhraidh, tuil an Dàmhair, na cuithean ’s an àrdghaoth Earraich i; 5
dùrd na coille, bùirich eas, ùire ’n t-sneachda ’s an fhalaisg i;
tlàths is binneas, àrdan, misneach, fàs is sileadh nam frasan i;
anail mo chuirp, àrach mo thuigse, mo làmhan, m’uilt is m’anam i.
Fad na bliadhna, rè gach ràithe, gach là ’s gach ciaradh feasgair dhomh,
is i Alba nan Gall ’s nan Gàidheal is gàire, is blàths, is beatha dhomh. 10
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
*67 Na Baidealan
Neòil iongantach gan càrnadh suas
le ruaim ghàbhaidh ’s tòcadh borb;
turaidean treuna, tùir làn pròis,
brataichean bagraidh, ceò is colg. 4
Snàgaidh rompa duibhre ’s oillt,
’s na dealain bhoillsgeach ast’ a-nuas;
slaodar leò an t-uisge glas
’na chùirtein dallaidh trast’ an cuan. 8
Siud tuinn is tìr air call an dath,
gan dubhadh às le steall nan speur,
is Arainn bheàrnach uainn fo chleòc –
glòir uamharr e de ghlòiribh Dhe. 12
[Beurla]
*68 Grunnd na Mara
“Tha iad ann an grunnd na mara,
is cha b’e siud an rogha cala” –
rug siud orm o dh’fhalbh mo mhacan,
an cuilean a bhithinn ga thatadh,
a dhèanadh gàire na mo ghlacaibh. 5
Thàinig an seann sgeul air a chasan.
Tha an speur a’ ciaradh mu fheasgar,
goir aig na h-eòin air na sgeirean,
geumnaich a’ chruidh a’ teachd dhachaigh,
èigheach nan giullan anns a’ bhaile, 10
’s mi ’m thurraman leam fhèin mun chagailt,
a’ smuaineachadh air na bh’agam.
Chì mi do chòta air an tarran,
is, och! an taigh gun fhuaim, gun fhacal,
an stairsneach nach bi fuaim chas oirr’, 15
an seòmar fàs ’s an leabaidh fhalamh.
Mas e an osna thèid fada,
cluinnear m’osnaich far an laigh thu
nad chadal luasganach san fheamainn,
’ s na fuathan a’ sìor dhol seachad, 20
cruthanna aognaidh na mara!
Am marbh a’ bruidhinn:
“Èist, a bhean, is na bi rium,
is truimide mo dhìol do bhròn;
[Beurla]
sgàin is leagh an long for buinn –
thriall an cuimhn’ an cois an deò. 25
Lunnainn a mharbh mi,
a mhill an t-sùil nach fhaca i.
Theagamh gum b’aithne dhomh thu,
sgùr an sàl mo chuimhne nis.
Tha mi air sabhd sa chuan mhòr; 30
bu Dòmhnall mise an-dè.
Laigh do ghul orm ’na lòd,
ge b’e cò thu, a bhean, èist.”
Mo losgadh, mhuinntir nan Eilean,
is daor a phàigh sibh mòrachd Bhreatainn! 35
[Albais]
[Beurla]
[Albais]
[Beurla]
[Beurla]
*72 Fuar Fuar
[Albais]
73 Am Maraiche Gàidhealach sa Chogadh
Is iomadh oidhch’ air bheag socair,
eadar Lochlann is Sealtainn,
a thug mi ’marcachd nan sùghan,
a’ ruith nan spùinneadair falaich; 4
cha b’e fuaim nan tonn copach,
’s i ri postadh ’s gan sadadh,
a bha nam chluasan san àm sin,
ach dùrd an alltain sa Ghleannan. 8
Eadar Narvik ’s am Bùta,
a’ falbh nan sùmainn ’nan sreathaibh,
is sinn a’ cliathadh an liathchnaip,
ag iarraidh na creiche; 12
gaoth tuath ann, sneachd dùmhail,
muir a’ brùchdadh a-steach oirr’ –
chìthinn na sùghan geal deàrrsach
mun Gharbhaird a’ spreadadh. 16
Ged a leanainn an streup seo
gu cùl na grèine thar mara,
le gach stuadh a’ sgoltadh
a th’eadar Lochlann ’s an Aifric, 20
bhiodh bàghannan m’eòlais,
is mi ’seòladh air m’aineol,
a’ cur aighear fo m’inntinn,
’s gam chumail dìreach ri anuair. 24
[Beurla]
74 [Brang air na Sasannaich]
Cuiridh sinn brang air na Sasannaich,
sparraidh sinn glas air am beulaibh,
cuiridh sinn brang air na Sasannaich,
brang air na Sasannaich, glas air am beulaibh. 4
’Illean, on chaill sinn deagh chleachdainn ar n-athair,
chaidh a h-uile rud tarsainn nar dùthaich bhig fhèin oirnn;
thigeadh na spadairean, chuireadh iad dhachaigh iad,
thurraich air tharraich a’ gabhail ratreuta. 8
Dh’fhàg iad ar dùthaich ’na caile sna cùiltean,
tromcheannach tùrsach ’s a h-àlach ga trèigsinn,
mheall iad le cùinneadh i, rinn iad a spùilleadh,
ghàir iad is thionndaidh iad uaipe gu h-eutrom. 12
Ged bhiodh iad ri feadail cha ruith sinn mar mheasain,
ealamh gu claisteachd nuair chuireadh iad feum air;
is coma leinn spaglainn nam fear a chuir falamh i,
seasaidh sinn daingeann ged chrathadh na speuran. 16
[Beurla]
*75 Alba Ghaoil Ò
Ged tha thu nis bochd ìseal,
Alba ghaoil ò,
bidh sùil is seirc gach tìr’ ort,
a mhùirneach chaomh ò. 4
Ged tha t’aodach dìblidh,
càirear gùn den t-sìod’ ort.
Thèid thu a-mach fo uidheam rìoghail,
a Alba ghaoil ò. 8
Chaidh t’ainm ’s do chliù a dhìtheadh,
Alba ghaoil ò;
is suarach t’àit is t’ìre,
a mhùirneach chaomh ò; 12
ach togar leinn a-nìos thu,
òlar fhathast fìon ort,
is gheibh luchd t’fhuath’ an dìol dinn,
a Alba ghaoil ò. 16
Is fheàirrde tàir a dìoladh,
Alba ghaoil ò;
b’e ’n troich a ghabhadh dìmeas,
a mhùirneach chaomh ò. 20
Cha b’àbhaist dhuit bhith cìosnaicht,
is mithich dhuit bhith ’dìreadh,
mosgail do sheann innsginn,
a Alba ghaoil ò. 24
[Beurla]
76 [Alba Àrsaidh]
[fragment]
Alba àrsaidh ghleannach ghorm,
choillteach, tholmach, mhachaireach,
Alba iongantach, mo stòr,
’s tu thug beò ’s a dh’altraim mi; 4
b’òg a sheas mi air do shon,
’s mo chridhe goirt mar thachair dhuit,
bhon thagh mi thu tha ’m fraoch fom cheann,
’s a ghaoil, nach seall thu fasgadh dhomh? 8
77 [Sgairt Mo Dhaoine]
[incomplete draft]
Sgairt mo dhaoine ’s am mòrachd,
am fialachd ’s an tròcair,
thug na bliadhnachan leò siud ’s b’e ’m beud. 3
Cha do sheall sibh [ ]
is sibh a shealladh gu h-ìosal,
brù is sporan a’ sìor ghabhail rèim. 6
Cearcan sgròbain rinn cumasg
ach cò bu mhò dhèanadh trusadh –
thèid bhur stòras ’na dhuslach nur beul. 9
[Beurla]
Leig sibh srian le luchd fòirneirt,
cha do chaisg sibh an dòrn ac’ –
bidh e dùinte for sròin gu bhur n-èis. 12
Bhon a ruaig sibh na b’fhiach dhibh
a-mach gu iomall na h-iarmailt
tha sibh airceach bochd crìon air bheag spèis. 15
Na h-òga do-chìosnaicht’
a phut an t-àr às an tìr seo,
is ann tha dubh phrasgan dìolain ’nan dèidh. 18
Na coimhich a b’fhiù leibh
air na mhill sibh bhur dùthaich,
fastaidh iadsan mar chù sibh air èill. 21
*78 Còmhradh nan Rubha
[Beurla]
[Beurla]
79 Òran a Rinneadh ann an Ainm Fir Eile
A hill òro och is ochan,
thrèig an comann a bha treis ann,
a hill òro och is ochan.
Chaidh an gaol gu snìomh ’s gu fuachd oirnn;
a chridh’, bu luath a thrèig an t-seirc ud. 5
Chùm mi mach gun robh mi coma,
’s mi gam bhrodadh le rinn sgeine.
Thuirt gum bu choingeis leam siud,
’s dubhan teann am chliabh air greimeadh.
’S ann tha stobadh fo m’aisnibh; 10
cha dèan cainnt no bòst a leigheas.
[Beurla]
Thug thu guin dhomh fhèin ri ghiùlan
gach àit an tionndaidh mi fo m’eire.
A chinn duibh is ’aghaidh ghaolach,
cò shaoileadh mis’ is tu bhith ’deasbad? 15
Cò chunnaic àmhghar riamh air domhan
mar sheann chomann ’dol air deireadh?
Mo shùil ri gàire ’s ri suairceas,
thug thu sùil shuarach rathad eile.
*80 Cuimhneachan do Ealasaid agus Anna NicMhaoilein
Is ann ’nan laighe an Cill Aindreis
tha dithist bhan a dh’altraim mì,
mnài chuir maise air a’ bheatha-s’ ,
ged bu sean iad, len cuid gnìomh; 4
Ealasaid maraon is Anna,
bha iad farsaing, caomh, neo-chrìon:
thug iad saoghal mòr ri fialachd,
is thug aon bhliadhna iad don chill. 8
[Beurla]
Uaisle ghiùlain, cainnt bu chiùine,
suairceas, sunnd is cridhe mòr,
cò a shaoileadh mnathan aosta
a bhith ’nan aobhar ioghnaidh leò? 12
Mar sin bha Ealasaid is Anna,
le sgairt a fhreagradh don aois òig;
bha seann fharsaingeachd nan Gàidheal
a-rìst ’nan gnàths a’ tighinn beò. 16
An seann saoghal còir bha ’nochdadh
riamh tromhaibh anns gach ceum
feumaidh sinn a ràdh, mo thruaighe,
gum “b’aisling uaireigin è”. 20
Is math a bhiodh sinn dheth, a dhithist,
nam fàgadh sibh mar ghibht nur dèidh,
’s nam faigheadh daoin’ an t-saoghail ghoirt seo,
leth nan sochair bh’annaibh fhèin. 24
Cha do chrom thu ceann no inntinn,
Ealasaid, gu rud crìon nach b’fhiù;
is Anna phàirteach ghaoil an t-sonais
làmh no doras cha do dhùin. 28
Chì mi thu fo fhiamh a’ ghàire
a’ roinn air càch air ceann do bhùird,
’s ma tha thu fhathast mun t-seann àite
is spiorad fàilteach, coibhneil thù. 32
[Beurla]
*81 Aonarain na Cille
Ochan, aonarain na cille,
gach aon ’na ionad fhèin fa leth,
’na thighearna air taigh gun tathaich
far nach dèanar farraid air. 4
Chan èirich grian ann no reul,
cha tig neul no fras no gaoth,
gormadh an là no ’n dùthrath,
sìth no ùspairt, gràin no gaol. 8
82 Teisteas Mhic Iain Deòrsa
Nach seall sibh a’ chraobh ud
’s i ag aomadh gu tuiteam?
Dheòl a freumhan ar brìgh oirnn,
ach nis chrìonaich a duilleach; 4
chaill i ’greim anns an talamh –
fuich, b’e ’n dallan gun tuigsinn
dhèanadh suidhe fo ’sgàile
is a’ bhàrrgheug air udal. 8
[Beurla]
An cuileann cruaidh, craobh nam mollachd
nach fàs fochann ’na sgàile,
a sgaoil thar iomall an domhain,
is seacadh fodha ’s gach àirde, 12
is teann a spàrr e na freumhan
a thraogh fèithean gach àlaich,
ach thig fàs air fonn goirticht’ –
tha e bogadh, a chàirdean! 16
Gu dè as cleachdadh do Shasainn?
Siuthad, farraid an Èirinn;
no thig freagairt an fhuathais
à iomadh uaigh an tìr chèin ort; 20
greas is feòraich sna h-Innsean
feuch an innis iad sgeul duit:
och, is farsaing an eachdraidh,
’s truagh mar chreach iad an Èiphit. 24
Rachadh an talamh air udal
nan robh guth aig na cnàmhan,
is iad ag èigheach ’s a’ tagairt
na rinn Sasainn de chràdh orr’: 28
guth Uallais chaidh shracadh,
guth Ghilleasbaig, guth Màiri,
gàir nan leòint’ air Cùil Fhodair,
glòir na gort’ ann an Dàrien. 32
[Beurla]
Cha do chaochail iad nàdar
is iad gur tàladh le bruidhinn
gus am faicear bhur sreathan
fon chlò lachdann ’s fon ghunna. 36
Siud an trù chaidh a chealgadh
’dol ’na armaibh gu duineil,
feuch a shùil air an fhàire
is a nàmhaid aig ’uilinn. 40
Och bhuainn e dhaoine!
Nach do thaom sibh ur cuislean
anns gach dùthaich fon iarmailt,
ri breun riasladh ’s ri murtadh? 44
Is na Sasannaich stràiceil
a’ marcachd àrd air bhur muineal,
’s ann an deireadh gach tuasaid
is beag a fhuaireadh ga chionn leibh. 48
Cha deic na bh’againn de ghòraich,
b’fheàirrde crònan a’ chait sinn – ’s ann da fhèin, mar a theireir,
bhios a cheilear ga ghabhail. 52
Is ma thogas sinn gunna
’s ma bhios buillean gan tarraing,
’s ann duinn fhèin is do dh’Albainn
a dheargar ar n-acfhainn. 56
[Beurla]
An e ’chrùbadh san làthaich
am sglàbhaiche aca?
Ghin m’athair-sa saor mi
is cha d’fhoghlaim mi gealtachd. 60
Ged bu toigh leo mo shracadh
is a’ ghreallach thoirt asam,
’s iomadh beinn a tha ’m dhùthaich – ’s am bithinn ùmhal don phaca? 64
Bidh sinn sealan gar ruagadh
feadh nan uaimh is nan dùslainn,
ach thig là a bheir teisteas
gun robh ceartas nar cùrsa; 68
is ma thèidear gu buillean
’s mi bhuidhneas sa chùnnradh –
chan fhaigh iad ach mise
’s gheobh mi dithist no triùir dhiubh. 72
B’fhada ìosal sinn, fhearaibh,
tha ’n t-àm againn bhith dìreadh;
’s och, na leigibh an dearmad
ar n-Albainn bhochd dhìleas, 76
ach forcaibh ur casan
’s cumaibh carraid ri mìltean,
is seasaibh gu daingeann,
is daibhsan na strìochdaibh. 80
title | 1938–1940 |
internal date | 1939.5 |
display date | 1938-40 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |