[78]

POEMS 1942– 1944

*83 Casan Sìoda

Air tilleadh dhachaigh feasgar dhomhs an teine acur ruaim dheth,
chunnaic mi an creachadairna laighe socair suaimhneach;
chan fhaicinn ach an druim dheth, fionnadh dubh is bàrr a chluasan
fhuair mi Casan Sìodana shìneadh anns an luaithre. 4

Siud thusa na do chuachaig gun smuain air làimh do bhiathaidh,
nad stidean leisg, mi-thaingeil, làn aingidheachd is mialaich.
Bolc gu leòir nad phiseig thu, droch stic nam prat -rianail,
ach nis is làn-chat feusaig thu, a rèir na chaill mi dhiasg leat. 8

Sealgair nan trannsa is fear rannsachaidh nan cùiltean;
Òrd nan Luch gan tòireachd le do chròcan, ’s cha ben sùgradh;
Freiceadan Dubh gach tollaig, is tu roimpe na do chrùban;
ceatharnach sa chidsin na measraichean a sgrùdadh. 12

[Beurla]


[79]

“ ’S e Spògan Sròil a bathair dhuit, fear caithreamach na h-oìdhche,
a fhuair ri Coiseachd Chlùimh thu, bean chiùin a bfhaide ìghnean.
Fhuair thu do thogail leis aghoid, ’s cha bann gu dìomhain – ’s nach olc an sgoil a thug iad dhuit, a mhurtair nan eun bìdeach? 16

Chan eil gealbhonn no smeòrach o Ghleann Crò gu ruig Loch Fìne,
lon-dubh no gobhlan gaoithe o Àrd Laoigh gu Gleann Sìora,
chan eil eireag bheag no luchag, no eun guir am preas san rìoghachd,
nach eil airfhaicill roimh do spòganoch-òin, a Chasan Sìoda! 20

Seachain an aosta le a chraoss a shùilean gruamach;
thugad bean na còcaireachds aphòitna làimh gu bualadh;
seachain an cat buidhe ud, laoch guineach air leth-chluais e,
no bheir e Inbhir Lòchaidh dhuit, mo Spògan Sìoda uallach! 24

Seo rabhadh dhuit, a mhic ud, is na leigear e an dìochuimhn’.
Nuair thig mi dhachaigh anmoch leth-mharbhs air mo mhìobhadh,
ma gheibh mi na mo chathair thu, o seallaidh mi le cinnt dhuit
nach persona grata thu, a ghràidh, a Chasan Sìoda.” 28

[Beurla]


[80]

*84 Rabhadh

Na bi nulls a-nall, a bhean;
thoir fa-near nach measan ,
s tu ga theumadhs ga chur suarach,
ga smèideadhs ga ruagadh a-rìst. 4

Aotrom, dubhach, loisgeach, fionnar,
inntinn eadar fuireachs folbh;
bioradh beag on chogais chursta,
seal eile tfhuilna lasair bheò. 8

Cha leanabh mi is tu ga bhreugadh;
cha dèideag mi no peata bog;
tha geatiarainn air mo chridhe,
a chrannas mi a chlisgeadh ort. 12

Mas cluich leat a bhith coimheach fuar rium,
a bhith cruaidh bu shùgradh leinn;
thig thu a dhòl às an fhuaran,
s gheibh thuna uachdar an deigh. 16

[Beurla]


[81]

*85 Sguabag 1942

Chan àm caoinidh seo no osnaich,
àm gu brosnachadhs gu sùrd,
àm gu deachdadh, cainnt is òrain,
àm gu dòchas is gu dùil; 4
àm gu bòrcadh, snodhach, sùgh,
àm gu gràbhaladhs luchd ciùil,
àm gu smaointean, sunnd is gàire,
àm gu beathas fàs as ùr. 8

Chan e seo ach stoirm an Earraich,
a sguabas sneachd aGheamhraidh uainn,
bean ghlùin neo-thruasail aChèitein,
Sguabag gheur lemeuraibh cruaidh. 12
Is i as dèine dhèigheas fuachd,
sneachdna dèidhna rèis gu cuan – ’s a h-uile crann gun smuaisna shlataibh,
lighan Earraich a ghrad bhuain. 16

Seann mhaide mosganach an t-saoghail,
crìonach aostagrod san ùir,
slatan nach cùm taic ri daoine,
is iad afaoisgneadh às an rùisg; 20
thèid an sgaoileadh mar le sùist
air glas aodann nan sruth dùr;
bheirear rùm don ùr fhàs aobhach
a caoin an Samhradh ciùin. 24

[Beurla]


[82]

*86 Fàire MÒige

Siud e mfhàire san Earrach is crìochan mo fhradhairc sa Chèitein,
tràth thilleadh gealghrian amhochthraths a h-uilinn sna cnocain ag èirigh,
cnoc air muin cnuic anns aCheathramh, mullaicheans leacainnean èibhinn,
gualas guala bhòidheach, na tomain an Còmhals na slèibhtean,
uchdach air uchdaich adòmhlachadh, aonach is mòinteach nam fèithean. 5
Seall, Sliabh Gaoil asìneadh san ògsholas fhìondhearg ghrèine,
rogha is taghadh nan sliabh, beinn sheilge Dhiarmaids na Fèinne,
druim fada mìn air dheagh shnaidheadh mar bhalla a chasgadh na sèisde,
asruthadhna shliosans ag aonadhna ruigheachan faon ris an rèidhlean.
An rìgh am meadhan a shluaigh, deagh bhuachaill am meadhan a threudan10
còir gach rìgh sins a urramna àite suidhe is èirigh;
seasadh a mhuinntir deas air is clì air ag amharcs ag èisteachd
an cridhe na h-àirde tuath siud Cruachan Beann fo bhrèid ghil,
stuadh achìrein àrdghilsìor bhriseadh air fàires leus deth.
Be sin clach-tharraing mo shùla, an casthonn trìcheannach glègheal. 15

[Beurla]


[83]

*87 [Duilleach an Fhoghair]

(trì rainn is amhran)

Duilleach an fhoghair a chaidh às,
fochainn an earraich seoteachd trìd;
na sgap abhliadhna is imeath,
abheatha ùr a dhfhàsna cill. 4

Thug thusa cùl ri tòige fhèin
nad Chèitein blàth le claonadh glic.
Nuair thuiteas do dhuilleach donn
feuch nach trom achuimhne sin. 8

Fuar do ghliocas, aghaidh dhonn,
thoirt car-mu-thom dod bhith le moit.
Breithnich ciaradh gach ,
s an dàimh a thagras an ùir ort. 12

Ceangal
Saobh ghliocas sheann ùghdar a thùraich faoineas an-,
a chuir thusa an-diugh o tiùl an ceannairc riut fhèin.
Dhiùlt thu an sùgradh, is dhiùlt thu baileach mo bheul.
Biodh agad, a rùinach is dlùth an talamh don chrè. 16

[Beurla]


[84]

[Nirribhis]

[Beurla]

[TD 85- 94]

[Fraingis]

[Beurla]


[95]

*100 Fhearaibhs a Mhnài na h-Albann

Fhearaibhs a mhnài na h-Albann,
stoc gailbheach mo ghràidh,
sluagh nach gabh saltairt
is nach saltair air muin chàich;
a chridheachan nach marbha, 5
guma fairge sibh nach tràigh
am bailteans glinn na h-Albann,
air a garbh chnuics a blàir.
Fearann mo shinnsre Alba,
clann Albann mo dhàimh, 10
mfheòil is sùgh mo chridhe sibh,
mo mhisneachs mo dheas làimh.

Seann dùthaich ghorm nam bidein,
is i thug bith dhuinns a thug brìgh;
is garbh, is geanail, coibhneil i, 15
s i toinntes gach aon dhìnn;
air amhachair, air na monaidhean
dheoghail sinn a cìoch;
mas Goill, a ghaoil, mas Gàidheil sinn,
dhàraich ise sìnn. 20
Fearann mo shinnsre Alba,
clann Albann nach strìochd,
mo bhiadh, mo dheoch is manail sibh
chan fhaic mi sibhse sìos.


[96]

*101 [Rann fo Chraoibh Orainse]

An dèidh coiseachd beanntan Tùnais,
is sìoda chùbhraidh bhur cnuic gharbh.
An dèidh cluinntinnAllah! Allah!”
is guth meala leam bhur sailm. 4


*102 Athair nan Cluas

O Sfax gu Casablanca
chan eil rathad garbh no rèidh
air nach fhaicear thu gad chosnadh
le cnàimh do dhroma chur gu feum. 4

Fo chuail cheithir tunna,
s tu atuisleachadh fon luchd,
is do bhiorain spàg gan lùbadh
aig an dùn a thair do dhruim. 8

[Beurla]


[97]

Udnìn, nach eil na cluasan
as suaicheantas dod threubh,
cho fada ris an fhaighidinn
a thug Allah dhuit mar sgèimh? 12

Is iomadh Arabach mòr, sultmhor,
is do dhà uiread ann gu lèir,
a dhèigheasGaodam!” (Bi air taghaidh!)
ga do shlacadh gus an fhèill; 16

Air a shuaineadhna bhurnus,
is a chuifein gaoilna bheul,
isuile bhathar air a thorradh
roimhe isna dhèidh. 20

Air bhith tric agabhail beachd ort
is e mo bhreith – ’s is math breith mhall
gur cochur thu nan eileamaid
a leanas san ath rann: 24

Paidhir chluas is ceithir chasan,
faighidinn is peall,
fichead punnd den ùmhlachd
is unnsa den stailc. 28

[Beurla]


[98]

*103 Brosnachadh

Alba ghràidh, thoir crathadh ort
le braise, ’s tuig na thann;
tha cas gach glaoic air tamhaich-sa,
s do bheatha geal an geall: 4
s nach searbh an sgeul air tiomchar e,
s e iomraiteachs gach ball,
gun daithnich càch mar chaochladh ort,
do dhaoine bhith cho fann? 8

Och Alba, mas em bàs a thann,
s mas cnàmhadh dhuit ad shuain,
mas crìonadh le caoin shuarachas,
gur fuar achrìoch dod shluagh. 12
Am fàg thu do na ghràdhaich thu
s lem bàill thu a bhith suas,
ach gul ri àm do ghiùlain-sa
is tionndrainn uapsan uaigh? 16

Ach gu ma h-e nach fhaicear sin:
bidh lasair mar ri leus,
s tu fhèin ad shlèibhtean falaisge,
is glanadh roimp’ ’sna dèidh; 20
on Pharbh gu muir na Maoilannad
bidhchaoir ud suas ri speur,
s is iomadh tighearns coigreach
theirOitair chorraig chreucht’. 24

[Beurla]


[99]

*104 An Cnocan Fraoich

Och, a chuideachd ghràidh sa bheil fuil nan sàr,
feuch achuing air a càramh le làmhan nan daoi,
is ar sealbhachd àrsaidh asearg mu làr,
is tost nam bailtean fàis air ar Cnocan Fraoich. 4
cheud bliadhnas an còrrmar a dhiarradh daonnan leò
fhuair iad iall mu n-ar còirichean, teann is caol.
Chaidh ar creic air òr anns aBhargan Mhòr,
is leag iad an dubh chròg air ar Cnocan Fraoich. 8

Am BliadhnaPhrionnsanan rangaibh dlùth
theann na lasgairean le dùrachd an tìr a chur saor;
a h-uile math is mith gus na h-èill a bhriseadh,
gillean san robh misneach is cridhan laoich. 12
Chùil Fhodair adol sìos chaidh an dochann air an t-sliabh;
fhuair na Sasannaich am miann orras oirnn maraon.
Sgaoil iad teines crochadh, coin luirg is mort,
geur-leanmhainn is gort feadh aChnocain Fhraoich. 16

Och, mar thrèigeadh gun truas e fo fhèidh is luachair,
s an clàdans an cluarannam bàrr air gach raon;
gun ach mèilich uan anns an Earrach fhuar
far an cluinnte duan air a h-uile gaoith. 20

[Beurla]


[100]

E gun daoine, gun chòmhnaidh, gun ghealbhan, gun cheòl,
is na h-allmharaich ri spòrs air le gàire faoin;
s e cho aonranach, brònach, aognaidh, dòite
ri aon chnoc san Eòrpa, ar Cnocan Fraoich. 24

Tha en dàn don linn seo na h-èill a chur dhinn,
às na banntaibh dìomhair gar cur fo sgaoil.
Is na biomaid dìomhain, ach siuthad ri gnìomh
le duinealas is dìlseachd dar dìleab aost’. 28
Bidh abhratach ghorm is gheal astoirmrich ri gath,
mar a bha i ann o shean, Crois ar n-Ainndreis Naoimh.
Far an robh cromadh cinn cluinnear coireal binn,
is aphìob ga seinn air ar Cnocan Fraoich. 32

Bidh bàigh an speur ris is fàbhar Dhè,
is togar dhethna dhèidh sin dreach lom an aoig,
le bruthainn ghrèine is bog dhealt Chèit,
chuireas snodhach anns gach gèig air ar Cnocan Fraoich. 36
Gum bi fàs agus beathana bhlàth lagain fhasgaidh,
snàmhaidh smùid a theallach mu bhàrr nan craobh;
is bidhòigridh cheutach tràth-nòin ag èisteachd
ri ceòlan eunlaith ar Cnocain Fraoich. 40

[Beurla]


[101]

105 [Bail ’ Ìomhair]

(trì rainn is amhran)

Is uasal leibh bhur saobhadh mhèirleach,
màthair ghuir nan ceudan àr;
ma tha e sluaghmhor, ainmeil, rìoghail,
tha BailÌomhair an tost abhàis. 4

Thog sibh bhur lùchairtean àlainn
le clachaibh ar làrach fuar.
Am fuil phrìseil bhlàith ar daoine
bhàth sibh saorsa nan sluagh. 8

Is e bhur buannachd ar calldachd,
is e bhur n-alladh cleith ar n-ainm,
is e bhur n-uabhar ar cinn chroma,
is e bhur tromalaighar fearg. 12

Amhran
Le sprùidhlich nam balla a bfhasgadh dor sluagh o thùs,
thog sibh bhur n-aitreabh, a chlachairean slìom nan lùb.
Bann air cuirp ar fear dàna, a chàrnadh leibh glùn air ghlùn,
a rinn sibh am màrsal gu stàtail gu cumhachd is cùirt. 16

[Beurla]


[102]

*106 Dleasnas nan Àirdean

Abheinn dhorcha fon dìlinn,
ris na sìontanna h-innein,
tha sìor shèideadh ma creachann,
tha sìor cheathach ma sliosaibh; 4
is doirbh fo na casan
a h-aisridhean snidheach;
is seasgar ma bonnaibh
taighean, gortan is liosan. 8

Dheònaich beagan an sàrach
tric los càch a bhithblasad
air an t-sonas chaidh bhuinnig
ri uchd Chumhachdans gaillinn. 12
Sgal na gaoithair amhullach,
deò cha chluinnear sna srathaibh.
Is e tuairgneadh nan àirdean
a bheir sàmhchar don ghleannan. 16

A òigridh mo dhùthcha,
an e ciùine nan rèidhlean,
fois is clos nan gleann ìosal,
air an dìon on gharbh shèideadh? 20
Biodh bhur ceum air amhullach,
is bhur n-uchd ris na speuran.
Dhuibh sracghaoth nam bidean,
mun tig sgriosna bheum slèibhoirnn. 24

[Beurla]


[103]

107 [Rinn Sibh Cuan …]

Rinn sibh cuan de dheòirs de fhuil,
s a stuadhan tiugharuiths abòcadh.
Feuch a-nis, a làmhan lapach,
an tèid agaibh air a sheòladh. 4

Bhur beul sìodas bhur làmhan mìne
(is ruadh for n-ìghnean sal na feòlachd)
tha sibh air lobhadh, air lobhadh,
ge dàicheil othail bhur n-òraid. 8

Thig Saorsas Ceartas gu slìogach ungta
nan srùileadh crèisor slugan ròiceil.
Tha iaddol fodha sna ceithir àirdean
an srùileadh àir aghaorr a dhòirt sibh. 12

Thèid bhur long spùinnidh o stiùradh.
Than taoim air feadh a h-ùrlair lòdte.
I trom le pròis is le plunndrainn,
s na tuinn a dhùisg sibh ma bòrdaibh. 16

Iruith o chuan nan sluagh a reub i,
gu sgeirean geur nan Stàitean mòra.
Feuch a-nis, a làmhan lapach,
an tèid agaibh air a steòrnadh. 20

[Beurla]


[104]

*108 An Ceangal

Seadh, chaith mi mo thìoms mo dhìcheall ri dàin, fhir chòir,
gan snaidheadhs gan lìomhadh sa bhinn chainnt is àrsaidh glòir,
an Dùn Àd a thug binn, is an Ì a rinn cràbhadh fòil,
a labhair mo shinnsres na rìghrean an Sgàin o thòs. 4

Thèid sibh, a dhàin, thèid gu dàna, gun fhiaradh ròid,
ag èigheachs gach àird rim luchd clàistneachd fìor chiall mo cheòil:
Troimh cheusadh is sàrach nan Gàidheal than dian fhuil beò,
is cha trèig iad an làrach gus an smàlar aghrian fa-dheòidh.” 8

title1942–1944
internal date1943.5
display date1942-4
publication date2003
level
parent textPoems and Songs of George Campbell Hay
<< please select a word
<< please select a page