POEMS 1944– 1946
(i)
*109 Mochtàr is Dùghall
(Sgeula-dhàn fada neo-chrìochnaichte)
109.1 [FOSGLADH]
Mhochtàir is Dhùghaill, choinnich sibh
an comann buan gun chòmhradh.
B’iad fraighean an taigh chèilidh dhuibh
an cactas ceuste, leònte.
B’i ’n aoigheachd an dèidh furain dhuibh 5
làn beòil den duslach ròsta.
B’i fàilte an ùr chomainn sin
guth obann, cruaidh a’ mhòrtair.
Am fear a sgrìobh an dùnadh
le bloighean, bùirich ’s ceò dhuibh, 10
Am fear a sgaoil an urchair,
cha bu shuilbhear e no deònach.
[Beurla]
A bhrù gu ’chur gu tuireadh
le droch uisge plodach lòintean.
A shùilean dearg is sreamach 15
le cion cadail ’s an schnapps a dh’òl e.
Is e a’ speuradh is a’ mallachadh
an stùir, an teas ’s a’ chòirneil.
*
A bheil fhios ciod e ’n dubh chumhachd
a chuir cruinn sibh air an sgòrr seo? 20
A stiùir thar bheann ’s thar chuan sibh,
gur cruadhachadh le dòrainn?
Nur triùir – sibh fhèin rinn bràithreachas
’s an làmh a naisg bhur n-eòlas,
A’ sèapail is a’ màgaran, 25
a’ snàgail mar bhèistean feòlachd.
An Gefreit a thug am bàs dhuibh,
’s a thàrr às gur fàgail còmhla,
Dh’fhalbh e crom is gearanach
fo ’eagal ’s luchd a’ mhòrtair. 30
Ghlacadh, ’s an sgreuch ’na mhuineal,
’na fhear cuthaich air Ceap Bòn e.
[Beurla]
“Der Krieg ist Scheiss! Der Führer, Scheiss!” –
b’e sin an Sieg Heil fa-dheòidh aig’.
Ach dh’fhuirich sibh san làrach 35
measg diumàir an debeil chròin seo.
An seo tha ’n “trustar Arabach”
’s an “Rùimi rapach” còmhla.
Am b’e sin a’ chainnt a bh’agaibh
nuair a thachradh sibh sna ròidean? 40
No ’n do nochd sibh daonnachd chaidreabhach
san aiteal am bu bheò sibh?
Daoine nach gabhadh fionnaireachd
le burnus no dath còta?
Nach coma! Air an leathad seo 45
rinn sibh mu dheireadh còrdadh,
Is chan eil foirfeach no marbat
a thearbas sibh le ’eòlas;
Tàileab, iomàm no ministear
chuireas ioghnadh, crith no bròn oirbh. 50
*
Fear-rèite treun is tìoranach
deagh shìbhealtachd na h-Eòrpa!
[Beurla]
109.2 MOCHTÀR
109.2. 1 Bean Mhochtàir is Mnathan an Dùair
A h-uile nì an làmh Allah!
Mharbhadh Mochtàr. Cha tig e dhachaigh.
Cluinnibh, a mhnathan uile an dùair! 55
Chruinnich armailtean nan Rùimi
am falachd uachdaran is dùthcha;
thug iad bruidhinn air an fhùdar
sna beanntan sear am fearann Tùnais,
is bha m’fhear fhèin ’na Thiorailliùr ann. 60
Mar a chomharraich Dia ’s a rùnaich,
ràinig e ’m bad bu cheann do ’chùrsa,
fòd air an amais tràill is prionnsa.
Athair mo chloinne, dh’fheac e ’ghliùnean,
’s chan fhios domh cò a dhùin a shùilean, 65
no cà’n do chàraich iad san ùir e.
Mo bhràithreachan is bràithreachan m’athar,
leughaibh an lorg is siribh adhar
an fhir nach fhac’ e is a spad e!
Fallas bhur làmhan air a chraiceann; 70
geiltchrith a ghuaillean for basan!
[Beurla]
Mo chuimhne! – chan e sin a thachras.
Rinneadh crodh dhinn ri linn m’athar.
Beannachd Allah is A shìth air!
Cha b’e sin an Càifir dìtidh 75
a dhèanadh smugaid air an Fhìrinn,
a dhèanadh mùin air uaigh nan Dìleas.
B’e sin an làmh bha deas gu sìneadh,
’s nach druideadh air ocar nan dìblidh,
’s nach dèanadh cù òtraich a shlìogadh. 80
Beannachd an Tròcairich ’s A shìth air!
Beul nach do bhlais air salchar fìona;
a ghabhadh na h-ùrnaighean gun dìochuimhn’,
còig uairean san là gu h-ìosal
ga shleuchdadh, air ’ionnlaid sa mhodh dhìreach. 85
Anam nach fhairich teintean Ìblis,
nach seachnadh dleasnas Creidmhich dhìlis
leis fhèin ri teas nan raointean sgìthe.
Ge b’fhad’ o shumanadh ’s o innse,
’s o ghuth caol binn a’ Mhuaidìn e, 90
bheanadh a bhathais gu h-ùmhail strìochdte
do dhuslach pronn nan iomair ìotmhor.
Shloinneadh e gach ainm rìomhach
a bh’aig an Fhàidh, ’s gach fàidh san sgrìobhadh,
Maois, Ìbrahìm ’s ar Tighearn Ìosa; 95
gidheadh, am fianais aoin a shìolaich
[Beurla]
o Àdhamh, ge sgàrlaid, àrd a chìrein,
chan fhaicte a’ cromadh a chinn e,
marsanta, tàileab, càid no sìch e.
A ghruaim no ’ghràin, a thlachd no ’mhìothlachd, 100
shealladh e steach an sùilean rìghrean.
Rinneadh ’ionnlaid, ’s cha d’rinn e ùrnaigh:
tharrainn e is cha do thionndaidh.
Tha fùirneis mo chlèibh a’ gabhail
airson mo chèile, stèidh mo thaighe, 105
mo chrodh, mo threudan is m’fhear agairt.
Cha sìn a sgàile air an rathad,
a’ ghrian a’ cromadh ’s e ’dol dhachaigh.
’Na thaigh dìochuimhnichear e fhathast
gun tigeadh e tràth-nòin gu baile. 110
A mhnathan an dùair, leughaibh ar faoineas!
Na biodh bhur n-earbsa às an t-saoghal,
’s gur cealgach, an-iochdmhor, claon e.
Cha taigh seilbh’ e ach taigh aoigheachd.
Seallaibh mun cuairt! Cà bheil bhur daoine? 115
Èighibh is buailibh bhur basan!
Mharbhadh Mochtàr an cèin air ’aineol.
An nì a sgrìobhadh dhà, ’s e thachair.
[Beurla]
109.2. 2 Ahmad
Bha bean an taighe den t-seann fhasan,
ach bha do spiorad fhèin na b’fharsaing, 120
ged bha do làmhan cruaidh, lachdann,
air dhath na h-ùrach, air bheag maise.
Dh’innseadh do sheanair mar thriall ’athair
am feachdan naomhaicht’ Abd al-Cadar
(maitheanas Dhè air! ). A ghunna fada 125
tarsainn air diallaid a chapaill;
crios leathann sìod’ air lìth na fala
mu ’bhurnus geal ga chumail teannaicht’;
dag air an robh an t-òr ’na bhannaibh
a’ nochdadh fodha, deas gu tarraing; 130
a lann Innseanach, ’s ainm Allah
gràbhailt’ air an sgrìobhadh casdhlùth,
an truaill mhìn den leathar mhaiseach,
is càrnaid Thafìlalet mar dhath oirr’.
Air a cheann bha seun nan cailleach, 135
gu dìon a chuim an tiugh nan cathan
o làmhach luath ’s o shàthadh chlaidheamh.
Rola ’na bhroilleach am falach,
air an do sgrìobh an tàileab faclan
an Leabhair Naoimh, is trompa sgap e 140
àireamhan dìomhar an deagh mhanaidh.
[Beurla]
Maitheanas Dhè air Abd al-Cadair!
Nuair a bhriseadh cath is cath air,
’s a rùnaich an t-Aon làn mhasladh
nan Creidmheach, ’s a’ Bhratach Uaine allail 145
ga leagadh, ga saltairt is ga sracadh,
’s a shìobadh mar dhuslach uaith a smala,
thug Aimìr nan Dìleas thairis,
is thill do shinnseanair slàn dhachaigh,
gun chreuchd, ach reubte ’na anam. 150
Chuir e a ghunna am falach
a-muigh, is thaisg e a chlaidheamh
an cist’ a sheòmair fhèin. Mun aisith
riamh ri dùil cha tubhairt e facal.
Lean e fuar, tostach, dùinte, 155
is, air cho mion ’s a dhèante sgrùdadh
’s a leughte reothadh marbh a ghnùise,
a cheusadh cridhe theth cha rùisgte.
Bhuidhinn e rèim air gus an ùine
san d’fhàisg an tìom an smachd ’s an tùr às. 160
Chunnacas e ’s a shaibhlean siùbhlach,
a threudan, ’s e gun fhois, mar ùigean,
feadh àite teàrnaidh na dùthcha,
air an àrd mhachair nach cunglaich
an radharc, ’s a thàirneas toil is sùilean 165
air aghaidh o innis gu innis ùdlaidh
[Beurla]
eadar Batna is Mansùra.
Cha chreidte, is ’fhaicinn bhith measg ùspairt
nan aoghaire, ’s an treud ga chunntadh,
gun do reub e riamh bian nan Rùimi. 170
Ach millidh tìom is sìneadh uidhe
am fulangas as buaine, suidhicht’,
air ’fhaghart am mìle bròn is tubaist.
Mharcaich an aois e, shrian i ’thuigse,
rinn i ’mhac-meanmna a chuipeadh 175
ga chur air bhall-chrith, is e a’ cluinntinn,
ar leis, na mairbh a b’eòl da ’bruidhinn.
Ghearaineadh e a cheann ’s a thruimead,
a tholladh ’s a chreimeadh le gob cnuimhe.
Dà bhliadhna ’na phàilliun thug e, 180
uair an neul is uair air chuthach,
sa chùil bu duirche dheth ’na shuidhe.
Cha ghluaiseadh e làmh san Iuchar
gu ruagadh uaith nan sgaothan chuileag
bhiodh fad an là a’ srannraich uime. 185
Chìte corr uair ’na ghruaidh rudhadh,
is chlisgeadh e le brodadh cuimhne.
Dh’èigheadh e: “Daingneach àrd ar curaidh –
tâh as-sûr! – tha ’m mùr air tuiteam,
mùr Thakideimt!” Is thigeadh gul air, 190
no loireadh e e fhèin san duslach
[Beurla]
a’ guidhe damnadh Còirneil Iussuf,
an Rùimi bhrath a Chreud dà thuras.
Ach nuair a bha e tràighte, breòite,
thaisbein an Tròcaireach A thròcair. 195
Oir, madainn labharghaothach chitheach,
is càch a’ dèanamh deas gu imeachd,
a’ seinn ’s a’ teannachadh nan girteag,
air dha bhith cho fad’ air iomall
a ghaolaich uile, ’na chùis frionais 200
don chuid gun mhothachadh, gun mhionach,
dh’èalaidh e ’na thost, gun lideadh,
à comann Chloinn’ Àdhaimh driopail.
Is e leag Ahmad, ’àirde spioraid.
Nuair as glaine criostal a’ chridhe, 205
mar tha e furasta a bhriseadh!
Rinneadh ’ionnlaid, rinneadh èideadh
ann an gile mhìn a lèine,
air an do fhrois iad uisge seunta
tobar Zemzem, on tìr chèin ud 210
a dh’fhògair am Fàidh is a ghèill dha.
Chaidh a ghiùlan air na dèilean
gu mall, mùirneach gus an rèilig
bu cheann-uidhe do luchd a threuda.
Thog an luchd caoinidh an t-èigheach 215
[Beurla]
am farsaingeachd na machrach cèire,
is mhùch a’ ghailleann, a bu bheus da,
fo chùirtein siùbhlach nan neul e.
Trì chuairt thuit an ùir troimh mheuraibh
an fhir den t-sluagh bu ghile feusag. 220
Thogadh mar chomharra ’na dhèidh sin
an dà chloich fhianais measg an fheuraich;
is dh’fhàgadh ’na laighe leis fhèin e
air a thaobh deas, ’s a bhathais chèirgheal
ri àird an ear. Fhuaradh a Lèigh dha. 225
109.2. 3 Òmar
Sin na chuala thu aig Òmar,
am bithbhriathrach, deasbhriathrach, eòlach
a chuireadh snas is lìth air còmhradh,
a ghlèidheadh fo gheasaibh a ròsgeul
air Deaha ’s air Harùn na Còrach 230
an taistealach, ged b’fhaisg a’ ghlòmainn.
Ghuidh thu air, is thug e ’n còrr dhuit.
Oir stuigeadh e le teas a nàdair
gu fulang mòr sgìos an fhàsaich;
an òige ’s miann an òir ga thàladh 235
[Beurla]
gu sireadh ioghnaidhean troimh ghàbhadh,
is eòlas air a shlighean cràidhte.
Chreic e a chaoraich air na fèilltean,
is chuir e a bhathar ri chèile –
pasgain shìoda fo obair ghrèise, 240
cotan, bratan ùrlair, lèintean,
soithichean umha, copain, seunan,
sgeanan nan cas snaidhte leugach;
burnuisean Shùsa ’s iad cho eutrom
ri lìon an damhain-allaidh ghleusda; 245
fàinneachan adhbrainn ’nan ceudan,
’s am pailteas de gach cungaidh sgèimhe,
an heana, an còhl, luibhean is freumhan;
coifidh is mìlseanan gun euradh,
innealan ciùil is cìrean feusaig 250
agus Coràin an dathaibh èibhinn,
le caignidhean is cuairteagan rèidhe
a chuireadh le tlachd air mhisg an lèirsinn.
Le a shreath chàmhal fon luchd ud
thog e ’n àird air mochthrath fionnar, 255
mun do nochd a’ ghrian cùl nan tulach
a gharadh nam pàilliuna dubha.
Thuirt e: “An ainm a’ Chruithir!”
is rinn e an cùrsa a chumail
air Biosgra, ’s e air mhearan subhach 260
[Beurla]
a’ tilgeadh os a chionn a mhusgaid
’s ga ceapadh, a’ gabhail na luinneig:
Bhith ’dol nad leum air muin cùrsain,
cù bhàrr èille ’falbh ’na dheann,
bhith ’g èisteachd gliongartaich nan usgar, 265
bheir sin a’ chnuimh às a’ cheann.
B’e fhèin an luinneagach, gòrach,
sgeulachdach, gàireachdach, pògach
air bhoile le fìon na h-òige.
Bu cheusadh leis mall imeachd stòlda 270
a’ charabhain sin, ach, is dòcha,
nuair a dhìrich e sa ghlòmainn
cas bhealach Sfa, is dhearc e cròn mhuir
na Sahara, ’s i aibhiseach dòite
ghrad dh’fhuirich e gun cheòl, gun chòmhradh. 275
Fhuair e fir iùil ann am Biosgra,
eòlach, cinnteach, fir gun ghiorag.
Stiùir an luchd iùil iad gun bhruidhinn
seachad air cnàmhan luchd thurais
’s air fuarain mharbha, thachdte, dhruidte 280
air an sèideadh ’s air an slugadh.
Choisich iad gun sgeul, gun luinneag
troimhn fhàsach bhalbh far nach cluinnte
ach cagarsaich na gainmhich uidhre
’s an siomùm ga cur gu sruthadh – 285
[Beurla]
uachdar an fhuinn air snàmh mar uisge.
Lios Allah, gun a seis air luimead,
far an trèig an deargan am fear siubhail!
Neo-chaochlaidheachd na fàire buidhe,
air chrith ’s a’ dannsadh, do-ruigheachd. 290
Mar nàmhaid nach robh dol às air,
fear dìoghailt nach cuirte bhàrr ’fhalachd,
dh’èirich a’ ghrian a h-uile latha.
Nuair sheas i dìreach anns an adhar
aig a h-àirde, fo phreas no carraig 295
cha robh sgàile. Bhrùth a gathan
gach beò bha gluasad air an talamh.
Is nuair a bhiodh an oidhche aca,
an oidhche, ’s iad a’ buidhinn astair
ri ’fionnarachd, an corp air chrathadh 300
fon aodach bàite le fallas,
bu deoch à fuaran àrd don anam
bhith ’leughadh balbh chuairt nam plainead,
air buidhnean nan reul a bhith ’cur aithne,
mion duslach òrdha air a shadadh 305
trast an speur, is troimhe ’nan lasair
prìomh lòchrain steòrnaidh gach aon rathaid,
ri eadarsholas na tundra failte,
san fhàsach sheasg, air druim na mara –
Veuga, Altàir is an Crann Airein, 310
Orìon a’ stailceadh a chasan,
[Beurla]
an Grioglachan a thagh an gabhail
do stiùireadairean luingeas Tharsis,
’s o Abhlais do luchd iùil nan gaisgeach.
Bu bhallan ìocshlaint tuil na gealaich 315
a’ dòrtadh sìos ’na stuadhan taise;
bu tròcair, bu draoidheachd, bu tatadh,
bu làmh an leighis an dèidh a’ chath’ i.
Dh’èireadh fonn à tost an tlachda,
is shiùbhladh e an sreath is at leis, 320
cleas buidealaich a’ fàs à sradaig;
laoidhean do Rianadair na maidne,
no duain achrannach, dhlùth-chaste
a dh’oibricheadh an cùirt Dhamascais,
dàin an fhìona ’s nam ban maiseach: 325
Nì sinn a phòit ’na neart gun mheasgan,
’s a òl an ceann glan-uisge shneachda;
is nì sinn ceòl is rainn a phleatadh
an àras mòrail màrmair dhreachmhoir.
Leis na seann turbain bu sgreat iad, 330
ach leis na giullain blàithean ealaidh.
Chan eil leigheas an àm gorta
ach diasan troma, ’s air a’ bhochdainn
ach an Sùdan, an tìr san coisinn
burnus dà thràill, mas mìn bog e. 335
B’e sin an ràdh a bh’aig na bodaich
[Beurla]
feadh nan caifidh, ’s b’fhìor an gogail.
Fhuair iad maoin an-sin is onair,
is iad ri cunnradh air an socair
aig na daoine dubha, a’ tomhas 340
coifidh chùbhraidh, sìoda ’s cotain
air mnathan seanga ’s gillean toirteil.
An dèidh bheagan làithean fosaidh
ghreas iad treud làn deur is osnaich
troimh cheart làr an fhàsaich dhomhain. 345
An inntinn leagta air na choisneadh,
tràillean is ìobhraidh is mill throma
den òr, air ceistean bìdh is fodair,
air an t-snàth fhada thana thobar
a bu bheatha ’s bu dìdean phort dhaibh; 350
bu neòni leò na gearain ghoirte
a dh’èireadh suas ospag air ospaig
o rangaibh brùite a’ mhì-fhortain.
Gun truas bheireadh iad gu tost iad
le stràcan slaite is le fochaid, 355
is iad gan iomain air an socair
o mhuin chàmhal gun losgadh coise.
Theich an t-iochd roimh shannt na toice,
is fhreagair iad le cruas is corraich
atach an co-dhaoine bochda; 360
oir bha an cridhe claon air ’fhosgladh
do stuigeadh anspiorad na toile,
[Beurla]
is chrann iad air daonnachd an doras.
Ach car mar a rinn iad rinneadh orra.
“Le rùn Allah”, orsa Òmar 365
a’ cìreadh ’fheusaige le ’mheòirean,
“air cho eagach, creagach, dòite,
sgorrach, clachach ’s a bhios còrrbheinn
no sgreagan seasg air machair chòmhnaird,
gheibhear daonnan anail bheò ann, 370
bèistean neimhe ann a chòmhnaidh,
nathraichean, sgoirpeanan ’s an còrr dhiubh.
Is ann mar sin don dìthreabh òirtheth.
Tha sùilean ann gu sireadh feòlachd;
tha bilean ann a bhruidhneas fòirneart; 375
tha casan ann gu cur na tòireachd …
“Latha ’s a’ ghrian aig a h-àirde,
’s an saoghal gu lèir le ’teas gu sgàineadh,
a losgadh air toirt air na tràillean,
mu dheireadh, leigeil dhiubh an tàsain, 380
is sinn gu stad chur air a’ mhàrsal,
chunnaic sinn coltas fir air fàire,
dìreach deas oirnn air muin càmhail.
Cha do charaich ceann no làmh dheth,
ach e mar chraobh no carraig àrsaidh 385
anns a’ ghainimh air a sàthadh.
[Beurla]
Stad sinn shuas air eagal nàimhdean
a theachd a sgapadh oirnn a’ ghràisg ud,
is chròth sinn iad an lagan ’s geàrd orr’.
Thuirt m’fhear iùil is e a’ teàrnadh 390
bhàrr a bheathaich: ‘Bhuainn an gàbhadh!’
is à guth ìosal: ‘Latha m’àmhghair!
Chìthear fòs, a Thriath, mo chnàmhan
a’ gealachadh san dìthreabh ghràineil.
Seall, beachdair Tuargach thall air fàire.’ 395
Chuir sinn ar luaidh ’s ar fùdar làmh ruinn,
is dh’ullaich sinn ar n-airm gu làmhach,
is ged nach do dh’ith sinn rè an là ud
mu fheasgar bha sinn cheana sàthach.
(Gum mallaich Dia an fheusag bhàn seo, 400
mur b’ann mar sin ’s gach car a thàrla.)
A-nis bha ciaradh nan tràth ann,
àm na doille is nan sgàile.
“San oidhche shuidhich sinn an fhaire
ceithir thimcheall an lagain, 405
is cha robh gin nach robh a’ caithris,
gun bhiadh, gun deoch, gun fhois, gun chadal,
gun sùil ri grian no madainn fhaicinn,
is gul nan tràill gar cur an laigead,
a’ tolladh ’s a’ treachailt for n-anam. 410
[Beurla]
“Seall domh fear tha beò air thalamh,
is musg ’na dhòrn, no sgiath, no claidheamh,
bhithinn gun smuain, ’s mi òg, ’na bhadaibh.
Ach dol a ghleac san dìthreabh aineoil
ri Tuargach, b’e bhith cur a’ chatha 415
ri uilebhèist chuain san fhuar aigeann.
Gun spìon Dia an teanga asam
ma tha mi breugach. Cia b’às daibh?
Cò dh’innseas sin duit ach am Maighstir,
no nathair adharcach nan clachan? 420
Thigeadh iad ’nan sgaoth mar phlathadh
às an aon àird is ionad fhalaich
ris na locaist, ’s an dà chuid aca
’nam plàigh ’s ’nan sgiùrs ’s gach àit an laigh iad.
Shèap iad, na mortairean luatha bradach, 425
à saobhadh air choreigin nach fhacas
le sùilean Creidmhich chneasta, m’anam.
Chluinnte feasgar ’s an teine ’lasadh
an luchd iùil a’ teachd an cagar,
beul ri cluais, air Tamanrassat, 430
Tenesruft, dìthreabhan na Haggar
is Iomuisear. Sàr bhrùchdadh fhacal
a b’euchd leò uile a bhith aca,
ged nach aithnicheadh iad ’nan clabhas
[Beurla]
sruth seach cinneadh, beinn seach baile. 435
A-nis bha a’ chuideachd dhìomhair againn.
“Bu sheachd feàrr leam, a ghrian mo bheatha,
ceud Turcach a dhòmhlachadh a-steach orm
le tartar is raspars mar chleachd iad,
ag èigheach cuid oidhche is dibhearsain 440
dhaibh fhèin, don gillean is don eachaibh;
ged bhiodh e ’teannadh gu feasgar,
na fraighean cho lom ris na leacaibh,
’s iad fhèin ri cnàmhan is ri deasbad,
gun bhlas na h-oidhche – fir no beathaich – 445
às an craosaibh gionach, leathann.
B’fheàrr leam sin na aiteal fhaicinn
uam air fàire den luchd chreich’ ud.
“Cha robh guth air clos no cadal
fad na h-oidhch’ ud gus an latha; 450
chan fhacas oidhche riamh a b’fhaide.
“Oidhche bhiothbhuan san rath dhorcha,
bu dùinte dall a mall uairean gorma.
Bu bhagairt leinn gach cagar ’s monmhar
a bh’aig an osaig feadh nan tolman; 455
bu ghuth nàmhaid gach gluasad soirbheis,
’s gach ospag ionnsaigh mhèirlich borba.
[Beurla]
“Is beag a b’fheàirrde sinn ar n-èisteachd
is cur ar cluasan gus an deuchainn.
Nuair a b’airgead òr nan reultan, 460
’s a ghlas an là am bun nan speuran
’na sholas tiamhaidh, fann, air èiginn
a’ taisbeanadh dlùth theachd na grèine,
thug sinn sùil mun cuairt le chèile –
siud againn sealladh truagh ar lèiridh! 465
Air gach làimh dhinn ’nan luchd sèistidh,
feuch, na Tuargaich mar fhad èigh dhuinn,
mar armachd thaibhse no aisling èitigh,
a’ gabhail beachd oirnn ’s iad ’nan ceudan.
“Gu h-obann, a Dhia, le tuiltean òmair 470
thar an fhàsaich ghlais gan dòrtadh,
leum a’ ghrian san speur is dreòs dith;
gach preas is tolman ri ’h-ògleus
a’ seasamh a-mach air a leth-òradh
air ghrunnd a sgàile gu riochdail, beòdha. 475
Sheall i dhuinn fìor chruth nam bòcan;
gach aon le ’aodann air a chòmhdach,
brèid uaine gu bàrr a shròine,
cleas ar maighdeann ’s ar ban pòsta.
Bu chosmhail iad ’nan uidheam còmhraig 480
ri feachdan àrsaidh Shidi Òcba
nuair mharcaich e ’s an Creideamh còmhla,
iuchair gach daingnich ’na thruaill òrdha,
[Beurla]
fear iùil gach bealaich a lann shròiceach,
o Chairuàn gu ruig am mòrchuan. 485
Bha sleaghan aca bu tana còrrdhias,
sgiathan cruinne, claidhnean mòra,
is bogha aig gach fear den chòmhlan
air fiaradh cùl slinnein mar ri dòrlach.
Chan fhaca sinn aon mhusg ’nan dòidibh, 490
’s bha gunnachan is luaidh gun sòradh
againn fhèin; ach thug mi òrdugh
gun teannadh ri làmhach no ri trògbhail.
Bha am fàsach farsaing mun cuairt òirnne,
sinn air ar n-aineol, iad air an eòlas. 495
“Treis duinn ann gun ghuth, gun ghluasad,
crùibte, làn iomagain is uabhais,
mar chrodh casgraidh ann am buaile,
is iadsan ’nan grunnaibh fuaimneach
a’ marcachd thall ’s a bhos gu luaineach, 500
a’ cur an comhairle rin uaislean.
“An-sin a chlisgeadh sguir a’ bhruidhinn,
stad an gluasad is sheas iad uile
mar a bh’aca. Sheall mi ’s chunnaic
dithist a’ teachd à broilleach grunnain, 505
laoch leathann àrd mar ri duinein,
a’ dèanamh oirnn gu stàtail, ruighinn.
[Beurla]
Stad iad suas is iad air ruigsinn
mar dheich troigh dhuinn. Thog an curaidh
a làmh dheas mar chomharra furain, 510
is bheannaich mi fhèin don deamhan fhuilteach.
Shìn e an-sin ri cainnt is glugail
nach dèanadh Creidmheach beò a tuigsinn;
’s bu rogha dibhearsain e ri ’chluinntinn,
mur b’e am Bàs a bhith rir n-uilinn 515
a’ feitheamh ri brosnachadh on bhus ud.
Lean e a’ cluich a làimhe ’s uchd air,
’s a’ phlabartaich ’na sruth ’s ’na sriut às;
bu mhanntach, briste, tùchte, tiugh i
mar chàrsan duine, ’s a chìoch shlugain 520
air at ’s ga thachdadh. Dh’èist mi gu h-umhail,
’s cha b’fhada gàire ’s cha b’fhada gul uam.
Fad an t-siubhail bha mi ’guidhe:
‘A Chruthadair a rinn a chumadh,
’s a chuir na th’aige chainnt ’na shlugan, 525
deònaich dhuinne meadhan tuigsinn,
air neo cha slàn a bhios mo mhuineal!’
An-sin mhothaich mi don duinein,
’s bha fiamh a’ ghàire air an trustar.
“Is roghnaiche beul sìoda na tachdadh, 530
is cumaidh teanga mheala ’s masgall
an sgian is gèire o na h-aisnibh.
Fhreagair mi ma-tà ceann a’ phaca
[Beurla]
le modh ’s le cuir bhinn shlìogach shnasmhor,
gun fhios am b’fhiach an cur ’nan altaibh. 535
Chuir mi mìlsead is deagh bhlas orr’
le dòchas gun tuigeadh am madadh
a’ chiall, gun tuigsinn nam facal.
“ ‘Fhir uasail a thàinig o chèin oirnn,
is binne do chòmhradh na ’n liùt theudach, 540
mìneachadh mùinte ollamh na h-Èiphit
is duain Andalùis le chèile.
Chan fhios domh, air mo cheann ’s air m’fheusaig
an samhlaich mi do chruth ’s do bheusan,
do ghliocas dìomhar domhain is t’euchdan 545
ri Sultan Stambùil nan steud-each,
no ri rìgh Ghranàda rèimeil
air an innsear a liuthad sgeulachd.
Thug do thadhail beannachd Dhè oirnn,
’s – cha cheil mi – an dèidh t’fhaicinn ’s t’èisteachd, 550
a-chaoidh chan iarr mi feadh nam fèilltean
ach sgeul do bheatha bhith fada èibhinn.
Bu bheairteas leam a bhith nam dhèircein
gad amharc am-feast, a ghnùis na grèine.
Ach seall le truas air t’òglach feumach, 555
is innis a-nis do thoil mhath fhèin da.’
Chuir an sgiùrsair braoisg is drèin air,
an duinein ’s e fhèin a’ gnùst ri chèile.
[Beurla]
“Thionndaidh an duineachan a ghnùis oirnn,
ghreas e a chàmhal na bu dlùithe, 560
bhean e do ’bhathais, rinn e ùmhlachd
is thòisich e – O anabarr ioghnaidh! –
an Arabais cho taghte cùirteil
’s a chluinnear am Bàrdo rìoghail Thùnais:
‘Cha ruig thu leas a bhith cùinneadh 565
nam briathar òir mar ghibht don bhrùid seo.
Cha dèan cainnt a chraos a dhùnadh,
ach a lìonadh leis na spùinn e,
’s gur mèirleach air rathaidean na dùthch’ e,
a nì an deòraidh fhèin a rùsgadh. 570
Air sgàth aghaidh Allah, na dùisg e.
Bi iriseal, ’s na tairg dha dùlan,
is gheibh sibh bhur beatha leis on ùraisg,
ged sgobadh e uaibh cosnadh bhur cunnraidh.
Fichead bliadhn’ air ais, mo shùilean, 575
rinn e mo charabhan a spùinneadh,
is, leis gun robh mi dreachmhor lùthmhor,
rinn e ciomach is tràill gun diù dhiom.
“ ‘Cnàmhan mo chompanaich, a thùirse,
thog gaoth nan dìthreabh ’s i sìor smùidrich 580
gainmhe mìne tòrr is dùn orr’.
Leugh mi mo ghliocas, theann mi ’s dh’ionnsaich
an donnalaich cainnt a th’aig na brùidean;
is tha mi ’n-diugh mar chomhairleach cùirte
[Beurla]
’s mar chompanach creiche aig a’ chù sin. 585
Their e rium: “Is tu a thùras
gach car glioc ’s gach annas ùr dhuinn.
Is tu mo chasan leis an siùbhlainn,
is tu mo làmhan ’s mo sgiathan cliùiteach
gam thoirt air ite às mo chrùban.” 590
Fhuair mi le sin droch inbh’ a’ chùirteir,
’s bu phrìosanaich riamh anns gach cùirt iad.
An e dol às gun chead bu rùn domh?
Chan fhad’ a shìninn riamh an cùrs’ ud,
oir bhiodh am fàsach marbh ga stiùradh, 595
a’ brath mo shlighe ’s ga thoirt gam ionnsaigh.
Ghoireadh a’ ghaoth ris: “Tionndaidh! Tionndaidh!
Ghabh e mar sin”, ’s gach bruan ùrach
’s gach clach a dh’fhairicheadh trom mo chùrsain:
“Tha e ’n-seo, an-seo, a dhiùlnaich!” 600
Ya Rabbi, Rabbi!Fèilltean Tùnais,
an caladh, na sràidean sgàile, an lùchairt,
’s an t-iomlan fionnar, sneachdgheal, ùrgheal –
gu bràth chan fhosgail mo dhà shùil air.
Ach seall a-nis. Tha ceathach mùgach 605
a’ ciaradh aogas grànd’ an ùmaidh.
Is leòir dhuinn na thuirt mi, a rùnaich;
ach fhuair mi ’n t-òrdan mar ri bùitich
innse dhuit gu bheil an cù sin
air mhiann ruamhair is rùraich 610
[Beurla]
am measg do bhathair. Sìon as fiù leis
bidh aige mar chomharra do dheagh dhùrachd.’
“Ged bha an cridh’ annam is smùid às
thuirt mi – ’s mi dèanamh mìn mo ghnùise – ‘Air mo cheann is air mo shùilean’. 615
Thill an duinein le coltas sunndach
a ràdh gum b’onair leam mo spùinneadh.
Thionndaidh mac Ìblis a chùl ruinn,
thog e ’làmh dheas, ’s a Dhia an ùpraid!
“Ri bhith ’bruidhinn an-diugh fhèin air, 620
thig brat fala air mo lèirsinn.
Gum buidhich Allah gnùis an treubh ud!
Cha robh faolchu tana, feumach,
dam bu ghreim ’s bu deoch an eucoir,
nach robh ’na fhicheadan ’s ’na cheudan 625
an sàs nar seilbh, is iad a’ speuradh,
a’ tarraing, ag utadh ’s a’ malairt spèicean.
Gach pasgan againne, chaidh ’fheuchainn
’s a shracadh sìos às a chèile.
Rinn iad na tràillean fhèin a dheuchainn, 630
gam brodadh ’s gan stobadh len dubh mheuraibh.
Fad an latha lean na bèistean,
is mi gan amharc à geimhlibh m’èiginn,
fiamh a’ ghàire air mo dheudach.
[Beurla]
“A mholadh sin do Thriath nan Saoghal, 635
an Tròcaireach, Truacantach, an t-Aon Dia,
Maighstir na Camhanaich, a shaor sinn
is a chuir nam cheann an smaoin ud.
“Anns gach conaltradh mun ghealbhan,
fhuair na Tuargaich an t-ainm sin, 640
bhith beò gun sògh air nòs nan ainmhidh,
beatha chaol air fodar garbh ac’
air meas buidhe nan craobh pailme,
is air bainne an gobhar anfhann
a dh’ionailtreadh measg chlach is gainmhe. 645
Dheasaich mi, ma-tà, is thairg mi
tì meannta milis don mhèirleach gharg ud,
dh’fheuch an tigeadh e o ’aintheas
le tlachd, ’s an callachadh a bhalg e.
Bhlais e air, a Chruithir m’anma, 650
sgob e às e an aon bhalgam,
is shìn e air a ghlugail bhalbhain.
“ ‘Thuirt e,’ ors’ an duinein sgeigeil,
‘ “Is math an gobhar a shil a leithid,
ge b’e càite no cò leis e” 655
’s da-rìribh sin na tha e ’creidsinn.’
‘A ghrian an fhàsaich,’ rinn mi freagairt
‘cha ghobhar dubh no bàn ga leigeil
a rinn an deoch, ach luibhean seacte
[Beurla]
an ceann uisge, is fodha teine. 660
Mas toigh led chridhe leòmhain, bheir mi
am pailteas duit den luibh, is fleasgach
a thàirneas gu mion-eòlach ceart i,
air mhodh gum bi i daonnan deas duit
nuair as trom an là ’s a theas ort.’ 665
“An dèidh ròlais nach do thuig sinn:
‘Their grian an fhàsaich’, ors’ an duinein
‘gur fiach le ’chridhe àrd na chuir thu
’na thairgse a ghabhail; is, tuilleadh,
an èirig do dhùrachd is an urraim 670
an còrr ded ghibhtean thèid a liubhairt
dhuit mar thà e, is t’òr-sa cuideachd.
(Dh’fhàilnicheadh ar beathaichean fo ’chudthrom.)
An fheadh ’s a tha e a’ casg a chuideachd
’s gan toirt gu ’shàil, gun amharc umad 675
bi ’falbh gud bhathar is cuir cruinn e,
beannaich Dia is lean air t’uidhe.
Ma chìthear an-seo a-rìst do bhuidheann,
gheibh i an aon rùsgadh dunach.
Soraidh leat! Is ann duit as buidhe, 680
thusa tha ’falbh nuair tha mi ’fuireach.’
Rug mi fhèin air làimh an duinein,
sheachain mi ’shùilean ’s iad a’ sruthadh.
Thionndaidh e is lean e ’n curaidh,
[Beurla]
a bha ’saodach pac a chuilean 685
le crann a shleagha ’s roinn a ghutha.
“Dh’ullaicheadh an-sin ar triall leinn.
Chuir sinn cruinn na bh’ann de iarmad,
tràillean is bathar. Dh’fhan mun trian deth.
“Làn èibhneis – ar ceann a’ snàmh leis 690
’s ar cridhe a’ falbh air sgiathan àrda –
thug sinn ar cùl ris a’ ghràisg ud.
Bu teàrnadh gach dìreadh leinn gam fàgail.”
*
Is tric a lean thu snàth a ròsgeul,
snàth fada mìn ga chur fod chòir leis; 695
snàth sìoda a shnìomhadh e le ’chòmhradh,
dearg na fala is buidhe an òir ann,
is tu nad shuidhe ri uilinn Òmair
fo sgàil’ an dorais, a’ mealtainn còmhla
na h-oiteig ag osnaich trast an còmhnard. 700
Ach air na ghabh sibh asta ’shòlas,
le t’athair caomh, le aon mhac Òmair,
b’fhaoineas peacach iad ’s bu ròlais.
[Beurla]
109.2. 4 Obàïd
An nead na h-iolaire ga àrach,
air a’ bhearradh ghuanach, ghàbhaidh, 705
chan fhaighear dreathan-donn nan àilean.
Chan altraim eilid luath an fhàsaich
mac a thionndaidhear le gàradh,
sliochd a ghlèidhear ann am bàthaich.
Cha ghin measan a’ chomhairt dhàna 710
gadhar dan rèidhlean sgòrr is sgàirneach,
abhag bheir aghaidh don ghille Mhàirtinn.
Feuch an dèan sibh druid den steàrnal;
feuch an claon sibh dualchas nàdair.
Chan ann mar sin a bhios Clann Àdhaimh. 715
Cha luaidh iad san aon seann chàmas;
cha dealbhar iad air chumadh gnàthach.
Is tric a ghin fìor ùmhlachd àrdan,
’s a rugadh suarachan am pàileas;
’s cha d’fhuaras riamh air meud an àireimh, 720
draoidhean, fiosaichean is fàidhean,
o àm rìoghachdan Iuphràtais,
beul a rachadh dhiubh an ràthan
air leanaban, mun tigeadh fàs da,
gun fheitheamh glic ri binn a làithean. 725
Cha b’ionnan Òmar is am pàisde
ris an d’rinn e uiread fàilte,
ga phògadh ’s e air uchd a mhàthar.
[Beurla]
“Ciod e an duine?” orsa Pìondar.
“Ciod e nach gabh e bhith ’na thìoman?” 730
Cò leis an dàna roimh-innse
cur a shruthan, at a shìontan,
tlàths is grian a fhèathan tìorail?
Cà bheil mairnealaich a shìde?
Cha sàsaichear an cridhe ’s ’ionndrain, 735
tagairt na h-inntinn ’s a geur sgrùdadh
le fios, le fianas radharc a dhùsgaidh,
’s gach fàire ’na cloich tharraing ùir dha.
Tha marcach ann a chuireas spuir ris,
neo-fhaicsinneach ann fhèin ga chuipeadh; 740
tha sealgair ann fhèin ga stuigeadh,
’s e fhèin a mhìolchu fhèin. Is uime
an iall a shnaidhmeadh dha le ’Chruithear.
Fiadh an spioraid ga shìor ruith leis;
corr aiteal clis, cha mhò a chuid dheth, 745
a dh’aindeoin ruaig na h-ionndrain tuislich.
Mhochtàir, am bothan bochd do chinnidh
chuala neach o ghuth a spioraid
ràdh a theireadh ris a’ chridhe
eunan luaineach ’na chiomach, 750
air a chunglachadh an ciste;
[Beurla]
gu àird an ear thèid e ’sireadh,
gu àird an iar bheir e sitheadh,
’s a-chaoidh chan fhaigh e mach air ite.
Bha ’n t-eunan sin an cliabh na dithist 755
a dh’altraim thu le seirc ’s le gliocas.
Bu draoidh do Òmar oir an fhàsaich,
’na stuadhan òir air ghrunnd na fàire,
gaoth gun neòil mar anail àmhainn,
an dipeardan ri dannsa bàinidh; 760
gach tìr nach b’eòl da, treubh is cànain,
na margaidhean, na tùir, na sràidean,
sgreagan nam bealach, bùrn nan oàsais,
’s am bàs ’s an cunnart orra ’nan geàrdaibh.
T’athair Obàïd, ’athair-san Òmar, 765
’s gach fear aca ’na chuan eòlais
le gnè an t-sireadair ’na dreòs ann;
b’ionnan an stuigeadh a bha fòpa,
ach cha b’ionnan fiadh an tòireachd.
Mharcaich Òmar cnoc is còmhnard; 770
b’fhalbhanach ’inbhe agus ’òige.
Dh’fhan Obàïd ’na shuidhe stòlda
– ceann crom ’na thost – ag èisteachd còisir
a smaointean fhèin, an seinn ’s an còmhradh.
[Beurla]
Geasan saoghalta cha do thàlaidh 775
’inntinn no ’shùilean riamh len àilleachd,
ach fàire a b’fhaide uaith ’s a b’àirde
’s a b’fhìrinniche na gach fàire;
fàire gun mhuir-làn gun tràghadh,
gun neul, gun ghrian, gun fhèath, gun ànradh, 780
gun sìor chuairt oidhcheannan is làithean,
taobh thall de chrìochan rìoghachd Nàdair.
Doimhne na Cruitheachd is a h-Àirdead;
am Prìomh Adhbhar a thùr ’s a ghràbhail
gach dùl ann eadar bhuan is bhàsmhor; 785
a chuir air ghluasad le ’làimh ghràdhmhor
na plaineidean ’s na reultan àrda,
’s a dh’fhadaidh leus na beatha blàithe;
Tobar a’ Bhith, Àithne nan àithntean,
an Fhìrinn far am foirfe làn i, 790
b’e sin fiadh a sheilge dàna.
B’e sin a shealg, ’s a dhùil ri teàrnadh
seallaidh, mar aiteal a’ Bhàird Shlàbhaich
nuair a bheanas Muire Màthair,
sa chamhanaich ghil òig, le fàitheam 795
a màntail ris an ùr fheur bhàite
a’ foillseachadh car priobaidh Pàrras.
[Beurla]
B’i earail Òmair dhuit, ’s tu ’d bhalach:
“Guidheam ortsa, air cheann t’athar,
meal an saoghal ’s na toill masladh. 800
Biodh làmh is cridhe fosgailt’ agad;
biodh misneach agus cruadal annad;
thoir uait an nàimhdeas is an caidreabh.
Brath an aoigh is brath an t-salainn –
is miosa fear mosach agus sgraing air, 805
’s gur fial Cruthadair nan anam,
’s le fialachd shèid e ’anail annainn.”
Shèideadh Obàïd ort à àird eile,
gad chur air ghabhail ùir le ’earail.
“Gabh ealla ris an t-saoghal mhosach. 810
Chan eil ’na bhòidhchead is ’na shodal
ach gile oillteil duine lobhair.
A bheairteas uile, ciod e ach closach?
A luchd sanntachaidh, is coin iad.
“Ma tha do thìth gu fìor air gràsaibh, 815
ionnsaich irisleachd, trèig t’àrdan.
Chan uisgich uillt na raointean àrda.
[Beurla]
“Na sàsaicheadh deagh ìota t’anma
geàrr thomhas eòlach nan nithean talmhaidh,
is dealan truagh gach nì a dh’fhalbhas. 820
“Chan eil àite do thlachd
eadar nèamh is talamh dhuinne.
Ciamar a thèid gràinein às
eadar dhà chloich bhreith gun bhruthadh?
“Dèan rud coibhneil ’s na iarr ìocadh, 825
comain, ’s caith uait i san Tìgris;
aisigidh Dia dhuit i san dìthreabh.
“Is gaoth an spiorad. Is sruth sìobain
an saoghal, is toiseach is crìoch ann
a’ marcachd a chèile gu dìlinn; 830
cnàmhadh às is teachd gu ìre;
fàs, gucag, blàithean, meas is mìlsead
’s an duilleag dhonn air làr a’ crìonadh.
Gidheadh, tha nì ann a tha cinnteach,
a sheasas fìor ann fhèin gu sìorraidh. 835
Sir an t-eun seunta sin led lìontaibh.”
B’e sin a chomhairle dhuit, a b’àirde
is a bu dorra na tuigse pàiste,
is nach do thuig thu gus am bu bhàs da.
[Beurla]
Bu toigh le Òmar spòrs is aighear, 840
is toirm nan ceàrrach anns a’ Chaifidh
’nan suidh’ air bratan ùrlair alfa
a’ cluich air dìsnean ’s air na cairtean;
a’ giorrachadh nan oidhche fada
is eallach teth nan latha lasrach 845
le toimhseachain is sgeulachd Antair.
Bhiodh an tambùr ’s a’ ghàita aca,
cofaidh na h-Iemen, seinn is aiteas.
Sin far an robh an dòmhlan aobhach,
nach leigeadh durc ’nan còir no daormann – 850
clàr feòirne, còmhradh, feadain chaola,
uain air biorain is feòil gu saor ann,
an deòiridh ’s an dèircein a’ glaodhach:
“Rudeigin air ghaol Dè, a dhaoine!”
’s an sgeulaiche a b’fheàrr ’s a b’aosta 855
’na thost, nuair thogadh Òmar gaolach
a ghuth an tiugh a’ chòmhlain aotroim.
Ach bhiodh a mhac ri làithean maotha
a òige fhèin a’ tighinn daonnan
air fàidhean is air nithean naomha, 860
a’ dèanamh tarcais air an t-saoghal,
air foill na beatha is a faoineas.
[Beurla]
“An òtrach gu lèir an domhan?”
orsa Òmar. “Is reòthadh t’fhoghlam.
Smaointean buidhe mar dhuilleach foghair, 865
nach eil san t-saoghal no sa cholainn
ach prìosan bruid’ is cuibhreach trom dhuinn.
“Ged ràinig mi air radharc ceòthar
is anail gheàrr na h-aoise breòite,
air tuisleachadh ’s air teàrnadh glòmainn; 870
ged thàinig orm an aimsir leòinte
bheir lùth gu sèapail [den] mhòrchuid
a dhìth fuath, gràidh, eagail, dòchais,
tha cridhe sgàrlaid blàth na h-òige
nam chom, nam smaointean is nam chòmhradh. 875
“Cluinnibh, fhearaibh, m’ògmhac naomha!
Èistibh a bhreith ’s a bheachdan aosta.
Chan eil a bheatha measg nan daoine,
chan eil a shealladh air an t-saoghal;
is fad’ o àit a shuidhe ’smaointean, 880
cha cheann uidhe sliabh no raon daibh.”
“Ge òg mi an làthair bhur n-aoise,”
ors’ Obàïd gu ciùin, “chan aom mi
le fanaid, no le buaireadh aoibhneis
na tha a-bhos ’na shruth a’ caochladh 885
[Beurla]
gu meallta diombuan, a’ tighinn le faoilte
’s a’ falbh gar n-antoil ’na chùis chaoinidh.
Tha nì nach ceannsaich an t-Aog e:
an t-anam buan, is cleiteag aotrom
den t-sneachd a dh’iomaineas a’ ghaoth e, 890
ach bheir a chùrsain leuman saora
gu iomall thall nan grian ’s nan saoghal.
Ciod e a their mi ris, a dhaoine?
Blàth de na blàithean as maoithe,
aig nach eil freumh no fàs as t-saoghal 895
ach gu h-àrd an gàradh naomha.”
“Mo mhicein!” orsa Òmar ’s uaill às,
“Tha do ghuth nas tiamhaidh suairce
na mac-talla an gleann uaigneach,
nuair cluinnear mèilich fhann nan uan ann, 900
feasgar ’s an cìobair sgìth gan cuallach.”
“Is e mo Mhaighstir an t-Aon Dia coibhre,
bheir fàs don fhìonan is don droigheann;
Rianadair beul an là ’s na h-oidhche,
bheir òrdugh don ghrèin ’s their ‘Soillsich!’ 905
thàirneas na neòil à dubhar na doimhne,
’s a their, gan tilleadh chum a broinne,
‘Dòirtibh an-siud is fàgaibh loinneil
sgrìodan nan sgòrr ’s am fàsach oillteil.
[Beurla]
Ùraichibh ler sgàile sgìos fuinn loisgich. 910
Tromaichibh diasan buidhe mo chloinne.’
Is fial E, ’s is iochdmhor, coibhneil,
is chan e bròn no deòir a thoilleadh
Pàrras uaith, no fuachd do ’shoillse.”
“Mas e naomhachd cùl ri aighear, 915
ceusadh na colla, ’s a bhith air sgaradh
ris an t-saoghal a rinn ar n-Athair,
carson a chuir e A chuid mhac ann,
’s a thug E dhuinn fìon ar fala,
lòchran ar radhairc is, car tamaill, 920
a’ cholainn uallach òg gu aiteas?”
“Chuir E ann sinn gu ar tearbadh”,
orsa Obàïd, “le mìlsead ’s seirbhead
gu ar deuchainn ’s ar gnè a dhearbhadh.
An stàilinn neo-fhoirfe chearbach, 925
nì an saoghal buairt’ a meirgeadh.
“Nì e an droch chruaidh a lùbadh
no mhaolachadh, is smal is smùrach
a chruinneachadh air a faobhar dùsail;
ach an deagh stàilinn fhaghairt gu sùrdail 930
le feum ’s le deuchainnibh dlùtha,
ga cur an gèiread ’s gach aon ionnsaigh.
[Beurla]
“Thèid steud-each na colla uaibhrich
o rian a dh’easbhaidh smachd is bualaidh,
’s am marcaich a leig srian fhuasgailt 935
le ’roidean dalla is le ’ruathar
a’ ruith air cunnart is sìor thruaighe
is sitrich nam miann ’na chluasan.
“A bhith cuidhte is a cìocras!
Is crom mall mi, dall is dìblidh 940
anns na geimhlibh dualach sìorraidh
as cuid den bheatha a thug an Rìgh dhuinn.
Tha freumhach ann a cheanglas sìos mi
air leathad gaothach ’s rèidhlean ìosal,
gam chumail ann ri uisg’ is sìontan 945
’s fo bhruthainn thruim na grèine fìochmhoir,
measg cealgaireachd is ceò na tìme,
ion is nach ruig mi air an Fhìrinn
san t-Sìorraidheachd far an riochdail fìor i.
“Is fad-fhulangach ar n-Athair rùnach; 950
is iochdmhor E; ach dèanaibh tionndadh
or n-amaideas, or n-uaill, or sùgradh,
no thig latha A throm sgiùrsa oirbh,
is nìthear nithean na bhur dùthaich
bheir oirbh, ge neo-sgàthach lùthmhor, 955
cur bhur làmhan roimh bhur sùilean,
[Beurla]
is mil a ràdh, seadh mil is siùcar,
ris a’ Bhàs is sibh ga ionndrainn.”
B’i sin an fhàistneachd a rinn t’athair,
’s a thàinig air a cois rid latha. 960
*
“Ràinig aoigh sinn is rinn sinn aiteas,
rinn sinn boch ris, rinn sinn aighear;
ràinig o thìr gun ùir, gun chlachan,
’s cha b’ann a chois, air each, air asail.
Dh’ìobair sinn caora 965
le fèist is faoilte,
le buidheachas is gàire
air a thàillibh.
Thàinig e taobh ruinn, is rinn e suidhe an sìth;
shocraich e e fhèin againn, is rinn e fuireach fo dhìon.” 970
Air t’athair is ort fhèin cha deachaidh
ach deich bliadhna ’nam plathadh seachad
on là a ghabhadh do dhuan breith leis
gus an do laigh a ghrian feasgair,
’s a thuirt iad riut, ’s tu maoth is meachair: 975
“Guma beò do cheann! Mu dheireadh
o ’nàmhaid an domhan theich e.”
[Beurla]
B’iriseal e, is cha robh sgàth ann.
Thuirt do sheanair ri fear de ’nàimhdean:
“Ged thilleadh tu am broinn do mhàthar, 980
spadaidh mi thu, spadaidh, a ghàrlaich!”
Ach thuirt t’athair ri fear rinn tàir air:
“Seo mo lethcheann. Buail, a bhràthair.”
Deich bliadhn’ air fhichead dha air thalamh.
Bu ghobha ’anma fhèin e, ag amharc 985
sgàthan a chridhe fhèin, gun fhaileas
on t-saoghal a-muigh, ach gann, ri fhaicinn
an gile chiùin gun smal a ghlaine.
Bu bheag a shuim do thaigh no achadh,
do sprèidh no treudan, no òr an tasgaidh – 990
bha maoin neo-fhaicsinneach aige.
A’ chuid nach robh ach feòil is fuil annt’,
thuirt iad ris “a’ choinneal spultach”,
ach bha leus ann air nach ruigeadh
sùil air a dorchnachadh le duslach. 995
Bha solas caomh dheth nach do thuig iad,
ged a dh’fhoillsicheadh dhuit e.
[Beurla]
109.2. 5 Deòir Ìblis
Fhuair taisdealach san dìthreabh –
an teas is ìota ga cheusadh –
caochan a’ ruith à beul uamhach, 1,000
sgàile is fuaran le chèile.
Chrom e is rinn e a bhlasad,
ga thoirt às am bois a làimhe.
Thrèig a dhùil e an taom feirge;
bha e searbh air bhlas an t-sàile. 1,005
Dh’èalaidh e a-steach on bhruthainn,
a shireadh fionnarachd na h-uamhach.
Fhuair e sa chùil bu mhotha dubhar
fear mòr crom ’na shuidhe ’n uaigneas.
Fear mòr crom a’ gul ’s ag osnaich, 1,010
coltas àrdain air is uaisle.
B’iad a dheòir gan sileadh daonnan
a rinn caochan searbh na h-uamhach.
B’e sin Ìblis a bha ’na aingeal,
a rinn ceannairc, a chaidh fhògradh, 1,015
is e a’ gul an dèidh na chaill e,
aghaidh Allah, amharc A Mhòrachd.
[Beurla]
Lean am fear turais air a rathad
gun smuain air tart, no air a’ bhruthainn,
ga fhaighneachd fhèin, ’s e ’g imeachd, cùine 1,020
dh’aonaichte dùilean agus Cruithear.
Cùin a dh’èighte sìth is caidreabh
eadar na rinneadh is Na thùr e,
is rèite eadar na th’ann
agus Na chuir ann air thùs e. 1,025
109.2. 6 [Turas Mhochtàir]
Bu ghiorra an duan, a Mhochtàir, dhuit.
Cha do ghin do fhreumhach blàithean;
cha do bhàrc meas do shnodhaich air bàrrgheug;
do bhith, is gann gun do bhlàthaich
bean no clann, luchd gaoil no càirdean 1,030
aig lughad is aig luaths do làithean.
Treiseag dhuit ri uilinn Òmair,
treiseag sna raointean ’s mu na cròithean,
treiseag an caidreabh do mhnà pòsta,
is dh’fhalbh thu, ’s cha b’ann gu deònach, 1,035
air thuras gu craos a’ mhòrtair.
[Beurla]
Clach aoil a’ sgagadh fon teas,
sgreuthadh nan creag ’na ghathan duslaich;
an ùir bhruante suas ’na smùid
fo chrùidhean aindeonach nam muileid. 1,040
An nathair adharcach ’s gach gleann;
an dipeardan is srannraich chuileag;
druim mar sgian gun neul, gun deò
’s na sgiathalain a’ crònan uime.
Am Bàs grad am measg nam preas, 1,045
ri feallfhalach air slios gach tulaich,
a’ faire o sgàil’ an alltain chèir,
air Saghuàn fo ghrèin gun dubhar.
[Beurla]
109.3 DÙGHALL
109.3. 1 [Sa Mhadainn eadar Cadal ’s Dùisg]
Mi ag èirigh mochthrath blàidhealtrach
sa Bhàghan shìos, 1,050
bha an speur is uinneag sgàrlaid air,
bu chràidhearg grìs;
dhùisg fonn na h-oiteig tràthaile,
ri osnaich ’s cagar gàirdeachais,
sna dosan far am b’àbhaisteach 1,055
sàmhchar, sìth.
A’ mhuir ri monmhar ataireachd
ri cladach dùr;
deò bheag ri seirm chadaltaich,
gaoth mhara chiùin. 1,060
Fann torghan uisge chaisreagaich
an clais an uillt, fo shlatagaibh
a’ challtainn ’s a’ bheithe bhachlagaich
’s fon bharrach ùr.
Ceòl nan eun ri turraraich, 1,065
’s e sriutach, saor.
An smeòrach cheutach, ghuibeineach
air stuibein caol.
[Beurla]
Cantail, sòlas, fionnarachd
’n àm tràghadh dreòs nan rionnagan, 1,070
’s an là ga dhòrtadh ruiteagach
thar chnuic an fhraoich.
An dùsgadh no an cadal dhomh?
An sealladh fìor
a chunnaic mi san aiteal sin, 1,075
no an aisling sgìos?
Dhùisg geur iolach àrdghuthach
aig iomainiche nan càmhal mi
à fionnarachd ghlas Phàrrasail
a’ Bhàghain shìos. 1,080
109.3. 2 [Folachd is Àrach]
Ciod e a th’annainn, a chlann mo dhùthcha?
Ciod e a th’annainn is a bha ’n Dùghall?
Ciod e tha an dualchas is an dùthchas?
Cainnt is eachdraidh, snàth nan glùinean,
na ginealaich druim air dhruim a’ cùrsachd, 1,085
a’ casruith a chèile cleas nan sùghan.
[Beurla]
Breith is bàs mar fhàs na h-ùrach,
àrach, is àbhaistean nach do mhùthadh
ler sluagh on rinn e Alb’ air thùs deth.
Am b’oighre air guth ’s air cumadh gnùis’ e 1,090
air faireachdainnean, inntinn, sealladh sùla
aig daoine a dh’fhàiltich sìos gan ionnsaigh
luchd am faraire is an giùlain,
riamh mun d’iarr iad a’ bhean ghlùin da?
Bu Ghàidheal e, ’s bu bhlàth a dhùrachd 1,095
don chànain àrsaidh a rinn a dhùsgadh
o ’chadal creathlach; san d’rinn e sùgradh
ri leannan anns a’ choille chùbhraidh.
B’Albannach e, a fhuair mar dhùthaich
an tìr bheag ghailbheach, ghrianach, chliùiteach 1,100
nach dèan saltairt is nach gabh lùbadh.
B’ann de Chloinn Àdhaimh rinn Dia dùileach
Fodha Fhèin ’s os cionn nam brùid e.
Eachdraidh nan Gàidheal! Sgeul nan lotan,
buill’ air bhuille, nach d’ràinig plosgadh 1,105
a’ chridhe, ’s a liuthad cuisl’ air fosgladh.
Bu chuspair iad do shaighdean goirte,
is b’amaiseach urchraichean a’ Mhì-fhortain,
bu chuimseach an sàthadh is bu domhain.
B’i siud a’ choille a rinn sona, 1,110
a rinn lurach, ’s a lìon le ’h-osnaich
[Beurla]
gleann is eilean, còs is cnocan.
B’ùrar a bàrr is bu dosrach;
bu bhinn a h-eòin earraich is, as t-fhoghar,
bu chrom a geugan fon cuid toradh. 1,115
B’i siud a’ choille a fhuair sgrìob doininn,
fhuair a leagadh, fhuair a lomadh,
fhuair beàrn air bheàrn le sèideadh ospag,
is an tuagh ga geurachadh mu ’coinneimh.
Ach fhad ’s a dh’fhanas freumh a dheoghal 1,120
brìgh na h-ùrach, ’s a chur snodhaich
suas fon rùisg, le driùchd is soineann,
thig failleanan ùra o na stocaibh
gu ’cur ’na tuiltean uaine molach
air ais far am b’uaine i roimhe. 1,125
A dh’aindeoin fògraidh, fhiadh is bochdainn,
’s na thàinig uile à Là Chùil Fhodair,
cha leagadh buan a fhuair ar doire.
A Dhùghaill, chunnaic t’athair ’s do sheanair
an daoine a’ falbh ri luaths le leathad, 1,130
agus san là bu chruaidhe greim ac’
air an dìleab thar luach a theasairg
an tuath on tìom is o a ceathach.
B’ann sa chlais ghàbhaidh a bha ’n eathar
ga fuadan leis fo làn a sreathan; 1,135
ach bhris rid latha latha eile,
a gheall soirbheas rathail leatha.
[Beurla]
Bha thu fhèin cho mear ri minnein,
nad bhalachan air tràigh is fireach,
cho aotrom ri eun os cionn a nidein, 1,140
t’ùidh am bàtaichean ’s an iomain,
ràmh is caman, slat mu linne.
Ruith na maighich, snàmh a’ bhricein;
stiùir is seòl is dorgh, a shireadh
tacar èisg ri grèin is sileadh. 1,145
Feadan beag agad gu binneas
a’ cneatraich fo do bhuillean cliste.
Thu gun teagamh, gun eagal, gun tioma,
gun smuain fhalaich annad idir,
do ghnùis ’na sgàthan glan dod chridhe. 1,150
Thug thu treis ri cluich is mire;
deireadh foghair, sac cùl slinnein,
a’ buain chnò is smeuran drise;
oidhche Shamhna – bàrr san iodhlainn –
le aodann fuadain a’ falbh fo ghighis 1,155
a’ faoighe ùbhlan ’s rudan milis,
air do chur buileach às do riochd-sa
le seann aodach màs na ciste.
An grian do shaoghail chaidh thu ’n sinead,
gus an robh thu ’d spealp de ghille, 1,160
is chaidh thu ’n eòlas ceàird do chinnidh –
ceàird an amhsain a-nuas a’ tighinn,
eun na faire ’s an tuitim shithich –
is air an gàradh meas ’s an lios-san,
a’ mhuir chobhrach, gharbh, gheal-bhriste. 1,165
[Beurla]
109.3. 3 Bean an Iasgair
Cha d’fhuair mi ’n cadal fad na h-oidhche,
o dhubh gu soillse ’s mi faisg air gul:
a’ ghaoth cho sgalail is mi ga h-èisteachd,
is m’fhear fhèin is an sgoth a-muigh.
Bha mi a’ guidhe dìon is fasgadh 1,170
on ghaillinn dhorcha don sgoth dhuinn
eadar Arainn is bàghan Chòmhail.
Is mairg dom beòshlaint lìon is muir.
Buidseach na foille ’s an aodainn phreasaich,
àilleag nan geas ’s nan ceudan cruth, 1,175
brù às an d’èirich rèidhlean ’s garbhlach –
dubh fhairge nan stuadh ’s nan sruth.
109.3. 4 A’ Mhuir
A’ mhuir dhìomhar, mheallta, mhùthach,
le ’cunnartan àillidh a thàirneas sùilean
is rùn na h-òige, ’toirt beò a h-ionndrainn 1,180
le draoidheachd ’fhàire is chòrsaichean ùra.
An geasadair, an cleasaiche làn rùintean,
sìor ùr, thar fiosrachaidh, làn ioghnaidh.
[Beurla]
Faoilte na fairge is greann a dùsgaidh;
a’ ghaoth obann o àirdean dùra, 1,185
a h-ospagan cleas ùird a’ tùirling,
a h-oiteagan, a fèath, a ciùineas;
gob nan sgeir ’s nan creagan crùbte
ri feallfhalach air saidh is sùidhean.
Mòrshluagh bras fo chathadh sìobain, 1,190
ròshluagh, marcshluagh, cathshluagh sìne,
eachraidh ghrad ’na sreathaibh fìochmhor,
muing-gheal, ceanngheal, steud-eich strìthe.
Mòrfhairge mhòr ’s a’ ghaoth ga ruagadh,
ròshluagh, mòrshluagh, marcshluagh uaibhreach; 1,195
am Bàs geal o thaobh an fhuaraidh
shuas ’na dhìollaid ’s e ri nuallan;
steudan glasa na srannraich uabhais,
cìrein nan stuadh a’ teachd le ruathar.
Is ann tha rubha cùl gach rubha, 1,200
bàghan nach eòl duinn ’s bailtean puirt ann.
Tha bàta fodhainn gu ’cur a shiubhal,
a’ ghaoth ri sàiltean ’s an t-seann mhuir umainn,
’s chan eil, a ghràidh, air thalamh uile
làn shàsachadh no fìor cheann uidhe 1,205
do mhiann an fhalbhain anns an duine.
[Beurla]
109.3. 5 A’ Bhean a’ Bruidhinn
Na falbh m’ulaidh, ach dèan fuireach air cladach t’eòlais,
cois làn a’ phuirt far an dèan sruth nan caisreag ceòl duit,
is e a’ seinn gu fairge troimh ghile ghainmhe, ’s an t-suain ’na chrònan,
– calltainn ’s beithe gu dubhar leth ris – o chnuic is còsan. 1,210
Bi gum mhiann. Na gèill don fhiabhras chuain, ’s gur leòir dhuit
ar puirt, ar n-eileanan ’s ar sgeirean, is mol an òbain
far an deachaidh do cheud eathar air sàil fod steòrnadh.
Dèan thusa fanachd. Na lean braise dhall na h-òige.
Teas gun fhois nan caladh coimheach, ’s an dòmhlachd shluaigh annt’, 1,215
na taighean solais nach fhac’ thu roimhe, ’s an leus a’ sguabadh
nan eirthir aineoil; ’s cùl bheann nach aithne dhuit, gu buadhach
teachd na grèine sear sna speuran dearg is uaine …
Nì sin taigh tostach, cridhe goirt is sùil làn smuairein,
is i ag amharc cathair fhalamh an fhir air chuantan. 1,220
[Beurla]
109.4 [DÙNADH : An Duine agus an Cogadh]
Saoghal fa leth mac-an-duine,
domhan beò leis fhèin gach urra;
grian is dorchadas na cruinne,
siùil mhara ’s grianstad san fhuil ann.
Cia mheud glùn a th’ann ar cumadh? 1,225
Chan innis sgeul, cha lorg cuimhn’ iad,
’s athbheirear iad uile cuideachd
san naoidhean, is a shinnre cruinn ann.
Thèid e leò gu ceann a thurais,
’s bidh pàirt dheth beò an dèidh a shiubhail. 1,230
Chìthear a ghnùis ’s e fhèin ’na uirigh;
faodar gur e a ghuth a chluinnear
is ogh’ an ogha nach fhac’ e ’bruidhinn.
Cùis bhùirt sinn! Ged a tha na h-uile
’nan taighean stòir làn fòtais, usgar, 1,235
dhìleab àrsaidh, shubhailc, dhubhailc,
dh’fhan Clann Àdhaimh fòs ’na struidhear,
ga sgapadh fhèin gu dall, faoin, fuilteach.
Peacadh a thruailleas ùir is adhar,
duin’ òg an salachar a’ chatha 1,240
’dol às ri reothairt bhrais a latha.
[Beurla]
Brisear an teud – stadar an ceilear –
nuair bu bhinne, àirde sheinn iad.
Sguirear ’s gun am port ach leitheach.
Mì-ghnìomh a dhallas grian is reultan, 1,245
a’ chuid as bòidhche dhinn ’s as trèine
ga h-eadarmhort gun iochd, ga ceusadh.
Na h-òganaich gan cur gu deuchainn
– am feòladair maraon ’s an treud iad;
slòigh an domhain ri oidhche èitigh 1,250
a’ spealgadh lòchrain càch a chèile.
Ghluais Mochtàr a làmh sa bhruthainn
a shuathadh fallais, a ruagadh cuileig.
Chlisg an Gefreiter; sgaoil e ’bhuille.
Bhàsaich àrdan Ahmaid mhòrail, 1,255
ciùineas Obàïd is beò chridh’ Òmair,
trò eile le Mochtàr fon mhòrtair.
Bhàsaich am fear a bha ri ’uilinn,
dhubhadh às a shinnsreachd uile;
mhortadh a chlann nach do rugadh. 1,260
[Beurla]
Chaidh an domhan beag a bhruanadh,
a dh’fhàs ann fhèin ’na earrach uaine;
a ghin, gun fhios, na bha mun cuairt dha,
is a rinn e ’chumadh le a smuaintean
air na chunnaic e ’s na chual’ e, 1,265
nuair leig an tuigse air a ghuaillean
a h-eallach duineil, deacair, uasal.
Dà dhomhan iolchruthach, luachmhor,
a dhubhadh às gu bràth mun d’fhuair iad
teachd gu ìre làin, ’s a sguabadh 1,270
às an speur le buille thuairmse.
Mort nam marbh is mort nan naoidhean
nach do ghineadh – crìoch dhà shaoghal.
A’ CHRÌOCH
title | 1944–1946 (i) |
internal date | 1945.5 |
display date | 1944-6 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |