POEMS 1944- 1946
(ii)
*110 Atman
Rinn thu goid nad èiginn,
dh’fheuch thu breug gu faotainn às;
dhìt iad, chàin is chuip iad thu,
is chuir iad thu fo ghlais. 4
Bha ’m beul onorach a dhìt thu
pladach, bìdeach sa ghnùis ghlais;
bha Ceartas sreamshùileach o sgrùdadh
a leabhar cunntais ’s iad sìor phailt. 8
Ach am beul a dhearbhadh breugach,
bha e modhail, èibhinn, binn;
fhuair mi eirmseachd is sgeòil uaith
’s gun e ro eòlach air tràth bìdh. 12
Thogte do shùil on obair
à cruth an t-saoghail a dheoghal tlachd;
mhol thu Debel Iussuf dhomh,
a cumadh is a dath. 16
[Beurla]
Is aithne dhomh thu, Atmain,
bean do thaighe ’s do chòignear òg,
do bhaidnein ghobhar is t’asail,
do ghoirtein seagail is do bhò. 20
Is aithne dhomh thu, Atmain:
is fear thu ’s tha thu beò,
dà nì nach eil am breitheamh,
’s a chaill e ’chothrom gu bhith fòs. 24
Chan ainmig t’fhallas na do shùilean;
is eòl duit sùgradh agus fearg;
bhlais is bhlais thu ’n difir
eadar milis agus searbh. 28
Dh’fheuch thu gràin is bròn is gàire;
dh’fheuch thu ànradh agus grian;
dh’fhairich thu a’ bheatha
is cha do mheath thu roimpe riamh. 32
Nan robh thu beairteach, is do chaolan
garbh le caoile t’airein sgìth,
cha bhiodh tu ’chuideachd air na mìolan
an dubh phrìosan Mhondovì. 36
Nuair gheibh breitheamh còir na cùirte
làn a shùla de mo dhruim,
thig mi a thaobh gud fhàilteachadh
trast an t-sràid ma chì mi thu. 40
[Beurla]
Sìdna Àissa, chaidh a cheusadh
mar ri mèirlich air bàrr slèibh,
is b’e ’n toibheum, Atmain, àicheadh
gur bràthair dhomh thu fhèin. 44
*111 An t-Eòlas Nach Cruthaich
Fear a’ bhreithneachaidh ’s an fhiosa,
am fiosrach balbh nach cruthaich nì,
tearbar am math ’s an t-olc leis
air meidhean cothromach a chinn. 4
Seallaidh e le cinnt an cunntas,
mar ionnsramaid le gràdaibh mion;
slat thomhais e gun anam fàis ann,
nach toir nì ùr gu blàths is bith. 8
Chan eil òrd ann, gilb no clàrsach;
cha snaidh, cha ghràbhail e, cha seinn;
chan eil sguabadh fuarghuth sìn’ ann,
chan eil grìosach ann no greim. 12
[Beurla]
Chan eil gul ann, fuath no mallachd,
chan eil beannachd ann no aoibh;
cha mhaoidh e dòrn, cha toir e dùlan,
cha tig às cagar sùgraidh caomh. 16
Eanchainn gheur gun neul, ’s i torrach
mar thuagh sgoltaidh an làimh threun;
beul a mheasas searbh is milis,
gun domblas ann, gun mhil leis fhèin. 20
Cluasan èisteachd gach aon bhinnis,
’s nach gluais an spiorad às a thost;
sùilean sgrùdaidh gach aon sgèimhe,
an ceann cèille marbh nach mol. 24
Mar bhean a phògas fir gu gràdhach,
is nach àraich ’na staid thruaigh
leanabh leatha fhèin gu ’phògadh,
b’e sin an t-Eòlas falamh fuar. 28
[Beurla]
*112 Còmhradh an Alltain
Na h-aibhnichean mòra,
ge mòrail, mall, leathann iad,
Tàimis is Tìobar,
’s an Nìl, ge aost’ a seanachas –
na chunnaic mi nam thuras 5
de shruthan mòra ’s meadhanach,
Hamìz agus Harrais
is Safsaf Sgiogda eatarra,
Seabùs is Buidìma
is Picentìno eabarach, 10
Meidearda Chruimìri,
Forni, Irno ’s Sele leo,
Remel fo Chonstantìna
is Lìri a dhearg ar fleasgaichean –
mas brèagh’ iad, is fheudar dhaibh 15
gèilleadh don Allt Bheithe sin;
ge cian iad no ainmeil,
is balbhain gun cheileir iad.
Guthan is cluig
aig mo shruthan mu na clachan domh, 20
cruitean is fuinn,
luinneagan labhar ann;
tiompain is clàrsaichean,
gàireachdaich is cagarsaich,
sùgradh is deasbad, 25
[Beurla]
feadain gu faramach.
Crònan sgeap mar dhuis
is ceòl brugha troimh an rainich uaith,
cuairteagan is dannsadh,
canntaireachd is caithreaman. 30
Fàilte leis a’ bhruthach
is Cumha am beul a’ chladaich ann;
glaine, gile, binneas,
sruth glinne is ghlacagan.
An linntean a shàmhchair 35
is sgàthan don chraoibh bheithe e,
an t-àilleagan achrannach,
slatagach, meanganach;
bidh a sgàile thar a bhile,
’s am bricein ga fhalach ann; 40
bidh a faileas air ’uachdar
’na lìon duathair is ghathannan,
’s is co-cheòl a cheòlain
còmhradh na h-ainnire.
Chan eil guth aig daoine 45
o chaoineadh gu cainnt fhanaideach,
eadar ciùine ’s mearan,
beannachadh is mallachadh,
comhairle no searmoin,
eirmseachd is sgaiteachas, 50
nach cluinnear leis na tuilm
feadh nam bulbhag ’s nan caiseal uaith.
[Beurla]
Cluinnear ioghnadh ’s mìothlachd,
miodal mìn is masgall ann;
’n àm tachairt ris na creagan 55
bidh gearanaich is talach ann;
brosnachadh is cronachadh,
moladh is achmhasan –
mo shruthan briathrach, bruidhneach,
tha guidhe is atach ann. 60
Tha dàin is duain is ùrnaighean,
sgeòil rùin agus naidheachdan,
tha salmaireachd is aoradh,
tha aoirean is magail ann,
’s an ceòl a chuala mac Laèrteis 65
là Cèitein ga ghabhail ann.
Mu Shamhainn uair bidh donnalaich,
ochanaich is casaid ann,
ceumadh is tailmrich
cleas armailt a’ faicheachd ann. 70
Là Lùnaist bidh snàth fuaim aige
cleas duanaig aig balachan.
Chan eil eun slèibh no coille
nach tug a ghoir ’na leasain uaith,
’s e tiamhaidh, luaineach, ioraltach – 75
tric mar ghairm fheadagan.
Is ann aige air tùs
a dh’ionnsaich iad an gearan ac’,
[Beurla]
a dh’ùraich ceòl nan Cruimeineach
le cuir agus breabadaich, 80
Taorluath is Siubhal
a’ sruthadh a tuill leadarra.
Cantail is cruitearachd,
ruitheannan ceilearachd,
fuinn stàtail mar cheud manach 85
an Laideann ’seinn an Fheasgarain;
saltairt is sitrich
’n àm lighe cleas eachraidh ann;
rothan troma ’s drumaichean
’s na tuiltean a’ greasad air; 90
canain air cabhsairean
an steallraich gach eas’ aige.
Cha teirig cainnt no duain dha
’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha,
len àlach neòil a’ cumail fileantachd 95
am filidheachd a choilleagan –
na neòil bheaga is na baidealan
le frasan a’ cur dheoch thuige,
neòil shneachda àrda thuraideach,
neòil dhubha oillteil thorannach, 100
neòil earraich luath an iarthuath,
neòil chiara dhùmhail fhogharaidh,
neòil an latha ’s neòil na h-oidhche
a’ roinn gun ghainne choireal air.
[Beurla]
[Tha ceathach, ceò is ceòban 105
a’ cumail òran ’s oilein ris, ]
gach caochan falaich uisge
(mion chuisleannan a’ mhonaidh iad),
gach feadain is gach clais
a’ cur fala agus sogain ann. 110
Am fraoch a’ crathadh driùchda
nuair dhùisgeas a’ ghaoth mhochthrathach,
an raineach is an luachair
a’ luasgan ris na h-osagan,
is tha luisreadh ùr na mòintich 115
ag òstaireachd mhion chopan da.
Òran buan a’ teàrnadh
gach ràidh às na coireachan,
uair le dùrdan dùsail,
uair le bùirich dhoineannaich; 120
ag èigheach ’s a’ ceasnachadh
’s ga fhreagairt fhèin ’na chonaltradh,
a’ brìodal chum na tràghad,
a’ tàladh ’s a’ coiteachadh,
a’ tilleadh don mhuir chèir 125
o a chèilidh aig na monaidhean,
am beò shruth beag as fheàrr
na gach sàr abhainn thostach leam.
[Beurla]
*113 Ed Io Rimasi ad Odorar le Foglie
Agus dh’Fhàgadh Mise le Fàileadh nan Duilleag
M’abhall òg an ceann a’ ghàraidh,
a dh’àraich mi fad bliadhn’ an dòchas,
moch is feasgar bhiodh mo shùil air,
’s mi ’n dùil gum biodh a thoradh dhòmhsa. 4
Mi tacan uaith a’ gabhail boladh
duilleach ’s toradh nam meur ìosal,
siud ga ionnsaigh fear gun athadh,
is rùisg e orm m’abhall rìomhach. 8
An t-abhall uain’ a chumadh slàn leam,
nach deach mo làmh ann gu buain ubhail,
rùisg fear eile bun is bàrr e,
is dh’fhan am fàile mar mo chuid dheth. 12
[Beurla]
[TD 172- 173]
[Beurla]
*115 Prìosan Da Fhèin an Duine?
Seall an t-amhsan clis ’na shaighid
o ’fhaire fo na neòil,
’s an t-eun a’ luasgan air a shlataig,
a’ cur a bhith air fad ’na cheòl. 4
Their gnìomh is guth gach creutair ruinn,
ach èisteachd riu air chòir:
“Cha chuir ceann is cridh’ air iomrall thu.
Bi iomlan is bi beò”. 8
Cò air bith a chruthaich sinn,
cha d’rinn E ’n cumadh ceàrr,
is mar thig air tùs gach duine
air bheag uireasbhaidh o ’làimh. 12
A bheil nì nach biodh air chomas da
ach cothrom a thoirt dhà,
is a bhuadhan uile còmhla ann
a’ còrdadh ’nan co-fhàs? 16
Ach nì e tric de ’bhuadhanna
bròg chuagach fo ’shàil,
cuid dhiubh fon chuip, gun srian riu,
’s an dà thrian diubh ’nan tàmh. 20
Bidh an cridhe ’na thìoran aimhreiteach,
’s an ceann aige ’na thràill,
no bidh an corp ’na phrìosanach
’s an inntinn air ’na geàrd. 24
[Beurla]
Ceann is cridhe, teine ’s coinneal
a thoirt solais duinn is blàths,
an corp treun ’s an t-anam maothsgiathach
air aoigheachd ann car tràth, 28
fhuair sinn, is dà chois a shiubhal
gu ceart cunbhalach air làr,
is dà shùil a shealladh suas uaith,
no ’ruith cuairt nan ceithir àird. 32
An cridhe fialaidh, misneachail,
na bu chiomach e am fròig;
ùraich cridh’ an t-saoghail leis –
cuir mu sgaoil e – cuir gu stròdh. 36
Biodh do dhruim ’s do shealladh dìreach,
agus t’inntinn geur gun cheò.
Lean gach beò a th’ann mar thiomnadh,
is bi iomlan is bi beò. 40
Is seall an troichshluagh dàicheil, rianail,
nach robh riamh ach leth bheò,
is beachdan chàich ’nan gàradh crìche dhaibh
gan crìonadh ann an crò. 44
Nigh snighe mall an àbhaistich
an sgàrlaid às an clò,
is thug e breacan ùr an nàdair
gus a’ ghnàthach ghlas fa dheòidh. 48
[Beurla]
Mas seabhag bhras no smeòrach thu,
mìn no ròmach clò do ghnè,
na dèan a’ Chruitheachd a nàrachadh
le nàir’ a cridhe ’s a crè. 52
Mar thaing don Tì chuir deò annad,
ma tha do dhòigh ’na Chreud,
no mar fhialachd dod cho-dhaoine,
bi beò is bi thu fhèin. 56
*116 Bisearta
Chì mi rè geàrd na h-oidhche
dreòs air chrith ’na fhroidhneas thall air fàire,
a’ clapail le a sgiathaibh,
a’ sgapadh ’s a’ ciaradh rionnagan na h-àird’ ud.
Shaoileadh tu gun cluinnte, 5
ge cian, o ’bhuillsgein ochanaich no caoineadh,
ràn corraich no gàir fuatha,
comhart chon cuthaich uaith no ulfhairt fhaolchon,
gun ruigeadh drannd an fhòirneirt
on fhùirneis òmair iomall fhèin an t-saoghail. 10
Ach siud a’ dol an leud e
ri oir an speur an tostachd olc is aognaidh.
[Beurla]
C’ainm nochd a th’orra,
na sràidean bochda anns an sgeith gach uinneag
a lasraichean ’s a deatach, 15
a sradagan is sgreadail a luchd thuinidh,
is taigh air thaigh ga reubadh,
am broinn a chèile am brùchdadh toit’ a’ tuiteam?
Is cò a-nochd tha ’g atach
am Bàs a theachd gu grad ’nan cainntibh uile, 20
no a’ spàirn measg chlach is shailthean
air bhàinidh a’ gairm air cobhair, is nach cluinnear?
Cò a-nochd a phàigheas
seann chìs àbhaisteach na fala cumant?
Uair dearg mar lod na h-àraich, 25
uair bàn mar ghile thràighte an eagail èitigh,
a’ dìreadh ’s uair a’ teàrnadh,
a’ sìneadh le sitheadh àrd ’s a’ call a mheudachd,
a’ fannachadh car aitil
’s ag at mar anail dhiabhail air dhèinead, 30
an t-Olc ’na chridhe ’s ’na chuisle,
chì mi ’na bhuillean a’ sìoladh ’s a’ leum e.
Tha ’n dreòs ’na oillt air fàire,
’na fhàinne ròis is òir am bun nan speuran,
a’ breugnachadh ’s ag àicheadh 35
le ’shoillse sèimhe àrsaidh àrd nan reultan.
[Beurla]
*117 An Lagan
Cò chunnaic an lagan tostach,
’s a’ ghrian mochthrath air a shlios,
ag òradh cromadh rèidh an ruighe,
nach do chaill a chridhe ris? 4
Cò chunnaic riamh an lagan dìomhair,
’s a dhiùltadh a bhith sgìth is fann,
ged bu dian dlùth an Fhiann air,
’na Dhiarmad le a Ghràinne ann? 8
Cò chunnaic an lagan uaine,
’s e suainte ’na choille chèir,
nach d’fhàg, san tionndadh uaith, fon bharrach
roinn de ’anam às a dhèidh? 12
Chan eil gaoir no gul san lagan,
chan eil falachd ann no foill;
sgiath dhomhs’ e roimh gach dochar,
nach leig olc nam thaic a-chaoidh. 16
Chan fhaicear tnùth no gràin san lagan,
chan fhaicear ciùrradh ann no bròn,
cha tig fuath no leònadh faisg air,
is coisrigt’ ann gach gasan feòir. 20
*
[Beurla]
B’fhìor dhomh moladh bras a’ bhalaich
a sheinn na facail sin nam cheann;
b’fhìor dhomh, ged tha a ’mhuir cho farsaing
eadar mi ’s an lagan thall. 24
Tha mi an-diugh taobh mara cèine
fo speur nach fhaic a ghrian sgòth,
ag èisteachd drumaireachd ar làmhaich,
là fo gheasaibh, blàth, gun deò. 28
Bu mhinig ràmhan strì gad riastradh,
mhuir ghrianach nam baile geal,
luingeas Àrgois is na Crèite
is trìreimich na Grèig’ o shean. 32
Shalaich cabhlaichean na Ròimhe
is mòrchuis Chàrtaist cop do stuadh
le fuil, is cuirp is clàran loisgte,
le sannt, le mort, le geilt is fuath. 36
Cà bheil tuinn uain’ as glaine cobhar?
Ach bu chorrach, luath an sìth
eadar Bheanas is Ragùsa
is spùinneadaran borb Aildìr. 40
Ge b’e còrsa air am bris iad,
is truaillte an gile fhuar
an-diugh fhèin, is iad le drillsein
a’ cur gu tìr nam marbh truagh. 44
[Beurla]
Tha fuil sa ghainmhich air am bris iad,
tha fuil ’s gach allt a thig ’nan ceann;
tha grìs san oidhche dhiubh ri lasair
bhailtean air chrith fo chlaidheamh dall. 48
Siud a’ mhuir a tha cho farsaing,
is strìoch fala cùl gach stuaidh;
siud na bliadhnachan air bhàinidh,
is iad bodhar le ràn nan canan buan. 52
Tha toirm nan stuadh ’s nam bliadhna eadar
mi fhèin is fear a’ mholaidh thall.
’Nan dèidh am faighear leam san lagan
na dh’fhàg mi uair de m’anam ann? 56
*118 Beinn is Machair
Feuch, na dromannan clachach,
fuar, fosgailte, frasach,
a bheir don fhradharc le farsaingeachd ròic, 3
a’ sìor àicheadh nam machair,
is nam mìltean ri farpais,
a’ sireadh dìon agus smachd anns a’ chrò. 6
[Beurla]
Beachdaich sìneadh nam bruthach,
lom, fìrinneach, duineil,
eadar fàire neo-chumhang ’s na neòil. 9
Nach feàrr an seasmhachd na ’n sonas,
agus sgeanan nan ospag
na saoghal seasgar ga chosnadh air lòn? 12
Air an rèidhlean gun mhùthadh,
far an gèillear don ùine
fo throm speuran gun ùrachadh deò; 15
far a bheil seangain na h-ùrach,
is iad dìcheallach dùmhail
’nam mìltean an smùrach gach còis. 18
Troimh a chèile ag utadh,
a’ cur rèis gun cheann uidhe,
driop gun chèill ac’ a thrusadh an còrr; 21
is sgaothan sheillean nach cunntar
a’ solar sna flùiribh,
agus suaingheasachd dhùsail ’nan ceòl. 24
Siud am baile ’na shiùrsaich,
is corp is anam ’nan cunnradh
feadh nan sàr shràid ’s nan cùil ann gach lò; 27
is fa ’chomhair àrd lurach,
glan chomann nam mullach,
gach aon fo choron geal-chuithe ’na òigh. 30
[Beurla]
Tha othail is sùrd ann
an dèidh shochairean ’s cùinnidh,
’s an sodal làn ùmhlachd don phròis 33
ag amharc on ùpraid
ri àrdan nan stùcan,
ri tost nan coire ’s ri dùlan nan sgòrr. 36
An t-allt is luath labhar brasbhinn
leis na bruthaichean casa,
nì an rèidhlean a thachdadh fa dheòidh; 39
is thèid an luaths dheth ’s a’ mhisneach
gu gruaim bhodaich chrioplaich,
ged a b’uallach le slios e ’s e òg. 42
Thèid a cheilearan saora
neo-eismeileach aobhach
’nan sruth eabair feadh raointean is feòir; 45
thèid a bhagartaich ghaisgich
gu mion chagarsaich chaillich,
no gu talach beag smachdaichte fòil. 48
Is e ’na leisgean donn, sàmhach,
dall, domhain a’ snàgail,
làn ghlomhar is gàbhaidh is gò, 51
is a chuairteagan crèise
air an truailleadh le brèinead,
ag òl druaip agus dèistinn an t-slòigh. 54
*
[Beurla]
A dheagh mhuinntir an t-saoghail,
mur b’e tartar nan daoine
sa bheil gnè nam beann gaothach ’s nan sgòrr; 57
mur b’e an geur stàilinn faobhair
a bhith nur mèinn, bha bhur daorsa
mar chuing na treud a ghreas Maois às a’ chrò. 60
*119 Clann Àdhaimh
Siud bàrca beag le antrom gaoithe sìorraidh
’na siùil chaithte, a’ dìreadh cuain gun chòrsa,
’s i leatha fhèin an cearcall cian na fàire,
is gul is gàireachdaich troimh chèil’ air bòrd dhith. 4
Tha Bròn, Aoibh, Aois is Òige, Sàr is Suarach
a’ tarraing nam ball buan a tha ri ’brèidibh;
tha Amaideas is Gliocas, Naomh is Peacach
air a stiùir mu seach is càch gan èisteachd. 8
Fo speur tha uair grianach, uair sgreunach,
– clais is cìrein – fèath is doineann – thèid i,
gu fàire nach do leum saidh riamh no sùilean,
’s a lorg ’s a h-ùpraid ghuth ’dol bàs ’na dèidh-se. 12
[Beurla]
Ceangal
Siud i is brù air a siùil ’s i ’deuchainn gach sgòid,
long àrsaidh le sunnd is sùrd is lèireadh air bòrd;
fàire làn rùn nach do rùisgeadh fo cheann a croinn spreòid,
is cop uisge a stiùrach a’ dùnadh ’s ga chall sa mhuir mhòir. 16
*120 Is E Crìoch Àraidh
Chan eil do shàsachadh a-bhos;
’s e doras taigh do ghràidh an uaigh.
Chan eil an saoghal truagh nam beò
ach fàsach fògraidh ’s iomraill chruaidh. 4
Is e tha ’n sgeul ar là gu lèir
roimh-ràdh bu chòir a leum ri luaths;
chan fhoillsichear do shùil fon ghrèin
smior is meud an Leabhair Bhuain. 8
Is deuchainn gheàrr ar beatha bhochd,
laimrig an aiseig null gar tìr.
A-bhos tha ’n t-olc ’s na sìontan borb,
ach thall tha foirfeachd agus sìth. 12
[Beurla]
A mholadh sin don Uile ghlic,
don Dia tha biothbhuan, math is treun,
a las a’ ghrian ’s na reultan òir
os cionn gleann a’ bhròin ’s nan deur. 16
A mholadh do Aoghaire nan neul,
a their ris a’ Chèitein “Gabh mu thuath”;
Buachaill an t-samhraidh measg nan crann,
foghair is geamhraidh d’A chloinn truaigh. 20
A thulgas an seòl mara mall
bhos is thall air oir an fhuinn;
is Dorsair tùr nan gaoth, ’s dan rèir
bheir leum is laighe air na tuinn. 24
A sgeadaicheas a’ choille lom,
’s a bheir a trusgan donn don ùir;
a roinneas gàire oirnn is deòir,
breith, bàs, breòiteachd, slàint’ is lùths. 28
A thùr dhuinn òige, fàs is aois,
a shnaidh an saoghal is a sgiamh,
a dh’fhosgail romhainn muir is tìr,
am magh ’s cruth mìorbhailteach nan sliabh. 32
[Beurla]
A thùr ar Bith dhuinn iomadh-fhillt’,
inntinn is colainn, ceann is làmh,
’s a thug e dhuinn gu ’mholadh leis,
’s chan ann ’na oidhch’ a’ meath roimhn là. 36
Gabh gu deònach ri ’lagh glic,
siubhail A shlighe ceum air cheum;
lean cumadh sìorraidh a’ Phuirt Mhòir
a rinn E dhuinn mar cheòl ar gnè. 40
Cluich an t-ùrlar mall air tùs,
’s gach roinn ’na dhèidh le lùths nad chuir,
air Crùnluath bras do là cuir ceann,
till air an ùrlar mhall is sguir. 44
An Dia sin as Athair leat,
’na sheirc a chruthaich sinn gu lèir,
nach binn am moladh Dha o ’chloinn,
a dìmeas mu na rinn E fhèin? 48
Is e A smuain an t-anam maoth,
’s e ’anail chaomh a’ bheatha bhlàth.
Dèan Da moladh sona fìor.
Meal is mol sàr ghnìomh A làmh. 52
[Beurla]
*121 Casan Sìoda a’ Freagairt
Rinn Casan Sìoda mosgladh air a shocair as a chrùban,
ga shìneadh is a’ mèananaich le sealladh dreugain dùr orm.
Dh’imlich e a spògan agus chas e ’shròn le diomb rium,
is thubhairt e mu dheireadh rium: “Nì Math, nach leamh do bhùitich! 4
“Seo mise nam dhubh thràill agad, ’s nam gheàrd ’s do cheann fod sgèith-sa
gun taingealachd no bruidhinn air no buidheachas ’na èirig,
ach: ‘An d’ith an cat na sgadain ud a ghabh a’ ghaoth dhaibh fhèin uainn?’
is: ‘Cò ghoid an trosg ’s am bainne?’ – agus, abair e, le speuradh. 8
“Na h-eòin a tha sa ghàradh ud a’ togail àl gun obair,
gan reamhrachadh air gròiseidean, is ròic ac’ air do chost-sa,
fo fheasgar ’s e as dìota dhaibh an sìol a chuir thu mochthrath.
Cò sgapas gus na speuran iad? Gu dè ma dh’ith mi ’n trosg ort? 12
“Thug thu ainm a’ mhurtair dhomh, ach cuir riut fhèin an cliù sin.
Fhuair thu cearc no dhà sa ghogail ’s iad a’ spìoladh ort do fhlùirean.
Ghabh thu fearg na dunach riu, a’ mionnachadh gu brùideil
an amhaichean a shìneadh, agus lìnnig thu do bhrù leo. 16
[Beurla]
“Mas aithne dhuit na h-iasgairean, bu mhì-chiallach uait an ‘leisg’ ud.
Their luchd nan cuairt samhraidh riu ’nan aineolas a leithid.
Gach oidhche ’s trang ar caithris duinn, ’s gur e ar madainn feasgar.
Is mi chumas clos is cadal riut. Cha ghabh mi riut mar bhreitheamh. 20
“Tha mìle luch san taigh agad ri straighlich anns na cùiltean.
Tha seanaid dhiubh sa cheàrnaidh is batàillean slàn fon ùrlar.
Bidh an oidhche ac’ air chèilidh, a’ cur rèis ’s a’ streap nan cùirtein,
is millidh iad do shrannraich le an dannsaichean gad dhùsgadh. 24
“Is mi chuireas tost is teicheadh orra. ’S mì ’n Dubh Dhealan obann
a chromas air na deireagain mun teirinn iad ’nan tollaig.
‘Ceatharnach sa chistin!’ – cha bu mhiste thu mo chogadh
nuair lorg mi oidhch’ air truinnseir iad a’ dannsadh ruidhle ochdnar. 28
“Fuighleach do bhùird mar thuarastal – nach duairc do shùil an dèidh sin,
’s gach cuirm a th’aig na luchainn ’s iad cruinn san t-seòmar leughaidh?
Chreim iad leabhar Shomhairle, ’s tha ’n comharra ’nan dèidh air;
chaidh am fiaclan mì-nàrach anns na Dàin ’s an Craobh nan Teud ort. 32
[Beurla]
“Iain Lom ’s Mac Mhaighstir Alastair ’s Rob Donn, on ghabh an sùil orr’
is eagach caol an duilleagan, ’s is cutach an rainn chliùiteach.
Cuiridh mi geall nach tomhais thu an cron is mò a dhrùidh orm –
fhuair mi an-raoir gu driopail iad ag ithe t’òrain ùir-sa. 36
“Seann chù leisg nan deargan, bheir mi dhuit a dhealbh ’s a dhòighean –
miolaran is geòcaireachd ’s a shròn a chur sna pòitean.
E fhèin ’s a dhrannd ’s a chùlagan! – cha dèan e tùrn ri ’bheò dhuit.
Is fheàrr mo spòg na esan slàn – nach mi a shàbhail t’òran? 40
“Ach nach iomadh feasgar sonais agus fois’ a thug sinn còmhla,
’s tu gam thachas cùl nan cluasan ’s mi gam shuathadh riut ’s a’ crònan?
Gabh rabhadh, agus cuimhnich air na luchainn ’s air na h-eòin sin.
A-nis nach leig thu cadal domh? – chan fhiach do chainnt an còrr uam.” 44
[Beurla]
*122 Na Tuinn ris na Carraigean
A mhuir fo chobhar ris na carraigean,
an caraich iad led chòmhrag?
Saoghal nan gineal falbhanach,
an treas’ am marbh no ’m beò ann? 4
Am bi cinnt nam marbh a’ meatachadh
na beatha is na h-òige,
is am meòir chnàmha mur buinn luaineach
gar toirt a-nuas ’nan còrdaibh? 8
Am bi gach smuain a smuainicheadh
’na ceangal cruaidh mur còmhradh,
is cainnt àrsaidh ’na sean bhuarach dhuinn
nuair bhios smuain ùr ga tòireachd? 12
Ciod e ma chruthaicheadh an talamh seo
le cladaichean g’ar cròthadh?
A mhuir, mo mhuir-sa, tha ’n speur rionnagach
le gaothaibh saor ag ulfhairt òirnne! 16
[Beurla]
*123 An t-Òigear a’ Bruidhinn on Ùir
Seall, a chinne dhaonna, dlùth air,
’s gun toir an t-sùil don chuimhne rabhadh.
Seall am fonn a dh’òl ar lotan
air a threabhadh leis a’ chanan. 4
Seall na h-achaidhean a shluig sinn,
a’ sgeith an duslaich anns an adhar.
Ruidhle aig na cuilbh dhubh’ orr’
ri drumaireachd nan gunn’ a’ tabhann. 8
Air an uisgeachadh le feòlachd,
le fuil òigear oidhch’ is latha.
Air an ruamhar, air an riastradh,
air an cliathadh leis a’ chasgairt. 12
Seall na bothain is na bailtean
’nan cruachan clachaireachd gun anam.
Seall smùr nam baile pronn san Eadailt,
’s nan clachan leagte thall san Aifric. 16
[Beurla]
Duslach mìn nan taighean marbha,
stùr armailtean air uaigh nan dachaigh.
Bu chòir gun cruinnicheadh gaoth mhòr e
air feadh na h-Eòrpa fad’ is farsaing, 20
às an Eòrpa is à Breatainn
ga sguabadh leatha ’na neul gathach.
’S gun sèideadh i sna sùilean cruaidhe
leis nach truagh ar lotan sracte, 24
leis nach truagh ar buain Earraich,
’s ar n-uaighean feachda air ar n-aineol,
gan lìonadh le sleaghan duslaich,
gan cur a shruthadh is gan dalladh; 28
ceart mar a thachd an duslach ciar sinn,
’s a mhùch e grian òg ar latha.
[Beurla]
*124 Meftah Bâbkum es-Sabar?
Iuchair Bhur Dorais an Fhaighidinn?
Is cuimhne leam an Sùg el-Cheamais,
sa chaifidh dhorcha is sinn a’ deasbad,
guth cianail mar ghuth chlag fo fheasgar
a mhol domh strìochdadh don Fhreastal.
“Mo chridhe fhèin, is faoin bhur gleac Ris, 5
’s gu bheil gach toiseach agus deireadh
air an sgrìobhadh Aige cheana.”
Sgrùd e bas a làimhe ’s lean e:
“Do roinn, do mhanadh, is do sgàile,
thèid iad cuide riut ’s gach àite. 10
“An rud a tha san Dàn ’s a sgrìobhadh,
is gainntir sin a ghlais an Rìgh oirnn.
’S i ’n fhaighidinn le sealladh ìosal
iuchair doras ar dubh phrìosain.”
Ghin aintighearnas na grèine lasraich, 15
is ainneart speuran teth na h-Aifric,
gliocas brùite sgìth nam facal.
[Beurla]
A ghliocais mar chluig mhall’ an fheasgair,
chan ann dhuinne do leithid!
Oir sgrìobhadh roghainn fa leth dhuinn, 20
an t-sìth ’s am bàs no gleac ’s a’ bheatha.
Dh’fhalbh na diasan, dh’fhan an asbhuain?
Thuit na bailtean, chinn an raineach?
A bheil tom luachrach air gach stairsnich?
A shaoghail, tha sinn ann ga aindeoin; 25
tha a’ ghrìosach theth fon luaithre fhathast.
Na iarraibh oirnn, ma-tà, cur sìos duibh
draoidheachd cheòlmhor fhacal lìomhta,
nithean clòimhteach, sgeòil an t-sìthein,
ceò no òrain airson nìonag, 30
òran tàlaidh caillich sìtheil
a’ tulgadh a h-ogha ’s ga bhrìodal –
na iarraibh, ach sgal na pìoba.
Beachdan gnàthach, laghach, cinnteach,
òraid dhàicheil à ceann slìogte, 35
nòsan àbhaisteach no mìnead,
suaimhneas turban geal na h-Ioslaim,
faighidinn Arabaich ga shìneadh
fa chomhair Allah fon bhruthainn shìorraidh
[Beurla]
na iarraibh – tha sinn beò da-rìribh, 40
agus “Is fuar a’ ghaoth thar Ìle
gheibhear aca an Cinntìre”.
Iarraibh gàire, gean is mìghean,
càirdeas, nàimhdeas, tlachd is mìothlachd –
iarraibh faileas fìor ar n-inntinn. 45
Siribh an annas ar làimhe
a’ bheatha ghoirt, gharbh, luath-ghàireach,
oir thairg am Freastal rè ar làithean
roghainn na beatha no a’ bhàis duinn.
Blàr-cath’ ar toile, leac ar teine, 50
an raon a dhùisgeas ar seisreach,
stèidh togail ar làmhan ’s ar dealais;
an talla a fhuair sinn gun cheilear,
is far an cluinnear moch is feasgar
ceòl ar sinnsre is gàir ar seinne; 55
an leabhar far an sgrìobhar leinne
bàrdachd ùr fon rann mu dheireadh
a chuireadh leis na bàird o shean ann –
b’e sin ar tìr. No, mur an gleacar,
rud suarach ann an cùil ga cheiltinn, 60
a thraogh ’s a dhìochuimhnich sluagh eile.
[Beurla]
*125 Tilleadh Uilìseis
I
Ràinig mac Laèrteis,
seal mun d’èirich orra ’n là,
Iotaca is tràighean ’òige.
Anns na tràthaibh cianail
mun leum a’ ghrian, bha ’n iubhrach àrd 5
dlùth fo sgàile an t-seann chòrsa.
Bha ’n cruinne aosta ’mosgladh,
ag osnaich luchd nan linn a’ fàs;
osna airson na grèine
am beul gach dùil roimhn là; 10
’s an sgùrr a b’àirde air ’ùr òradh.
Bu chadal da, ’s bha ’n t-eathar
gu mear a’ breabadh cuip o ’sàil,
a’ cur nam bàgh ’s nan rubha eòlach.
An ciar nan coille driùchdach 15
’s nan dùslainn tiugh thog eòin mun àl
an gearan briste bìgeil:
bha brìdein beul an làin,
is èigh a chràidh aige sa ghlòmainn.
[Beurla]
Is riamh bu chadal sìthe 20
do Uilìseas, sgìth o ’fhògradh.
An dèidh gach euchd is faontraidh,
cleas an naoidhein, rinn e suain
air a shuaineadh ’na chleòca.
II
Bu chadal do Uilìseas; 25
is dh’fhàg iad sìnt’ e air an tràigh,
e fhèin ’s a shàibhreas uile còmhla.
Bu chadal. Is nuair dhùisg e
cha d’aithnich e a dhùthaich ghràidh,
oir chàraich a’ bhan-dia fo cheò i. 30
B’e seann chù dall nan cartan
a’ chiad bheò a dh’aithnich e,
nuair thill a bheò o cheudan dòrainn.
Gun fhuran is gun aithne,
’na chùis bhùirt aig fanaid chàich, 35
fhuair e cùil ’na àras mòrail.
[Beurla]
III
A’ cagnadh ’fheirge, an riochd an dèircich
’na dhùn fhèin, bu ghailbheach
a shùil fhiar fo ’mhailghean air cuirm nan tòiseach.
’Na dhèidh bu labhar sreang a bhogha, 40
is b’fhionnar oiteag a shaighdean
feadh an talla air gruaidhean na dòmhlachd.
Is iomadh misgear uaibhreach a tholladh,
’s a leig ’fhochaid dheth ’s a ghàire,
’s a shleuchd ’na fhuil ’s a làmhan dearg mu ’sgòrnan. 45
Is suirgheach maoth a fhuair a leagadh,
beul fodha, ’s e ’sgeith lod fala
measg fìon, feòl’, arain, chuachan is fhear feòirne.
[Beurla]
*126 Ar Blàr Catha
Taobh thall gach rubh’ a thogadh leinn,
is cùl gach cnuic a choisich sinn;
a’ ruith na dh’fhalaich cromadh
gach fàire fad’ air fuaradh;
màrsal ’s dol sìos fo bhrataichean 5
nach d’fhairich gaoth ar n-àirdean,
clach tharraing anns gach àird dhuinn
is ar màthair gar cur uaipe.
Fad nan linntean taistealach
b’e sin a bha air mhanadh dhuinn, 10
is eadar sinn is còrs’ ar n-altraim
fèath is stoirm nan uile chuantan.
Rangan MhicAoidh is feachd Ghustàvais,
arm na Frainge, geàrd nan Liuthais,
a liuthad ceum sgìth is leòn is àrach, 15
’s gun leas ar màthar an aon bhuille.
An e gun d’rinn sinn a dearmad,
’s gun d’fhàs i searbh is bochd is cruaidh dhuinn?
Thrèig sinn i ’s a làmh, ar leinn,
’na feum ’s ’na teinn gar n-utadh uaipe. 20
[Beurla]
Taobh thall gach cnuic ’s gach rubh’ air thalamh,
na còrsaichean ùra gar tarraing,
na dòighean ùra a’ sgrios ar dachaigh,
gar ruagadh a thoirt buaidh air aineol.
Falbh dar deòin is falbh dar n-aindeoin 25
gu tàirneanaich nan àrach tartmhor;
buadhach an smùid nan còmhrag thairis,
is smùid an fhògraidh tiugh an Cataibh,
smùid an fhòirneirt feadh gach baile.
Cò dh’fhan a chluinntinn gaoth nan cuantan 30
feadh luachair nan gort ’na h-aonar?
Tha ’n treabhaiche taobh thall nan cuantan,
’toirt beath’ à gruaim nan coilltean aosta;
tha ’n taigh, bha aoigheil blàth, gun mhullach,
’s a’ ghaoth ’s an t-uisge ann air aoigheachd; 35
tha ’m baile fuar fo thost na h-uaghach,
’s a dhaoin’ air stuadhan fuar’ an t-saoghail,
a’ fosgladh le iuchair na h-èiginn
doras seòmar-breith gach gaoithe –
cur is buain is cath is ceannach 40
air stairsnich seòmar-breith gach gaoithe.
[Beurla]
Fuil an ràn nam blàr asainn,
fallas sna coilltean sàmhach dhinn,
clach tharraing anns gach àird dhuinn
is ar màthair ga cur suarach; 45
’dol bàs a’ bualadh dhian bhuillean
an iomall cian na cruinne,
gun bhriathar is gun bhuille
ga cuideachadh ’na truaighe.
Fàire seachad, fàir’ ùr a’ nochdadh, 50
gu ’cur ler dùthaich ’s leis a’ bhochdainn
fo uisg’ ar stiùrach, ’s ar sealladh romhainn.
Taighean ùr againn gan togail
air oir nam fàsach cian, coimheach –
deanntag is luachair ’nan tomain 55
an Albainn air làr nan tobhta.
An t-arbhar stuadhach ler n-obair
ri luasgan òrbhuidhe fon oiteig
far am b’àrsaidh, aognaidh, tostach
sgàile na ròchoille gun mhosgladh; 60
’s am fraoch, ’s an raineach, ’s a’ chopag
a’ brùchdadh air ais thar lom nan goirtein,
thar clais is iomair a rinn torrach
fallas ar sinnsre, ’s a dhìon on choigreach
glùn air ghlùin am fuil gun obadh. 65
[Beurla]
Is tìom dhuinn sgur de chathan ciana,
ar cùl a thionndadh ris an iarchuan,
’s ar n-aghaidh ris an dùthaich sgiamhaich
a dh’earb ar n-athraichean o Dhia ruinn.
Is i Alba ar clach tharraing, 70
is i Alba ar blàr catha;
’s i fhèin a dh’uisgicheas ar fallas,
’s i fhèin a gharas teas ar fala;
tha àite do gach buaidh a th’annainn
’na gleanntaichean is ’na bailtean; 75
tha feum air smuaintean ’s air tapachd
eadar an stairsneach ’s ceann a’ bhaile.
[Beurla]
[TD 203- 207]
[Albais]
*132 Achmhasain
(trì rainn is amhran)
Na beanntan àrda, saora,
dh’fhuilingeas gaoth is grian,
gar faicinn mar a tha sinn –
is achmhasan dhuinn iad. 4
Glinn nan làrach uaigneach,
far na bhuadhaich am fiadh;
na h-achaidhean fo rainich –
is achmhasan dhuinn iad. 8
Ar tìr bha uair ’na leòghann,
bha mòr ri trod ’s ri sìth,
’na measan aig sàil Shasainn –
is achmhasan dhuinn ì. 12
Ceangal
Euchdan ar cinnidh dhuinn is achmhasan fìor,
a cheòl is a bhàrdachd, a chànain ’s ar n-òigridh ga dìth;
na h-uillt bhras, is a’ ghaoth thig saor o mharannan cian,
samhail misneach ar n-athraichean – achmhasain, achmhasain iad. 16
[Beurla]
*133 Feachd a’ Phrionnsa
(Nuair a ràinig arm a’ Phrionnsa ùir Shasainn, agus iad air an abhainn a chur as an dèidh, thionndaidh iad, rùisg gach fear a chlaidheamh, agus dh’amhairc iad gu tostach air Albainn car tacain.)
Nuair a chuir an t-arm an abhainn
’s a sheas iad air ciad raointean Shasainn,
thionndaidh iad gun ghlaodh, gun fhacal,
dh’amhairc iad le dùrachd dhainginn
air Albainn, ’s rùisg gach fear a chlaidheamh. 5
Bheachdaich iad ’nan tost car tacain,
is gheall iad dhi an neart ’s an gaisge.
Sgrìoch na truaillean fon stàilinn,
dh’èigh a’ phìob is lean am màrsal.
Tha an còrr againn air chuimhne. 10
Chaidh an gealladh sin a chumail
le ceuman sgìth ’s le lotan fuilteach.
Chuir iad Golìat mòr air uidil,
is, aon ri triùir, mu dheireadh thuit iad.
[Beurla]
– Dhùin iad an greis a-bhos le alladh. – 15
Aon chuairt, aon chuairt gheibh sinn air thalamh
a nochdadh an fhaghairt a th’annainn,
a dheuchainn faobhar ar tapachd,
a chosnadh cliù dar tìr no masladh.
Is e bu chòir dhuinn stad is tionndadh, 20
amharc air ar tìr le dùrachd;
le gealladh blàth gun bhòst, gun bhùitich,
is lann ar spioraid theth a rùsgadh,
seann lann lasairgheal ar dùthcha;
’s a liuthad bliadhna meirg’ is dùsail 25
a mhaolaich i san truaill dhùinte.
B’e ’n dùsal dubh e – seo an dùsgadh.
[Albais]
[Beurla]
[TD 211- 214]
[Beurla]
*136 Truaighe na h-Eòrpa
Tha mùir shnaidhte na h-Eòrpa
shìos ’nan tòrr air a raointean.
Tha an gràbhaladh àrsaidh
air a sgàineadh is gaorr air. 4
Tha dlùth shreathan a tùirean
’nam mion sprùidhlich air aomadh.
Tha muinntir a tallachan
sgapte air faontra. 8
Is luaineach, làn airce,
oidhch’ is latha a daoine.
Chaidh geurghuth an truaighe
thar cruaidhghàir a gaothan. 12
Dh’fhalbh bhàrr na h-Eòrpa
trian de ’bòidhchead sèimh aosta.
Seann tèarmann na h-ealain,
cridhe meachair na daondachd. 16
Och, rubha na h-Àisia,
Bàlcan an t-saoghail!
title | 1944–1946 (ii) |
internal date | 1945.5 |
display date | 1944-6 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |