[216]

POEMS 1946– 1958

*137 An t-Iasgair

Seo mar dhaithnich mi riamh thu,
fhuair oilein aig sgoil an iasgaich.

An sealladh fir, na sùilean socrach
a sgrùdadh slugan dubh an doininn,
s a leughadh seagh an àrdthuinn obainn, 5
ceann geal troimh dhall na h-oidhchenochdadh.

Tha fuaradhs fasgadh, faires fulang
nad shùils an ciùine do ghutha;
dhfhàg caol is cuan, rubhair rubha
len sruthan cinns len gaothaibh uile, 10
dhfhàg cathadh sguabte iomadh tuinne,
fèath is gailleann is sìontan dubha,
air do ghruaidh an seul, a dhuine.

[Beurla]


[217]

[Beurla]

*139 Bloigh Eadailteach

A bhith leatha o laighe na grèine
gun gar faicinn ach na reultan,
aon oidhcha-mhàin, aon oidhche Chèitein, 3
aon oidhcha-mhàin; isna dèidh sin
na tilleadh grian eile a dhèirigh
s na glasadh am bun nan speuran. 6

[Beurla]


[218]

*140 Tlachd is Misneach

Ciùcharan nan eun mun chladach,
adùsgadh air chionn teachd an latha;
boladh abheithes na rainich
ag èirigh suas le dealt nan glacaibh;
tùis roid nan còs fo chùirnein lainnir 5
asmùidrich ri grèin òig na maidne.
Na cnuic fa chomhair Rubha Meall Daraich,
cnuic bheaga, fhiadhaich, mholach, chasa;
aghaoth ri osnaich trast am mala,
am muing uaine ga crathadh, 10
s amhuir mum bonnaibh ri cagar
bha sin daonnan mar roinn de manam,
na thobar fionnar sìthis tlachda;
bha, is bidhs mi beò air thalamh.

Amhuir gheamhraidh fon doineann, 15
s i nuallanach, uabhasach asloistreadh
druimeach, fuarghlas ri Rubha Loisgte.
Amhuir earraich ri solas
grian ghaothach aMhàirts amhosglaidh.
Muir na h-oidhche reubte alosgadh, 20
s an teine sionnachain anochdadh
gach sgar an cliathaich na sgotha,

[Beurla]


[219]

foguailleans musàil afroiseadh;
lasair is sradagan sa chop dhith,
s iruiths ationndadh mar fhiadh air cnocan. 25
Gaoth, frasan, sliabh is tuinn mo locha,
bha sin riamhna fhuaran sonais
sna èibhleig mhisnich dhomh air choimhich;
bha, is bidhs mo chuairt a-bhos domh.

[Beurla]


[220]

[Beurla]

*142 Stoc is Failleanan

Thalla, Eudochais, is beachdaich.
Achraobh a leag iad an-uiridh
seall! – chan fhaic thustoc am-bliadhna
aig lìonmhoireachd nam fiùran uime. 4

Tha ceathach uaine uimpe acleith oirnn
lot na tuaighe a leag a mullach,
oir ghin na freumhan, ’s iad air fanachd,
àlach ghallan far na thuit i. 8

[Beurla]


[221]

Sin a dhìth air achoille,
beàrn san doire nach dùinear” –
ach dhùraich i a beatha fhathast
le failleanan an aghaidh dùile. 12

Slàn leatha,” thuirt sinn, “ ’s lecuid smeòrach.
Cha chluinnear ceòl a h-eunlaith tuille.”
Nuair a thèid bliadhnas bliadhna seachad
bidh iad aseinn as ùrna duilleach. 16

Dhfhan na freumhan an dèidh an leagaidh
a tharraing beatha on ùir don bhuin i;
A dhaindeoin choilltearan is tuaighe
dhath-nuadhaich i a h-eòin on duslach. 20

Ar cainnts ar cultar, car sealain
ged rachadh an leagadh buileach,
cuiridh am freumhans an seann stoc dhiubh
failleanan snodhaich is duilleach. 24

[Beurla]

[TD 222- 224]

[Beurla , Albais]


[225]

*148 Na Casan air Tìr

Tha mo chasan air tìr
is mo lìon air croich òrdail;
tha mo sgoth air amhol
is na sgorraidhean fòipe. 4

Tha na sgorraidhean fòipe,
is mi gu dòigheil air cathair
mu choinneimh gealbhain mhòir èibhinn,
is mig èisteachd na gaillinn. 8

Tha mig èisteachd na gaillinn
ri sgal is toirm orgain,
agus torrann na mara
air achladach san dorcha. 12

Nas cha chuir iad orm cùram,
s cha bhi an stiùireadh gam shàrach;
nas cha leugh mi an losgadh,
s chan iarr mi coltas feadh bhàghan. 16

Cha bhi min eisimeil an losgaidh
is acholtais nas fhaide;
am freastal motar is lìontan,
an taing na sìnes luchd ceannaich. 20

[Beurla]


[226]

Nas cha tèid làmh dhiom
air druim àrcan no ceannair,
s chan fhaic mi rudhadh na grèine
trast an speur cùl aCheathraimh. 24

Iomachars an Innis
is Rubha Sgibinis àlainn,
an Sgat Mòr is an Coileach
seo soraidh is slàn leibh. 28

Than crann cèillair an fharadh
mo mhac-sa a ghabhail.
Is eòl da camas is caolas
nach leig an aois domh bhithtathaich. 32

Faodaidh esan ri sìontan
fad na h-oìdhche bhithcaithris.
Tha mi fhèin air mo shocair,
is tha mo sgoth air achladach. 36

[Beurla]


[227]

*150 Fàire

Inntinn acrach, cridhe tartmhor,
sealladh dom falamh fad a fhradhairc,
a bheil na shàsaicheas bhur sireadh
thar fàire idir nas fhaidair aghaidh? 4

Còrsa ùran tuilleadh annas
a lòchrain afàs fann roimhn ghrèin air:
cainnt eilair àrdoras nam bùthan;
speur cinnidh ùir fo smùid an èirigh. 8

Uair is uair, còrsaichean ùra,
is cùinneadh ùr ga chur a cheannach
blais ùir a dhfhìon: is sriut de chòmhradh
nach tuigear deò dheth, taobh achalaidh. 12

Taighean solais an t-saoghail,
a sheòlaidean, a chaoil, a chuantan,
ùpraid a cheidhe, dòmhlachd a chabhsair
uisge stiùrach ga chall sna stuadhan. 16

Is ann a tha rubha Ghàidhealach,
s na shàsaicheas sùil, cridhis inntinn
an taobh a-staigh dhiubh. Dhfhàg thu, manam,
nad dhèidh am bad as tobar tìota. 20

[Beurla]


[228]

Gu leòir a dhimeachds a dhiomairt;
gu leòir, a chridhe, ded sgrùdadh eirthir.
Is ann mu lochs fo shlèibhtean tàraich
tha fàire tiarraidhs tlachd a sheasas. 24

Ach, tha fhios agam, ged chì mi
Cluaidhs Loch Fìne mu dheireadh,
tha fàiren-sin deas air Arainn
a bhios gam tharraing uair eile. 28

[Albais]

[Beurla]


[229]

*152 Am Faillean Ùr

(òran)

Faillean fo bhlàth an gàradh driùchdach leis fhèin,
maise is fàs is fàileadh ùrar nan geug;
siud coimeas mo ghràidh, ’s is feàrr a giùlans a gnè.
Tha aiteas is bàigh am fàilte mhùirnich a bèil. 4

Càite bheil gin le cridhe dhfhairich an gràdh,
nach seas air a cheum le spèis ga h-amharc air sràid?
Uilàillteachd is cruth na Cruitheachd innte atàmh.
Tha sgiamh na cruinne cruinn san aghaidh gun smàl. 8

Lainnir is dreòs de òr gach cleirc air a ceann.
A faicinn rim thaobh, a ghaoil, bu gheasachd siud leam.
Sèimh bhruidhinn dhìleas, fhìor is furan gun fheall;
guth ìosals e binn, guth bìth mar uisge le gleann. 12

Tha oidhche is s gach ràithdol tharad nach till,
cur sèiste rid bhòidhchead òg le falachd gun sgìos.
Dèan gèilleadh don ghràdh, ’s na fàg abhuaidh aig an tìom,
mun gèill do cheann bàn is blàths do ghruaidh dostrì. 16

[Beurla]

[TD 230- 234]

[Beurla , Albais]


[235]

*157 Na Trèig do Thalamh Dùthchais

Na trèig do thalamh dùthchais,
air fearann no air chùinneadh,
air onair no air siùrsachd.

Air mholadh no air ùrnaigh
na trèig do thalamh dùthchais, 5
air ghealladh no air chùmhnant.

Air lagh, air lainn, air dhùlan
na trèig do thalamh dùthchais,
air saltairt no air chiùrradh,
air eagal no air bhùitich. 10

Air chall, air sgìos, air chùram;
air ghràdh, air sìth, air dhùrachd;
air bhàigh, air speuran ciùine
na trèig do thalamh dùthchais.

Air àilgheas inbhis cùirte, 15
ged bheirte spèis is cliù dhuit,
na trèig do thalamh dùthchais.

Na trèig do thalamh dùthchais,
air fearann no air chùinneadh,
air onair no air siùrsachd. 20

[Beurla]

[TD 236- 243]

[Albais]


[244]

160 Triùir an Earraich

[Albais]


[245]

[Albais]


[246]

[Beurla]

*163 Feadag Ghòrach an t-Slèibhe

[Beurla]

[Albais]

[TD 247- 248]

[Albais]


[249]

[Albais]

[Spàinntis]

[Beurla]


[250]

169 Fear Breacain Bhallaigh

[unedited draft]

Latha dhomhs mi falbh aghleannain,
latha dhomhs mi falbh aghleannain,
latha dhomhs mi falbh aghleannain,
thachair orm fear breacain bhallaigh,
latha dhomhs mi falbh aghleannain, 5
thachair orm fear breccin bhallaigh,
dhfhaighnichd e am be a leanainn,
thuirt mi nach be siud bhair maire.
Shiubhlainn leis thar chuan, thar bheannaibh,
shiubhlainn leis thar chuain, thar mara, 10
shiubhlainn leis thar chruach, thar bheannaibh,
is cha bu chúram orm em mhealladh.

Shiubhlainn leis thar thuinn, thar bheannaibh,
shiubhlainn cruas is truas gan athadh;
shiubhlainn leis le cuir, le caraibh, 15
shiubhlainn leis le cuirs le caraibh,
shiubhlainn leis le car, le caraibh,
shiubhlainn leis le cars le caraibh,
le carthannas, le cars le caraibh,
le car, le cuir, le cuirs le caraibh, 20
le cuir, le car, le cars le caraibh,
le cainnt, le cruas, le cuirs le caraibh,

[Beurla]


[251]

le cainnt, le luaths, le duain, le darach
driop is duain is gruaim is cabhag,
ar marannan, ar muir rim mhaireann, 25
ar mharaichean, ar luing, ar aighear,
ar mharaichean, ar luings ar aighear;
gan cheannuidhe, gan iúl caladh,
gan cheannuidhe, gan sgeul caladh,
gan cheannuidhe, gan feum caladh, 30
gan cheannuidhe, gan mhiann caladh,
gan cheannuidhe, gan iarraidh caladh,
gan cheannuidhe, gan tighnn ar caladh,
gan cheannuidhe, gan smid mu chaladh,
gan cheannuidhe, gan diog mu chaladh, 35
gan cheannuidhe, gan uiread caladh
gan cheannuidhe, gan ruigsinn caladh,
gan cheannuidhe, uidheam is acfhainn,
gan cheannuidhe, fo uidheams fo acfhainn
gan cheannuidhe, ar uidhe aigein. 40

Shiubhlainn bac is sgeir is cladach,
sgeir is fearann, muir is cladach,
driop is duain is cuan is caisil,
misg is stuamachd, cuan is cathan
[drisg ? ] is cuachan, duain is dathan 45
driop is duain, is fuachd is caidreabh,
clach is clóchar, ród is aigean

[Beurla]


[252]

magh is cómar, mód is garadh
dragh is dórainn, ceó is raineach,
fleadh is frògan, feòirneins talla, 50
lod is còrn is bòrd is basan,
lod is cúirn is múirn is ;
roimhe gu dòmhnachs uaidh gach latha,
roimhe gu dòmhnachs riamh gach latha,
roimhe gu dòmhnachs siar gach latha. 55

Shiubhlainn réidhleach, cruadhlach, cadha,
beárnan sléibhe, réidhleans aisridh,
shiubhlainn coire, doire, darach,
beitheach, bruthach, both is barrach
ceathach, cuithean, loch is ; 60
shiubhlainn díomhaireachd is glacan
shiubhlainn ríomhachas is raineach;
acarsaid is córsa ascaoin,
acarsaid is córsa carrach,
fiadhaich fosgailte gan fhasgadh, 65
ach caoineadh eadar gaoth is stalla,
ach caoidhrein eadar gaoth is carraig,
ach aodainn chasa ar an sgathadh,
ach aodainn ghlasa ar an sgathadh,
sgathadh glas os cionn nan aitheamh, 70
sgathadh glas os cionn na mara;
fiadhaich mòrna mhúr gan fhasgadh,
fiadhaich corrna mhúr gan fhasgadh,
fiadhaich dùrna mhúr gan fhasgadh,

[Beurla]


[253]

ach sitheadh gaoithis tarraing acair, 75
ach ospagan is tarraing acair,
ach uspagan is tarraing acair,
úird is súistean bharr nan stalla
úird is dúirn bharr nan stalla.

Shiubhlainn réidhlean leis is machair 80
is cha bu chúram leam e mmhealladh;
shiubhlainn eileanans thar bheannaibh,
is cha bu chúram leam e mmhealladh.
Shiubhlainn leis thar chuans thar bheannaibh,
iomall domhain, Hel is Hangö, 85
Danmarc agus caladh Baltach,
Tromsö, Runö,
iomall domhain, Hel is Hangö
iomall domhain, ser is Hangö,
iomall domhain, siar thar mara 90
iomall domhain, triall is tarraing,
iomall domhain, siars gu Tallinn.

Shiubhlainn bacan leis is bochdainn,
shiubhlainn fearann leis is fortan,
shiubhlainn aisridh, caisil, soc leis 95
shiubhlainn clais is glac is cnoc leis,
shiubhlainn leis le gaoiths le oiteag
shiubhlainn leis thar roinn is thar oitir,
thar áth, thar árach, tuinn is monadh

[Beurla]


[254]

thar síth, thar árach, muir is monadh; 100
is mi nach bitheadh fo sprocht leis,
am fear a stiúradh na sgothan,
shuidheadh ar stiúirs a stiúradh roidean,
shuidheadh ar stiúirs a steórnadh roidean,
shuidheadh ar stiúirs a dhfhóirneadh roidean, 105
sith troimh thuinns a mhaistreadh cop leath’,
shuidheadh ar rámh san treas tobhta,
sheasadh ri faire shuasna toiseach.

Cionnus a bhithinn fo sprocht leis,
s iomadh fealadhána thost ann, 110
is iomadh fealadhá ar ghoil ann,
s iomadh fealadhá fo dhos ann,
is iomadh fealadhá ga loireadh
fo slios is fo ribein, mires mort ann,
fo slios is fo ribein, ribe throsg ann, 115
ribe þorsk ann, ribe throsg ann
an t-aighearna linn isna loch ann
is failleanan mu gach stoc ann,
is aiteas mu gach aon och ann
is aiteas fo gach aon och ann, 120
is aiteas anns gach aon och ann,
is annas o gach aon oich ann,
is casgairt o gach aon oit! ann,
is falacht o gach aon ochain.

Cuim nach fágainn tráigh no loch leis 125
cuim [nach] fuarainn roinn no oitir?

[Beurla]


[255]

Cuim nach fágainn tráigh is loch leis
cuim nach fuarainn roinn is oitir?
S nach caillinn sealladh beinnis monaidh?
S nach cuirinn sealladh beinnis monaidh 130
síos fon fháire le ceud soraidh?
S nach cuirinn sealladh beinnis monaidh
díom fon fháire le ceud soraidh,
díom ar fáire le ceud soraidh
díom ar fáire le bláth shoraidh, 135
is mo lámhan ar an togail.
Cuim nach siubhlainn muir is monadh,
ser is siar, miann is soraidh,
er is grian is a dol fodha,
eólas, maineol, stiúir is soraidh, 140
iomall domhain, doimhne, doman,
iomall domhain anaconda,
iomall domhain furibonda,
iomall domhain onda onda.

Shiubhlainn leis thar chuan, thar bheannaibh, 145
shiubhlainn duain is fuaim is facail
shiubhlainn duain is cuan is cadha,
shiubhlainn slighe leis is claisean,
shiubhlainn lighe leis is raineach,
shiubhlainn snighe agus frasan, 150
shiubhlainn ceann gu ceann an atlais,
shiubhlainn is thrian an fhaclair,
anuair, ainfhios, annas, aineol;

[Beurla]


[256]

uaim is fuaim is duain is facail,
duanaire, dáin is saltair, 155
dáins iad díreach, dáins iad caste,
uaim is fuaim is fead is facail,
uaim is fuaim is fead is aicill.

Shiubhlainn echtraidh agus atlas,
shiubhlainn bárdacht agus bagradh, 160
shiubhlainn cánainean is masgull,
gruaim is grámair, tír is cladach,
breug is fírinn, fríth is caladh,
Greugais, Gáilig agus Danais,
Fraingis, Arabais is Laidionn, 165
grámairean is druim na mara,
tuinn is roinn is caol is faclair
beinn is gleann is cuan is cairtean
shiubhlainn maineol is an t-atlas,
druim na mara, druim na mara, 170
moncaidh, annas, anaconda,
anaconda, annas, moncaidh,
craobhan pailmes lucht nam mogais,
lucht nam burnus, lucht nam mogais,
latha is lasadh, dubhar is doille, 175
beinn is cuan is tuinn ag osnaich,
an sruthadh go [Dhúir ? ] ’s a droma.
Acropolis is pterodactyl
tuinn na mara, druim na mara,
pioramaid is pterodactyl, 180
druim na mara, druim na mara.

[Beurla]

[TD 257- 259]

[Beurla]


[260]

*171 Cruach Tharsainns na h-Oiteagan

An a eucinnt an t-saoghail
as aobhar dod thalach?
Eadar fàire is fàire 3
tha fàilte roimh tastar,
is a dhoidhches a dhuit
is slàn duit gun agadh. 6

Gu bhiodh tu ach rathail
leis gach latha thag èirigh?
Siud shuas Cruach Tharsainn 9
ag amharcs ag èisteachd,
is tha gaoth fhionnar nan sliosan
ag iomairt mud cheumaibh. 12

title1946–1958
internal date1957.5
display date1946-58
publication date2003
level
parent textPoems and Songs of George Campbell Hay
<< please select a word
<< please select a page