POEMS 1960– 1961
*172 An t-Anmoch air a’ Mhonadh
Tha ’n solas gam fhàgail,
’s tha càrsan sa Chaol.
Tha ’n dorcha a’ teàrnadh,
is tha an là ’dol a thaobh. 4
Tha mi ’m meadhan a’ mhonaidh,
a’ coiseachd an fhraoich.
A’ toirt nan ceuman mòr, fada,
gu bhith fada bhon taobh-s’ . 8
Aig dà Loch na Machrach,
agus at air a’ ghaoith.
[Beurla]
*173 Miannan an Tairbeartaich
(mar gum b’ann le iasgair)
Gheobh mi rian mar rainn òrain
air steòrnamh an t-saoghail;
an t-amhsan ’s an losgamh,
is coltas maraon iad; 4
a’ mhuc mhara mun Choileach,
is an goireachan fhaoileag,
is coltas sin uile
a chuir an Cruithear ar taobh-ne. 8
’S e as fheàrr leam air thalamh
fuaim a’ chapstain ’s e ’tionnda’,
is an èigh thig gun fhosamh
o na roithleanan siùbhlach, 12
solas lìn ann an camas,
b’e sin seallamh mo dhùrachd;
’s ar pùt fhèin ’teachd air aghart,
b’e sin fradharc mo shùilean. 16
Nuair bhios steall fo a h-aistidh,
nì i ’n t-astar a cheumamh;
’s gur e ’n ceòl e nach dona,
dùrd a motar ra èisteachd. 20
A bhith an ruith an Uillt Bheithe,
is a’ mheadainn ag èirigh,
an clàr uachdar fo reòtach
agus dreòs air na speuran. 24
[Beurla]
*174 Is Aoibhinn Leam An-diugh na Chì
Is fada bhuamsa na nithean
a bhithinn gan àireamh,
na glinn, ’s ceann nan tulach,
is na rubhachan sàile. 4
Is tìom dhomh nis a bhith ’g àireamh
nan àite as deise;
Sràid an Dòchais, Sràid Dheòrsa,
Sràid Seòmar an t-Seilich. 8
Gach sràid is gach caolsràid,
clach is aol ’s leacan rìomhach;
Sràid a’ Phrionnsa mu dheireadh,
is i deisireach, dìreach. 12
*175 Bòd Uile
A’ Phutag is Toll Chalum,
Na Lagain ’s Rubha Dubh,
Roinn Chlòimheach ’s Rubha Bòdach,
Baile Bhòid is sguir. 4
[Beurla]
*176 Sreathan Mearachdach
Siud i thall an Toll a’ Cheiligh
’s i ’na seasamh fad an là,
gun ghlideachamh oiread ’s òirleach,
Flòraidh Mhòr ri beul an làin. 4
*177 An Tìde Àbhaisteach
Glòir agus moladh,
is coltach an là e,
gaoth an iardheas ’na tacain,
is na frasan mar b’àbhaist. 4
*178 Cnapadal is Tìrean Ciana Eile
Cùil nan Seamrag ’s Bail Ìomhair,
is na h-Innsean gu buileach;
Àirigh Chreagach ’s Meall Mòr,
an Ròimh is Calcutta. 4
*179 Dà Thaobh na Maoile
Rubha Rèidh is Ceann Bharraigh,
’s iad gun fhasgadh bho dheò:
bithear dall le ca’ -mara
eadar Arainn is Bòd. 4
[Beurla]
180 An Druim-àrcan ’s an t-Ìochdar
[draft]
Cha leig sinn cruit ort no cruaidhchas
a’ togail luaidh’ o gach rot
’s tu na ràithean gu lèir sin
an Dùn Èideann air sgoil, 4
an Laideann ga bhruidhinn
’s iad gur cuipeadh mar choin.
Gheibh thusa nad làmhan
an druim-àrcan, ’s dèan boch. 8
Gheibh thusa nad làmhan
an druim-àrcan, ’s bi trang;
’s bidh sinn air an ìochdar
nar n-ìobairtean ann, 12
am beul mòr fo ar glùinean,
anns a’ chrùban gu teann,
is na mill chruinne luaidhe
’tighinn an uachdar gu mall. 16
Dlùth don chrann ann a toiseach
nad sgoilear gu ceart
bidh tu dìreach nad sheasamh,
agus leigidh sinn leat; 20
is fad on Ghreugais ga sgrìobhadh
gach ìochdar ’s sole bheag;
ann a deireadh bidh ’m balach,
is bithibh a’ tarraing a-steach. 24
[Beurla]
Fìor [ ? ] thug thu ’n cutar
o Tholl na Muice fo ’siùil
tuath air Eilean na Muice
troimh Chaol Muile ’s gach cùil; 28
ach fuaradh no fasgadh
air Camas a’ Mhùir
aig dol fodha na grèine
nì thu èirigh on stiùir. 32
Rinn deireadh an fhogharaidh
goid oirnn gun fhios,
gach gaoth agus acain,
tarraing acair is driop; 36
dh’fhalbh gach leus às an losgamh
a bhraith na tomain cho tric,
is o gach àrd a bhios neònach
a’ ghailleann bheò, ’s i gun tig. 40
Bidh e sgreunach o fheasgar,
is ’na pheanas air fad
leis na h-ùird is an drumach
anns an dubhar mu seach. 44
Nuair thèid gach motor ’na steud,
air an èigh “leigibh às”,
leig thusa do sgìos,
agus cnìodaigh an cat. 48
[Beurla]
*181 Là Fhèill Aindreis, 1960
Is feàrr i na ’ghrian
air iarmailt ghlain le aoibh,
na ’n t-soillearachd speur
do Dhùn Èideann ’s don tìr mar-aon; 4
Is feàrr i na ’n tìm,
is chì sinn i fhathast saor,
’s i seagh agus ciall
ar bliadhna, is meud ar raoin; 8
’S gur ionnan ’s an là-s’
a bheir bàrr air gach là ’s gach naomh,
crois gheal air ghrunnd gorm
a’ stoirmrich anns a’ ghaoith. 12
*182 Ors’ a’ Bhèist Mhòr ris a’ Bhèist Bhig
On as mith thu, ithidh mi thu;
on as mion thu, ithidh mi thu;
ged as clis thu, ithidh mi thu;
nuair nach fhios duit, ithidh mi thu;
o nach mis’ thu, ithidh mi thu; 5
gheobh mi ris thu, ’s ithidh mi thu;
[Beurla]
chì mi leis thu, ’s ithidh mi thu;
on as treis duit, ithidh mi thu;
on as driop e, ithidh mi thu;
o nach tric seo, ithidh mi thu; 10
on ’s a-nis duinn, ithidh mi thu,
agus, a-rithist, ithidh mi thu.
’S e mo ghliocas – ithidh mi thu.
*183 Seann Ó Mordha
’S i mo bharail gun iarraidh,
mur am fiach leibh a h-èisteachd,
mu chùisean na bliadhna-s’
is gach bliadhna ’na dèidh seo, 4
gum bi a’ ghrian gach beò mhadainn
gun agadh ag èirigh,
is gach feasgar gu cinnteach
a’ dol sìos fo na speuran. 8
Is bidh na mìltean der cinneadh,
eadar fhir agus mhnathan,
a’ falbh uainn, mar bha roimhe,
air tòir a’ chosnaidh gu Sasainn, 12
agus Sasannaich ’nan ceudan
a-staigh ag èaladh ’na mhalairt –
mar sin ann don bhliadhna-s’
is tòrr de bhliadhnachan fhathast. 16
[Beurla]
*184 Sgeuma Ghlinn Nibheis
Is don’ e, Sgùrr a’ Mhàim,
’s chan fheàrr e a Bheinn Nibheis;
tachdaidh iad an gleann
bho Steall gu Meall an t-Suidhe; 4
“amar sgùrainn” còrr
“an domhain mhòir” ga mhilleadh,
le falbh is stad chur ann,
nach do gheall am filidh. 8
Fad nan linntean ann
bha ’bheinn ’s an gleann nar n-anam;
bha ’m fàsach fraoich rir cùl
ag ùrachadh ar n-aigne. 12
Abhainn Nibheis mhear,
is mairg a bheir fo smachd i;
is smachd oirnn sin gu lèir,
is leughaidh sinne ’aimheal. 16
[Beurla]
*185 Na Giomaich is Brest is Dùn Èideann
Cha leugh sibh na rainn seo
gu ceann leis an tiomadh,
ged a mhùch sinn an èigheach
mu dhèidhinn nan giomach. 4
Chuir iad sgeul oirnn à Barraigh
air a’ bhraid bha mun chorsa,
’s na co-Cheiltich ga dèanamh – ’s chuir an sgeul bhàrr ar dòigh sinn. 8
Bha sinn an clos, is cho bodhar
ri gobhar na cairte;
’s tha sinn rudeigin dall ann;
is cha chall na gheobh caraid. 12
Na bithibh a’ fàsgadh ar cridhe
le gach fios mu gach fulang.
A bhith ’gearan mun ghnothach,
is crosta sin buileach. 16
[Beurla]
*186 Monadh Dubh Bhràid-Albainn
Is Alba seo gu cinnteach,
is Alba seo gun strìochdadh,
is Alba seo gun chìreadh,
’s an cìreadh tu ’n ceò? 4
Is Alba seo ’s i rìomhach,
is Alba seo ’s i rìoghail,
is Alba nach toir cìsean
’s i cinnteach bho thòs. 8
Seo Alba a’ sìor dhìreadh
bho Choireach Bà ’na mìltean
de bheanntan àrda, fìorchas
gu ìosal nan lòn; 12
gu fàire thall a’ sìneadh,
gu sàile ’s thun a Crìche,
’s a h-àit am measg nan tìrean
glè chinnteach fa dheòidh. 16
[Beurla]
187–188: Gàidhlig is Gèidhlig mu Seach
*187 An Stoirm Oidhche
Is geur a-nochd fuaim na gaoithe,
is tu ’cluinntinn na géithe.
A-màireach ’s a-mèireach
bidh e fèathail, ’s mi éabhach. 4
An déidh na h-ìdhche ’s na h-oidhche,
nuair thig soillse na gréin’ oirnn,
ni mi éirigh is ìrigh
gu h-ìbhinn ’s gu h-éibhinn. 8
*188 Na Gealagan
Is iad sin na fir chàlma
feadh nam bàghan ’s nam bèghan,
le lìon ghealag sna sgàilean,
’nam meàirlich ’s ’nam mèirligh. 4
[Beurla]
*189 Cath Gairbheach
Briseadh madainn là na bàinidh mhòir aig Gairbheach; bu tràth a bhris, tràth a bhris.
Rinn iad àrach dheth gun iochd, gun och aig Gairbheach, àrd is mith, àrd is mith.
Thachair ruaim ri gruaim, thachair, an Cath Gairbheach; thachair sin, thachair sin.
Gu dè rinn Iarrla Mhàirr màilleach an Cath Gairbheach, ’s gun e glic, ’s gun e glic?
Roinn e Alba ’na dà leth leitheach an Cath Gairbheach; rinn e sin, rinn e sin. 5
Is fada bhitheas cuimhn’ againn air Cath Gairbheach; ’s fada sin, ’s fada sin.
Is fada bhitheas caoidh againn air Cath Gairbheach – thà a-nis, thà a-nis.
*190 “Faodaidh Duine a Theang’ a Chumail san Droch Uair” (seanfhacal Lallans)
Gabhaidh cuid againn smuairein
is an smuaintean air Sgàin;
’S cha do thoill i sin bhuapa,
’s gur misneach bhuan i nach tràigh. 4
Sin an seann ainm cliùiteach
chuireadh sùrd oirnn ’s gach càs,
[Beurla]
Is a thogadh bhon chùil sinn
às ar crùban beag tàimh. 8
Chan fhaigh sinn aon là dheth,
Dòmhnall Dàsachdach, nis,
Ach tha ’ainm ann a rabhadh
gu bhith bras le cur-leis. 12
Cluinnear tagradh nach sgleò bhuainn;
bidh sinn beò, ’s coltach ris;
Bidh sinn beòdha is beadaidh,
’s gheobh sinn Bearaig air ais. 16
*191 Glaistig Phàirc na Bànrigh
Bu ghlaistig nach truagh mi,
’s bu ghruagach bha dealbhach
nuair bha ’Ghàidhlig gu buadhach
gu Tuaidh againn, ’s earbsa. 4
Cuairt chrom agam mochthrath
gu Boglach an t-Sealgair,
’s mo laighe chruiteach mus dorchnaich
air Meall a’ Chonaisg làn feirge. 8
[Beurla]
’S a Chalum a’ Chinn Mhòir,
cha bhòst thu aig seanachaidh!
’S a Chalum a’ Chinn Mhòir,
a rinn a’ ghòraiche leanabaidh! 12
Ma lìon thu am beul oirnn
le Beurla nad bheatha dhuit,
bheir mi fhathast an caibeal
o do Mhairearad Bheannaichte. 16
*192 Òran Nàiseantach
Ho-rò, mo nighean donn, am falbh thu leam?
Ho-rò, mo nighean donn, am falbh thu leam?
Ho-rò, mo nighean donn, am falbh thu leam
’s gun ceannaich mi còta riabhach dhuit? 4
Gun ceannaich mi còta riabhach dhuit,
’s e Albannach, sàr sgiamhach dhuit,
air dhathan fraochach, riasgach dhuit:
gun ceannaich mi còta riabhach dhuit. 8
Tha saoghail ’s saoghail ann gu lèir.
Thilginn iadsan trast an speur
is dhèanainn rathad romham rèidh,
’s mo dhèidh air còta riabhach dhuit. 12
[Beurla]
Tha ’n còta laigheadh ort gu caomh
air dhath a’ mhonaidh is an fhraoich.
’S e thigeadh gu ceart rid nàdar saor.
A ghaoil, bidh còta riabhach ort. 16
Chan e ’n lilidh ’s chan e ’n ròs
a chuireas lìth air t’aodach còrr,
ach dathan dùthcha ’s dreach le nòs
bheir fraoch nam mòinteach riabhach dhuit. 20
*193 Furan na Baintighearna bho Chluaidh
Mhothaich i da beairt, a luathaich
’s a raon a’ fosgladh dhi gu cuantan;
sìontan fuara sìoda ghuaillean,
bean uasal rìomhach i sna stuadhan. 4
Seòlaidh Albainn i, ma thog Cluaidh i,
’s còir air fairge i ’s i ’togail bhuainne.
Nì Barraigh iùl di mar bu dual di,
’s nì Leòdhas stiùireadh dhi ’na cuairtean. 8
[Beurla]
Chunnaic Loch Seunta tùs a gluasaid.
Dùn Omhain is Tollard os Bòd, fhuair iad
na tuinn a dh’ut i gu mall bhuaipe
is Cille Chatain thràigh-gheal, uaine. 12
Plada ’s A’ Mhaol ’s Àbhann uaigneach,
Allasan ’s Maol na h-Ogha gu h-uachdrach –
am furan thall a thà ’na smuaintean,
is cinnteach gum faigh Alba Nuadh e. 16
*194 Ro Fhad’ air a’ Mhullach
Seo do threis de Choir’ Odhar,
’s tu nad ghobhar air tòrr
air Slia’, ’s an stailc ort,
am fan thu rid bheò? 4
Thig an ceòban gu ciùin ort,
thig an ciùran ’s an ceò,
thig am feasgar gun fhios ort;
och, glidigh ’s bi folbh. 8
[Beurla]
Thig am feasgar gu clis ort,
thig an Grioglachan òir,
thig an oìdhche gun ghealach
a’ falach gach fòid. 12
Bi ’teàrnadh, a bhalaigh;
och, caraigh, ’s bi còir.
Thig an ceathach ’s an dubhar;
glidigh thusa, ’s bi folbh. 16
*195 Cnocan a’ Chait Fhiadhaich
Fhuair an cnocan an t-ainm,
is dh’fhalbh e fhèin,
’s a sheòrsa leis
chaidh às gu lèir. 4
’S tha saoghal calldaidh
gu mall ’s gu rèidh
a’ dlùthachadh dlùth
ma dhùthaich ’na dhèidh. 8
Tha gach mionaid as tìr,
san linn seo fhèin,
spiorad cait fhiadhaich
iadhta nach eug, 12
spògan, spuirean
gan cur an streup,
a’ spàirn gu fiadhaich,
fiacaill ’s deud. 16
[Beurla]
*196 Acarsaidean a’ Chutty Sark
Bha gach fear san sgioba ’gabhail mòran eagail,
ri faicinn Ros Neodha ’s an loch san dol seachad,
gun robh nì a dhìth orr’ a bhiodh ’na lìth ’s ’na chneasachd,
bhon bha ’n Cutty Sark air acair mu dheas bhuainn. 4
Labhair Suidh’ an Easbaig ’s Cill Chreagain le chèile:
“Is fadal buan gach faire dhuinn, mur faic sinn fhèin i.
Bhiodh i na bu nàdarra air àrainn a h-euchdan.
Am b’fheàrr dhi bhith ’fuireach bhuainn am Punta Arenas?” 8
’Na tàmh ann an Tàimis an tàrr i fuireach,
a’ siaradh air a slabhraidhean, do-cheannsaicht’ uile,
ma chaill i Rubha na Cloiche is Cille Mhunna,
is Seann Dùn a h-àbhaiste gu bràth bràth buileach? 12
’S na h-acarsaidean cèine – is cha bu ghann iad –
anns an do chuir a dreuchd i – is cha bu mhall i.
Bu chòir a cur gu dùthchasach le cliù, ’s b’e ’n t-àm e,
an Geàrrloch Chluaidh gu h-eòlach air a sàr dhà shlabhraidh. 16
[Beurla]
*197 An Cnocan Fraoich is Padre Dante
Siud thusa air gach taobh ’s mi ’sealltainn bhuamsa.
Mo ghaol, an tulach is a còmhnard torrach;
mo chion, an cnoc ud ìochdar agus uachdar.
Lìon thu mo shùilean domh air an ceud fhosgladh,
is chì mi, nuair a dhùinear iad mu dheireadh, 5
do fhraoch ’s do chreagan is t’fhonn ghràinnsear fodhad.
Pàrras no Iutharna cha toir dhìom aon leathad,
càrnan no bruthach dhìot, lèana no glacag,
is tu nad aisling shìorraidh ga mo leantainn.
Bidh sinn nar n-eòlaich fhathast, ’s tu nad aisling 10
is mi nam thannasg. Cuirear air an Aog leinn
là bithbhuan nach do smaointich Padre Dante –
nach robh a-bhos an taobh a rinn e glasadh.
[Beurla]
*198 Na Fiachan Gaolach
no An Nàiseantach do dh’Albainn
(trì rainn is amhran)
Thug mi treis dhuit, thug mi tràth dhuit,
thug mi greis dhuit ’s iomadh ràith dhuit,
thug mi treis is gach aon là dhuit,
’s gu là bràth dhuit mo ghrian ’s mo speuran. 4
Fhuair mi bith uait air cheann nam bliadhna,
fhuair gach camhanach is ciaradh,
gach là màireach ’s mo chian nan cian uait,
is bheir mi fianais air siud le spèis dhuit. 8
Chan eil san domhan uil’ ach t’fhàire;
chan eil ’na rannaibh ruadh’ ach t’àirdean;
chan eil sna thùras sinn ach t’àbhaist,
’s bheir mi gu bràth dhuit slàn ’s gu lèir siud. 12
Ceangal
Làithean is bliadhnachan, iarmailt is cruinne cè,
na ràithean gan riaghladh ’s a’ ghrian a’ toirt dhaibh an gnè,
fàsach is diasan – is fial bheir thu dhuinn gach seud,
is pàighear na fiachan sin gun iarraidh, gun athadh dhuit fhèin. 16
[Beurla]
*199 Ar Cnocan Fraoich
Chan eil gach slios mar bhà. Chuir e oirnne bàire,
na fhuair uiread àilleachd de shàrach faoin.
’S ann a dh’fhàs a’ chopag an àite chroitean,
’s tha làraichean ’s iad tostach nar Cnocan Fraoich. 4
’S e a chur an ìre an leigheas dìleas
air gach gnìomh dubh dìmeas a char da thaobh –
shaltair ainneart obann air gasain mhonaidh,
’s a dhaoine fhèin gan lot air ar Cnocan Fraoich. 8
An dèidh gach fòirneirt, cur-fàs is fògraidh
tha ’mhisneach is an dòchas ’s a’ chòir ’nan laoich.
Air fonn, air creagan, air gach aon leathad
bidh saoghal farsaing, leathann aig Nàisean saor. 12
Ar n-ulaidh chnocain, ar bunait shocrach,
ri turadh no ri doineann nach bog a-chaoidh –
fraoch no fochann, lom no molach,
cha deach e fòs a mholadh, ar Cnocan Fraoich. 16
[Beurla]
*200 A’ Phìob Mhòr Againn
Thug sin bàrr air gach gaoith,
’s air gach taobh às an tàrr iad,
am binneas ’s a’ ghaoir
aig a’ ghaoith thig bhon mhàla; 4
duis is feadan is gaothair
ri saothair ceart còmhla,
fhuair iad am bruthach air a’ chlàrsaich,
a’ dol an-àird lem puirt-mhòra. 8
Ann am prìomh cheòl na cruinne
fhuair na Cruimeinich àit dhuinn,
is chuir sinn rìgh air a pìoban
anns gach tìr anns an tàmh iad; 12
an t-inneal ’s an ealain,
an deachdadh ’s a ghabhail –
am measg na tha ’cheòl ann
tha seud sònraichte againn. 16
[Beurla]
*201 Rathad Loudaidh ’s an Track
Och, bidh sibh fhèin an oìdhche seo
ri “dìd ort” leis na rubhachan,
’s mo char-mu-thom, ’s cha bhàrdachd e,
ri càraichean ’s ri busaichean; 4
ge aognaidh luaths nan lìnearan,
’s an t-Sìn ’na deagh cheann uidhe dhaibh,
Eilean fo Ghlais no Iomachar,
is bicheanta na cunnartan. 8
Seo bhuam an gearan àbhaisteach,
’s bu Ghàidhlig e mun d’rugadh mi,
’S mas fìor no fealla-dhà seo bhuam,
gun tàrr sibh às gach udal ann, 12
’s an oìdhche ’teachd sa bheucaich oirbh,
’s e ’sèideadh geal bhàrr shumainnean;
’s biodh sgaothan chàr is làraidhean
gu là a’ toirt mo thurais diom. 16
[Beurla]
[Albais]
*203 Brònach Tadhal Dùn Monaidh
Brònach tadhal Dùn Monaidh,
bail’ a mhol na ceudan bàrd.
Nuair a chìthear Dùn Monaidh
is deacair gun ochain a ràdh. 4
[Beurla]
Seachd ceud is seachd agus mìle,
cunntas a mhill ar tlachd ’s ar fois,
’s a dh’fhàg sinn ris anns an ainbheach
air bheagan meanmainn or toic. 8
Ge brònach tadhal Dùn Monaidh,
gheobh ar n-Alba saorsa fòs.
Brònach tadhal Dùn Monaidh,
ach molar e fhathast gun bhròn. 12
*204 Air Suidh’ Artair Dhomh Mochthrath
Là ’s a’ ghrian ’na lainnir,
air Suidh’ Artair dhomh mochthrath,
’s mi ag amharc Dhùn Sapaidh,
is nan glacagan conaisg; 4
a’ gabhail beachd air a’ mhachair,
’s air na h-achaidhean toiceil,
fonn Loudaidh gun teirce,
an tìr eararach thorach. 8
“Dèan am beachdachadh sàr mhath;
chan i ’Gharbhail a th’agad,
sùilean cruthach nam moineach,
no mol Rubha Bhaltair; 12
ach fonn an cinnich na diasan
gu fialaidh, farsaing,
tìr gun sgàirneach, gun chruadhlach,
is i uaine, mìn, maiseach.” 16
[Beurla]
Chunnaic mise, ’s bu tric sin,
nì, le m’fhios, bu mhò maise,
’s a thig ’na smuain, is i ealamh,
chum nan creag-s’ air Suidh’ Artair; 20
b’e sin monadh Chinntìre,
is Loch Fìne ga amharc,
A’ Gharbhaird ga mholadh,
cùirn is mol Rubha Bhaltair. 24
Tha siud ann, Cruach Tharsainn,
agus tlachd dhith gun tomhas;
Cruach an t-Sorchain ’s A’ Chaolbheinn,
’s iad as caoimhe th’air domhan; 28
na fìor ionaidean garbha,
Allt a’ Ghalbhais is Sgolaig,
a chuireadh sunnd air fear duilich,
’s e ’falbh bhruthach is chnocan. 32
Am fraoch ’s an roid chruaiche,
an luachair ’s an roineach,
is na h-ùr bhadain bheithe
fo na leathadan corrach, 36
an cìob is a’ chòinneach,
gum b’eòlach mi orra;
gum b’e ’n leigheas air eucail
fàs an t-slèibhe ’s a bholadh. 40
[Beurla]
B’e ’n leigheas air tinneas,
ceòl a’ ghlinne gun chlos air;
na h-alltain a’ teàrnadh
bho na fàsaichean tostach. 44
Chuireadh cruth an fhuinn fhiadhaich,
is e liathchreagach, molach,
gleus gu bràth air an fhear sin
a bhiodh sealan ga choiseachd. 48
’S e sin tolman na h-earba,
nach eil cearbach ’na siubhal,
’s i ’g iarraidh dìdein taobh alltan
no ’na deannruith ri bruthach. 52
Is binn a ghoireas a’ chrotag
air oiteag nam mullach,
’s i ’faicinn Arainn is Ìle,
is Cinntìre gu h-uile. 56
Bidh caoidh aig a’ bhrìdein
as t-oìdhche san fheamainn,
fon Earrainn Ghoineach gu h-ìosal,
is cha bu sgìos leinn a ghearan; 60
’s e a’ goir air bheag furtachd
anns an dubhar fo chreagan,
gus an èirich an là air
bho àrd Shlios a’ Cheathraimh. 64
[Beurla]
Bho thùs saoghail ’s gu suthain,
fhuair e ’n t-urram air àilleachd,
am fonn chaidh a chumadh
is a luraiche gharbh air; 68
’na choltas do-cheannsaicht’
is nì ann e tha calma
is e uaibhreach, garg, rìomhach,
bho Allt an Lìn gus an Garbhallt. 72
“Chan eil saoi gun a sheis’ ann,
ged thug thu treis mud thìr allail.
Seall an earadheas bhuatsa,
agus tuairmsich a’ ghabhail, 76
far a bheil Garbhallt an Loudaidh,
’s am monadh lom ann ga altram.
Faic Sliabh Allair ’s e riabhach,
’s a bhràithrean ciara gun ghainne.” 80
“Is ann de t’àbhaist bhith moltach
mun t-Sloc Dhomhainn ’s mun Òrdaig;
mu Chruach Doire Lèithe
is Cnoc na Mèine cùl mòintich; 84
mu Rubha a’ Ghrianain,
is mu chian Lagan Ròaig.
Cluinnear glaodh bho Dhùn Iubhair
a bheir an diog às an òran.” 88
[Beurla]
Och is och, an e ’thighinn
air a’ chinneach aig m’athair,
nuair bha imrich an t-Sàthairn
gus a’ Ghàidhealtachd aca? 92
B’ann air là an deagh fhortain
a thog iad an acair.
Bidh mo bheannachd a-chaoidh air,
’s air an sgaoth rinn a’ mhalairt. 96
Chunnaic Eilean na Baintighearna
dath an cuid seòl bhuaith;
thog iad Rubha Meall Daraich,
’s thug a-mach Toll a’ Bhòdaich; 100
chuir iad sgothan air acair
’s b’e sin an dachaigh ’s an eòlas.
Sin a’ chomain a mhaireas,
is gur Cainntrich fa dheòidh sinn. 104
Thuirt iad “Slàn le Dùn Iubhair!”
’s thug am furan don Tairbeirt,
do dhùthaich na Gàidhlig,
a’ chàirdeis ’s a’ gharbhlaich. 108
Bu ghlic a chùm iad san t-seòladh
an crann spreòid air a’ Gharbhail
’s gur iad a’ Ghàidhealtachd ’s a’ Ghàidhlig
an dà nì ’s fheàrr a tha ’n Albainn. 112
[Beurla]
Is mò cumhachd nan sliabh
na aon riaghaltas maireann;
is fheàrr feartan a’ mhonaidh
na gach oilein tha ’n Sasainn; 116
an Tairbeart dan cosnadh
an sgoth ’s an lìon sgadain,
is treasa gu mòr i
na Hòmar ’s an Laideann. 120
Air cabhsair ’s air fireach
molaidh mise rim bheò sin,
Uaraidh ’s an Aisinn,
Cnoc nan Sgarbh ’s Bàgh a’ Chòmhraig; 124
bho Shliabh Gaoil riamh gu Claonaig,
is thar gach taobh ann am bòidhchead,
Sgìre Chalmain Eala,
am fonn creagach nach còmhnard. 128
Innis Choinnich is Lìte
’s gach druim am Fìobh is gach baile,
’s an còrr fhàfann beag, fann,
a’ teachd a-nall bho Shliabh Allair; 132
’s e bh’agam Sgolaig ’s Allt Beithe
car treise ’nan aiteal,
’s mi ’g amharc raointean is rèidhlein
mochthrath grèin’ air Suidh’ Artair. 136
title | 1960–1961 |
internal date | 1960.5 |
display date | 1960-1 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |