[292]

POEMS 1964– 1973

*205 Am Flùr Geal Slèibhe

Ar leam gur èibhinnn àm èirigh ì;
ar leam gur èibhinnn àm laighe sìos.
Tha i beusach is tha i ceutach,
am flùr geal slèibhe dhfhàg èibhinn . 4

Tha i màlda is tha i caomh.
Tha i àlainns dhfhàs i saor.
Is e a nàdar, is e a h-àbhaist
gean is gàire, fàiltes aoibh. 8

Cha ghabh i mìothlachd, is ì gun sgraing.
Tha i sìobhalta bìthna cainnt.
Thasnuadhs a lìth ann air ghile dhìthein.
Chan eil mìghean san rìbhinn ann. 12

Is solas lèir is gach àit am .
Is sona, sèimh is is fàilteach ì.
Tha tlàths na grèine san fhlùr gheal Chèitein
s im flùr geal slèibhe dhfhàg èibhinn . 16

[Beurla]


[293]

[Albais]


[294]

207 [Latha san Rainich]

(òran)

Latha dhomh bhith san rainich,
hug ò failill ò;
bha abhruthainn ann trasta,
hug ò failill eile,
hug ò failill ò. 5

Bha abhruthainn ann trasta;
bha am fèath air gach glacaig,
is air molan na mara,
is air muir far am faicte.
Cogaidhean mòra atachairt, 10
nas fhaide na Arainn
no biod Chnoc aChaisteil.
Cha bhi mac aig an athair;
cha bhi oghair amhacan.
S annamh leòntach thig dhachaigh, 15
s aghrian lèir air a lathadh.”
Latha grèines e taitneach,
latha dhomh bhith san rainich.

[Beurla]


[295]

208 Referendum

Tha daoine beaga an Lunnainn,
dhfhàgas guineach gach rann.
Vòt iad, is chuir iad
aghlas ghuib air ar drannd. 4


209 An Rùnaire Stàit

Domhan ann fhèin gach duine
ledhubhar is leleus.
Ar leam gu bheil an Rosach
na fho-dhomhan gu lèir. 4

[Albais]

[Beurla]


[296]

*211 An Ciùran Ceòban Ceò

Dol sìos an cladach madainn dhomh, ’s an t-adhar ann gun deò;
bha sìth feadh fuinn is mara ann, is taise bho na neòil.
Cha chluinnte feadh achiùinis ach fann chiùcharan aig eòin.
Bha gach nichein tostach, driùchdach anns achiùran cheòban cheò. 4

Cha robh àird no iùl ann a stiùireadh neachna ròd.
Cha robh àit no ùinann, ach aon chiùineas domhain, mòr.
Bhan saoghal làn den mhaoithe fo dhraoidheachd is fo chleòc,
is bann sìthe air mo shùilean anns achiùran cheòban cheò. 8

Chan fhaicte fonn no fàire. Bha sàmhchair air gach .
Bha beithich agus dùslaingeannan smùid gun dath, gun lìth.
Bha cnuic is glacan paisgte ann, is chailleadh muir is tìr.
Bha fois is clos is dùsal anns achiùran cheòbain mhìn. 12

Chaidh sliosan agus leathadan à sealladh anns na neòil.
Cha robh dath no fuaim ann, no uair, no solas .
Bhan sileadh mall, rèidh, socrach air cnoc, air glaic, air lòn,
is bham Paiste Beag fo dheataich anns acheathach cheòban cheò. 16

[Beurla]


[297]

Bha na ciothan ceathaich chiùranaich, ’s iad dùmhail, dlùth, gun ghlòir,
gu cagarsach, gu cùbhraidh, tais, ùr, gun ghuth, gun cheòl,
asnàmh mu mhill is stùcan, ’s adùnadh mu gach còs.
Bha tlàths is tlachd atùirling anns achiùran cheòban cheò. 20


*212 Ar Cor an Albainn

Achaora fon deimheas,
s ifàs deireasach, fuar,
i mèilich mu dheireadh
s ibualadh bhreaban mun cuairt. 4

dòigh eile air:

An leòghann bhios fo thàmailt,
bheir e ràn gun fhuireach;
bheir en sitheadh garbh às,
is marbhaidh e gach duine. 8

[Beurla]


[298]

*213 Eun Maidne

Is moch a ghoireas eun na maidne
air achraoibh fa chomhair an taighe
an Dùn Eideann toiseach earraich.

Tha eun na maidneseinn an Suraidh.
Chuala Hòmar a luinneag. 5
dheth? ’S i seo Alba buileach;
Alba an-seos an-diugh i.

feum bhithleantainn na seann ealain?
S is ealain dhuinn ar tìr nar latha,
is goirear leinn mar eun na maidne. 10


*214 Bliadhna gun Gheamhradh
(Am Paipear Naidheachd)

Chìthear an aiteal
na tham paipear ag iarraidh
mìorun agus gamhlas
is an geamhradhna bliadhna. 4

Chìthear, ach fuireach,
na than duine ag iarraidh
deagh rùn agus rann leis
is gun gheamhradh sa bhliadhna. 8

[Beurla]


[299]

[Albais]

216 [Rann Fìrinneach]

Is fìrinneach a bhios an rann,
is bheir mi i gu ceann gun athadh
is tric a phòg mi am beul
nach do labhair breug fhathast. 4

[Beurla]


[300]

217 Sreathan Sìmplidh

Ealasaid a ghaoils a ghràidh ghil,
is fìor ge manntach abhàrdachd
chan fhaighear coire don dàn seo,
s gur àlainn moladh gach àlainn.
Nan robh agam alt gu màilgheas, 5
dhèanainn rainn a bhiodhnan sgàthan
dod bhòidhchead is do tuaisle nàdair;
ach gabh na rainn sìmplidh seo om làimh-sa.

Is àlainn moladh gach àlainn.
Chan fhaighear coire don dàn seo. 10

An aglasadhs migabhail beachd air.
Air èirigh moch dhomh om leabaidh
chì mi na neòil adol seachad,
is gaoth aMhàirt gan cur air teicheadh.
Mismaointeachadhs mo bhas fom lethcheann15
feasgar bidh Ealasaid gam fheitheamh.
S ann mall a bhios an dol seachad.

A chionn a maithe is a maise
tha Foghar mo bhliadhnana Earrach.

Tha gaoir gach gaoithena binn bhàrdachd. 20
S annna Nèamh than saoghal cràiteach;
s annna chamhanaich gach sgàile.

[Beurla]


[301]

Gheall mi briathran duit is bàrdachd.
Chan fhaighear coire don dàn seo.
Is àlainn moladh gach àlainn. 25


218 Rannghail Leth-èibhinn do dhEalasaid

(car air dòighOch, a Naoghais, bi treunaig Rob Donn)

Ealasaid abruidhinn:

Och, a Dheòrsa, bi treun,
is cùm do ghealladh dhomh fhèin.
Gheall thu dhomh bàrdachd is rannan
biodh tfhacail is taicillnan leum. 4

An co-ghealladh:

Cuime nach gabhainnsa misneach,
s na h-uiread nas miosa na .
Air sealltainn dhomh romhams nam dheaghaidh,
tham faghart air fanachd nam chrì. 8
Cha bu chneasta leam luaths nan làithean,
s an dol uainn thaig gach ràiths aig gach mìos;
ach dheònaich am Freastal dhomh sòlas,
caomh leannans an òige a-rìst. 12

[Beurla]


[302]

Is bruthach cas es is bòidheach,
bhith beò san t-saoghal a-bhos.
Tha cuid a gheibh sunnd is sògh ann,
tha cuid a gheibh leòn is lot; 16
ach tha slios againn uile ridhìreadh,
s cha chinnteach am fonn fon chois.
Sa chreachann choinnich mi Ealasaid,
s is ealamh mo bhuidheachas dhomh. 20

S e tha bhuam an irioslachd nàdair;
tha gàirdeachas bhuam agus aoibh;
tha eòlas bhuam agus spionnadh,
s a bhith cuideachail gun a bhith faoin. 24
S e tha bhuam càch bhith air banais,
is sinne nar caiginn làn gaoil;
pòsadh is pògadh is Pàrras,
s mo ghràdh bhith a-ghnàth rim thaobh. 28

Is aotrom, aobhach, fileanta
thig filidheachd asam san uair-s’ .
Bha mi nam thost nam bliadhna,
ach is sgiamhach an cuspair seo fhuair. 32
Gheall mi rainn do dhEalasaid,
ealain is aicill is uaim,
is bidh iad sona, geal-ghàireach
mar thoilleadh bean àillidh shuairc. 36

[Beurla]


[303]

Os cionn dùrd na tràchda
cluinnear nar s nar linn
fead nam peilears nan slige
air slighe -Chi-Mình. 40
Cha bfheàrr bha na fir na h-eachdraidh
len coisicheans eachraidh is strì
Napòleon, Attila, Xerxes,
Eideard a h-Aon is a Trì. 44

Is iongantach leamsa na mnathan
lem maises lem maithe gun chrìoch,
bheir horò air na fearaibh, ’s bheir onair
don cosnadh, don cogadhs don sìth; 48
don gairge, don gairbhe, don cabhaig,
don saoghal làn aisith is strì.
Bheirinn riaghladh an domhain do thè dhiubh,
s bhiodh èibhneas air muir is air tìr. 52

Is fuigheall bheum is chorc sinn,
na tha beò air an domhan gu lèir.
S e ar gliocas bhithg imeachd gu cruiteach,
gun fhios ach an tuit oirnn an speur. 56
Mar as gnàthach, ’s iad achlann nighean
bheir nigheadh is plasta dar creuchd
amhaighdeanns amhàthair aosta
s an cinne daonna dan rèir. 60

[Beurla]


[304]

Mholainnsa maoithe nam mnathan.
Dhèanainnsa faram is fuaim.
Bheirinn ar riaghladh do rìbhinn,
is sgrìobhainn Lysistrata nuadh. 64
Molaidh mi maoithe Ealasaid.
Dòirtidh mi ceilearna cluais.
Is i ùrachadhs fàilte mealain,
mo leannan is meala gheal chuain. 68

Dhèirich làn a bòidhchids a beusan
a-steach air mo cheutaibhna chuan.
Gura h-e is deireadh dom làithean
gean is gàires uaill. 72
Bidh ise apeantadh a dealbhan,
s bidh mise ri rannghail bhuan.
Choinnich mi Ealasaid àillidh,
is choisinn mo mhàrsal buaidh. 76

[Beurla]


[305]

*219 Bratach am Bràigh aBhaile

(trì rainn is amhran)

Be sin an rìomhadh a thaitneadh,
s a laigheadh le loinn ort fhèin;
a bheireadh dhuit dùil ri saorsa,
a bhailaosta, ’s tu òg ler spèis. 4

Seann bhratach shracte,
a dhfhairich ceud call is buaidh,
ga nochdadh air do mhullach
aig bun do speur ghlain, fhuair. 8

Achrois a bhaig ar sinnsre
shuas air mìn chrann caol;
an geal is an gorm,
is toirm dhiubh anns aghaoith. 12

Ceangal
Am baile seo bha iomairteach, is cridhe nàisein ann
bu làidir a bhuillean uaibhreach, uair, mun dfhàs iad mall.
An-diugh, an-diugh ma dhèistear le cluais eudmhoir, thèid min geall
as ùr, as ùr gum mothaichear do phlosgartaich bhig, fhann. 16

[Beurla]


[306]

220 An Co-cheòl Iomlan

Is tlàth air iarmailt
grian ar latha;
fàs is snodhach,
fochanns faillean. 4

Tha dàin is deachdadh
feadh an adhair
òran amhulaid,
guidheam, gabh e. 8

Cùm an co-cheòl
còir sin againn;
bòidhchead achumha
le guth an aiteis. 12

[Beurla]


[307]

[Beurla]

[Albais]


[308]

*223 ThaMhisneach is an Dòchass aChòirnan Laoich

[Albais]


[309]

[Albais]

*225 Alba Cona h-Ingantaib

Alba le a h-Ioghnaidhean (Dàn Deirdre)

Is sgeulach am maraiche mara
a thill aireòlas on aineol,
a shiubhail cuantan gu caladh.

S ann bruidhneach a thogas e còrsa.
Cluaidh no Lìte sear an t-seòlaid, 5
bidh ioghnaidhean san aithris sgeòil aig’.

Ge-, bheir Alba bàrr airaithris,
s i adùsgadh às a cadal;
s gur dùthaich ùr i gach aon latha,
s inochdadh nìthean a bham falach 10
air feadh na h-eachdraidh, sìth is aisith.
S i bheir don mharaiche gach annas.

[Beurla]


[310]

*226 An t-Albannach air Dùsgadh

Ar leam gur cosgarrach an curaidh,
ar leam gur calma an duine,
s gur lìonmhor, dìleas a bhuidheann,
an t-Albannachna dhùisg a chluinneas
guth a thìre is a bruidhinn. 5

Is binn, binn-ghobach a choille dhosrach.
Is eunach, ceòlmhor uair a mhosglaidh.
Is grianach a mhadainns a mhochthrath.


*227 Teirigidh Nàimhdeas: Mairidh Càirdeas

Thig càirdeas an dèidh deasbaid.
Thig aiteamh an dèidh na deighe.
Is math na nàbaidhean mu dheireadh.
Is math na coimhearsnaich mu dheireadh.
Sinn is Sasannseo na ceilear5
sa cheann thall is sheis sinn.

An dèidh ar deasbaid thig ar càirdeas.
An dèidh na truaighe is an nàimhdeis
chithear fhathast làmh air làimh sinn.

title1964–1973
internal date1972.5
display date1964-73
publication date2003
level
parent textPoems and Songs of George Campbell Hay
<< please select a word
<< please select a page