POEMS 1975– 1977
*229 Òran Maraiche
Là an fhèatha ’s là nan ceòs
cuimhnichidh mi blas do phòg
’s mi a’ seòladh air cuan mòr –
soraidh ò, ’eudail. 4
Rubha na Cloiche – beannachd leò –
na Cinn Gharbha, Eilean Bhòid;
luathaich luaths an einsein mhòir –
soraidh ò, ’eudail. 8
Dh’fhàg sinn Plada fodhainn fòs;
thùirling ceathach agus ceò;
ris a’ Chuan Siar thog i ’sròn –
soraidh ò, ’eudail. 12
Chì sinn bruthach Chluaidh fa dheòidh,
’s Rubha na Cloiche gaolach, còir,
’falbh ’s a’ teachd air a’ chuan mhòr –
soraidh ò, ’eudail. 16
[Beurla]
*230 An Iomagain
Soraidh leis an iomagain,
’s mi fad’ air bhith nam chiomach aic’;
ar leam fhèin gur iongantach
an tinneas tha na h-aoraibh. 4
A-nis on fhuair mi cuidhte ’s i,
is eutrom, èibhinn, subhach mi.
On dh’fhalbh i nis air siubhal uam
is duine mi measg dhaoine. 8
Soraidh leis an iomagain..
Chan fhaic mi fhèin a-rithist i.
Ged chìthear i air iomadh fear,
cha mhì a bhìos fo ’caonnaig. 12
Gum bi mi chaoidh geal-ghàireach ann
le aighear is le àbhachdas;
gum bi mi ’seinn gu m’àilgheas-sa
gun sgàile ’teachd air m’aodann. 16
Thug mi oidhchean fada leath’,
is mi nam mharbhan caithriseach
a’ tionndadh tric, is m’achaine
gum faighinn saorsa uaipe. 20
Soraidh leis an iomagain;
mo ghuidhe ann gun tilleadh dhi.
Soraidh leis an iomagain;
cha bhì mi nis ach uallach. 24
[Beurla]
*231 Sìon a’ Chuain
Cluinn geurghuth
mo ghuidh’, a Dhia;
cop is cobhar,
cobhair iad. 4
*232 Cù is a Choilear
Dhomh tha t’fhacal-sa drùidhteach,
a rùin, ’s mi gun fhois uaith,
on a ghabh mise ùidh ann
mar chù is a choilear. 4
*233 Do Dhuine a Rinn Cillein
Tha tiùrr air do thràigh fhèin,
gun chàil fon ghrèin ga do dhìth.
Thig an reothairt a-steach
is bheir i leatha gach nì. 4
[Beurla]
*234 Ar Làraichean
An Sean Lagan ’s Allt Beithe,
tha iad a’ feitheamh sheann làithean;
tha iad nas buaine ’s nas sìorraidh
na rìoghachdan stàtail. 4
Air m’fhìrinn ’s air m’fhacal
tillidh fhathast na Gàidheil;
gheibh an tobhta a chuideachd
is bidh guthan san làraich. 8
Tha ’chuibhle a’ dìreadh,
ged bha sinn ìosal rè fada.
Tha dualchas is còir ann
’s is daoine beò sinn air thalamh. 12
Dùinidh làmh dheas a’ cheartais
le grèim a bhios daingeann.
Bheirear togail mhòr chinn dhuinn
cho cinnteach rim labhairt. 16
’S ann tha làraichean loma
sa bheil an tost ’na fhear taighe
fo gach meall, air gach monadh,
air gach cnoc ’s anns gach glacaig. 20
Tha an raineach ’s a’ chopag
’s iad dosrach ’s gach achadh.
Bidh cur agus buain annt’
aig buanaichean pailte. 24
[Beurla]
Masa mì Mac Iain Dheòrsa
’s e an dòchas mo churaidh;
anns gach cunnart is cruaidhchas
is e mo luaidh thar nan uile. 28
Teichidh an t-eagal
is an teagamh roimh ’bhuillean;
cuir e gu ’dhùlan,
nì e cùisean a bhuinnig. 32
Dìridh deatach nan dachaigh
eadar Cataibh is Àbhann;
o Shrath Spè gu Ceann Bharraigh
bidh taighean is àiteach. 36
Ged tha làraichean loma
air gach monadh an-dràsta,
thèid gach duine gu ’ionad
agus tillidh na Gàidheil. 40
*235 Òran Suirghich
Bi falbh is druid a’ chachaileath.
Cluinn, a ghaoil, mo chagar uam.
Nach seall thu frionas m’athar-sa, 3
’s e ’carachadh ’s a’ casachdaich,
is cùl a chinn ga thachas aig’
’s e ’g amharc air an uair. 6
[Beurla]
Bi falbh is druid a’ chachaileath.
Thoir do spàgan dhachaigh leat.
Thoir sealladh beag air ais thugam 9
’s biodh cuimhn’ agad air mhadainn orm.
A-màireach thig gun amharas
an rathad seo air chuairt. 12
*236 Rainn Ghràidh
Guidheam piseach ort is rath.
Teann a-nall ’s na teann air ais.
Tha Dia math. Tha thusa math.
Tiugainn, thalla, ’eudail. 4
Na bi fada. Bi am faisg.
Bi rim thaobhsa. Fuirich ’s fan.
Tha Dia math. Tha thusa math.
Tiugainn, thalla, ’eudail. 8
Nì mi ’n cridh’ annam a bhrath.
Is tu ’n saoghal dhomh air fad.
Tha Dia math. Tha thusa math.
Tiugainn, thalla, ’eudail. 12
[Beurla]
*237 Rainn Ghràidh Eile
Tha gach oidhche ’dol am faide;
tha gach latha a’ dol clì.
Chan eil nas dorra na an cor seo.
Och, a ghràidh ghil, coitich mì.
Och, a ghràidh ghil, och, a ghràidh ghil, 5
och, a ghràidh ghil, coitich mì.
Chan i tha buan grian an t-samhraidh;
’S dian an geamhradh, fuachd is sìon.
Chan e tha sìorraidh an sonas.
Och, a ghràidh ghil, coitich mì. 10
Cuir do làmh-sa fo m’uilinn;
Thoir mo chumasg cràidh gu sìth.
Ceum air cheum bidh sinn a’ coiseachd.
Och, a ghràidh ghil, coitich mì.
*238 Na Faoileagan Maidne
Siud a dhùisg mi moch air mhadainn,
gàir fhaoileagan os cionn an taighe,
’s iad air tighinn bhàrr na mara.
[Beurla]
A’ goir: “Dhùn Èideann! Dhùn Èideann!
tha gile sear a’ dìreadh speuraibh 5
air chionn èirigh na grèine;
tha dol air ais air na reultan;
tha driùchd air craobhan ’s air feur ann,
tha driùchd air craoibh, air flùr, air feur ann.
Tha solais shràid ’fàs fann, is èistear 10
ceud fhuaim na trafaig ’dol nas dèine.
Tha daoin’ a’ dùsgadh roimhn èirigh.
An cuimhne leò an t-àm a thrèig sinn
’s an robh rìghrean an Dùn Èideann,
’s cùirtearan air am beulaibh; 15
teachdairean à tìrean cèine;
clàrsach is cruit air ghleus ann;
fìon ga òl is ceòl ga èisteachd?”
A’ goir: “Dhùn Èideann! Dhùn Èideann!”
*239 Beachd is Barail
Cluinneam uaibh, ’s chan ann os n-ìosal,
beachd is barail air an tìr seo
sam biodh reachd is rian aig rìghrean,
riaghladh is rèim aig rìghrean
is comhairlichean an gùin den t-sìoda. 5
Cluinneam uaibhse gu cinnteach.
[Beurla]
“Chaill i ’n onair, chaill i ’n t-urram
nuair a thriall ar Rìgh do Lunnainn.”
“Chaill i cothrom na cùirte,
leth a’ chrùin is leth an dùthchais. 10
Cheangladh i ’na ciomach dùthcha.”
“An-sin thàin an t-Aonadh dunach
a chuir baoghal ri cunnart,
bliadhna bhuail a’ bhuille buileach.”
“Thig feabhas air dìth ’s air deireas. 15
Chan eil galar gun a leigheas.
Nithear suas gach call mu dheireadh.”
*240 A’ Chraobh
Tha craobh anns a’ ghàradh
air an leag mi mo làmh gu tric.
Nuair a bhìos mi ’na fochair
thig uamsa an osna gun fhios, 4
on a bhean mo chiad ghràdh dhi
gu meachair le ’làimh mhìn ghil,
on a mhol mo chiad ghràdh i
là sona sa Mhàigh le cion. 8
[Beurla]
A meanglain a’ luasgan,
is an oiteag gan gluasad ann;
a duilleach buidh’ -uaine
le sporghail a’ gluasad gu mall; 12
a h-eòin ’s iad ri ceilear,
ceòl agus seinn gun cheann;
a feòragan liatha
ri spòrs an dlùths ciar sa chrann. 16
Tha i bruidhneach, nuair shèideas
gaoth fhionnar a’ Chèitein trìd;
tha sgàile san t-samhradh
’na h-àrainn fo mheanglain bhinn; 20
tha i ceòlmhor, uain’, eunach;
’s i bòidheach, àrd, freumhach brìgh;
bidh boch orm is èibhneas
nuair thig snodhach ’s gach gèig a-nìos. 24
Bidh mi deireasach, brònach,
nuair a bheanas mo dhòid da rùsg.
Ma tha ealain is ceòl ann,
sheinn mi le deòir a cliù. 28
Ma bhean mo chiad ghràdh dhi,
leanaidh mo làmh rithe dlùth.
Ma mhol mo chiad ghràdh i,
’s i a moladh an dàn a b’fhiù. 32
[Beurla]
[Eadailtis]
[Beurla]
*242 Aig an Fheurlochan
Aig an Fheurlochan uaigneach
air mo chuairtean san fhraoch,
’s mi nam sheasamh car treiseig
anns a’ bhreithneachadh chaol, 4
laigh an làmh air mo ghualainn
gu suairc is gu caomh.
Rinn mi tionndadh is amharc,
is chan fhaca mi ’h-aon. 8
Bha na mill is an t-aonach
’s iad aonranach ann.
Chan fhaca mi gluasad
mun cuairt dhomh no thall. 12
Cha robh ach osag na gaoithe
anns an fhraoch gu mìn, mall.
Labhair caoin ghuth nam chluasan,
’s cha leig mi ’m fuaim sin air chall. 16
“ ’S mi a’ bhàrdachd tha fuireach
air na tuim ’s air na mill.
Is iad m’fhuireachan taighe
na cnuic chasa gam dhìon. 20
Is tric a bhà mi a’ fulang
fon uisge ’s fon t-sìn;
is tric a thùr mi mo cheilear
’s na coilltean beithe sin shìos. 24
[Beurla]
“Is tric a ghabh mise fasgadh
anns na Lagain ud thall.
Choinnich mis’ thu sa Ghleannan,
ged as fada on àm. 28
Chuir Bòd is an Innis
an lideadh nam cheann;
’s gur i Cruach Dhoire Lèithe
dh’fhàg èibhinn mo rann. 32
“Treis air leacainnean Ghairbh-bheinn,
treis an garbh Choire Laoigh;
an Loch Abar nan stùcbheann
is an Dùthaich Mhic Aoidh; 36
am Both Chuideir, san Apainn
is an Raineach nan craobh;
ag iarraidh phuirt do na facail
air feadh Latharna chaoimh. 40
“Ann am Barraigh ’s an Uibhist
’s ann cluinnear mo dhàin;
am Muile nam mòrbheann
is an Leòdhas an àigh: 44
feadh nan eileanan uile
nì mi fuireach is tàmh –
ann an Diùra ’s an Ìle,
san Eilean Sgìtheanach àrd. 48
“Bha uair ’s bu leamsa am fearann
eadar Sealtainn is Tuaidh.
An Dùn Èideann nan rìghrean
bhithinn cinnteach à duais. 52
[Beurla]
Bhiodh teudan gan riaghladh
a chur rian dhomh air duain,
is gum freagradh gach balla
do dh’aicill is uaim. 56
“An dèidh gach allabain ’s ànraidh,
an dèidh gach tàire bu mhò,
nì mi fanachd gu h-àraid
aig na Gàidheil fa dheòidh, 60
’s chan eil dhaibhsan ach èisteachd
ri gaoth nan slèibhtean le deòin,
agus cluinnear na facail
is casadh a’ cheòil.” 64
*243 Àit air Bith
Tha spiorad san àite
nì gàire is gul;
nì e seinn ’s nì e cagar
le tatadh ’na ghuth. 4
Tha spiorad san àite,
rud àrsaidh gun chruth.
Bidh mo thilleadh don àite
a-màireach no ’n-diugh. 8
[Beurla]
*244 [Rann Ionndrainn]
A Dhia nan gràs, sin gàir tha tric na mo chluais,
tuinn Locha Fìne roimh shìn gan iomain gu luath,
nas fheàrr na ceòl pìoba no fìdhle no filidheachd dhuan.
Bidh an cadal gam dhìth leis cho binn ’s tha sitir nan stuadh. 4
*245 Vignette
Chailleadh an còrsa ’s is neònach coltas an speur.
Tha a’ ghaoth ’dol am mòid ’s tha na neòil a’ slugadh nan reul.
Dùineadh gach aiste ’s biodh astar san einsean gu feum
’s fasgadh is acarsaid ’s caladh is cidhe nar rèis. 4
*246 Lag an Aonaich
(òran san t-seann fhasan)
Ise:
A thasgaidh, a ghràidh ’s a ghaolain,
laigh mi leat fon bharrach bhraonach.
Chunna mi san dùn an-raoir thu,
cha b’ann idir nad aonar.
Bha còmhradh tairis nam ban caomh riut, 5
[Beurla]
le pòg am beòil ’s am bilean maotha,
is iad gu beuldearg, cùlbhàn, taobhgheal.
Gheibhte le furan gu saor siud.
An cuimhne leatsa lag an aonaich,
fon bheitheach shlatagach ’s fo chraobhan 10
is sinn am fasgadh froise ’s gaoithe
nar sìneadh san lagan aoigheil
le cion gun chluain, gun chlaoine?
Esan ga freagairt:
A thasgaidh, a ghràidh ’s a ghaoil ghil,
laigh mi leat fon bharrach bhraonach. 15
Cha b’ann a’ bhòn-raoir no an-raoir e,
ach gu minig, meachair, caoimhneil,
ach gu minig, milis, caoimhneil.
Chuirinn tharad cirb de m’aodach;
chuirinn tharad mo làmh le faoilte. 20
Bu ghoirid leam an oidhch’ ag aomadh;
bu luath leam an là ga fhaotainn
’na uinneig an ear an t-saoghail.
Ma bha còmhradh nam ban caomh rium,
le pòg am beòil ’s am bilean maotha, 25
cha b’ann orra bha mo smaointean,
is iad cruinn ’nan suidhe taobh rium
ri mànran ’s ri gàire aotrom,
ach ort fhèin is tu nad aonar.
Ar ceum a-nochd gu lag an aonaich! 30
[Beurla]
*247 Callaidean Shasainn
Bha dealt air a’ phoilean
is bha clos air a’ ghaoith,
là Iuchair sa mhochthrath
an coille dhosrach nan craobh. 4
Ann an iomall na coille
bha boladh feòir mhaoith.
Bha gach àilean fo norran
is bha fois air na raoin. 8
Bha na seilleanan mocheirigh
’solar ’s gach taobh.
Bha an lon-dubh a’ mosgladh
’s a ghob ri binn laoidh. 12
Bha callaidean Shasainn
fad seallaidh fo chaoir
le dealt a’ mhìn mhochthrath
air oir nan ùr raon. 16
Bha an saoghal ’s e tostach
fo ortha aig draoidh,
là Iuchair sa mhochthrath
is gach fochann fo bhraon. 20
[Beurla]
*248 Òige na h-Aoise
Thig an òige ’s a faghart
a thadhal na h-aoise.
Aig dol fodha na grèine
bidh an speur air dhath aobhach. 4
[Fraingis]
[Albais]
[Beurla]
[TD 330- 331]
[Eadailtis]
[Beurla]
[Eadailtis]
[Nirribhis]
[Beurla]
[TD 333- 335]
[Nirribhis]
[Beurla]
*263 An Oidhche Bhuan
Fosgail uinneag an là.
Tha ’n oidhche buan ’s an là gam dhìth.
Tha na speuran sgreunach, dubh
is tha gul an guth nan sìon. 4
Chan eil gealach ann no reul;
gaoth is neul is duibhre thiugh;
uisge ’s gaoth ’na gaoir on iar,
’s i teachd gu dian le caoidh nach sguir. 8
Chan fhaighear cadal no clos.
Tha ’n oidhche fada nochd gun tàmh.
Deònaich grian is madainn dhuinn –
fosgail uinneag an là. 12
*264 “Is Crìon a’ Chùil Às Nach Goirear”
(seanfhacal)
A’ tionndadh san fhànas air ’aisil,
an saoghal iomadhathach sean,
cadal, mosgladh, solas, ciaradh,
oidhche siar is grian sear. 4
[Beurla]
Cainntean ’s cinnidhean thar thomhais,
machair ’s monadh, sgùrr is raon,
bailtean bruidhneach, fàsach tostach
fàire ’s fàire ’n domhain aost’. 8
Nuair a thig an là o Lochlann,
dùisgear moch le bàrdachd nuadh,
a’ cur fàilte ’s furain roimhe
or n-àit an-seo sa chruinne bhuan. 12
An Alba chunnaic Aodh MacDhiarmaid
’s i ’ciallachadh rudeigin shìor
le ’seagh fhein am measg nan uile,
gun fhàire uimpe, sin ar tìr. 16
*265 Dùdlachd is Earrach Ar Bliadhna
Is fada, ’s fada, ’s fad’ an oidhche
’s i cho dubh ri gual na goibhne.
Is goirid an là geamhraidh doilleir;
is fuar, dian a’ ghaoth is goir aic’.
Samhainn ’s Nollaig ’s reodhadh boillsgeil – 5
is geal na slèibhtean, ’s lom a’ choille.
Is fada, farsaing an t-sìnteag
gus na h-uain is gu Fèill Brìde.
[Beurla]
Is ann tha dùdlachd dhubh na bliadhna
a’ dùnadh nan àrdan ciara 10
’s gaoth an ear le faobhar sgian oirr’
troimh Dhùn Eideann a’ sianail,
is fliuch shneachd sgaiteach ’na sgiathaibh.
Thig an t-earrach. Thig an Cèitein.
Uainichidh gile nan slèibhtean. 15
Tha ’n dòchas daonnan ’na èibhleig
ri anuair ’s fuachd, ’s tha cinnt à Cèitein.
Chì Alba a grian ’na speuraibh.
*266 An t-Ùghdarras agus an t-Eòlas
Càit am facas, càit an cualas
ann an Sasainn bhraonach uaine
no an Lunnainn an uabhair
a h-aon a nì ar ceistean fhuasgladh?
Is faoineas bhuapa gaoth an òraid; 5
is sgleò dhaibh an cainnt ’s an còmhradh;
is iad mar mharaichean air còrsa
nach fhac’ iad riamh roimhe a’ seòladh,
air allaban ’s gun iad eòlach.
Stiùirear tìrean len luchd còmhnaidh, 10
’s biodh ùghdarras aig an eòlas.
[Beurla]
*267 [Suas gun Sìos]
Suas gun sìos, buaidh gun bhualadh
buannachd gun chall, gun dìth;
nì ùr a th’ann san t-seann shaoghal
buidhinn saorsa le sìth. 4
*268 Uladh
O Shiorramachd Àir gu Àrd Macha ghluais sinn fhèin,
siar nar tàintean bochd cràite gun tug sinn ceum;
is dian a tha làmhach is ràn nam bomba nar dèidh –
a Dhia nan gràs, “is láidir an snaoisín e”! 4
*269 Beannachadh
Rìgh nan reul ’s na grèine gile
bhith gad dhìon o dhìth ’s o thinneas,
bhith gad dhìon o shìn ’s o iomairt,
’s tu bhith sìorraidh ’n sìth nad ionad. 4
[Beurla]
*270 Fosgail Uinneag an Là
[Albais]
*272 Ionndrainn na Sìne
Cian am-bliadhna ’s cian an-uiridh.
Seo an t-àit a bh’ann an-uiridh,
is bliadhn’ is bliadhn’ is bliadhna buileach.
A Dhia, am faic mi siud tuille,
eagan nan sliabh fon drumach? 5
An t-uisge fiar is an drumach,
an t-uisge ciar is an drumach,
an t-uisge liath is an drumach,
an t-uisge tiamhaidh is an drumach,
an t-uisge cianail is an drumach, 10
is e ’na fhrasan dian dubha,
’oir ga riasladh air a thuras,
a’ ghaoth a’ sianail is a’ tuireadh.
Cha b’ionnan sin riamh is turadh;
cha b’ionnan ’s latha brèagh, buidhe; 15
cha b’ionnan is grian is bruthainn
an sileadh neo-lochdach, fionnar.
An t-uisge riabhach ’na thuiltean,
uisge àird an iar ’na dhruma,
uisge nan sliabh is an drumach, 20
eagan nan sliabh fon drumach.
A Dhia, am faic mi siud tuille?
[Beurla]
*273 Luinneag Thairbeartach
Is àrd a-mach a thà mo ghaol.
Thà an Caol càrsanach.
Is fad’ o fhearann is o fhraoch
a thà mo laoch gu là uam. 4
Ringeadh sgadain feadh nan tonn,
treud nan dronn dàsachdach.
Uain’ is dearg nan solas ann;
luchd nan lann làimh ruibh. 8
Iomachar ’s a’ Chleit is Cùr;
gaoth is stùr bhàirlinnean;
losgadh agus cur mu shùil;
dùrd an duine làidir. 12
Sgibinis is Port a’ Chruidh,
sìos gu ruith Chàradail;
an t-einsean ri fuaim ’s ri fonn
feadh nan tonn gàireach. 16
Arainn eagach àrd nam beann,
ùird gu teann a’ teàrnadh uaip’;
drumach uisge fiadhaich, fiar
às na ciar àirdean. 20
Is àrd a-mach a thà mo ghaol.
Thà an Caol càrsanach.
Ringeadh sgadain shìos an Caol
till, a ghaoil, slàn rium. 24
[Beurla]
*274 Guidhe an Iasgair
Fèath is fàbhar agus fortan,
pailteas coltais anns gach bàgh,
reòtach air clàr ’s air cliathaich
’s margadh fial air teachd an là. 4
[Albais]
*276 Aubade [1]
Tha driùchd air mullach nan càr
’s tha rudhadh an là san ear.
Dùisg is bi gluasad, a ghràidh.
Cha bhruadar an là ’na ghreis. 4
*277 Bloigh
Air leathad slèibhe ’s an Cèitein ann,
’n àm dùsgadh eunlaith len èigheach fann,
a’ ghrian ag èirigh ’s mo chridh’ ag èirigh
’s an dealt ag èirigh bho fheur ’s bho chrann. 4
[Beurla]
*278 Lunnainn agus Alba
Tha iad ràbhartach, ràiteach
a’ smàladh ar misnich
ach a dh’aindeoin an sgeulachd
tha eun anns an driseig. 4
[Gearmailtis]
*280 Briseadh na Fàire ’n Albainn
B’fhada oidhche dhubh nan neul
trast ar speur ’s gach reul ga mhùchadh.
San ear tha solas ar seann là,
’s thà mi ’coimhead mo ghràidh a’ dùsgadh. 4
[Beurla]
281 Bloigh Lebensraum
Na muillionan tha ’n Sasainn fheuraich,
’s mòr à meud iad, uain.
Tha ’d ag iarraidh, mas fìor am beul seo,
bloigh Lebensraum mu thuath. 4
*282 Leum gu Taobh Life
Cionnas nach abair mi Och
no Ochain no Och ochain ì?
Tha ’n samhradh a’ boillsgeadh a-steach
air beinn agus Machair nar tìr; 4
thà sinn air raon an t-samhraidh
is taod umainn teann air a shnìomh.
Am fuasgail sinn an t-snaidhm le suairceas,
no uabhar a’ chip an spìon? 8
Spùill iad leth an t-saoghail
is chog sinn rin taobh air a shon.
B’e ’n tràns’ e, is dhùisg sinn an Albainn
air a dearmad glan, ged a chog. 12
Soraidh le cogaidhean thairis
’s le gleanntaichean falamh ’nan tost;
soraidh le sgrùdadh nan eirthir,
le eilthireachd, Aonadh is trod. 16
[Beurla]
Thèid mi nam leum gu Life
a dh’fhadadh cridhe mo chlèibh;
Beinn Eadair is slèibhtean Laighean
’s am Balla Tuath fon ghrèin. 20
B’e ’n t-ùrachadh misnich is toile
rannt a thoirt an cèin
don eilean mhaiseach, uaine,
far an do bhuadhaich na Gaèil. 24
title | 1975–1977 |
internal date | 1976.5 |
display date | 1975-7 |
publication date | 2003 |
level | |
parent text | Poems and Songs of George Campbell Hay |