Air Mo Chuairt
Ealasaid Chaimbeul
Mar chuimhneachan taingeil
air mo mhàthair ’s air m’athair
’s air mo pheathraichean ’s mo bhràithrean,
agus ga ludhaigeadh,
leis a h-uile beannachd,
dhaibh-san a dh’earbadh asam
TUS M’OIGE
Air latha bòidheach Céitein, agus am fitheach a’ cur a-mach a theanga, thàinig mi chun an t-saoghail ann am baile beag àlainn aig ceann a tuath Bharraigh. Gun teagamh, chan e nì annasach a bha sin. Bha mo leithid-sa a’ tighinn chun an t-saoghail mun àm sin – sa bhliadhna 1913 – gu math nas bitheanta na tha iad an diugh. Bha ochdnar neo còrr de theaghlach anns a h-uile taigh anns a’ bhaile bheag againn fhìn, ged nach eil móran dhiubh an làthair an diugh.
’Se a’ cheud chuimhne a th’ agam a bhith ’nam shuidhe aig ceann an taighe agus mo pheathraichean ’s mo bhràithrean a’ gàireachdaich gu cridheil orm. Bha iad air innse dhomh gu robh athair againne cuideachd mar a bha aig clann bheag eile a’ bhaile. ’Se naidheachd ioghantach dha-rìribh a bha sin dhomhsa, oir cha robh cuimhn’ agamsa air fhaicinn riamh mu choinneamh mo dhà shùil. Thuig mi gu robh e air falbh sa Chogadh, ged nach robh fhios agamsa ro mhath gu dé a bh’ ann an Cogadh neo càit idir an robh e.
’S math mo bheachd air an latha a chunnaic mi m’ athair an toiseach. Nochd e thar gualainn a’ chnuic – duine grinn, sgiobalta agus bonaid chruinn mu cheann agus deise na Néibhidh air. Cha b’ ann gu ceòl a chaidh sin dhomhsa. Leig mi na gluig ’s na ràin. Bha mi a’ tulgadh na creathlach anns an robh mo bhràthair a b’òige a-muigh aig ceann an taighe, fhad ’s a bha mo mhàthair a’ bleoghan a’ chruidh shìos mun bhàthaich. Thog an coigreach a thàinig thar a’ chnuic an leanabh as a’ chreathall agus, a’ dèanamh greim teann cruaidh air mo làimh-sa, chàirich e air sìos far an robh mo mhàthair. Bha mise gu bhith an impis a dhol a cochall a’ chridhe air eagal ’s gu falbhadh e leatha dhan ‘Chogadh’.
’Se duine sunndach cuideachdail a bh’ann am m’athair. Bha e caran cho moiteil gu robh beagan Beurla aige. Cha robh oidhche san t-seachdain, ach e bhith aig taigh, nach biodh òigridh a’ bhaile a’ cruinneachadh dhachaigh a dh’éisdeachd ri naidheachdan na Néibhidh agus a thogail an fhuinn nuair a bhiodh esan a’ toirt sùrd air seinn nan duanagan inntinneach a bha iad a’ cleachdadh aig àm a’ Chogaidh. Chluinneadh tu air astar It’s a Long Way to Tipperary.’Se bun a bh’ann gun do dh’fhàs òganaich a’ bhaile cho eòlach air na naidheachdan agus gu rachadh aca fhéin air am beàrn a lìonadh nan tigeadh tuisleadh sam bith an cainnt an sgeulaiche, agus có nach biodh toilichte ann an cuideachd cho sunndach?
Cha robh sgoil neo sgrìobhadh aig mo mhàthair chaomh, nas motha na bha aig mnathan eile a’ bhaile. Anns a’ ghnè beatha a bh’aca cha robh móran féim air sgoil ann. Bha gach té dhiubh cho trang a-muigh ’s a bha i a-staigh. Bhiodh iad ri feamanadh, ri ruamhar agus ri cur an t-sìl agus a’ bhuntàta. ’Se feannagan buntàta a bhiodh aca sa bhaile bheag againne, agus ’sann le pleadhan a bhiodh mnathan a’ bhaile a’ cur slisean a’ bhuntàta. Nuair a dhèanta an toll, b’fhìor thaitneach leam fhìn, ’nam chaileig, a bhith faighinn cothrom slis a chur san toll. Dh’fheumadh ‘sùil’ a bhith air an t-slis air neo chan fhàsadh barr san toll sin idir.
Aig an taigh, bha mo mhàthair, agus a h-uile màthair eile sa bhaile, trang, trang. Bhiodh iad a’ fuine dhà neo trì de bhreacagan arain san latha, oir cha robh aran mar a tha sinn a’ cleachdadh an diugh ga fhaotainn sna ceàrnachan againne aig an àm sin. ’Se aran flùir a b’fheàrr a chòrdadh rinn, ach bha breacagan de dh’aran flùir is Innseanach agus breacagan de dh’aran coirce gam fuine cuideachd. Bu ghasda le caileig an uair sin greim fhaighinn air pàirt dhen taois agus bonnach beag a dhèanamh air a’ chlàr-fhuine agus a chàradh air a’ ghreideil.
’Se buntàta agus iasg a bu trice bhiodh againn aig àm dìnnearach. Tha cuimhn’ agam, direach air éiginn, air slabhraidh an t-simileir agus bùla na poite. Thàinig an sin an stòbh dhan fhasan. ’Se feadhainn dhubh a bh’ann, agus a h-uile cothrom a gheibheadh tu bhiodh tu a’ cur black-lead ris feuch an tigeadh soillse as a bheireadh bàrr-urraim air a h-uile stòbh eile sa bhaile. Dh’aindeoin stòbh, cha robh a’ mhòine bhàn ’na sùgradh; agus cha robh an caoran dubh a bha cha mhór cho math ris a’ ghual ach tearc anns na puill-mhòna againne. Air aon Di-dòmhnaich anns a’ bhliadhna òr-bhuidh’ ud air an do laigh am Politician air cladaichean Eilean Grinn na h-Oige, nochd sgoth, agus buidheann aighearach air bòrd innte, a-staigh am bàgh. Thàinig cuid dhen chòmhlan dhan taigh againne. Bha mo mhàthair chaomh a’ strì ri grìosadh air a’ choire a ghoil. Bha i a’ faighinn tàir a’ brodachadh na mòna bàine. Dh’éirich fear dhe na fiùrain, ag ràdh, “Leigeadh sibhse mise thuige”; agus, a’ toirt botal mór as a phòc, dhòirt e steall eireachdail air dhath an òir air uachdar na mòna bàine. Abradh sibhse gun tug ise leum aiste, agus ’se a bha’n t-òganach ag ràdh, “Tha gu leòr fhathast anns an t-sloc as an tàinig am fear ud.”
Bha mo mhàthair cuideachd ri snìomh. An toiseach bhiodh i a’ cìreadh na clòimhe le a meòirean agus a’ rèiteach aiste gach gas fraoich neo stob drise a bhiodh air a feadh. Bha i an uair sin a’ toirt làmh air a’ chàrd, a’ càrdadh na clòimhe agus a’ càradh nan rolagan grinne ann am basgaid bhig ri taobh. Bha a’ chuibheall ga cur gu feum an uair sin, agus shuidheamaid sinne mar fheadhainn a bhiodh air càrnachadh, a’ cumail sùil air an dol mun cuairt agus ag éisdeachd ris a’ chrònan òrain. Bha am fearsaid uamhasach inntinneach a bhith ga amharc a’ sìor chur toinneamh anns an t-snàth. B’fhìor thoigh leinn cothrom fhaighinn air an snàth a thachras ’na bhuill. Bhiodh bean an taighe – feasgar, mar bu
An déidh an eadraidh, moch agus anmoch, bha am bainne nach robh dol gu feum an teaghlaich ga chur an tàmh ann am miasan creadha gus an tigeadh uachdar air. Bha an t-slige chreachain glé iomchaidh airson an t-uachdar a thogail mun dòirt’ e sa chrog mhór, a bha ruadh air an taobh a-muigh ach air dhath an uachdair fhéin air an taobh a-staigh. Abradh sibhse, nuair a thigeadh latha a’ mhaistridh mun cuairt, gum biodh othail an sin. ’Se crannachan dhen t-seann fhasan a bh’againne. Bha e caran coltach ri barailte, ach gur e cearcaill iarainn a bha a’ co-dhlùthadh nam maidean ri chéile. Bhitheamaid an impis a dhol as ar cnàmhan feuch có gheibheadh greis dhen loinid. Cha robh aig gach aon againn ach bloigheachas dhen rann ‘Thig, a chuinneag, thig’, a bhiodh mo mhàthair a’ cleachdadh aig àm a’ mhaistridh, ach a dh’aindeoin sin ’s ’na dhà dhéidh, bha faothachadh làidir ann. Bha deoch dhen bhlàthaich glé bhlasda nuair a bhiodh am maistreadh seachad, agus bha sinn an sin a’ gabhail a’ chnuic – seadh, an nèamh beag far an robh clann a’ bhaile againn fhìn a’ cur seachad na cuid mhóir dhen ùine. Eadhon nuair a bhiodh tu ’nad chadal, bhiodh e ruith troimh d’ inntinn na cleasan tlachdmhor a bha thu dol a dh’fheuchainn an latharna-mhàireach. Nach b’olc an airidh nach leigte le cloinn iad fhéin a chluich aig an aois sin gus am biodh iad làn-bhuidheach – fhad ’s a tha an sannt orra.
Nis, bha clann air leth measail air a bhith ag éisdeachd sgeulachdan nuair a bha mise òg. Co-dhiùbh bha iad fìor neo breugach, cha robh sin a’ cur cùram oirnn. Thogadh mo mhàthair san Eilean Fhùideach, far an robh a h-athair ’na chìobair. Bha seachdnar a theaghlach ann, ach cha robh aon teaghlach eile san eilean ach iad fhéin. Bhithinn-sa a toirt taing dhan Agh nach e mise bh’ann, oir cha dèanainn-sa a’ chùis, bha mi am beachd, gun am bannal daonnan ’nam chois. ’S math mo bheachd air ise bhith ag innse dhomh mun tinneas a bhuail mo sheanair a thug am bàs dha – tinneas nach robh leigheas ann dha san latha sin: diabetes. Bha cuman uisge agus cupa an còmhnaidh ri taobh a leapa. Dh’fhàg e an saoghal seo feadh na h-oidhche. Cho luath ’s a thàinig glasadh an latha, chàirich mo sheanmhair agus Màiri, piuthar mo mhàthar, orra leis an sgothaidh agus an dà ràmh gu ruige Brudhairnis a dh’iarraidh dhaoine, agus a dh’ullachadh airson an tòrraidh. Dh’fhàgadh mo mhàthair – ’si an dàrna neach bu shine – an cois an taighe ’s a’ chòrr dhen teaghlach. Dh’earbadh rithe doras iochdar an taighe, far an robh an giùlan, a chumail dùinte. Ged nach robh i ach dà bhliadhna dheug a dh’aois, cha robh an còrr àraich air. Mu dheireadh, thòisich an ciaradh air tighinn, agus bhuail an cianalas am buidheann beag a bha air am fàgail san eilean. Rinn iad air a’ chladach agus bha iad an sin còmhla ris na trìlleachain, an cois na tuinne, gus an d’fhuair iad faothachadh nuair a chual’ iad fuaim
Nuair a chaochail mo sheanair, cha robh e ceadaichte dha m’ sheanmhair agus a teaghlach fuireach san t-seann dachaigh, ach càit an toireadh iad an aghaidh – bantrach bhochd le seachdnar a theaghlach ’s gun dachaigh eile aice? Chaidh an sin fir a chur dhan eilean gu lasair a chur ris an taigh, ach bha iad iochdmhor, coibhneil. Thubhairt iad, “Coimhlionaidh sinne ar dleasdanas mar a dh’iarradh oirnn, ach cuiridh sibhse as an teine san dearg mhionaid a ghabhas e.” Sin dìreach mar a rinn iad. Glé ghoirid an déidh sin, thàinig daoine coibhneil a Brudhairnis a dhèanamh cobhair orra, agus chàireadh iad an taigh beag am Brudhairnis. Fhuair mise faothachadh uamhasach nuair a ràinig an naidheachd Brudhairnis agus a thuig mi gu robh cuideachd gu leòr sa bhaile!
’Se ‘Taigh na Caillich’ a theireadh iad ri taigh mo sheanmhar. Nuair a dh’fhàs an teaghlach suas, thogadh taigh snasail ùr cloiche a tha fhathast san làthair. Chuir mi iomadh latha toilichte seachad mu na sreathan sin.
Bhiodh feadhainn air leth grinn a’ tighinn air astar mór dhen cois air chéilidh a thaigh mo sheanmhar. Bhiodh aodaichean rìomhach orra, agus adaichean air leth snasail. Có a’ chaileag nach gabhadh an cothrom, ach idir fhaotainn, air feuchainn ri faicinn ciamar a thigeadh iad dhuit fhéin?
’Se taigh-céilidh dha-rìribh a bh’ann an Taigh na Caillich, far am biodh fir a’ bhaile a’ cruinneachadh a h-uile feasgar a chluich chairtean, a dh’innse sgeulachdan agus a rèiteach dad cudthromach sam bith a thaobh chroitean neo sgothan. Glé thric, bhithinn-sa ’nam ghurraban mun teine agus sùil gheur an àird agus cluas fosgailte air eagal ’s gun caillinn aon diog a bha dol. ’Se Catch the Ten an cluich chairtean a bha iad daonnan a’ cleachdadh, agus chluinnte am bualadh bhas ’s am faram chas agus an spreaghadh ghàireachdaich nuair a bhiodh raul ann. Sin a theireadh iad ri cluich far am buannaicheadh an dàrna buidheann a h-uile h-aon dhe na làmhan chairtean. Bha e ’na adhbhar toileachaidh dha-rìribh dhan chloinn fir fhaicinn a ràinig aois, agus air an robh coltas a’ chùraim feadh an latha, cho fìor thoilichte ’nan staid air an oidhche, gun dad eile ach an raul a-mhàin a’ caochladh an cruth.
title | [intro] |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
parent text | Tus M’Oige |