Feadhainn a Chaidh a Chanada ’Sann dìreach mun àm seo a thòisich iomradh air falbh a Chanada am measg an t-sluaigh. Bha othail mhór air daoine gu falbh, oir cha robh teachd-an-tìr ach mu làimh aig an dearbh àm sin. Beòshlaint cha robh air thuar a bhith ann, a dh’aindeoin deòin-bhàidh na feadhainn sin a bha aig aois cosnaidh. Bha daoine sònraichte a’ tighinn a bhrosnachadh an t-sluaigh gu gluasad air falbh gu Tìr an Dòchais thall thairis, far nach biodh dìth neo deireas air duine beo aon uair ’s gu ruigeadh iad. Bha taighean àlainn gu bhith a’ feitheamh orra agus, an àite nan sgrobagan chroitean a bh’aca am Barraigh, bha tuathanas gu bhith deiseil glan mu choinneamh gach athair teaghlaich. Bha móran dhen chloinn a bha còmhla riumsa san sgoil a’ dèanamh deiseil gu falbh a Chanada. ’S coma gu dé am farmad a bh’agamsa riutha sin, agus gun mi a’ tuigsinn air an t-saoghal carson nach robh m’athair-sa a’ dèanamh air falbh mar a bha càch. Bha bràthair m’athar a’ falbh le theaghlach beag lag, agus bha mi san éisdeachd nuair a bha m’athair ag earbsa ris: “Air réir ’s mar a bhios tusa a’ faighinn air aghaidh, leigidh tu fios thugamsa a bheil an gnothach cho òr-bhuidhe ’s a tha iad a’ cumail a-mach, agus ma bhitheas, bidh sinne sinn fhìn a’ togail oirnn.”
Latha dubh-bhrònach a bha san latha sin nuair a ghluais ar càirdean ’s ar luchd-eòlais suas a Bhàgh a’ Chaisteil, a’ fàgail an cead dheireannaich aig gach aon, agus leann-dubh air feadh gach ceàrn dhen eilean. ’Se am bàrd a Eilean Bhatarsaigh, Dòmhnall Iain Mhóir, a b’fheàrr a thug an dealbh sin seachad anns an òran Cumha Barrach, a rinn e ann an 1923. Tuigidh sinn ann cho fìor ghoirt ’s a bha an sgaradh.
Cumha Barrach Tha naidheachdan sna pàipearan An dràsd’ gam chur fo ghruaim, Ag innse mu na nàbaidhean A dh’fhalbh air imrich cuain Do chrìochan ciana choigrichean — ’S nach cluinn iad osnaich stuagh Ach gaoirich coill nan àrd-mheangan Ga toirt gu làr le tuaigh.
An latha dh’fhalbh ar càirdean uainn ’S a dh’fhàg iad sinn fo ghruaim, Gun d’chuireach anns a’ Mharloch iad, An t-eathar làidir luath;
Nuair tharraing i cuid chàblaichean, ’S a h-àmhainnean fo ghual, Bu bhochd bhith faicinn phàrantan Le sruth gu làr on gruaidh.
’Se feasgar Latha Sàbaid bh’ann, ’S bha bàtaichean mun cuairt Toirt beannachd nam beann àrda dhaibh Mun tarr’ngeadh iad gu cuan; Bu duilich leam ’s bu chràiteach e Bhith faicinn phàisdean truagh’ ’S ag éisdeachd osnaich mhàthraichean, ’S an cridh’ ga fhàsgadh cruaidh.
Cha b’annasach san tràth sin e Ged bhiodh iad làn de ghruaim — Bha mulad air an sàrachadh, A’ milleadh blàth an gruaidh, A’ falbh on eilean àlainn sin San deach an àrach suas, ’S gach groban bheann a b’àirde dheth A sealladh tràth Di-luain.
On dh’fhalbh iad uile ’s dh’fhàg iad sinn, ’S tha’n t-àite seo air thuar, An fheadhainn a th’air am fàgail dhiubh, Gun toir am bàs iad uainn; Rinn Mac a’ Chreachair fàidheachd dhuinn Tha ’g ràdh gun tig an uair Nach fhaicear air an làthair ach Geòidh ghlas’ an àit’ an t-sluaigh.
Tha’n t-athair measail ainmeil leibh Dhan ainm MacGhilleMhaoil, A chumas ann an òrdan sibh ’S nach leig a chrò mu sgaoil; Tha chombaistean air dòigh aige Le bòidean Orduigh Naoimh, A’ ruith a’ chùrsa dhòigheil leibh A bheir gu Glòir sibh saor.
O, mile beannachd uams’ thuige, Ged ’s fhada bhuam e’n dràsd’ Far bheil a’ choille ghruamach ud ’Na gathain uaigneach àrd’; Nan tilleadh e air chuairt thugainn, Mo dhùrachd buan gach là Gur e bhiodh a’ toirt fuasgladh dhomh Nuair thigeadh uair mo bhàis.
Tha mulad mór air pàirt aca On dh’fhàg iad Tìr nam Beann, A’ caoidh an àite dh’àraich iad ’S nan càirdean a th’ac’ ann; Ach guidheam soraidh slàn bhith leoth’ Measg chraobhan àrda thall — Gun tachair sinn air Calbharaidh San àit’ air nach tig ceann.
Tha mise ’n seo ’nam aonaran — ’Se fàth mo leòin san àm — Gun dùil agam ri còmhradh ribh Cho fad ’s as beò mi ann; Ach thig an latha sòlasach San dèan sinn còmhdhail thall; Bidh càirdean is luchd-eòlais ann, ’S théid bròn a thoirt gu ceann.
Bha fiughair mhór oirnn a’ feitheamh na ceud litreach bho bhràthair m’athar, agus thàinig i mu dheireadh thall. Bha e a’ toirt iomradh air a h-uile sìon a bha riamh ann, ach aon diog cha tug e air sinn a bhith togail oirnn a-null. Thigeadh litir as déidh litreach, ach riamh cha tàinig an cuireadh a bha ar cridhe a-mach thuige. Cha b’fhada seo gus an tàinig fios gu m’athair bho oifis an Canada, a’ leigeil ris gu robh a bhràthair air tuiteam an droch shlàinte agus gum b’fheàrr dha gabhail roimhe air ais a Bharraigh. Feumaidh gur iad a bha iochdmhor an Canada. Cha robh iad idir ag iarraidh nan truaghan bochda air am buaileadh galair. Bha cuid mhór dhiubh a’ dol as leis a’ bhristeadh-cridhe. Uidh air n-uidh, thill a’ mhór-chuid dhiubh an taobh as an tàinig iad.
’Sann an uair sin a chuala sinn mun Choille Ghruamaich, agus mun Tìr a Chaill an Dòchas. An àite an stiùireadh chun nan dachaighean rìomhach a chaidh a ghealltainn dhaibh an uair a chaidh iad air tìr, ’sann a chaidh am pronnadh cruinn cothrom còmhla a-staigh do sgoil nan Innseanach, feadhainn a bha glé chinnteach nas iochdmhoire na na h-uaislean a thàlaidh sluagh ar n-eilein àlainn bhon càirdean is bhon dachaighean leis na dubhla-bhreugan. Cha robh iomradh a-nis air na tuathanais, ach chàireadh gu leòr dhiubh a-mach gu raointean Alberta, agus an sin cha robh ann dhaibh ach “Iain, a mhic, thoir thu fhéin as.” Bha iad a’ cur uibhireach gu h-àraidh air an fhuachd, agus air an oidhche bha eagal am bàis orra ag éisdeachd nan ainmhidhean air nach robh eòlas neo cleachdadh aca ag iorghail ’s a’ sgreadail.
Co-dhiùbh, chuireadh Canada an dàrna taobh, agus bha an saoghal
sòlasach a’ dol air aghaidh a cheart cho toilichte ’s a bha e riamh. An deireadh a’ Chéitein agus anns an Og-mhìos, cha do dh’iarr caileagan a’ bhaile againn an còrr ach a dhol a bhuain nan dìtheanan eireachdail a bha na bu ghaolaiche leinn na na leugan. Air Loch an Rubha, gu dé a bha fàs ach an duilleag bhàite – ’se ‘gucagan’ a theireamaid sinne riutha. Sin an té a bu luachmhoire leinne na an t-òr fhéin. Bhitheamaid a-mach air an loch gu ar meadhon, ’s na cailleachan a bhiodh a’ dol seachad air an rathad mhór ag éigheach nan creach mu rachadh ar bàthadh.
Feumaidh gu robh na Lochlannaich air leth measail air a’ Bhogaich, mar a theireadh iad ris a’ bhaile bheag againne. Bha dà dhùn faisg oirnn air an togail a-muigh air eilean beag astar nach robh ro fhada bhon chladach agus, mar a rinn an Sealbh, bha aon fhear aig muir-tràigh dìreach air an dearbh shràid chlach a dh’fhàg na ceatharnaich sgairteil sin fhéin. Cha robh sinn a’ tuigsinn air an t-saoghal ciamar idir a chaidh aca air meudachd nan clachan sin a ghluasad dhan ionad ud. Aig an àm, bha sinn car coma co-dhiùbh. Chan e bha fainear dhuinn. San fhoghar gu h-àraidh, bhitheamaid a’ dèanamh calg-dhìreach air an dùn aig muir-tràigh. Nuair a bha sinn mu letheach a-null, sheasamaid tacan a’ turraman air a’ chloich-rabhaidh – an té sin a bhiodh a’ cur muinntir an dùin ’nam mothachadh, sna linntean a dh’aom, gu robh an nàmhaid gu bhith mun cinn. Aig àm an fhoghair, b’àillidh leat a bhith ag amharc nan smeuran móra dubha a bha a’ fàs san dùn. Ged a bha sgrìobadh nan dris ann, cha robh e a’ cur ciùrradh oirnn. Nan rachadh againn air feadhainn dhiubh a chur seachad air ar beòil, thoireamaid dhachaigh iad gu silidh a dhèanamh. Abradh sibhse gur ann an sin a bha an fharpais feuch có bu mhotha a chruinnicheadh de smeurain.
title | Feadhainn a Chaidh a Chanada |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
parent text | Tus M’Oige |