AN DEIDH NA RAIMH A SHAORADH
Tha mi a-nis ‘tioram air tìr’, agus gun uallach aiseig orm – gun uallach có an taobh bhon tig i! ’Sann sa Ghleann a tha mi a’ còmhnaidh. Ged nach esan an gleann san robh mi òg, ’se gleann fìor thaitneach a th’ann an déidh sin. ’Se an ceud bhad de Bharraigh san goir a’ chuthag roimhn Chéitean. Nuair a sheallas mi mach, chì mi Caisteal Chiosmal gu stàiteil ’na sheasamh air a chreig. Ged a thàinig fàisneachd Mhic a’ Chreachair air a bonn feadh ùine, agus a bha an aitreabh iomraiteach sin ’na garaidh bhiastan dubha, thàinig as a sin dhi. Chaidh a cur air dòigh, los gu bheil i an diugh mar leug a’ toirt ’nar cuimhne nan gaisgeach a bha air ais ’s air aghaidh leis a’ Bhirlinn Bharraich anns na linntean a dh’aom.
Mòd an Obain A’ bhliadhna a dh’fhàg mi an sgoil, 1978, ’sann san Oban a bha am Mòd. Bha móran tlachd agam riamh do chainnt mo mhàthar – Gàidhlig Bharraigh. Chuir mi uibhireach glé mhór air cor na Gàidhlig an seo bhon a thàinig mi nall, gu h-àraidh am measg na h-òigridh. ’Se a Bheurla as trice a tha iad a’ cleachdadh, chan ann a-mhàin am Bàgh a’ Chaisteil ach cho fada gu tuath ri Eòiligearraidh, far nach bitheamaid idir ga cleachdadh ach nuair a dh’fheumte. Saoilidh mi, a dh’aindeoin chùisean, gu bheil an uileann fhathast innte agus gu feum i fìor bhrosnachadh mun tig i buileach am bàrr.
Is truagh a’ Ghàidhlig bhith ’na càs On dh’fhalbh na Gaidheil bh’againn; A ghineil oig tha tighinn ’nan àit’, O, togaibh àrd a bratach.
Gun teagamh, chuir bocsa an TV as dhan chéilidh air feadh thaighean, agus cha b’fheàirrde a’ Ghàidhlig sin, ach nach b’àlainn nan cuimhnicheadh òigridh an là an diugh air “Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre, ’s na dìobair a bhith mar iadsan.”
Co-dhiùbh, chàirich mi orm gu Mòd an Obain. Bha am baile a’ goil le daoine agus luchd an fhéilidh-bhig air gach sràid is oisean. Chaidh sinn a’ cheud latha a dh’éisdeachd chòisirean agus, gu fìor, chòrd na chuala sinn air leth math rinn. Air an fheasgar, dh’fhàg mi fhìn agus téile an taigh gu dhol air thòir thiocaidean a bheireadh an oidhche sin gu céilidh ann an
talla shònraichte sinn. Ràinig sinn talla far an robh dithis aig an doras – fear air gach taobh dheth – len cuid fhéilidhean is eile de dheise an fhìor Ghaidheil, agus iad air leth ceanalta. Dh’fhaighnich mi de dh’fhear dhiubh, “Càit am faigh mi tiocaidean airson céilidh na h-oidhche nochd?” Rinn e casad neo dhà, ghluais e bho chois gu cois, thug e sùil neo-thlachdmhor orm, agus thuirt e am Beurla, “Sorry, madam. ”Sheòl e colgag a-null gu charaid, ag earbsa ris: “You speak to the lady. ”Rinn am fear sin casad neo dhà cuideachd agus an sin, mar gun tigeadh e a Hong Kong, thuirt e, “Ciamar tha?” Dh’aithnichte air fuaim analach nach do bhlais a sheanair riamh air buntàta ’s sgadan. Dh’fhaighnich mi an e cuibhreann dhen Mhòd a bha a’ dol a-staigh, neo an do rinn mi mearachd. Fhreagair fear dhiubh sa Bheurla nach robh iadsan cho fileanta sa chànan, ach gu faigheadh iad neach a bha, nuair a thuirt mi nach robh agam ach fìor bheagan dhen Bheurla. Thàinig am fear agus, nuair a thug mi sùil gheur air, có bh’agam ach Barrach nach fhaca mi bho chionn iomadh bliadhna. Dh’inns e dhomh gu robh na tiocaidean uile air an reic, ach ars’ esan, “Thigeadh sibhse, agus ni sinn saod air àite fhaighinn dhuibh.” Rinn sinn sin, ach bha sinn anmoch mun d’fhuair sinn a-staigh dhan talla air tàilleabh cion nan tiocaidean. Air mo chorra-bhiod, chaidh mi staigh a shreath, a’ cagraich ris an neach a bha ri m’thaobh, “Tha mi duilich a bhith cur dragh oirbh.” “Chuala mi do ghuth roimhe,” ars’ esan, agus dh’inns e dhomh gum bu Leódhasach e. Chuala mi an déidh làimhe gur esan am ministear a rinn an t-òran a tha a’ dol mar seo:
Thoir dhomh do làmh, thoir dhomh do làmh, Oir tha an saoghal fada ceàrr — ’Se tha dhìth air tuilleadh gràidh; Thoir dhomh do làmh, thoir dhomh do làmh.
Agus nach ann dhasan a b’fhìor sin. Cha robh an saoghal riamh nas riatanaiche air daoine a bhith coibhneil, càirdeil ri chéile air eagal ’s gun téid iad a-rithist an ugannan.
Aig a’ Mhòd, an ath fheasgar, rinn sinn air taigh-òsda far an robh céilidh – air an Iomall. Nis, feumaidh mi aideachadh nach robh mi idir air mo dhòigh aig toiseach a’ Mhòid, chionn ’s, thar leam, nach robh ann ach seòrsa de dh’atharrais. Ach a-nis, leis na bha de dh’fhìor thoileachadh am measg an t-sluaigh a chruinnich dhan Oban, cha b’urrainn dhuit gun aontachadh: chan eil e gu móran deifir gu dé a’ chànan a tha iad a’ cleachdadh, fhad ’s a tha daoine sunndach, càirdeil, toilichte; agus bha iadsan sin. Chan fhaca mi aon duine air an robh coltas bruaillein.
Rinn sinn air an taigh-chéilidh. Nis, ’se an seòrsa céilidh a bh’againn an oidhche sin céilidh eadar-dhealaichte bhon fheadhainn àbhaisteach. Aig an té seo, cha robh móran an làthair aig an robh eòlas air a chéile. Gun sireadh, gun iarraidh, bha duine an déidh duine a’ cur sprogan air agus a’
toirt sùrd air gabhail òran, agus càch gu sunndach a’ togail an fhuinn. Dhìochuimhnich mi gu robh mi nis dhen chomunn sin a bha ri togail airgead na Ban-rìgh a h-uile seachdain, agus nach ann a thug mi fhìn seachad duanag neo dhà.
Có dh’amais ’nar cuideachd aig a’ bhòrd ach fear Eirisgeach. Cha do thachair sinn air a chéile riamh roimhe, ach dé ’na dhéidh sin – nach tàinig e bho na crìochan againn fhìn, agus bha sin ’na bhann mór gu leòr eadarainn.
Bha triùir thall agus leabhraichean beaga buidhe aca loma-làn de dh’òrain Ghàidhlig – dìreach an dearbh leithid leabhraichean-òran a bhiodh againn san sgoil. Bha na fleasgaich agus hùg is hoireann aca air gabhail nan òran – gan leughadh as na leabhraichean. ’Sann a thug mo charaid, an t-Eirisgeach, grad dhuibh-leum as, ag éigheach, “Chan eil facal Gàidhlig ’nan claignean siud. Siuthad, a chaillich, siuthad – cum ort!” Thug mi sùil mun cuairt ach càit an robh a’ chailleach. Nach e Freasdal a bha gam fhaicinn – có air an robh mo laochan agus an còmhlan uile ag amharc ach orm fhìn! Mise ’nam chaillich! Ach ’s fheudar gu robh e fior, chionn ’s, mun do dh’fhàg mi an sgoil, bha gliong air a’ fón uair neo dhà agus feadhainn a’ co-fheuchainn rium a’ faighneachd: “An e an fhìrinn a th’ann gu bheil sibh gu bhith togail a’ pheinnsein a-nis?” Thuig mi nis gur e an dubhla-fhirinn a bh’ann gun do dh’fhàg mi Tìr nan Og; agus gu mo dhèanamh buileach cinnteach, nuair a ràinig mi Glaschu ’s mi dol air bus, ghrad dh’fhaighnich fear nan tiocaidean mun deach mi na b’fhaide na’n doras, “Seall do chairt dhomh.” “Gu dé idir a’ chairt?” thuirt mise. Ghrad fhreagair e gu math oglaidh, “Cairt na seann fheadhainn.” Nuair a ghearain mi nach robh a leithid siud agam, an iomlaid na mionaid thuirt e rium, “Bha làn-chòir agad té a bhith agad, agus tha thu an fhìor àm cur mu deidhinn.” Ochoin! Ochoin! Feumaidh gur mi a bha a’ coimhead sean. Cha tuigeadh agus cha chreideadh mo laochan, ged a dh’innsinn dha, nach b’e siud an seòl siubhail a b’àbhaist a bhith agamsa idir, ach long bhòidheach a bhiodh a’ gearradh shìnteag cho tric ’s a thogradh a’ ghaoth an t-òrdan “Tiugainn” a thoirt dhi.
Ann an Glaschu Turas Eile Mar a h-uile rud eile, dh’atharraich baile Ghlaschu gu mór seach mar a bha e nuair a chaidh mise an toiseach ann. Bha drochaid ùr agus rathad thall ’s a-bhos air nach robh sgeul air mo cheud turas ann. ’Sann air an taobh a deas dhen bhaile a bhiodh na Gaidheil a’ fuireach, agus nuair a rachadh tu mach thachradh Barrach neo Uibhisteach riut air gach oisean. Ach dh’fhalbh sin agus thàinig seo. Bha na taighean agus na sràidean air am b’àbhaist iad a bhith air an sguabadh air falbh, agus na còmhlain a bhiodh an taic a chéile air an sgapadh feadh a’ bhaile. Cha chluinneadh tu aon iomradh aig duine nis air falbh chun na drochaid. Bha an Toll
fhathast an siud air a’ Phaisley Road, ach chan fhaiceadh tu aon Ghaidheal faisg a’ mhìle air.
Aon latha, bha mi shuas am baile sna bùithtean, far an còrdadh e rium a bhith a’ call mo shuim mar a b’àbhaist. Nuair a bha mi làn-bhuidheach ’s a bha an t-àm agam tilleadh dhachaigh, rinn mi air an subway mar a b’àbhaist. ’S mi a dh’earbadh aiste. Nuair a ràinig mi an doras, nach ann a bha sreath fhada – cha mhór cho fad’ ris an latha màireach – a feitheamh gu faighinn a-staigh. ’S coltach gu robh cluich ball-coise gu bhith air an taobh a deas. Bha fleasgach an sin le deise a’ Chorporation a’ cumail rian anns an treud. Nuair a dh’éigh e, “Move along there, ”dh’aithnich mi air fuaim analach gur e Leódhasach a bh’ann. Nuair a ghluais e faisg orm, thuirt mi gu socair an Gàidhlig ris, “ ’Ille, nach ann an seo a tha an dol!” Ged nach fhac’ e riamh mi, bhoillsg am fiamh gàire càirdeil a bha sin air aodann. “Có as a tha thu, bhrònag?” dh’fhaighnich e.
“Tha mise a Barraigh. Có as a bheil thu fhéin?”
“Tha mise a Steòrnabhagh,” fhreagair e.
“ ’Ille,” dh’fhaighnich mi dheth, “dé an dol a th’aca an dràsda an Steòrnabhagh?”
Cha bhi mi ag innse gu dé a thuirt e rium, ach bha e fìor amaiseach, agus rinn mi glag gàire. Tha mi an dùil gun do shaoil an fheadhainn a bha san t-sreath gur ann a bha sinn as ar beachd, agus cànan neònach dhuinn fhìn againn. Co-dhiùbh, rinn mo charaid an deagh thoileachadh ri cainnt nan Gaidheal.
Bha mi a’ fuireach ann an taigh gun aon duine eile ach mi fhìn. Bha mi glan air mo chlisgeadh. Bha an doras glaiste a latha ’s a dh’oidhche, agus nan tachradh do dh’eòlach tighinn san rathad, bha mi cìdheadh troimhn toll san doras mu fosglainn e. Cha robh latha gun dà latha! Cha bhithinn-sa idir a’ glasadh doras an taighe thall san eilean. Thug mi sraon neo dhà air feadh a’ bhaile gu dhol a shealltainn air an fheadhainn a bha còmhla rium sna sgoiltean. Dh’earb aon té rium a dhol cuairt gu Bridgeton agus sùil mhath a thoirt air an sgoil san robh mi a’ teagasg aig àm a’ Chogaidh. Chàirich mi orm an latharna-mhàireach agus chaidh mi mun cuairt dhith. Bha i riamh snasail ri coimhead oirre. “Saoileam fhìn càit a bheil na caileagan ’s na gillean gasda a bha mise a’ teagasg san sgoil sin ann an 1944 agus 1945?” dh’fhaighnich mi dhiom fhìn. ’S mi a dh’fhaodadh mo bheannachd a thoirt orra. Cha tug iad dragh riamh dhomh. Cha robh agam ach mo shùil a chiagadh gun facal a ràdh – agus sin na bh’air. Bhiodh feadhainn dhen luchd-teagaisg a’ cur na ceist orm: “Ciamar a théid agaibh air an dà fhichead ’s a naoi a cheannsachadh gun ur beul a thoirt bho chéile?” Ach cha tàinig e riamh fainear dhomh gu rachadh agam air sin a dhèanamh. Nach iomadh ceann a chaidh an currac bhon uair sin. Bha iad a-nis a’ dol a leagadh na sgoil bhrèagha seo, ’s chan fhaicinn tuilleadh i.
Bha mi nis air cridhe a’ mheadhoin-latha, is an cridhe air chrith ’nam chom agus an doras glaiste agam, ach nuair a bha mi teagasg san sgoil sin bha mi a’ coiseachd na sràide air oidhche dhubh dhorcha agus gun leus solais ri fhaicinn, gun eagal, gun fhiamh, gu dhol a dhìon na sgoil mu leagadh na Gearmailtich ball teine oirre.
’S dòcha gun tug an aois trian de thuisleadh ’nam cheum, agus gun do sgaoil trian eile de thacsa bhuam le dol an t-saoghail. Smaoinich mi air a dhol gu sràid far am b’àbhaist feadhainn dhen chloinn a bhith fuireach, ach bhiodh a’ chuid mhór dhiubh air sgapadh agus air thaigheadas dhaib’ fhéin a-nis, agus b’fheàrr leam iad a bhith a’ cuimhneachadh orm mar a chunnaic iad mi – an tréine mo neirt.
Fhad ’s a bha mi air a’ chuairt ann an Glaschu, dh’fhàg muinntir an taighe eun air mo chùram. Bha e gu dòigheil ann an eunlann agus cha robh agam ach a bhith toirt biadh is deoch dha, agus bha mi a’ cumail a dhìol dhe sin ris.
Aon fheasgar, thàinig feadhainn air chéilidh orm. Gun teagamh, dh’éigh iad a-muigh có iad, agus a bharrachd air a sin bha Gàidhlig aca, ach thug iad an deagh ùine a’ feitheamh a-muigh mun d’fhuair mise na slabhraidhean ’s na glasan a thoirt bhàrr an dorais. Fhad ’s a bha iad a-staigh thug iad sùil air an eun, agus thuirt am fear, “Cha chòrd e riutha bhith as aonais cuideachd an taighe. Bidh feadhainn aca a’ faighinn a’ bhàis leis an ionndrain.” Mun do leig e am facal as a bheul, chualas glag, agus nuair a chaidh mi null bha an t-eun bòidheach ’na shìneadh fuar marbh air an ùrlar.
Bha mi glan air mo nàrachadh ’s air mo leaghadh. Siud air an subway gun tug mi, agus suas am baile cho luath ’s a rinn mi riamh a cheannach eun eile a bhiodh cho coltach ris ’na bhodhaig ’s a ghabhadh e bhith. Fhuair mi siud, ged nach robh e an asgaidh dhomh – thug e an deagh tholl ’nam sporan – agus cho luath ’s a b’urrainn dhomh rinn mi air an t-subway cheudna, agus eagal mo ghonaidh orm nach ruigeadh an iomlaid an taigh beò slàn. Nuair a ràinig mi chàirich mi san dearbh ionad e san robh am fear a bh’air tàr as. Thuirt mo chàirdean rium: “Cha dèan e an gnothach biadh is deoch a thoirt dha. Feumaidh sibh cumail air bruidhinn ris.”
’S fhada bhon a chuala mi “Nuair a bha Gàidhlig aig na h-eòin.” Chan eil fhios a’m an robh an t-eun ùr dhen treubh sin, ach co-dhiùbh bha ’s gu nach robh, chual’ esan Gàidhlig gu leòr, agus nuair a theirigeadh seanchas dhomh bha mi a’ toirt sùrd air gabhail òran dha. Seo am fear a b’fheàrr leis:
M’eudail air do shùilean donna, Air do shùilean ’s air do bhodhaig; M’eudail air do shùilean donna ’S air do bhodhaig bhòidhich.
Cha mhór nach robh a h-uile facal dheth aige fhéin mun do dhealaich sinn. Nuair a thill an teaghlach dhachaigh a Ghlaschu, cha do chuir iad uibhireach fon ghréin air an eun a bha gu sunndach a’ bocadaich thall san oisean.
Mun do dh’fhàg mi am baile mór dh’inns mi, os ìosal, do bhean an taighe nach e an caraid a dh’fhàg iad a bha siud idir, ach a bhreac-samhail ’S gann gun creideadh i mi nuair a bhòidich mi nach tuigeadh e facal ach Gàidhlig, agus thug mi deagh chomhairle oirre: “Cum brod na Gàidhlig ris, agus cumaidh i a chridhe ris, los gum bi e beò chan eil fhios dé an ùine.” Mur do bhàsaich e bhon uair sin, tha e fhathast cho beò ri Eireannach air beagan bìdh agus dibhe, air fuaim na Gàidhlig.
Dhachaigh Ged nach robh mi ach beagan sheachdainean an Glaschu, ’s coma dé am faothachadh a fhuair mi air an trèan a’ dol dhachaigh nuair a nochd solais an Obain orm sa chiaradh, ’s mi air mo rathad air ais gu Barraigh bheag bhoidheach san do dh’àraicheadh òg mi. Tha còmhlan math de mhuinntir an eilein a’ còmhnaidh san Oban a-nis, agus chuir mi seachad latha neo dhà ’nan cuideachd a’ toirt sùil air ais air na làithean a dh’aom.
’Se a’ chuid as duilghe dhen tilleadh nach eil an diugh sgeul air luchd mo ghràidh – an fheadhainn a dhèanadh mo bheatha agus a dhèanadh sunnd is sogan ri m’thighinn.
Dhen teaghlach ghreadhnach shuidh gach oidhch’ Mun chagailt cruinn — bha ochdnar ann — Chan eil an diugh air lom an tuim Ach mis’ a’ caoidh ’nam bhochdadan.
Bha geamhradh 1978 cho fuar ’s nach do dh’fhairich mi a leithid riamh ’nam bheatha. Gun teagamh, cha robh m’aire air móran, agus ’s dòcha nach b’fheàirrde mi sin. Bhuail an lòinidh mi airson na ceud uair ’nam bheatha. Cha do chuir mi riamh roimhe eòlas oirre agus, gu dearbh, cha ruiginn a leas a bhith caoidh a cuideachd. ’S iomadh rud a chuireas bho fheum an t-saoghail thu ma leigeas tu leis, agus cha do leig mise leis an lòinidh brath na laigse a ghabhail orm nas motha na leig mi leis a’ chòrr. Tha e ’na fhàgail aig an lòinidh, mar chuid eile, am brath sin a ghabhail ma gheibh i an cothrom; ach ghrad thionndaidh mi rithe is thubhairt mi, “ ’S mise tha seo fhathast. Thoir do chasan leat,” agus cha do dh’fhairich mise lòinidh bhon uair sin.
Ann an 1979, cha robh an t-earrach móran na bu bhlàithe na bha an geamhradh fhéin, ach a dh’aindeoin chùisean chaidh againn air tighinn troimhn chruadhaig. Cha robh an samhradh fhéin ach iomluathasach. Chaidh mi gu tòrradh caraid a-null a dh’Uibhist mu dheireadh an Og-mhìos. Dh’aindeoin a bhith eòlach air aiseag, ’se an t-aiseag air ais bhon Lùdaig gu Eòiligearraidh a thug mo dhùbhlan dhomh. Bha gluasad
a’ bhàt’ -aiseig gam chaitheamh an siud ’s an seo, agus b’fheudar dhomh greim bàis a dhèanamh air spàrr mu rachadh an t-eanchainn a chur asam.
Nis, bhon a thàinig mi nall a Bhàgh a’ Chaisteil, an déidh a bhith còrr is seachd bliadhn’ deug as aonais, bha mi a’ feuchainn ri eòlas a chur air dòighean ùra an t-saoghail. Fhad ’s a bha mi air falbh, thàinig cus atharrachaidh air, agus ’sann uidh air n-uidh a dh’fheumainn a dhol mu thimcheall. ’Sann as a chéile a nithear na caisteil. Thàinig iomadh nì ùr air a’ mhargadh nach b’aithne dhomh dad mu dheidhinn, agus dh’fheumainn a bhith seòlta air eagal ’s gun dèanadh càch a-mach gu robh mi cho claon. Bheirinn ùine glé fhada sna bùithtean a’ coimhead is ag éisdeachd. Rachadh agam air seo a dhèanamh gun móran sluaigh a thoirt fainear, oir thàinig atharrachadh sònraichte eadhon air na bùithtean fhéin. Cha ruig thu leas tuilleadh a bhith ag iarraidh nan gnothaichean mar a b’àbhaist. Faodaidh tu fhéin an taghadh a dhèanamh, agus leis a sin tha thu buailteach air a dhol am mullach an torra agus móran a bharrachd a chur sa bhasgaid na chuireas tu feum air. A thaobh ’s gun d’fhuaireadh cumhachd an dealain, faodaidh tu do thoil fhaighinn de dh’fheòil agus de dh’iasg agus de dh’iomadh criomaig bhlasda eile. Chan fhaic mi sgeul air a’ bharailte sgadain a b’àbhaist a bhith an oisean a h-uile bùth. ’Nam òige, nach bu tric mi dol dhan bhùth a dh’iarraidh fiach tasdain dheth. Gheibheadh tu mu dhusan air an airgead sin an uair sin; ach ’se a h-uile rud ùr as fheàrr, agus nach math sin.
An dràsda tha an t-airgead ga mhalairt mar na sligean, agus chan eil cùmhnadh fainear do neach sam bith. Chan eil e a’ cur cùram air àl an là an diugh mogan a bhith air chùl an cinn air eagal aiceid neo gort a thighinn ’nan rathad. Nach sona dhaibh-san!
Air dhomh tilleadh a Glaschu an 1966, bha móran sluaigh a’ fàgail Bharraigh ’s a’ gluasad gu tìr-mór le cion teachd-an-tìr. Bha na taighean gan dùnadh neo gan reic, agus na croitean gan sìneadh seachad do charaid neo do nàbaidh. Bha feadhainn gan leigeadh bhuapa uile-gu-léir, agus an fheadhainn bu sheòlta gan leigeadh gu nàbaidh air chùmhnant gu faigheadh iad air ais iad an ceann dhà neo trì bhliadhnachan. Ach bhon uair sin ghabh a’ chuibheall làn-char. Bho chionn bhliadhnachan tha daoine a’ tilleadh air ais ’nan deann-ruith. Tha iad a’ togail thaighean – chan ann dhen t-seann cholmadh, ach air deilbh ùir. Chan eil sgrobag fearainn a bhithear a’ reic nach eil feadhainn ’nan deann a’ strì ri fhaighinn, agus ’siad muinntir Bharraigh fhéin neo an sliochd as trice a bhios ris a’ mhalairt.
Bho chionna ghoirid reiceadh Sgoil a’ Mhorghain as ùr, agus ’se gille a Barraigh fhéin a fhuair i. Gun teagamh, cha b’ann an asgaidh. Air reir choltais, thug e airgead mór oirre, agus chuimhnich mi nuair a chuala mi an sgeul air nuair a reiceadh an t-seann eaglais aig tuath (a tha an diugh ’na taigh-òsda) airson na ceud uair, nuair a bha mi òg, agus a bha
buidheann grinn a’ bhaile againn fhìn a’ diùrrais eadarainn: “Gu sìorraidh, càit idir an d’fhuair i an t-airgead? Smaoinich thusa, trì cheud punnd Sasannach.” Nach e luach an airgid fhéin a dh’atharraich. Chan fhaigh thu an diugh móran air trì cheud punnd Sasannach. Ach nach buidhe dhan fhear a cheannaich Sgoil a’ Mhorghain. Bidh esan, chan ann a-mhàin gu bràth a’ cuimhneachadh, ach mar an ceudna ag amharc, fad a làithean air àilleachd Loch na h-Ob. Nach iomadh naidheachd thoilichte a dh’innseadh na ballachan sin a tha mun cuairt dheth nam biodh bruidhinn aca, agus có aig a bheil fios nach bi am fear a dh’fhàg soraidh againn le ceumannan dannsa sunndach air an drochaid bho àm gu àm a’ toirt sùil choibhneil a-nuas air a’ bhad san do dh’fhàg e beannachd againn.
A-null Thairis Nis, chun na bliadhna 1979, cha do dhearg mi riamh air a chruinneachadh de chuid an t-saoghail na bheireadh a-mach thar crìochan Bhreatainn mi. Nach robh am fìor àm agam, nan dèanainn gu sìorraidh e, saod a chur orm. Shaoileadh tu gu robh cuideigin ag éisdeachd ri m’smaoin. Gu dé a fhuair mi am mìos meadhonach an t-samhraidh ach cuireadh bho sheann bhanacharaid gu tighinn ’na cuideachd air chuairt dhan Fhraing. Leig i rium gu robh buidheann de Bhadhlaich is de dh’Uibhistich am beachd a dhol gu baile beag bòidheach Lourdes. Cha bu ruith ach leum siud leamsa. ’S fhada bho bu mhath leam an turas a dhèanamh nan robh cùisean air a bhith freagarrach.
Dh’fhalbh mi gu bog balbh a bhaile Ghlaschu, ach ged nach do leig mi orm ri aon có an taobh a bha mi a’ toirt m’aghaidh, thachair banacharaid rium san Oban a thuirt rium, “Tha sibh a’ falbh gu Lourdes.” Chuir mi latha neo dhà seachad an Glaschu, agus an seo, air oidhche Di-luain, an naoidheamh latha dhen Iuchar, 1979, chàirich mi orm gu port-adhair Ghlaschu. Thachair am buidheann againn ri chéile an sin, agus ged nach robh aon neach a Barraigh sa chuideachd ach mi fhìn, ann an tiota bha mi aig an taigh còmhla ris na Badhlaich ’s na h-Uibhistich. Faodaidh mi aideachadh nach do dh’fhairich mi riamh cho fìor thoilichte ann an còmhlan ’s a bha mi sa chuideachd sin. Thug iad ’nam chuimhne nuair a bha mi òg, agus thar leam gu robh mi a’ cur eòlas as ùr air ceòl taitneach a thàlaidh mi an Gearasdan Dubh Inbhir Lòchaidh.
Chaidh sinn air an itealan mu leth-uair an déidh aon uair deug a dh’oidhche. Bha an t-sìde air leth sèimh agus socair, agus daoine gasda a’ frithealadh oirnn, gar tatadh leis gach seòrsa bìdh is mhìlsean a thigeadh ri ar càil. Mu dhà uair sa mhadainn dhèanamaid a-mach mullach nam Pyrenees, agus nochd an sin crois sholas gu ar stiùireadh gu ar ceann-uidhe. Laigh am bàt’ -adhair, agus bha mi airson na ceud uair ’nam bheatha air taobh a-muigh crìochan Bhreatainn agus am measg nam Frangach, ged nach do thog mise riamh móran dhen cànan, agus thar
leam gu robh sìth an siud – “O, sìth nach d’fhairich cridhe duine riamh.”
Tha mi glé chinnteach gu robh mìltean a’ coiseachd nan sràidean ach, bho cheann gu ceann dhen bhaile, cha chluinneadh tu guth mór neo droch fhacal. Fhad ’s a bha sinn ann, bha sinn cho toilichte ’s a bha an latha cho fada. Cha robh sinn uile-gu-léir ri ùrnaigh, agus air an fheasgar, glé thric, bha sùrd againn air gabhail òran ann an Gàidhlig. Saoil an do dh’éisd na Pyrenees riamh roimhe ri òrain Ghàidhlig? Chunnaic mi Frangach neo dhà a’ toirt fuath-shùil oirnn mar gum biodh iad ag ràdh riutha fhéin: “Saoileam fhìn có an ceàrn de thalamh na Criosdachd as an do ghluais sibhse le bhur cainnt?” Ach cha robh a’ chuid mhór de dhaoine a’ toirt for – bha iad eòlach gu leor air a bhith cluinntinn chànanan as gach seòrsa mu na sreathan ud.
Nis, bha feadhainn sa bhuidheann againn aig an robh an deagh eòlas air cànan nam Frangach; ach mo thruaighe bhochd, an còrr againn, cha dèanamaid bun neo bàrr dhith. Gu mì-fhortanach, ghluais mise air falbh bhon chòrr aon latha leam fhìn, gu coinneachadh air banacharaid an aon bhad sònraichte dhen bhaile. Turas an ànraidh! Cha deachaidh mi fada nuair a thuig mi gu robh mi air chall san Fhraing, ’s gun chomas laighe neo éirigh agam san dùthaich sin le cion na teanga.
Ach – rinn mi gàire. Chuimhnich mi air a’ chàraid a bha sa bhaile bheag againn fhìn nuair a bha mi òg. Cha robh facal Beurla aig bean an taighe, agus b’fhìor thoigh leatha a bhith cur a puing fhéin an céill. Thàinig trabhalair MhicPhàrlain aon latha. Nis, bha eu-còrdadh eadar muinntir an taighe agus an treubh sin a thaobh gnothach malairt. Bha beagan Beurla aig fear an taighe agus ’s esan a bha a’ cumail còmhraidh ris, agus ’se duine socair modhail a bha san dearbh fhear. Nuair a dh’fhalbh an coigreach, thòisich bean an taighe air ochanaich ’s air osnaich agus air sìor ràdh, “Obh, obh, tha feum aige-san nach robh an dà theanga agamsa.” Fhreagair am bodach gu socair, “M’anam fhìn, a dhuine – tha mi smaointinn gu bheil thu dèanamh glé mhath leis an aon té fhéin.”
Bha mise air chall san Fhraing, ach chan e an dà theanga a bha gam dhìth-sa idir ach an treas té. B’fheàrr dhomh dèanamh air an taigh-chòmhnaidh – ach, cleas na sradaig, “Siud e ’s cha chia.” Cha robh sgeul air.
Thachair fear nam putan rium. Chaidh mi ann an sàis mu choinneamh ag ainmeachadh far an robh mi fuireach. B’e fhéin am balach. Thug e mu fhichead mionaid co-dhiùbh a’ cur an lìomhairt a bha sin bhàrr a theanga, ach aon fhacal cha do thog mise ach pons. Rinn mi air an drochaid agus, mar a rinn an sealbh, bhuail mi ann an triùir dhen bhuidheann againn fhìn, agus thoirinn-sa mo ghealladh nach leiginn as mo shealladh iad turas eile.
Thug sinn còrr is seachdain san Fhraing, agus saoilidh mi gu robh
mulad oirnn a’ dealachadh nuair a thàinig an t-àm sinn sgaoileadh – a h-uile neach air ais gu a cheàrn fhéin.
Atharrachadh Air mo thilleadh, dh’fhan mi greis an Glaschu. Nach robh an Sealbh gam fhaicinn. Cha robh mo bhanacharaid an subway a’ dol, agus leis a sin ’se beagan siubhail a rinn mi feadh a’ bhaile. ’Sann bhon a thill mi as an Fhraing air ais a Bharraigh a bheachdaich mi gu sònraichte air an atharrachadh a thàinig air dol an t-saoghail san eilean bhon a bha mi òg. ’Sann an 1926 a thàinig a’ cheud chàr air tìr, agus bhiodh daoine an impis an dà shùil a chall a’ gabhail iolla ris. Nam biodh cailleach neo bodach a’ coiseachd an rathaid mhóir, nuair a chitheadh iad thar mhìltean bhuap’ e bha iad a’ gearradh bhàrr an rathaid agus a’ falbh ’nan deann-ruith suas cliathach na beinne. An diugh, gu beagnaich, tha carbad mar sin aig gach doras, agus na boireannaich a cheart cho fileanta ris na fir fhéin gu dhol gu cuibhill. A’ falbh an rathaid mhóir, ’s gann gun téid agad air do bheatha a shàbhaladh leis cho luath ’s cho pailt ’s a tha na carbadan a’ siubhal. Nach iad a tha sona dheth.
Dh’fhalbh an latha a chitheadh tu poca an t-seòladair, agus coiseachd nan sia mìle gu Bàgh a’ Chaisteil. Ma tha cabhag ann, air neo nach toigh le neach falbh air bàta, théid iadsan gu port-adhair na Tràigh Móire. Bheir an t-itealan a Ghlaschu iad an dà uair an uaireadair. Uibhist agus Beinn na Fadhla, na dùthchannan céin’ air am bitheamaid a’ faighinn eòlas bho àm gu àm nuair a bha mi òg – chan eil iadsan a-nis ach mar gum biodh iad an ath doras. Bidh mi a’ dol air chuairt uairean a Bheinn na Fhadhla. Cha toir mi ach beagan is deich mionaidean san itealan bhon Tràigh Mhóir gus an ruig mi thall, agus aon uair ’s gu ruig, chan eil strì agam faighinn bho Loch nam Madadh gu Loch Baghasdail. Glé thric chì thu helicopter mun cuairt. B’àbhaist dhi a bhith a’ toirt dhaoine chun an taigh-sholais an Ceann Bharraigh. Tha mi air cluinntinn nach fhada a bhios feum air fir an sin idir gu frithealadh dhan t-solas. Bidh e, a dh’aithghearr, air dhòigh ’s gun obraich e leis fhéin. Chunnaic mi anns na pàipearan iad ag iarraidh reic dha na taighean-còmhnaidh an Ceann Bharraigh. Chuala mi gu robh clach air leth luachmhor sna taighean sin a thugadh a Sanndraigh. Shaoilinn nach iarradh neach fon ghréin a dhol a dh’fhuireach gu àite cho fìor iomallach – ach chaidh feadhainn suas gu sùil thoirt orra. Chaidh an eaglais a bha am Miughalaigh a reic bho chionn bliadhna neo dhà. Nach iad na gaisgich a b’àbhaist a bhith na seachdainean ri laimrig le droch shìde, an déidh tighinn a Miughalaigh, a ghabhadh an t-ioghnadh nam faiceadh iad an sealladh a chunnaic mise roimh Nollaig 1979 – helicopter a’ siubhal air ais ’s air aghaidh eadar Bàgh a’ Chaisteil is Miughalaigh, ròp slaodte rithe, a’ giùlain bathair, agus i a’ dèanamh an turais am fichead mionaid. Chunnaic mi cuideachd sna pàipearan bho chionna ghoirid Taigh Mór Bhatarsaigh – seadh, na
bheil a-nis air fhàgail dheth – air a’ mhargadh. Chan eil sgeul bho chionn beagan bhliadhnachan air Taigh Mór Eòiligearraidh – far am biodh an òigridh a’ faighinn car cosnaidh ri m’cheud chuimhne, ged nach robh an tuarasdal ach glé bheag. Tha seann taigh a’ mhinisteir an Cuidhir a-nis aig Sasannaich, agus tha e glé fhollaiseach gun dèan gach aon a thig dhan eilean greim na bàirnich air, agus gum bi iad an seo tuilleadh. Cha dhroch innse sin idir air.
Chan fhaic mi caileagan a’ buain dhìtheanan mar a dhèanadh iad ’nam oige-sa. Cha mhotha a chluinneas mi cion airgid air aon dhen òigridh. Chan eil iomradh a-nis air a bhith gu dìcheallach fad seachdain a’ cosnadh an tasdain a bheireadh dhan dannsa iad. Tha a h-uile dad cho furasda dhaibh. ’S dòcha gu bheil iad ’nan staid fhéin a cheart cho sona ’s a bha sinne ’nar n-òige, ach tha e doirbh a chreidsinn gun gabhadh e bhith.
Saoilidh mi gum bi tòrraidhean nas bitheanta am Barraigh aig an àm seo na bhitheadh iad ’nam òige. Chan fhaic thu an diugh iad a’ falbh dhen cois leis a’ ghiùlan mar a b’àbhaist, agus cha mhotha a chluinneas tu glaodh dhórainneach na pìob-chiùil. Cha chluinn thu a-nis diog dhen ghlaodh a bhiodh aig fear sònraichte nuair a bha iad a’ coiseachd. An ceann gach tiorma, dh’éigheadh esan an guth làidir, “Seasaibh a-mach,” los gun gabhadh feadhainn as ùr tarraing a’ ghiùlain. Chan fhaic thu bean is clann air an t-seann dòigh, a’ dol gu taobh thall an rathaid ’s a’ dol air an glùin gu soraidh fhàgail aig a’ mharbh. Dh’atharraich a’ chùis. ’Se aon oidhche a bhithear a’ toirt a-nis ann an taigh na h-aire. An ath latha, aig àm an fheasgair, tha an tòrradh a’ dol dhan eaglais. Sa mhadainn an latharna-mhàireach, tha iobairt an tiodhlaicidh san eaglais. An déidh sin, dìreach mar gum biodh tu air Ghalldachd, tha an giùlan ga chàradh an carbad sònraichte agus a’ gluasad air falbh, a’ dèanamh air a’ chladh. Ana-coltach ri tòrraidhean thìr-móir, chan e aon charbad neo dhà a bhios a’ leantainn a’ ghiùlain ach còrr math agus ceud carbad. Anns a’ chladh, an diugh, ’s ainneamh a chluinneas tu an osna ’s an dórainn a bha daoine an còmhnaidh ag éisdeachd an làithean m’òige aig a’ mhionaid sin nuair a leigte sìos a’ chiste. Tha daoine nis a’ gleidheadh a’ bhròin ’s an dórainn gu faigh iad gu an dachaighean fhéin, agus tha a’ chùis móran nas fheàrr mar sin. Gun teagamh, cuiridh an fheadhainn mun cuairt seachad seachdain neo dhà a’ moladh an neach a dh’fhalbh – chan eil aon ghuth air na rinneadh de chàineadh air fhad ’s a bha e sa cholainn-daonna; ach tha sin ’na fhàgail aig sluagh an t-saoghail. Chluinninn am Barraigh glé thric na seann daoine ag ràdh, “Ma tha thu ’son do chaineadh, pòs – ach ’sann an déidh do bhàis a gheibh thu do mholadh.”
Cha chluinn mi aon iomradh an dràsda air còrdadh neo rèiteach. Gun teagamh, tha iad a’ pòsadh; ach mar as trice tha cuideachd na bainnse a’ togail orra dhan bhaile mhór, far a bheil e nas fhasa dhaibh na gùintean sìoda agus gach goireas eile a tha feumail aig an àm shònraichte sin fhaotainn. ’S fhada bhon a dh’fhalbh feadhainn fuaigheil is gearraidh nan
gùintean bainnse, agus cha chluinn thu othail thall neo bhos an diugh aig boireannaich air an rathad gu fonnmhor gu dhol a spìonadh agus a bhruich nan cearc. Chan eil sin a-nis san fhasan, agus is olc an airidh – ach an òigridh aig nach robh aithne neo eòlas air an t-seann dòigh, cha bhi ionndrain aca oirre. Chan eil aon an diugh a’ feitheamh fear a’ chuiridh a’ falbh bho thaigh gu taigh. Chaidh sin bàs, agus ’se cuireadh mar a th’air Galldachd a tha san fhasan – cairt a’ tighinn leis a’ phosta.
Nuair a bha mi òg, bha e anabarrach feumail do thé a bhiodh a’ dol a phòsadh a bhith ann am fìor dheagh shlàinte. Gu fìor, nach ise a dh’fheumadh sin, oir bha móran a’ feitheamh oirre agus aice ri fhrithealadh a-muigh ’s a-staigh. ’Nam òige, cha robh aon té dhe na boireannaich ag òl neo smocadh, ach cha rachainn fada an urras gu bheil an t-ìm sin air an roinn sin anns an là an diugh. Cha ghabhadh té air na chunnaic i riamh agus a dhol a shuidhe aig bòrd ann an taigh-òsda ’nam òige-sa; ach dh’fhalbh sin agus thàinig seo.
Gu mìorbhaileach, cha chluinnear iomradh an diugh, cha mhór, air an aiceid a bha a leithid de ghioraig aig gach aon roimhpe – a’ chaitheamh. Nam biodh aon an teaghlach do sheanar air an do bhuail a’ bhochdainn sin uaireigin, chluinneadh tu cuid a dh’fheadhainn a’ diùbhrasachd – “Bha e sna daoine” – agus cha bu bhuidhe do thé sam bith a bha càirdeach dhan treubh sin. Ged a bhiodh fear ’s a chridhe an trom-gheall oirre, bha strì gun chiall ann, ga stiùireadh taobh air choreigin eile; agus nach iomadh fiùran fearail a chaill a thuar ’s a choltas nuair a thigeadh a’ ghaoid sin ’na chuideachd. Bha e an greim aig an eug, agus cha robh tighinn as aige. Ach an diugh chan eil iomradh air an aiceid sin san eilean, neo air gach bròn is bristeadh-cridhe co-cheangailte rithe, agus bidh sinn buailteach air a dhìochuimhneachadh bho àm gu àm có an Tì a chunnaic sin iomchaidh.
Thug mì iomradh mu thràth air na taighean ùra. Air an dearbh shlighe a bha mi leantainn gu dhol chun a’ Chaolais Chumhaing bho chionn dà fhichead bliadhna ’s a cóig, tha an t-sràid as àille de thaighean eireachdail, an dàrna fear a’ toirt barr-urraim air an fhear eile an cruth ’s an grinneas air an taobh a-muigh, ach fa chomhair an sùil iùnntas nach gabh ceannach – eileanan is cuan fad an seallaidh. Air an taobh a-staigh ’se fàth smaointinn a th’annta, nuair a bheir mi sùil air ais air taighean Bharraigh ’nam òige.
Chan eil sgeul a-nis air an ùrlar dhubh neo air a’ bhrat ghainmhich. An àite sin théid thu fodha cha mhór gu d’ghlùin am brat-ùrlair bog tlachdmhor air a bheil dathan as gach seòrsa. Cluinnidh tu srann aig Hoovers air gach oisean, agus mu leig thu am facal as do bheul, tha an taigh grinn sgeadaichte gun dragh gun saothair. Chan eil inneal co-cheangailte ri cumhachd an dealain nach eil am follais. Tha srann aig té dhiubh air nigheadaireachd agus théid i air is dheth leatha fhéin. Cha ruig thu leas fàsgadh air an aodach. Tha inneal ann a ni an dleasdanas sin, agus
a chuireas gach bad aodaich a-mach cha mhór tioram.
An àite nam fàdan mòna a bha a’ dol fo na h-éibhlean air an oidhche airson an teine a thoirt beò sa mhadainn( ’se smàladh an teine a theirte ris a seo), chan eil a-nis agad ach do làmh a chur air putan is gheibh thu do thoil blàiths. Iarann chan eil ga chur air theine gu theasachadh. Teasaichidh e leis fhéin, aig an dearbh ìre a bheil e dhìth ort, fhad ’s a chuireas tu do làmh sa phutan.
Gheibh thu an toast gu d’mhiann ann an iomlaid na mionaid a-mach a inneal cho eireachdail ’s a chunnaic thu riamh. ’Nam òige cha robh feum air a leithid ann. Cha robh an uair sin san fhasan ach na breacagan arain. An dràsda bithear a’ fuine, ach ’sann mar annas, agus rinn mi smaointinn agus fiamh gàire nuair a chuala mi, bho chionna ghoirid, asard gun tomhas aig boireannaich a’ bhaile air thòir a’ bheagan min Innseanaich a thàinig as ùr a Bhatarsaigh. Sin an dearbh thé – i fhéin agus an rionnach – air am bitheamaid a’ tàir ann an làithean m’òige, agus ’se an nì as cinntiche gum b’eòlach mo dhà sheanair-sa air blasad orra le chéile gu math tric.
Eadar gach fasan ùr a th’ann, nach ann a thuirt mi rium fhìn mu dheireadh thall gu faighinn inneal nigheadaireachd, los nach ruiginn a leas mo làmh a chur am bogadh ’nam sheann aois. Chan eil agad an diugh ach an gabadh as fhaoine a thoirt air do bheul ag iarraidh, agus abair thusa! Cha bhi dìth rogha is taghaidh ort, ach idir an t-airgead a bhith agad.
Cha robh i fada bhuam, agus is rìomhach dha-rìribh i mu m’choinneamh. Thug mi làmh oirre uair neo dhà, ach ’sann a th’air a sin naidheachd eile nach bi mi ag innse. Ana-coltach ris a’ chaillich a bha a’ caoidh nach robh an dà theanga aice, chan eil an aon té fhéin aicese neo iarraidh oirre, agus tha e a cheart cho glan. An rud a chì i an diugh, chan inns i a-màireach, agus tha mise a’ toirt taing dhan t-Sealbh a chionn sin. Ach thug mi ainm oirre – ainm a’ bhàta a bh’aig mo sheanair bho chionn fhada an t-saoghail (an Try Again) – ach ’sann an Gàidhlig. Gun teagamh, cha do ràinig a’ chùis, fhathast co-dhiùbh, an ìre a ràinig té a fhuair pressure cooker.Cheart cho luath ’s a fhuair i gu dol e, rinn i ’na deann air taobh eile an taighe, agus theann i air dìdeag air troimhn uinneig, is i dearbhte cinnteach gu spreaghadh e mionaid sam bith. ’S dòcha, cleas an damhain-allaidh aig Rìgh Raibeart, gun téid leam air an t-seachdamh ionnsaigh!
An Seann Iasgach is Eile Ann am Barraigh aig an dearbh àm seo, cha mhor gu faic thu sealladh air deargadh éisg ach an t-iasg reòdhta a cheannaichear anns a’ bhùth. Gun teagamh, tha beagan iasgaich a’ dol, ach tha na iasgairean teòma a’ reic na shaothraich iad ri ghlacadh ri luchd an taigh-éisg an Aird Mhighinis shìos sa Bhàgh a Tuath. Tha deannan fhear is mhnathan an sàs
an greim cosnaidh mun taigh-éisg sin, air clàr na dùthcha. ’S dòcha nach biodh neach gun iasg a dhèanadh an t-astar eadar seo ’s am Bàgh a Tuath, ach nach fad’ an t-astar sin an diugh seach nuair a chuir mise eòlas an toiseach air! Nam biodh saod agad air faighinn sìos gun a choiseachd, bhiodh an tagradh leat.
Cha chluinn thu iomradh an diugh air neach sam bith a’ dol gu carraig. Bha sin mar chleachdadh aig gach ceann teaghlaich sa bhaile bheag againn fhìn an làithean m’òige. Chì thu fhathast air a’ charraig na slugagan anns am biodh na fir a’ pronnadh an t-suill gu a’ charraig a bhiadhadh mun teannadh an t-iasgach. ’Se deagh àite-céilidh cuideachd a bha sa charraig, far am biodh fir a’ bhaile ri dibhearsain agus innse naidheachd.
A bharrachd air iasgach nan slat, bho àm gu àm bha fir a’ bhaile a’ dol còmhla mu thàbh. Nuair a bha mi mu naoi bliadhna dh’aois, bha Oran an Tàibh air tighinn am bàrr, agus sùrd aca air sna taighean céilidh.
Ma phronnas mi urchar san t-slugaig ’S gun éirich e chluich ann am bàrr, Gum bi mi fo iomagain ’s fo mhulad Nach toir mi le dubhan as tràth. Ach nam bithinn mun skimmer, Ged chosgainn ris iongag de shnàth, Gu faighinn na ’s leòr dhith sa ghlumaig ’S gu rachadh an dubhan dhan phàn.
Aon uair ’s gun cuirte crìoch air an tàbh, cha robh feum idir air an dubhan. Bha an fheadhainn sin a chaidh mun tàbh a’ faighinn tumadh mu seach dheth sa ghlumaig, agus bu shunndach an ceum a’ tilleadh dhachaigh leis an tràth. ’S tric a dh’éisd mi ri m’athair ag éirigh an glasadh an latha ’s e a’ dèanamh air Carraig an Radain, thall mun t-Sruth, agus bhiodh e air ais dhachaigh leis an tràth mu falbhamaid dhan sgoil.
Glé thric air an fheasgar bha fir a’ bhaile, an déidh a bhith trang fad an latha, a’ falbh gu maghar. ’Siad fhéin a bhiodh sunndach a’ togail orra. Ged a bhiodh iad a’ dol gu banais, cha bhiodh a leithid de shogan orra. Bhitheamaid sinne ’nar cloinn a’ feitheamh na mionaid gus an nochdadh an sgoth a-staigh am bàgh an déidh an iasgaich. Bha sinn uile a’ dèanamh air an laimrig, agus sinn air bhiodan a’ feitheamh roinn an éisg. Bhiodh roinn mu choinneamh gach fir a bha muigh ag iasgach agus roinn a bhàrr aig an sgothaidh. An siud ’s an seo air feadh nan creag, bha iad a’ caitheamh an éisg ’na roinnean gus an teirigeadh an t-iomlan. An sin bha fear a’ dol sa chùil, sgrìob air falbh bhon iasg, agus aghaidh taobh eile, is bha fear eile dhen sgioba ag éigheach – agus sinne gu furachail a’ gabhail beachd air, agus colgag a’ dèanamh an taghaidh – “Có aig’ am bi siud?” agus bha fear na cùil a’ freagairt, “Bithidh aig Niall.” An ath turas a dh’éighte, “Có aig’ am bi siud?” chluinnte am fear eile a’ freagairt,
“Bithidh aig mo ghoistidh.” Agus sin an dol a bh’ann gus am biodh an riarachadh ullamh, agus an sin bha sinn fhìn ’s iad fhéin a’ dèanamh gu sunndach air na taighean.
Bho àm gu àm bhiodh na h-iasgairean a’ dèanamh air an oitir leis na linn-chaol’ air thoir na lèabaig, ach bha iad an toiseach a’ dol dhan tràigh luga gu biadhadh fhaotainn. Bha an sin gach fear a’ suidhe gu socair ri taobh an sgùlain agus a’ cur biadhaidh air gach dubhan dhen lìon-chaol. Bha na lèabagan air leth blasda fhad ’s a bha iad ùr, ach cha robh iad ’nan annlan cho tlachdmhor nuair a bhiodh iad greis an sailleadh.
Car mun t-Sultainn, mhothaicheadh fear do chnap rionnaich a’ cluich sa bhàgh. Bha iad sa mhionaid a’ càradh orra leis an lìon-sgadain agus a’ lìonadh na sgotha leis an iasg. Bha iad ga shailleadh agus bha e glé bhlasda leis a’ bhuntàta, ach bha car de cheann sìos air. Cha robh ann ach biadh nan truaghan bochda.
Ach nach i a’ chuibheall a ghabh an làn-char bhon uair sin. ’Se car de dh’annas a tha an diugh san rionnach. Leugh mi am pàipear-naidheachd bho chionna ghoirid feadhainn a bhith ag iarraidh cus de chinn chaorach. Nach b’eòlach orra sinn ’nar n-oige, ach a-rithist bha a leithid de cheann sìos orra mar bhiadh agus, nan cluinnte starram mun doras an àm a bhith ga dheisealachadh, bha bean an taighe ga thilgeadh a-staigh fon bheinge. ’S goirid, ma dh’fhaodte, gus am bi an ceann caorach air a’ phutan ris a’ ghiomach mar annlan. Nach iomadh car a chuireas an saoghal dheth.
Tha ùine mhór bhon a chaidh na h-eich a fasan am Barraigh, a dh’aindeoin iad a bhith air an cunntais air leth cruadalach. Bho chionn dhà neo trì bhliadhnachan ’sann a ghabhadh ùidh as ùr annta. ’S fhìor thaitneach leam an naidheachd a chuala mi bho chionna ghoirid. Thill càraid a bha air thaigheadas am baile Ghlaschu dhachaigh a Bharraigh. Fhuair iad fearann. Nach iomadh feadhainn a thilleadh an diugh nam faigheadh iad a leithid cheudna. Thog iad taigh dhen fhasan ùr gu h-eireachdail ri taobh an rathaid. Shuas os cionn an rathaid tha a’ mhòinteach a chumas an toil connaidh riutha, agus cheannaich iad each gu tarraing na mòna. Saoileam fhìn am feuch e cleas na làire bàine orra sa cheud dol-a- mach? Chuala mi gun do rinn Iain Beag cléibh is plàta dhen t-seann fhasan dhaibh, ged a shaoil mi nach robh aon air fhàgail mu na sreathan a dhèanadh a leithid siud dhaibh an diugh. Gum bu fada bhios an comas aige eòlas a thoirt dhan òigridh làmh a thoirt air a cheart leithid, agus gum bu fada connadh air druim an eich ùir. ’Siad na làraidhean agus na tractaran a bha a’ dèanamh cobhair air daoine bho chionn deannan bhliadhnachan a thaobh tarraing feòir, arbhair, guail is ghoireasan cudthromach sam bith eile air an cuirte feum. Cha dèan a h-aon dhiubh sin feum sa mhòintich sin, far a bheil an talamh cho mì-chothrom. Ach théid aig an each air aisridh fhaotainn air a feadh, agus nach math an naidheachd sin. Tha an gual an diugh cho daor ris an aran mhilis, agus tha gu leòr de dhaoine taingeil toilichte làmh a thoirt aon uair eile air a’
mhònaidh – connadh air an robh mise mion-eòlach an làithean sòlasach m’òige.
Nuair a fhuair sinn cumhachd an dealain am Barraigh an 1967, bha daoine taingeil toilichte gu rachadh aca air aon chaol fhéin fhaighinn air bocsa an TV, agus b’e sin BBC 1. Bha sinn a’ pàigheadh na h-aon chìs sa bhliadhna ’s a bha muinntir thìr-móir, ged a bha e comasach dhaibh-san tionndadh gu caol sam bith. Bho chionn beagan agus bliadhna fhuaras seòl air crann a chur air bidean an siud ’s an seo, los a-nis gu bheil sinn air thrì neo-ar-thaing agus sinn a’ faighinn caol mu seach air a’ bhocsa. Chan ann air a sin a-mhàin a dh’aithriseadh an sgeul. Nach ann a tha nis dealbh le dathan againn dìreach mar a th’aca air Ghalldachd, agus tha sinn am mullach ar sòlais.
Nuair a bha mi ’nam chaileig, bha seann duine còir a’ fuireach faisg oirnn, agus bha e mar fhasan aige daonnan, nuair a chluinneadh e naidheachd mu dheidhinn innleachd ùr a thàinig am follais, a bhith a’ meòrachadh fad mionaid – agus an sin, a’ tachas a chinn, theireadh e, “ ’Ille – m’anam fhìn, nach e an saoghal a tha ag adbhansadh.” A thaobh ’s gu robh am facal cho annasach, thog clann bheag a’ bhaile againn fhìn e agus bhiodh sùrd againn air bho àm gu àm, ged nach robh tuigse fon ghréin againn gu dé bu chiall dha. Nam biodh am bodach bochd sa cholainn-daonna an diugh, nach e a chuireadh an uibhireach air dol an t-saoghail.
Air an dearbh sheachdain seo – an dàrna seachdain dhen Chéitean, 1980 – tha mi ’nam shuidhe sa Ghleann agus fèath nan eun ann. Tha gach doras is uinneag aig gach taigh sa bhaile sraointe fosgailte, agus na h-eoin bhuchainn a’ ceilearadh gu ceòlmhor air gach taobh agus cuthag ghorm a’ sìor thoirt “gug-gù” aiste los nach dèan sin dìochuimhn’ air an astar air an tàinig ise a chur flàth is fàilt’ an t-samhraidh oirnn. Tha sìth an seo – “O, sìth nach d’fhairich cridhe duine riamh.”
Tha fear an raidio dìreach air innse do mhuinntir an t-saoghail a tha ag éisdeachd nach cosg e dhuit a-nis ach cóig cheud punnd Sasannach a dhol air chuairt chun nan dùthchannan as fhaide dhan ear. An duine bochd, feumaidh nach robh e riamh am Barraigh. Nam bitheadh, ’s gu seòladh e an taobh seo iad, theid mi fhìn an urras nach iarradh iad a cheòl neo a dh’aighear ach fuireach san dearbh bhad seo fhéin. Chan fhac’ iad riamh sealladh nas àille na’n Gleann sa Chéitean shamhraidh neo na sòbhraichean mar leugan a’ boillsgeadh air machaire Bhatarsaigh.
A-mach am bàgh, chì mi long sgairteil, loma-làn dhen luchd-turais air an do sheall an Sealbh agus a ràinig Tìr nan Og, a’ dèanamh gu sunndach air Miughalaigh a thoirt sùil air ais air saoghal a tha nis seachad. Bheir iad greis mu na làraichean a dh’fhàg iadsan a chuir seachad am beatha ann, air bheagan teachd-an-tìr agus a dh’aindeoin cruas an t-saoghail, agus bidh na h-eòin mhara a’ sìor sgreadail air aghaidh nan creagan corrach glasa mar bu dual, a’ cur an t-saoghail aca fhéin air aghaidh a dh’aindeoin
có a dh’fhalbhas neo a thig. Tha fear an raidio air mo ghrad dhùsgadh air ais bho Mhiughalaigh, ag innse gu bheil cuid de luchd na dreuchd dhan tug mi spéis mo chridhe air a dhol air trèan an Glaschu air an rathad gu Lunnainn gu gearain a dhèanamh ri muinntir na Pàrlamaid mu bheagan tuarasdail. Chan eil teagamh nach eil sin feumach san là an diugh; ach, anns a’ Chéitean, tha mi ag amharc a-null air Bhatarsaigh, far an robh mi an tùs mo làithean air naoi notaichean sa mhìos, agus feumaidh mi aideachadh nach bithinn am brògan na feadhainn sin a th’air an dearbh mhionaid-sa air an rathad san trèan gu Lunnainn airson òr Fhir Shanndraigh.
Air an t-seachdain seo cuideachd, tha sagairt an dà sgìre am Barraigh air soraidh fhàgail againn. Chuir am fear a bha aig deas seachad ceithir bliadhna deug an seo, agus am fear a bha aig tuath – Maighstir Calum againn fhìn – sia bliadhna. Chàirich iad orra le chéile gu crìochan ùra, agus tha sinn a’ guidhe gum bi saoghal sona sòlasach aca le chéile an taobh an deachaidh iad.
Airson ar cuid-ne dheth, faodaidh sinn a bhith air leth taingeil có an t-urra a thàinig thugainn aig a’ cheann a deas dhen eilean. Chan ann ’na choigreach dhuinn a tha e. Chuir sinn an deagh eòlas air mu thràth, nuair a bha e am paraist a’ Bhàigh a Tuath. Fhad ’s a bha e am Beinn na Fadhla, chuala sinn a ghuth glé thric air Raidio nan Eilean a’ tagradh iomadh cùis as leth Uibhist is Bharraigh. ’Se their sinn ris a sin, “ ’S fheàrr caraid sa Chùirt na crùn san sporan.” Tha fios againn, ann an càs na h-éiginn, gu bheil e ullamh, ealamh, uidheamaichte gu bruidhinn as ar leth a dh’aindeoin gach uallaich eile a tha mu choinneamh.
Tha sinne mar chaoraich agus ar ceann thar ar gualainn a’ feitheamh stiùiridh bhon chìobair ùr. Anns a’ cheud dhol-a- mach guidheamaid dha
seòladh socair, farsaing, réidh; Sruth is soirbheas as a dhéidh, Gus an ruig e cala tioram, A h-uile là gu ceann a réis.
Bho chionn beagan sheachdainean dh’fhosgladh dorais an taigh-eiridinn ùir am Barraigh. Nach b’e sin gu fìrinneach an latha òr-bhuidhe. Bhon as cuimhneach leam, bha a h-uile neach air am buaileadh euslaint ga fhògradh taobh a-mach an eilein gu Loch nam Madadh, Uibhist neo àite sam bith a ghabhadh roimhe, mura robh neach air fhuran fhéin a ghabhadh a chùram. Chruinnicheadh as gach ceàrn iad sin dhachaigh gun dùthaich fhéin. Nach sona dhaibh! A’ cheud phriobadh a thig air an sùilean nuair a ghlasas an latha, coimheadaidh iad le taitneas a-mach air creagan corrach glasa Bharraigh, agus lìonaidh an cridhe le sòlas is taitneas a thaobh a bhith air ais aon turas eile an dùthaich an seanar. As gach ceàrn thig an càirdean ’s an luchd-eòlais a h-uile feasgar a chur seachad greis dhen ùine còmhla riutha, agus bidh iad sona, sòlasach ag
éisdeachd blas na Gàidhlig air clàr an dùthcha fhéin. An fheadhainn aca aig a bheil comas nan cas, faodaidh iad càradh orra a-mach cuairt air feadh nam bùithtean neo a choimhead air an càirdean. Chan eil bann neo ceangal orra gu fuireach a-staigh fhad ’s a ruigeas iad aig àm bìdh.
Tha còrr is leth-cheud bliadhna bhon a rinn mi fhìn ’s mo bhanachompanach nach maireann an turas sònraichte sin chun an dannsa aig fosgladh Talla a’ Bhàigh a Tuath. Sheas i glé mhath on ùine sin ris gach gaoith is gailleann, agus nach iomadh oidhche thoilichte a chuir sinn seachad innte. Bha iomradh an uiridh air talla ùr a chur ’na h-aite air neo ath-nuadhachadh sònraichte a dhèanamh air an t-seann té. ’S gann gun gabh e bhith, a dh’aindeoin a cruth-atharrachaidh, gun téid ceumannan dannsa nas toilichte a dhèanamh innte na rinneadh nuair a bha muinntir a’ bhaile bhig againn fhìn aig ìre faram a dhèanamh air na clàir – ach theagamh gu bheil mi dèanamh mearachd.
Chaidh innse dhuinn gu robhar a’ togail eaglais ùr ann a Bhatarsaigh. An té a th’ann, thogadh i glé ghoirid dhan àm a thòisich an sgoil an Taigh Mór an tuathanaich. Is math an naidheachd sin. Chan eil dad de bhlàth air an eilean sin gu bheil dùil aige am bàs fhaighinn. Mar a h-uile rud eile, cosgaidh an eaglais ùr iomadh mìle punnd airgid, ach chan eil teagamh agam nach téid a togail, agus tha dòchas làidir agam gun tig an t-àm nuair a bhios gach croit aon turas eile agus fear mu choinneamh gach té dhiubh.
Chuala sinn cuideachd gu bheil iad a’ dol a thogail sgoil ùr am Bàgh a’ Chaisteil a chosgas còrr agus deich ceud mìle. Air réir a h-uile coltais ’se sgoil air chruth an-àbhaisteach a bhios innte sin. Bidh glumag innte gu gillean is nigheanan snàmh ionnsachadh, agus gu fìor ’se gnothach air leth feumail a tha sin – gu h-àraidh san eilean seo, far a bheil òganaich cho tric ag iasgach mu na cladaichean.
Dé Tha Romhainn? Thug mi sùil glé fhada air ais – còrr agus trì fichead bliadhna. Ged nach fhàisnich mise mar Mhac a’ Chreachair, théid mi cho dàna ’s gun toir mi sùil sgrìob air aghaidh.
Fon ghrinneal sa Chuan an Iar – dìreach mu na sreathan sin sam biodh na iasgairean a’ faighinn sealladh air Ròcabarra anns na linntean a dh’aom – tha an ùill ’na laighe a’ feitheamh o chionn chaogadan airson a toirt am bàrr. An ceann beagan bhliadhnachan, ge bith có bhios beò ’s a chì, sin far am bi am fuaim ’s an t-straighlich aig bàtaichean len innealan tollaidh air thòir am ionmhais ùir. Thig iad as an ear agus as an iar, dubh agus geal – oir ’se an aon dath a th’air an cuid airgid – a cheannach caob de dh’iomair an grunnd a’ chuain. Ma théid leudachadh air port-adhair Steòrnabhaigh mar a tha cuid an dùil, eadar sin agus coigrich Bheinn na Fadhla, ’sann an uair sin gu fìor a dh’fhaodar Innse Gall a ghabhail air na h-eileanan bòidheach againne.
Abraidh mi gun téid dualchas an aghaidh nan creag, agus gu seas clann
nan eilean a’ cur an cinn ri chéile agus an casan an tacsa, agus nach leig iad le aon fon ghréin a’ Ghaidhlig a phutadh an comhair a cùil. ’S dòcha gu faicear srian air stuaghan a’ Chuain an Iar los gu slaodar cumhachd an dealain bhuapa. Tillidh clann nan eilean air ais a-rithist gu an crìochan fhéin, agus aon turas eile bidh sluagh a’ còmhnaidh am Beàrnaraigh Cheann Bharraigh, an eilean bòidheach Mhiughalaigh agus an Sanndraigh agus am Pabaigh, agus itealan aig gach aon a’ siubhal air ais agus air aghaidh mar a thoilicheas iad air ceann an gnothaich, agus gun aon dhiubh a’ cur a làimh ’na cheap do dh’aon mhac màthar le cainnt choimhich. Bidh gach aon sna bailtean air tìr-mór anns a bheil am boinne as fhaoine de dh’fhuil chloinn eileanach deònach an leth-dhubhag a thoirt air iomall fhaighinn de chriomaig fhearainn air aon dhe na h-eileanan mu dheas.
Bidh Bhatarsaigh le drochaid àlainn tarsainn a’ Chaolais Chumhaing, agus carbadan a’ siubhal a-null ’s a-nall as mar a thogras iad dìreach air an dearbh shlighe sin air an robh mise a’ dèanamh mo rathaid bho chionn dà fhichead bliadhna ’s a cóig a-measg puill is chreagan gu dhol tarsainn a’ Chaolais air an aiseag.
An t-aiseag – tha fuaim an fhacail gam thàladh air ais chun na dearbh mhionaid seo a th’againn. Bu dual is bu chleachdadh dhomh a bhith glé thric a’ feitheamh an aiseig. Gu sealladh an Sealbh orm, agus gu faiceadh am Freasdal freagarrach m’fhàgail tacan eile mu na
cladaichean is caolais far a bheil mo dhaoine, Far an robh mi aotrom is gòrach.
Tha cus ann bu mhath leam fhaicinn is ionnsachadh fhathast mun téid mi air a’ bhòidse mhóir.
A’ toirt sùil san dealachadh a-null air Bhatarsaigh – eilean maiseach nan sòbhraichean ’s nan tràighean dealrach airgid – ’se mo dhùrachd dhaibh thall an sin:
Gum bu h-éibhinn gach fear is té dhibh A h-uile latha fhad ’s a bhios sibh beò ann; ’S an sin ’nur n-àite thig sliochd bhios bàidheil, Chur cliù air àilleachd an eilein ’s bòidhche.
A’ Chrìoch
title | An Deidh na Raimh a Shaoradh |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
parent text | Air Mo Chuairt |