[2]

Am Bàrd

Fàiltort fhéin, a charaid bhàird,
Siud dhuit mo làmh gam dheòin
Bu tric a thog thu minntinn àrd
Le tàlantan do bheòil;
Nuair bhithinnm ònar, ’s mi fo ghruaim,
S mo bhuadhan gun chus treòir,
Cha bfhada mulad teicheadh bhuam
Am measg nan Sguaban Eòrn’.

Is iomadh eachdraidh rinn thu inns
S a sgrìobh thu dhuinn le deòin
Le ealantachd a thug dhuit buaidh
Is duais aig iomadh Mòd;
Cha ddhfhàg thun easbhaidh tìr nam beann,
Thug thu dhi fuinn is ceòl,
Thug thu an crùn a-nall bharr chuain
Is sgrìobh thu Sguaban Eòrn’.

Dhinns thu dhuinn mu ànradh cruaidh
Do chuairt anns an Roinn Eòrp
Fo bhinn an lasair, is an luaidh,
Is iomadh cruas den t-seòrs’,
Am prìosan cogaidh glaiste suas
Cho fadbho ddhual is deòl,
Cho fadbho eilean beag achuain
S cho fadbho bhruaich na Cròic’.

Sgrìobh thu ann am briathran blàth
Mu mhaises gràdh nan òigh,
Mhol thu Mòrag dhonn nan dual
Is buadhan Maighread Òig;
Le eireachdas is loinn o dpheann,
Le còmhradh, cainnt is ceòl
Thog thu suas air stìopall àrd
Taigh abhàird nach beò.

[3]
[4]

Guma fadthu fallain buan
An eilean uaine dòig’,
Ag àiteach fuinn, acur, ’s abuain,
S aceangal sguaban eòrn’,
Asgrìobhadh bàrdachd agus duain
Bha dualach dhuit o dòig,
S gu h-inntinneach agabhail cuairt
Mu bhruaichean Tràigh na Cròic’.


[5]
titleAm Bàrd
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page