[30]

Don Rinn Tighinn gam Fheòraich Dhachaigh

Don Mhnaoi Phòsta Catrìona Laing, Uibhist a-Tuath, ceannard seirbheis cobhair na dachaigh

Bhon tha peann agamnam mheòirean,
Sgrìobhaidh mi leis sìos mun t-sòlas
Rinn mi ris an rìbhinn bhòidhich
A thàinig gam fheòraich dhachaigh.

Tha i laghach agus bàidheil,
Air a h-aodann fiamh aghàire;
Tha h-anail mar ghaoth aghàrraidh
Far am fàs na blàthan fallain.

Tha i coingeis Beurno Gàidhlig,
Tha i comasach sna dhà dhiubh;
Bhuilich freastal oirre tàlann
A thug àrd i ann an aithne.

Tha i tapaidh agus sunndach,
Deasna pearsasna giùlan;
A ghruaidh air dhreach nan ùbhlan
Bhios air cunntair bùth acheannaich’.

Tha i leam mar reul san iarmailt
An àm don fheasgar a bhith ciaradh,
An uair tha ghrian acromadh sìos
S an cuan an-iar adol ga falach.

Tha a brìodal leam cho ceòlmhor
Ri pìob-mhàlfo raghadh mheòirean;
Tha a crìdh cho làn de chòiread
Cha dèan mèinn an òir a cheannach.

Tha de thaitneasna briathran
Na chuireadh -ghean air dìochuimhn’,
Tha deud cho geal ri sneachdair sliabh
S e measgaichte le trian clach-mheallain.

[31]
[32]

Falt dubh dualach ann an òrdagh
S e cho snuadhmhor agus bòidheach:
Chan eil teagamh nach do chòrd sinn,
Chuir i sòlas mun achagailt.

Sgaoil ar conaltradh gu làidir:
Bhruidhinn sinn mu iomadh àite
Eadar sgòrr-bheanntan Chinn t-Sàile
Chun achàirn a thair Beinn Bhragaidh.

Nuair a dhfhalbh i bha mi tùrsach,
Tha mi daonnan ann ga h-ionndrainn:
Tha h-ìomhaigh leam a-cheart cho rùnach
Ris na flùran air amhachair.

Bidh mo bheannachd ga còmhdhail
Anns an àitsam bheil i còmhnaidh
Cadal suaimhneach socair stòlda
’S dùsgadh beòthail anns amhadainn.


[33]
titleDon Té Rinn Tighinn gam Fheòraich Dhachaigh
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page