Éiseabhal
A’ dìreadh suas ri Éiseabhal gum falbh gach éislean bhuam
Is tillidh gach caomh-ghàirdeachas o m’ òige dh’fhàs rium suas;
Seargaidh mulad ’s crìonaidh e a-mach o chrìoch mo smuain —
Toil-inntinn nì dhomh ùrachadh air feadh do stùc is bhruach.
Gad fhaicinn anns an tràth-mhadainn, gur h-àlainn do chuid stùc,
Na h-eòin a’ seinn gu bàlanta le tàlant na cruit-chiùil;
Na blianagan as bòidhche air an còmhdach leis gach flùr —
Am brù-chorcan ’s am buaghallan ’s am bualan ort mar chrùn.
Gum faic sinn eunlaith shònraichte am measg do chòisir-chiùil:
Tha ’n uiseag is an smeòrach ann, tha lon-dubh seinn le sunnd;
Tha crìonag-bhuidhe bhàidheil ann is fiamh as àill’ bho gnùis,
Tha curracag bhreac nan sléibhtean ann is éigh aic’ os do chionn.
Bidh greadanaich san òg-mhadainn gu tric aig eòin nan speur,
Bidh grinneachadh is ceòl aca nuair sheòlas iad air sgéith;
Bidh grunndachadh san fhonn aca air feadh gach tom is geug
Gu meiltreach air a loinnreachadh le loinneas a chuid fhéin.
Gur pailt a gheibhear lòghmhaireachd ’nad bhòidhchead is ’nad shnuadh,
Fàsaidh fraoch Chlann Dòmhnaill air do chòmhnardan mun cuairt;
Tha ’n t-sòbhrag bhuidhe shìobhalta gu bràth nach dìobair snuadh
A’ fàs is dreach an òir oirre am measg do chòs is chluan.
Chì mi bhuam Loch Cheàrsanais a’ deàrrsadh anns a’ ghréin,
Glaic Ruairidh agus Màrabhal ’s na torran àlainn réidh
Gu glaiceach, feurach, flùranach a’ tairgsinn cliù nach géill —
Gach aon dhiubh toirt dhomh fùiteachadh do chliù a chur air ghleus.
Nach iomadh naidheachd mhìn-bheulach a dh’innseadh tu gun bhréig
Nam b’ urrainn dhuit am mìneachadh gu sìobhalt’ ann an sgeul;
Ach chruthaich Dia ’nad bhalbhan thu, ’nad ùrlainn bhalbh gun bheul —
Mar sin cha d’inn’s thu tuairisgeal air neach a ghluais fon ghréin.
title | Éiseabhal |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |