[38]

Éiseabhal Stùcach

Éiseabhal stùcach nan ùr-bhlàths nan cluan
S nan aibhnichean siùbhlachs an cùrsa gu cuan,
Nan gorm-ghlaicean flùrach tha ùrailnan snuadh
S than t-sòbhrags an cluaran afàs ann.

Bho s dual dha mo nàdar bhith tàthadh nan duan
S asgrìobhadh na Gàidhlig gun àrdan gun uaill,
Gun sgaoil mi mo thàlant an-dràstort mun cuairt
S gun inns mi don t-sluagh mu dchuid bhòidhchid.

Glinn air an còmhdach le còinneachs le fraoch,
An t-sòbhrags an neòinean ag òradh nan raon,
Achaora le h-òg-uain faighinn lòn air gach taobh
S an smeòrach gu saor ri cuid ceòlraidh.

Sléibhtean bheir sòlas is sòighneas don t-sùil
Rim faicinnnan glòir anns an òg-mhadainn chiùin;
Nuair sgaoileas an ceò gheibh sinn eòlas as ùr
Air àilleachd gach flùir feadh na mòintich.

Mu bhruaichean do chaochain tha caoin-bhiolair uain’,
Tha lìon nam ban sìth ann as rìomhaiche snuadh;
Tha sealbhag nam fiadh ann, ’s an fhìor bharrag ruadh,
S tha roid mar as dualach afàs ann.

[39]
[40]

Nuair dheàrrsas aghrian ort gur ciatach do ghnùis:
Gach glaic agus blianag cho fìor-ghlan fo dhriùchd,
Do chnuic is do réidhleinnan éideadh gun smùr
S tha fiamh far do chrùin mar an t-òmar.

Ged shéideadh an dùdlachd gu h-ùdlaidh bhon iar
Sa gheamhradh le buaireas aruagadh nan sìon,
Bidh sìochaint is sàmhchairnad fhàs-sgorran ciar
Atàladh na h-eunlaith tha beò annt’.

Bidhn sneachdanns an fhaoilteach ag aomadh mu dbhàrr,
Bidhn t-sobhrag mu dalltain am Bealltainn na Màigh’ —
Bidh cuairtean na bliadhna gad riaghladh gu bràth
Ged as crìon anns an làr do luchd-eòlais.


[41]
titleÉiseabhal Stùcach
internal date1999.5
display datea2000
publication date2000
level
reference templateMacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p
parent textSmuaintean fo Éiseabhal
<< please select a word
<< please select a page