Tìr nan Raon
Tìr nan raon ’s nan glaicean uain’,
Tìr nam bruach ’s nam bealach
Far ’m bi na tuinn a’ tighinn gu tràigh
’S far ’n dèan na crà-gheòidh fantainn.
A dh’ainneoin sneachda ’s gaillinn fuair
Tha geamhradh gruamach seachad
’S tha earrach, ùrachd sunnd na h-òig’,
Air tighinn le deòin gu’r cladach.
Nuair thig a’ Bhealltainn oirnn mun cuairt
Bidh guth na cuaich’ sna gleannan
A’ tighinn air sgéith á tìrean céin’
’S gun dèan i sgeul dhuinn aithris.
Bheir toit an fhraoich air ais ar n-òig’
Is iomadh spòrs bha tlachdmhor,
A’ dèanamh falaisg feadh nam beann,
A’ fuadach greann is airtneal.
Nuair a thig an t-Sultuin àigh
Gur àlainn bhios na seallaidh,
Bidh fraoch nam beann ’na uile ghlòir
Le iomadh seòrsa dhathan.
Bidh uaine ’s purpur ’m measg a-chéil’,
A’ seudachadh ’nam maise
Mar bhogha-frois sa mhadainn thràth
A thig tro sgàil nam frasan.
Bidh smeòrach ghlas air cnuic a’ seinn,
Tha aoibhneas ’na cuid caithreim;
Bidh seillean srianach triall le srann
Bho fhlùr gu plannd ’na dheannaibh.
Bidh fear na speal’ air achadh buain,
Is sruth bho ghruaidh de dh’fhallas,
Bidh ceangladair gu trang ’na dhéidh
Cur sguab gu réidh sna bannan.
Bidh fear le sùist a’ froiseadh dhias
’S an sìol gun téid a’ bharraich;
Is ás a-sin chun an damh-sùirn
’S bhon t-sùirn chun an àth-bhracha.
Ma thig an t-saothair thoirt gu crìoch
Bidh iomadh nì ri tachairt —
Bidh am muileann is a’ bhrà
Gu làidir cur nan car dhiubh.
Nuair théid a h-uile rud air dòigh
Bidh iomadh seòrs’ am pailteas —
Biadh is aran air a’ bhòrd
Is deur de stòr na bracha.
title | Tìr nan Raon |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |