An Rocaid
’Na mo shuidhe ann an cùil chumhaing
aig mullach rocaid,
dithis chompanach còmhla rium
ag éisteachd, cunntais —
deich, naoi, h-ochd —
mo chridhe plapadaich ag éisteachd —
seachd, sia, cóig —
m’ inntinn, a shiùbhlas nas luaithe na solas,
air a’ ghealaich romham;
mi fàgail an t-saoghail, ’s mi ’n dùil ri tilleadh —
ceithir, trì, dhà, aon —
lasadh:
dhealaich mi ris an talamh,
cumhachd a thugadh às an t-saoghal
gam thogail bhon t-saoghal.
Cruth m’ aodainn ag atharrachadh,
an saoghal ga mo tharraing air n-ais thuige,
ach thug cumhachd beag ann an acfhainn
buaidh air cumhachd mór a bha sgaoilte;
dhealaich mi gu tur ris an talamh,
tha mi siubhal luath agus a’ fàs beagan nas òige.
Tha mi a’ cadal agus a’ dùsgadh,
ithidh mi biadh agus chan eil cuideam annam,
seòlaidh mi ’na mo sheòmar
mar fhaoileag air sgéith,
tha mi a’ cuartachadh na gealaich
’s air mo tharraing ga h-ionnsaigh;
chì mi taobh dhith nach fhaca mi riamh.
Fàgaidh sinn companach ga cuartachadh,
tha mi fhìn agus fear eile dol sìos;
laigh sinn mar iolaire
agus se sin a thubhairt sinn:
“Tha sinn ann a-seo, dithis bheò
ann am fàsach mór marbh.”
Tha sinn a’ bocadaich mun cuairt
eadar bhith coiseachd ’s a bhith seòladh,
tha ’n saoghal mar ghealaich mhóir liath
ag éirigh suas,
sealladh nach tuig inntinn
ach am fear a bh’ ann
’s a chunnaic.
Anail na beatha air mo dhruim
’s chì mi liath i air astar,
cluinnidh sibh agus chì sibh mi
le innleachd dhaoine
’s mi ag éirigh tro speuran na gealaich.
Tha an triùir againn còmhla gu dòigheil a-rithist,
a’ feuchainn dhachaigh
’s a’ dol tron chachaileith chumhaing;
tha sinn innte, cha chluinn sinn dad
agus cha chluinn duine sinne,
teas mór thar tomhais a’ leaghadh
taobh a-muigh ar taigh-còmhnaidh,
ach tha e nis air fuarachadh sa chuan.
Tha sinn air tilleadh air n-ais,
tha sinn gu math,
ach cha bhi sinn tuilleadh mar a bha sinn.
title | An Rocaid |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |