AN T-ÒGMHIOS
Grian na glòir-réim anns na speuran,
Dòrtadh oirnn a blàths gu’r feuman —
Ìocshlaint do a h-uile creutair
A tha gluasad;
Speachantachd air tighinn san eunlaith
Cumail nàimhdean far a crìochan
Gus an àl a thoirt gu tèarainte
Gu eirte;
Clann ag atharrais guth na cuaiche
Le cruit-chiùil air feadh nam bruachan
Toirt a ceòlraidh nall thar chuan
Gu treòrach inntinn;
Seillean ruadh a’ saothair sunndach
Deoghal mil á uchd nam flùran —
Bruailleanachd a’ dol air dìochuimhn’
Ann am blàths an Ògmhios chiataich
Thug dhuinn sùgradh.
title | An t-Ògmhios |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Mìosan na Bliadhna |