AN LÙNASTAL
Abaichead a’ tighinn san arbhar,
Diasan eòrn’ a’ fàs gu tairbhe
Fear na tuatha;
A h-uile creutair a tha gluasad
A’ fàilteachadh na gartmhoir’ suairce
A chaidh a bhuileachadh an lànmhoir’ —
Taitneadh tiodhlaic diadhachd ghràsmhoir;
Speuran soilleir gun fiamh orr’
Saor bho pheileasaich nan sìontan,
Làithean sona, sìtheil, soirmeil
Saor bho aingealtachd is foireigneadh:
Fonn is aoibhneas feadh nan cluaintean,
Sunnd is gean ’nar leum ’s ’nar gluasad.
title | An Lùnastal |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Mìosan na Bliadhna |