Òran Step
(Sgeama Cruthachadh Obrach)
Ged a tha mi fàs aosta
’S craiceann m’ aodainn air ciaradh
’S an geamhradh greannach le dhùire
A’ teannadh dlùth ri mo chrìochan,
Tha mi ’m-bliadhna cho spòrsail
Ri gille-òg ann am fìor-ghaol —
Ged bhiodh fàinneachan òir
Air mo mheòirean ’nan ceudan,
’S mi nis aig Step.
Ged tha mi fo mhùigeachd
A-muigh air chùlaibh na mòintich
Gun daoine tighinn dlùth dhomh
A nì rium sùgradh no còmhradh,
Tha eunlaith nan speuran
Air an éideadh cho bòidheach
’S iad gach là rium ag éigheach:
“Siud thu, eudail a Dhòmhnaill —
Tha thu aig Step.”
Thig an t-airgead dhomh feumail:
Gheibh mi léin’ agus còta,
Théid mi ’nam éideadh
Mar na reultan le leòmachd;
Gheibh mi botal deoch làidir
A nì slànach’ dha m’ dhòchas
’S a chuireas sradag ’nam thàlann
Air chor ’s gun càin mi gu’m brògan
Muinntir Step.
Cha b’e càineadh a dh’fheumainn:
Tha iad reusanta ’s uasal,
Thug iad furtachd dha m’ éiginn
Nuair nach dèanainn feum anns a’ chruaidh-ghleac;
Nuair thig MacAsgaill Di-Haoine
Tillidh aoibh, ’s teichidh gruaman —
Sann a dh’fhàsas mi aotrom
A-muigh air aodann nan cruadhlach
Aig obair Step.
Sann a thilleas an òige
Agus dòighealachd ùr thugam,
’S théid mi cuairt sìos gu m’ eòlas
Mu chòrs Àird nan Srùban;
Nuair théid a’ cheist a chur dòigheil
Bidh freagairt shònraicht’ gam ionnsaigh
’S nì mi Raonaid a phòsadh —
Ged bhiodh m’ òg-bhean fo dhiombadh
Aig muinntir Step.
Nì sinn dachaigh an Rònaigh
Far ’n gin eòrna ’s buntàta:
Bidh iasg dhe gach seòrsa
A’ snàmh mu chòrsa nam bàgh ann;
Ged a shéideadh an tuath-ghaoth
Gheibh sinn uamha bhios sàbhailt’ —
Fads bhios m’ òg-bhean ri m’ ghualainn
Cha bhi gruaimean gu bràch orm
’S mi aig Step.
FREAGAIRT RAONAID
Cha b’e seann daoine riaslach
Bu mhiann leam air chluasaig
Ach òganach ciatach
A chumadh rian air mo bhuaidhean,
’S a thigeadh dhachaigh Di-Haoine
An déidh a shaothair a bhuannachd
’S a chuireadh ceud not air a’ bhòrd dhomh —
’S chan e ròcais na truaighe
A tha aig Step!
Tha sgall ort gu d’ chùlaibh
’S chan eil thu flùrach bho d’ bhialaibh,
Tha dearbhadh ’nad ghnùis
Nach d’ chuir thu ùidh anns an t-siabann;
’S mas e cùl Eilein Rònaigh
Àite còmhnaidh do mhiann-sa,
Se mo ghuidhe ’s mo dhòchas
Gun dèan na ròin ann do stialladh
’S mar sin leat.
AN CO-DHÙNADH
Fàsaidh feur air na raointean,
Fàsaidh fraoch air a’ mhòintich,
Tillidh Bealltainn is faoilteach
Gu Uibhist ghaolach Chlann Dhòmhnaill,
Bidh lìonadh is tràghadh
Mar as gnàth anns na h-òban
Agus sinne ann an sàmhchair,
Air ar càramh fo fhòidean
’S gun chuimhn’ air Step.
title | Òran Step |
internal date | 1999.5 |
display date | a2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | MacDonald Smuaintean fo Éiseabhal %p |
parent text | Smuaintean fo Éiseabhal |